fl6S.I,]8. i&O *«*"■■ <*, FOIS SHIORRUIDH NAN NAOMH. 'OIS SHÌOEEUIDH NAN NAOMH : NO, SOLUS ALE STAID BHEAMAICHTE MN MOMH A' MEAITUIM DHE AIE KEAME EL MR EICHARD BACSTEE. " Uime sin dh'fhàgaclh fois fa chomhair sluaigh. DM/ THIRD EDITION. EDINBUEGH: ELIGIOUS TKACT AND BOOK SOCIETY OF SCOTLAND, 13 SOUTH ST ANDREW STREET. 1871. This Book is published gratuitoulsy, and sold under cost price, through the kindness of a Christian Friend, anxious to promote the circulation of such works among the Highlanders. I M 'ÙseZ NA CINN-INNS1DR Taobh. ROIMH-RADH, V Caibdeil I. — Tòiseachadh do'n Obair, agus beagan Cùnntais mu Nàdur Fois nan Naomh, 1 Caib. II. — An t-Ullachadh mòr airson Fois nan Naomh, 22 Caib. III. — Oirdhearcas Fois nan Naomh, 33 Caib. IV. — Comharradh na Muinntir sin do'm bheil an Fhois so air a h-ullachadh, 55 Caib. V. — Truaighe na Muinntir sin a chailleas Fois nan Naomh, 76 Caib. VI. — Truaighe na Muinntir sin a chailleas, cha n-è mhàin Fois nan Naomh, ach Toil-inntinn na beatha so, agus a bhitheas gu bràth a' fulang Dor- uinn na h-Ifrinn, 92 Caib. VII. — Ar Feum air a bhi gu dichiollach ag iarraidh Fois nan Naomh, 109 Caib. VIII. — Cionnus a dh-aithnicheas sinn ar Còir air Fois nan Naomh, 137 Caib. IX. — Is è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile a mhisneachadh gus an Fhois so iarraidh, 164 Vi NA CINN-INNSIDH. Taobh. Caib. X. — Cha n-fhaighear Fois nan Naomh air thalamh, 195 Caib. XI. — Mòr luach Caithe-beatha Nèamhaidh a choimhead, no àiteachadh air thalamh, 222 Caib. XII. — Caochladh Seòladh a chum Caithe- beatha Nèamhaidh a choimhead air Thalamh, 249 Caib. XIII. — Nàdur a' Mheòrachaidh Nèamhaidh, agus an t-Am, an t-Ait, agus an t-Ullachadh inntinn, a ta freagarrach air a shon, 277 Caib. XIV. — Mar nithear Meòrachadh Nèamhaidh le Smuaineachadh, leis na h-Aignidhean, le Fe'in- labhairt, agus le Urnuigh, 295 Caib. XV. — Meòrachadh Nèamhaidh air a chuid- eachadh le Nithibh faicsinneach, agus air a dhion an aghaidh a' Chridhe sheachranaich, 318 Caib. XVI. — Còmhradh Diadhaidh a' Mhebrachaidh Nèamhaidh, no Meòrachadh Nèamhaidh air a dhean- amh, no air a chleachdadh, 342 An Comh-dhùnadh, 370 ROIMH-RADEL Rugadh Maighstear Richard Bacster, Ughdair CiFois nan Naomh" ann am baile Roudoin 'an Sasunn, air a' bhliadhna 1615, agus chaochail è ann an Lunuinn air a' bhliadhna 1691. Ach is cothromach a dh-fhaodar a ràdh mu thimchioll a' mhinisteir dhiadhaidh so, mar thathas ag ràdh mu fhìrean mòr eile, " Air dhà 'bhi marbh tha h fathast a' labhairt." Chaidh Mr. Bacster òrduchadh, arèir riaghailt na ' h-Eaglais Sasunnaich, churn an soisgeul a shearmon- aohadh, 'nuair a bha è tri bliadhna fichead a dh'aois ; agus ghluais è an dèigh sin mar theachdair naomh, f ìrinneach, dichiollach, ionnsuichte, comharraichte air taobh Chriosd. Shaothraich è gu seasmhach, agus bheannaich an Tighearn a shaothair gu mòr ann an searmonachadh an t-soisgeil araon ann am baile Lunuinn agus anns na diichaibh mu-n-cuairt. Bha è air a shuidheachadh ann an Cidderminster, far an d'fhan è sea bliadhna deug, no gus a' bhliadhna 1660. So firean a f huair a shàrachadh ann an tomhas mòr le easlaint, agus fòs air iomadh dòigh le trioblaidibh agus le aisith na rioghachd ann an làithibh a chuairt air thalamh, gidheadh shoirbhich obair an Tighearna gu h-iongant- s^h 'n a làmhan. 'Nuair a thàinig air Mr. Bacster Cidderminster 'fhàgail,buduilich e-fèin agusluchd-àiteachaidh a'bhaile sin a' dealachadh ri 'chèile. Mu'n do thòisich è air sear- monachadh 'n am measg, bha 'm baile air a thruailleadh gu raòr le aineolas agus mi-dhiadhachd. Cha d'fhuair è viii Roimh-radh. os-ceànn teaghlach, no 'dhà eadar dà cheànn sràide, anns an robh aoradh Dhe air a chumail gach la ; ach tre bheannaclid Dhè air a shaothair, cha b'f had an dèigh sin, gus an tàinig atharrachadh mòr air an t-sluagh, agus gus am facas toradh taitneach na fior dhiadhachd a' fàs suas gu pailt ann an iomadh teaghlach. Air an là 'dh'fhàg è Cidderminster cha n-f haighteadh os-ceànn teaghlach no 'dhà ann an cuid de shràidibh a' bhaile anns nach robh aoradh Dhè air a chumail gu riaghailt- each. An àit fuaim na h-aingidheachd agus na mi- naomhachd air " là an Tighearna," bha nis " an fhuaim aoibhneach, ait" air feadh a' bhaile. Dh-f haod- adh gach neach, a ghabhadh seachad air ?n t-sàbaid, iomadh ceud teaghlach a chluinntinn a' seinn, ag* ùrnuigh, a' lèughadh nan Sgriobtuir agus leabhraichean maith eile, 'nuair nach robh \ad cruinn aig "aoradh follaiseach an Tighearna" anns an eaglais. Is pailt a bheannaich Dia saothair Mhaighstir Bacster do mhuinntir Chidderminsteir. Mheudaich àireamh an luchd-comanachaidh fo shearmonachadh an teachdaire dhileis so gu sea ceud, agus thubhairt e-fèin l nach robh dà anam dheug ameasg na h-àireimh sin mu nach f haodadh deadh dhòchas a bhi aige, oir bha an caithe- beatha diadhaidh a' còrdadh ri 'n aicleachadh'. Agus glòir do Dhia, faodar an spiorad diadhaidh, a chaidh àrach mar sin, a lorgachadh amach fathast ann an cuid de'n t-sluagh, araon anns a' bhaile sin agus 'n a choimh- earsnachd. Hò ! b'f heàrr gu'n robh è na's mò ! agus air feadh gach ■ kite anns am faighear ìarmad de 'n spiorad sin beò fathast, gheibhear cuimhne thàingeil, thaitneach air Mr. Bacster, agus ainmichear è le urram agus gràdh. Is iomadh diadhair m'or, agus duine tuigseach, eòl- Eoimh-rddh. ix ach, ainmeil, ionnsuichte aig an robh barail àrd agus mòr mheas air Mr. Bacster 'n a linn, araon mar sgriobhadair agus mar shearmonaiche comasach, soilleir, dileas. B'ann diubh sin an t-Ard-easbuig Usher; an t-Easbuig Wilkins ; Dr. Barrow ; Dr. Bates ; Dr. Calamy ; Dr. Manton ; Mr. Iain Ianeway ; Mr. Tdmas Doolittle ; Mr: Flabhel ; Mr. Iòseph Alleine ; Sir Nathaniel Barnardiston, &c. Thubhairt cuid diubh sin gu'n " tàinig h na b'f haisge air dòigh sgriobh- aidh nan Abstol na thainig duine sam-bith eile 'n a linn ; gu'm bu leòr do aon linn duine cho comharraichte ri Mr. Bacster a thoirt do'n t-saoghal ; nach robh eagal air à mi-thlachd duine sam-bith, agus nach robh suil aige ri onoir o neach air-bith." B'iongantach, ann an tomhas air-leth, a chomas searmonachaidh, a' fosg- ladh, a' dearbhadh 's a' daingneachadh gach pùing le argumaidibh soilleir, làidir, bunaichte air firinnibh nan Sgriobtuir, agus air rèusan an duine, a' bualadh astigh gu direach air cridheachan a luchd-èisdeachd le saigh- dibh gèur na firinn, a' deargadh orra gu domhain, teànn, a' dùsgadh nan ciontach, a' rusgadh an cionta dhoibh, a' toirt pheacach mi-ehùramach gu mothachadh air an cionta agus air' an truaighe, agus gu sith 'us slàint ìarraidh ann an Criosd. Is gann ab'urrainn anam air-bith, mur robh è " mar nathair bhodhar," èiiigh o theagasg shoilleir, bheò an teachdaire spioradail so, gun druigheadh air. Glòir do Dhia, is iomadh anam dorch, seachranach a f huair solus, agus solas, agus a chaidh a threòracliadh gu " carraig na slainte" le teag- asg ghlic an aodhaire ghlic so. " Tha briathra nan daoine glice mar bhioraibh." Ecles. 12. 11. Mar sin bha briathran an fhirein so do chridheachan mhiltean. Bha iad mar chlaidheamh gèur dà f haobhair ann an x Roimh-ràdh. làimii gaisgich gun f hìamh, a' sgathadh 's a' gearradh slos truaillidheachd a' chridhe. Bha e-fèin air a làn- bheothachadh leis an Spiorad Naomh, agus an lorg sin bu mhìannach, taitneach leis a bhi gu trie a' taomadh amach soluis nèamhaidh air cridheachan peacach, dorch, fuar, marbh, 'g an lìonadh le blàs agus beatha, agus mar sin, a' leaghadh sìos nan cridheachan bu chruaidhe 'n an tuamaibh reòta, le beò ghràdh blàth do Dhia. Sgiìobh Mr. Bacster mòran leabhraichean. Is ìongantach, ann an tomhas air-leth, an comas sgrìobh- aidh a fhuair è. Cha lugha na' ochd fichead ìeaòhar 's a h-oclid a thàinig amach o pheànn an diadbair so : agus f had 's a bhitheas Eaglais Chriosd air thalamh, is ionmhas Ian, taitneach dhi a chuid leabhraichean diadhaidh ; oir gheibhear cuisle bheò, neartmhor, nèamhaidh a* bualadh. aims gach aon diubh. Is ainmig leabhar air-bith, aeh am Bìobull fèin, anns am faighear uiread de spiorad na fior dhiadhachd, no tuigse, gràdh. eòlas, dìlseachd agus solus cho mòr 's a gheibhear ann an oibribh an ùghdair so. Tha ìad a' treòrachadh gu pailt a chum " diadhachd f hior-ghlan agus neo-shalach" àrach ameasg dhaoine. Bha 'us tha iad air am meas glè luachmhor, agus air am beannachadh do mhiltibh, 1 am fad 's am fagus.' Tha ìad èifeachdach. a chum peacaich mhi-chiiramach a dhusgadh, a chum na h-aineolaich a theagasg, a chum na h-amharusaich a dhaingneachadh, a chum solas a thoirt do na h-airsneul- aich, a chum sluagh. mi-dhiadhaidh iompachadh, agus a chum sluagh diadhaidh a thogail suas ann an naomh- achd. Sin anis teisteanas dhaoine diadhaidh, urramach, ach, do'm b'aithne Mr. Bacster, air-fein agus air 'oibribh diadhaidh. Bha è ainmeil air feadh na riogh- Moimh-ràdh. xi achd, araon mar shearmonaiche agus mar sgrìobhadair, ionnus gii'm bu "toil leis an rìgh fèin urram a chur air." Shearmonaich è an làthair Rìgh Teàrlach II. Chuir an rìgh sin onoir air, agus thug è dreuchd dhà, agus an dèigh sin chaidh dreuchd àrd eile a thairgse dhà fo làimh an rìgh, nach b'àill leis a ghabhail. Is comharraichte, prìseil an leabliar "Fòiè nanNaomh." Is è so do rèir barail dhaoine glice, diadhaidh an t-aon a's luachmhoire de leabhraichean Mhaighstir Bacster. Sgrìobh è an obair so 'nuair a bha è mu dheich bliadhna fichead a dh'aois. Is ann mar ùrachadh, mar shòlas, agus mar neart d'a anam fèin a sgrìobh è " Fois nan Naomh," 'us dùil aige, gach là fad iomadh mìos, ri gairm a' bhàis, am feadh a bha è 'g a sgriobhadh ; oir bha è air an àm sin a' fulang fo easlaint, agus anns an staid sin làn-shuidhich è a smuaintean agus 'aignidhean air Dia, agus air sonas agus glòir nan naomh air nèamh. " Is ì so," ars' e-fein, " obair 'bu tarbhaiche do m' anam na na h-uile nithe eile 'dh'ionnsuich mi riamh." Ach b'i toil an Tighearna mhaith neart aiseag dhk an dèigh sin, geda b'ainmig a bha è aon là saor o easlaint, agus a laithean a shineadh a chum tuilleadh seirbhis a dheanamh do'n eaglais air thalamh; a' beannachadh eadhon easlaint an fhirein so gu pailt d'a anam fèin, agus f òs do mhiltibh eile ; oir " a ta f hios againn gu'n comh-oibrich na h-uile nithe," eadhon easlaint, " chum maith, do'n dream aig am bheil gràdh do Dhia." Shearmonaich è u Fois nan Naomh'''' ann an Cidderminster, agus an deigh sin chaidh an obair a chlò-bhualadh air tus, air a' bhliadhna 1660. Chithear ann am uFois nan Naomh'1'' dearbh chomh- arradh air ìnntinn naoimh, nèamhaidh, — inntinn a fhuair sealladh mòr air an t-siorruidheachd. Is gann a gheibhear, ann an obair duine sam-bith eile, sealladh cho xii Roimh-rddh. mòr, cho làn, agus cho soilleir de'n t-saoghal shiorruidh 's a gheibhear anns an leabhar so. Chum ar tàladh suas gu nèamh, thug an t-ùghdair nèamhaidh so dhuinn sealladh air " an ionad naomh" a ta shuas, — sealladh air sonas, glòir agus àrd aoibhneas an t-sluaigh bheann- aichte a ta nis an làthair Dhe" air nèamh, — sealladh anns am bheil nithe nèamhaidh air am fosgladh do shùil an f hlor Chriosduidh, agus air an riochdachadh amach dhà air dòigh cho soilleir, cho làidir, cho cinnteach, druigh- teach, bed 's a bheir air amharc air uile nithibh boillsg- each, siùbhlach, dìomhain an t-saoghail so, mar neo-iy ann an coimeas ris " na nithibh a ta shuas," agus an cur cho suarach 's a chuireas seànn duine mireag, no cluith na cloinne bige. Air an làimh eile, chum eagal slàinteil a dhùsgadh suas ann an sluagh gun chùram, thog è am brat de uamhasaibh goirt, garg na h-ifrinn, a' nochdadh an teine shiorruidh, a' foillseachadh truaighe agus bròin an t-sluichd, agus a' leigeil-ris fulang agus ddruinn shiorruidh an t-sluaigh mhallaichte anns na lasraichean làidir nach mùchar a chaoidh, air dòigh ach beag, cho soilleir, eagalach, drùighteach as geda bhith- eadh ifrinn feln fosgailte nis fo shealladh ar suilean. O ! na'n smuainicheadh muinntir gu curamach, trie air an t-sealladh uamhasach a thugadh dhoibh an so air fulangas searbh nan aingidh ann an ifrinn, nach bu lebr sin, shaoilearaaid, gu bacadh 'us casgadh a chur air gach ole ameasg dhaoine feòlmhor, mi-chùramach, truagh. — (Faic Caib. V.) Fois nèamhaidh ! 0 càit am faighear ni eile cho luachmhor I Fois shiorruidh ! 0 càit am faighear saoibh- reas air-bith eile cosmhuil ri sin ! Dearbh chinnteas air an f hois bheannaichte sin aig ga'Jh anam gràsmhor ! Cia luachmhor, sòlasach sin do gach firean ! Cia fdumail Roimli-ràdh xìiì do na h-Tiile smuaineachadh agus labhairt air an f hois ghldrmhoir so ! Agus sin an f hois a gheibhear air a fosgladh dhuinn ann an teagasg àrd an leabhair so. Tha è air a lìonadh le còmhradh iièamhaidh. Is meadh- on èifeachdach e chum anamanan a threòrachadh gu staid na naomhachd. Beannaichidh Dia an cbmhnuidh gach meadhon a ta freagarrach a chum a ghlòir fèin, agus sonas siorruidh dhaoine 'chur air aghaidh, agus bheannaich è cheana am meadhon so — an leabhar so — ann an tomhas air-leth do mhòran. Is iomadh neach sean 'us òg, saoibhir agus bochd, àrd agus iosal, do'n robh an leabhar iongantach so air a bheannachadh gu pailt, agus aig am bheil ri ràdh, le tàingealachd agus gàirdeachas, So am meadhon beannaichte leis an robh mise air mo thoirt, fo làimh Dhè", gu smuaineachadh gu ceart air fois shiorruidh m'anama. Is è thubhairt balachan òg, diadhaidh ann an àit àraid, aois dà bhliadh- aa dheug, do'm b'àbhaist a bhi 'le'ughadh " Fois nan Naomh" 'us è nis dlùth do'n bhàs, " Dhomh-sa leabhar Mhaighstir Bacster, chum gu'n lèugh mi beagan fathast mu'n t-sìorruidheachd, mu'n lèid mi stigh do'n t-saogh- al shiorruidh." Sgriobh Me. Bacster leabhar comharraichte, maith e^le do'n ainm " Gairm do 'n t-Sluagh Neo-iompaichte" agus thubhairt e-fein ' nach robh aon air-bith eile, ach "Fois nan Naomh,1' de na leabhraichean lionmhor a sgriobh è, air a bheannachadh cho mòr lc Dia do anam- aibh dhaoine, ris an leabhar sin — leabhar a tha, gus an là an diugh, air a bheannachadh do mhòran. ■ B'ionmhuinn leis a' mhinistear dhiadhaidh, Mr. Flabhel, an t-ùghdair nèamhaidh so; bha ìad beò le 'chèile anns an aon linn. Is àrd an teisteanas a thug fc air, ach cha n-'eil ì.na's àirde na b'fMach è. "Is xiv Roimh-ràdh. beag," arsa Mr. Flabhel, " nach 'eil Mr. Bacster air nèamh cheana. Tha è beò 's a shtiil gach là air nèamh, a' feitheamh gu suilbhir, sòlasaeh ri fois shiorruidh nan naomh maille ri Dia ann an glòir ; agus air 'fhàgail beagan làithean ann ar measg-ne, mar dhearbhadh mòr, soilleir air a' mhòr churahachd agus air an aoibhneas a ta ann am beatha neartmhoir an fhior chreidimh." FOIS SHIORRtJIDH NAN NAOMH. Caibdeil I. Tbiaeachadh dcPn Obair, his beagan Cùnntais mu Nàdur Fois nan Naomh. " XJime sin dk'f hàg-adh. fois fa chomhair siuaigb Dhè." Eabh. iv. 9, Ann an tuiteam Adhaimh, chàill sinn, cha n-è mhàin ar tlachd ann an Dia agus a làn mhealtuinn, ach mar- an-cèudna gach uile eòlas spioradail air, agus gach fior thogradh an dèigh an t-sonais sin a chàill sinn. Tha Mac Dlie* a' teachd agus a' tairgse a ghràis a chum ar saoradh, agu3 a' foillseachadh sonais agus glòire spior- adail agus siorruidh dhuinn, ach gheibhear gu ro thric daoine rai-thoileach air gabhail ris tre chreidimh. Mar dhuine bochd nach creideadh gu'm b'urrainn siiim cho mòr ri ceud pvind Sasunnach a bhi aig neach eile, a chionn nach robh riamh uiread aige-fèin, is gann a chreideas daoine, air an là an diugh, gu'm bheil sonas ann cho mòr 's a chàill iad, agus a dh-fhaodas ìad 'fhaotuinn fathast tre chreidimh ann an Chriosd. 'Nuair a b'àill le Dia làithean fois' a thoirt do na h-Israelich, ann an tìr na fois', bu dorra dhà ìadsan a thoirt gu sin a chreid- sinn na fois ullachadh air an son, no buaidh a thoirt air an naimhdesm. Agus an dèigh dhoibh seilbh 'fhaotuinn air fois Chanàain, mar fhoillseachadh agus mar eàrlas beag air an fhois sin a ta fada nan dan na's glòrmhoire agus na's maireannaiche, eadhon an fhois a gheibhear ann an Criosd, fathast cha chreideadh iad dad tuilleadh ach na bha fo'n srnl 'us fo'n làimh, ag ràdh, leis a' gheòcair aig a' chuilm, " Gu cinnteach cha n-'eil sonas ann a's feàrr na so 1" No, ma bha suil aca ri ni sam-bith o'n Mhesiah, cha robh iad ag \arraidh uaith, ach amhàin an 2 Cùnntas m.u Nàdur sonas tìmeil a mheudacliadh. Tha 'n t-Abstol a' labh- airt, anns a' chuid a's mò de'n Litir a chum nan Eabh- ruidheach, an aghaidh na droch mhèinn so, 's a' dearbh- adh gu soilleir, làn gu'm b'ì àrd chrìoch nan uile dheas-ghnàth agus nam faileas eile fo'n Lagh, sluagh a threòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd, brìgh nan nithe sin uile : agus gu'n robh fois nan sàbaid, agus Canàan fèin a' teagasg do chloinn Israeil sealltuinn an dèigh na foise maireannaich, eadhon fìor shonas. So anis an co-dhùnadh gus am bheil an t-Abstol a' teacbd anns a' cheànn-theagaisg, an dèigh dhà caochladh dearbhadh a thoirt air na nithibh a bha bho thoiseach a' treòrachadh a dh-ionnsuidh na foise so. Anns a1 cho-dhùnadh so gheibhear am bònn air am bheil uile shòlas a' chreidmhich air a stèidheachadh, crìoch a dhleasanais agus 'f hulangais gu lèir, beatha agus sùim nan uile gheallaidhean, agus nan uile shochairean a ta aige mar Chriosduidh fo'n t-soisgeul. Ciod a's taitniche do dhaoine, 'nuair a bhitheas iad a' fulang fo àmhghar -cuirp, air an sgitheachadh le dleasanais muin-air-mhuin, na fois? Bheir fois, cha n-è mhain solas, ach mòr mhisneachd dhuinn gach là. Tha ar beothalachd ami an deanamh ar dleasanais uile, ar foighidin ann am fulang àmhghair, ar comas air onoir a thoirt do Dhia, spionnadh ar gràidh, ar grksan uile, seadh, eadhon bith ar creidimh agus ar Criosdachd a' sruthadh o chreid- sinn agus o smuaintibh naomh mu thimchioll ar fois'. Agus anis, a lèughadair, co-air-bith thu, òg no sean thu, saoibhir no bochd thu, guidheam ort, cuiream \mpidh ort, ann an ainm an Tighearna, a ghairmeas tu gu cunntas gu h-aithghearr, a bheir breth ort agus a chuireas tu anns an staid sluorruidh sin nach gabh atharrachadh gu bràth, na tilg uait na nithe so an dèigh dhuit an lèughadh, amhkin ag rkdh gu'm bheil \ad fior; ach socraich do chridhe orra, agus gabh Dia ann an Criosd, agus esan 'n a aonar, mar d' f hois, agus suidhich do chridhe air-san os-ceànn nan uile. Nise gu'n deònaich- eadh an Dia beò, cuibhrionn agus fois a shluaigh naoimh fèin, na h-ìnntinnean feòlmhor so againn-ne a dhean- amh cho spioradail agus na cridheachan talmhaidh so againn-ne cho nèamhaidh as gu'n dean sinn e-f^in a Fois nan Naomh. 3 ghràdhachadh le tlachd 'us taitneas, fad uile làithean ar beatha, ionnus nach bi mis' a sgriobh, no thus' a ldughas an leabhar so, air ar pilleadh gu brath o shligh so na beatha, " air eagal air bhi do ghealladh dol a steach d'a shuaimhneas air 'f hàgail againn, gu'n tigeadh aon neach agaibh a dhèidh-làimh air." Eabh. 4. 1. Is ì Fois nan Naomh staid a's sona air an-ruig an Criosduidh. So .an staid anns am bi na Naoimlv air an deanamh foirfe, no lomlan, a' làn-mhealtuinn Dhè gu bràth, do-rèir a chomaisgus an togar suas an anamanan aig a' bhàs. So an staid gus an tig araon an anamanan agus an cuirp gu fìor làn, air là mòr a' Bhreitheanais dheireannaich an dèigh na h-aiseirigh. Fèumar smuaineachadh an toiseach air nithibh a ta ann an nàdur na foise so ; agus ainmichidh sinn cuid diubh sin anis : — Is daoine bksmhor a ta nis ag iarraidh na foise so ; oir tha an f hois so cheana aig ainglibh agus aig spioradaibh glòraichte dhaoine, ach tha na deamhnan agus an sluagh mallaichte air am fàgail gun dòchas idir ri fois : — Tha na naoimh a' ròghnachadh Dhè mar an crioch agus an sonas : ach ge-b'-e neach a ghabhas ni sam-bith eile mar a shonas, tha è mach às a' cheud chèum de'n t-sligh : — Tha iad fada, fada bho'n chrich so : is è sin cor truagh nan uile bho 'n Ik a thuit iad. Tha Criosd a' teachd le 'ghras ath-nuadhachaidh, 's a' faotuinn gach duine — seadh, na h-uile dhaoine — a' gluasad gun stad agus a' greasad a dh-ionnsuidh sgrios shiorruidh — a' deanamh cabhaig' gu ifrinn ; gus an toir è orra stad le mothachadh a thoirt doibh air an cunnart, agiompachadh an cridheachan agus a' pilleadh cèum am beatha gu dileas d'a ionnsuidh fèin. Gabh anis a' chrioch so agus a h-oirdhearcas mar nithe aithni elite a thàtar ag iarraidh. Cha ghluaisear neach sam-bith gu maith neo- aithnicht' iarraidh. Fèumar smuaineachadh araon air an astar a tha sluagh o'n f hois so agus air fìor eòlas mu'n astar sin. Iadsan nach d'aithnich riamh gu'm bheil iad gun Dia aca, agus air an t-sligh gu ifrinn, cha d'aithnich iad fathast an t-sligh gu nèamh. Ma thuigeas duine gu'n do chàill è Dia agus 'anam fèin, nach glaodh è mach, Tha mi càillte ? Carson a tha àireamh cho beag ag amas air an f hois so ? Cha n-àill leo a chreidsinn 4 Cunntas mu Nàdur gu'm blieil \ad, do thaobh còir, fad às uaipe, agus do thaobh cleachdaidh, a' breabadh 'n a h-aghaidh. Cò a dh'iarr riamh ni, gun fhios aige gu'n do chàillsèè? " Cha 'n arm aig a' rahuinntir a ta slàn a ta feura air an lèigh, ach aig a' mhuinntir a ta euslan." Mata 9. 12. Fèumaidh sinn srauaineachadh mar-an-ceudna air àrd Chumhachd gluasaid — cumhachd a ghluaiseas sinn gus an f hois so \arruidh, air-neo seasaidh sinn balbh, gun aon chèum a dheanamh d1 a h-ionnsuidh. Nis is ann o Dhia a ta an cumhachd so, oir mur gluais Dia sinn, cha n-urrainn sinn-fèin gluasad a dh-ionnsuidh ar fois'. Is -cuid ro fhèumail de ghliocas a1 Chriosduidh, a bhi 'gèilleadh do Dhia, a bhi 'g a earbsadh fein ris, a bhi air 'f haotuinn anns an t-sligh 's am bheil Dia ag im- eachd, agus far am bheil a Spiorad gu trie a' gluasad ; an aire 'thoirt nach dealaich sinn ri Dia, nach fàilnich ar dùil ri cuideachadh ur gach là, agus nach di-chuimh- nich sinn, uair sam-bith, gu'm bheil mòr fhèum againn an còmhnuidh air cumhachd an Spioraid. Cho luath 's a thòisicheas sinn ri earbsa 'chur ann ar stòras fe'in, ann ar tuigse fein, no ann ar rùn fèin, a chum gluasad gu naomh ann an cèum ar dleasanais, tha sinn an sin ann an cunnart tuiteam air falbh o Dhia. " Cha 'n 'eil sinn foghainteach uainn-fèin chum ni sam-bith a smuain- eachadh mar uainn-fèin : ach is ann o Dhia a ta ar fogh- ainteachd." 2 Cor. 3. 5. "Asm'eugmhais-sa/'arsaCriosd, " cha 'n urrainn sibh aon ni a dheanamh." Eoin 15. 5. Arìst fèumaidh \adsan a ta 'g iarraidh na foise so, bonnachair (principle) na beatha spioradail a bhi aca 's an taobh astigh dhiubh. Cha n-ann mar chlachan a tha Dia a' gluasad dhaoine. Tha è 'buileachadh beatha orra, cha n-ann a chum an deanamh comasach air gluasad ds èughmhais a chuideachaidh fein, ach a chum umhlachd a thabhairt dà-fèin. Agus a bhàrr air sin, fèumaidh gach anam, a ta ag iarraidh na foise so, gnath-larraidh d'a h-ionnsuidh gu riaghailteach, seas- mhach, dùrachdach, gnìomhach. Esan a dh-f holaicheas a thàlant, gheibh è tuarasdal an t-seirbhisich ltinndaich. Cha n-'eil gach rathad a' treòrachadh a dh-ionnsuidh na foise so, ach an TÌ a rinn le 'mhaitheas an fhois òrduchadh, rinn è le 'ghliocas agus le 'àrd ùghdarras Fois nan Naomh. 5 an rathad d'a h-ionnsuidh òrduchadh mar-an-ceudna. Theagamh gur lad ar ròidean fèin a's glice, a's maisiche, a's diriche agus a's taitniche leinn-ne ; ach is ì an moh- air, a dh'òrduich Dia fein, a's feàrr a dh'f hosglas a' ghlas. 0 ! nach iomadh anam aineolach, baoth-chreideach a tha ri saothair agus cosdas airson na foise so, agus an dèigh sin uile gheibhear a shaothair uile diomhain ! Cia lion- mhor iadsan aig am bheil èud do thaobh Dhe, ach cha n-ànn arèir eòlais, aineolach air fireantach Dhe, 's a' dol mu-n-cuairt ag iarraidh am fìreantachd fèin a chur suas, cha n-àill leo striochdadh do fhìreantachd Dhè agus cha n-aithnich lad gur " è Criosd crioch an lagha, chum fireantachd do gach neach a chreideas." Rom. 10. 2-4. Is è Criosd an dorus, an aon sligh a dh-ionnsuidh na foise so. " Ach is cumhann an dorus, agus is aimfa- leathan an t-slighe." Mata 7. 14. Fe'umaidh sinu " spàirn chruaidh a dheanamh," ma's àill leinn "a dhol a stigh :" " oir a ta mi ag ràdh ribh," arsa Criosd, " gu'n ìarr mòran dol a stigh agus nach urrainn lad," (Luc. 13. 24,) a' ciallachadh le sin gu'm bheil rìoghachd nèimh a'fulang ainneirt. Mata 11. 12. Ni mò a bheirear sinn gu fois nan naomh 'ma thòisicheas sinn anns an spiorad, ach a' criochnachadh anns an fheòil.' Gal. 3. 3. Is è mhàin an neach a " bhitheas seasmhach chum na criche, a thèarnar." Mata 24. 13. Cha d'fhuair aon anam riamh fois maille ri Dia, aig nach robh a mlriann air a shocrachadh air Dia os-cionn gach ni eile 's ant-saoghal. " Oir ge b'e àit am bheil bhur n-ionmhas ; is ann an sin a bhios bhur cridhe mar an cèudna." Mata 6. 21. Grheibhear fuigheall ar seànn nkduir a' lagachadh 's a' bacadh ar deadh mhìann gu mòr, ach cha n-urrainn sin buadhachadh thairis air. Feumar a' cheart aire 'thoirt gu'm bheil droch bhuaidhean ar nàduir a' dol calg- dhireach an aghaidh ar deadh mhiann, gu'm bheil ar deadh bhuaidhean lag, agus gu'm bheil sinn an còmh- nuidh astar fada bho 'n f hois. Air an aobhar sin, fe'um- aidh sinn spàirn dhìchiollach a dheanamh, chum a' chrioch a ruigheachd. Bithidh na nithe sin uile air an cnuasachadh gu curamaeh, trie leis gach Criosduidh a ta nis ag iarraidh còir air fois nèamhaidh. i e3 6 Cunntas mu Nàdur Dhìrich sinn suas na chèuman sin do thaobh-muigh na cùìrte, seallamaid anis air taobh-stigh " a' bhrait-roinn." Faiceamaid ciod iad na nithe a ta air am filleadh anns an fhois so, cho maith ris na nithe a roimh-bheachd- aichear mu 'timchioll. Och ! cia beag is aithne dhomh-sa de ghlòir na foise so ! Bha nithe anns a' bhoillsgeadh a f huair Pòl dhi, nach b'urrainnear agus nach f haodar a labhairt. Na'n do labhair è ann an cànain nèimh, air na nithibh a chunnaic è air nèamh, gun neach ann a thuigeadh an cànain sin, ciod a b' fheàirrd sluagh è ? Gu'n deanadh an Tighearn 'fhoillseachadh dhomh-sa ciod is còir dhomh 'fhoillseachadh dhuibh-se ! Gu'n deònaicheadh Dia solus a dh-f heuchas an oighreachd so dhuibh-se agus dhomh-sa ! Cha n-ànn mar a nochdadh do Bhalàam òirdhearcas nam bùth aig Iacob, agus nam pàilliunn aig Israel, far nach robh cuibhrionn aige, agus o'n robh a sgrios fèin gu teachd I Cha n-ann mar a1 nochdadh "tir a' gheallaidh" do Mhaois, a f huair sealladh an kite seilbh, agus a chunnaic an tir do'n neach deach- aidh è riamh astigh ! Ach mar bha an neamhnuid air a foillseachadh do'n cheannaiche anns an t-soisgeul, nach do stad gus an do reic è na bha aige, agus cheannaich sè ì ! agus mar bha nèamh air 'f hosgladh do Stephen beannaichte, do'n robh è gu dhol astigh gu grad : chun- naic esan glòir air an robh è gu seilbh 'f haotuinn dhà- fèin ! So anis na nithe a gheibhear anns an fhois nèamh- aidh : — eadhon Sgur de mheadhonaibh nan gràs : — Làn shaorsa bho gach olc : — An cèum a's àirde de iomlan- achd phearsantail nan naomh, araon do thaobh cuirp agus anama: — Dlùth mhealtuinn Dhè, am maith a's àirde : — Agus gnàth oibreachadh milis aig uile chomas- aibh cuirp agus anama ann am mealtuinn so Dhè. 1. Anns an fhois nèamhaidh " sguirear de mheadh- onaibh nan gràs." 'Nuair a ruigear an cala, sguiridh sinn a sheòladh. 'Nuair a gheibh an t-oibriche a thuar- asdal, tuigear gu'n d'rinn è 'obair. 'Nuair a ruigeas sinn ar ceànn-uidhe, fàgaidh sinn an t-sligh. " Ma's faidh- eadaireachda 'ta ann, thèid iad air ciil ; ma's teangaidh, sguiridh iad ; ma's eòlas, cuirear" mar-an-ceudna, cho fad 's a bha nàdur nam meadhon ànn, " air cùl è." 1. Cor. 13. 8. Cha bin urnuigh ann ni's mò, do bhrigh Fois nan Naomh. 7 nach bi feum oirre, ach bithear a' làn-mhealtuinn nan uile nithe maith a b'àbhaist duinn a bhi 'g iarraidh ann an ùrnuigh. Cha bhi feum air trasgadh, air guil, no caithris ni's mò, oir bithidh sinn saor o gach peacadh agus buaireadh. Thig crioch air searmonachadh ; sguiridh ministearachd an duine. Cha bhi fèum air na sàcramaidean. Tha an luchd-oibre air an gairm, do bhrigh gu'm bheil am foghar air a chruinneachadh, an cogull air a losgadh, agus an obair crìochnaichte ; bithidh an sluagh neo-iompaichte gun dòchas, agus na naoimh gun eagal, gu siorruidh. 2. Tha " làn shaorsa bho gach olc" anns an f hois nèamhaidh, seadh o gach olc a bha riamh ag iadhadh umainn fad ar turuis, agus a dh-f hèumas ar leantuinn, fhad 's a bhitheas sinn dealaichte bho'n àrd mhaith. A bhàrr air sin, tha saorsa againn o lasraichean agus o thruaighean siorruidh fo'm bheil iadsan, a rinn tàir air Criosd agus air a ghràs, a' fulang gun stad, agus sin am peanas eagalach air an robh sinne airidh araon do thaobh ar breith agus toilltinneas ar deanadais, cho maith riutha-san ! Ann an nèamh cha n-'eil " ni air- bith a shalaicheas," no ni neo-ghlan. Tha iad sin uile air "an taobh a muigh." (Faic Taisb. 21. 27. agus 22. 15.) Cha n-'eil bròn, no doilgheas, no ni sam-bith mar sin air nèamh. An sin, cha n-'eil aoduinn ghlas, corp f ànn, uilt laga, naoidheanachd gun treòir, aois chrlon, chrom, droch.galar, Càil aimhleasach, tinneas cràiteach, eagal, goirteachadh, no seargadh, no ni sam-bith do'n ainm olc. Rinn sinne guil agus caoidh 'nuair a bha an saoghal ri gàirdeachas ; ach pillear ar bròn gu gàird- eachas, agus ar gàirdeachas cha bhuin ,neach air bith uainn'. EUn. 16. 20, 22. 3. Gheibhear anns an fhois so, " an cèum a's àirde de iomlanachd phearsantail nan naomh, faraon do thaobh cuirp agus anama." Air meud an glòir, bu bheag dhoibh è, mur biodh an cuirp agus an anamanan air an deanamh comasach agus freagarrach air son glòir'. " Cha 'n f haca suil, agus cha chuala cluas, agus cha d'thkinig ann an cridhe duine, na nithe sin a dh'ulluich Dia dhoibh-san aig am bheil gràdh dhk." 1 Cor. 2. 9. Cha n-'eil an t-stiil f heòlmhor comasach air na nithe sin 'fhaicinn. no 8 Cùnntas mu Nadur a' chluas an cluinntinn, no an cridhe so an tuigsinn. Ach air nèamh, tha an t-sùil, a' chluas agus an cridhe air an deanarah comasach ; mur biodh, ciamar eile 'dheanadh ìad am mealtuinn ? Mar a's coimhlionta an lèirsinn, is ànn a's taitniche cuspair àillidh do'n t-sùil. Mar a's coimhlionta a' chàil, is aim a's milse am biadh. Mar a's ceòlmhoire a' chluas, is ànn a's taitniche an ceòl. Mar a's coimhlionta an t-anam, is ann a's aoibhniche na h-aoibhneasan sin, agus a's glòrmhoire dhuinn a' ghlòir sin. 4. Is ì nis a' chuid àraid de'n f hois so, sinn " a bhi 'dlùth mhealtuinn Dhe, am maith a's mò." Agus an so, a lèugli- adair, na gabh iongantas mur bi fios agam-sa, agus mur ruig mo thuigse, ach amhàin air beagan de na nithibh a ta air am filleadh ann mo bhriathraibh. Mur robh " è soilleir fathast" do Eòin, an deisciobul ionmhuinn, " ciod a bhitheas sinn," ach amhàin a ràdh gu gnàthaichte, tl gu'm bi sinn cosmhuil ri Oiosd, 'nuair a dh'fhoill- sichear è," (1 Eòin 3. 2.) na gabh iongantas mur aithne dhomh-sa ach beag. Agus o nach aithne dhomh ach beagan mu thimchioll Dhè, cha n-urrainn mòr f hios a bhi agam ciod è sin Dia a mhealtuinn ! Ma's beag m' eòlas air spioradaibh, cia beag m' eòlas air Athair nan spiorad, no air an staid anns am bi m' anam fèin, an dèigh a thogail suas gu mealtuinn Dhè ? 'Nuair a sheasas mi ag amharc air torr sheangan, 'us mi 'g am faicinn uile fo mo shùil ; cha n-aithne dhoibh-san mise, mo bhith, mo nàdur, no mo smuaintean, ged is mi an co-chreutair; cia beag, matà, is aithne dhuinn-ne de'n Chruthaidhear mhòr a tha, le aon sealladh a shùl, gu soilleir a' faicinn nan uile dhaoine ! Cha n-'eil an diugh aig na naoimh, a tha " ag amharc mar ann an sgàthan," ach boillsgeadh, no sealladh beag leis am bheil sinn air ar deanamh comasach air beagan smuain- tean gann, dorch 'f haotuinn air na nithibh sin a chithear an dèigh so ann an glòir. Ma labhras mi ri duine saoghaltach air naomhachd agus air aoibhneasaibh spioradail nan naomh air thalamh, cha tuig è m\, oir cha n-urrainnear gràs aithneachadh gu soilleir às eugmhais gràis ; nach mòr na's lugha na sin a b'urrainn è mo thuig- sinn, na'n ìnnsinn dhà mu thimchioll na glòire so ! Ach tha na's mò mhisneachd agam gu labhairt ris na Fois nan Naorrih. 9 naoimh, oir thug gràs dhoibh eblas dorch agus blasad beag air glòir. Ged thòisicheadh daoine agus ainglean ri labhairt air àrH shonas na staide beannaichte so, ciod eile a b'urrainn iad a ràdh na's mò na so ann an aon f hocal, Is è so dlùthlàn-rrihealtuinn DM. 0 ! cia mòr an làn aoibhneas a ta air a thairgse do'n chreidmheach le Criosd anns an aon rann so, " Athair, is kill learn an dream a thug thu dhomh, gu'm bi iad maille rium, far am bheil mi chum gu'm faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh." Eòin 17. 24. Tha gach focal dhiubh sin làn beatha agus aoibhneis. B'aobhar iongantais glòir Shol- aimh do bhàn-righ Sheba, ag ràdh ris "Is sona do dhaoine, is sona iad so do sheirbhisich, a sheasas a' d' fhianuis an còmhnuidh, ag èisdeachd ri d' ghliocas. 1 Righ 10. 8. Ach cia tuilleadh 'us sona iadsan a sheasas an còmhnuidh an làthair Dhè, a' faicinn a ghlòire agus glòir' an Uain. Dhoibh-san " bheir Criosd ri ith- eadh de chraoibh na beatha agus de'n mhana f holuichte," seadh, " ni èiad 'n am puist ann an teampull a Dhe-, agus cha teid iad ni's mò amach às : agus sgrìobhaidh è ainm a Dlie* orra, agus ainm caithreach a Dhe", a's è Ierusalem Nuadh a thig a nuas o nèamh o a Dhia, agus sgrìobh- aidh e 'ainm nuadh fern orra," seadh tuilleadh f òs, ma's urrainn tuilleadh a bhi ànn, "bheir e dhoibh comas suidhe maille ris air a righ-chaithir." " Is iad so iadsan a thàinig à" h-àmhghar mòr ; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal.iad ann am fuil an Uain. Uime sin tha iad an làthair rìgh-chaithreach Dhè, agus a' deanamh aoraidh dhà a là agus a dh'oidhche 'n a theampull ; agus gabhaidh an ti a ta 'n a shuidhe air an righ-chaithir còmhnuidh 'n am measg.. Beathaichidh an t-Uan a tha am meadhon na righ-chaithreach iad agus treòr- aichidh e iad gu beò-thobraichibh uisge ; agus tior- maichidh Dia gach deur o'n suilibh." Taisb. 2. 7 ; Caib. 3. 12, 21 ; Caib. 7. 14-17. 0 shaoghail dhoill, bhrèugaich, mheàllta ! Feuch dhuinn a leithid sin de ghlòir, ma's urrainn thu ! Is è so caithir ar Dè far am bheil "pàilliun Ehe* maille ri daoinibh, agus ni esan eòmhnuidh maille riu, agus bithidh iadsan- 'n an sluagh dha, agus bithidh Dia fèin maille riu, agus 'n a Dhia dhoibh. Shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t-Uan a's 10 Cunntas mu Nàdur solus da." Taisb. 21. 3. 23. " Agus cha bhi mallachd air bith arm ni's mò : ach bithidh rìgh-chaithir Dhè agus an Uain innte ; agus ni a sheirbhisich seirbhis da. Agus chi iad 'aghaidh ; agus bithidh 'ainm-san air clàr an eudain. Tha na briathra so dileas agus f lrinneach. Agus na nithe sin a's èigin tachairt gu h-aithghearr.n Taisb. 22. 3, 4, 6. Their sinn anis le Mephiboset, " Gabhadh" an saoghal " an t-iomlan, oir thig ar Tigh- earn ann an sith." 2 Sam. 19. 30. "Deanaibhgàirdeachas," uime sin, "anns anTighearn sibhse 'f hireana." Salm 33. 1. Agus abraibh le Daibh- idh " Is e an Tighearn cuibhrionn m'oighreacbd. Thuit mo roinn dhomh-sa ann an ionadaibh aoibhneach ; seadh, tha oighreachd thaitneach agam. Chuir mi an Tighearn romham a ghnàth : a chionn gu bheil e air mo dheas lkimh, cha ghluaisear mi. Uime sin ni mo chridhe aoibhneas, agus ni mo ghlòir gairdeachas : gabhaidh m'f heòil mar an ceudna fois ann an dòchas. Oir cha'n f hàg thu m'anam anns an uaigh : cha leig thu le t'aon naomh truaillidheachd f haicinn. Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha : tha lànachd aoibhneis a'd' lathair-sa : tha mòr shubhachas aig do dheas lkimh gu siorruidh." Salm 16. 5-11. Nach bu ladurna dhuinn-ne smuaineachadh, no labhairt air na nithibh glòrmhor sin, mur labhradh Dia fern ruinn orra roimhe so ? Cha bu dàna dhomh smuaineachadh air àrd-ìnbhe nan naomh anns a' bheatha so fèin, mur bitheadh è air a dheanamh aithnichte dhomh le f ìrinn shoilleir Dhè. Xach bu mhi- chiatach dhuinn labhairt umainn-fem mar " Chlann Dè — a' labhairt ris — ann an co-chomunn ris — a'gabhail còmh- nuidh ànn, agus esan annainn-ne," mur b'i so càinnt Dhè fein I Ciamar bu dkna dhuinn aon uair smuaineach- adh idir gu'm bheil sinn " a1 dealrachadh mar a' ghrtan," — gur " comh-oighreachan sinn maille ri. Criosd," — gu'n " toir sinn breth air an t- saoghal," — gu'm bheil sinn " a' suidhe air righ-chaithir Chriosd," — gur " aon sinn ànn-san agus anns an Athair ?" Seadh, ciamar bu dàna dhuinn sinn-fèin àrdachadh mar sin, mar biodh làn ughdarras againn o bhèul agus fo làimh- sgrìobhaidh Dhe" fèin ? Agus " an dubhairt e agUs nach dean e ? agus an do labhair e agus nach coimhlion se Fois nan Naomh. 1 1 e? Air. 23. 19. Seadh anis mar is flor an Tighearn Dia, " Mar so nithear do'n duine air an toil le" Criosd " urram a chur." Est. 6. 11. Biodl\deadh mhisneachd agad, a Chriosduidh, is goirid an ùin gus am bi Dia agus tusa.fagus d' a che'ile, cho fagus agus is nrrainn thu a dheadh-mhiannachadh. Gabhaidh tu còmbnuidh 'n a theaghlach. Nach leòr sin ? " Is feàrr a bhi ri dorsaireachd ann an tigh Dhè, na bhi chòmhnuidh ann am pàilliunaibh aingidheachd." Seasaidh tu gu sior- ruidh 'n a làthair, timchioll a righ-chaithreach, astigh 'n a sheòmar maille ris. Am b' àill leata, bhi na's f haisg' air ? Bithidh tu mar leanabh dhà, agus bithidh esan 'n a Athair dhuit. Bithidh tu 'n ad' oighre air a riogh- achd : seadh, tuilleadh fòs, 'n ad' cìièile d'a Mhac. Ciod tuilleadh a b' urrainn thu 'mhiannachadh ? Bithidh tu 'n ad' bhàll de chorp a Mhic ; agus bithidh am Mac 'n a Cheànn dhuit. Is aon thu maille ris-san a's aon maille ris an Athair, mar ghuidh è o'n Athair air do shon, " Chum gu'm bi iad uile 'n an aon ; chum mar a ta thusa, Athair, annam-sa, agus mise annad-sa, gu'm bi iadsan mar an ceudna 'n an aon annainne ; chum gu'n creid an saoghal gu'n do chuir thusa uait mi. Agus thug mise dhoibh-san a' ghlòir a thug thusa n, Thig aoibhneas leis an là." — Salm 30. 5. 20 Cùnntas mu Nàdur. 0 cia beannaicht' a' mhaduinn ! cia beannaichte là glòr- rahor nan naomh ! 'Anam bhochd, iriosail, f hannaichte, nach bu mhòr d' aoibhneas anis, na'n cluinneadh tu guth o nèamh ag ìnnseadh dhuit mu gliaol Dhia, mu mhaith- eanas do pheacaidh, 'us è 'g a do dheanamh cìnnteach air do chuid anns na h-aoibhneasaibh sin ! Ach cia mòr d' aoibhneas 'nuair a bhitheas làn fhios agad air do chòir orra le bhi 'g an làn-mhealtuinn, 'us tu air do thogail suas gu nèamh, ach beag gun fhios duit, ainglean 'g a do ghiulain a dh-ionnsuidh Chriosd, 'us Criosd, raar gu'm b' eadh, 'g a do ghabhail air làimh, 'g a do threòrachadh a dh-ionnsuidh na h-oighreachd ceann- aiehte, 'g a d' f hàilteachadh a dh-ionnsuidh na foise, 'g a do nochdadh neo-lochdach an làthair Athar, agus a' tabhairt dhuit d' àite timchioll a righ-chaithreach ! Nis a chreidmhich bhochd, ciod a their thu ris an là sin ? Nach bi thu ach beag, ullamh gu seasamh air d' ais ag ràclh " Ciod è so ! Mise, a Tighearna ! Mise ! neach cho neo-airidh a rinn dearmad air do ghràs, dimeas air d 'f huil agus tàir air do ghràdh ! Am faigh mis' a' ghlòir so ? Cha n-airidh mi idir gu'n goirteadh mac dhiom ! Ach is ì so toil a' ghràidh ! 0 m' anam I air an aobhar sin, gabh astigh d'a aoibhneas ? Agus cha n-ann agads' amhàin a bhitheas an t-aoibh- neas so. Gheibhear an t-aoibhneas cho maith ris a' ghràdh so, aig uile luchd-àiteachaidh nèimh. An robh aoibhneas air nèamh air là d' iompachaidh, agus nach bi aoibhneas an sin air là do ghlòrachaidh ? Nach fàiltich na h-aingil thu do nèamh, agus nach dean iad comh-ghairdeachas airson do theachd sàbhailt ? Is iad a ni. Seadh, ni Criosd gàirdeachas. 'Nuair a gheibh sinne aoibhneas, chi Criosd crioch a ghnothaich, crioch a shaothair, crioch 'fhulangais agus a bhàis. 'Nuair a bhitheas è " air a ghlòrachadh 'n a naomhaibh, agus iongantach ànnta-san uile a ta 'creidsinn," " chi e do shaothair 'anama agus bithidh e toilichte." Isà. 53. 11. Is è so foghar Chriosd, 'nuair a bhuaineas è toradh mòr a shaothair. An sin, cha bhi aithreachas air idir airson na dh'f huilig è, ach ni è gàirdeachas thairis air a phobull, — an oighreachd a cheannaich è, — agus ni ìadsan gàird- eachas ann-san. Seadh, gabhaidh an t-Athair fèin Fois nan Naomh. 21 gairdeachas aim ar gàirdeachas-ne. Geda " chuir sinne doilgheas air a Spiorad," agus geda " sgìthich sinn è le ar n-èuceartaibh," gidheadh bithidh gairdeachas air aim ar maith. 0 nach ealamh a chi a shùil anis an struidh- ear (" am mac struidhiel") bochcl a' pilleadh, eadhon "fad uaith"! 0 faic mar a 'ruitheas è'ga choinneach- adh, a' gabhail truais dheth, a' tuiteam air a mliuineal agus 'g a phògadh, a1 cur uime na culaidh a's feàrr, a' cur fàinne air a làimh agus brògan air a chosaibh, a' marbhadh an laoidh bhiadhta chum itheadh agus a bhi subhach !' Luc. 15. 20-23. Gu dearbh is sona a' choinneamh ì so, ach mar neo-ni ann an coimeas ri caidreacbadh agus gàirdeachas na coinnimh mòire, deireannaich sin. Seadh, fathast, mar tha Dia a' gràdli- achadh agus ri gàirdeachas, gabhaidh è dha-fèin an f hois mar bheir è fois dhuinn-ne. 0 cia fad an t-sàbaid shìorruidh 'nuair a làn-chrìochnaichear obair saoraidh, naomhachaidh, teàrnaidh agus glòrachaidh gu bràth " Tha 'n Tighearna Dia ann ad' mheadhon cumhachd- ach ; ni e do thèarnadh ; ni e gairdeachas os do cheann le luaghair ; gabhaidh e fois 'n a ghradh ; ni e gairdeachas os do cheann le seinn." Seph. 3. 17. Och, och mise ! is beag nach 'eil eagal air mo chridhe meat tuilleadh a ràdh. Thàr leam gu'n cluinn mi guth an Uile-chumhachdaich ag ràdh rium "Cò e so a tha 'dorachadh comhairle le briathraibh gun eòlas ?" Ach 0 Thighearna, maith do d' sheirbhiseach, cha do bhean mise ri nithibh neo-fhoillsichte. Is muladach leam mo thuigse 'bhi cho trom, mo smuaintean a bhi cho bochd, m' aignidhean a bhi cho marbh, mo bhriathran cho iosal agus cho neo-f hreagarrach airson glòir' cho mòr. Amhàin " le èisdeachd na cluaise chuala mi." Hò I faiceadh do sheirbhiseach thu agus seilbhicheam an t-aoibhneas so ; an sin, tuigidh mi na's freagarraiche agus bheir mi glòir na's mò dhuit. " Gabhaidh mi grain dhiom-fèin," mar tha mi an dràst. Aicheadhaidh agus tilgidh mi uam mo neo-iomlanachd uile. " Chuir mi an cèill nithe nach do thuig mi, nithe tuilleadh 'us iongantach air mo shon-sa, nach b' aithne dhomh." lob 42. 3-6. Gidheadh " chreid mi, agus uime sin labhair mi." Ciod, a Tighearna, a gheibh thu bho'n duslach ach 22 An t- Ullachadh mdr luaineachas ? no bho thruaillidheachd, ach truailleadh ? Ged is è lag- obair agus mi-urram toradh mo thruaill- idheachd-sa, gidheadh cuirear teine bho d' altair fèin, agus òrduichear obair leat. Cha do sheall mis' air taobh astigh d' àirce-sa. Cha do shin mi amach mo làmh d'a h-ionnsuidh, gun thusa leam. " Glan" air falbh uam gach smal dhiubh sin "ann am fuil an Uain." Feumaidh. gach seirbhis a nithear dhuit an so a bhi neo-iomlan, no gun deanamh idir. 'Athair nèamhaidh, gabh 'us èisd^ mo thagair air sgàth do Mhic, a thubhairt " Tha 'n spiorad togavach, aeh'a ta 'n fheòil anmhuinn." Mata 26. 41. Caibdeil II. An t- Ullachadh rnor air son Fois nan Naomh. Cha n-'eil an rathad gu Pàrras anis air a dhunadh suas mar bba è fhad 's a bha an lagh 's am mallachd a' righeachadh. Uime sin, a Chriosduidhean ionmhuinn, a' faicinn gum " bheil slighe nuadh agus bheò air a coi^rigeadh dhuinne, tre 'n roinn-bhrat, sin r' a ràdh tre f huil Chriosd," trid am faod sinn le " dànachd a dhol a steach do'n ionad a's naomha, thig mi am fagus le làn dearbh-bheachd." Eabh. 10. 19-22. A' faicinn gu'm bheil an " claidheamh lasarach" air a thoirt air falbh, seallamaid arist astigh ann am pàrras ar Dè : agus a chionn nach "meas toirmiste" so, agus gu'm bheil è " maith a chum bidh" agus " taitneach" do na suilibh spioradail, " agus 'n a chraoibh r'a miannachadh a dheanamh neach" fior "ghlic" agus fior shona, gabh- aidh ml, tre chòmhnadh an Spioraid, agus ithiclh mi dheth mi-fèin, agus arèir mo chomais, bheir mi dhuibh- se dheth, chum gu'n ith sibh. Tha " sgàil-thigh," no " fosglan" an teampuill so, (an t-ionad a's ro naomha) anabarrach glòrmhor, agus theirear " Sgiamhach" ris an dorus aige. An so tha ceithir nithe, mar cheithir ois- nean an sgàil-thighe so. — An so tha teachd agus foill- seachadh àrd-ghlòrmhor Chriosd, Mac Dhè : — Obair uihbr sin Iosa Criosd a' togail suas nan corp againn o'n air son Fois nan Naomh. 23 ùir 'us è 'g an aonadh arìst ris na anamaibh aca : — An gluasad follaiseach, mòr aig a' bhreitheanas, na Naoimh fèin, an toiseach, air an làn-shaoradh 's air am f irean- achadh, 's an dèigh sin iad a' toirt breith air an t-saoghal, maille ri Criosd, agus crunadh greadhnach, maiseach nan naomh 'us iad a' faotuinn na rioghachd. 1. Is maith a dh-f haodar a ràah gu'm bi teachd agus foillseachadh anabarrach glòrmhor Chriosd, a chum glòir a shluaigh. Oir is ann air an sgàth-san a thàinig è do'n t-saoghal, a dh'f huilig è, a bhàsaich è, a dh'èirich è rìst, agus a chaidh è suas air nèamh ; agus is ànn air an sgàth-san a thig Ò rist. Chum na criche so ' thig Criosd arist a ghabhail a shluaigh d'a ionnsuidh-fèin, chum far am bheil esan gu'm bi ìadsan mar-an-ceudna.'1 Eò. 14, 3. Cha n-ann air litir-dhealachaidh a dh'f halbh am fear-nuadh-pòsda. Cha d'fhàg è sinn le run gun phill- eadh tuilleadh. Dh'f hàg è iomadh urras againn, chum ar deanamh cinnteach gu'n " tig è ris." Tha 'f hocal againn, a gheallaidhean againn, a shàcramaidean againn, " a' foillseachadh a bhàis gus an tig e ;" a Spiorad againn, a chum ar treòrachadh, ar naomhachadh agus ar comh- f hurtachadh, " gus an tig e." Tha cuimhneachan trie a ghaoil againn uaith, a' dearbhadh dhuinn, nach di- chuimhnich è a ghealladh, no sinne. Chithear a theachd- airean, gach là, a' roimh-innseadh a theachd, mar dh'innis e-fèin è roi-làimh. Chithear ' an crann-fige a' cur amach a dhuilleagan, agus an lorg sin aithnichidh sinn gur fagus an sàmhradh.' Ged their an saoghal aimhreiteach, " A ta mo Thighearn a' cur dàil 'n a theachd," gidheadh " togadh" na naoimh " suas an cinn ; oir a ta an saorsa am fagus." 0 mo chomh-Chriosduidhean ! ciod a dhean- amaid mur tigeadh ar Tighearn arist ? Ciod an càs anns am faighteadh sinn ! Ciod è ! ar f àgail an so "ameasg mhadadh-alluidh" agus "ameasg leòmhan," — usiol nan nathraiche-nimhe." Nach do cheannaich è gu daor sinn, agus am fàg è an so sinn a' peacachadh, a' fulang, ag osnaich, a' bàsachadh gach là, gun teachd d'ar n-ionn- suidh ni's mò ? Cha n-f haod è 'bhith. Is cosmhuil an teagamh so ri ar deanadas neo-bhàigheil fèin do thaobh Chriosd, gun chùram annainn rau theachd d'a ionnsuidh, 'nuair a gheibh sinn sinn-fèin blàth ann an aehlais an 24 An t- Ullachadh mor t-saoghail. Ach cha n-ànn mar sin idir a tha Criosd a' deanamh d'ar taobh-ne. An Ti a thàinig a dh-f hulang, gun teagamh thig è 'dheanamh buaidh-chaithream. An Ti a thàinig a cheannach, gu cìnnteach thig è a ghabhail seilbh air a chuid fèin. Càit eile am biodh ar dòchas uile ? Ciod a b'f hiach ar creidimh, ar n-urnuighean, ar rìeòir agus ar feitheamh ? Ciod a b'f hiach uile f hoigh- idin nan naomh ? Nach " bu sinn a's truaighe de na h-uile dhaoinibh?" 1 Cor. 15. 19. A Chriosduidhean, nach tug Criosd òirnn an saoghal uile a threigsinn agus a bhi air ar trèigsinn leis an t-saoghal uile ? Agus na h-uile 'f huathachadh agus a bhi air ar fuathachadh leis na h-uile ? agus sin uile air a sgàth-san, a chum gu'm mealamaid e-fem 'n an àite-san uile ? Agus, an saoil sibh, an dèigh so uile, am fàg 's an trèig e-fem sinn ? Gu-ma fad a leithid de smuain o gach cridhe ! Ach carson nach do chòmhnaich h maille ri 'shluagh an so ? Carson nach robh an obair air a criochnachadh air an talamh ? Tuigidh tusa carson, O anam ghràsmhòir. Nach f hèumadh è seilbh a ghabhail air glòir air ar son ? Nach f hèumadh è eadar-ghuidhe 'dheanamh ris an Ath- air, air ar son, a' tagair le 'f hulangais, a bhi air a lionadh an Spiorad a chum a chur a dh-ionnsuidh a phobuill, leis ughdarras 'f haotuinn, a naimhdean a cheànnsachadh ? Is goirid ar cuairt air an talamh. Na'n do thuinich è air an talamh, ciod a b'fhiach a mhealtuinn beagan làithean, agus an sin bàsachadh ? Tha cuideachd na's mò aige air nèamh gu còmhnachadh maille riutha, eadhon spioradan mhòran ghinealach. Is àill leis sinne 'bhi beò an so, " a rèir creidimh 'us cha 'n ann a rèir seallaidh." 0 mo chomh-Criosduidhean ! cia mòr an là sin air am bi sinne, a tha 'n ar priosanaich aig a' pheacadh, aig peacaich agus aig an uaigh, air ar fuasgladh amach leis an Tighearn fèin. Cha n-ann mar bha ceud theachd Chriosd a bhitheas a dhara teachd. Thàinig h air tixs ann am bochduinn, ann an dimeas, gu bhi air a mhas- lachadh, air a bhualadh, 's air a cheusadh. Ach, O shaoghail mhi-chhramaich, cha n-ann gu bhi air a chur suarach agus air a dhearmad leat-sa a thig è rìst. Gidh- eadh bha glòir comharraichte 'n a cheud teachd. Aig a cheud teachd rinn " cuideachd mhòr do armailtibh air son Fois nan Naomh. 25 neamh luaidh air àm a bhreith " a' moladh Dhè" air a shon; ach 0 cia àrd glaodh aoibhneach nan aingeal agus nan naomh aig a dhara teachd, ag èigheachd amach " glòir do Dhia anns na h-àrdaibh agus air thalamh sith, deadh-ghean do dhaoinibh." Aig a cheud teachd, threòraich " rèult" daoine glice o chrioehaibh iomall- ach na talmhainn gu " teachd a thabhairt aoraidh do naoidhean nèamhaidh ann am prasaich, ach fèuch ciamar a ghluaiseas glòir a dhealrachaidh an saogha! uile gu uachdaranachd Chriosd aidheachadh aig a dhara teachd ! A' marcachd air asail, 'us Hosanna 'g a sèinn dà leis gach bèul, chaidh è roimhe asteach do Ierusalem, ach fèuch ! ciod an t-sìth 's a' ghlòir leis an tig è dh-ionn- suidh an " Ierusaleim Nuaidh I" Ma thubhairt sluagli 'us h ann an " cruth seirbhisich, Ciod e ghnè dhuine so, gu bheil na gaotha fèin agus an f hairge umhal dha ?" Ciod a their iad 'nuair a chì ìad è nis a' teachd 'n a ghlòir agus na nèamhan 's an talamh a' tabhairt iimh- lachd dhà? "An sin ni uile thrèubhan na talmhainn bròn." Is dona 'thig do aon air-bith de na naoimh, ach is maith a thig do gach peacach neo-iompaichte, smuaineachadh agus labhairt air an là sin le bròn. Nach glaodh na h-aingidh, 'nuair a chì ìad è, " Sid è, rinn sinne tàir air 'f huil. Dhiiilt sinn a ghrks agus a chomh- airle. Cha b' àill leinn gèilleadh d' a uachdaranachd idir ?" Agus nach glaodh na naoimh le aoibhneas do- smuainichte, ". Sid è, shaor 'f huil sinne. Ghlan a Spiorad sinne. Cheànnsaich a lagh sinne. Dh'earb sinn as, agus cha meall è sinn. Dh'fheith sinn fada ris, ach anis chithear nach b' ann gu diomhain a dh'fheith sinn ris ! 0 thruaillidheachd mhallaichte ! a dh'-iarradh òirnn pilleadh ris an t-saoghal agus ris na nithibh a ta làthair, ag ràdh " c'arson a dh'f heitheamaid air an Tighearn ni's faide ?" Nise chithear so, " Is beannaichte iadsan uile a ta 'feitheamh air-san." A Chriosduidh- ean, nach bu choir dhuinn anis an ùrnuigh so a chur suas gu h-mntinneach, "Thigeadh do rioghachd ?" | Tha an Spiorad agus a' bhean-nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an ti a chluinneas," agus a leughas, " Thig." Tha ar Tighearn fèin ag ràdh " Gu deimhirv D 26 An t- Ullachadh mbr ta mi a' teachd an aithghearr. Amen. Seadh, thig, a Thighearn Iosa." Taisb. 22. 17. 20. 2. Is è 'n dara ni a tha 'treòrachadh nan naomh gu Pàrras, obair mhòr sin Chriosd a' togail suas nan corp againn, 'us è 'g an aonadh arist ris an anam. 0 nach iongantach èifeachd a' chumhachd 's a1 ghràidh neo- chriochnaich ! " Seadh, is iongantach sin gu dearbh,'1 arsa bèul bèumach,searbh an às-creidimh, "ma tha è fìor ? Ciod ! am fas na cnàmhan 's an duslach prònn, sgapta, sgaoilte sin 'n an duine bed arist ? Tagram le urram anis airson Dhia, agus airson a' chumhachd sin leis am bheil mo dhòchas èirigh o'n uaigh. Cò a chuir criochan ri cuan mòr nan uisgeachan ? Co- £s a tha lionadh vus traogh- adh buan an làin-mhara (tide) ? Cia lian uair is mò am meall glòrmhor soluis sin, a' ghrian, na'n talamh ? Nach 'eil è cho furasda na mairbh a thogail ris an talamh agus nèamh a dheanamh uile de neo-ni ? Na seall idir ris na cnàmhan marbh, agus ris an dus, no air dorradas air- bith, ach amhairc air a' ghealladh. Cuir na cuirp sin gu toilichte 'n am priosan nach f had a chumas iad. " Laidheamaid sios 'an sith" agus gabhamaid ar fois. Cha dhorchadas siorruidh, no cadal bith-bhuan a bhith- eas ànn. Ma's è " rìisgadh" a tha 'cur eagail ort, is ami a tha è chum d'eudachadh na's feàrr. Ma's è do thilgeil amach air an dorus a tha 'cur eagal ort, cuimh- nich, an uair a " sgaoilear o chèile tigh talmhaidh* a' phàilliuin so, gu'm bheil agad aitreabh o Dhia, tigh nach do thogadh le làmhaibh" dhaoine, tigh " siorruidh annsnanèamhaibh." 2 Cor. 5.1-4. Càirich gu suilbhir anns an uaigh am meall " truaillidheachd" so, oir gun teagamh gheibh thu è rìst "ann an neo-thruaillidheachd.' ' Càirich sios gu saor " an corp talmhaidh, nàdurra" so, gheibh thu r\st " è 'n a chorp nèamhaidh, spioradail." Geda chàiricheadh tu sios è le mòr " eas-urram," gheibh thu " è ann an gloir." Geda dhealaichear uaith thu tre " anmhuinneachd," togar suas arist "è ann am" mòr " chumhachd, ann an tiota, 'am priobadh na std, ri guth na trompaide deireannaich, oir seldidh an trompaid, agus èiriclh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidh- * Isè sin an corp air a sgaradh o'n anam leis a' bhàs. Ach gheibh anam an f hìrein àit.còmhnuidh siorruidh air uèamh. — Eadar. airson Fois nan Naomh. 27 ear sinne." 1 Cor. 15. 42-52. "Eiridh na mairbh ann an Criosd air tus. An dèigh sin, iadsan a bhios beò agus adh'fhagar, togar suas iad maille riu-san anns na neulaibh, an còdhail an Tighearna 's an athar." 1 Tes. 4, 16. Dean caithreara anis, a Chriosduidh, anns na geallaidhean sin. Is goirid gus an dean thu caith- reara 'n an coimhlionadh dhuit. " So fèin an là a dh'òrduich Dia, 'S am bi sinn suilbhir ait." — Salni 118. 24. An uaigh nach b'urrainn ar Tighearn a chumail innte cha n-urrainn ì sinne 'chumail. Dh'èirich è air ar son- ne, agus leis a' chumhachd cheudna, bheir è comas eirigh dhuinn-ne. " Oir ma chreideas sinn gu'n d'fhuair Iosa bàs, agus gu'n d'èirich e ris, amhuil sin mar an ceudna an dream a choidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris." An urrainn an Ceànn a bhi beò agus an corp, no na buill fantuinn marbh ? Nis, a Chriosduidh, Hò ! grad-sgriobh na briathran so air do chridhe, " Do bhrlgh gu bheil mise bed" arsa Criosd, " bithidh sibhse bed mar an ceudna." Ed. 14. 19. Cho cinnteach 's a tha Criosd beò ; bithidh sinne beò. Cho cinnteach 's a dh'èirich Criosd, èiridh sinne. Mur fior sin, bithidh na mairbh càillte. Mur fior sin, ciod è ar dòchas ? Ach tha bònn dòchais cinnteach againn-ne. A thuilleadh air a' bheatha so, tha " beatha" eile againn, a " ta folaichte maille ri Criosd ann an Dia ;" agus '■ 'nuair a dh'fhoillsichear Criosd, neach a's è ar beatha-ne, an sin bithidh sinn mar-an-ceudna air ar foillseachadh maille ris ann an glòir." Col. 3. 3. Na seallamaid gu bràth ris an uaigh, ach beachdaicheamaid air an aiseirigh a ta air a taobh thall. Seadh, bitheamaid " daingean, neo- ghluasadach, a' sior-mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhi agaibh nach 'eil bhur saothair diomhain anns an Tighearn." 1 Cor. 15. 58. 3. Is è cuid de 'n trìall shòlasach, bhìnn so gu fois nan naomh, an gluasad soilleir, mòr aig am breitheanas, far am bi iad-fèin, an toiseach, air an lan-shaoradh agus air am fireanachadh, agus an dèigh sin, a1 toirt breith air an t-saoghal maille ri Criosd. Fèumaidh gach òg agus sean, na stàitean mora agus na cinnich uile a bha riamh ann o là mòr »' chruthachaidh gus an là sin. 28 An t- Ullachadh mor teachd an so, agus am binn 'f haotuinn. 0 cia uamhas- ach ! 0 cia aoibhneach an là I Uamhasach dhoibh-san a dhi-chuimhnich teachd an Tighearna ! Aoibhneach. do na naoimh a bha gu seasmhach a' feitheamh agus aig an robh dòchas ris an là so 'f haicinn. Air an là sin, chi an saoghal " maitheas agus gèur-cheartas Dè, geur- cheartas" 'n an aghaidh-san a bhios càillte, " ach maith- eas" d'a shluagh taghte fèin. Ròm. 11. 22. Fèumaidh gach aon " cùnntas a thoirt air a stiubhardachd." Chnntar dhuit an sin gach tàlaut a f huair thu, eadhon tìm, slàint, rèusan, tròcairean, àmhgharan, meadhonan, rabhadh. Fosglar suas agus ainmichear gu follaiseach an làthair ainglean agus dhaoine, peacaidhean d'òige a dhi-chuimhnich thu, agus gach peacadh uaigneach a rinneadh leat. Chi peacaich an Tighearn losa, air an d'rinn ìad tàir, a' diultadh umhlachd d'a f hocal, a' càin- eadh a mhinistearan, 's a' fuathachadh a sheirbhiseach, anis 'n a shuidhe air caithir-breitheanais a' toirt breith orra-fein. Eighidh an coguisean ciontach amach 'n an aghaidh fèin. Gairmidh iad gu'n cuimhne an uile dhroch gnìomhran fèin. Càit anis an seall am peacach truagh ? Co is urrainn smuaintean oillteil a chridhe ghoirt a thuigsinn ? Nis cha n-urrainn an saoghal a chuideach- adh. Cha n-urrainn a sheànn chornpanaich. Cha n-urrainn 's cha n-àill leis na naoimh a chuideachadh. Is è mhàin an Tighearn losa a's urrainn, ach so an truaighe, cha n-àill leis an cuideachadh anis. Bha uair ànn, a pheacaich, air am b'àill le Criosd do chuideach- adh, ach cha b'aill leat-sa. Bu bhuidhe leat-sa Criosd anis, ach cha n-àill leis-san thusa. Is diomhain air an là sin èigheachd " ris na slèibhtibh agus ris na creagaibh, Tuitibh oirnne agus tblaichibh sinn o ghnuis an ti a ta 'n a shuidhe air an righ-chaithir ;" oir is è Tighearn nam beànn 's nan creag do nàmhuid, agus is ànn ri 'ghuth-san a db-eisdeas iad, agus cha n-ann idir ri do ghuth-sa. " Tha mi a' sparradh ort uime sin am fianuis Dè, agus an Tighearna losa Criosd, a bheir breth air na beothaibh agus air na marbhaibh, aig a theachd dealrach. agus ann a rioghachd :" (2 Tim. 4. 1.) thus' thu-fèin a chur a einuaineachadh gu làn-chùramach air na nithibh sin. airson Fois nan Naomh. 29 Ach carson a bhiodh eagal ort-sa, 0 anam iriosail, ghràsmhoir ? An Ti nach do chàill aon Noah anns an clìle mhòir, an Ti nach d'f hag aon Lot ann an Sòdom ; ni-h-eadh, nach deanadh ni sam-bith an aghaidh an droch bhaile sin, gus an tàinig Lot amach as , an di- chuimhnich è thusa air an là sin ? "Is àithne do 'n Tigh- earn na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a bhreitheanais chum peanas a dheanamh ofra." Is aithne dhà aon là a dheanamh 'n a uamhas glè" mhòr d' a naimhdibh, agus 1n a aoibhneas glè mhòr d' a phobull fèin. " Cha 'n 'eil diteadh sam bith do'n dream sin a ta ann an Iosa Criosd, a tha 'gluasad cha'n ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid. Cò a chuireas coire sam bith à leth daoine taghta Dhè?" Am faod an lagh an diteadh ? Cha n-f haod idir : " Oir shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa Criosd, ìadsan o lagh a' pheacaidh agus a' bhàis." An dean an coguis an diteadh ? Cha dean. Oir " tha an Spiorad fèin a' deanamh fianuis maille ri 'n spiorad-san gur ìad clann Dhè. Is e Dia a dh'f hireanaicheas. Co & dhiteas" iad? Rom. 8. 1, 2, 16, 33, 34. Mur dean ar Breitheamh glòrmhor, mòr ar diteadh cò a dh-fhaodas a dheanamh? An Ti a thubhairt ris a' bhan-adhaltran- aich, " An do dhit duine air bith thu '? cha mhò tha niise 'g a d' dhiteadh," nach abair è ruinn-ne air dòigh na's firinniche na thuirt Peadar ris-fein, " Ged dh'àich- eidheadh," no ged dhiteadh "nah-uile dhaoine thu," cha dean mise sin. Air dhuit-sa " mis' aideachadh am fianuis dhaoine, aidichidh mise thusa mar an cdudna am fianuis m' Athar a ta air nèamh." Mata 10. 32. 0 cia do-labhairt an t-aoibhneas, ar Tighearn aig am bheil làn ghràdh dhuinn, agus do'm bheil mòr ghràdh againn-fèin, a bhi 'n a Bhreitheamh òirnn 1 An eagal le duine breth a thoirt air le caraid f ìor ghràdhach ? An eagal le mnaoi a dhol fo bhreith a companaich fèin ? Feuch, a Chriosduidh, thàinig Criosd anuas, agus dh'f huilig è, agus ghuil è, agus dhòirt è 'f huil, agus bhàs- aich è air do shon-sa, — agus an dean è nise do dhiteadh ? Thugadh breth air-fèin, dhiteadh e-fèin, chèusadh e-fèin air do shon-sa, — agus an dean e-fein thus' a dhiteadh anis? Nach do chrìochnaich è a' chuid a's mò de'u 30 An t- Ullachadh mor obair cheana, chum do shaoradh, d' ath-ghineamhuinn,ao naomhachadh agus do shlànachadh, — agus an atharraich è sin uile nis ? Ko mhaith ! ro mhaith ! matà, air meud uamhasan an là sin, cba n-eagal dhuinn-ne — cha n-'eil cunnart ànnta dhuinn-ne. Criothnaicheadh na diabh- ulan agus na h-aingidh fòpa, ach lèumaidh sinne le aoibhneas. Is ann againn-ne 'bhios am mothachadh geur, àrd air ar tròcair agus air ar sonas fèin, 'nuair a chi sinn a' chuid a's mò de shluagh an t-saoghail so air chrith le trom uamhas, agus sinn-fèin ri caithream àrd-aoibh- neach ; 'nuair a chluinneas sinn iad air an diteadh gu las- raichean siorruidh, agus sinn-fein air n-èigheachd 'n ar n-oighreachan air an rioghachd, — seadh, mo chreach ! iadsan a bha 'chòmhnuidh 's an aon bhaile ruinn, 1s an aon tigh ruinn, a' dol do'n aon eaglais ruinn, 'us air am meas na's urramaiche na sinne anns an t-saoghal, anis, anis, anis air an sgaradh uainn gu siorruidh le òrdugh Fir-rànnsachaidh nan cridheachan. Tha na nithe sin uile, àrd ghreadhnachas agus crith-eagal an là mhòir sin air an sgriobhadh gu druighteach leis an Abstol anns na briathraibh so : — " Do bhrigh gur ceart an ni do Dhia, àmhghar iocadh dhoibh-san a ta 'cur àmhghair oirbh ; agus dhuibh-se a ta fo àmhghar, fois maille ruinne, 'nuair a dh'fhoillsichear an Tighearn Iosa o nèamh, maille r'a ainglibh cumhachdach, ann an teine lasarach, a' deanamh dioghaltais air an dream aig nach 'eil eòì vs air Dia, agus nach 'eil ùmhal do shoisgeul ar Tighearna Iosa Criosd. Muinntir air an deanar peanas le sgrios siorruidh o làthair an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd ; 'nuair a thig e gu bhi air a ghlòrachadh 'n a naomhaibh, agus chum gu'n deanar iongantach e annta- san uile a ta 'creidsinn 'san là sin, (do bhrigh gu'n do- chreideadh ar fianuis-ne 'nur measg-sa.") 2 Tes. 1. 6-10. Tuilleadh fathast. Cha bhi idir geilt-crith òirnn-ne ri breitheanas an là sin. An kite sin is ann a nitear sinn-fein 'n ar breitheamhan : oir bheir Criosd " com- misean" d'a phobull f^in gu suidhe maille ris, a' moladh a bhreitheanais f hior. " Nach 'eil f hios agaibh gu'n toir na naoimh breth air an t-saoghal ?" Ni-h-eadh, acli "air ainglibh?" 1 Cor. 6. 2, 3. Cò a chreideadh sin? nach bu dànadas sin a ràdh, mur biodh an onoir mhòr atrson Fols nan Naomh. 31 ud air a h-òrduchadh dhoibh le Criosd fein ? Ach nach d'innis Enoch so o chian ? " Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadair- eachd orra sin, ag ràdh, Feuch, tha'n Tighearn a' teachd le deich mile d'a naomhaibh, a dheanamh breitheanars air na h-uile, agus chum iadsan uile a tha mi-dhiadhaidh 'n am measg f hàgail ris, a thaobh an uile ghniomhara mi-dhiadhaidh a rinn iad gu mi-dhiadhaidh, agus a thaobh an uile bhriathar cruaidhe, a labhair peacaich mi- dhiadhaidh 'n a aghaidh." Iad. 14, 15. Mar sin, cuirear onoir air na naoimh, " agus bithidh uachdaranachd aig na fireanaibh anns a' mhaduinn." Salm 49.14. 0 dhaoine mi-churamach an t-saoghail, " nach bi sibh glic, nach tuig sibh so, nach toir sibh fainear bhur crioch dheirean- nach." Hò I nach smuainich sibh anis mar a ni sibh, 'nuair a chi sibh " na nèamhan a' dol thairis le toirm mhòir, agus na dùilean a' leaghadh is, le dian-theas, agrs an talamh mar an cèudna agus na h-oibre a ta air, air an losgadh suas !" An sin, bithidh gach ni 'n a theine rr.u bhur cluasaibh agus gach glòir talmhaidh a' caithean h as. Oir " tha na nèamha agus an talamh a tha nis ann, leis an f hocal sin fèin air an tasgaidh suas, agus air «d gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a' bhreith- eanais, agus sgrios dhaoine ain-diadhaidh. Uime s n do bhrigh gu'm bi na nithe so uile air an sgaoileadh as a chèile, ciod a' ghnè dhaoine bu choir a bhi annaibh, ann an caithe-beatha naomh, agus diadhachd, le sùil a bhi agaibh ris, agus luathachadh chum teachd là Dhe, anns am bi na nèamha, air dhoibh bhi ri theine, air an sgaoileadh o chèile, agus anns an leaghar na duile le dian-theas ?" 2 Pead. 3. 7, 11, 12. 4. Is è an t-uidheamachadh mu-dheireadh airson fois nan naomh, iad a bhi air an crimadh gu maiseach, greadhnach, 's an rioghachd 'f haotuinn. Oir mar tha Criosd, an Ceànn, air 'ùngadh araon 'n a Righ agus 'n a Shagart, mar sin fodha-san, nithear a phobull araon 'n an righrean agus 'n an sagartan do Dhia gu righeachadh, agus gu bhi 'g a mholadh gu siorruidh. Taisb. 5. 10. "An crùn fireantachd a bha air a thasgadh fa'n comhair, bheir an Tighearn, am breithcamh cothromach, dhoibh 's an Ik ud." " Bha iad firinneach gu bàs," air an aobhar 32 An t- Ullachadh mor sin, " bheirear dhoibh crìin na beatha." Agus arèir an tomhais anns an do ghnàthaich ìad gu maith an tàlantan 's a' bheatha so, bithidh an onoir air a meudachadh an dèigh so. Cha n-ò tiodal faoin a gheibh ìad, ach f \or nachdaranachd. " Bheir Criosd dhoibh comas suidhe maille ris-feln air a righ-chaithir." " Bheir e dhoibh cumhachd os-ceànn nan Cinneach," mar f huair e-fein o'n Athair, agus " bheir e dhoibh rèult na maidne." Bheir an Tighearn fein seilbh dhoibh air an còir, 'g am moladh 'us 'g am fàilteachadh leis na briathraibh so, " Is maith, a dheadh sheirbhisich fhirinnich; bha thusa firinneach ann am beagan do nithibh, cuiridh mise os ceànn mòran do nithibh thu : imich a steach do aoibh- neas do Thigh earna." Agus crimaidh è air a chaithir iad leis an fhkilteachadh naomh, shoilleir, bheannaichte so, " Thigibh, a dhaoine beannaichte m'Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rioghachd a ta air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaite an domhain." Is beatha agus aoibhneas gach focal dhiubh sin. " Thigibh." So anis sineadh amach na slait-òir rìoghail a' toirt barantais dhuinn teachd fagus do ghlòir. " Thigibh" anis cho fagus 's is kill leibh. Na bitheadh eagal òirbh à" breitheanas a' Bhetsemich ; oir " tha an naimhdeas air a chur air cùl" gu lèir. Cha n-ionann " Thigibh" so 's a b' àbhaist duinn a chluinn- tinn ag rkdh " Thigibh, togaibh bhur crann-cèusaidh agus leanaibh mise." Bu mhilis sin, ach is è so a's milse gu mòr, — " Thigibh a dhaoine beannaichte." Is beann- aichte sinn da rireadh, 'nuair a ghairmear " beannaichte" sinn le bèul sin nam beannachd ! Oir geda bha sinn air ar meas, leis an t-saoghal, mar dhaoine mallaichte, agus geda bha sinn ullamh gu sinn-fein a mheas mall- aichte, gidheadh " is beannaichte" gu cinnteach " iadsan a bheannaicheas esan ; agus is mallaichte iadsan a mhall- aicheas è ; agus a bheannachadh-san cha n-urrainnear atharrachadh." — " A dhaoine beannaichte m' Athar-sa," beannaichte ann an gràdh an Athar agus a' Mhic, oir a is aon" iad. Dhearbh an t- Athair a ghràdh dhoibh 'n an taghadh, 'n an tabhairt do Chriosd, ann an cur Chriosd g' an saoradh, agus ann an gabhail na h-eirig a phaidh Criosd air an son : agus tha gràdh Chriosd air a atrson Fois nan Naornh. 33 làn-dhearbhadh dhoibh leis an fhocal mhòr " sealbh- aichibh." Cha luchd-daorsa iad na's fhaide, no idir seirbhisich, no clann fo aois, ach " oighreachan" uile •' air Dia tre Chriosd." Gal. 4. 7. Agus " oighreachan air an rìoghachd." Sèum. 2. 5. Agus " comh-oigh- reachan maille ri Criosd." Rom. 8. 7. — "An rioghachd:" cha lugha na rioghachd ar còir-ne. Is è tiodal freag- arrach Chriosd fèin a bhi 'n a " Righ nan righ" agus 'n a " Thighearn nan tighearn." Ach gheibh sinne 'bhi 'n ar righrean agus "righeachadh maille ris." Taisb. 20. 6. Tha mealtuinn na rioghachd so mar sholus na greine. Tha i uile aig gach aon neach, gun a lughdach adh do neach eile. — " Air a deasachadh dhuibh." Is è Dia Alpha agus Omega* ar beannachaidh. Is è an gràdh siorruidh a shuidhich steidh. na rioghachd so, agus a dheasaich i air ar son-ne, agus a dheasaich sinne air a son, an dèigh sin. So comhairie agus òrdugh Dhia air an deasachadh, a bha gu bhi air an coimhlionadh le Criosd a' deanamh tuille deasa,chaidh. — " Dhuibh-se." Cha n-ann amhàin do na creidmhich gu coitchionn, ach do gach aon dibh-se gu pearsantail, — " 0 ieagadh bun- aite an domhain." Cha n-ann arnhain o uair a' gheall- aidh an deigh tuiteam Adhaimn, ach o shiorrui'dheachd ! Mar so chi sinn an Criosduidh a' dol astigh gu sàbhailt do Phàrras, agus air a ghiulain le urram 'us onoir a dh-ionnsuidh. fois*. Beachdaicheamaid anis, a' dol cèum na's fhaide, a' dìreadh cèum na's àirde amis an ath Chaibdeil, air àitibh-còmhnuidh, agus air dlighibh nan naomh, agus faiceamaid am bheil glòir sam-bith eile ann cosmhuil ris a' ghlòir so. Caibdeil III. Oirdhearcas Fois nan Naomh. , Thigeamaid anis beagan na's faisge, agus faiceamaid oirdhearcas comharraichte na foise so. Ho ! gu'n dean- * Alpha agus Omega. Sin a' cheud agus an litir mu-dheireadh den Abideil Ghrèugaich, leis am bheilear a' ciallachadh aims an Sgriohtuir an toiseach 's an deireadh ; no siorruidheachd agus ìomlanaclid Dhè. — Eadar. 34 Oirdhearcas adh an Tighearn ar folach ann an còsaibh na creige, agus sgiath chaomh a ghràis a sgaoileadh thairis òirnn, fhad s a bhitheas sinn a' dluth-bheachdachadh air an t-sealladh àrd so ! Is "seilbh cheannaichte" an fhois so ; — Saor thiodhlac ; — Còir àraid nan naomh ; — Go-chomunn ri naoimh agus ainglibh ; — A h-aoibhneas ball-direach o Dhia fèin ; — Bithidh ì deadh-thràthail ; — Freagarrach ; — Iomlan ; — Siorruidh. 1 . Is onoir f ìor àraidh do fhois nan naomh gu'n goirear u seilbh cheannaichte" dhi. Eph. 1. 14. Sin anis toradh na fola sin a chaidh dhòrtadh — fuil Chriosd, Mac Dhè" : seadh, àrd thoradh, crioch, iomlanachd 'us èifeachd na fola sin. G-ràdh a's mò na so cha n-'eil ann, ara fear-gaoil a leigeil sios a bheatha. 0 cia taitneach dhuinn sùilean ar n-anamanan a bhi 'sior-amharc air ar Fear-saoraidh, beò mhothachadh agus ùr chuimhne 'bhi againn air a ghràdh a dh'f huilich agus bhàsaich air ar son ! Cia Tan an t-aoibhneas gun chrich a bhitheas air ar cridheachan a' cuimhneachadh gur ann tre chuan gràidh na fola so a shnàmh sinn anall tre ainneart an t-saoghail, tre ribich- ibh Shàtain, tre mhealladh na feòla, tre chorruich Dhè do'n tug sinn oilbheum, tre dhiteadh na coguise ciontaich, tre theagamhan 'us eagalan tròm, draghail a' chridhe mhi- chreidich, agus a ràinig sinn làthair Dhe" gu sàbhailt ! An diugh tha Criosdag èigheachd " 0 sibhse uile tha 'gabhaii an rathaid, amhaircibh agus faicibh am bheil bròn sam bith cosmhuilrimo bhròn-sa." Tuir. 1.12. An diugh, is gann a dh-èisdeas sinn ri 'ghuth bi'ònach, no 'bheir sinn fainear a lotan. Ach air an là sin, mothaichidh sinn agus lasaidh ar n-anamanan foirfe le gràdh airson gràidh ! Cia iongantach am beachd leis an amhairc na naoimh shaorta gu bràth air am Fear-saoraidh — am fear-ceannaich agus an luach maille ris an t- seilbh ! An sin cha n-ath-nuadhaichear ar bròn le sealltuinn air lotaibh a ghràidh. An Ti a thubhairt ris a' bhan-pheac- aich mhòr ud, an dèigh dhà èirigh o'n uaigh, " A' bhean c'ar son a ta thu 'gul ?" {Eh. 20. 15.) is aithne do'n Ti sin gràdh agus aoibhneas a bheothachadh suas annainh gun bhròn, gun deòir, gun neul, gun stoirm air-bith. An Ti a dh'f hàg cuilm na sacramaid aig 'eaglais fèin r chuimhneachadh a bhkis, bheir è òirnn an luach beann Fois nan Naomh. 35 aicht', a thugadh air a son, a làn-mhealtuinn, mar " smior 'us saill." Agus ma's aoibhneas an diugh a chluinntinn o bhèul fèin " Is è so mo chorp-sa a ta air a thabhairt air bhur son-sa, agus is ì so m' f huil a ta air a dòrtadh air bhur son-sa," cia krd an t-aoibhneas a bheirear an uair a chluinnear Criosd ag ràdh, Is ì a' ghlòir so toradh mo chuirp agus m' f hola ! Ma bhitheas ni sam-bith aig neach, a bha air a cheannach dhà le caraid dileas. a thug a bheatha air a shon, nach luachmhor leis h ? Ma dh-f hàgas caraid againn comharradh air a ghràdh, aig uair a bhàis, nach cùramach a ghleidheas sinn è, a' cuimhneachadh air a1 charaid sin, cho trie 's a sheallas sinn ris, mar gu'm biodh 'ainm fèin sgriobht' air. Agus mar sin, nach dean bàs ar Tighearna ar seilbh air glòir a mhilseachadh gu bràth. Mar a sgriobhas sinn sios a' phris a choscl bathar dhuinn, amhuil sin sgriobhamaid an luach, eadhon fuil luachmhor Chriosd, air ar f ireantachd* agus air ar glòir. Rìaraich fulangais Chriosd an ceartas mòr sin nach gabhadh riarachadh gun fhuil. Ghiùlain è am peanas mòr a thoill peacaich. Dh'aisig è iad a dh-ionn- suidh na beatha sin a chàill iad, agus a dh-ionnsuidh na staide sona sin o'n do thuit iad. Tha tlachd an Athar anns an t-saorsa a choisinn Criosd, cho mor 'us gu'n tug è dhà cumhachd gus a phobull taghta fèin àrdachadh, agus a' ghlòir sin, a thugadh dhà-fèin, a thabhairt doibh-san, agus sin uile " a re"ir a dheadh-ghean fèin" agus "comhairle a thoile fèin." Eph. 1. 9, 11. 2. Is nèamhnuid eile ann an crùn nan naomh, gur saor thiodhlac è. Is iad an dà nèamhnuid sin, eadhon ceannaichte agus saor — a nasgaidh — na slabhruidhean lir a ta 'deanamh suas nan cuairteag (wreaths) a ta air àrd-chinn nam post ann an teampullDhè! Rl. 7. 16, 17. Bu daor è do Chriosd ach saor dhuinn-ne. 'Nuair a bha Chriosd a' ceannach an tiodhlaic so, cha b'f hiach airgiod 'us or ni sam-bith dhà. Cha b'uarrainn ùrnuigh- ean 'us deòir fulang, — no ni sam-bith ach fuil Chriosd, — ach is h mhàin saor ghabhail ar ceannach-ne. Tha è againn saor, " gun airgiod agus gun luach." Cha n-e * Fireantachd. Ionracas, neo chiontas ; iomlauachd, maitheas agus tròeair Dhè : ùmhlachd Chriosd do'n lagh : caithe beatha glan, agus 8onas nan daoine diadhaidh. — Eadar. 36 Oirdhearcas fìachan a phàidheadh idir, gabhail gu taingeil ri fuasg- ladh saor uatha, gun aon sgillinn idir a dhioladh. Tha na h-uile nithe saor, no a nasgaidh an so. Am Mac air a thabhairt gu saor leis an Athair. Na f iachan air am pàidheadh gu saor leis a' Mhac. Am pàidheadh leis a' Mhac air a ghabhail gu saor le Dia, ged is maith a dh-f hoadadh è sin iarraidh o'n chalpa — o na ciontaich. Tha faraon an t- Athair agus am Mac a' tairgse na beatha ceannaichte so dhuinn a nasgaidh, ma ghabhas sinn : gu toileach. Tha iad a' cur h-ugainn an iSpioraid gu saor, a chum ar deanamh comasach air a gabhail. Agus nach saor sin uile ? 0 cia àrd an t-iongantas buan-mhaireann- ach a ghlacas na naoimh a' meòrachadh air an t-saorsainn fhial so ! " Ciod a chunnaic an Tighearn annam-sa," deir gach aon diubh, " gu'm measadh è mis' iomchuidh airson inbhe cho àrd ! — Mise truaghan bochd, tinn, suar- ach a sgeadachadh le dealradh na glòire so ! — Mise dur- rag shnàigeach air m'àrdachadh gu onoir cho mòr so ! — Mise a bha, o cheànn ghoirid, ag osnaich, a' guil 's a' bàsachadh, anis air mo lionadh le gàirdeachas cho làn 1s a chumas mo chridhe ! Seadh, air mo thogail £s an uaigh far an robh mi 'grodadh, o'n duslach agus o dhorchadas, far an robh mi mar neach air dichuimhne, agus anis air m' àrdachadh an so an làthair rìgh-chaithir Chriosd ! — Mise air mo shaoradh o bhraighdeanas, maille ri Mordecai, agus air mo shuidheachadh làimh ris an righ, agus air mo thogail maille ri Daniel is an t-slochd, gu bhi air m' àrdachadh mar f hear-riaghlaidh air prionn- sachan 'us mòr-roinnean ! Cò a thomhaiseas gràdh gun tomhas?" Cia milis, àrd am fonn I an t-anam iriosal a bha roimhe 'g a f hèin-dhìteadh, 'g a mheas fèin neo- airidh air aon òirlich de'n talamh air an robh è ag im- eachd, neo-airidh air deò-anail, air itheadh, no òl, anis air 'àrdachadh gu glòir ! — Neach nach gabhadh car uine air-fern teachd gu bòrd an Tighearna, do bhrigh gun robh è neo-airidh, — neach a's gann a ghabhadh air-f^in a dhol ameasg nan naomh neo-iomlan, no 'labhairt riutha air tal- amh,— neach a's gànn a ghabhadh air-fèin lèughadh, no •Sisdeachd, no aslachadh, no m' Athair a vàdh ri Dia ! An neach sin 'g a fhaicinn f^in air a spionadh suas do nèamh ann am mionaid, agus air a ghlacadh ann an làmhan Fois nan Naomh. 37 Chriosd. Ho ! smuainich anis air ìoghnadh iongantach? aoibhneach an anama sin ! " Esan leis nach b'àill fiù a shùil a thogail suas gu nèamh, ach a' seasamh far] air ais, a' bualadh 'uchd 's ag ràdh, A Dhia, dean tròcair orm-sa 'ta am pheacach," anis air 'àrdachadh gu nèamh ! Esan do'm iongantas ciamar a ghiùlain foighidin Dhia leis cho fada, agus a cheadaich h dhà 'bhi beò ! Cia mòr 'iongantas anis, a' faicinn gu'm bheil a shlàint shìorruidh cìnnteach dhà, ged shaoil leis gu'm f àgadh a neo-airidh- eachd è gun tròcair. Ah I a Chriosduidh, cha n-'eil aon fhocal an sid air d'airidheachd-sa, no air do neo-airidh- eachd. Na'm b1 ann air sgàth airidheachd a ghabhteadh astigh do nèamh sinn, dh-f haodamaid suidhe sìos a' guil maille ri Eòin " do bhrìgh nach d'f huaradh aon neach airidh. Ach is airidh Leòmhan* trèibh Iudah, agus bhuadhaich e." Taìsb. 5. 4. Sin anis ar còir air an oigh- reachd. Agus an sin bheir sinn an ìobairt a dhiùlt Daibh- idh a thabhairt, eadhon moladh airson " an ni sin a fhuair sinn a nasgaidh." 2 Sam. 24. 24. So anis ar barantas. v A nasgaidh fhuair sibh, a nasgaidh thugaibh uaibh." Ach ged is daor a cheannaich Criosd, a nasgaidh bheir è. Bu mhòr an t-iongantas an tiodhlac so 'f haotuinn a nasgaidh gun deadh thoilltinneas idir annainn-fèin ; ach is ann an aghaidh ar toilltinneis fèin, agus an aghaidh gach oidhirp a's trie a thug sinn air sinn-fèin a sgrios, a ta sinn 'g a f haotuinn ! Is iongantach an ni smuain- eachadh air an eadar-dhealachadh anabarrach sin a gheibhear eadar na nithibh a thoill sinn agus na nithibh a gheibh sinn, — eadar an staid anns an robh sinn agus an staid anns 'am bi sinn ! — a' sealltuinn sios orra-san a ta air am pianadh ann an ifrinn, 's a' faicinn an eadar- dhealachaidh anabarraich a rinn grks eadar sinne agus iadsan ! — a' faicinn na h-oighreachda duibhe sin, do'n d'rugadh sinne, ag eadar-dhealachadh cho mòr o'n oighreachd gus am bheil sinne air ar n-uchd-mhacach- adh ! 0 mar bhuaileas gràdh gach aoin dhmn aig smuain- eachadh, " Sid an t'-àit gus am b'àill leis a' pheacadh mis' a thoirt ; ach so an t-àit gus an tug Criosd mi ! B'è am bàs ud ' tuarasdal a' pheacaidh.' ach is ì so ' a' bheatha * Sin Criosd laicfir mar leòmhan, agus uile-chumhachdach gu buaiah « thoirt air a naimhdean fèin, agus air naimhdean a shluaigh. — Eadar. K 38 Oirdhearcas mhaireannach, tre Iosa Criosd ar Tighearn !' ' Cò a rinn eadar-dhealachadh orm-sa o nach eile?' 1 Cor. 4. 7. An robh mo chridhe-sa do thaobh nàduir na's easgaidh do Chriosd na cridheachan an t-sluaigh chàillte, no idir air a ghluasad na's feàrr air tùs gu èisdeachd ri tagair an Spioraid ? An tòisichinn-sa riamh ri gràdh a thoirt do Dhia, mur gràdhaicheadh Dia mis' air tùs ? Am bithinn- sa riamh air mo dheanamh 'toileach,' mur deanadh e-fein ' toileach' mi ? Nach bithinn-sa mar chàch, mur deanadh e-fèin m' eadar-dhealachadh uatha? Nach bithinn-sa nis anns na lasraichean ud, na'n robh mi air m' f hàgail amhàin do mo rathad agus do mo thoil fèin ? Nach stadainn ann an Sòdom gus am beireadh na lasraichean òrm, mur deanadh Dia, 'n a thròcair, mo ' ghreasad a mach às ?' 0 gun teagamb is iongantas siorruidh so dhomh-sa, crùn cho saoibhir,.àillidh a bhi air a shocrachadh air ceànn peacaich cho suarach ! 0 iongantas do-labhairt! — mise a bha cho mi-thorach, mi-thaingeil, air m' krdachadh cho krd ! — Mise, creutair cho truaillidh, ceannairceach air teachd gu aoibhneas cho luachmhor, buan-mhaireannach ! Ach neor-thaing dhomh-fèin, neor-thaing do mo dhleasanas, do mo shaothaìr fèin, na's lugha na sin do dhearmad 'us leisg." Is aithne dhuinn co dhà a bhuineas a' ghlòir, agus a gheibh a mholadh airson so gu bràth. Gu dearbh is ànn a chum na crìche so a rinn an Gliocas neo-chrioch- nach uile riaghailt na slaint' a chumadh amach do'n duine ann am molltair na ceannachd agus na nasg- aidheachd so, chum gu'm biodh gràdh agus aoibhneas an duine air an deanamh iomlan ; gu'm biodh onoir a' ghràis, a rinn a theàrnadh, air a h-àrdachadh gu ro mhòr, chum nach biodh dol-amach aoin seach aon diubh sin air a choinneachadh, air a leasachadh, no air a bhacadh le deadh-thoilltinneas crèutair, agus gu'm fosg- ladh dorus nèimh air an dà lùdan sin, eadhon ceannachd agus nasgaidheachd. Mar sin, matà, rachadh toilltinneach a sgriobhadh air dorus na h-ifrinn, ach an t-saor thiodhlac air dorus nèimh. 3. Is còir àraid leis na naoimh, an f hois so. Cha bhuin Ì do neach air-bith eile de chloinn nan daoine. Ged bu eholus an Eiphit uile, cha bu laghaid solus nan Israel- ! Fois nan Naomh. 39 each sin, Ach faic iadsan a' mealtuinn an t-soluis uile, agus an coimhearsnaich ann an tiugh dhorchadas, thig- eadh dhoibh an lorg sin ge'ur mhothachadh a bhi aca air an sochair. Dùisgidh tròcair shònruichte mothachadh na's mò na tròcair choitchionn. Na'n d'fhuair Pharaoh thairis cho sàbhailt ri Israel, cha bhiodh cuimhne cho iomraiteach air a1 Mhuir Ruaidh. Mur biodh a' chuid eile de'n t-saoghal air a bhàthadh, agus Sòdom 'us Gomorrah air an losgadh, cha b'iongantas teàrnadh Noah, agus cha bhitheadh iomradh cho mòr air saoradh Lot. 'Nuair a chithear neach air a shoillseachadh, agus neach eile air 'fhàgail dorch; neach air 'ath-leasachadh, agus neach eile 'n a thràill da ana-mìann fèin, aomaidh sin na naoimh gu èigheachd amach " A Thighearn, c'ar son a dh'fhoillsicheas tu thu-fè*in dhuinne, agus nach dean thu sin do'* t-saoghal?" 'Nuair a chuirear am fàidh a dh-ionnsuidh na h-aon bhantraich, ged nach ban-Israeleach i, agus a ghlanadh aon Naamain, Sirian- ach, ameasg nan lobhar uile, (Luc. 6. 25-27) ; chithear an tròcair sin na's comharraichte. Gu cinnteach bithidh geur-mhothachadh aig an dà sheòrsa sluaigh, an uair a bhitheas " dithis 's an aon leabaidh," agus " dithis anns a' mhachair," agus a " ghabhar aon diubh, agus a dh'fhàgar am fear eile." Luc. 17. 34, 36. Seallaidh na naoimh anuas air an loch-losgaidh, agus fo ghèur mhoth- achadh air an sonas iein, 's a' gabhail fior thlachd ann an oibribh cothromach Dhè, dòirtidh an gàirdeachas amach agus seinnidhiad an t-òran bmn so, " Is cothrom- ach thusa, 0 Thighearn, a ta, agus a bha, agus a bhitheas, do bhrigh gu'n d'thug thu breth air an dòigh so." Taisb. 16. 5. 4. Buinidh an f hois kluinn so do na naoimh uile ; oir is comunn de spioradaibh beannaicht' iad. Is comunn naomh foirfichte, araon na naoimh agus na h-ainglean, air am bheil Criosd 'n a Cheànn. So " co-chomunn nan naomh" air an deanamh foirfe. Mar bha sinn cuideachd ann an saothair, ann an dleasanas, ann an cunnart, 's ann an kmhghar, bithidh sinn cuideachda' mealtuinn na duaise agus na saorsa mòire so. Mar rinneadh tàir agus dimeas òirnn roimhe, aidichear agus ardaichear sinn anis 'an cuideachd a chèile. Sinne, a chaidh tre là dubhachais, 40 Oirdhearcas gheibh sinn là subhachais agus là mòr a' ghkirdeachais maille ri 'chèìle. Iadsan a fhuair gè*ur-leanmhuinn agus priosan maille ruinn, bithidh iad sin maille ruinn ann an lùchairt an t-sòlais. Nach bu trie a bha ar n-osnaichean mar aon f huaim, ar deòir a' sileadh mar aon tuil, agus ar nùann diadhaidh mar aon ùrnuigh ! Ach anis is aon cheòl bìnn ar moladh uile. Is aon eaglais ar n-eaglaisean uile. Is aon chorp sinn-fèin uile : oir is " aon" sinn uile ann an Criosd, eadhon " mar a ta E-fèin agus an t-Athair 'n an aon." Eo. 17. 21. Aeh fèumaidh sinn an aire 'ghabhail nach bi sinn ag iarraidh na buaidh sin anns na naoimh, a gheibhear amhàin ann an Criosd fèin 'n a aonar. Ach ma's aoibhneas laghail dhuinn anis smuain- eachadh roi-làimh air " suidhe sios maille ri Abraham, agus Isaac, agus Iacob ann an rìoghachd nèimh," nach mò gu mòr na sin, làn shealladh agut làn sheilbh ! Cia sòlasach anis a bhi 'meòrachadh air an là sin anns am bi sinn a' togail an òrain maille ri Maois, a' togail nan salm-molaidh maille ri Daibhidh, agus " à" se"inn òrain an Uain" maille ris " a' mhuinntir shaorta" gu bràth ! An sin, chi sinn " Enoch a' gluasad maille ri Dia ;" chi sinn crioch a dhilseachd iongantaich aig Noah; crioch a dheadh-bhèus aig Iòseph ; crioch 'f hoighidin aig lob ; crioch 'ionracais aig Heseciah ; agus " crioch an creid- imh" aig na naoimh uile. Chi sinn, cha n-è mhàin, ar seànn luchd-eòlais, ach na naoimh uile às gach linn, aghaidhean nach f haca sinn riamh 's an f heòil, aith- nichidh sinn an sin iad, agus bithidh an cuideachd sòlasach dhuinn. Seadh, bithidh na h-aingil, cho maith ris na naoimh, 'n an luchd-eòlais beannaichte dhuinn. Iadsan a tha an dràst gu toileach 'n an " spioradan frithealaidh" dhuinn, bithidh iad an sin 'n an còmpanaich dhuinn ann an aoibhneas. Iadsan a rinn gàirdeachas cho mòr air nèamh, aig uair ar n-iompachaidh, ni iad gàirdeachas maille ruinn gu subhach ann ar glòrachadh. Air an là sin their sinn le Daibhidh, " 'S fear-comuinn mi 'us companach Do 'n dream d'an eagal thu." — Salm 119. 63. An sin thig sinn " Gu sliabh Shioin, agus gu caithir an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do- kireamh do ainglibh, gu làn-choimhthional agus eaglais Fois nan Naomh. 41 nan ceud-ghin, a tha sgrìobhta 'sna nèamhaibh, agus gu Dia breitheamh nan uile, agus gu spioradaibh nam tirean air an deanamh foirfe, agus gu Iosa eadar-mheadhonair a' choimhcheangail nuaidh, agus chum fola a' chrath- aidh, a tha 'labhairt nithe a's fekrr na fuil Abeil." Ealih. 12. 22. Ach tha sinn air teachd a dh-ionnsuidh an ionaid sin cheana, do thaobh còir, eàrlais agus ceud- thoraidh : ach an sin, thig sinn gu làn sheilbh 'fhaotuinn. Ma's sonas a bhi beò maille ris na naoimh 'n an staid neo-iomlain 's a' bheatha so far am faighear nithe searbh a' pheacaidh 'n an comunn, cho maith ri nithe milis na naomhachd, cia mòr an sonas a bhi maille riutha 'n an staid iomlain far am bheil na naoimh uile gu le"ir 'n am fior naoimh! Is òirdhearcas comharraichte dhuinn-ne aim ar fois nèamhaidh, gur sinne " luchd aon bhaile ris na naomhaibh agus muinntir-teaghlaich Dhè." Eph. 2. 19. 5. So anis buaidh àraid eile ann ar fois-ne : gheibh sinn a h-aoibhneas ball- dir each o Dhia fèin. An dràst, cha ruigear air dad sam-bith ball-direach, ach tre dhara làimh, treas làimh, no iomadh làimh, o'n talamh, o'n duine, o'n ghrem 's o'n ghealaich, o f hrithealadh nan aingeal, agus o'n Spiorad 'us o Chriosd. Ged nach 'eil droch bhlas a' pheacaidh, no neo-iomlanachd pheacach air sruth na firinn mar thig è h-ugainn tre làimh nan aingeal, gidheadh gheibhear bias neo-iomlanachd nan crèutairean dheth. Mar thig è o'n duine, gheibhear an dà bhlas sin air, eadhon bias a' pheacaidh agus neo- iomlanachd a' chrèutair. Ach nach " beò agus cumh- achdach focal Dè" ànn-fèin " chum eadar-sgaradh !" Eabh. 4. 12. Ach gu trie, cha n-eadar-sgair è an cridhe, 'nuair is lag an làmh a ta 'g a làimhseachadh. Cia mòr lànachd 'us luach gach focail de'n t-soisgeil bheann- aichte ! Gu leòr, shaoileamaid, gus an t-anam a's mairbhe a bhioradh, a ghluasad agus 'uile smuaintean agus 'aignidhean a làn-ghlacadh ; ach gidheadh, cia trie, mo chreach ! a thuiteas an soisgeul air a' chluais mar uisg air cruaidh chloich ! Is nèamhaidh nithe Dhà, a ta sinne 'làimhseachadh, ach is talmhaidh ar dòigh làimhseach- aidh orra. Is gànn ni ris am bean sinn air nach fàgar lorg ar meòir 'n ar dèigh. 'Nuair a labhras Dia fèin am focal, air chinte? is focal eadar-sgaraidh agus leaghaidh e3 42 Oìrdhearcas. è. Is maith is aithne do'n Chriosduidh o 'f hiosrachadh fèin, gur è an t-aoibhneas a's bàll-dìriche a gheibh è o Dhia fèin, aoibhneas a's mìlse ; seadh, an t-aoibhneas anns an lugha 'gheibhear de'n duine, agus a's diriche a thig o'n Spiorad. Is iad na Criosduidhean a's trice a bhios ag ùrnuigh 's a' meòrachadh gu h-uaigneach, daoine a's mò beatha agus aoibhneas, do bhrìgh gu'm bheil ìad a' faotuinn am beatha spioradail na's dìriche bho làimh Dhia fèin. Ach na leigeamaid dhinn idir a bhi 'g èisdeachd,a' lèughadh 's a' comh-labhairt ri 'cheile. Na deanamaid dearmad idir air meadhonaibh nan gràs, no air aon sam-bith de òrduighean Dè. Bitheamaid gu seasmhach aig aoradh follaiseach Dhè ann an " Tigh na h-ùrnuigh" air gach Sàbaid. Is ì sligh a' Chriosd- uidh a bhi 'gnathachadh nam meadhon gu fritheilteach, ach bitheadh è beò os an ceànn. Gheibhear aoibhneas tre na meadhonaibh sin. Ach is ann " 'an làthair Dhè" fèin a gheibhear " lànachd aoibhneis" gun mheadhon idir. Ann an nèamh gheibh sinn solus gun choinnil agus là buan gun ghrèin, oir " cha'n 'eil feum aig a1 bhaile air a' ghrèin, no air a' ghealaich a dhealrachadh ann ; oir shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t-Uan a's solus da. Agus cha bhi oidhche an sin, agus cha 'n 'eil feum aca air coinnil, no air solus na grèine ; oir bheir an Tighearn Dia solus dhoibh : agus rìghichidh iad gu saoghal nan saoghal." Taisb. 21. 23; agus Caib. 22. 5. An sin, soillsichear ar n-inntinn agus ar tuigse gun Sgriobtuir, agus riaghlar sinn gun lagh sgrlobhta : oir foirfichidh an Tighearn a lagh ann ar cridheachan, agus bithidh sinn uile air ar làn-theagasg le Dia. An sin, gheibh sinn aoibhneas nach d'f huair sinn riamh roimhe bho gheall- adh, o chreidimh, no bho dhòchas. Bithidh againn comanachadh gun sàcramaid, gun " toradh so na fionain air an là sin a dh'òlas Criosd e nuadh maille ruinn ann an rìoghachd 'Athar." Mata 26. 29. An sin, ùraichidh è sinn le f ion sòlasach 'us toil-inntinn gun mheadhon idir. Is è 'bhi ann an uireasbhuidh gun chuideachadh idir, cor truagh nan aingidh ann an ifrinn. Is è 'bhi ann an uireasbhuidh 'us cuideachadh againn tre mheadhonaibh cb.re'utairean, ar cor air an talamh. Is è 'bhi ann an uir- easbhuidh, 'us cuideachadh 'fhaotuinn, gun mheadhon Fois nan Naomh. 43 idir, ball-dn-each o Dia fèin, cor nan naomh air nèamh. Is è 'bhi gun uireasbhuidh idir, ceart chòir Dhè f&n. 6. So òirdhearcas eile anns an fhois so : — bithidh \ deadh-thràthail. An Ti aig am bheil sùil ri " toradh an f hion-lios" aig an àm shuidhichte, ni è a phobull " mar chraoibh suidhichte làimh ri smthaibh uisge, a bheir a mach a toradh 'n a h-aimsir." Agus bhèir è dhoibh an criin 'n a àm fèin. An Ti leis am maith " focal a labhairt ami an deadh àm ris an neach a ta airsnealach," nach toir è aoibhneas dhuinnaigan awia's freagarraiche ? Isà. 50. 4. ' Iadsan nach 'eil sgith do mhaith a dhean- amh, mur fannaich iad, buainidh lad ann an dm iom- chuidh.' Gal. 6. 9. An Dia sin " a tha 'toirt araon an uisge thoisich agus an uisge dheireannaich eadhon d'a naimhdibh, " 'naàm fèin," agus "a' gleidheadh sheachd- uinean suidhichte an f hogharaidh air ar son," agus ag tnnseadh dhuinn anns a' chùmhnant gu'm bi arm là 'us oidhche 'n an àm, nach toir è, mar-an-cèudna, am foghar glòrmhor fèin do na naoimh 'n a àm ? Ier. 5. 24. An Ti a ghrad-choimhlion a ghealladh do chloinn Israeii, gun dàil aon là, no uair a chur 'n an saoradh amach a th* na h-Eiphit, air a' cheart km a gheall è, ach " air an là sin fèin" thug è mach \ad " aig ceànn nan ceithir cheud agus nan deich bliadhna thar f hichead," {Ecsod, 12. 41.) an cuir è dàil ann an là glòrachaidh a shluaigh V Is è nach cuir. Nach deadh-thràthail camhanach an là 'us " grìan na fìreantachd" ag èirigh suas òirnn, an dèigh oidhche f hada, dhorch an t-saoghail so ? Nach deadh- thràthail dachaidh bhlàth, an dèigh turus fada, sgith tre iomadh cunnart ? Nach deadh-thràthail buaidh agus sith, an dèigh cogadh fiadhaich, gàbhaidh, borb anns an d'f huair sinn iomadh lot ? Tha daoine beò ann an sgios gun stad. Tha na naoimh gu h-àraid glè sgìth de nithibh nach urrainn an saoghal a mhothachadh. Cuid sgith deinntinn dhall : cuid sgith de chridhe cruaidh : cuid de'n teagamhan 's an eagalan fèin gach Ik : cuid de easbhuidh aoibhneis spioradail, agus cuid de mhothach- adh air corruich Dhia. Agus nach deadh-thrkthail do'n Chriosduidh fuasgladh 'f haotuinn o gach dragh dhiubh sin, an dèigh dhk bhi 'g a iarraidh, a' feitheamh ris, 's ag ùrnuigh air a shon fad iomadh bliadhna? Is è gearan 44 Oìrdhearcas a' Chriosduidh air uairibh, " 0 nach robh agam Canàan anns an f hàsach ! O nach robh agam òrain Shioin ann an t\r choimhich ! 0 nach robh agara caladh ann am meadhon a' chuain ! 0 nach robh agam fois o theas an là! 0 nach robh agam nèamh mu'm fàg mì 'n talamh." Agus nach bu deadh-thràthail, taitneach sin uile ? 7. Agus bithidh an f hois so freagarrach. Bheir nàdur nuadh nan naomh air an spioradan làn-chòrdadh ris an f hois so. Gu dearbh cha n-eil ni eile 'n an naomh- achd ach sradag air a toirt às an " eileamaid" so, — an còrdadh ris an f hois, — agus air alasadh 'n an cridheachan, le Spiorad Chriosd : agus bithidh an lasair naomh sin, a ta bho Dhia, a' sior-aomadh a dh-ionnsuidh an àite às an tàinig ì. Cha b' urrainn rioghachdan 'us cruintean timeil fois ullachadh do na naoimh. Cha b'ànn le nithibh cho truaillidh sin a bha lad air an saoradh. Mar sin, cha truaillidh, bochd an nàdur idir. Is kill le Dia lad aoradh spioradail a thabhairt dhà, — aoradh freagarrach d'a bhith spioradail fèin, agus a chum sin a dheanamh, bheir è dhoibh fois spioradail a' freagairt d'an nàdur spioradail. Làn eòlas air Dia agus air Criosd, tlachd aoibhneach anns a' ghràdh mhòr sin taobh-air- thaobh, gàirdeachas siorruidh ann am mealtuinn ar Dè, agus buan shèinn a chliu. Is nèamh sin do na naoimh. An sin bithidh sinn beò ann ar " n-eileamaid" feui. An so, tha sinn mar iasg ann am soitheach 'us beagan uisg' aig' ànn, — uiread 's a chumas beò è. Ach c\od è sin ann an coimeas ris a' chuan ? Tha deò-anail beag -againn an so fo àile nan spèur, ach ciod è sin ann an coimeas ris na h-osagaibh urachaidh a gheibhear air " sliabh Shioin ?" An so tha gath-soluis againn o'n ghrem a chum ar dorchadas a shoillseachadh, agus gath blàth chum ar cumail o reothadh ; ach an sin, bithidh sinn beò ann an solus, agus ath-bheothaichear sinn le teas na grèine gu siorruidh. Bithidh miann nan naomh arèir an nàduir ; agus is è miann ar nàduir air 'ath- nuadhachadh do'm bheil an f hois so a' freagairt. Fhad 's a bhios ar miann truaillidh, seachranach, is mòr an tròcair a dhiultadh : is feàrr a ghearradh is gu lèir na idir a riarachadh. Ach is ann de " shuidheachadh" an Tighearna fern an sluagh spioradail, agus " uisgichidh" Fois nan Naomh. 45 èìad 'us bheir è orra fàs. Cuiridh è acras 'us tart òirnn an dèigh f ìreantachd, a chum ar deanamh sona le Ian riarachadh a fhabhairt duinn. Nis, a Chriosduidh, so an fhois a tha rèir do chridhe. Gheibh thu innte gach ni a's urrainn do chridhe bochd a mhiannachadh. Gheibh thu innte na nithe sin airson an robh thu cho fad ag urnuigh 's a' saothrachadh. B' ànnsa leat Dia ann an Criosd a bhi agad na 'n saoghal uile. Matà, tha iad agad an sin. Ciod nach tugadh tu airson " dearbh- bheachd air gràdh Dhè ? Tha sin agad 's an fhois so, gun amharus. Miannaich, a Chriosduidh, ciod is ur- rainn thu, iarr ciod is kill leat, agus bheìrear dhuit è, cha n-è mhàin gu leth na rioghachd, ach faraon an righ 's an rioghachd a mhealtuinn. Anns a' bheatha so cha n-eil againn ach miann 'us ùrnuigh, ach anns a' beatha sin, is è 'bhitheas agamn riarachadh 'us toil-inntinn. Tha 'n fhois so mar-an-ceudna fior fhreagarrach ri uireasbhuidh nan naomh. Gheibhear innte gach uile ni air am bheil fèum aca. Cha n- è solas tròm, tiugh, cruthaichte, a bhitheas, cosmhuil ri àrmachd Shauil air Daibhidh, 'n a eallach, 'us cha n-ànn 'n a chuideachadh dhoibh. Is è Chriosd agus naomhachd iomlan air am bu mhò am feum, agus deònaichear sin dhoibh gu pailt. 8. Tuilleadh fathast, bithidh an fhois so sàr iomlan. An sin bithidh againn aoibhneas gun bhron, agus fois gun sgios. Cha bhi aon bhoinne truaillidheachd againn ameasg ar gràsan, no idir fulang maille ri solas. Cha n-'eil aon 's an acarsaid ud de na tonnaibh fuar, garbh," buaireasach sin leis am bheil sinn an so air ar luasgadh sios 'us suas. An diugh, gheibhear slàn sinn. am màireach tìnn, — an diugh ann am meas, am màir- each ann an dimeas, — an diugh ckirdean againn, am mkireach gun charaid idir. Cha n-e sin amhàin, ach gheibh sinn, anns a' bheatha so, fion nun, milis agus fion-geur, searbh anns an aon chopan. Ma " thogas taisbeana chum an treas nèamh sinn" buailidh teachdair Shàtain sinn gu grad, agus gheibh sinn " sgolb 's an fhi^òil" a chum ar n-isleachadh. Ach cha n-'eil ath- arrachadh sam-bith mar sin ann an nèamh. Ach mar "thilgeas gràdh diongmhalta an t-eagal amach," is amhuil a " thilgeas" aoibhneas " diongmhalta" am bròn 46 Oirdhearcas amach, agus tilgidh sonas iomlan amach gach cuimhne air truaighe, agus gheibh sinne fois o gach olc 'us o gach fulangas peacaidh. Cha n-f haod seòrsa peacaidh sam-bith a dhol astigh do nèamh air chor sam-bith, " cha tèid air chor sam-bith a steach ann ni air bith a shalaicheas, no a dh'oibrich- eas gràineileachd, no a ni breug : ach iadsan a mhàin a tha sgriobhta ann an leabhar beatha an Uain." Taisb. 21. 27. Carson a bhasaich Criosd na'n gabhadh nèamh astigh anamanan neo-iomlan ? " Is ann a chum na criche so a dh'foillsicheadh Mac Dhè chum gu'n sgriosadh e oibre an diabhuil." 1 Eo. 3. 8. Cha b' ànn a chum ar fàgail salach, a rinn fuil agus spiorad Chriosd so uile. " Ciod è," arsa Pòl, " comunn an t-soluis ris an dorchadas ? agus ciod an rèite a ta aig Criosd ri Belial ?" Nis, a Chriosduidh, 'nuair a ruigeas tu nèamh, cha pheacaich jhu ni's mò. Nach sgèul aoibhneach sin dhuit-sa, a bha cho fada ri " ùrnuigh agus caithris" an aghaidh a pheac- aidh? Tha fios again na'm faigheadh tu do roghainn gu'm b'f heàrr leat a bhi saor o pheacadh na'n saoghal uile. Gheibh thu do roghainn matà. An cridhe cruaidh sin, agus na smuaintean brucach, draghail sin a bha 'g a do leantuinn aig gach dleasanas, fàgaidh tu iad ad' dhèigh gu siorruidh. Cha chuir aineolas dragh air do thuigse gu bràth. Bithidh gach rann de'n Sgriobtuir a bha roimhe dorch ort, anis air a dheanamh làn shoilleir dhuit. Na h-uile nithe, a bha roimhe, mar shaoil leat- sa, a' comh-àicheadh a chèile, bithidh iad air an dean- amh làn-rèìdh, làn-shoilleir dhuit. Is è an Criosduidh, a's bochda 'tha an dràst air nèamh, diadhair a's coimh- lionta, agus a's ionnsuichte gu mòr na'n Criosduidh a's mò air talamh. 0 cia sona an là sin, 'nuair nach bi mearachd idir ann gu bràth, 'nuair a honar ar tuigse le Dia fèin nach f hàg dorchadas idir annainn ! Bithidh gnùis Dhè 'n a sgriobtuir dhuinn, anns an lèugh sìnn an fhìrinn uile. Is iomadh duine diadhaidh anns a' bheatha so, a rinn le èud gun eòlas, muinntir èile a mhi-threòrachadh, a mhealladh 's a thruailleadh, nach urrainn an cur ceart arist, 'nuair a chì è a mhearachd fèin. Is trie air an là an diugh a gheibhear barailean mearachdach aig sluagh maith, air bheag eòlas, agus Fois nan Naomh. 47 xha iad sin gle chunnartach. Ach air nèamh bithidh sinn uile a' corah- chòrdadh 's an aon f hirinn, mar aon maille ri Dia neach a's E-fèin an f bìrinn. Fòs gheibh sinn fois o gach peacadh toile, peacadh aignidh 'us còmhraidh. Dealaichidh sinn gu bràth ris a' bhith cheannairceach sin, " a' MM-ihoil" a ta fathast ag iarruidh ar tarruing air falbh o Dhia. Cha shàraichear 's cha bhuairear sinn le mothachadh, no faicinn cumhachd truaillidheachd sam-bith, no le pròis, no " paisean," no liinndaireachd, no mi-f haireachadh, no coimheachas ri Dhia 'us ri nithibh Dhè, no gluasad mi-chothromach, no aigneadh fuar, no gràdh lag, no ciùrradh an Spioraid, no gniomh sgainneal- ach, no còmhradh mì-naomh : o na nithe sin uile gheibh sinn fois gu brath ! An sin, còrdaidh ar toil ri toil Dè, mar a fhreagras aghaidh do aghaidh ann an sgàthan. Is E-fein ar lagh agus ar riaghailt, 'us cha chlaon sinn uaith-san gu bràth. Eabh. 4. 10. Air thalamh dh'f huilig sinn an lorg ar peacachaidh, ach air nèamh sguiridh gach peacadh agus fulang gu lèir. Gheibh sinn fois o na teagamhan sin uile a bha againn mu ghràdh Dhia. Cha n-abrar ni's mò, mar thuirt Dochdadair Iain Preston gu cothromach, " Is cos- mhuil teagamhan ris a' chluaran, is droch luibh è, acb gheibhear a' fàs h ann an talamh maith." Cha chluinn sinn càinnt 'us ceist mar so ni's mò, " Ciod a ni mi chum fios 'f haotuinn air mo staid ? Ciamar a dh-aithnicheas m\ gur è Dia m' Athair ? — gu'm bheil mo chridhe ceart r — gu'm bheil mo chòmhradh f ìor — mo chreidimh treibh- dhireach? Tha eagal òrm nach 'eil mo pheacaidhean air am maitheadh, — gur cealgaireachd m' oibrean uile, — gu'n dib.lt Dia mi — nach 'eil è 'g èisdeachd m' urnuigh." Tìonndaidhear so uile gu moladh an sin. Gheibh sinn fois o gach mothachadh air corruich Dhia. Cha bhi eagal ifrinn idir air nèamh. Air uairibh, " chuimhnich" an t-anam gràsmhor " air Dia, agus bha è fo bhuaireas, rinn è gearan agus chlaoidheadh è, agus dhitilt è solas a ghabhail ; luidh fearg Dhè air gu teann, agus chlaoidh Dia è le 'thonnaibh uile." Ach dearbhar dhuinn air an là sin, ged " dh'fholaich Dia a ghnùis uainn car tiota ;" fathast " le caoimhneas sìorruidh nì e tròcair òirnn." Isà. 54. 8. Gheibh sinn fois o uile bhuairidhean Sh&t- 48 Oirdhearcas ain. 0 cia trom an doilgheas do Chriosduidh iarraidh air a Thighearn àicheadh, agus ged nach gèill è idir do'n droch bhrosnachadh sin, nach plan d'a anam iarrtas cho oillteil I doruinn d'a chridhe è 'bhi air a ghluasad le smuaintibh cho toibheumach : air uairibh le smuaintean cruaidh mu Dhia, — smuaintean mi-mheasail mu Chriosd. — smuaintean mi-chreidmheach mu'n Sgriobtuir, — droch smuaintean mu f hreasdal Dhè* : air a bhrosnachadh, air uairibh, gu pilleadh ris na nithibh a ta làthair, a' cluith ri maghar dubhanach a' pheacaidh, a' leum gu taitneas na feòla, agus air amaibh a1 tuiteam ann an glamair dubh na h-aindiadhachd fèin 1 0 nach math is aithne dhuinn foill ar cridheachan fèin, iad cho ealamh ris an spong gu teine 'ghabhail, cho luath 's a bheanas aon de na srad- aibh sin riutha ! Tha comas aig Satan ar brosnachadh " anns an f hàsach," ach cha n-f haod è 'dhol astigh do'n " bhaile naomh." Faodaidh è ar " cur air binnein an teampuill" anns an " Ierusalem" thalmhaidh, ach cha n-f haod è teachd fagus do'n " Ierusalem Nuadh." Faod- aidh è ar " toirt chum beinne ro àird," ach cha n-urrainn è " Sliabh Shioin" a dhìreadh gu bràth : agus geda b'urrainn, is beag a b'f hiach " uile rioghachdan an domhain agus an glòir" le anam a f huair seilbh air rioghachd ar Tighearna. Mata 4, 1-8. Is beag gu dearbh ! JVIar sin, is diomhain do Shàtan a bhi ri bros- nachadh tuilleadh. Fòs sguiridh gach brosnachadh a bheir an saoghal agus an fheòil. Och ! cia lionmhor ar cunnartan 's an t-saoghal so gach uair ! Is ribe gach ceud-f àdh 'us ball. Is ribe dhuinn gach crèutair, gach tròcair 'us dleasanas. Is gànn a dh-fosglas sinn ar suilean, gun chunnart olc a smuaineachadh ; farmad againn riuth-san a ta os ar cionn, dimeas 'g a dheanamh orra-san a's ilse na sinn-f&n; a' sànntachadh cuid muinn- tir eile ; le an-iochd 'us àrdan a' deanamh tàire air cre'utairean bochd, luideagach. Ma chithear bòichead pearsa, duisgidh ana-miann. Ma chithear ciorram air neach, nithear tkir 'us fanaid air, no gabhar grain deth. Nach ealamh a dh-èisdeas an cridhe ri cùl-chàineadh, fala-dhà dhìomhain, 'us càinnt rapach ! Nach sinn a dh-f hèumadh ar droch ckil a chaithris 's a cheknnsach- adh gach uair ! Am bheil thu sgìamhach, bòidheach ? Fois nan Naomh. 49 Lasaidh sin d' àrdan annad. Am bheil thu ciorramach, cam, no crùbach? Fàgaidh sin thu gearanach. Am bheil tàlantìnntinn agad, ealamh, comasach air ionnsach- adh ? Seididh sin suas thu, ag iarraidh do mholadh, 'us tàir a dheanamh air muinntir eile nach 'eil cho barr- aichte riut-fèin ! Am bheil thu aineolach ? Cia trie a bheir sin ort tàir a dheanamh air nithibh nach tuig thu, agus nach aithne dhuit I Am bheil ùghdarras, no cumhachd agad os-ceànn muinntir eile ? Cia trie a gheibhear thu 'g a mhì-ghnàthachadh, do thoil fèin mar lagh dhuit, taitneas dhaoine eile air a chur suarach leat ; 'us gach ni 'g a iomairt leat, a chum do thoil 'us do chùisean fèin a chur air aghaidh, gun sùim mu mhaith chàich ! An iochdaran thu ? Cia ullamh thu gu labhairt air àirde muinntir eile, a' toirt breith air an gniomhraibh gu farmadach, arèir do dhroch bharail fern ! Am bheil thu saoibhir gun bhi ro uallach as ? Am bheil thu bochd gun bhi mi-thoilichte ? Am bheil thu 'deanamh do dhleasanais, no 'deanamh Slknuigheir de do dhleasanas ? Leis na ribichean sin tha è buailteach dhuinn a bhi air ar glacadh. Cha d'rinn Dia iad a chum sinne 'rib- eadh leo, ach rinn ar truaillidheachd fèin iad 'n an ribichean dhuinn. Is è sinn-fèin — ar droch nàdur fèin — painntearan a's miosa dhuinn. Ach so ar solas mòr, fuasglaidh an fhois so sinn uatha sin gu lèir. Cha n- f haigh Satan, no smuain ole a dheanamh seirbhis dà, astigh do'n ionad naomh ! An sin, bithidh gach smuain Ian, 'us àrd-mholar ar Fear-saoraidh mar leis na h-uile. Agus bithidh sinn saor, dealaichte bho uile ghèur- leanmhuinnibh 'us o dhroch grèadhadh t-saoghail. An sin, freagrar urnuighean " nan anamanan fo'n altair," agus " diolaidh Dia am fuil orra-san a ta 'n an còmhnuidh air an talamh." Taisb. 6. 9, 10. An diugh, am ar crùnaidh le droighionn ; an sin, am ar crùnaidh le glòir. An diugh, " Iadsan uile leis an àill am beatha a chaith- eamh gu diadhaidh ann an Iosa Criosd, fuiligidh iad gèur-leanmhuinn." Ach an sin, " Iadsan a dh'f huilig maille ri Criosd, glòraichear iad maille ris." Ròm. 8. 17. An diugh, " fuathaichear sinn air sgàth Chriosd, " ach an sin, " nithear iongantach è 'n a naomhaibh" a bha mar sin air am fuathachadh. Air an talamh, " is 50 Oirdhearcas bàll-amhairc sinn do'n t-saoghal, agus do ainglibh, agns do dhaoinibh, mar shalachar an t-saoghail, mar anabas nan uile nithe." 1 Cor. 4. 9. " Cuiridh daoine às an cuideachd sinn, bheir iad ckinnt mhaslach dhuinn, agns tilgidh iad amach ar n-ainm mar olc." Ach air an la sin, dùr-amhaircidh iad òirnn ann an glòir. Ach tilgear iadsan amach à cuideachd nan naomh, agus dealaichear uainn iad àill air nàill. An diugh, is gànn a gheibh sinn ùrnuigh a dheanamh ann ar teaghlaichean, no cliù a shèinn do Dhia, gun bhèum 'fhaotuinn uatha, ma chluinneas iad ar guth. 0 nach iad a bhios air an cràdh 'nuair a chì iad sinne ri gàirdeachas agus a' moladh, 'us iad-fein ri donnalaich 'us caoidh ! Thusa nach urrainn, an diugh, do làmh a chur ri obair Dhè, gun deadh-ghean an t-saoghail a chàll, smuainich agad-fèin gu'n co-oib- rich gach aon air nèamh leat gu toileach, a chridhe 's a ghuth ag aonadh maille riut ann an aoibhneas agus mol- adh siorruidh. Gus a sin, ' sealbhaich d' anam ann am foighidinn.' Fuilig tàir 'us masladh airson Chriosd. Ceangail suas iad mar chrùn air do "cheànn. Meas iad 'n an saoibhreas a's mò gu mòr na stòras an t-saoghail uile. Oir " is ceart an ni do Dhia, àmhghar iocadh dhoibh-san a ta 'cur àmhghair oirbh ; agus dhuibh-se a ta fo àmhghar, fois maille ri Criosd." 2 Tes. 1. 6, 7. An sin, gheibh sinn fois o na roinnean agus o na diùbhrasan nàireach sin a bha eadarainn-fèin mu eaglais- ibh. Nach gràdhach a chòrdas miltean maille ri 'chèile air nèamh, a bha 'mi-chòrdadh air thalamh 1 Cha n-'eil còmhsti an sin, do bhrigh nach fhaighear àrdan, no aineolas, no truaillidheachd air-bith ànn. Cha bhi smuain, an sin, air meudachadh aon phàirtidh, no air beagachadh pàirtidh eile, le briathraibh 'us cdumaibh carach, innleachdach. Ma bhitheas nàire, no bròn air nèamh, bithidh sinn brònach 'us fo nkire ri cuimhneach- adh air a' ghiulain aimhreiteach so air talamh ; mar bha bràithrean Iòseiph a1 cuimhneachadh 'n a làthair'air an droch gi^adhadh a rinn iad air roimhe sin. Mo nàire ! Nach leòr leinn an saoghal uile 'bhi cogadh 'n ar n-aghaidh, gun sinn-fèin a bhi ri cogadh an aghaidh a cheile ? Moladh do làithibh na gèur-leanmhuinn a thug gu trie air Criosduidhean dlùthachadh ri 'cheile ann an Fois nan Naornh. 51 gràdh. Ach ged robh carraid againn an so car tiota pronnaidh grian-sholus na saorsa gach ainneart 'us aimhreit gu duslach. 0 cia sona là fois nan naomh ann an glòir, far, mar nach 'eil ann ach aon Dia, aon Chriosd, aon Spiorad, nach bi againn uile ach aon chridhe, aon eaglais,* aon obair gu siorruidh ! Gheibh sinn fois o chompàirt ann an deuchainnibh ar bràithrean. Is " ospadal," no tigh-bhochd an eaglais air thalamh. Cuid innt' ag osnaich fo thuigse dhorch, — cuid fo chridhe gun mhothachadh, — cuid a' fannachadh fo lag-chuis gun toradh, — cuid air an ciùrradh le 'n droch gitilain fein, — cuid ag èigheachd fo bhochchjjnn, — cuid air am pianadh le anmhuinneachd, — cuid a' "caoidh an iomadh calldachd. Ach nach è doilgheas a's mò na sin uile, ar càirdean dàimheil, gràdhach 'fhaicinn a' teicheadh o fhìrinn Chriosd, a' dearmad Chriosd, a' dearmad an anamana fèin, gun dùsgadh idir amach à clò-chadal a' pheacaidh. Seall air athair, no math- air, bràthair, no piuthar, fear-pòsda, no bean-phòsda, leanabh, no caraid ain-diadhaidh ; agus smuainich nach 'eil teagamh nach bi ìad sin a' losgadh ann an ifrinn gu bràth, ma bhàsaicheas ìad anns an staid neo-ìompaichte so anns am bheil iad. Smuainich air an t-soisgeul air a dhiùltadh le daoine — anamanan bochd, mi-thoileach air am fagal falamh, dàll, dorch, 'us iad a' cur às ant-soluis a dheanadh an treòrachadh gu slàint ! Ach bithidh là mòr ar fois-ne saor o na nithe sin uile. " Criochnaichear làithean a' bhròin, agus, " O Thighearna," bithidh do shluagh uile 'n am fireanaibh; sealbhaichidh iad am fearann gu siorruidh ; am meangan a shuidhich thu, obair do làmha, chum gu'm bi thu air do ghlòrachadh." ■Isà. 60. 20,21. An sin, gheibh sinn fois o gach fulangas cuirp a ta againn an dràst. Faodaidh so a bhi beag ann an seall- adh muinntir a tha nise beò ann an socair 'us ann am pailtgas : ach do'n anam, a ta gach là air 'f hàsgadh 'us air a chràdh le trioblaid, is milis smuaineachadh air nèamh. Och cia lionmhor ! cho lionmhor ri làithean 'us uairean, trioblaidean na beatha bàsmhoir so fo'm * Is ì a.n/hior Eaglais, fior phobull Dhia, ciod-air-bith mear de luchd- aideachaidh d' am buin iad— EaDAR. 52 Oirdhearcas bheil sinn beò an diugh ! Dh'f hàg ar Fear-saoraidh na boinnean searbh sin againn ri 81, chum ar gràineachadh o'n olc le droch bhlas na dibhe seirbhe, chum ar pill- eadh gus an deoch mhilis, bheò, ghlan ìarraidh agus òl a amhuinn an t-sòlais ; agus mar sin, ar glanadh 's ar gealachadh airson criiin na beatha... An diugh buailidh bròn astigh air gach ceud-fàdh, a' pianadh a' chuirp 's a' ciùrradh a' chridhe. Nach 'eil gach ball o'n cheànn gus a' chois gu trie a' fulang ? Ach fàgaidh sinn gach plan 'us peacadh, gach dus 'us feòil uile gu lèir 'n ar dèigh. 0 suaimhneas beannaichte na rioghachd sin far nach 'eil ni ach sith mhilis gun sgurl 0 sin àit na slàinte, gun oich, gun acain, gun aon neach tinn ànn ! 0 cia beannaicht' an tir anns am bheil na h-uile 'n an righrean ! Cia naomh an coimhthional anns am bheil na h-uile 'n an sagartàh ! Cia saor an stàit anns nach 'eil òglaich idir ach òglàich an Ard Kigh ! Cha bhi duine bochd, sgith an sin ! Cha bhi acras, no tart an sin! Cha bhi neach luideagach, no lomnochd an sin ! Cha bhi reothadh, crith-fhuachd, no cruaidh theas an sin ! Cha bhi ar n-aghaidhean glas, no dubhach an sin ! Cha bhi aimhreit, no sgaradh eadar càirdean an sin ! Cha bhi tigh-aire, no tigh-bròin, no caoidh, no deòir an sin : oir " tiormaichidh Dia gach dèur o ar sùilibh an sin I" O m' anam giùlain anis le anmhuinneachd do phkilliuin thalmhaidh. Cha mhair so ach mionaid bheag. Tha fuaim casan an Fhir-shaoraidh eadhon aig an dorus. Fòs gheibh sinn fois o gach dleasanas a ta an diugh y ar sgitheachadh. Cluinnear gach fear-riaghlaidh, pàrant 'us ministear coguiseach, dleasanach a' gearan an diugh " 0 's ami òrm-sa 'tha 'n t-eallach trom." Tha caochladh dleasanas aig gach staid 'us aois, agus gheibhear gach Criosduidh curamach a' gearan, " O m' eallach ! Och is tròm m' eire ! Och is è mo lag-chuis fèin a tha 'g a dheanamh tròm !" Ach tilgidh an fhois, a ta 'feitheamh òirnn, an t-eallach so dhinn. Aon uair fathast, gheibh sinn fois o na trioblaidibh drSghail sin uile a dh-f hèumas a bhi 'g ar leantuinn an so gus an tig an là air an nochdar sinn an làthair Dhè. An diugh, gheibhear boinnean trioblaid ann ar miann, ann ar dòchas, ann ar fadachd, 'us ann ar feitheamh Fois nan Naorrih. 53 spioradail, ach sguiridh sin. Air an là sin, gheibh sinn an t-ionmhas an còmhnuidh, gach uair a sheallas sinn ann ar cisteig. Gheibh sinn Criosd an còmhnuidh ann ar cridhe, gun dol idir ni's mò o mheadhon gu meadhon 'g a iarraidh , oir criochnaichear gach uile mheadhon dhuinn ann an làn mhealtuinn uile bheannaichte. 9. Is è 'n t-seud mu-dheireadh ann ar criin, Fois SJiiorruidh. Dh-easbhuidh so, is beag nach bu neo-ni na nithe ud uile. Bu bhoinne searbh ann ar gàirdeachas, eadhon smuaineachadh air dealachadh ris an fhois so. B'ifrinn air nèamh smuaineachadh air a call aig am air- bith, direach mar bu sheòrsa nèimh è do'n mhuinntir mhallaichte anns an t-slochd, na'n robh dòchas aca ri faighinn £s uair-eigin. Tha bàsmhorachd sgrìobhte air gach toileachas fo'n ghrèin. Caillear ar toil-inntinn anns gach cuspair taitneach 'g a fhaicihn a' bksachadh ann ar làimh ! Ach, 0 a Shiorruidheachd bheannaichte I far am bi againn beathaagus toil-inntinn bhuan gun chùram, gun eagal bàis ! far am bi sinn " 'n ar puist ann an teampull ar Bè, agus cha tèid sin ni's mò a mach às." Taisb. 3. 12. Am feadh bu sheirbhisich sinn, thugadh àite dhuinn fo aonta, agus sin fad là goirid ar beatha ;" P ach fanaidh am mac 'san tigh gu bràth." Eò. 8. 35. Ann ar pàrras talmhaidh, Eden, bha rathad amach as, ach cha d'f huaradh riamh rathad astigh ànn arist. Ach anns a' phàrras shiorruidh so tha rathad astigh, gun rathad idir amach às arist. Luc. 16. 26. " 0 m' anam tilg uait do smuaintean faoin mu thaitneasaibh na beatha so. Tilg uait do ghreim de'n talamh 'us de'n f heòil. Smuainich trie, smuainich làn air brighmhorachd an aon f hocail so — Sìorruidheachd. Dè so ! a bhi beò, seadh beò gun bhàsachadh gu bràth ! Dean gàirdeachas, seadh gàirdeachas gu brkth I 0 bu shona dhuibh-se anamanan mallaicht' ann an ifrinn shios, na'm faigheadh sibh fuasg- ladh an dèigh do cheud mile bliadhna 'dhol seachad I 0 bu truagh dhuibh-se, a naoimh air nèamh, na'n caill- eadh sibh bhur seilbh air glòir, an dèigh do iomadh ceud mile saoghal a dhol seachad. Anns an f hocal so Siorruidh — Siorruidh — Siorruidh (a' sior-ruith,) tha d<5r- uinn iomlan nan deamhnan, agus glòir iomlan nan naomh. 0 na'n smuainicheadh am peacach air an fhocal so, 54 Oirdhearcas Fois nan Naomh. shaoilinn gu'n tugadh è air lèura amach à cadal a pheacaidh ! 0 na'n smuainicheadh an t-anam gràsmhor air, shaoilinn gu'rn beò-neartaicheadh sin è fo'n àmhghar a's dòruinniche ! — Agus 0 Tighearn, am bi Mise mar sin beò gu siorruidh ? Matà, bheir mi fòs gràdh gu siorr- uidh. Am bi mo ghàirdeachas neo-bhàsmhor ? agus nach bi mo thàing-mholadh neo-bhàsmhor mar-an-ceudna ? Is cìnnteach, mur càill mi mo ghlòir gu siorruidh, nach sguir mi idir de do mholadh-sa gu siorruidh. Ni thu mi-fèin agus mo ghlòir iomlan agus buan-mhaireannach, mar sin is leat-sa mi, agus cha leam-fèin mi, agus is è mo ghlòir-sa do ghlòir-sa. Agus do bhrìgh gu'm b'è do ghlòir fèin d' àrd chrìoch ann mo ghlòir-sa, is è sin mo chrioch-sa, mar-an-ceudna, an dèigh dhuit mo chrun- adh leis a' ghlòir sin air nach tig crioch idir. " A nis do'n R\gh shiorruidh, neo-thruaillidh, neo-fhaicsinneach, do Dhia a ta mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu ^aoghal nan saoghal. Amen." 1 Tim. 1. 17. Mar so dh'oidhirpich mi boillsgeadh a nochdadh dhuibh de'n ghlòir a tha ri teachd. Ach is geàrr mo bhriathran-sa air òirdhearcas na glòire sin ! A le'ughadair, ma's creidmheach simplidh, iriosal thu, a' feitheamh le fadachd, 's a' deanamh saothair airson na foise so, is goirid gus am faic agus am mothaich thu gur firinn so uile, agus gheibh thu sealladh cho soilleir de'n staid bheannaichte so 's a bheir ort truas mòr a ghabhail de na crèutairean truagh sin leis nach kill an f hois so iarr- aidh, no 'ghabhail. Chi thu nach d'innseadh leam-sa an so, an deicheamh mile cuid de oirdhearcas na fois' a ta 'feitheamh air na naoimh. Ach an dràst, deanadh am beagan a chuala tu d' iarrtas agus do dhlchioll a bheothachadh. Eirich ; tog ort ; oibrich ; ruith agus dean spàirn ; cathaich agus cum romhad ; oir is cmnt- each, glòrmhor an duais a ta romhad. Coimhlionaidh Dia a ghealladh. Feuch màta, nach mag, nach meal 's nach mill thusa d'anam f^in le da.il, no leisgeul. Ciod a shaoileas tu, a b'f hekrr do Chriosduidhean, ann an cuairt am beatha 's an dleasanais, na glòir na foise so a chumail an còmhnuidh ùr, blàth 'n an smuaintibh ? Cia naomh am fònn anns am biodh an spioradan, na'n lean- adh iad a' beò-mheòrachadh tre chreidimh air glòir Comharradh na muinntir, &c. 55 nèimh? Am biodh an cridhe cho trom, dorch? an gnùis cho diibhach ? an solas cho talmhaidh, gànn ? Am biodh eagal fulang, no bàsachadh orra? Nach ann a bhitheadh gach là 'n a bhliadhna dhoibh, gus an amais- eaclh iad air an f hois ? An Tighearn a shlànachadh ar cridheachan feòlmhor, air eagal nach " tèid sinn a steach d'a shuaimhneas, airson ar mi-chreidimh." Edbh. 3. 19. Caibdeil IV. Comharradh na Muinntir sin dd'm bheil an Fhois so air a h-ullachadk. Am feadh a bha mi shuas air a' bhèinn, a' searmon- achadh air òirdhearcas Fois nan Naomh, mhothaich mi gu'm bu mhaith dhomh a bhi an sin. Air an aobhar sin dh'f huirich mi car fad ànn, agus mur bitheadh gur beag, bochd mo bhreithneachadh air mòrachd na cùise, dh-fhanainn ann mòran na's fhaide. Co a ghabhadh sgios a bhi 'beachdachadh air tir cho sona ? Na'n cluinn- eadh coigreach mu 'n àrd ghlòir do-labhairt so, cha b' iongantach geda theireadh è, O cò è an crèutair mòr, àraid, dealrach airson an deachaidh a' ghlòir anabarrach ud ullachadh '? Gru cìnnteach is crèutair f ìor luachmhor è ! Ach cò è nis an crdutair àraid sin ? Cha n-'eil ach slige* bhochd, làn duslaich air a bheothachadh le anam rèusanta, neo-fhaicsinneach, agus air a cheartachadh le cumhachd neo-fhaicsinneach gràis ath-nuadhachaidh. Sin, matà, an crèutair a gheibh seilbh air a' ghlòir do-labhairt ud. Shaoileadh tu gur èudar gur è creutair fior airidh agus fior luachmhor a ruigeas air a leithid a ghlòir. Matà, cha n-'eil è idir airidh, no luachmhor. Ma's airidh è air ni sam-bith, is ànn air diteadh a ta è airidh ; oir bhuaileadh è roimhe gu sgrios, mur bitheadh è air a ghlacadh le gràdh, agus air a philleadh air ais leis an Ti sin a's è " na h-uile." Col. 3. 11. Agus air * Is è a chorp fèin, no peacach sam-bith eile, a tha an t-Ugbdair diadhaidh a' ciallachadh leis an " t-slige," an s»- 56 Comharradh na Muinntir sin do'm bheil dhà gabhail gu caidreach ris an Ti sin, agus e-fèin a shocrachadh air-san, gheibh è ànn-san agus trìd-san a' ghlòir ud uile. Is iad gu h-kraid a' rahuinntir airson am bheil an f hois so air a h-ullachadh — " sluagh Dhè" air an taghadh le Dia o shiorruidheachd, — air an tabhairt do Chriosd mar am Fear-saoraidh, — air an ath-bhreith, — fo ghèur mhothachadh air olcas agus truaigh' a' pheac- aidh, — air dìomhanas a' chreutair, — agus air làn phailteas Chriosd, — an toil air a h-ath-nuadhachadh,— ìad 'g an ceangal fèin ann an cùmhnant ri Criosd, agus a' buan- achadh anns a' cheangal so gus a' chrioch. 1. Is iad " sluagh Dhè," ìadsan a ta air an taghadh le Dia o shiorruidheachd. Tha è soilleir o'n Sgriobtuir agus o f hiosrachadh, nach 'eil ànnta ach àireamh bheag de'n chinne-daoine. Is " trèud bheag" lad agus " dhoibh- san is e deadh thoil an Athar an rioghachd a thoirt." Lite. 12. 32. Tha an àireamh na's lugha na tha an saoghal a' smuainachadh ; ach cha n-'eil iad cho gann 's a shaoileas anamanan fann aig am bheil amharus nach 'eil Dia toileach a bhi 'n a Dhia dhoibh, 'nuair a gheibh sìad ìad-fèin mì-thoileach a bhi 'n an sluagh dhà-san. 2. Tha 'mhuinntir so air an tabhairt le Dia d'a Mhac, gu bhi air an saoradh leis o'n staid chkillte, agus air an àrdachadh leis gu glòir. Thug Dia na h-uile nithe d'a Mhac, ach cha n-ann mar thug è a " shluagh taghta" dhà. Thug Dia " cumhachd dhà air gach feoil, na h-uile a thug thu dhà chum gu'n tugadh esan dhoibh a' bheatha mhaireannach." Eo. 17. 2. Tha 'n t-eadar-dhealachadh so air a mhuieachadh dhuinn gu soilleir leis na Abstol ag ràdh " Chuir e na h-uile ijithe fuidh a chosaibh, agus thuig se e gu bhi 'n a cheann os ceann nan uile nithe do'n eaglais." Eph. 1. 22. Cha n-ann air an dòigh àraid anns am bheil Criosd 'n a èirig airson a shluaigh fe'in, a tha è " 'na èirig airson nan uile." 1 Tim, 2. 6. 3. Is buaidh mhòr, àraid anns a' mhuinntir so, gu'm bheil iad air an ath-bhreith— air am " breith a ris." Eo. 3. 3. B'u cho do-dheante do mhuinntir a bhi 'n an sluagh do Dhia, gun ath-ghineamhuinnr 's a bhi 'n an cloinn do dhaoine gun ghinealach. Do bhrlgh gur naimhdean do Dhia sinn, mar bheirear sinn o'n bhroinn, feumaidh sinn a bhi air ar n-ùx'^bhreith, — an inntinn a an Fìwis so air a h-ullachadh. 57 bhi air a li-atharrachadh le Spiorad Dhè, a chum a bhi air ar deanamh 'n ar mic do Dbia, air-neo fantuinn 'n ar naimhdean dhà. Faodaidh ath-leasacbadh beatba a bhi air 'oibreachadh ann an duine, ach cha theàrnadh, cha shlàint spioradail sin idir, gus am bi an ùr-bhreith air a h- oibreachadh 'n a anam. 4. Foillsichear a' bheatha nuadh so ann an " sluagh Dhè" le gèur mhothachadh rau nithibh naomh. Gheibh iad mothachadh air oleas a' pheacaidh. Bheirear am peacach gu aithneachadh agus a mhothachadh gur è am peacadh sin, anns an robh a thlachd, ni a's gràineile na losgunn, no nathair, agus olc a's mò na plàigh, no gorta, gur briseadh è air lagh firinneach an Dè a's ro àirde, eas-onoir do Dhia, agus sgrios do'n pheacach fèin. Anis cha n-f huaim gun bhrigh leis achmhasan an aghaidh a' pheacaidh na's fhaide, deargaidh anis gach focal mu pheacadh air a chridhe, agus gabhaidh è cronachadh. B'àbhaist dà iongantas a bhi air carson a bhathas a deanamh a leithid a thoirm an aghaidh a' pheacaidh ? Carson nach gabhadh duine beagan toil-inntinn ann an ni toirmisgte ? Cha do thuig è roimhe gur ànn an lorg droch bhith a' pheacaidh a b'eigin do Chriosd bàsachadh, agus a bhitheas saoghal gun Chriosd air am pianadh gu bràth ann an ifrinn. Ach cha n-'eil a' chùis mar sin anis ; oir dh'fhosgail Dia a shuilean anis a dh-f haicinn gràinealachd a' pheacaidh. 5. Gheibhear faireachadh aca air an truaighe fèin an lorg a' pheacaidh. Iadsan a bha roimhe 'lèughadh nam bagairtean a ta lagh Dhè a' labhairt an aghaidh pheac- ach, mar sgèul air cogadh fad-as, chi iad anis gur iad na bagairtean sin an sgèul fèin. Gheibh iad am bìnn fèin knnta. Chi iad an ainmean fèin sgriobt' anns a' mhallachd, no cluinnidh iad an lagh ag ràdh, ball-dir- each, ris gach aon diubh, mar thuirt Natan, " Is tusa an duine." 2 Sam. 12. 7. Eoimhe so, bha corruich Dhè do'n pheacach, mar stoirm do dhuine ann an tigh tioram, dionach, no mar chràdh an duine thinn do'n duine shlàn ag amharc air, ach anis mothaichidh è gu'm bheil è air a dhiteadh, — gur duine marbh è air a dhiteadh leis an lagh, agus na'n robh binn an lagha air a h- oibreachadh amach 'n a aghaidh, gu'm bitheadh è càillte gu siorruidh. 58 Comharradh na Muinntir sin do'm bheil Is ì so obair an Spioraid air a gintinn, arm an tomhas èigin, anns na h-uile a ta air an ath-nuadhachadh. Ciamar a thigeadh peacair a dh-ionnsuidh Chriosd a dh-iarraidh maitheanais, nach d'fhuair e-fèin riamh ciontach, no air a dhiteadh? — no 'dh-iarraidh beatha gun e-fein f haotuinn marbh gu spioradail. " Cha'n 'eil fèum aca-san a ta slan air an lelgh, ach aca-san a ta tinn." Luc. 5. 31. 'Nuair a chithear an leigheas no, an ioc-shlaint, cho luath ris a' ghalar, caisgear roinn mhòr de thrioblaid an duine thinn. Agus faodaidh mothach- adh aoibhneach air tròcair a thoirt air neach mothachadh air a thruaighe fèin a dh\-chuimhneachadh na's luaithe. 6. Tha mothachadh aig a' mhuinntir so air diomhanas agus air easbhuidheachd a' chrèutair. Is fear-iodhol- aoraidh gach duine do thaobh nàduir. Dh'fhalbh ar cridheachan o Dhia ann an tuiteara Adhaimh, agus riamh o'n là sin, is è an crèutair bu dia dhuinn. Is è so peac- adh mòr ar nàduir. Bheir gach duine neo-ìompaicht' a' chòir 's a' ghlòir a bhuineas do Dhia 'n a aonar, agus an t-àit a's àirde 'n a chridhe, do'n chre'utair. Cha n- 'eil teagamh nach abrar Tighearn agus Slànuighear ri Dia agus Criosd, ach an de"igh sin uile, gheibhear fior dhùil a' chrèutair ris a' chrèutair, agus bheirear dhà an onoir bu choir a thoirt do Dhia fèin. Is iad taitneas, buannachd 'us onoir, trionaid an duine nàdurraich, agus is è Fein feòlmhor an triuir sin 'n an aon. B'è ìarraidh a bhi " mar dhèe" ar ceud pheacadh, agus sin am peac- adh a's mò a ta air a ghintinn ann ar nàdur o ghinealach gu ginealach. 'Nuair a tha Dia ag ìarraidh ar treòrach- adh, treòraichidh sinne sinn-fèin. 'Nuair a tha Dia ag larraidh ar riaghladh, cha n-àill leinn-ne ach ar riaghladh, fèin. Gheibh sinn coire do'n lagh a thug Dia dhuinn. B'àill leinn 'atharrachadh, no, na'm faodamaid, a dhean- amh air dòigh eile — lagh ùra dheanamh arèir ar càil fèin. Is kill le Dia curam a ghabhail dhinn, agus mur gabh, bitidh sinn càillte, ach is feàrr leinn-ne ar cùram fein. 'Nuair bu choir dhuinn ar cuid iarraidh air Dia gach là, is feàrr leinn a bhi beò air ar cuid fèin. 'Nuair bu choir dhuinn strlochdadh d'af hreasdal, is ann a gheibhear sinn ri gearan air, 'sa' smuaineachadh gu'n deanadh sinn-fèin cùisean òrduchadh na's feàrr na rinn Dia. 'Nuair bu an Fìiois so air a h-ullachadh. , 59 choir dhuinn smuaineachadh air gràdh, ùmhlachd 'us onoir a thoirt do Dhia, is arm a gheibhear sinn a' smuaineachadh air gràdh, ùmhlachd 'us onoir do ar nàdur feòlmhor fèin. An àit a bhi ag ìarraidh sùil Dhe" a bhi birnn, is ànn b'àill leinn sùilean 'us eisimeil nan uile dhaoine 'bhi òirnn-fèin, agus buidheachas, cliu 'us moladh 'f haotuinn o na h-uile dhaoine. Mar sin, is sinn- fein, do thaobh nàduir, ar n-iodhol-aoraidh fein. Ach sios tuitidh an Dagon so 'n a chriomagan, cho luath 's a dh-ath-nuadhaicheas Dia an t-anam. Is è àrd chrìoch na h-oibre mòire sin, — obair an ath-nuadhachaidh, — an cridhe a thoirt air ais a dh-ionnsuidh Dhè fèin. Dearbh- aidh Dia air a' pheacach nach urrainn an crèutair a bhi 'n a Dia dhà, chum a dheanamh sona, — nach urrainn b bhi 'n a Chriosd dhà, chum a shaoradh o thruaighe, agus 'aiseag a dh-ionnsuidh Dhè, — a shonas. Ni Dia so cha n-ànn amhàin le teagasg 'fhocail, ach mar-an-ceudna le teagasg a fhreasdail. So anis an t-aobhar gu'm bheil trioblaid ghoirt a' freagairt cho trie ann an obair an lompachaidh. Eignichear sluagh gu èisdeachd ri argu- maid a ruigeas am beò, 'nuair a dheanadh ìad dimeas air na briathraibh a's comasaiche. Faic peacach a rinn dia de nithibh aimsireil, onoir, creideas agus saoibh- reas, 'nuair a leigeas Dia nàire, no masladh tròm air, a thilgeas sè è ann an staid chruaidh às nach urrainn na nithe sin fuasgladh a thoirt dà, no 'ghearras è air falbh uaith iad gu lèir, nach trie a chuidicheas cronachadh mar sin ann an toirt a' chridhe gu mothachadh ! Ma's è sogh a's dia do dhuine, maille ris gach ni a mhiannaicheas a shuil luasganach, a chluas dheigheil, a chàil shànntach 's a chridhe collaidh, agus gun dean Dia iad sin uile a ghearradh air falbh uaith, no am fàgail 'n an searbhadas agus 'n am burmaid dhà, nach trie a bheir buille mar sin an cridhe cruaidh gu mothachadh ! 'Nuair a thilgeas Dia duine ann an tinneas cràiteach a' gearradh a chridhe le lotaibh, 's a' dhsgadh a choguis fein 'n a aghaidh, agus ag ràdh ris, mar gu'm b' eadh, " Feuch an urrainn creideas, saoibhreas, no sogh do chuideachadh anis? An urrainn iad do choguis leointe a shlknachadh ? do chorp a chumail suas fo chrith a' bhàis ? no d' anam a chumail o ghairm a' bhàis? thu-fèin a theàrnadh o'n 60 Comàarradh na Muinntir sin do'm 'blieil f heirg shìorruidh ? no d' anam a shaoradh o lasraichibh sìorruidh ? Anis èigh gu h-àrd riutha sin, agus faic an seas ìad dhuit an kite Dhè agus Chriosd?" 0 mar dh-oibricheas so gu dlùth, teànn air a' pheacach ! Moth- aichidh 'us aidichidh an fheòil fèin anis maille ris gach ckil gur diomhanas an crèutair. 7. Fòs mothaichidh " sluagh Dhe^' lànachd agus àrd birdhearcas Chriosd, agus am feum mòr air Criosd. Tha iad mar dhuine gortach a' mothachadh a mhòr fhèum air biadh, no mar dhuine ciontach air a dhiteadh, a' mothachadh 'fhèum air maitheanas, no mar dhuine glaiste ann am prìosan airson f hiachan, a' mothachadh 'f heum air neach a phàidheas air a shon. Is ann anis a mhothaicheas am peacach 'eallach tròm, do-ghiùlain fèin, agus a chì è nach 'eil aon ànn a's urrainn a thoirt deth, ach Criosd. Tuigidh è gu'm bheil è air èigheachd 'n a cheannairceach leis an lagh, agus nach 'eil aon ann ach Criosd a's urrainn fuasgladh a thoirt dà Mio thòir- eachd an lagha. Tha è mar dhuine air a ruagadh le leò- mhan, agus a dh-f he'umas bàsachadh mur faigh è dìdean gugrad. Gheibhear è nis anna an ìmcheist so : "Feum- aidh mi an dara cuid," " their è, a bhi air m' f hirean- achadh le Criosd, no air mo dhiteadh gu siorruidh, — a bhi air mo theàrnadh le Criosd, no air mo losgadh le teine na h-ifrinn gu siorruidh, — Criosd mo thoirt a dh-ionn- suidh Dhè, no a bhi air mo thilgeil amach o làthair Dhè gu bràth." Cha n-iongantach geda dh-eigheadh è mach, mar a rinn am martarach, " Criosd fèin, Criosd fèin, gun aon air-bith ach Criosd." Cha n-òr, ach aran a shàsaich- eas neach acrach. Cha toir ni sam-bith ach maitheanas solas dhà-san a ta air a dhiteadh. " Tha na h-uile nithe air am meas leis anis, mar aolach, chum gu'n cosinn è Criosd, agus na nithe a bha" roimhe " 'n am buannachd air am meas" anis " 'n an call airson Chriosd." Philip. 3. 7, 8. 'Nuair a chi am peacach a thruaighe fern, agus nach urrainn a chomas fèin, no " na h-uile nithe" eile 's an t-saoghal a theàrnadh, tuigidh e nach 'eil tròcair theàrnaidh ann amach à Criosd. Chi è ged nach urrainn e-fein, no creutair sam-bith a theàrnadh, gur urrainn Criosd. Ged nach urrainn duileagan-figis beaga, bochd ar droch f hireantachd fèin ar lonmochd a chòmhdach, an Fhois so air a h-ullacliadh. SI gidheadh is mòr, is leèr f ireantachd Chriosd ehum ar n-anamanan a sgeadachadh. Cha n-urrainn ar f irean- tachd fèin aon phung de cheartas an lagh' a riarachadh, acn rìaraichidh agus sithichidh fìreantachd Chriosd a h-uile pùng dheth. Tha Criosd a' deanamh eadar- glmidhe ris an Athair airson a' pheacaich, agus an lorg àrd inbhe an Eadar-mheadhonair ghlòrmhoir sin, agus luach a dheadh-thoilltinneis, deònaichidh an t-Athair dhà gach ìarrtas. Roimhe so, cha b'aithne do'n pheac- ach òirdhearcas Chriosd, na's feàrr na's aithne do dhuine ìàll solus na grèine, ach tha è nis a'faicinn a ghlòir'. 8. Fo'n ghèur mhothachadh so atharraichear an toil. Cho luath 's a chithear olc a' pheacaidh leis an tuigse, pillidh an toil air falbh uaith, le fuath agus grain. Ach cha n -atharraichear iarrtas dligheach na toile, ni mò a dh-f huathaicheas ì cuspair laghail, neo-thoirmisgte sam- bith. Tha atharrachadh so na toil' a' co-sheasamh ann a bhi 'gabhail grain de gach smuain, focal agus gniomh olc, no de gach n\ nach 'eil arèir toil Dè, ciod-air-bith è. Cha n-è mhàin gu'm faicear anis aimhleas truagh a' pheacaidh, ach nithear caoidh air a shon. Cha n-ur- rainn an t-anam amharc air a chionta mòr an aghaidh Dhè, no idir air a' chall uamhasach a thug e air-fèin, gun bhruithadh cridhe. Gach neach a chi gu soilleir gu'n do chèus è Criosd gu bàs, agus gu'n d'rinn sè e-fèin a tnharbhadh, bithidh è gu cmnteach ann an tomhas èigin J< air a bhioradh 'n a chridhe." Mur urrainn è guil, is Irrainn a chridhe osnaich a dheanamh. Mothaichidh a chridhe an ni a ta an tuigs' a' faicinn. Trèigear anis agus tilgear amach diomhanas a' chreutair ^s a' chridhe le grain. Gidheadh cha n-fhaodar tàir, no dlmeas a dheanamh air ceart ghnàthachadh a' chreutair. Faigheadh è an t-àit 's an onoir a's dligheach dhà, ach gabh an aire nach f haigh è gu bràth àit agus onoir Dhe anns a' chridhe. 0 na dean idir dia dheth. An è Criosd an t-sligh, far an è an crèutair a' chrioch ? Am bheil sinn ag iarraidh gu Criosd a chum ar deanamh rèidh ri Dia, 'nuair is è an crèutair a's ànnsa leis na cridheachan againn na Criosd ? Is è an crèutair is Dia agus is Criosd ann an anam gach duine nach eil air a'th-nuadhachadh. Am bheilear a' creidsinn ann an Criosd, far am bheil ar F G2 Comharradh na Muinntir sin dd'm hheii fìreantachd fern, no nì sam-bith eile mar Shlànuighear dhuinn ? Air do'n chridhe làn deai'bhadh 'fhaotuinn air peacadh agus truaighe, agus a bhi air a philleadh air falbh o aoradh a' chreutair, agus o gach fèin-f hireantachd, cha n-fhàg Dia an t-anam sin gun 'ath-nuadhachadh : oir far am bheil an obair glan, bithidh ì làn. Cha n urrainnear pilleadh gu glan idir o'n chrèutair, i dh-ionnsuidh Dhè, tre rathad sam-bith ei]e, ach tre Chriosd fein : mar sin cha chreidsinn glan, no fior idir ann an Criosd, creidsinn air-bith a ni duine, f had 's a bhios a chridhe fo bhuaidh a' chreutair. Is aon obair gach peacadh agus gach iodhol-aoraidh a threigsinn, agus Criosd a cheart-ghabhail h-ugainn. Agus làn-choimh lionaidh Dia an obair so, far an tàrmaichear ì leis. Agus aig a' cheart am sin dhi-leanaidh an toil ri Dia agus ri Criosd. Air do'n pheacach a làn-mhothachadh nach f haighear sonas ann an cuspair sam-bith eile, gheibh è nis a shonas ann an Dia. Agus air dhà a mhothachadh fòs gur è Criosd 'n a aonar a tha comasach agus toileach sith a dheanamh ri Dia air a shon, gabhaidh è ris gu fior ghràdhach mar a Shlànuighear. B'è searmonachadh Phòil " aithreachas a thaobh Dhè agus creidimh a thaobh ar Tighearna Iosa Criosd." Agus tha "a' bheatha mhaireannach" a' co-sheasamh, anns a' cheud kit, ann an " eòlas a bhi againn air an aon Dia f hior, agus," anns an dara h-kit, " air Iosa Criosd a chuir è uaith." Eb. 17. 3. Is è an Tighearn a ghabhail mar ar Dia, a' chuid nàdurrach de'n chùmhnant ; ach is è Criosd a ghabhail mar ar Fear- saoraidh, a' chuid os-nàdurrach, no a' chuid a's àirde na nàdur, — a' chuid mhiorbhuileach, — de'n chùmhnant. Is fior f heumail a' cheud chuid an toiseach, agus tha ì air a filleadh anns an dara cuid. Cha chreid- imh fireanachaidh idir Criosd a ghabhail gun ghràdh, gun chaidreadh cridhe. Cha n-ann amhkin mar thoradh a dh-oibricheas gràdh do Chriosd, ach le Criosd 'fhàilt- eachadh 's a ghràdhachadh ball-direach : oir is è an creidimh glan, Criosd a ghabhail h-ugad le d' uile anam. " An ti a ghràdhaicheas athair no màthair ni's mò na Criosd, cha'n airidh air è ;" n mò a bhitheas è air 'f hireanachadh leis. Mata 10. 37. Gabhaidh creidimh è mar a Shlànuighear agus mar a Thighearn ; oir is kill an Fhols so air a h-ullachadh. 63 leis a bhi air a ghabhail anns an da dhaimh sin, air-neo cha ghabhar idir è. Aidichidh creidimh, cha n-è mhàin. fulangais Chriosd, agus gabhaidh è maitheanas agus glòir, ach aidichidh è uachdaranachd Chriosd, a' striuchdadh dhi mar shligh na slàinte. 9. So comharradh brighmhor eile air " sluagh Dhè :" Thèid iad anis astigh gu toileach ann an cumhnant, no ann an co-cheangal ri Criosd. Cha robh am peacach riamh ann an cùmhnant teànn, sòlasach ri Criosd. gus anis. Tha è air a dheanamh cinnteach le saor thairg- seachan Chriosd gu'm bheil Criosd ag aontachadh leis, agus tha e-fein anis ag aontachadh le Criosd gu toil- each. Mar sin, tha còrdadh air a làn-dheanamh eatorra. Anns a' chùmhnant so tha Criosd 'g a thoirt fèin le 'shòlasaibh uile do'n pheacach, agus am peacach 'g a thoirt fèin suas do Chriosd gu bhi air a theàrnadh 's air a riaghladh leis. Agus anis their an t-anam gu suidhichte, " Bha mi ro f hada air mo dhàll-threòr- achadh le feòil 'us ana-miann, leis an t-saoghal agus leis an diabhul. Theabas mo lèir-sgrios leo. Bithidh mi nis gu lèir fo riaghladh mo Thigheama, a cheannaich mi le 'f huil fèin, agus abheir mi 'dh-ionnsuidh a ghlòire fèin." 10. Agus buanaichidh " sluagh Dhè" anns a' chumh- nant so gus a' chrioch. Mata 24. 13. Faodaidh. gu'n tachair do'n chreidmheach peacadh a dheanamh gi- dheadh cha dean am fior chreidmheach a Thighearn àicheadh gu bràth, — cha diùlt è ùmhlachd a thoirt dà uairair-bith, cha bhi aithreachas air airson a' chùmhnaint a rinn h ri Criosd, agus cha n-urrainnear a ràdh gu ceart gu'm bheil an cùmhnant sin air a bhriseadh, f had 's a mhaireas an creidimh air am bheil è air a shuidheach- adh. Faodaidh iadsan, nach d'rinn ach amhàin ciimh- nant beòil a dh-easbhuidh làn toil a' chridhe, "fuil a choimhcheangail a shaltair fo'n cosaibh, mar ni mi- naomha," {Eaoh. 10. 29.) le dealachadh riuth-san a ta air taobh muigh na h-eaglais, ach cha n-urrainn an " sluagh taghta" a bhi air am mealladh mar sin. Mata 24. 24. Ged is cinnteach am buanachadh so do na fior chreidmhich, gidheadh tha è air a dheanamh 'n a chumha dhoibh air slàint, seadh air am beatha agus air toradh 64 Comharradh na Muinntir sin dd'm bheil a ghiùlain leo gu buanaichte, sior-mhaireannach, agus air mairsinneachd am fireanachaidh, ach cha n-ann air mairsinneachd an ceud f hireanachaidh. Faic Ebin 15. 4. 6, 9. ; Caib. 8. 31. Taisb. 2. 25, 26. ; Caib. 3. 11, 12. Col. 1. 23. Ròm. 11. 22. Gu-ma beannaichte gu bràth làmh sin a ghràidh a sgriobh agus a shèulaich an gealladh saor leis am bheil a ghràs agus an rioghachd air an deanamh cinnteach d'a shluagh. Sin anis na h-àrd bhuaidhean brìghmhor, àraid a gheibhear aig sluagh so Dhè: ach cha n-'eil an òir- dhearcas uile, agus gach comharradh eile leis an aith- nichear \ad, air an làn-ìnnseadh fathast. Ach, a leughadair, guidheam ort anis, ma tha srad de dhòchas a' Chriosduidh, no reusan duine agad, thoir breth ort-fèm, mar aon air an toirear breth gu h-aith- ghearr, leis an Dia Uile-chothromach. Frea'gair anis gu f irinneach na ceistean so a chuirear riut. Cha n-i idir a' cheist luachmhor cò aca 'tha, no nach 'eil cuimhne agad cuin, no ciamar a thòisich obair an Spioraid annad, no cuin, no ciamar a bha thu air d'iompachadh. Theagamh nach gabh sin ìnnseadh le làn chinnteas. Ach is beag is f hiti sin, ma tha fios agad gu'm bheil an obair mhaith a' gabhail air a h-aghaidh 'n ad' anam. Ach ceasnaich thusa thu-fein anis, agus feòraich dhiot- fèin gu cùramach mar so : — Am bheil làn mhothachadh agam-sa air trom thruailleadh m' anama gu lèir? air tròm aingidheachd m' uile bheatha ? air gràinealachd a' pheacaidh ? Nach do bhris mi air a' chùmhnant '? nach 'eil mi an lorg sin toilltinneach air bàs sìorraidh airson a' pheacaidh a's lugha ? Am bheil mi 'tuigsinn gur fior agus cothromach an lagh, agus gu'm bheil mi-fein air mo dhiteadh leis gu bàs ? Am bheil mi 'tuigsinn nach urrainn crèutair sam-bith mo shaoradh, sonas a thoirt domh, no bith truagh a' pheacaidh a ghlanadh uam? Am bheil mothachadh agam gur arm o Dhia fèin amhkin a thig sonas, agus gur è Criosd an t-sligh gu Dia ? — gu'm feum mi 'bhi air mo thoirt a dh-ionnsuidh Dhe tre Chriosd, no 'bhi càillte gu siorruidh ? Am faca mi mo mhòr fhèum air Criosd a mhealtuinn, agus air an làn phailteas a ta ann-san a chum m' uireasbhuidh uile a nonadh suas ? Am faca mi òirdhearcas na " neamhnuid" an Fhois so air a h-ullachadh. 65 so a's f hiach a h-uile ni a ta agam " a reic a chum a cean- nach?" An robh mis' ag ìarraidh slàinte do m' anam mar dhuine tartmhor ag iarraidh dibhe? An robh mo pheac- adh 'us mo thruaighe 'n an grain agus 'n an eallach do m' anam ? Am bheil mi ri guil 'us caoidh 'us osnaich airson sin ? Am bheil mis' ag àicheadh m' f hireantachd fein gu lèir ? Am bheil gach dia-brèige, gach iodhol 'us dòchas ri cre*utair air an tilgeil amach à mo chridhe, agus am bheil mo chridhe nis 'n a sheirbhiseach dileas do Dhia agus do Chriosd ? Seadh, a leughadair, am bheil thus' a' gabhail ri Criosd mar do Shlànuighear, a' feitheamh ri fìreanachadh, teàr- nadh agus glòir uaith-san amhàin ? Am bheil d' anam agus do bheatha air an riaghladh le lagh Chriosd. An fheàrr leat gnàth-ghèilleadh do lagh Chriosd na do ghairmibh na feòla ? An ànnsa leat toil Chriosd na do chreideas, do bhuannachd, do thaitneas, no eadhon do bheatha? Am bheil an t-àit a's àirde aig Criosd ann do chridhe, agus ged nach urrainn thu a ghràdhachadh cho mòr 's a b'àill leat, gidheadh gur mò do ghràdh dhà-san na do chuspair sam-bith eile ? Am bheil thu chum na criche so, gu toileach a' deanamh co-cheangail ris, agus 'g a do "lìrigeadh" fèin suas dà? Am bheil thu gu mòr-chùramach, caithriseach, oidhirpeach a' saothraeh- adh a chum an co-cheangal so a choimhead gu firinn- each, agus geda thuiteadh tu ann am peacadh, nach bris thu do bhargan, nach trèig thu do Thighearn, agus nach toir thu thu-fèin suas do chumhachd sam-bith eile, ged gheibheadh tu an saoghal uile ? Ma's è sin gu cinnteach do staid, is aon thu de " shluagh Dhè," a ta ainmichte anns a' cheànn-theagaisg, agus cho cinnteach 's a tha gealladh Dhè fior, tha an fhois bheannaichte so air a fàgail fa do chomhair-sa. Amhàin gabh an aire gu'm " fan thu ann an Criosd." Eò. 15. 4. Gabh an aire gu'm bi thu " seasmhach chum na criche." Mata 24. 13. Cuimhnich " ma philleas neach sam-bith air ais, cha bhi aig Criosd tlachd ann." Eabh. 10. 38. Ach mur faighear dad de'n obair so annad-sa fathast, ciod-air-bith a their do chridhe meallta, ciod-air-bith cho làidir 's a tha do dhòchas brèugach, chì thu air do chosd, mur bacar h le làn iompachadh d' anama, nach 56 Comharradh na Muinntir sin ddm bheil buin fois nan naomh dhuit-sa. ' 0 bi glic, matà, tuig so, thoir fainear do chrioch dheireannach !' Am feadh a ta fathast d' anam ann do chorp, agus " luach ann do làimh," agus fàth-chothrom agus dòchas romhad, fosgail do chluas 'us crom do chridhe ri comhairle Dhè, chum gu'm faigh thu fois maille ri " sluagh Dhè" ann an " oighreachd nan naomh 's an t-solus." Col. 1. 12. Tha è fìor shoilleir o'n Sgriobtuir gu'm bi an f hois so air a mealtuinn le '■ sluagh Dhè." Tha sin air a dhearbhadh dhuinn ann an caochladh àit de'n f hirinn. Tha an sluagh so air an " roimh-òrduchadh" airson na foise so, agus an f hois so air a roimh-òrduchadh air an son-san. " Cha nàir le Dia gu'n goirear an Dia-san dheth : oir dh'ulluich e dhoibh baile." Eabh. 11. 16. Is iadsan " soithichean na tròcair, a dh'ulluich e roimh- laimh chum a ghlòire." Ròm. 9. 23. "Ann an Criosd fhuair iad oighreachd, air dhoibh bhi air an roimh- òrduchadh a rèir ruin an ti a ta 'g oibreachadh nan uile nithe a rèir comhairle a thoile fèin." Eph. 1. 11. " Agus an dream a roimh-òrduich e, ghlòraich e mar an cèudna." Ròm. 8. 30. Cò is urrainn an fhois so a thoirt o " shluagh Dhe-," a ta air a h-ullachadh dhoibh le comhairle Dhia fern. Tha ìad arèir an Sgriobtuir " air an saoradh" airson na foise so. " Tha dànachd againn chum dol a steach do'n ionad a's naomha, tre fhuil Iosa." Eabh. 10. 19. Thèidear asteach an diugh tre chreidimh agus ùrnuigh, agus le làn sheilbh an dèigh so. Seinnidh na naoimh " òran nuadh" air nèamh " Dhàsan a shaor iad do Dhia le 'fhuil fèin, is gach uile shluagh agus chinneach, agus a rinn righrean agus sag- airt dhiubh do Dhia." Taisb. 5. 9, 10. Carson, a bha fuil Chriosd air a dòrtadh ? carson a dh'fuilig è ? no cia- mar a " chì è do shaothair 'anama," mur 'eil " fois air a fàgail fa chomhair sluaigh Dhè ?" Tha 'n fhois so air a gealltuinn doibh gu trie, anns an Sgriobtuir. Mar dhealraicheas na spèuran àrd le rèultaibh, tha focail na firinn a' dealrachadh le geallaidhean gràsmhor Dhè d' a shluagh. Tha Criosd ag ràdh riutha " Na biodh eagal ort, a thrèud bhig ; oir is ì deadh thoil bhur n~Athar an rioghachd a thoirt duibh." " Agus a ta mise ag òrduch- adh dhuibh rioghachd. mar a dh'orduich m' Athair an Ffwis so air a h-ullachadh. 67 dhomh-sa ; chum gu 'n ith agus gu 'n òl sibh air mo bhòrd-sa ami am rioghachd." Luc. 22. 29, &c. Tha uile mheadhonan nan gràs, obair an Spioraid air an anam, deanadas gràsmhor nan naomh 'n ar measg, gach gairm gu aithreachas agus cveidsinn, gu trasgadh agus ùrnuigh, gu bualadh agnsìarraidh, gu spàirn agus saoth- air a dheanamh, gu ruith agus cathachadh, a' dearbhadh gu'm bheil " fois air a fàgail fa chomhair sluaigh Dhè." Carson eile 'thogadh an Spiorad mìann cho làidir an dèigh nèimh, agus gràdh cho mòr do Chriosd annainn, mur faigheamaid an ni air am bheil ar mìann 's ar gràdh ? An Ti a " threòraicheas ar cosan air sligh na sithe," nach toir è sinn gu cinnteach a dh-ionnsuidh " na sithe ?" Luc. 1. 7, 9. Faic cho dliith 's a tha na meadhonan agus an crioch d'a cheile I " Tha rioghachd nèimh a' fulang ainneirt agus luchd na h-ainneirt, 'g a glacadh le làmhachas làidir." Mala 11. 12. " Iadsan a leanas Criosd anns an ath-ghineamhuinn, suidhidh iad maille ris air caithir a ghlòire fein." Mata 19. 28. Tha sinn air ar deanamh làn chinnteach. leis an Sgriobtuir gu'm bheil " toiseach," " roi-bhlas," " geall-daingnich" agus " sèulachan" na foise so aig na naoimh anns a' bheatha so. " Tha rioghachd Dhè an taobh a stigh dhiubh." Luc. 17. 21. " Ged nach f hac' iad Criosd, gidheadh, air dhoibh creidsinn ànn agus a ghràdhachadh, tha iad a' deanamh mòr ghàirdeachais le h-aoibhneas air dol thar labhairt (do-labhairt) agus làn do ghlòir : a' faotuinn criche an creidimh, eadhon slàinte do'n anamaibh." 1 Pead. 1. 8, 9. "Tha iad a' deanamh gàirdeachais 'an dòchas glòire Dhè." Ròm. 5. 2. ' Tha Dia ?g an sèulachadh le Spiorad naomh sin a' gheallaidh, neach is e geall-daingnich na h-oighreachd aca, agus nach toir è Van sheilbh dhoibh?' Eph. 1. 13, 14. Gheibhear fòs anns an Sgriobtuir ainmean " muinntir a chaidh a steach cheana do'n t-suaimhneas" so, eadhon Enoch, Abraham, Làsarus, an gacluiche 'chaidh chèusadh maille ri Criosd, agus feadhain eile. Agus ma tha fois ann dhoibh sin, air chinnte, tha fois ànn do na creidmhich. uile. Ach cha ruigear a leas a bhi 'càrnadh suas tuille dearbhaidh o'n Sgriobtuir air a' chilis ; oir is ì crioch nan Sgriobtuir uile3 ar treòrachadh a dh-ionnsuidh na staide beannaichte 68 Comharradh na Muinntir sin ddm hheil so. Is è an Sgriobtuir a' bhànn-sgrìobhta anns an lèugh sinn ar còir air oighreachd na fois.' Arèir an Sgriobtuir, is ànn amhkin airson " sluaigh Dhè" 'n an aonar, a tha 'n f hois so air a fàgail. Cha bhuin ì do mhuinntir sam-bith eile, ach dhoibh-san amhain. Mar sin, cha n-'eil cuid, no còir innte aig a' chuid eile de'n t-saoghal. " As èugmhais naomhachd cha n-f haic neach air bith an Tighearn." " Mur beirear duine a ris cha'n fheud e rìoghachd Dhè" fhaicinn." " An ti nach 'eii a' chreidsinn anns a' Mhac, cha'n f haic e beatha ; ach a ta fearg Dhè a1 gabhail còmhnuidh air." " Cha 'n 'eil aig fear-striopachais air bith, no aig neach neo-ghlan, no aig duine sanntach, a ta 'na f hear-iodhol-aoraidh, •oighreachd ann an rloghachd Chriosd agus Dhè." Eph. 5. 5. " Cuirear na h-aingidh gu h-ifrinn, na cinnich uile nach cuimhnich Dia." Salm9. 17. "Bithidhiad uile air an diteadh, nach do chreid an f hirinn, ach aig an robh tlachd anns an èucoir." 2 Tes. 2. 12. " Thig an Tighearn Iosa ann an teine lasarach a dheanamh diogh- altais air an dream aig nach 'eil eòlas air Dia, agus nach 'eil umhal do shoisgeul ar Tighearn Iosa Criosd ; muinn- tir air an deanar peanas le sgrios shiorruidh o làthair an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd." 2 Tes. 1 . 7-9. Na'm b' àill leis na h-aindiadhaich pilleadh mu'n do bhàsaich iad, agus gabhail gu toileach ri Criosd mar an Slànuighear agus an High, agus a bhi air an teàrnadh leis arèir a dheadh òrdùigh fèin, dh-fhaodadh iad a bhi air an teàrnadh. Thairg Dia beatha dhoibh gu saor, ach cha b' kill leo-san a gabhail. Is è taitqeas na feòla a b' ànnsa leo na glòir nan naomh. Thairg Satan aon diubh sin dhoibh, agus thairg Dia an aon eile dhoibh. Fhuairiad an roghainn dhiubh sin gu saor, ach b'f heàrr. leo " solas a' pheacaidh a mhealtuinn rè seal" na fois shiorruidh maille ri Criosd. Agus nach ceart an ni gu'n diultar dhoibh anis an ni nach b'àill leo 'ghabhail roimhe so, geda bha Dia 'g a sparradh orra gu durachdach, agus 'g an tàladh astigh gu dian, gidheadh cha b'àill leo-san ? Càit, uime sin, an coir dhoibh a bhi ach "a muigh" maille ris na " madruidh?" Ged nach gèill an t-aingidh gus am buadhaich mòr chumhachd grhis air, gidheadh is f ior a dh-f haodar a ràdh gu'm faod è bhi air an Fhois so air a h-ullachadh. 69 a theàrnadh, ma's kill leis teàrnadh arèir òrdugh Dhè. Cha leisgeul idir do dhuine sam-bith a ràdh nach 'eil è comasach e-fèin a theàrnadh. Ma rànnsaichear a' chùis gu h-onorach, chithear gur ànn o aingidheachd a' chridhe, agus o mhì-thoil a' chridhe a tha am mì-chomas, no an leisgeul olc so a' sruthadh. A dhuine I nach 'eil thu comasach air ith 'us òl a dheanamh ? nach 'eil thu com- asach air cur 'us buain a dheanamh ? seadh, nach 'eil thu comasach gach ni a chi thu feumail a dheanamh airson do chuirp, 'nuair is kill leat ? Agus an Ti a thug comas dhuit gach ni feumail iarraidh 's a dheanamh airson do chuirp, nach tug è dhuit mar-an-cèudna comas gach ni feumail — teàrnadh, beatha, fois — iarraidh 's a ghabhail do d' anam, ma's àill leat ? Cha n-'eil teagamh air. Uait do dhroch leisgeul matà. Cha n-fheàrr è na leisgeul an adhaltrannaich a their nach urrainn è gràdh a thoirt d' a mhnaoi fein, no leisgeul an duine ghàmhlas- aich a their nach 'eil è comasach a bhi reldh ri coimhears- nach, no bràthair. Ann an ifrinn cuiridh peacaich a' choire gu lèir air an toil fèin gu bràth. An sin labhraidh. an coguis fo dhòruinn gu rèusanach 'n an aghaidh fèin. Bu mhòr an t-sith d'an coguisibh, 's am faothachadh d'an doruinn, cha b' ifrinn ifrinn doibh, na'm b'urrainn iad a ràdh, is èDia a ta ri 'choireachadh airson so, agus cha n-è sinn-fèin. Ach neartaichidh sior chuimhne air an droch thoil " an teine nach muchar," a' biadhadh " cnuimh" sin na coguis nach bàsaich a chaoidh. Marc. 9. 44. Is ì toil Dè nach faigh a shluagh an fhois so a làn- mhealtuinn gi^s an ruig iad an saoghal eile. Cò is còir na crèutairean a riaghladh, ach Dia fern a rinn iad ? Am bheil thu 'faighneachd carson nach 'eil an fhois so ag- ainn air thalamh ? Bu cho math dhuit a ràdh, carson nach 'eil earrach 'us foghar gun gheamhradh againn, no carson a tha an talamh so fodhainn 's an iarmailt os ar cionn? Fèumaidh na h-uile nithe teachd gu'n làn inbheachd, a' chuid 's a' chuid. Bu leanabh an duine a's treise, air tùs. Bu chnò an daraga 's airde, uair-eigin. B'èigin do'n sgoilear a's ionnsaichte tc-iseachadh leis an Abideil. Is ì 'bheatha so ar leanabanachd. Ciamar a thigeadh dhuinn iarraidh a bhi làn mhòr anns a' bhroinn, no air ar breith aig àirde duine ? Na'n robh ar fois an so, 70 Comharradh na Muinntir sin do'm bheil bu ghànn feum air freasdalaibh Dhè. Bithidh glòir aig Dia ann an saoradh miorbhuileach na h-Eaglais, agus ann an tuiteara a naimhdean ; agus an dealaich è ris a' ghlòir sin le àrd shonàs a thoirt do dhaoinibh ann an euairt na beatha so ? Na'n robh sinn uile sona, neo- chiontach, iomlan, cait am bitheadh fèum air na h-oibribh glòrmhor sin, — ar naomhachadh, ar fireanachadh, agus ar slàint ri teachd ? Mur bitheadh easbhuidh ni sam- bith òirnn, cha dlùthaicheamaid cho mòr ri Dia, ni mò a ghairmeadh sinn air cho durachdach. Na'n robh againn gach ni a b' àill leinn, is beag a dh-iarramaid air Dia ! Cha bhitheadh àrd òrana molaidh air an toirt riamh do Dhia le Maois, aig an Fhairge Ruaidh agus anns an f hksach, agus arist le Deborah, Hannah, Daibhidh 'us Heseciah, na'n robh an sonas 'n an lkimh fèin. Agus, a Chriosduidh, nach minig a thug do chunnart 'us do thèinn ort krd mholadh a thoirt do Dhia ? Bithidh an clhi 's a' ghloir a's kirde aig Dia 's an t-saoghal so air- son na saorsa, na rèite, agus na slaint' a tha è 'tabhairt tre Chriosd, agus nach ì truaighe dhaoine a b' aobhar air sin ? Far nach f haigh Dia fath-chothrom air tròcair a nochdadh, caillidh an duine an sonas a thig o thròcair a mhealtuinn. Far nach f haigh Dia a mholadh, cha n- f haigh duine solas. 0 cia milis an solas a gheibh na naoimhairson an iirnuighean ! Ciamar a dh-aithnicheam- aid cho teò-chridheach 's a tha ar n-Athair neamhaidh, mur rachadh, mar rinneadh air an struidhear, plaoisg nan solas talmhaidh a dhiultadh dhuinn ? Cha mhoth- aicheamaid gu brkth cho blkth-chritheach \s a tha Criosd, mur faigheamaid sinn-fein sgìth agus trom- luchdaichte, acrach agus tartmhor, bochd agus bruite. Is taitneach do'n t-saighdear, no do'n f hear-astair, sealltuinn air ais air a dhol-às o gach cunnart, is è nise sàbhailt. Agus mar sin is taitneach do gach aon de na naoimh air nèamh sealltuinn air ais air na cunnartaibh mòr' o'n deachaidh è às, — air a chuid peacaidh agus bròin air talamh, — air' eagal agus a dheòir, — air a naimhdean agus 'aimhreitean, 'easbhuidhean 's a thrioblaidean. Ni sin a ghairdeachas na's aoibhniche. Uime sin, labhraidh na naoimh bheannaichte ann am moladh an Uain, air an saoradh leis às gach cinneach, teangaidh agus sluagh an Fhois so air a h-ullachadh. 71 agus mar sin, às gach peacadh, truaighe agus easbhuidh, 'us iad anis air an deanamh 'n an righrean agus 'n an sagartan do Dhia. Ach mar bitheadh ni sam-bith aca ach toil-inntinn 'us fois air talamh, cò às a dheanadh ìad gàird eachas an dèigh sin ? Cha n-'eil sinn idir comasach air fois a mhealtuinn air thalamh. Ciamar a b'urrainn làn toil-inntinn agus fois a bhi aig anam cho lag ann an gràs, cho buailteach do pheacadh, cho dlù-naisgte ri ban-chompanaich cho truaillidh ris an f heòil ? Ciod è sin fois anama, ach a bhi saor o gach peacadh, o gach neo-iomlanachd agus o naimhdean ? Ciamar a gheibheadh anam fois, a ta gach là air a phlàigh-bhuaireadh leis na h-uilc sin uile ? Car- . son a chluinnear Criosduidhean cho trie ag e'igheachd amach le Pòl " Och is duine truagh mi ! cò a shaoras mi ?" Carson a tha ìad a' dian-ruith a dh-ionnsuidh a' chomharraidh, a' greasad a chum gu'm faigh iad an duais, 's a' deanamh spàirn gu dol astigh, ma's comasach lad air an fhois ud a mhealtuinn anns a' bheatha so ? Ni mò is urrainn ar cuirp an fhois ud a mhealtuinn an dràst. Cha n-iad so na cuirp ghrian-ghlan a bhitheas ànnta 'nuair a "chuireas an corp truaillidh so neo- thruaillidheachd uime, agus an corp bàsmhor so neo- bhksmhorachd uime." Is eallaich agus priosain ar cuirp dhuinn an diugh, làn anmhuinneachd agus easbhuidh, sinn a' frithealadh dhoibh an còmhnuidh, 'g an càramh, 'us 'g an eiridinn. Ciamar a b'urrainn anam neo-bhàsmhor fois 'f haotuinn ann an dachaidh cho euslainteach agus cho cronail ? Is cinnteach, fèumaidh na cuirp thinn, sgith, ghrkineil sin a bhi air an geal-ghlanadh mu'm bi iad comasach air fois naomh a mhealtuinn. Cha leòr uile nithe na beatha so gu fois a thoirt. Och! och! cha n-urrainn an saoghal uile fois a thoirt duinn. Iadsan aig am bheil an tomhas a's mò dheth, is iad a's mò dragh, — a's truime cual. Gach fear a's mò toileachas agus aoibhneas ris an t-saoghal, èighidh è mach mu dheireadh, "Is dlomhanas agus buaireadh è uile." Geall- aidh daoine nèamh dhoibh-fèin air thalamh, ach cho luath 's a thig iad 'g a mhealtuinn, teichidh è uatha. Esan aig am bheil meas air oibribh Dhè", faodaidh è 'f haicinn gu soilleir gur è an crioch uile gach dia-brèige 'phronn- 72 Comharradh na Muinntir sin dom bheu adh sios, ar fagail sgìth dhinn-fèin, agus ar fois iarraidh ann an Dia fèin amhain. Nach trie a bhuaileas è sinn far am mò ar toil-mntinn ? Ma shuidhicheas tu do chridhe , ro theànn, eadhon air aon de do leanabanaibh, is trie a .thig sin gu bròn dhuit. Ma chuireas tu làn earbsa, no làn dòchas ann an caraid, a' smuaineachadh nach ath- •arraich è, agus nach meall è ort, gheibh thu sin gu trie mar sgiùrsair dhuit. An àit, no staid fois' sin ? Agus a chionn nach leòr na nithe a ta againn 's a' bheatha so chum ar fois, cha n-'eil Dia, ged is leòr è, air a mheal- tuinn leinn an so, ach ann an tomhas beag. Oir cha n- ann an so a dh'ullaich è seòmar-làthaireachd a ghlòire. Sgaoil h brat-folaich eadar e-fèin agus sinne : mar chreutairean tha sinn fada uaith, mar bhàsmhoraich laga na's fhaide, agus mar pheacaich na's ro fhaide bho Dhia. Cluinnidh sinn, an dràst 's arist, focal sòlais uaith, agus gheibh sinn dileab a ghràidh, chum ar cridheachan agus ar dòchas ùrachadh 's a chumail beò, ach cha n-è sin ar sonas làn. Ciamar anis a b'urrainn aon anam d' an cuibhrionn Dia, — cuibhrionn gach anam' a theàrnar leis, — fois 'fhaotuinn an so air astar cho anabarrach fad-as uaith, agus 'g a mhealtuinn cho beag 's cho ainmig ? Ni mò 'tha sinn air an àm so freagarrach airson fois' : oir fèumaidh sinn a bhi air ar deanamh airidh air foie mu'n ruig sinn oirre. Cha toir Criosd an criin do neach air-bith ach neach a ta airidh. Cha n-'eil sinn freag- arrach airson a' chrùin gus am " buadhaich" sinn. Cha n-'eil sinn freagarrach airson "na duaise" gus an " ruith" sinn an " reis." Cha n-'eil sinn freagarrach airson ar " peghinn" 'fhaotuinn gus an oibrich sinn " anns a ghàradh-fhìona." Cha n-'eil sinn freagarrach ■ airson " uachdaranachd" 'fhaotuinn " air deich bailtibh," gus am " buannaichear deich puind :" no cha n-'eil sinn freagarrach gu " imeachd asteach do aoibhneas ar Tighearna" gus am faighear sinn 'n ar " deadh sheirbh- isich fhirinneach." Cha n-atharraich Dia ceum a cheartais gu fois a thoirt duit, gus an oibrich thu air- son crùin na glòire — gus am " buadhaich" thu. Tha làn aobhar air ar fois <( f hàgail fa chomhair" na beatha ri teachd. Gabh an aire, matà, a Chriosduidh, ciamar an Fhois so air a h-ullachadh. 1'6 a dh-iarras tu fois air talamh. G-abh an aire liach fhaighear thu ri gearan an aghaidh Dhè, airson do thrioblaid, do shaothair 'us d' easbhuidhean 's an f heòil. Am bheil thu air do sgitheachadh le bochduinn, le easlaint, le naimhdean guineach agus càirdean mi- chaoimhneil ? Fèumaidh sin a bhi an so. Am bheil thu sgìth dhe gràinealachd nan aimsir, peacadh luchd- aideachaidh, 'us cruadhachadh nan aingidh ? Fèumaidh sin a bhi, gus an ruig thu d' fhois. Am bheil thu sgith dhe do pheacaidhean agus dhe do dhroch cridhe fèin ? Tuilleadh 'us tuilleadh sgìos dhuit. Ach fo'n sgios 'us fo'n airtneal so uile, am bheil thu làn-toileach a dhol a dh-ionnsuidh Dhè, d' fhois? agus do chogadh, do rèis 'us d'obair a chriochnachadh ? Mur 'eil, dean tuilleadh gearain air do chridhe fèin, agus fàs na's sgithe gus am bi an fhois so na's taitniche leat. Cha n-'eil agam ach aon nì eile ri ràdh ann an co-dhùnadh a' chaibdeil so ; agus is è so è : — Tha sonas agus glòir do-smuainichte — sonas agus glòir nach gabh tuigsinn — aig anamaibh nan creidmheach, eadhon fad na h-ùine a dh-f hàgar ìad dealaicht' o'n cuirp. Ciod a's soilleirena briathran Phòil air a' cheànn so ? " Tha sinn a ghnàth deadh-mhisneachail," arsa Pòl, " air dhuinn fios a bhi againn am feadh a ta sinn aig an tigh (no air chuairt) anns a' choluinn gu bheil sinn air choigrich (no air falbh) o'n Tighearn : oir a ta sinn a gluasad a rè*ir creidimh, agus cha'n ànn a rèir seallaidh. Tha deadh mhisneach againn, (tha mi ag rkdh) agus bu ròghnuiche leinn gu mòr a bhi air choigrich (air falbh) às a' choluinn, agus a bhi làthair maille ris an Tighearn.11 2 Cor. 5. 6-8. No, gabh an dearbhadh so eile bho'n Abstol naomh : — " Tha mi air mo theannachadh eadar dhà ni, air dhomh a bhi-togarrach air siubhal, agus a bhi maille ri Criosd, oir is e so a's ro fhekrr." Philip. 1. 23. Mur bitheadh suil aig Pòl ri Criosd a mheal- tuinn gus an tig an aiseirigh, carson a bha e " air a theannachadh," no " togarrach air siubhal ?" Nach ànn a bhitheadh è duilich " siubhal" air a' cheart bhonn sin fèin ? oir am feadh a bha è fathast anns an f heòil, bha è 'mealtuinn Chriosd ann an tomhas. Is làn shoilleir focail Chriosd fèin air an labhairt ris a' ghaduiche. 74 Comharradh na Muinntir sin dd'm bheil " Bithidh tu raaille rium-sa an diugh ann am pàrras." Lùc. 23. 43. Tha Criosd ag innseadh dhuinn, arist gu soilleir, ann an comh-samhlachd an duine shaoibhir agus Làsaruis, gu'm bheil an t-anam a' dol bàll-dìreach gu sonas, no gu truaighe an d&gh a bhàis. Luc. 16. 19-31. Ann an toirt dearbhaidh dhuinn air aiseirigh nam marbh, tha Criosd ag rkdh " Cha'n e Dia, Dia nam marbh, ach nam beò." Air an aobhar sin, bha anamanan Abrahàim, Isaaic agus Iacoib bed maille ri Dia aig an km a labhair Criosd na briathran sin. Mata 22. 32. Mur faigheadh " na mairbh bheannaichte, a gheibh bàs 's an Tighearn," sonas na's kirde na fois anns an uaigh, bu cho sona brùid, no clach riuth-san. Taisb. 14. 13. Cha bu bheannachd ach mallachd an cor. Nach è 'bhi beò tròcair bu mhò dhoibh, a' deanamh seirbhis do Dhia 'us maith do dhaoinibh — a' mealtuinn shòlas na beatha so, co-chomunn nan naomh, chomhf hurtachd nan òrduigh- ean agus mòran do Chriosd — na 'bhi a' grodadh anns an uaigh. Ach tha krd shonas a' feitheamh air na naoimh an dèigh am bkis : mur bitheadh, ciamar eile a theirear " Tha sibh air teachd gu spioradaibh nam firean air an deanamh foirfe." Eabh. 12. 22, 23. Is cinnteach, bithidh corp an fhVrein, cho maith ri 'spiorad, air a dheanamh foirfe aig an aiseirigh. Nach 'eil an Sgriobtuir ag innseadh dhuinn gu'm bheil Enoch agus Elias air an togail suas cheana gu glòir ? Agus an abair sinn nach 'eil ach ladsan amhkin a' sealbhachadh na glòire sin ? Nach f haca Peadar, Sèumas agus Eòin, Maois maille ri Criosd air a' bhèinn? Ach, deir an Sgriobtuir, bhasaich Maois. Is cinnteach nach mealladh Criosd iad le Maois 'fheuchainn doibh, mur faigheadh è seilbh air glòir gus an tig an aiseirigh. Agus nach dearbhadh focail Stephein cho làidir 's is urrainnear iarraidh, " A Thigearn Iosa glac mo spiorad." Gniomh. 7. 59. Is cinnteach, ma ghlacas an Tighearn an Spiorad, nach 'eil è 'n a chadal, no marbh, no air a chur gu neo- ni, ach maille ri Criosd far am bheil è, agus a' faicinn a ghlòire. Gheibhear an dearbhadh cèudna ann am briathraibh an duine ghlic, " Pillidh an spiorad chum Dhè, a thug uaith e. Ecles. 12. 7. Mur ruigear glòir gus an tig an aiseirigh, ciamar a theirear ' gu'm bheil an Fhois so air a h-ullachadh. 75 a' bheatha mhaireannach againn, — gur è eòlas air Dia a1 bheatha mhaireannach, — gu'm bheil a' bheatha mhair- eannach aig an neach a tha 'creidsinn anns a' Mhac. agus gu'm bheil rìoghachd Dhè 's an taobh astigh dhinn ?' Cha bu bheatha mhaireannach a bhi dealaichte bho Chriosd agus o ghlòir, gus an tig an aiseirigh. Nach 'eileas ag innseadh dhuinn gu'm bheil bailtean Shodoim agus Ghomòrrah (sluagh nam bailtean sin) anis " a' fulang dìoghaltais teine shiorruidh, (Iudas 7.) Agus mar tha na h-aingidh cheana mar sin a' fulang ann an teine siorruidh, is cmnteach, tha anamanan na firean beò ann an sonas siorruidh. 'Nuair a f huair Eòin an sealladh glòrmhor " bha è" iomadh uair " 's an spiorad," agus " aingeal 'g a thoirt leis anns an spiorad." 'Nuair fa a thogadh Pòl chum an treas nèamh, cha b' f hios dà an anns a' choluinn, no às a' choluinn." Tha sin a' ciallachadh gu'm bheil spioradan comasach air*nithe glòrmhor mar sin 'f haicinn, a dh-easbhuidh nan corp 'g an cuideachadh. Nach 'eil sin air a clnallachadh arlst le briathraibh Eòin ag ràdh " Chunnaic mi fo'n altair, anama na muinntir a mharbhadh airson focail Dè?" Taisb. 6. 9. Tha Criosd ag ràdh " Na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach 'eil comas an t-anam a mharbhadh," a' ciall- achadh gu soilleir gu'm bi an t-anam beò an dèigh dhi bhi air a dhealachadh o'n chorp, ma's ann le ainneart dhaoine, no le bàs nàdurrach. Bha anam Chriosd beò 'nuair a bha a chorp marbh air a' chrànn, agus mar sin, bithidh na h-anamanan againn-ne beò mar-an-ceudna. Tha so soilleir o ghealladh Chriosd do'n ghaduiche, "Bithidh tu maille rium-sa an diugh ann am pàrras." Agus arìst o ghuth Chriosd air a' chrann, " Athair, a ta mi 'tiomnadh mo spioraid a'd' làmhaibh-sa." Bha spioradan na muinntir sin, "a bha eas-ùmhal ri linn Noah, ann am priosan," is è sin, beò agus a' fulang ; is cinnteach matà, gu'm bi spioradan nam firean beò an dèigh dhoibh dealachadh ri 'n cuirp, agus a' mealtuinn làn shonais. 1 Pead. 3. 19. 20. Uime sin, matà, cho luath 's a dh-fhàgas anamanari f irinneach priosan na feòla, lèidichidh ainglean ìad, is è Criosd agus uile spior- adan foirfichte nam firean a's companaich dhoibh ; 76 Truaighe na Muinntir sin nèamh an àit-còmhnuidh ; agus Dia an sonas. 'Nuair a thig gairm a1 bhàis, faodaidh iad sin a ràdh, le dàn- achd agus tre chreidimh maille ri Stephen naomh, " A Thighearn Iosa, glac mo spiorad, 'g a thiomnadh, mar a rinn Criosd, do làmhan an Athar !" Caibdeil Y. Truaighe na Muinntir sin a chailleas Fois nan Naomh. Ma tha thus', a leughadair, aineolach air Criosd agus air nàdur 'us beatha dhiadhaidh a shluaigh a chaidh ainmeachadh roimh so, agus ma bhitheas tu beò 's ma gheibh thu bàs anns an staid sin, ceadaich dhomh inn- seadh dhuit nach ruig thu gu bràth air aoibhneas nèimh; agus nach blais thu idir air fois shiorruidh nan naomh. Their mi riut, matà, mar thuirt Ehud ri Eglon, " Tha teachdaireacbd agam o Dhia ad' ionnsuidh." Breith. 3. 20. Agus cho cinnteach 's a tha focal Dhia f ior, cha n-fhaic thu gnùis Dhè gu bràth le solas. Tha è air àithneadh dhomh a' bhinn so a thoirt amach ort. Gabh l mar is kill leat. Teich uaipe ma's urrainn thu. Tha fios agam gu'm faod thu teicheadh le umhlachd a thoirt gu toileach do Chriosd a tha toileach d' aideachadh mar aon de 'shluagh, agus cuid a thoirt duit ann an oigh- reachd nan naomh. Ma bheir mo " theachdaireachd" a dh-ionnsuidh an t-sonais sin thu, cha bhi idir fearg òrm, mar bha air Ionah, nach 'eil corruich Dhè air a dòrtadh amach gu do sgrios. Is ann a bheannaicheas mi an là sin air an d'rinneadh mi am' theachdair cho fèumail dhuit-sa. Ach ma chaitheas tu do bheatha am: an staid neo-\ompaichte, cho cinnteach 's a tha an iarmailt os do cheànn, agus an talamh fo do chasaibh, glaisear amach thu bho fhois nan naomh, agus gheibh thu do chuibhrionn anns an teine shiorruidh. Ach thar learn gu'n èirich thu òrm anis, ag rkdh " Cuin a dh'fheuch Dia leabhar na beatha dhuit-sa, agus a dh'innis è dhuit cò a bhitheas agus co nach bi air a theàrnadh." Stad beag ort. Cha n-'eil mi 'labhairt a chailleas Fois nan Naomh. 77 riut-sa air d' ainm. Cha n-'eil mi ach amhàm a' labh- airt air sluagh neo-iompaichte co-air-bith iad , agus ort-sa ma's aon diubh sin thu ; 's ag ìnnseadh na firinn doibh. Ni mò tha mi 'gabhail orm-fèin a ràdh cò a r\\ aithreachas, agus cò nach dean ; no idir a ràdh nach dean thus' aithreachas gu bràth. B'f heàrr leam gu mòr innseadh dhuit ciamar a dh-fhaodas tu-fein a bhi sona, mur càill thu sonas le dàil a chur anns a' chùis. B'f heàrr leam do thàladh gu comhairl' a ghabhail mu'm bi è ro anmoch, na idir a ràdh riut nach 'eil dòchas gu'm pill thu dh-ionnsuidh Dhè, le aithreachas. Ach mur 'eil cor d'anam' a' freagairt do'n iomradh a chuala ta air pobull Dhia anns an Leabhar so, is cinnteach nach ceist chruaidh leat 'f haighneachd dhiot, am bi thu air do theàrnadh ? Cha ruigear a leas a dhol suas gu nèamh a dh-ìarraidh fìos cò nach bi 'us cò a bhitheas air a theàr- nadh. Gabh focail so Dhè a tha ag innseadh so gu dir- each, soilleir : — " às èugmhais naomhachd cha n-fhaic neach air-bith an Tighearn." " ladsan a tha glan 'n an cridhe chi iad Dia." " Mur beirear duine a rist cha 'n fhaod e dhol a stigh do rìoghachd Dhè." Cha ruigear a leas a dhol suas gu nèamh a dh-ìarraidh flos o Chriosd air an ni sin a dh'innis e-fein agus na h-Abstoil air an tal- amh, agus a dh'f hàg iad sgriobht' aig an t-saoghal uile. Agus ged nach aithne dhomh-sa smuaintean do chridhe, agus nach urrainn mi an lorg sin cor d' anam' innseadh. gidheadh ma bhitheas tu-fèin toileach, dichiollach, faod- aidh tu fios 'f haotuinn co dhiubh is oighre air nèamh thu, no nach eadh. Is è bu mhiann leam gu h-àraid, ma tha thusa fathast truagh, gu'n tuigeadh tu do chor, agus gu'n " teicheadh tu" airson do bheatha." Ach cionnus a thèid thu às, ma ni thu dimeas air Criosd agus air slàinte ?' Ma ni, tha è cho do-dheante dhuit a bhi air do theàrnadh 's a tha è do na deamhnaibh fein. Tha sin air 'innseadh mu do leithid, gu soilleir le Dia. anns an Sgriobtuir. Faic anis do chor truagh. Shaoilinn gu'n dean sealladh dheth, do lionadh le iongantas 'us uamhas. " 'Nuair a chun- naic" Belsasar " meòir làimhe duine a' sgriobhadh air a' bhalla, chaochail a ghnuis agus rinn a smuaintean a bhuaireadh, air chor as gu'n robh uilt a leasraicm air 78 Truaighe na Muinntlr sin am fuasgladh agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile." Dan. 5. 5, 6. Agus nach. 'eil crith-eagal ort-sa 'us làmh Dhia fèin air a sineadh amach a d' aghaidh, agus a ghuth air feadh nan Sgriobtuir a1 bagairt do ghearradh amach o rìoghachd na ghlòire sìorruidh ? O'ii is è mo mhiann gu'n gabhadh tu so gu cridhe, nochdaidh mi dhuit nàdur 'us an-tromachadh do chall, mur ruig thu nèamh. I. Ann an call nèimh, — caillidh na h-aingidh iomlan- achd phearsantail nan naomh, — Caillidh ìad Dia fèin agus gach gràdh taitneach dhà, — agus caillidh iad co-chomunn nan aingeal agus nan naomh. 1. Caillidh na h-aingidh thruagh an iomlanachd ghlòrmhor sin a bhios anamanan agus cuirp nan naomh a' mealltuinn gu bràth air nèamh. Caillidh iad an sàr dhealradh cuirp sin a's àiliidh na gnuis na gr&ne aig àrd mheadhon-là. Ged thogar cuirp nan aingidh na's spioradaile na bha iad air talamh, cha dean sin dhoibh ach dòruinn na's geòire. B'fheàrr leo an sin gach ball a bhi marbh ; an corp uile a bhi mar chairbh ghrod anns an duslach, gun chomas pìan f haireachadh idir. Caill- idh iad an iomlanachd bhèusach sin a gheibhear aig an t-sluagh bheannaichte. Caillidh iad gach deadh thog- radh inntinn, gach aomadh suilbhir a dh-ionnsuidh Dhè, agus làn ionracas 'n an uile dheanadasaibh. An àit sin, is è 'bhitheas aca an toil choirbte sin, am fuath mòr sin do mhaith, an gràdh dian sin do'n olc, agus a' bhoil-inntinn sin a bha aca air talamh. Cha n-'eil teagamh nach bi an tuigse nis air a fosgladh suas gu mòr ; oir sguiridh gach obair mheallaidh anis, agus chi iad, air an cosd, mealltaireachd an amaideis. Ach tha 'us bithidh an droch gnè cho olc 's a bha ì riamh. Bu mhiann leo peacachadh fathast na'm urrainn iad, na'm i'aigheadh iad fàth chomas. Bithidh eadar-dhealachadh na's mò eadar na bèistean truagh sin, agus na Criosd- uidhean glòraichte, na tha eadar an losgunn snàigeach air an lair, agus a' ghrian anns na sp^uraibh. Cha robh an duine saoibhir idir air 'àrdachadh cho mòr le purpur, cudach grinn agus biadh soghail, 'nuair a bha Làsarus air a shineadh Ikn chre'uchd aig a dhorus. 2. Caillidh na h-aingidh gach dàimh 'us co-chomunn a chailleas Fois nan Naomh. 79 sòlasach ri Dia. O'n " nach bu taitneach leo eòlas Dè a chumail," ach ag ràdh ris, " Imich uainn : oir cha'n àill leinn eòlas do shlighean," is gràineil le Dia iadsan " a chumail" 'n a theaghlach. Cha leig è 'stigh gu bràth ìad do oighreachd nan naomh. Cha cheadaich è idir dhoibh seasamh 'n a làthair, ach " aidichidh è dhoibh, cha b'aithne dhomh riamh sibh ; imichibh uam, a luchd-deanamh na h-eucorach." Ach tagraidh iad gu dàna nis còir air Criosd agus air nèamh, mar gu'm bu naoimh chreideach, threibh-dhireach iad. Their am mionnadair, am misgeadair, an strìopadair 's an spiocair, " Nach è Dia m' Athair-sa, cho maith 'us d' Athair-sa ?" Ach an uair a chuireas Criosd sgaradh eadar a shluagh fèin agus a naimhdean, eadar a chkirdean dileas agus na sodalaich mhealltach ud, ciod an sin, a thig dhe'n tagair dhànadais so ? Chi iad nach è Dia an Athair, do bhrigh nach b' kill leo-san a bhi 'n an cloinn dà-san. Cha b' àill leo spiorad Dhia còmhnuidh a ghabhail ànnta ; air an aobhar sin, cha chòmhnuich na h-aingidh ann an aros Dè. Is iadsan amhkin a ghluaiseas maille ri Dia air thalamh, a bhitheas beò, sona maille ris air nèamh. 0 is beag is aithne do'n anam aig nach 'eil fios air call an anama sin a chailleas a choir air glòir Dhia ! Nach bu toll dubh, dorch an talamh so na'n cailleadh è solus na grèine ! Nach blianach ghrkineil an corp 'nuair a chailleas è an t-anam ! Ach is neo-ni na nithe sin uile ann an coimeas ri call Dhe\ Mar is h mealtuinn Dhia nèamh nan naomh, is è call Dhia, ifrinn nan daoine mi-dhiadhaidh. Agus mar is è mealtuinn Dhia, mealtuinn nan uile nithe, is è call Dhia call nan uile nithe. 3. Fòs caillidh na h-aingidh gach togradh gaolach taitneach a dh-ionnsuidh Dhe\ Caillidh iad skr eòlas air ; sealladh aoibhneach air a ghnùis ghlòrmhoir ; an taitneas do-labhairt sin a gheibhear 'n a ghrkdhachadh ; mothachadh air a ghrkdh neo-chriochnach dhuinn-ne ; sior aoibhneas nan naomh, agus na h-aimhnichean sòlais leis am bheil è 'g an riarachadh. Am beag na nithe sin a chàll uile ? Cha n-'eil obair righ, ann an riaghladh a rioghachd, cho krd seach obair na traih" a's suaraiche, 's a tha an obair nèamhaidh so seach obair righ thalmhaidh. Bheir Dia do dhaoinibh obair freagarrach ri 'n nkdur. SO Truaighe na Muinntir sin A pheacaich thruaigh, cha robh do ehridhe riamh suidhichte air Dia ri do bheò ; cha robh è riamh air a bhlàthachadh le gràdh Dhia ; cha robh fadachd riamh air an deigh Dhia ; cha robh tlachd agad labhairt, no cluinntinn mu Dhia ; b'f heàrr leat fantuinn gu bràth air an talamh, na'm b'urrainn'thu, na cuid a ghabhail ann am bìnn mholadh glòrmhor Dhia. An ceart, matà, gu'm faigheadh tusa, no do leithid, kit maille ris an luchd- ciùil nèamhaidh ? Cha ghabh è deanamh idir, idir. 4. Caillidh an sluagh mi-dhiadhaidh cuideachd bheannaichte nan aingeal agus nan naomh glòraichte. An kit a bhi 'n an còmpanaich do na spioradaibh sin, agus air an àireamh maille ris na righribh aoibhneach sin, is ann a bhitheas iadsan ann an cuideachd gharg na h-ifrinn maille ri còmpanaich dhrèineach, ghràineil. Chab'è 'bhi 'deanamh tàir air na naoimh, 'g an càineadh, 'g am fuathachadh, agus a' deanamh gàire-fanaid riutha 'n an trioblaidibh, an cènm gu ruigheachd air sonas. Ach anis, a pheacaich, tha thu air do dhùnadh amach às a' chuideachd sin o'n d'rinn thusa thu-fèin a dhùnadh amach air tùs, agus tha thu dealaichte bho'n t-sluagh sin de nach b'àill leat cuideachd a dheanamh. Cha n- f huiligeadh tu iad ann do thigh, ann do bhaile, no, ach gann, ns an rioghachd. Theireadh tu, mar thuirt Ahab mu Eliah, gu'm bu luchd-bnairidh 's an fir iad ; agus mar chaidh a ràdh an aghaidh nan Abstol, gu'n robh iad " a' cur an t-saoghail bun os ceann." Ma thachair aimhreit sam-bith, bu luath a choiricheadh tu iadsan airson sin. 'Nuair a ghairm am bas iad, no 'bha iad air am fògradh às an tir, bu mhaith leat air falbh iad. Bu shàrachadh dhuit iad a bhi gu dileas a' cronachadh do pheacaidh. Bu draghail an còmhradh naomh le do choguis, 'us fios agad gu'n robh iad fad air thoiseach ort- fèin. B'an-shocair leat an guth a chluinntinn ri urnuigh, no moladh an àit air-bith. An iongantach, matà, thu 'bhi dealaichte uatha an dèigh sin ? Is fagus an là air nach cuiriad dragh ort ni's mò. ' Bithidh doimhne mhòr air a cur eadar iadsan agus thusa'. Luc 16. 26. 'An àm do na naoimh a bhi air an sàrachadh le fanaid, le uireasbhuidh, le trioblaid, le cradh agus, ann an tomhas, le neo-iomlanachd an nàduir fern anns a' bheatha so, is a chailleas Fois nan Naomh. 81 è teisteanas an Spioraid Naoimh mu'n timchioll, " nach b'airidh an saoghal orra." Eabh. 11. 36-38. Agus mar " b'airidh an saoghal" air an cuideachd air talamh, is cinnteach nach airidh è air an cuideachd ann an glòir air nèamh. II. Ach tha fios agam gu'm bi mòran ullamh gu ràdh, gu'n gabhadh seachnadh dhoibh air na nithibh krda sin anns an t-saoghal so, agus carson nach gabhadh iad seachnadh anns an t-saoghal ri teachd ? Ach a chum a thuigsinn gu'm bi call nèimh ro ghoirt doibh, thugadh lad sin fainear na nithe so : — Bithidh an tuigse air a soilleireachadh chum fios a thoirt doibh air an call, — Bithidh iad comasach air an call a làn-bhreithneachadh, — Labhraidh an coguisean fèin na's geòire riutha air an call, — Cha bhi an aignidhean cadalach na's fhaide, — agus cha mheàll an cuimhne lad. 1. Air an là sin bithihh tuigse nan daoine mi-dhiadh- aidh air a soilleireachadh a chum luach na chàill iad a leigeil ris doibh. An diugh, cha n-'eil an call so a' cur bròin sam-bith orra, do bhrigh nach do ghabh iad eòlas riamh air òirdhearcas Dhè, ni mò tha guth aca air call na h-oibre agus na cuideachd naoimh, do bhrigh nach b'aithne dhoibh riamh an luach. Am fear a chailleas sèud nach mò leis na clachag chumanta, is beag a chùram air a shon, gus am faic è mòr luach an killeagain a chàill è : agus an sin ni è caoidh air a shon. Their è, " Och is mis' a chkill an n\ luachmhor I" Ach cha bhi tuigse an t-sluaigh mhallaichte air a naomhachadh idir, geda bhitheas i air a fosgladh suas gus am mile mear- achd 'fhaicinn. Saoilidh iad an diugh gur feàrr onoir, saoibhreas, taitneas, slàint 'us beath' an t-saoghail so, na nithe glòrmhor an t-saoghail ri teachd. Ach an uair a bhitheas iad truagh an de"igh do na nithe sin am fàgail, agus a chi iad gu soilleir gur fior na nithe de nach b'kill leo sùim a ghabhail, atharraichear am beachd. Cha chreideadh iad gu'm bàth an t-uisg, gus an robh iad ann am builsgean na fairge ; no gu'n loisg an teine, gus an robh iad air tuiteam knn. Ach creididh iad gu grad, 'nuair a dh-fhairicheas iad. Chi iad, tre Ikn f hiosrachadh, gur brèugach a' bhoil-inntinn sin a thug orra tàir a dheanamh air Dia, tàir air aoradh Dhia agus 82 Truaigìie na Muinntlr sin tàir air pobull Dhia. Meudaichear an eòlas chum am bròn a mheudachadh. Na truaghanan bochd ! bu shona dhoibh fo choimeas, na'n robh an tuigse air a gearradh uatha gu Ie"ir, 'us iad air am fàgail cbo aineolach ri araa- dan no brùid. Bu laghaid am buaireadh, mur b'aithne dhoibh na's mò ann an ifrinn, na b'aithne dhoibh air talamh. Bu shona leo gun fhios a bhi aca idir gu'm bheil a leithid a dh-kit ri nèamh ann ! An diugh dh-fhaodadh ìad, na'm b'àill leo, eòlas 'fhaotuinn a bheireadh gu fois nèimh iad, ach o'n nach gabh iad an t-eòlas sin tre èisdeachd, no leughadh, gabhaidh iad fathast kill air naill, eòlas a bhitheas 'n a chonnadh do'n teine leis am bi iad air an losgadh. Tha iad an diugh ann an cadal marbh, a' bruadair gur ìad-fèin sluagh a's sona 's an t-saoghal ; ach 0 ! mar dh-atharraichear am barail ann an tiota, 'nuair a dhuisgeas am bks iad, agus a chi iad an sin an cor truagh le nkire ! 2. Meudaichear an tuigse 's an comas breithneachaidh gu mòr, — a thuigsinn ciod è luach na glòire sin a chàill iad. Tuigidh iad anis gu soilleir, searbh, ciod è sin corruich Dhia, boil-ghoraich a' pheacaidh, d<5ruinn nam peacach. Tuigidh iad anis cia cruaidh, cia geur, cia goirt, cràiteach truaighean na h-ifrinn, seach na chualas riamh mu'n timchioll air talamh. Faic ciontach a' gluasad gu sgklan na croiche, gu bhi air a ghrad-chroch- adh, 0 cia teknn, lkidir, geur mhothachadh an duine sin anis air luach a bheatha, seach am mothachadh a b'àbhaist a bhi aige, 'nuair a bha è mach a* cunnart a' bhkis ! Ach is mò gu mòr na sin geur bhreithneachadh nan aingidh mhallaichte air an call, 'nuair a chi sìad iad- fien air an glasadh amach gu brkth o shonas siorruidh. Mar chumas soitheach mòr na's mò na slige, is amhuil a ghabhas tuigse mheudaichte nan aingidh, tuilleadh fios air an call, gus an dòruinn a neartachadh, 's a theannachadh, seach an tuigse bheag a bha aca 's a' bheatha so. 3. Agus buailidh an coguis orra nis na's treise na rinn \ riamh. Labhraidh ì ruitha cho direach, cruaidh ri guth tàirneanaich 'us dealanaich, ni a mheudaicheas an dòruinn gu h-anabarrach. Their gach aon diubh nis, "Och'us och! so mo chall ! mo thruaighe shiorruidh a chailleas Fois nan Naoinih. 83 nach gabh leigheas ! Is è easbhuidh an f hem achmhas- ain so is àrd aobhar do'm mì-chùram anns a1 bheatha so. Is gknn a chreideas iad an diugh gu'm bheil truaighe cho mòr ànn idir ; agus is dorra na sin a thoirt orra 'chreidsinn gu'm bheil iad-fèin a' ruith a dh-ionnsuidh na truaighe so. Is beag aca gach searmoin, bagairt 'us rabhadh. Cha ghabhiad comhairle bho aon de mhinis- tearan Chriosd, a dh-innseas dhoibh gu soilleir, dileas gu'm bheil iad ann an cunnart. Labhradh è riutha air a' ghlòir sin a chailleas iad, agus air an truaighe 's an d<5ruinn fo'm bi iad a' fulang, ach cha ghabh iad rabhadh, cha chreid iad gu'm bheil iad ciontach. Is ann a shaoileas iad gur peacaich uamhasach, kraid eile, agus cha n-iadsan idir, a tha am fear-teagaisg a' ciallachadh. Cha n-'eil ni sam-bith eile 's an t-saoghal a's dorra na crèutair aingidh a thoirt gu thuigsinn gu'm bheil è ain- gidh, olc, no 'f haicinn gu'm bheil è fo dhiteadh 'us fo chorruich Dhia. Faodaidh daoine mi-dhiadhaidh a ta 'n an coigrich do'n hr-bhreith, agus aig am bheil fuath do naomhachd, làn f hios a bhi aca gu'm bheil iad fathast ann an staid chkillte, ach an kit sin a chreidsinn, is ann a gheibhear iad a' smuaineachadh gu'm faic iad Dia, gu'm bi iad air an tekrnadh, agus gu'm bheil iad cho maith 'us cho naomh ri aon air-bith de na naoimh. Nach ainmig a chluinnear aon diubh ag èigheachd amach an dèigh a chor truagh a rusgadh gu soilleir, " Is mis' an duine," no idir ag aideachadh, ma bhksaicheas iad anns a' chor sin, gu'm bi iad càillte gu siorruidh. Ach cho luath 's a ghrad-thilgear sios iad gu tir an dorchadais, far am bi iad air an lèireadh fo gharbh theas nan lasair dearg, 'us fuadaichte air falbh gu brkth o làthair Dhia ; an sin, creididhiad gu h-ealamh gu'm bheil iad fo thròm chorruich Dhia : an sin, rknaidh, bèucaidh, bùiridh iad amach, a' rag-aideachadh mar so, " Och mo thruaigh mi ! Mile mallachd air mo ghòraich ! Mo chreach ! Mo lèir-chreach ! Och, och mo chall gun leigheas !" 4. Agus an sin, bithidh an aignidhean na's glòire na bha iad riamh. Cha bhi aon diubh cadalach, neo-thuig- seach na's fhaide. In diugh. is beag aig a' chridhe chruaidh cluinntinn mu nèamh, no ifrinn. Ged nochdas siun glòir 'us truaighe shiorruidh do dhaoine, gheibhear 84 Truaighe na Muinntir sin *ad mar dhaoine raarbh. Tha ar focail dhoibh mar chlachan a thilgear air balla cruaidh, teànn, a' tuiteam air an ais arist 'n ar n-aghaidh. Labhair riutha air nithibh uamhasach, ach fathast gheibhear rag-mharbh iad. Rànnsaich an lot, ach cha n-f hairich iad do làmh. Labhair riutha gu druighteach, ach fathast gheibhear iadsan mar ilbhinn. Is luaithe 'chlisgeas an talamh tròm na iadsan. Ach an uair a dhuisgear suas na h-anamanan marbh sin, 0 nach gèur am faireachadh I nach làidir an aignidhean I nach grathail gath an uamhais ! nach tròm, domhainn, dòmhail am bròn 's an uair sin ! Dearg- lèumaidh iad 'n an aghaidh fèin I B^ucaidh iad fo bhorb chuthach an aghaidh an gòraich 's an t-saoghal so I Is beag caoidh na mnà gaolaich an d&gh bàis a còmpan- aich ; no caoidh na màthar a's gràdhaiche an dèigh bàis a cloinne aim an coimeas ri caoidh nan truaghan sin, an dèigh dhoibh còir air nèamh a chàll gu bràth. 0 nis na crèutairean fiadhaich, truagh sin 'g an dìteadh fèin, 'g am pìanadh fèin, gach aon a rèubadh a chridhe fern, 'us è mar f hear-dìoghaltais Dhè, 'n a aghaidh fèin. B'ìad-fèin amhàin màthair-aobhair thoilltinneach an ddruinn, agus mar sin, is ìad-fèin anis an crochadairean fèin 'g am marbhadh fèin, gun chomas bàsachadh. Cha dean eadhon Satan, nach robh ri 'choireachadh airson an gòraich cho mòr ri 'n toil fein, am pianadh anis cho garg, searbh, trom, 's a ni an coguisean eòlach fèin. Bu shona leo na'm bu charraigean balbh iad anis, gun mhothachadh air ni sam-bith. Bu shona leo bhi nis cho beag mothachadh 's a b'àbhaist dhoibh a bhi fo èisdeachd ùrnuigh, searmoin 'us rabhaidh anns a' bheatha so I Ach theirig an amaideachd anis, agus gheibh iad a toradh truagh. 5. A bhàrr air sid uile, bithidh cuimhne Ian aca nis air gach ni. Bu bhuidhe leo na'm b'urrainn iad an call anabarrach a dhi-chuimhneachadh, ach cha n-urrainn idir. Bu thròcair mhòr leo nis a bhi mar neo-ni, — a bhi mach à bith, ach cha n-fhaighear sin. Gu bràth mairidh an tuigse, an coguis, an aignidhean agus an cuimhne beò, chum am pianadh. Na comasan inntinn sin 'bu choir dhoibh a ghnàthachadh roimhe ann an deanamh seirbhis a threòraicheadh gu sonas iad, bithidh iad sin a chailleas Fois nan Naomh. 85 anis 'n an ddruinn shiorruidh dhoibh. Leo sin bu choir dhoibh a bhi fad làithean am beath1 a' beathachadh air gràdh 'us gràs Dhia, agus ag 51 à lànachd a shòlais, ach leo sin bithidh iad anis gu bràth a' beathachadh air cor- ruich Dhia, agus àg òl searbh uisge na dòruinn. An diugh, cha n-fhaic ìad fàth-chothrom, no àit air-bith aca-fèin gu smuaineachadh, no cuimhneachadh, no labh- airt air nithibh siorruidh, ach ann an ifrinn, cha bhi obair sam-bith eile aca, ach cuimhneachadh a ghnàth air an cionta, an call 's an truaighe ! Cia trie a b'àill le Dia teagasg " na beatha maireannaich" a sgriobhadh dhoibh air puist an dorsan, air an làmhan 's air an eridheachan agus iadsan sin a chuimhneachadh agus labhairt air, ' an km dhoibh laidhe sios agus èirigh suas, an km dhoibh suidhe 'n an tigh agus imeachd air an t-sligh,' ach dhiult iadsan comhairle so Dhè, agus an lorg sin sgriobhaidh Dia am bìnn fo'n sùilean ann an àit an daorsa, ionnus gu'm faic ìad ì ciod-air-bith taobh a sheallas iad. Is pian gun stad dhoibh smuaineach- adh air meud na glòir' a chàill iad. Na'm bu chàll sin a b' urrainn iad a leasachadh, no 'dheanamh suas air dòign sam-bith, call slàinte, call saoibhreis, call chàirdean, no eadhon call beatha, bu bheag sin. Ach 0 " glòir cho ro anabharrach agus sior-mhaireannach a chall !" _ Is dòruinn gharbh dhoibh a chuimhneachadh gu'n robh àm ann air am faodadh iad a' ghlòir so 'f haotuinn — " am," their gach aon diubh, " air an robh coltas Drma-sa, cho maith ri feadhain eile, ruigheachd air an rioghachd. Na'n d'rinn mise mo dhleasanas gu glic, 2eart, fad mo chuairt anns an t-saoghal, dh-f haodadh seilbh a bhi agam anis air an oighreachd. An kit a bhi air mo phianadh ameasg nan diabhlan mallaichte sin, dh-fhaodainn a bhi nis ameasg nan naomh beann- aichte shuas an sid ann an glòir. Chuir an Tighearn ; beatha agus bàs romham', ach roghnaich mis' am bàs, us thoill mi dòruinn. Chuireadh romham ' an duais,' *gus na'n robh mi air ruith gu maith, dh-fhaodainn a FFaotuinn. Na'n 'd'rinn mi spàirn', bheirinn buaicfh. Na'n do ' chathaich' mi gu trèun, bha mi air mo ^ ; chrìmadh' anis." Is ddruinn* dhoibh a chuimhneachadh H 86 Truaighe na Muinntir sin nach è mhàin gu'ra faodadh iad an crtin 'f haotuinn, ach gu'n robh iad coslach ri 'fhaotuinn. Lotaidh so gach aon diubh ag radh " bha uair ànn air an robh oiteagan an Spioraid ullamh chum mo chuideachadh. Bha run òrm fàs diadhaidh, Criosd a dhlu-leantuinn, 's an saoghal a thre'igsinn. Is beag nach do rimaich mi Dia a làn- leantuinn. Bha mi eadhon a' tr&gsinn nan ana-miann gràineil sin a rinn mo chreach. Thre'ig mi mo sheànn chompanaich, agus bha mi 'dol le sluagh Dhe* : gidheadh phill ml air m' ais, chàill mi mo ghreim, bhris mi mo ghealladh. ' Is beag nach robh mi air m' aomadh gu bhi am1 Chriosduidh', ach mhùch mise gach aomadh maith. Bu làidir oibreachadh mo chridhe, 'nuair a chluinninn ministear gu dileas a'sparradh na firinn orm ! 0 bu choslach mis' uair-eigin ri neach a' dol do nèamh ! Is beag nach d'rainig mi nèamh, ach thuit mi air an t- sligh, agus chàill mi è. Na'n ' deachaidh mis' air m' aghaidh a ghabhail eòlais air an Tighearn', bhithinn anis beannaicht' ameasg nan naomh." Is ddruinn anabarrach dhoibh cuimhneachadh air na fkth-chothroman a chàill iad. " Cia lian," their gach truaghan, " seachduin, mios agus bliadhna 'chàill mi, a dh-f haodadh, na'n robh mis' air fèum a dheanamh dhiubh, mo dheanamh sona ! Bu mhis' an truaghan nach gabhadh ùin gu smuaineachadh air an obair sin airson an robh m' ùin uile air a buileach- adh orm 1 — Mise nach gabhadh ùin, ameasg mo shaothair uile, gu saothrachadh airson siorruidheachd ! Nach robh uin gu leòr agam gu ith 'us òl 'us cadal, carson nach robh ùin agam gu m' anam a theàrnadh ? Nach robh iiin agam gu siigradh 'us còmhradh diomhain, carson nach robh ùin agam gu tirnuigh ? Nach robh uin agam greim a dhean- amh air mo choir shaoghalta, 'us nach robh iiin agam greim a dheanamh air còir nèamhaidh ? 0 cia luachmhor iiin ! Uair-eigin bha ùin gu leòr agam-sa, ach cha n-'eil anis I Uair-eigin cha robh fios agam ciod a dheanainn de m' iiin mhòir, ach och ! dh'f halbh i nis ; cha bheir mi oirre ni's mò ! Ho ! nach robh agam anis aon de na bliadhnachan ud ! Is mis' a dheanadh an t-aithreachas grad I Is mis' a dheanadh an ùrnuigh dhiirachdach ! Is mis' a dh-eisdeadh gu dian ! Is mis' a chitheadh mo chor gu luath ! Is mis' a bhitheadh beò gu diadhaidh ! a cliailleas Fois nan Naomh. 87 Ach tha è ro anmoch anis I Och 'us och ! ro anmoch anis !" Mòr-mheudaichear an dosgainn, — a' cuimhneachadh cia trie a bhathas 'g an comhairleachadh gu pilleadh ri Dia. Their gach aon, " Bu mhiann leis a' mhinistear a thoirt òrm teicheadh o na piantaibh so. Nach grkdhach. iochdmhor, dian, durachdach a ghuidh è òrm ! ach cha d'rinn mis' ach magàdh air. Nach trie a dhearbh è òrm mo chionta ! ach mhuch mise gach mothachadh. Nach trie a dh'f heuch è mo dhroch cridhe dhomh ! ach b'f huathach leam-sa fios a ghabhail air oleas mo chridhe. 0 sid am fear a bhitheadh aoibhneach, na'm fac' è mis1 a' pilleadh gu toileach a dh-ionnsuidh Chriosd ! Chomhairlich mo chàirdean diadhaidh mi, dh'innis iad dhomh ciod a thigeadh dhe mo mhi-thoil agus dhe mo dhearmad mu-dheireadh, ach cha do ghabh mise suim dhiubh. Is fhada 'bha Dia fèin a tagair rium ! — a Spiorad a' sior-stri ri mo chridhe, mar gu'm bu duilich leis diùltadh a ghabhail dhiom ! — Criosd arist a' seasamh aig dorus mo chridhe, agus a' bualadh, sàbaid an dèigh sàbaid, agus ag eigheachd rium ' fosgail, a pheacaich, do chridhe do d' Shlànuighear agus thig mis' astigh agus gabhaidh mi mo shuipeir maille riut agus thusa maille riumsa ! Carson a tha thu cho mkirnealach ? Cia f had a dh-f hanas smuaintean diornh- anais air taobh stigh do chridhe ? Nach àill leat maith- eanas ? nach kill leat naomhachd ? nach kill leat sonas ? Ciod a thig dhe do chridhe." Och ! och ! diombadh garg an anama mhallaichte air-fern 'nuair a ch uimhnich eas è air na gairmean nèamhaidh sin! "Ah mise! sgithich mi foighidin Chriosd ! Dia n&mh 'g am ghairm gu diomhain, agus sgith a dh-èigheachd rium ' Pill ! Pill I Dean aithreachas !' Is mis' a thoill an d<5ruinn so ! Is cuthach garg dhomh anis cuimhneachadh air foighidin Dhia rium. Is cràdh gè*ur so leis am bheil mi air mo throm-bhuaireadh air dòigh nach urrainnear [| a chasgadh gu bràth ! 'Nuair a ghairm an Tighearn ' òrm, ag rkdh, ' Cuin idir is kill leat a bhi glan ?' Thuirt mo chridhe, no mo chleachdadh ' Cha n-àill gu bràth? Gheibhear mi nis ag eigheachd ' Cia f had gus am fuasglar mi as an dòruinn so ?' ach cha chluinn mi ach 88 Truaighe na Muinntir sin guth a' cheartais chèudna sin ag ràdh ' Cha n-fhuasgail gu bràth, gu bràth'." Fòs gearrar an cridheachan gu domhain le cuimh- neachadh cho furasda 's a bha è dhoibh a dhol as o'n truaighe so uile. Cha d'ìarradh riamh orra beànntan atharrachadh, no rioghachdan a cheànnsachadh, no an tiodal a's lugha de'n lagh a choimhlionadh, no ceartas a riarachadh airson an easaontais uile. Bu "shoc- rach a' chùing agus b'eutrom an t-uallach" a b'àill le Criosd a chur orra. Agus b'è sin aithreachas a dhean- amh, gabhail ris-fe'in gu toileach, mar. an Slànuighear, gach sonas goirid, faoin àicheadh ; an Tighearn a ghabh- ail mar an cuid àrd mhaith; an saoghal 's an fheòil àicheadh ; strìochdadh do uachdaranachd chiùin, ghràs- mhoir Chriosd ; an sligh 's an innleachd fein a thrèigsinn, agus gluasad ann an slighibh naomh, taitneach an Tighearna. "Ah!"deir an truaghan truagh fo dhòr- uinn, " nach ceart a thoill mi an cràdh so uile, cha b'fhiti leam saothair idir a dheanamh chum a sheach- nadh? Càit an robh mo thuigse 'nuair a thuirt mi 'maighstear cruaidh' ris an Tighearn, a' smuaineachadh gur daorsa shearbh a sheirbhis mhaith, agus nach faigh- ear saorsa ach amhàin ann an seirbhis an diabhuil agus na feòla ? Nach bu mhiosa mise mile cuairt na duine fo'n dearg chuthach, 'nuair a choirich mi sligh naomh Dhia, mar riaghailt ro theknn, ro phungail ; 'nuair bu ro theànn leam lagh Chriosd, agus ro mhòr leam na rinn mi-fèin airson na beatha ri teachd ? Ciod a b'fhiach call nan uile nithe 'fhulang airson Chriosd ? nach bu bheag, nach bu shocrach gach obair eile, ann an coimeas ris an ddruinn theth so a dh-fhuiligear leam gu siorruidh? Nach pàidheadh nèamh, a chàill mis', airson gach calldachd eile. Och ! phàidheadh 'us cha bhitheadh cuirnhne ni's mò air fulang, no air bròn. Na'n iarradh Criosd òrm anis mòran 'fhulang, a bhi beò fo uamhas 'us fo bhròn gun sgur, am bàs 'fhulang ceud uair, nach deanainn sin? 0 carson, matà, nach do ghèill mi dhà, 'nuair nach d'ìarr è uam ach amhàin 1 Creid agus bi sàbhailt. Iarr m' aghaidh agus mairidh d' anam beò. Tog do chrann-cdusaidh, agus lean mise, aftus bheir mi dhuit a' bheatha mhaireannach' ? 0 nach a ehailleas Fois nan Naomh. 89 bu ghràsmhor an tairgse sin ! 0 nach bu shocrach an cumha sin ! Och ! och ! bu mhis' an truaghan mallaichte nach gabhadh è I Bithidh lad air an ro phianadh, a' cuimhneachadh mar reic iad an sonas siorruidh air droch luach. Ciod is luach anis do shòlasaibh dubh a' pheacaidh ann an coimeas ri luach an diol-thuarasdail dhlighich ? Buail- idh an t-eadar-dhealachadh anabarrach so iad le uamhas do-labhairt ! smuainichidh iad air taitneas salach na feòla, air ceò-mholadh dhaoine, no air mill òir a bha 'n an làimh, agus an d&gh sin air glòir siorruidh ! gach truaghan a' caoidh, " So na bh'agam-sa airson m' an- ama — so mo dhia 'us dòchas mo shonais !" Co is urrainn a chur an cèill mar ni na smuaintean searbh, garg, gèur sin an cridheachan a rèubadh às a ch&le ? Kèucaidh àrd gach aon amach " Och! bu mhis' an truagh- an truagh ! Nach do reic mi m' anam air luach salach ? Nach do dhealaich mi ri mo Dhia airson beagan smuir 'us salachair ? Mar Iùdas, nach do reic m\ mo Shlàn- uighear air beagan airgid ? Cha robh ann mo dhòchas ri nèamh, ach bruadar taitneach ; dhtiisg mi nis, 'us leagh è às. Is domblas anis mo chriomag, is burmaid mo chopan. Bhlais mi orra sin, 'us bhàsaich iad uam gu grad. Agus an è so na th'agam uile airson an ionmhais ro phriseil '? Nach ana-cneasda, eagalach a' mhalairt a rinn m\ ? Ciod a' b' fheàirrd mi, ged chois- ninn an saoghal uile, agus m'anam a chall ? Ach, mo chreach ! is beag an roinn de'n t -saoghal a b'fhearr leam-sa na coir air glòir I" Hò ! nacb ann a smuainich- eadh peacaich air so, 'nuair a gheibhear iad a' snàmh ann am poll-thaitneas na feòla, agus a' stri gu bhi saoibhir, àrd 's an t- saoghal I a' dian-lèum gun fhios, gun athadh, air easaontas agus a' peacachadh an aghaidh tagair an coguis fèin ! Garbh-theannaichear an doruinn, — ri fhaicinn gur iad-fèìn a thug sgrios orra-fèin. Na'm b'urrainn iad a . rkdh gu'n robh iad air an èigneachadh gu peacadh a dheanamh, b' f haochadh sin fèin d' an coguisibh stoirmeil, garg; no na'n robh iad air am peanasachadh airson cionta neach eile, no na'm b'è neach eile a b'àrd aobhar d'an sgrios, bu shòlas leo sin. Ach a' faicinn gur i an ii 3 90 TruaìgTie na Muinntir sin toil fè*in a ròghnaich an sgrios agus Each b' urrainn neach sam-bith eile an èigneachadh gu peacachadh an aghaidh an toil' fèin ; gearraidh sin iad mar ìarunn gèur, dearg, teth ! Deir an truaghan mallaicht' a sgrios e-fèin, " Och ! Och ! nach robh naimhdean gu leòr agam 's an t-saoghal, ach bu mhise mo dhearg nàmhuid fèin. Cha tug Dia riamh do'n diabhul, cumhachd cho mòr thairis orm, 's a dh-èignicheadh mi gus am peacadh a's lugha 'dheanamh. Cha b'urrainn an diabhul ach amhàin mo bhrosnachadh. Is ì mo thoil fèin a gh&ll. Is mi-fèin a rinn an t-olc. Cha b' fhkch leam ach làmh a chur 'n am anam fein, agus m' fhuil fèm a dhòrtadh! Cha robh nàmhuid riamh agam cho olc rium-fèin. Dhiùlt mi gach maith a thairg Dia riamh do m' anam. Bha è gu trie a' càrnadh tròcair air tròcair dhomh, a' toirt fuasglaidh an dèigh fuasglaidh dhomh, chum mo chridhe 'tharruing d'a ionnsuidh fèin ; seadh, rinn è mo chronachadh gu nrìn, thug è osnaich òrm fo luchd m' eas-ùmhlachd : agus gheall mì gu pailt gabhail ris, air uair mo thrioblaid, ach mo thruaighe ! cha robh mo chridhe riamh làn-toileach seirbhis a dheanamh dhà." Cnàmhaidh so cridheachan nan cion- tach ud, a' mothachadh gurìad-fèin amhàin a dh'aobhar- aich an sgrios fèin, a' buanachadh gu toileach, dàna 'n an ceannaircich an aghaidh Dhia, agus 'n an deònair- ean (volunteers) ann an seirbhis Shatain. Doimhnichear lot an coguis gu mòr, — ri cuimhneach- adh air a' chosdas mhòr 's an t-saothair gus an deachaidh iad, a chum cur às dhoibh-fèin. Ciod an obair mhòr anns nach do chuir iad an làmh, chum an sgrios fèin a dheanamh cinnteach, a' miichadh an Spioraid, — a' cur an aghaidh gach cumhachd tròcair agus breitheanais, — ag àicheadh fìrinn Dhè, — a' cìosnachadh cumhachd rèu- sain 's a' bkthadh guth na coguis. Na nithe sin uile dhlarr 'us rinn iad. Geda bha iad an còmhnuidh ann an cunnart fulang fo chorruich Dhia, 'us fios aca gu'm faodadh è an leagail anns an dus, agus an tilgeil sios gu ifrinn ann am mionaid, gidheadh cha do chaisg sin an droch cèum. 0 saothair mhòr nam peacach gu bhi mallaichte ! Is maith a dh-f haodadh iad a bhi meas- arra, slàinteil, socrach air cosdas na's lugha, ach is feàrr a chailleas Fois nan Naomh. 91 leo geòcaireachd, misg, bochduinn, nàire 'us easlaint. Dh-f haodadh iad a bhi toilichte, sitheil, taitneach, ach is feàrr leo sàrmt agus fem-ghlòir leis gach cùram? saothair, cosdas, eagal 'us iomagain a ta 'n an lòrg. Cia trie a gheibhear daoine 'g am buaireadh fèin le feirg, farmad 'us iarraidh dioghaltais. Cia trie a tha mòran 'g an truailleadh fèin le neo-ghloine, ni a mhilleas an cuirp, an cuid 's an cliù, ach is feàrr leo gach droch shaothair dhiubh sin 'fhulang uile, na sonas iarraidh d'an anamaibh ! 0 nach oillteil gaor nan crèutairean truagh sin a' caoidh an amaideachd ann an ifrinn ! gach truaghan a' bèucadh, a' bùireadh 's a' glaodhaich, " Och Ì och! mo shaothair 's mo chosdas gu mi-fern a mhallach- adh! Cha bu leòr leam mallachd a nasgaidh, ach a cheannach daor ! Shaoil leam gu'm faodainn a bhi air mo theàrnadh air beag saothair, carson a rinn mi saothair cho mòr a chum mi-fein a sgrios ? Nach è mo dhamnadh fèin a bha mis' ag oibreachadh amach gu dichiollach, dian, 'nuair a bha Dia ag àithneadh dhomh mo shlàinte fèin a Ian- oibreachadh amach? Na'n d'oibrich mis' airson nèimh, mar rinn mi airson ifrinn, bha mi nis air nèamh gun teagamh. Bu trom leam cèum na diadh- achd, bu shearbh leam guth idir air fèin-àicheadh, is è bu taitniche leam saothrachadh ann an obair Shatain agus a' bhàis. Na'n do ghràdhaich mise Criosd, mar ghràdhaich mi m' ailghios, mo bhuannachd 'us m' onoir fèin ; na'nd'iarr mise Criosd, a' socrachadh mo chridhe air-san, cho dichiollach, trie 's a rinn mi air na nithibh sin ; 0 bu shona dheth an diugh mi 1 Ach nach ceart- thoilltinneach dhomh-sa fulang fo lasraichibh na h-if- rinn ! — mis' a cheannaich an ddruinn so cho daor ! — mise nach gabhadh fois 'us glòir nèimh a bha air an tairgse dhomh a nasgaidh ! Och, Och ! Och 'us Och mise !" 0 gu'n deònaicheadh Dia thus' a threòrachadh,a lèugh- adair, gu làn-smuaineachadh air na nithibh sin an diugh, chum nach bi agad ri cuimhneachadh orra gu bràth, mar do phianadair fèin ann an dosgainn do-smuainichte na h-ifrinn ! Na abair idir nach 'eil anns na smuaintibh eagalach so ach obair a' mhic-mheanmna, no deilbh fhaoin na h-inntinn. Lèugh smuaintean an " duine 92 Trutaghe na Muinntir sin shaoibhir, air dha bhi ann am plantaibh." Luc. 16. 22-31. Is anamanan rèusantach a bhitheas a' mealtuinn fois na glòire air nèamh ; agus is anamanan rèusantach a bhitheas a' fulang doruinn na truaighe ann an ifrinn. Is daoine fathastiad, agus mar dhaoine mothaichidh agus gluaisidh lad gu bràth. Caibdeil VI. Truaighe na Muinntir sin a chailleas, cha n-e mhàin Fois nan Nadmh, ach Toil-inntinn na beatha so, agus a bhitheas gu broth a1 fulang Doruinn na h-Ifrinn. " Aig an diadhachd tha gealladh na beatha a ta lkthair, agus a chum teachd." 1 Tim. 4. 8. Agus ma " dh-iarras sinn air tùs rloghachd Dhe* agus f ireantachd Dhè," an dèigh sin, " cuirear ruinn na h-uile nithe" eile a's lugha na iad sin. Ach aig ain-diadhachd, no daoine mi-dhiadhaidh cha n-'eil " gealladh" idir air sonas. Caillidh iad araon gach toil-inntinn spioradail agus aimsireil. Tha so air a bhagairt 'n an aghaidh, do bhrlgh nach d'iarr iad "air tùs rìoghachd Dh^ agus 'fhìreantachd-san." Caillidh iad an n\ sin nach d'iarr agus an ni sin a dh'iarr iad. Bheirear uatha am beagan a ta aca cheana. Bu bheag aca call nèimh na'm maireadh toilinntinn na beatha so dhoibh. Ach cha mhair sin idir. Na'n do " thrèig lad na h-uile nithe airson Chriosd," gheibheadh iad arist na h-uile nithe ànn-san, agus bhitheadh è dhoibh mar "na h-uile anns na h-uile." Ach anis o-na thrèig iad Criosd airson nithe eile, caillidh iad Criosd, agus gach ni a bha iad ag iarraidh, — eadhon toil-inntinn na beatha so, — agus gheibh lad 'doruinn na h-ifrinn. I. Caillidh iad uile thoil-lnntinn an t-saoghail so : — Caillidh lad am beachd an-dàna, faoin air còir ann am fabhar Dhia, agus ann an toilltinneas Chriosd, — Caillidh iad an dòchas uile, — slth mhealltach an coguis uile, — An sùgradh feòìmhor uile — agus an taitneas col-' laidh uile. 1. Caillidh lad am beachd, no an creidimh an-dàna, a chailleas Fois nan Naomh. 93 faoin air còir ami am fàbhar Dhia, agus aim an toill- tinneas Chriosd. Is ann leis a' chreidimh mhealltach sin a tha iad an diugh 'g am misneachadh, 'g an neart- achadh 'us 'g an dìon fèin o gach uamhas a dh-f haodadh an glacadh a dh-easbhuidh a' phruip bhochd so. Ach càit am faigh iad fois o'n tèinn, 'nuair a sguireas an creidimh faoin — an dàll-cheò — an dòchas baoth so ? Faodaidh duine, a tha glè* dhlùth do thubaist mhòir, a chreidsinn gu làidir gu'm bheil h sàbhailt, agus a bhi cho subhach ri neach nach 'eil ann an cunnart idir. Na'm bu leòr gu duine 'dheanamh sona, a thoirt air a chreidsinn gu'm bheil, no gu'm bi è sona, bhitheadh sonas mòran na's pailte na gheibhear è. Is è fìor chreidimh grks treòrachaidh na muinntir iompaichte, mar sin, is è creidimh faoin, ole treòrachaidh na muinntir neo-iompaichte. Carson a tha mòran beò gu toilichte, gun mhaitheanas peacaidh aca, 'nuair a dh-fhaodadh iad lkn mhaitheanas 'f haotuinn ? Tha direach iad a bhi bhi 'smuaineachadh gu'm bheil am peacaidhean air am maitheadh cheana. Na'm b' urrainn thu f haighneachd de na truaghanaibh ann an ifrinn, dè an tubaist a thug ann iad, f hreagradh miltean — a' mhòr chuid diubh, " Rinn sinn sinn-fèin cinnteach gu'n robh sinn sàbhailt, gus an d'fhuair sinn sinn-fein ckillte, mallaichte. Dh-iarr- amaid an ath-ghineamhuinn agus beò chumhachd na diadhachd mòran na's durachdaiche na rinn sinn, ach shaoil leinn gu'm fhior Chriosduidhean sinn cheana. Mheàll sinne sinn-fèin sios a dh-ionnsuidh na dòruinn so, 'us cha n-'eil leigheas air anis." A lèughadair, ceadaich dhomh innseadh dhuit gu dileas, nach 'eil anns a' chreidimh an-dàna sin leis am bheil na miltean de chreutairean mi-chùramach, mi-naomh, neo-islichte a' smuaineachadh gu'm bheil iad ann an staid shàbhailt, agus às am bheil iad gu trie a' deanamh uaill, ach cùis^' bhrèige, a chriochnaicheas ann an sgrios anamanan. Cha n-'eil faileus de'n chreidimh so ann an ifrinn. B'i innleachd Shàtain sluagh a cheò-dhalladh, chum gu'n leanadh iad è gun eagal, ach cho luath 's a gheibh è an glasadh ann an ifrinn, bheir è an dall-cheò dhe 'n suilean, agus chi iad an sin càit am bheil iad. 2. Fòs caillidh iad an dòchas uile. Geda bha cor- 94 Truaighe na Muinntir sin ruich Dhia gu trie a' bagairt 'n an aghaidh anns a' bheatha so, bha dòchas fathast aca gu'n rachadh ìad às. Is gànn misgeadair, no mionnadair, no fear-magaidh truaillidh, ris an labhair sinn, aig nach fhaighear dòchas gu'm bi è air a theàrnadh an dèigh sin uile. 0 thus' a shaoghail shona, na'n robh teàrnadh cho cumanta ris an dòchas so ! Ni-h-eadh, ach cònsaichidh an luchd-dòchais làidir so air a' chilis ri Criosd fern aig caithir a bhreitheanais. An sin, tagraidh iad ris, ag ràdh "a Thighearna, nach d'ith 's nach d'òl sinn a'd' làthair-sa ? nach d'rinn sinn fàidheadaireachd a'd' ainm- sa ? nach do thilg sinn amach deamhain a'd' ainmsa ?" Ach cha n-aidich iad idir gu'n d'rinn iad dearmad air Criosd, 'nuair a bha è " ocrach, tartrahor, lomnochd, no ann am priosan." Bithidh so uile air a rag-àicheadh leo, gus an èigh è brèugach iad leis a' bhìnn-dìtidh a bheirear amach 'n an aghaidh. Och ! nach truagh cor nan daoine sin 'nuair a dh-f hèumas iad " soraidh leibh" a-ràdh ri'n dòchasaibh uile ! " Nuair a bhàsaicheas an droch dhuine, thèid às d'a dhòchas ; agus teirgidh diiil luchd-eu-ceirt." Gnàth. 11. 7. " Fàilnichidh sùilean nan aingidh ; agus dol às cha bhi aca ; agus bithidh an dochas mar thoirt suas an deò." Iòb 11. 20. "A' toirt suas an deò !" is freagarrach, ach uamhasach, an sàmhladh sin air duine aingidh a' toirt suas a dhòchais. Is ann le mòr phìan a dhealaicheas an t-anam ris a' chorp, amhuil sin, is ann le mòr phian a dhealaicheas an t-aingidh ri 'dhòchas. Dealaichidh an t-anam ris a' chorp ann an tiota, an d&gh dhà fantuinn ànn le taitneas fad iomadh bliadhna ; agus direach mar sin dealaichidh a dhòchas ris an aingidh. Cha phill an t-anam gu bràth tuilleadh a ghabhail còmhnuidh maille ris a' chorp, anns an t-saoghal so ; agus cha phill dòchas an aingidh gu siorruidh. Air Ik miorbhuileach na h-ais- eirigh, bithidh an t-anam agus an corp arist air an aonadh ri 'chèile, ach cha bhi aiseirigh idir aig dòchas an t-sluaigh mhallaichte. Thar leam gur è sealladh a's muladaiche 's an saoghal so, crèutair mi-dhiadhaidh 'fhaicinn a' bksachadh, 'us 'anam 's a dhòchas a' deal- achadh gu bràth ri 'chèile I Cia brònach an t-athar- rachadh staide fo'n nochdar è ann an saoghal eile ! a chailleas Fois nan Naomh. 9& Na'm b'urrainn thu nis fhaighneachd de'n anam gun dòchas " Am bheil do dhùil ri teàrnadh anis cho làidir 's a b'àbhaist dhì 'bhi ? Nach rauladach am freagairt a bheireadh è ! Hò ! nach robh peacaich air an dusgadh gu smuaineachadh air so rau'ra bi è ro anmoch 1 A lèughadair, na gabh fois gus an urrainn thu "rèusan a thoirt airson an dòchais a ta annad" — rèusan bunaichte air focail-gheallaidh a' Bhiobuill. Am bheil do dhòcas a' glanadh do chridhe ? a' beothachadh do shaothair ann an obair na diadhachd ? Am bheil do dhòchas a' dol am moid, agus do pheacadh a' dol an lughad ? Agus am bheil d' umhlachd a' sior-f has na's cothromaiche ? Ma's ànn mar sin a tha do dhòchas ag oibreachadh annad, gabh air d' aghaidh ann an neart an Tighearna, cum gu daingean do dhòchas, agus " gu bràth cha chuir è gu nàir' thu." Ach mur 'eil aon dearbh- adh fallain, soilleir agad gu'm bheil obair gràis a' dol air a h-aghaidh air d' anam, tilg uait do dhòchas. Bi na èu-dòchas nach teàrnar thu gu bràth " mur beirear arist thu," no nach fhaic thu Dia "as èugmhais naomh- achd," no nach bi cuid agad ann an Criosd mur " gràdhaich thu è ni's mò na athair, no màthair, no do bheatha." Is è an t-èu-dòchas so aon de na priomh chè'umaibh gu nèamh. 'Nuair a thèid duine dhe 'n rathad, ciod a' cheud ni a dh-fhe'umar a dheanamh chum a chur air arist ? Ciod ach tuiteam ann an èu-dòchas nach ruig è ceànn a thuruis gu bràth, air an rathad a ghabh è, ma bhitheas a dhachaidh 's an Aird- an-ear, agus esan a' gabhail a dh-ionnsuidh na h-Aird- an-ìar. Ehad 's a tha dòchas aige 'bhi ceart, buailidh è roimhe, agus f had 's a mhaireas a dhòchas mar sin, is ann a's fhaide 's a's f haide thèid è air seachran ; agus an uair a dh-f halbhas a dhòchas nach f haigh è dhachaidh gu bràth air an rathad ud, mur pill è air ais, an sin pillidh è, agus faodaidh dòchas ceart a bhi aige gu'n ruigear an dachaidh. Sin direach mar tha thus', a pheacaich. Tha thu air do bhreith amach às an t-sligh gu nèamh. Bha 'us tha thus' a' gabhail air d' aghaidh, fad iomadh bliadhna, air do rathad fèin, 'an dòchas gu'm bi thu air do theàrnadh, a chionn, mar their thu-fem, nach 'eil thu cho olc ri 36 TruaigJie na Muinntir sin feadhain eile. Ach mur tilg thu uait an dòchas sin, agus mur f haic thu gu'n robh thu rè na h-uine so gu Ièir, amach às an t-sligh gu nèamh, cha phill thu gu bràth, agus cha bhi thu air do thearnadh. Cha n-'eil ni eile 's an t-saoghal a's dòcha d'anam a chumail amach à nèamh na do dhòchas mealltach gu'm bheil tekrnadh agad, am feadh a tha thu mach à sligh na slkinte. Faic mar dh-an-tromaichear truaigh' an t-sluaigh mhallaichte, maille ri call nèimh, caillidh iad gach dòchas leis am bheil iad 'g an suas-phropadh fèin an diugh. 3. Fòs caillidh iad an t-sith mhealltach coguis sin uile, a ta 'g an deanamh cho socrach an dràst. Cò a shaoileadh, ri faicinn cho sitheil 's a tha miltean de dliaoine mi-dhiadhaidh beò an drkst, gur goirid an ùin gus am fèum iad laidhe sios ann an lasraichean sior- ruidh? Grheibhear iad cho beag eagal à ifrinn ris a' chreidmheach a's diadhaidh, agus mar a's trie, is lugha iomagain an inntinn na iomagain na muinntir sin a theàrnar. 0 bu sibh na daoine sona, na'm maireadh an t-sith so ! " Oir an uair a their iad, Sith agus tèar- uinteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich ; agus cha tèid iad às." 1 Tes. 5. 3. O a Shith an-iochdmhor a chriochnaicheas ann an cog- adh cho uamhasach ! Do thaobh nàduir is " gearasdan" do Shktan anam gach duine. Is sith gach uile ni do anam an duine sin, gus an tig Criosd air le geilt chaismeachd breitheanais agus ifrinn, 'g a bhualadh le buillean bagairt agus buillean eagail, gus an èignichear è gu gè*3leadh do thròcair, agus Criosd fein a ghabhail mar 'Uachdaran. Air an uair sin ' tilgidh è Sàtan amach, a' toirt buaidh air, agus a' toirt uaith 'armachd anns an robh a dhòigh, agus a' roinn na creiche.' Luc. 11. 22. Mar sin daingnichidh è sith mhaireannach dhà-fèin. Mur 'eil agad-sa fathast ach a cheud seòrsa sith' a dh'ainmich sinn, na creid gu bràth gu'm mair ì dhuit. An urrainn sith mhaireannach a bhi aig d'anam, is tu ann an naimhdeas ri Criosd? An urrainn sith a bhi aig duine, is Dia fèin a' cogadh 'n a aghaidh ? Cha n-'eil run na's feàrr again dhuit na gu'm buaileadh Dia astigh air do chridhe mi-chùramach, gu'n tilgeadh è a cJiailleas Fois nan No.omh. 97 mach do shith mhealltach, agus gu'n leagadli h sios thu aig cosaibh Chriosd, ag ràdh " A Thighearna, ciod is kill leat mise a dheanamh?" agus gu'm faigheadh tu mar sin sith mhaith agus chinnteach nach toirear uait gu bràth, eadhon tòiseachadh do shithe siorruidh nacb trèig thu idir, mar thrèigeas sith ghnogach an t-saoghal. 4. Caillidh iad an sùgradh feòlmhor uile. Their iad-f&n mu'n " gàire" faoin, "■ Is cuthach e ; agus mu shùgradh, Ciod a ni e ?" Ecles. 2. 2. Cha b'f heàrr è na " fuaim droighnich fo phoit." Ecles. 7. 6. Cha robh ànn ach lasair a mhair car tiota, chaidh è seachad gu grad, agus cha till è tuilleadh. Is searbh leo an diugh focal air bks 'us breitheanas. Muchaidh sin an sugradh ! Cha n-fhuilig iad aon smuain air am peacadh 's air an cunnart fèin. Ut, ut ! cha n-fhuilig ; tromaichidh sin an spiorad 1 Cha n-fhaodar idir guil, no caoidh airson peacaidh, no "iad-fein irioslachadh fo làimh chumh- achdaich DhèV' Ni iad gàire ri bròn diadhaidh. Ruag- aidh iad air falbh chram le faoin òran ; seadh, sgiùrsaidh iad uatha gach smuain air na nithibh tiamhaidh sin. Na abair diog riutha mu mheòrachadh air Dia, no urnuigh ; is leòr sin gu'm f àgail truagh, no gu'n cur is, an ciall I Anamana bochd 1 Cia truagh bhur beatha, 'nuair nach bi ni idir agaibh ach dubh bhròn, — cruaidh sgàineadh cridhe a' sìor-theannachadh 'ur bròin a dh-easbhuidh aoibhneas mòr nan naomh, 's a dh-eas- bhuidh bhur seànn aoibhneas goirid fèin ! An saoil sibh 'bheil aon chridhe mear, aon ghnuis aoibhneach, no aon teangaidh shùgraidh ann an ifrinn? Their sibh an diugh, " Is feàrr beagan sùgraidh na mòran bròin." Ach nach b'f heàrr dhuibh gu mòr beagan bròin diadhaidh, a bheir aoibhneas siorruidh, na bhur sùgradh faoin uile ; oir is i crioch an t-sùgraidh sin bròn. 5. Fòs caillidh iad gach taitneas collaidh uile. Caill- idh iad gach uile ni bu taitnich' agus bu luachmhoire leo, — an ni bu nèamh dhoibh. Caillidh iad an ni sin bu dia dhoibh, cho maith ri Dia fèin. 0 tuitidh an duine mòr-chuiseach, glòir-mhìannach sìos o kirde gach onoir ! Cha n-aithnichear a dhus 's a chnkmhan ameasg dus 'us ehnkmh nam " baigear" a's bochda, ni mò a bheirear urram, no fàbhar d' a anam seach iadsan. Cia lion- 98 Truaìghe na Muinntir sin mhor duine mòr, uasal, ionnsuicht' a ghlaisear araach o làthair Chriosd ! Càit anis am bi an tighean maiseach, raòra, cosgail ? càit am bi an leapaichean mìn, àluinn ? càit am bi an làmhsaidean socrach, grìnn ? càit am bi an liosan snasmhor, craobhach ? càit am bi an cluain- tean taitneach, an coilltean uaine, 's am foghar pailt ? Cò anis a chòmhdaicheas 's a f hrithealas am bùird ? Thrèig sin \ad uile. Cha n-'eil an " duine saoibhir" air a sgeadachadh. an sin ni's f haide, le " purpur 'us lion-eudach grinn," no idir " a' caitheamh a bheatha gach la gu sòghail." Cha n-'eil modh, no onoir do dhuine sam-bith an sin. Bithidh iad a' caitheamh an ùine ri mulad agus caoidh, 's cha n-ann ri spòrsalachd. Och cia mòr an t-atharrachadh ! Mairidh teas an ana-miann gun chomas idir a shàsachadh. Oilltichidh an cridh- eachan ri faicinn aghaidhean a che'ile, a' mallachadh an là sin 'bu là coinnimh dhoibh ! Hò ! nach smuainicheadh peacaich an diugh, " an tèid taitneas a' chuirp leinn gu ifrinn 1 Nach dòruinn theànn dhuinn cuimhneachadh air an sin ? An f heàrr leinn companas 's an olc na f ior chkirdeas ? C'uime reiceamaid gàirdeachas cho mòr, cho maireannach, cho do-mheasraichte air blasad taitneis gun fhiù? Thigibh ! 0 Thigibh 1 sinne 'pheac- aich mar ri chèile, deanamaid anis ùrnuigh mar ri chèile, ìarramaid maitheanas o Dhia, cuidicheamaid a chèile gu nèamh. 0 na faightear sinne gu bràth tuilleadh a' truailleadh, a' mealladh 's a' sgrios a chèile." 0 na'n tuigeadh daoine ciod a tha iad agiarraidh le riarachadh na feòla ? Cha n-'eil ach am buaireadh a mheudachadh 's am pàinntearan fèin a theannachadh. II. An-tromaichear an truagh chor le call fois nan naomh, le call an toil-\nntinn aimsireil, agus a bharr air sin, na's mò gu mòr le fulang d<5ruinn na h-ifrinn. Chithear truimead anabarrach na dòruinn sin, le thoirt fainear gu'm bheil 1 air a h-òrduchadh le Dia fèin o thoiseach a' pheacaidh, — Tha kit agus staid na dòruinn sin air an òrduchadh le Dia, — Is ì an dòruinn sin obair dìoghaltais Dhè, — Tha tlachd aig an Uile-chumhachdach ann an òrduchadh na dòruinn sin, — Bithidh Satan agus peacaich fern 'n an luchd-dioghaltais aig Dia, — Agus bithidh an dòruinn coitchionn, gun lasachadh, gun chrìch. a chaitteas Fois nan Naomh. 99 1. Is e Dia fern a dh'òrduich dòruinnean na h-ifrinn. Cha bu lugha na Dia fèin a f huair oilbheum o pheac- aich, air an aobhar sin, cha lugha na Dia a ni peanas orra airson am peacaidhean. Dh'ullaich è na doruinnean sin airson a naimhdean. Bithidh a mhòr chorruich a' sior-chur is doibh; anail a chorruich a' beothachadh nan lasair, mar èire do-iomchair d' an anamaibh. Na'm bu chorruich crèutair \, is ann a b'fhasa dhoibh a giulain. An-aoibhinn dhk-san a thuiteas fo bhuillean an Uile-chumhachdaich ! " Is ni eagalach tuiteam ann an làmhaibh an Dè bheo." Edbh. 10. 31. Bu neo-ni an saoghal uile a bhi 'n an aghaidh, agus na h-uile chrèutairean cruinn 'g am pianadh, ann an coimeas ri so. B'fhekrr leo roimhe fearg a chur air Dia, na fearg a chur air uachdaran, custamair, maighstear, caraid, nàbuidh, no air am feòil fèin, ach anis b'f heàrr leo mile cuairt a bhi air am fuathachadh leis an t-saoghal uile, na f kbhar Dhia a chall. Ah ! is " teine dian-loisgeach" a chorruich ! Ma lasas ì òirnn ach mionaid, seargaidh sinn às mar f he"ur ! Cia luath a chrionas ar neart gu laigse, agus a philleas ar bòichead gu mi-dhreach ! Na's luaithe na loisgeas an lasair conlach thioram, caithidh corruich Dhè na h-aingidh thruagh sin. Air thalamh cha n-f huiligeadh iad priosan, no tkire, crann-losgaidh, no croich, no teine, no fraoch-fanaid, airson Chriosd, cion- nus matà, 'dh-f huiligeas iad anis lasair corruich Dhè 'g an caitheamh às gu siorruidh ? 2. Tha kit agus staid na ddruinn air an òrduchadh le Dia, chum a cheartas a ghlòrachadh. Is ann a chum a chumhachd fèin a ghlòrachadh a chruthaich è na saogh- ail. Tha cruth maiseach nan uile chrèutairean, a rinn a làmh, a' foillseachadh a ghliocais. Tha freasdal Dè air a nochdadh dhuinn ann an cumail suas nan uile nithe. 'Nuair a lasas eadhon aon srad de chorruich Dhia air an talamh, bathar an saoghal uile, ach amhàin ochdnar. Loisgear Sodom, Gomorrah, Admah agus Seboim le teine bho nèamh. Dùnar cuid ann am be"ul na mara. Fosglaidh an talamh a bhèul agus sluigear s\os feadhain eile. Sgriosaidh a' phlàigh a miltean. Nach soilleir an f hianuis air corruich Dhia, cor brònach nan Iudh- ach air an la an diugh ! Ach is ànn airson na beatha ri 100 Truaighe na Muinntir sin teachd, a tha tròcair agus ceartas glòrachaidh Dhia air an rùnachadh, agus gu bhi air am foillseachadh anns an tomhas a's àirde. An sin glòraichidh Dia a thròcair, air dòigh nach urrainnear a thuigsinn an diugh leis na naoimh fèin a bhitheas 'g a mealtuinn : agus foillsichidk è fòs a cheartas air dòigh a dhearbhas do na h-uile gur è sin ceartas Dhè da rireadh. Cha mheasar lasraichean bith-bhuan na h-ifrinn tuilleadh as teth airson nan anamanan ceannairceach ; agus an dèigh a bhi 'g an losgadh tre mhiltibh de mhiltibh bhliadhnachan, cha n- aithreach leis an t-olc a thainig orra. An-aoibhinn do'n anam a chuirear suas max sin 'n a bhàll-amais gu bhi air a bhualadh le corruich an Uile-chumhachdaich ! agus mar phreas a' sior-losgadh ann an lasraichibh a dhioghaltais, nach f haodar a smàladh às gu siorruidh ! 3. Bithidh dòruinn an t-sluaigh mhallaichte ana- barrach goirt, do bhrìgh gu'm bheil ì air a dòrtadh orra le dìoghaltas Dhè. Is uamhasach corruich, ach cò a sheasas dioghaltas ! Their an Dia mòr, " Sin sibhse mo chrèutairean ceannairceach. Is trie a rinn sibhse tkir air m' fhoighidin-sa. Pàidhidh sibh anis air a shon. Cuimhnichibh cia trie a ghairm mis' oirbh, cia trie a chrom mi sios a' tagair ribh, agus cia trie a ghuidh mi oirbh sonas a ghabhail, ach cha b'àill leibh-se. An robh sibh am barail gu'n ceadaichinn dhuibh a bhi 'magadh òrm gu bràth ?" Dìoghlaidh è orra gach tàir' a rinn iad air a thròcair, agus gach dearmad a rinn lad air Criosd agus air gràs. Hò ' faiceadh daoine so anis. Hò ! thugadh iad taitneas do Dhia ann an casgadh an sgrios fèin, mum bi è ro anmoch I 4. Fòs cuimhnich " cha n-'eil idir tlachd air-bith aig Dia ann an sgrios nan aingidh." B'f heàrr leis gu r« mhòr iad a philleadh d'a ionnsuidh fèin agus gabhail ri Criosd agus tròcair. Ach an uair gheibhear iad gu rag-cheannairceach a' diùltadh ùmhlachd a thoirt do Dhia, gabhaidh è tlachd ann an oibreachadh a cheartais 'n an aghaidh. Tha Dia ag ràdh, " Annam-sa cha'n 'eil dian chorruich ;" ach, deir è, an dèigh sin, " Cò a shuireadh an droighionn agus an dris a'm' aghaidh anns a' chath? rachainn trompa, loisginn iad le a chailleas Fois nan Naomh. 101 chèile." Och nach truagh cor nan crèutairean sin ! " Cha ghabh an ti a rinn iad truas diubli ; agus cha nochd è caoimhneas dhoibh." Isà. 27. 4, 11. "Mar a rinri an Tighearn gàirdeachas os an ceànn a dheanamh maith dhoibh ; mar sin ni an Tighearn gàirdeachas os an ceànn gu'n sgrios, agus gu'n toirt gu neo-ni." Deut. 28. 63. Is truagh do na h-anam- aibh a bheir air Dia gàirdeachas a dheanamh 'n am peanas ! " Ni è mar-an-cèudna gàire ri 'n sgrios : ni è fanaid 'nuair a thig an eagal, 'nuair a thig eagal orra mar fhksachadh, agus a thig lèir-sgrios orra mar ioma- ghaoith ; 'nuair a thig temn agus crkdh-cridhe orra." Gndth. 1. 26, 27. Is uamhasach an ni thar càinnt 'us smuain, 'nuair nach faighear aon air nèamh, no air talamh, a chuidicheas ach Dia, agus nach dean esan ach gàirdeachas ri "temn" nan crèutairean truagh sin ! Cha n-ann idir gu litireil a " tha Dia a' deanamh gaire agus fanaid" ri truaighe nam peacach ceannairc- each. Is ann amhàin areir gnàth-labhairt dhaoine 'tha na focail sin air an labhairt anns an Sgriobtuir, ag mnseadh cho teànn 's a bhuineas Dia ris a' pheacach, ni nach gabh innseadh air dòigh eile na's freagarraiche le ckinnt dhaoine. 5. Bithidh Satan agus peacaich fèin Vi an luchd- dioghaltais aig Dia, — 'g am pìanadh arèir òrdugh a cheartais. Is è Sàtan a rinn na peacaich sin a bhuaireadh, a mhealladh 's a chumail o Chriosd, agus tròm-phìanaidh è ìad anis airson gèilleadh dhà. Sin amhkin an duais a bheir è dhoibh airson na seirbhis a rinn ìad dhà gu trie: Dhitilt 'us thre'ig iad Dia agus Criosd ; agus rinn iad dearmad air an anamanan fèin : oir is ì comhairle Shàtain a b'annsa leo na sin uile. Air an aobhar sin, cuirear iad fo dhroch cuing an droch mhaighsteir fèin. Na'n robh iad cho firinneach ann an deanamh seirbhis do Chriosd 's a bha iad ann an deanamh seirbhis do Shktan, gheibheadh iad duais na's fearr. Is ceart, matà, iad a bhi 'n am pianadairean orra-fèin, a chum gu'm faic iad mar sin, gu'm b' iad- fèin a sgrios ìad-fèin, agus nach urrainn iad a choir- eachadh ach iad-fein amhkin airson na dòruinn a ta iad a' fulang anis. ^fi. 102 Truaiyhe na Muinntir sin 6. Agus bithidh ddruinn nan aingidh coitchionn. Mar bha cuid aig gach ball anns a' pheacadh, bithidh cuid aig gach ball ann an dòruinn. Is è an t-anam bu mhò cuid ann am peacachadh, mar sin is è a's mò cuid ann am fulang. Is è an t-anam a's mò luach na 'n corp, mar sin bithidh a dhòruinn fada na's truime na dòruinn a' chuirp. Mar bheir aoibhneas an anama barrachd air taitneas collaidh, bheir piantan an anama barrachd air piantaibh a' chuirp. Cha n-è mhàin anam, ach anam peacach a dh-fheumas fulang. Cha ghabh teine mur bi an connadh tioram ; ach an uair a bhitheas an connadh tioram, loisgidh è gu garg ! Bithidh an cionta fèin do na h-anamaibh mallaichte, mar spòng fo f hùdar, a' glacadh lasraichean na h-ifrinn d' an ionnsuidh gu dian. Agus fuiligidh an corp a chuid fèin cuideachd. An corp ud a bha roimhe sin air a choimhead cho cùramach, mùirneach, air 'eiridinn cho caoin, agus air 'eideadh cho grinn, ciod a thàinig air anis ! Is iosal a thuit a shealladh uaibhreach ! Is beag suim nan lasraichean ud d' a sgeimh 'us d'a mhaise ! Na sùilean ud, a b'àbhaist a bhi toilichte leis gach sealladh àillidh, cha n-fhaic ìad ni anis ach crith- uamhas, corruich Dhia a' taomadh anuas orra, na naoimh ud air an d'rinn ìadsan tair', anis air an àrdachadh a dh-ionnsuidh na glòire sin a chàill iad- fèin, 'us iad-fein anis gun chòmpanach idir, ach deamhnan 'us spioradan mallaichte do-àireamh. Seallaidh iad anall anis 'us their iad, " An ànn gu so a thàinig gach cuilm, cluith 'us ròic a bh'againn ?" Na cluasan ud a bha cleachdte ri ceòl 'us fònn nan òran, cha chluinn iad ach sgread 'us glaodh oillteil dhàoine mallaichte, clann a' s\or-mhallachadh am pàrantan a threòraich iad anns an olc, le droch eisempleir ; fir-phòsd' a' mallachadh an aghaidh nam ban-pòsda, maighstearan an aghaidh sheirbhiseach, ministearan an aghaidh pobuill, uachdarain an aghaidh iochdaran, 'us gach aon ag eigh- eachd ris an aon eile, " Is tus' a thug an truaighe so òrm- sa, cha do sheòl thu mo dhleasanas dhomh — cha do chaisg thu mo pheacadh — cha do labhair thu dileas rium, — cha d'innis thu mo chunnart dhomh. Ah ! mise !" Sin anis còmpanas nan anam 's nam corp mallaichte ann an truaighe na dòruinn ! a chailleas Fois nan Naomh. 103 7. Mairidh an dòruinn sin gun lasachadh idir. So ni a gheuraicheas an gath pianaidh gu h-anabarrach. Ma chuir ifrinn eagal riamh orra, no ma bha an coguis fo thrioblaid, uair air-bith 's an t-saoghal so, gheibheadh ìad fear-sòlais aig an làimh. B'è sin caraid feòlmhor, gnothach timeil, fearas-chuideachd, no sugradh faoin. Dh-fhuadaicheadh iad air falbh gach bròn le ith 'us òlr cluith 'us cadal. Ach dh'f halbh anis gach fear-sòlais dhiubh sin. Bha an cridheachan cruaidh, an-dàna, mi- chreidmheach 'g an dion mar bhalla-cloiche an aghaidh gach trioblaid inntinn. Cha deanadh rabhadh sam-bith. druigheadh orra. Is è Sàtan fèin a b' f hear-sòlais doibh. Is trie a thuirt h riutha, raar thuirt è ri màthair 'a chinne-daoine, "An dubhairt Dia, 'cha n-ith sibh? gu cinnteach cha'n fhaigh sibh bàs.' Am bheil Dia ag innseadh dhuibh gu'n laidh sibh ann an ifrinn ? Pugh, cha dad idir sin. Tha Dia tròcaireach. Ma tha ifrinn ann idir, carson a bhitheadh eagal oirbh ? Nach robh fuil Chriosd air a dòrtadh air bhur son ? Nach Criosd- uidhean sibh ? Carson, matà, 'bhitheadh etiram oirbh ? Cha n-eagal idir dhuibh." Arèir sin, mar is è Spiorad Chriosd is Comhf hurtair, no fear-sòlais do na naoimh, is è Sàtan comhfhurtair nan aingidh. Is cùramach am meirleach air eagal gu'n dùisg è sluagh, f had 's a bhios è gu carach a' " robigeadh" an tighe, a cheart cho cùramach sin tha Satan air eagal gu'n dùisg è am peacach. Fhad 's a bhitheas inntinn a' pheacaich dàll-mharbh, cha n-abair Satan aon ghuth ris, brosgul, no solas. Càit anis, matà, an teid am peacach truagh a dh-ìarraidh sòlais ? Iadsan a chuir a chas anns an ribe, agus a gheall a theàrnadh, thrèig ìad è nis, agus tha ìad-fèin air an trèigsinn. Theich a shòlas gu lèir. Ach tha an Dia cothromach sin, do'n tug esan gu trie tàmailt 'us tàire, nis a' làn-choimhlionadh dhà gach bagairt a labhair è riamh 'n a aghaidh. 8. Agus bithidh dòruinn nan aingidh siorruidh — mairidh ì gu bràth. Tha ì uamhasach air gach dòigh eile, ach is è sin — a siorruidheachd — a' chuid a's uamh- asaiche dhi. An dèigh do iomadh mile bliadhna — miltean do mhiltibh — a dhol seachad, bithidh dòruinn- ean an t-sluaigh mhallaichte cho ùr agus cho piantail 104 Truaiglie na Muinntir sin dhoibh 's a bha iad air a1 cheud uair a dh'f hairich iad lasair na h-ifrinn. Bu shocair leo na'n robh dòchas idir ri crioch a theachd air an dòruinn, ach 0 ! cia cruaidh ri smuaineachadh gu'm mair ì " gubraihV Anns a1 bheatha so, cha robh iad riamh sgith dhe'n pheacadh, nis cha bhi Dia sgith dhe bhi 'g am pianadh. Cha d'rinn iad riamh f ior aithreachas airson am peacaidh, anis cha bhi aithreachas air Dia airson an doruinn. Bhris iad lagh an Dè shiorruidh, agus air an aobhar sin, fuiligidh iad peanas siorruidh. Bha fios aca gu'n do dhiiilt iad rioghachd shiorruidh a ghabhail, agus biodh fios aca nis gu'm bi iad air an glasadh amach aisde gu siorruidh. Pheacaich an anamanan neo-bhàs- mhor, agus air an aobhar sin, fuiligeadh \ad pian neo- bhàsmhor. Bu shona leo iad-fein anis, na'n robh iad fathast 'n an laidhe aims an uaigh, no na'm faodadh iad laidhe sios innte rist. 0 mar dh-eigheas iad ris a' bhàs, " 0 bhàis ! càit an deach thu nis ? nach tig 's nach geàrr thu às mo bheatha thruagh ? 0 b'fheàrr gu'n cuireadh am pian so mis' amach à bith ! 0 b'fheàrr nach bithinn idir ànn ! 0 faigheam bàs 1 0 pilleadh mo dheò gu neo-ni I" Mar sin, bithidh na h-osnaichean searbh a dh-fhàisgear às gach cridhe fo'n dòruinn shiorruidh. B'fhada leo gach searmoin 'us ùrnuigh a chual' iad 's an t-saoghal so. Och ! och ! nach f hada dhodbh ^inis smuaineachadh air an dòruinn gun chrich ! Nach bu ghoirid mionaid bheag an taitneis ann an coimeas ri siorruidheachd chian am bròin ! Cha robh 'n an taitneas feòlmhor ach mionaid, ach mairidh am peanas gu bràth ! 0 pheacaich, cuimhnich gu'm bheil d' ùin ach beag air ruith. Tha thu nis a' seasamh aig dorus na sior- ruidheachd 's am bàs a' feitheamh gus an dorus sin 'f hosgladh agus thus' a thogail astigh. Caidil romhad beagan oidhcheachan, gabh mu-n-cuairt beagan làithean air an talamh, agus an uin gle* ghoirid, no mu'n saoil thu, bithidh d' aimsir, do smuaintean, do churam agus do thaitneas uile air an slugadh suas leis an t-siorruidh- eachd 'us ruigidh tu-fèin staid, sona no dona, nach atharraichear fad linn nan linn. Mòr aoibhneas nèimh, ao;us mòr dhòruinn na h-ifrinn, cha n-urrainnear aon a chailleas Fois nan Naomh. 105 diubh sin a thuigsinn. Ach dòruinn shiorruidh ! sin dòruinn nach gabh breithneachadh. Ach thar learn, a pheacaich uilc, rag gu'n cluinn ml thus' ag ràdh ann do chridhe, " Ma bhitheas mi càillte, bitheadh, cha n-'eil comas air. Is feàrr leam mo chunnart a sheasamh na g&lleadh do iarrtas an Sgriob- tuir. Cha bhi mi na's miosa dheth na mo choimhears- naich agus sluagh eile. Ma bhitheas peanas ann, cha n-'eil air ach a ghiulain mar a's feàrr is urrainnear." Och ! a chrèutair bhochd, guidheam ort anis, mu'n diùlt thu tròcair às 'us às, thu èisdeachd chùramach a thoirt do bheagan cheistean a chuireas mi, agus smuain- eachadh orra mar dhuine rèusanach. Co thus' gu'n ghiùlaineadh tu corruich Dhe"? An dia thu, no duine ? Ciod è do neart-sa? Nach 'eil è mar neart cèir, no conlaich an aghaidh an teine, mar mholl an aghaidh na gaoith', no mar dhus an aghaidh garbh shèideadh na cuairt-ghaoith' ? Ged robh do neart mar iarunn, do chnàmhan mar umha, do bhonn mar an talamh, agus do chumhachd mar na nèamhan, sgriosar thu fo anail a chorruich. Ach cò thusa ? Criomag chriadha fo dheò, air do bheathachadh le tròcair an Ti sin a tha thus' aT diultadh, agus air do chumail beagan làithean o bhi air do chagnadh le durragaibh breun ! Sin thus' a thruaghain ; gidheadh cha nàire leat a ràdh nach 'eil eagal ort à coi'ruich an Uile-churrihachdaich ! Amadain ! carson, matà, a chritheas tu 'nuair a chi, no 'chluinneas tu comharraidhean uamhasach a chumhachd agus a chor- ruich ? Ciod a their thu ri fuaim atmhoir an tàirnean- aich a' rèubadh nan spèur, no ri garbh ghathan an dealanaich a' spoltadh 's a sgoltadh nan creag 's nan crànn, no ris " a' phlkigh a ghluaiseas ann an dorchadas," a' sgrios dhaoine mu-n-cuairt duit ? Na'm faca tu plàighean na h-Eiphit, no an talamh a' fosgladh a bheòil 's a' sìos-shlugadh Dhàtain agus Abiraim, no ' Eliah a' toirt teine bho na nèamhaibh a losgadh suas nan ceannard agus nan leth-cheud', nach cuireadh aon de na seallaidhean sin trom gheilt air do chridhe ? Ciamar, matà, a sheasadh tu fo phlàighean na h-ifrinn ? Carson a bhitheas eagal ort 'nuair a thig goirteas beag sam-bith air do chorp? Dèide, lòinidh, alt-ghalar, teasach, call 106 'l'ruaighe na Muinntir sin làimhe, no coise, no tuiteam fo bhochduinn 'us nàire Ach is beag am peanas na pìantan sin, geda a bhiodh ìad uile air an càrnadh air aon neach, ann an coimeas ri dòruinn na h-ifrinn. Carson a chuireas teachd a' bhàis eagal cho mòr ort ? 0 cia fuar leat a bhuaileas è do chridhe ! Nach bu phàrras an uaigh ann an coimeas ri kit na dòruinn nach 'eil anis a' cur cùraim-ort-sa? Nach dòruinneach, do-iomchair leat ball de do chorp a losgadh 's an teine ? Ciod a theirear, matk, ri fulang gu brath, deich mile cuairt na's mò ann an teas na h-ifrinn? Carson a chuireas iomradh, no smuain air ifrinn, iom- again, gluasad, buaireadh, no eagal air d' inntinn? Mur fuilig thu eadhon sin gun uamhas, cionnus a sheasadh tu doruinn an kite sin ? Carson a tha an " duine saoibhir" a' goirt-ghearan ri Abraham, gu'm bheil è " air a phianadh ann an ifrinn?" No carson a chithear do dhroch còmpanaich a' call am misneachd aig uair a' bhàis, agus aig an km sin a' sgur de'n droch ckinnt ? An do labhair thu riamh ri duine fo èu-dòchas ? Nach bu mhì-shòlasach a bhriathran? Nach bu tròm a bheatha leis? Cha n-fhaigheadh è maith, no fois ann an ni sam-bith a bha aige ; chkill a bhiadh 's a dheoch am bias milis dhk ; bu draghail leis a chàirdean 'f haicinn ; bha è sgìth dhe 'bheatha, agus fo eagal a' bhàis. Ma's urrainnear truaigh' an t-sluaigh mhallaichte 'f hulang, carson nach f huilig daoine na's socraiche gach roimh- bhlas dhiubh sin air ifrinn ? Ciod a theireadh tu na'm faiceadh tu Satan ann an cruth eagalach a' seasamh ri do thaobh ? Nach fkilnicheadh do chridhe le trom uamhas, agus nach seasadh d'f halt air a cheknn ? Agus ciamar a sheasas tu gu siorruidh am far nach bi cuideachd air-bith agad, ach diabhlan agus sluagh mallaichte 'g a do phianadh 's a' fulang maille riut ? Faighnicheam so dhiot aon uair fathast, — Ma's ni cho beag leat-sa corruich Dhia, carson a bha \ cho mòr le Mac Dhia fèin ? 'Nuair a ghabh an Ti sin, a bha fior neo-chiontach, os-làimh na fiachan a phàidheadh air ar son-ne, a' seasamh ann ar n-àit, agus a' gmlain a' pheanais a thoill sinne ; thug a' chorruich sin air Criosd " fallas mar bhraonaibh mora fola a' tuiteam sios air an talamh." - Ghlaodh Tighearn na beatha, fo a chailleas Fois nan Naomh. 107 bhruthadh na corruich sin, " A ta m' anam ro bhrònach eadhon gu bàs :" agus aiùst air a' chrànn-chèusaidh, "Mo Dhia, mo Dhia, c'arson a thrèig thu mi?" Is cinnteach na'm b'urrainn neach air-bith am fulangas sin a ghiùlain le socair, gu'm b'è Iosa Criosd an neach sin. Oir bha neart eile aige-san nach 'eil idir agad-sa, gus am fulangas ud a ghiulain. An-aoihhinn duit, a pheacaich, airson do mhi-churaim gun cbiall ! An saoil thu-fèin am bi an ni sin,' a bha cho trom do Chriosd, so-iomchair dhuit-sa. Faic bha Mac Dhe air a chur " ann an cruaidh ghleachd anama," agus ann am " fallas fola," amhàin fo mhallachd an lagha, ach thusa, crèutair lag, gòrach, cha ni sam-bith leat tuiteam araon fo mhallachd an lagh' agus an t-soisgeil, agus mar sin a bhi ' toilltinneach air peanas na's mo gu mòr.' Edbh. 10. 29. Gu'n deanadh an Tighearn maith d' inntinn a cheartachadh le aithreachas. Agus anis, a lèughadair, faigheam do run. Ciod a tha thus' a' cur romhad a dheanamh ? Ciod am fèum a tha thu 'dol a dheanamh de'n teagasg so uile ? Am . bi è neo-tharbhach dhuit, no an kill leat gabhail ris gu f ìor dhùrachdach ? Is iomadh r-abhadh o Dhia, a 1 1 chuir thu suarach agus a thilg thu uait ; agus an tilg H thu so uait. Gabh an aire nis, cha bhi Dia an I j còmhnuidh a' stri riut-sa le rabhadh agus bagradh. ;i| Tha nis an làmh dhìoghaltais air a togail suas, agus ; | tha buillean trom a' teachd, ach an-aoibhinn dhà-san | j air an tuit iad ! An tilg thu uait an Leabhar so, ag . "i : ràdh nach 'eil dad ànn ach labhairt air ifrinn 'us :' i damnadh. Is ann mar sin is àbhaist dhuit a bhi ri gearan air gach searmonaiche dileas. Ach am b'fheàrr ; leat nach innseamaid na nithe mora sin dhuit idir ? : An ìarradh tu òirnn a bhi ciontach do f huil d' anama, le fantuinn 'n ar tosd, agus Dia feln ag àithneadh dhuinn gu teànn na nithe sin a dheanamh aithnichte dhuit-sa? Am bi thu-fèin càillte le socair, tosdachd | 'us dearmad, agus am b'fhearr leat sinne 'bhi càillte I ' maille ruit, na fearg a chur ort, le labhairt na firinn j ; riut ? Faodaidh thus' a bhi ciontach ann an an-iochd- I I mhorachd cho uamhasach sin, ach " nar leigeadh Dia" : gu'm faighear sinne cho ciontach, dàll-amaideach, 108 Truaighe na Muinntir sin aingidh riut-sa. Is maith a tha fios againn gu'm fuathaichear sinn le daoine, 'nuair a gheibhear sinn a' searmonachadh, no 'sgrìobhadh gu dileas mar so. Tha gaol air moladh ag ìadhadh gu nàdurrach ann am broilleach gach duine, agus air eagal moladh, no deadh-ghean dhaoine feòlmhor a chàll, le mi-thlachd a chur orra, is gànn luchd-teagaisg a labhras riu air dòigh a dh-fhaodas a bhi mi-thaitneach leo. Ach smuainich thus' am bheil, no nach 'eil na nithe so f ior ? Mur 'eil ìad fìor thèid mise leat gu grad a dhiteadh neach sam-bith a gheibhear a' cur eagail air sluagh, gun aobhar. Ach ma's iad na bagairtean sin briathran Dhia, nach bu tus' an truaghan nach 'eil ag èisdeachd riutha, 'g an toirt fainear, agus 'g an gabhail gu cridhe ! Ma's aon thusa de " shluagh Dhè," gheibh thu an teagasg so uile 'n a shòlas, agus cha n-ànn idir 'n a uamhas duit. Ach ma tha thu fathast ann an staid neo-ìompaichte, thigeadh dhuit, arèir mo bheachd-sa, uiread a sgàth a bhi ort cluinntìnn mu nèamh 's a tha ort cluinntinn mu ifrinn, mur leòr dhuinn amhàin ainm nèimh agus na slàinte. Tha sinn a' searmonachadh nèimh agus tròcair dhuit, a chum a thoirt ort iad sin iarraidh agus a ghabhail gu toileach : agus tha sinn a' searmonachadh ifrinn dhuit a chum a thoirt ort an t-àit sin a sheachnadh. Mur biodh dòchas idir gu'm faod thus' a dhol às o'n dòruinn ud, bu diomhain a bhi 'g innseadh mu ifrinn dhuit, ach f had 's is beò thu, bith- idh dòchas ri do theàrnadh. Uime sin, matà, fèumar gach meadhon a ghnàthachadh gu dian, dileas a chum thus' a dhùsgadh amach à suain-ghalar a' pheacaidh. Och nan ochan ! cò an cridhe is urrainn a smuain- eachadh, no cò an teangaidh is urrainn a chur-an- cèill, ciod ì dòruinn nan anamanan sin a ta nis a' fulang fo chorruich Dhè? Air là do dhòruinn, a pheacaich, èighidh tu ri Criosd, " 0 trocair ! 0 tròcair I 0 ghabh truas dhioin ! 0 iochd air m' anam bochd !" Ach, O dhuine, tha mis' anis ann an ainm an Tighearn Iosa ag e"igheachd riutsa, " 0" dean trocair ! 0 dean iòchd air d' anam fèinl" An dean Dia iochd ort-sa leis nach kill iochd a dheanamh ort-fèin ? Ma chi eadhon d' each slochd roimhe, is gann is urrainn thu 'thoirt air | a chailleas Fois nan Naomh. 109 leura ànn ; agus an grad-thilg thusa thu-fèm cho dur sios do ifrinn, an dèigh do d' chunnart a bhi air inn- seadh dhuit roi làimh ? " Cò a's urrainn seasamh roimh fhearg an Tighearna? agus cò a dh'fheudas fuireach ann an dian-theas a chorruich ?" Nah. 1. 6. Shaoilinn gur leòr na chuala tu nis. Ach tilg uat do pheacadh mallaichte — a sgriosas an t-anam — agus lirig thu-fein gu Uiv suas do Chriosd. Runaich so, agus || dean è gu grad, chum gu'ra faic mise do ghnùis ami K am fois ameasg nan naomh. Gu'n deònaicheadh Dia I do threòrachadh gus an co-cheangal so a dheanamh ■ ris, gun dàil aon mhionaid eile 'chur aims a' chtiis ! I Ach ma chruadhaicheas tusa do chridhe gu bks, agus I nach bi teàrnadh air do shon, na abair air là mor eile, 1 nach d'f huair thu rabhadh dileas, agus nach robh caraid t agad, a bha gu dùrachdach ag iarraidh do shaoradh o 1 ifrinn nam mallachd. Caibdeil VII. Ar /mm air a bhi gu dlchiollach ag iarraidh Fois nan Naomh. Ma bhitheas Fois cho cìnnteach, glòrmhor aig na Naoimh, carson nach 'eil sluagh 'g a h-iarraidh na's dichiollaiche ? Shaoileadh neach, ma chuala duine sam-bith, agus ma chreid è mar fhirinn gu'm faodar glòir cho anabarrach mòr 'fhaotuinn, gu'm bitheadh fìor mhìann làidir air a bheothachadh suas 'n a chridhe an dèigh onoir cho àrd, gur gann a chuimhnicheadh è air ith, no òl, no gnothach air-bith eile, ach a' sior- labhairt air an onoir so, — a' sìor-f heòrachadh cionnus a ruigear air an àrd ionmhas so. Ach an àit sin, is ann a gheibhear sluagh, a ta 'cluinntinn mu thimchioll an ionmhais so gach là, 's ag aideachadh a bhi 'creid- sinn ànn mar àrd phùng de'n creidimh, cho mi-chur- amach, mi-shuimeil 's a deanamh cho beag saothair mu 'thimchioll, as ged nach cluinneadh iad riamhgu'm bheii a leithid idir ann, no ged nach bitheadh iad a' creidsinn aon smid' de na tha iad a' cluinntinn mu 'n fhois so. Is iad an sluagh sin gu h-àraid— Luchd-na-h-ìnntinn- k 110 Ar Fèum air a bhi gu dìckiollàch saoghalta, — Am mòr-shluagh mi-naomh, — Luchd-aid- eachaidh foirmeil, no na Fuar-chrkbhaich, — agus eadhon a' Mhuinntir dhiadhaidh fèin. 1. Tha aire Luchd-na-h-inntinn-saoghalta air a sìugadh suas cho mòr le nithibh aimsireil, ionnus nach 'eil toil, no ùin aca gus an fhois so iarraidh. 0 pheacaire amaideach ! cò a rinn bhur dalladh ? Dh'fhkg an saoghal sibh cho dàll ris na brùidean. Spìon è uaibh bhur ciall gu mòr. Cha n-'eil ach ruith 'us lè"um, cha n-'eil ach stri 'us end an dèigh nithe nach fm, gun ghuth idir air fois shiorruidh ! B'è sin na h-innleachdan, 's an dìan churam aig sluagh gu èirigh suas cèum na's airde na muinntir eile 's an t-saoghal so, gun aon ghuth air onoir r\oghail nan naomh ! Faic iotadh lonach dhaoine an dèigh gach taitneis fheòlmhoir, ach tha raoladh Dhè 'us aoibhneas nan aingeal air am meas leo mar eallach tròm ! Ciod nach dean iad gu f\or dhichioll- ach, chum an ainm 's an clann fèm krdachadh, 's an seilbh a mheudachadh, ged, ma dh-fhaoite, nach beir aon trk air trk eile dhoibh, ach cha smuainich iad car aon uair' ciod a thig dhiubh air là mòr a' bhreitheanais a tha nis a' teannadh orra gu dlùth I Nach moch a dh-eireas iad, nach anmoch a tlieid iad a chadal, nach dian an saothair, ag oibreachadh o bhliadhna gu bliadhna chum ìad-fèin 's an teaghlaichean a chumail suas ann an creideas, gus an tig uair am bkis, gun smuain idir ckit am bi lad an dèigh sin ! Is è their na daoine sin " Nach f haod sinn a bhi air ar tekrnadh gun dragh cho mòr sin ?" Is moch a thogas iad an seirbhisich gu'n obair, ach is ainmig a ghairmeas iad astigh iad gu hrnuigh, no lèughadh na f irinn ! Ciod a rinn, no ciod a ni an saoghal so airson na muinntir sin a tha 'g a ghràdhachadh cho mòr, 'g a iarraidh cho dùrachdach, 's a' fulang uiread air a shon, 'nuair a tha Criosd agus nèamh air an dearmad leo gun shim idir dhoibh ? Is goirt ar rathad astigh do'n t-saoghal ; is goirt ar saothair agus ar cuairt knn, ach is goirte na *in uile, ar rathad amach às. 0 dhaoine gun chiall, cò a dhàll sibh 1 am mair shgradh 'us sogh dhuibh gu brkth ? An urrainn or 'us glòir an t-saoghail seasamb mar chkirdean tarbhach dhuibh, 'nuair a's mò bhur ag ìarraidh Fois nan Naomh. Ill fèum ? An èisd ìad ribh air uair 'ur tèinn ? An toir lad freagairt, no fuasgladh aig uair a' bhkis ? An tèid ìad leibh do'n t-saoghal eile, am brìob iad am Breith- eamh, an saor iad sibh o pheanas, an ceannaich ìad àit dhuibh ameasg nan diadhair beannaichte ? Carson nach f haigheadh an " duine saobhir" aon sileag uisge 'dh-fhuarachadh a theangaidh ? Luc. 16. 24. An .f hekrr criomagan milis 'us onoir thaitneach, ghoirid na beatha so na fois shiorruidh ? Am pkidh iad call an ionmhais a mhaireas ? Am faod dòchas idir a bhi ri aon de na nithibh sin ? A shaoghail ghràineil, mhealltaich ! Is trie a chualas do sheirbhisich ro dhileas a' cruaidh-ghearan ort mu dheireadh, ag ràdh " Och 1 Och 1 mheàll an saoghal mi ! Tha mi càillte ! Bhreug è mi air là mo shoirbheachaidh, ach thilg è uaith mi air là mo thèinn. Na'n d'rinn mise seirbhis do Chriosd, cho dìchiollach, dileas 's a rinn mi do'n t-saoghal, cha n-f hàgadh Esan mi mar so gun dòchas, gun solas." Mar sin gearainidh iad gu goirt, gidheadh cha ghabh peaeaich eile comhairle. 2. Anis is lionmhor Sluagh mi-naomh, agus is beag saothair a ni iad airson slkinte. Is gann an curam mu dhleasanasaibh cumanta na diadhachd, eadhon o'n leth- muigh. Ma gheibhear an soisgeul air a shearmonach- adh fagus d'an àit-còmhnuidh, theagamh gu'n tèid iad còrr uair a dh-eisdeachd, air sgàth an f hasain. Ach is beag an leisgeul a chumas aig an tigh iad. Ma bhitheas frasag uisg' ànn, is leòr an leisgeul sin. Ma bhitheas an Tigh-aoraidh beagan mhiltean uatha, is maith an leisgeul sin leo. Cuid eile cha n'eil aodach aca, mar their iad-feln, agus is mòr an leisgeul sin. Ach biodh an là fliuch no tioram, fuar no teth, gheibh iad aodach 'us cas-bheirt a bheir iad, iomadh mile, gu fèill, no còdhail, no kit air-bith de'n dùthaich, a dh-iarraidh solair d' an cuirp. Cuid eile gu cronail a' smuaineachadh gu'm bheil iad a' deanamh fàbhair do'n mhinistear 'nuair a thig iad a dh-eisdeachd an t-soisgeil air a shearmonachadh, ged is arm dhoibh-fèin a tha am fàbhar sin uile. Air uairibh, cha n-f haicear ach aon, no dithis às gach teaghlach arm an Tigh Dhè air an t-skbaid. Ach mo chveach ! is lionmhor iadsan nach 112 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach f hajcear anns an " Tigh-aoraidh" eadar dà cheann na bliadhna ! Tha iad sin a' cruadhachadh an cridheachan an aghaidh àithne Dhe, 's a' fks cho feòlmhor, mi- chùrarQach ris na brùidean fèin. Aidichidh an sluagh sin uile, 'nuair a labhrar riutha, gur è an Sgriobtuir lagh Dhè leis am bi iadsan air an aideachadh, no air an diteadh aig a' bhreitheanas ; agus aidichidh ìad fòs gur " beannaichte an duine sin aig am bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smuainicheas air a lagh- san a là agus a dh'oidhche." Salm 1. 2. Ach cha chuir ìad dragh orra-fèin caibdeil dheth a lèughadh aon uair 's an là. Cuid a bheir am Bìobull leò do'n eaglais air an t-sàbaid, ach tuilleadh fèum cha dean iad dheth ; cha sheall ìad ànn fad na cuid eile de'n t-seachduin. Tha è air àithneadh dhoibh " urnuigh a dheanamh gun sgur," seadh a bhi ri tirnuigh a ghnàth, ach gidheadh cha n-f haighear iad ag ùrnuigh gach la an lkthair an teaghlaichean, no idir ann an uaigneas. B'fheàrr le Daniel a bhi air a thilgeil ameasg nan leòmhan, na sgur a dh-urnuigh gach là 'n a thigh fèin, far am faodadh a naimhdean a chluinntinn, ach is fearr leis an t- sluagh so ìad-fèin 'fhàgail gu bràth mar chreach do Shktan, an leòmhan beucach, na slàint iarraidh dhoibh-fèin. No, ma nì iad ùrnuigh còrr uair, gheibhear ì cho fuar, neo-spioradail, ionnus gur è diùltadh 'us cha n-è freagairt a tha ì 'toilltinn o Dhia. Esan a dh-ìarras ainmig, mi-chùramach, is coma leis, ach beag, co dhuibh a gheibh, no nach fhaigh è an ni a ta è 'g iarraidh. Cha n-airidh idir air nèamh, eadhon leo fèin, iadsan nach ìarr fois nèimh a ghnàth gu diirachdach. Na'n comharraichteadh le cailc no cil dorus gach tigh 's an tir, ag iarraidh gu'n dòirteadh Dia anuas a chorruich air na teaghlaichean sin nach 'eil gu. diirachdach a' cumail aoradh Dhè 'n an tighean gach Ik, gheibhteadh an dùthaich 's a bailtean mar àit air a mhilleadh leis a' phlàigh, an sluagh marbh astigh, agus comharradh bhreitheanais amuigh. Is aobhar eagail gu'm biodh deich tighean air an comharrachadh amach airson a' bhàis, an kit gach aoin a rachadh às. Is beag an àireamh dhaoine a gheibhear 's an duthaich, a' ag ìarraidh Fois nan Naomh. 113 buileachadh cairteil na h-uaire gach là air ùrnuigh ri Dia airson an anamanan fern agus an teaghlaiclfean . Och I is beag an cùram mu f hois shìorruidh d' an anamaibh ! Cha dean na lunndairean dearmadach sin ni sam-bith, chum an sonas fèin a chur air aghaidh. mur cuir iad are"ir cleachdaidh, an dràst 's arist, an làmh ri dleasanas f hollaiseach, a chum an creideas fèin a chumail suas ameasg nan coimhearsnach. Iarr orra leabhraichean maith a lèughadh, stè*idh an creid- imh ionnsachadh às a' Cheist-leabhar, là naomh an Tighearn' a chaitheamh ann an ùrnuigh, an soisgeul èisdeachd air a shearmonachadh, am focal a bheò- chumail 'n an smuaintibh a ghnàth, gach focal agus smuain diomhain, talmhaidb a thilgeil uatha ; seadli. comhairlich sin doibh, 'us bithidh è dhoibh mar chùin^ ro throm agus sgith ; mar nach b' f hiach fois na glòire saothair cho mòr a dheanamh air a son. 3. Faic anis an " Luchd-aideachaidh foirmeil," no na " Fuar- chràbhaich :" gheibhear iad so a' deanamh uile dhleasanais na diadhachd o'n leth-muigh, ach cha n-urrainn thu an toirt gu bràth gu thuigsinn ciod t; nàdur na diadhachd sin a gheibhear a' glan-oibreachadh astigh air a' chridhe. Searmonaichidh, èisdidh, no lèughaidh an sluagh so gu grinn. Labhraidh iad air nèamh, ni ìad ùrnuigh 'n an teaghlaichean, cuidichidh iad leis gach aobhar maith, agus is toigh leo a bhi air am meas 'n an sluagh diadhaidh, ach gu bràth cha n-fhaighear an cridheachan a shocrachadh air na dleasanasaibh fior spioradail. Cha n-fhaigh iad bias idir air na h-oibribh naomh so, — gnàth ùrnuigh dhùr- achdach agus meòrachadh diadhaidh ann an uaigneas, — fem-cheasnachadh treibh-dhireach, — ^ìnntinn nèamh- aidh, — caithris thairis air an cridheachan, air an ckinnt 'us air an cèumaibh fèin, — an fheòil a chlaoidh 's a h-ana-miann a chumail fodha, — an naimhdean a ghràdh- achadh agus maitheanas a thoirt doibh gu toileach, — am bràithrean a chur air thoiseach orra-fèin — an cuid 's an gnìomh gu lèir a chur aig cosaibh Chriosd, ag amharc air a sheirbhis agus air 'fhàbhar mar na nithe sin a's àirde luach — ìad-fèin ullachadh airson a' bhàis, gu toileach a' f àgail an cuisean uile fo chùram Chriosd. k3 114 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach Sin nithe nach dean an cealgadair gu siorruidh — cha dean è aon diubh. Faodaidh an cealgadair faoin- cridheach gabhail ris an t-soisgeul le gàirdeachas, ach ciod è dhe sin, 'nuair nach dean an teachdaireachd ach amhàin beantuinn ri uachdar 'anama gun dol idir astigh ànn. Cha leig è idir leis an t-siol mhaith greim domhain, teànn 'fhaotuinn 'n a anam. Faodaidh am focal a bharail atharrachadh, ach cha n-'eil idir a chridhe faoin air a leaghadh agus air a chumadh àVùr ann am mòlltair an fhocail; cha n-'eil Criosd agus a làn chumhachd air an cur suas 'n a chridhe. Gheibhear a' chuid a's mò de dhiadhachd a' chealgadair sin a' ruith air barail dhaoine, agus cha chluinnear mar a's trice ach guth barail 'n a iomairt agus 'n a chòmhradh. Gu trie is deasbair aineolach, dàna, fe'in-spè'iseil è, agus cha duine simplidh, iriosal a dh-òlas astigh an fhirinn le gràdh agus umhlachd. Gheibhear è gu trie a' dean- amh tàire air daoine eile, agus air an teagasg : ach is ainmig a chluinnear e-fein uair sam-bith a' labhairt gu h-iriosal, ciuin, ciiramach mu nithibh mora Chriosd. Feuchaidh è gu soilleir gur ànn 'n a eanchainn a gheibhear a cuid diadhachd uile, agus cha n-ànn idir 'n a chridhe. Sèidear anùll 's anall è leis gach gaoth- bhuaireadh, mar mholl, no mar iteag, do bhrigh nach 'eii a chridhe air a stèidheachadh air Criosd tre ghràs. Cha chluinnear è ann an còmhradh uaigneach ri neach air-bith, gu h-iriosal ri caoidh airson truaillidheachd agus oleais a chridhe fèin, no idir ag aideachadh le bròn, cho beag gràdh 's a gheibhear ànn do Chriosd. Is iad na barailean claon a ta 'n a cheànn, 's an comunn do'm buin è, culaidh- shòlais a's mò dhà na dearbh-bheachd air " cridhe glan." Faodar an ni cèudna a ràdh mu thimchioll a' chealg- adair shaoghalta. Mùchaidh am fear-aideachaidh so fàs an t-soisgeil 'n a chridhe filin, le droighionn, iarrtas agus " ro churam an t-saoghail." Mata 13. 22. Tha làn f hios aige nach urrainn è idir a bhi air a theàrnadh a dh-easbhuidh a bhi diadhaidh, agus air an aobhar sin, lèughaidh è, èisdidh è, ni è ùrnuigh agus trèigidh è nis a sheànn chòmpanaich agus a sheànn chèuman ; gidh- a bhreith, is è Dia an t-krd mhaith ; ach cha dubhairt t.adh dlu-leanaidh è ris na nithibh a ta làthair. Arèir ag ìarraidh Fois nan Naomh. 115 a chridh-e agus 'aignidhean sin riamh. Gheibhear a' chuid a's mò de aignidhean an duine so suidhichte air an t-saoghal, agus cha n-ànn idir air Dia, agus an lòrg sin, is è an saoghal is dia dhà. Cha tèid è fada le barailean 'us iomairt ùir, cosmhuil ris a' chealgadair eile, am " faoin-chridheach," a dh'ainmich sinn ; gidh- eadh dlù-leanaidh è ris a' bharail sin, ciod-air-bith ì, a's feàrr a f hreagras a chum a bhuannachd shaoghalt' a chur air aghaidh. Agus mar neach aig am bheil a mhisneachd air a lagachadh le droch galar, tha ìnntinn an duine so air a milleadh le plàigh an spioraid shaoghalta. Is ainmig agus fann a gheibhear è ri ùrnuigh gu h-uaigneaeh ; is beag ceasnachadh a ni è air a nàdur fèin ; is beag a smuaineachadh air Dia ; is beag a chaithris air a chridhe fèin ; is fuar a ghràdh do Dhia, is tearc a ghluasad maille ri Dia ; cha dean è gàirdeachas ann an Dia, agus cha n-ìarr è d'a ionnsuidh ! Aontaichidh na cealgadairean sin, agus mòran eile, leat gu rèidh anns na nithibh a bhuineas do leth-muigh na diadhachd, ach cha tèid ìad aon chèum leat gu dleas- anasaibh naomh a' chridhe. 4. Agus gheibhear eadhon a' Mhuinntir dhiadhaidh pin leisg ann an iarraidh na foise siorruidh. Och ! ged is mòr ar solus, is beag ar bias ! ged is mòr ar n-aid- mheil, is beag ar gniomh ! Co a tha 'ruith le cabhaig, mar airson nèimh ! Nach 'eil sinn a' seasamh fuar, balbh ! Nach diomhanach a gheibhear sinn ri obair ! Nach 'eil sinn a' caitheamh na h-irine ri bruidhinn, cluith 'us fearas-chuideachd ! Nach cealgach a gheibh- ear sinn a' deanamh seirbhis Dhè ! Nach 'eil sinn gu trie ag èisdeachd, mar nach bitheamaid ag èisdeachd ; ag urnuigh, mar nach bitheamaid ag ùrnuigh ; 'g ar ceasnachadh fèin, a' smuaineachadh air Dia, agus a' cron- achadh peacaidh, mar nach bitheamaid a' deanamh sin ; a' mealtuinn Chriosd, mar nach bitheamaid 'g a mheal- tuinn ! Am bheil sinn a' gnàthachadh nithe nèimh agus nithe an t-saoghail, mar a theagaisg na h-Abstoil dhuinn? 0 ciod an doille reòta a rinn ar cridheachan a mheileachadh ! Ged tha sinn a' bàsachadh le fios duinn, cha ghluais sinn ; ged tha sinn 'n ar seasamh aig dorus sonais, no truaighe siorruidh, cha toir sinn sin fainear; 116 Ar Fèum air a bhi gu dichiottach am bas a' bualadh aig ar dorus, ach cha chluinn sinn è ; Dia agus Criosd ag eigheachd ruinn, " An diugh ma chluinneas sibh mo ghuth,na cruaidhichibh bhur cridhe;" seadh, ' oibrichibh, am feadh is là è, oir tha 'n oidhche a' teachd 'nuair nach urrainn aon duine obair a dheanamh.' Nis togaibh oirbh, buailibh air bhur gnothach, deanaibh saothair airson bhur beatha, gairmibh gach neart 'us uair gu fèum, mur dean sibh anis è, cha dean sibh gu bràth è. Ach 0 ! is gann a ghluaiseas sinne. Is gann a dhùisgeas sinn à clò-chadal a' mhi-chùraim! Nach luath cabhag bàis 'us breitheanais a' teachd h-ugainn ! Nach 'eil iad a' teannadh òirnn gach mionaid ! Is beag nach 'eil sinn 'n an lkimh, ach gidheadh cha n-fhaicear sinn a' greasad — a' greasad — a' greasad ar ceum. A Thighearn. nach marbh, talmhaidh, ifrinneach an ni cridhe cruaidh ! Càit am faighear an duine sin a's Criosduidh durachd- ach da rireadh ? Tha eagal òrm gur priobaid an staid shiorruidh le daoine anns gach kit. Is beag saothair a tha iad a' deanamh air a son anis. Cha n-'eil iad ag amharc air an staid sin mar ghnothach am beatha. Mur bithinn fèin tìnn fo'n ghalar chèudna, is mis' a Iionadh ing an leabhair so le deòir ! ciod an osnaich leis an dòirteadh mo ghearan amach I ciod am bron cridhe leis an deanainn caoidh thairis air a' mharbhachd choitchinn so ! Am faighear luchd-riaghlaidh a' deanamh an oibre fèin gu diadhaidh ann ar measg ? Am bheil iad èudmhor air taobh Dhè ? Am bheil iad a' suas-thogail a thighe ? Am bheil iad gu toileach, dileas a' cur onoir air Dia ? Am bheil iad a' cuideachadh leis an f hocal, a' casgadh peacaidh agus pheacach, na buaireadairean sin a tha nis a' toirt gach uilc 'us truaigh' òirnn ? Am bheil iad a' deadh-ghnàthachadh an cumhachd, an saoibhreis, an onoir agus an ùghdarrais uile, a chum aobhar Chriosd a chur air aghaidh, mar dhaoine a dh-f hèumas cùnntas " a thoirt air an stiilbhardachd" gu h-aithghearr ? Nach gann a gheibhear eadhon ministearan a tha da rireadh dtirachdach 'n an obair! Nach neo-iomlan a' chuid 'a's feàrr dhiubh anns a' chilis so ? Am bheil sinn, " ann an làn-dearbhadh an Spiorad," ag èigheachd amach an aghaidh eas-ùmhlachd dhaoine do'n t-soisgeul, ag ìarraidh Fois nan Naomh. 117 agus a' labhairt an aghaidh a' pheacaidh, mar an teine- sgrios a gheibhear anns gacb dùthaich agus baile, 's ag èigneachadh sluaigh gu teiclieadh uaith airson am beatha? Am bheil sinn, mar mhuinntir aig am " bheil fios air uamhas an Tighearna, a' cur impidh air daoin- ibh ?" Am bheil sinn a' sparradh air sluagh gabhail ri Criosd, ris an ath-ghineamhuinn, ri creidimh agus naomhachd, a' làn-chreidsinn nach urrainn beatha 'bhi gu brkth aig daoine 'dh-easbhuidh sin ? Am bheil ar cridheachan a' tiomachadh ris a1 mhòr-shluagh aineolach, mhi-chùramach, rag-mhuinealach ? 'Nuair a sheallas sinn riutha anns an aoduinn, am bheil ar cridheachan a' leaghadh le eagal os an ceànn, nach fhaic sinn an gnuis gu bràth ann am fois ? Am bheil sinn, mar bha Pòl, a' guil 's ag ìnnseadh dhoibh cho feòlmhor, talmhaidh, truaillidh 's a tha an cridheachan ? Am bheil sinn 'g an " teagasg gu follaiseach agus o thigh gu tigh," air gach am, agus " le iomadh deur ?" Am bheil sinn a' guidhe orra air sgàth slàint' an anamanan ? No, am faighear sinn ag ìarraidh cliu dhaoine, agus taitneas a thoirt do luchd-èisdeachd tiolpach, gogaideach, mar gu'm b'è an gnothach agus an dleasanas a's luachmhoire a ta aig ministear ri dheanamh, sgèul mìn, bìnn ìnnseadh, a thaitneas ri cluasaibh dhaoine, fhad 's a bhitheas è 'labhairt, gun siiil tuilleadh a thoirt an dèigh an t-sluaigh gus an tig an ath shearmoin ? Nach trie a gheibhear gliocas feòlmhor, no f ìamh crèutair a' bàthadh ar beò- dhurachd ! Nach blian ar searmoinean air cinn-theagaisg fìor dhrùighteach ! Nach m\n, socrach a làimhsicheas sinn na peacaidhean eagalach sin a tha agus a bhitheas a' làimhseachadh anamanan an t-sluaigh cho an-iochd- mhor, sgriosail ! A dh-aon f hocal, tha easbhuidh dian- dhurachd annainn-ne gu trie a' geas-thkladh anamanan dhaoine gu " foirmeileachd" f huair, agus 'g an aomadh gu bhi ag èisdeachd le gnàth mhì-chùram a sgriosas ìad. Gu'n deònaicheadh Dia peacadh mòr so na ministearachd a mhaitheadh anns an ni so ; agus, gu h-àraid, mo chuid-sa dheth ! Agus am bheil an sluagh — am pobull fèin — na's beò- dhùrachdaiche na luchd-riaghlaidh, no ministearan ? Ciamar a bhitheadh? A lèughadair, seall amhàin 118 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach riut-fèin agus.. fuasgail a' cheist so. Feòraich ri do choguis — ri do chridhe fern, agus ma cheadaicheas til dhà labhairt, ìnnsidh è an fhirinn dhuit. An do shoc- raich thusa do chridhe air fois shiorruidh mar ghnothach mòr do bheatha aims an t-saoghal so ? An robh thu ri caithris agus saothair le d' uile dhichioll " chum nach glae neach air bith do chrim ?" An robh thus' a' deanamh cabhaig', air eagal gu'm bi thu ro anmoch, agus gu'm beir am bàs ort, mu'm bi d' obair deante ? An robh thus' a' dian-ruith ameasg gach ana-cothroim, " a dh-ionnsuidh a' chomharraidh," eadhon " duais àrd-ghairme Dhè ann an Iosa Criosd," gun stad ' 'g adr shìneadh fèin chum nan nithe a ta romhad ?' Am fianuis do choguis air d.' èigheachd, air d' osnaich agus air do dheòir dhìomhair ? Am fianuis do theaghlach gu'n robh thu 'g an teagasg ann an eagal Dè, agus gu dileas, dichiollach a' toirt rabhaidh dhoibh gun dol gu " àit na ddruinn ?" Am fianuis do mhinistear gu'n cual' è thus' ag èigheachd " Ciod is còir dhomh a dheanamh chum gu'n teàrnar mi?" a' dòrtadh amach do ghearain an aghaidh do thruaillidheachd, 's ag ìarraidh na sligh' a dh-ionnsuidh an Tighearna ? Am fianuisean do choimh- earsnaich gur àbhaist duit a bhi gu glic a' cronachadh chrèutairean mì-dhiadhaidh, 's a' saothrachadh a chum anamanan do nàbuidhean a thekrnadh? Thugadh na fianuisean sin uile breth an diugh eadar Dia agus thusa, am bheil, no nach 'eil thusa gu beò-dhùrachdach ag iarraidh na foise nèamhaidh. Aithnichidh tu air an tomhas oibre a rinn è, co aca 'bha, no nach robh do sheirbhiseach leisg 'n a ghnothach, an uair nach robh do shùil air, mar sin, seall ri d' obair fèin anis, agus aithnich an robh thu-fèin leisg ann an gnothach d' an- ama. Am bheil do ghràdh do Chriosd, do chreidimh, d' èud agus do ghràsan eile, lag, no làidir? Ciod e d' aobhar gkirdeachais ? Ciod è do dhearbh-bheachd ? Am bheil gach ni dòigheil, òrdail 's an taobh-stigh dhiot? Am bheil thu ullamh airson a' bhàis, na'n gairmeadh è ort anis? Am bheil agad "beannachd" an t-sluaigh ris am b' àbhaist dhuit a bhi 'conaltradh? Thoir breth ort-fein arèir nan nithe sin, agus chithear leat gu grad, co dhiubh bu leisgean, no oibriche dileas, dùrachdach tarbhach thusa. ag larraidh Fois nan Naomh. 119 0 a shìth bheannaichte, cia mòr ar dearmad ort ! 0 a rìoghachd ghlòrmhor, cia mòr ar dimeas ort ! Is beag is aithne do dhaoine mi-chùramach, ciod è raòr luach na foise sin a tha nis cho suarach leò. Na'm b 'aithne dhoibh idir è, is cinnteach dh-iarradh iad \ na's dichioll- aiche. Is è mo dhòchas, a lèughadair, gu'm bheil thus' a' tuigsinn gur eagalach an ni dhuit-sa nis a bhi dearmadach mu do shìth shiorruidh, agus gu'n robh thu-fèin cheana trom-chiontach do thaobh na cùise so. Is è mo dhòchas cuideachd nach leig tlm leis a1 mhoth- achadh, a f huair thu air a' chùis, bàsachadh air d'inn- tinn. Na'n abradh an dochdadair riut, 'us tu tinn, " ma leanas tu air òl aon chùngaidh-leighis àraid a bheir mise dhuit, cha n-'eil teagamh idir agam nach leighisear do ghalar," nach gabhadh tus' a chomhairle gu luath ? Mar sin matà, tha mis' anis ag innseadh dhuit, ma ghabhas tu an aon ioc-shaint so 'n a h-aonar do d' anam, cha n-'eil teagamh idir agam-sa nach bi thu air do theàrnadh. Anis matk, crath dhiot do lùnndaireachd, agus cuir umad d' uile neart ; tog ort agus bi a' d' Chriosduidh amuigh 's amach, agus gheibh thu sonas. Chaidh thu fad air seachran o Dhia, ach ìarr è nis le d' uile chridhe, agus cha n-'eil teagamh nach fhaigh thu è. Agus ged bu mhi-chaoimhneil thu ri Criosd, ìarr è gu toileach, thoir làn ùmhlachd dhà, agus ma ni thu sin, bithidh do theàrnadh cho cinnteach dhuit, as geda bhiodh è agad cheana. Ach ged is làn toilltinneas Chriosd, ged is saor a ghealladh, agus ged is mòr tròcair Dhè, is beag is f heàirrd thusa sin gu brkth, mur dean thu ach amhàin labhairt orra gun an gabhail h-ugad 's an coimhead gu beò-dhùrachdach ; seadh, ma sheasas tu leisg, diomhanach, 'nuair bu choir dhuit oibreachadh gu dian, caillidh tu an crhn, eadhon il crim na beatha." Buail air an obair, matà, gu dùrachìlach, grad, agus beannaich Dia gu'm bheil ùin agad fathast gu obair a dheanamh. Agus a chum a dhearbhadh dhuit, nach 'eil mise 'g a do chur thuige gun aobhar, ainmichidh mi nis caochladh cuis-theagaisg gu do bheothachadh agus do ghreasad air aghaidh. Diiisg suas do spiorad, agus, mar thuirt Maois ri Israel, " Socraich do chridhe air na focail uile air am bheil 120 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach mise a' toirt fianuis dhuit air an là an cliugh : oir cha ni diomhain e dhuit, a chionn gur e do bheatha e." Deut. 32. 46, 47. Hò ! gu'm fosgladh an Tighearn do chridhe, agus gu'n teannaicheadh è nis a chomhairle fèin gu h-èifeachdach air d' inntinn. Thoir fainear, is àrd-luachmhor an t-ionmhas a tha sinn ag iarraidh, air an aobhar sin, is reusanach. an ni gu'n deanamaid dichioll air 'fhaotuinn, freagarrach ri luach an ionmhais sin. Is mòr an obair a ta againn ri dheanamh, agus is goirid, neo-chìnnteach ar là, agus is lionmhor, dichiollach ar naimhdean ; air an aobhar sin, is còir dhuinn .dichioll a dheanamh a bhios freag- arrach ris gach gairra agus cunnart dhiubh sin. Cha n-urrainn tuigse dhaoine idir a bhreithneachadh cho mòr 's a tha crioch a' Chriosduidh 'n a iarrtas 'us 'n a oidhirpibh uile. Càit am bheil ni eile cho òirdheirc, cho Iuachmhor, cho urramach, cho feumail ri glòrachadh Dhè, ri slàint ar n-anamanan fèin agus anamanan dhaoine eile, le teicheadh o dhòruinn na h-ifrinn, agus le seilbh 'fhaotuinn air glòir nèimh ? Agus an urrainn duine sam-bith a bhi air a ghreasad ro mhòr an dèigh nithe cho priseil ? An urrainn è an iarraidh ro dhtir- achdach, an gràdhachadh ro bhàth, no saothrachadh ro dhichiollach air an son? Nach 'eil fhios againn, mur buadhaich ar n-ùrnuighean, gu'm bi ar saothair diomhain agus sinn-fem càillte gu siorruidh ? Is mòr, iomadh-ghnèitheach obair a' Chriosduidh anns a' bheatha so. Fèumaidh 'anam a bhi air 'ath-nuadhach- adh ; feumaidh a thruaillidheachd a bhi air a cur gu bàs ; cleachdadh, buaireadh agus buannachd aimsireil a bhi air an ciosnachadh ; an f heòil air a claoidh : feumaidh beatha, creideas 'us càirdean a bhi air an àicheadh ; feumaidh a' choguis a bhi tre bhonnachair ceart air a sitheachadh, agus fe'umar dearbh-clnnnteas 'fhaotuinn air maitheanas agus teàrnadh. Geda bheir Dia dhuinn na beannachdan sin uile gun deadh- thoilltinneas air-bith annainn-fèin, gidheadh chabhuilich è òirnn aon diubh, mur iarr sinn iad gu toileach, flurachdach, dichiollach. A bhàrr air sin, fe'umar mòr eòlas a chruinneachadh, òrduighean a ghnathachadh. agus dleasanais a dheanamh. Tha sothair in* ri dhean- ag larraidh Fois nan Naomh. 121 agus dleasanais a dheanamh. Tha saothair òr r dheanamh anns gach linn, air gach bliadhna, air gach là, anns gach kit gus an tig sinn, agus anns gach gnoth- ach a bhitheas againn ris gach uile neach, agus anns gach cor anns am bi sinn. Tha dleasanais againn ri dheanamh gun stad, do f hearaibh-pòsda, do mhnathan, do chloinn, do sheirbhisich, do nàbuidhean, do chkirdean agus do naimhdean. Ciod ì do bhreth fèin anis ? Daoine aig am bheil obair cho mòr sin air an làmhan, nach còir dhoibh mòr shaothair a dheanamh, no, an saoil thu, an è an gliocas a bhi leisg, agus dàil a chur anns an obair? Tha ùin a' teicheadh 'n a deànn. Fathast beagan làithean 's cha bhi sinn ann ni's mò. Is lionmhor galar a tha 'n tòir òirnn, ullamh gu greim a dheanamh òirnn agus ar gearradh às. Fèumaidh sinne 'ta nis a' searmon- achadh, agus sibhse 'ta nis ag èisdeachd, a' bruidhinn 's ag imeachd, a bhi gu goirid air ar giulain air falbh, agus air ar càramh ann an duslach " an tighe chaoil," agus air ar fàgail aig na durragaibh ann am fuar dhorchadas, agus ann an dubh thruaillidheachd. Is beag nach 'eil sinn ànn cheana. Cha n-'eil fhios againn am faigh sinn aon searmoin, no sàbaid, no là, no uair eile. Cia dìchiollach, matà, bu choir dhoibh- san a bhi aig am bheil ùin cho geàrr 'us obair cho mòr ! Agus tha naimhdean guineach againn a' sior-dheilbh innleachdan 's a' saothrachadh a chum ar sgrios. Nach dichiollach Satan leis gach seòrsa brosnachaidh ag iarr- aidh ar glacadh ! Uime sin, " Bithibh stuama, deanaibh faire ; do bhrìgh gu bheil bhur nàmhaid an diabhul, mar leòmhan beuchdach, ag imeachd mu'n cuairt, a' sireadh cò a dh'f heudas e 'shlugadh suas. Cuiribh-sa 'n a aghaidh, air dhuibh bhi daingean 's a' chreidimh." 1 Pead. 5. 8. Nach dichiollach uile " theachdairean Shàtain!" luchd-teagaisg brèige, luchd-fochaid, ge'ur- leanmhuinnich, agus truaillidheachd ar cridhe fèin, nàmhaid a's miosa, a's dichiollaich' a ta againn ! An dean cogadh f ann, lag an aghaidh nan naimhdean sin an gnothach dhuinn ? Nach bu choir dhuinn a bhi na's gmomhaich', dichiollaich', tapaidh a chum sinn-fèin a shàbhaladh, na gheibhear ar naimhdean a chum ar milleadh ? 122 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach Thigeadh dhuinn fòs ar dichioll a mheudachadh 'nuair a bheir sinn fainear gach tàlant 'us tròcair a ta againn, agus ar dàimh ri Dia, maille ris gach trioblaid leis am bheil è 'g ar cronachadh. Is mòr agus is lion- mhor tàlant a fhuair sinne. Càit am bheil sluagh eile fo nèamh a fhuair teagasg na's soilleire, comhairlean na's druightiche, no rabhaidhean na's trice, na fhuair sinne, ann an am agus ann an an-àm ? — searmoinean, gus am bheil sinn sgith dhiubh ; agus sabaidean gus am bheil sinn 'g am mi-naomhachadh ? Leabhraichean maith cho pailt 's gur gànn tha f hios againn cò a' cheud fhear a lèughas sinn ? Càit am bheil sluagh eile aig an robh Dia cho fagus doibh ? no 'chunnaic uiread de Chriosd air a cheusadh fo'n suilibh ? no do'n robh glòir nèimh agus dòruinn na h-ifrinn air an deanamh cho soilleir ? Carson nach luathaicheadh sluagh mar sin an cèum gu nèamh ! Nach f haodadh ìad èirigh suas air iteig leis na sgiathan sin ! Nach bu choir dhoibh seòladh luath, 'us sruth, grian 'us gaoth leo ! Cha bheag an tomhas gràis a fhreagras do leithid sin a shluagh, agus cha leòr dhoibh idir dichioll beag ann an seirbhis Dhè. Tha ar beatha 's ar turus uile làn thròcairean. Saoibhreas na mara, saoibhreas an f hearainn, saoibhreas nèimh agus na talmhuinn air an taomadh òirnn gu tròcaireach le Dia. Tha sinn air ar beathachadh, agus air ar còmhdach le tròcair. Tròcairean lìonmhor ag- ainn astigh 's amuigh. Cha n-'eil crioch air ar tròcairibh. Innis an àireamh ma's urrainn thu ; innis an toiseach àireamh nan rèult agus na gainimh mine air tràigh a' chuain ! Ma tha eadar-dhealachadh idir eadar ifrinn agus talamh, seadh, no eadar nèamh agus talamh, gu cinnteach tha iomadh tròcair againn-ne. Ma's tròcair fuil Chriosd, Mac Dhè, gun teagamh thug Dia tròcair dhuinn-ne. Cha ro mhòr agus cha ro mhaith le Dia na tha e-fein a' deanamh air ar son-ne, agus am mòr leinn-ne gach saothair a ni sinn air a shon-san ? 'Nuair a choimeasas mi mo bheatha mhall, neo-tharbhach fein ris na tròcairean lìonmhor, prìseil a thug Dia dhomh, fàsaidh nàir 'us tosd òrm, agus f àgaidh è gun leisgeul mi. Ach nach ionmhuinr* ar dàimh ri Dia? An sinne ag ìarraìdh Fois nan Naorrih. 123 clànn Dè ? Ida's sinn, gu cinnteach, is còir dhuinn gràdh làidir, blàth, làn, agus flor ùmhlachd a thabhairt dà os-ceànn gach nì 'us neach eile? An sinne " cèile Chriosd," agus nach toir sinn beò ghràdh agus làn ùmhlachd dhà. ' Ma's Athair ma tà, càit am bheil 'onoir ? agus ma's maighstir è, c'àit am bheil 'eagal ?' Mat. 1.6. ' Tha sinn a' gairm Maighstir agus Tigh- earn dheth-san, agus tha sinn ag ràdh gu maith.' Eo. 13. 13. Ach mur bi ar dichioll freagarrach ris an dàimh sin, tha sinn 'g ar dìteadh fèin, 'nuair a their sinn gur sinne clann agus seirbhisich Dhè. Faic an t-saoth- air mhòr 's an obair chruaidh a ni seirbhisich gach là, chum am maighstearan timeil a thoileachadh, agus nach 'eil sin a' dubh-dhiteadh na muinntir leis nach àill saothair agus obair cho cruaidh a dheanamh airson a' Mhaighstir mhòir, shìorruidh ! Gu cinnteach, cha n-'eil maighstear idir ànn cho maith ris-san, agus cha n-f haigh seirbhisich air-bith eile duais cosmhuil ris an duais a bheir Dia d'a sheirbhisich dhìleas, dhìchiollach fèin. Agus an uair a gheibhear sinn a' dol amach o rathad Dhè, no ri cadal, no moille air an rathad, buailidh è sinn gu trie leis an slait-smachdachaidh, chum ar pilleadh air ais, agus ar cur arist anns an t-sligh mhaith. Is ealamh a fhreagras gach ball 'us crèutair, 'nuair a dh-òrduicheas Dia do aon air-bith dhiubh, sinne a chasgadh, no 'chronachadh. Air uairibh, nithear na tròcairean a's mìlse leinn 'n am bròn duinn. Cha bhi Dia gun slait dhuit, ged dheanadh è sgiùrsair dhiot-fèin a chum thu-fèin a smachdachadh. Faic do chorp tinn ag acain 's ag osnaich ; thu air do shàrachadh le cridhe duilich ; no do choguis chiontach fèin 'g a do thèumadh mar scorpion 'n a d' uchd. Co dhiubh nis a's f husa leat d'obair, na spuir ghoirt mar sin a chur riut ? Co dhiubh a's feàrr leat a bhi air do chlaoidh le trioblaid, na d' obair a dheanamh gn dichiollach ? Bithidh, gun teagamh, iomadh trioblaid 'us àmhghar anns a bheatha so gu trie, aig a' mhuinntir a's mò a ni, — aig na seirbh- isich a's dichiollaiche, ach tha dà thobar sòlais aca-san nach 'eil idir aig an leisgean : gheibhear sith coguis aca, agus dearbh chlnnteas air an dichioll 's an dilseachd ann an seirbhis Chriosd, agus cho lad 's a bhitheas an 124 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach solas dubailt sin aca, cha blii copan na trioblaid idir cho searbh dhoibh. Chum ar dichioll a mheudachadh ann an obair an Tighearna, is còir dhuinn a thoirt fainear ciod iad na nithe lionmhor a ta againn a chum ar cuideachadh ; ciod iad na firinncan a tha sinn ag aideachadh, agus a bhi Ian chinnteach nach urrainn sinn cus, no tuilleadh 's a' choir a dheanamh gu bràth. Nach 'eil an saoghal gu lèir againn mar sheirbhisich a chum ar cuideachadh ann an seirbhis Dhè ? — a' ghrian, a' ghealach agus na rèultan a' feitheamh dhuinn, le solus agus buaidh, a chum ar cuideachadh ? An talamh leis an uidheam mhòr a ta air, — clach, fiodh, luibh, toradh, eun agus beathach, — an cuan 's a chrèutairean iongantach gun àireamh, — an t-kile, a' ghaoth, an t-uisg, na neòil, an sneachd, an reothadh, teas, tigh 'us teine, — nach 'eil iad sin uile a' feitheamh dhuinn, agus a' cuideachadh leinn aig an obair ? Seadh, nach 'eil eadhon ainglean na glòir' a' feitheamh dhuinn, mar " spioradan frith- ealaidh." Agus nì a's mò na sin uile, nach 'eil foighidin Dhè fèin a' feitheamh ruinn ; Criosd leis an t-sith a cheannaich 'fhuil, a feitheamh ruinn, an Spiorad Naomh a' feitheamh agus a' stri ris gach cridhe seachranach? Agus nach 'eil ministearan an t-soisgeil ag ullachadh 's a' feitheamh, a' searmonach- adh 's a' feitheamh, ag ùrnuigh 's a' feitheamh ri peacaich gun chùram ? Nach uamhasach an cionta, matk, dearmad a dheanamh air an obair, agus ainglean 'us daoine, seadh, an Tighearn glòrmhor fèin cho fagus duinn, agus iad, mar gu'm b'eadh, ullamh gus a' choinneal a chumail ruinn, agus sinn-fèin gun a bhi 'deanamh dad idir 1 Guidheam birbh, a Chriosduidhean, ge-b'-e uair a bhitheas sibh ag iirnugh, a' cronachadh luchd-uilc, no ri dleasanas air-bith, cuimhnichibh-se cia lionmhor, comasach bhur luchd-cuideachaidh, agus thugaibh fèin breth am bheil è sàbhailt dhuibh dàil a chur anus an obair mhòir so, no 'bhi 'g a deanamh gu fuar, farm, rag, leisg, an dràst 's arist ? Is iad na firinnean mora a tha sinn ag aideachadh, gur è Dia fèin an t-àrd mhaith, — gu'm bheil ar sonas uile ann an gràdh Dhè, agus, air an aobhar sin, gur ag larraidh Fois nan Naomh. 125 còir dhuinn sonas iarraidh, agus meas a chur air Dia 06-ceànn nan uile nithe, — gur è Dia fèin amhkin ar Tigliearn, agus. air an aobhar sin, gu'm bheil againn ri seirbhis a dheanamh dhà, air thoiseach air na h-uile, — gu'm fèum sinn Dia a ghràdhachadh le ar n-uile chridhe, ar n-uile anam agus neart, — gur è ar gnothach mòr 's an t-saoghal so, Dia a ghlòrachadh, agus slàint 'fhaotuinn. Am faicear an teagasg sin anis ann ar cleachdadh ? No am faighear ar gniomh-obair ag àicheadh nan nithe a tha ar briathran ag aideachadh? Ach, ciod-air-bith cho mòr 's a bheothaichear an obair leis gach bònn-firinn agus luchd-cuideachaidh, tha sinn làn-chìnnteach nach urrainn sinn cus a dhean- amh gu bràth. G-eda dheanamaid " na h-uile nithe, is seirbhisich neo-tharbhach sinn." Lite. 17. 10. Ach tha sinn clnnteach gu'm bheil sinn a' deanamh ro bheag de gach dleasanas. Cha n-urrainn duine sam- bith seirbhis ro mhòr, no ùmhlachd ro mhòr a thoirt do Dhia. Ma's ànn do bhaoth-chreidimh agus air seirbhis do innleachdan a dheilbh sinn-fèin, a gheibhear sinn ag oibreachadh gu h-èudmhor, dian, faodar a ràdh gu'm bheil sinn " anabharrach fireanta ;" ach fhad 's a leanas sinn riaghailt an Fhocail, cha n-urrainn sinn a bhi ro " fhireanta" gu bràth. Nach ana-cneasda. gkmhlasach an saoghal a their gur neònach, amaideach an ni, sluagh a bhi glè dhichiollach. f ìrinneach, dileas ann an deanamh seirbhis do Chriosd I Ach is fagus an là air an aidich na saoghaltaich sin gu luath, nach urrainnear seirbhis ro mhòr, no grkdh ro mhòr a thoirt do Dhia ; agus nach urrainn duine sam-bith a bhi ro dhichiollach airson 'anam fèin a theàrnadh. Faodaidh sinn obair ro mhòr a dheanamh gu trie do'n t-saoghal, ach cha n-urrainn sinn idir obair ro mhòr a dheanamh do Dhia. Faic so anis : — Is è nàdur gach gràis ar dìchioll a mheudachadh. — is saothair chàillte gach leisg-obair a nithear anns an t-sligh gu nèamh, — tha mòran ùine luachmhor air a mhi-ghnkthachadh cheana. — agus is ànn arèir ar saothair a bhitheas ar luach-saothrach. Thoir fainear, matà, nàdur 'us aomadh gach gràis. Ma tha grkdh glan a gad do Dhia, cha shaoil thu idir ro l3 126 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach mhòr, no ro dhraghail, ni sam-bith a's urrainn thu 'dheanamh chum a sheirbhis a chur air aghaidh, agus a thoi-leachadh na's raò. Tha gràdh beò, togarrach, gnìomhach, cùramach. Ma tha gràdh agad do Criosd, coimhididh tu 'àithntean, agus cha n-abair thu gu bràth, mar leisgeul dhuit-fèin, gu'm bheil ìad ro theànn, no ro chruaidh ort. Ma tha creidimh agad, beothaichidh agus misnichidh è thu an còmhnuidh. Ma tha dòchas na glòir' agad, bithidh è dhuit mar an dual-mòr (main-spring) do'n uaireadair, cuiridh è gach cuidhle 'n a d' anam air ghluasad. Ma tha eagal Dè ort, dùisgidh e thu agus fuadaichidh è air falbh do leisg. Ma tha èud agad, lasaidh è, agus ithidh è suas thu. Ciod-air-bith tomhas anns am bheil thu air do naomhachadh, no do chridhe air a ghlanadh, is ann dìreach arèir an tomhais sin a gheibhear thu beò-dhùrachdach agus dichiollach, gniomhach ann an obair Dhe\ Ach iadsan a ni leisg- obair, caillidh iad an saothair. Tha mòran, cosmhuil ri Agripa, ach " beag" 'n an . Criosduidhean. Ach chi iad sin mu dheireadh, gu'm bi iad ach beag air an tearnadh. 'Nuair a bhitheas dithis a' ruith ann an geall-rèis, caillidh am fear a's maille c^um araon an duais agus a shaothair. Ma tha duine a' togail cudthroim, abair clach mhòr, no bolla- mine, feumaidh è neart gu leòr a chur ris, mur cuir, bu cho math dhà gun f heuchainn idir ris. Nach lionmhor dleasanais a tha Criosduidhean a' call, a dh-easbhuidh an làn dheanamh, — an deanamh is 'us às ! " larraidh mòran dol a stigh, ach cha'n urrainn iad." Luc. 13. 24. Ach is dòcha gu'm b'urrainn iad, na'n d'rinn iad " spàirn chruaidh." Uime sin, dean-sa dichioll beagan na's mò, agus cuir neart beagan na's mò ris an obair, air eagal gu'n càill thu na rinn thu cheana. A bhàrr air sin, nach 'eil mòran ùine luachmhòir air a call cheana? Dh'fhalbh làithean leanabachd agus òige bho chuid dhinn, agus o chuid eile, leth an aois, agus is goirid, neo-chìnnteach na làithean a ta romh- ainn. Nach mòr an uin a chaith sinn ri cadal, ri bruidhinn gun toradh, ri cluith, agus ri smuaintibh 'us cùram saoghalta I Nach beag obair a tha deante I Cha bheirear air na làithean a dh'fhalbh gu bràth ; mar an ag iarraidh Fois nan Naomh. 127 corp a chàraichear 's an " tigh cbaol gun lèus," cha till ìad tuilleadh! Nach còir dhuinn, matà, am beagan làithean a ta romhainn a ghlacadh agus a chur gu buil mhaith ? Ma chaidleas am fear-astair, no ma's mall a choiseachd air toiseach an là, fèumaidh è nis a chèum a luath-ghreasad 's an fheasgar, air-neo cha ruig è ceànn a thuruis. Bi cinnteach gu'm bi do dhuais arèir do shaothair. An siol a chuirear 's an talamh, bàsaichidh è ànn, agus cha n-fhaicear è ni's mò, gidheadh chithear a thoradh taitneach, tròm 's an f hoghar. Mar sin bithidh saoth- air mhaith an diadhair dhichiollaich. Oibrich thusa, matà, an diugh; oir ciod-air-bith a ni thu nis, no 'dh-f huiligeas tu airson Chriosd, pàidhidh fois shiorruidh air a shon uile. Cha ghabhar aithreachas gu brkth airson saothair, no cruaidh-oibre tre'n tèidear airson criiin-glòire. Cha n-abaira on neach aig uair a' bhàis^ ■ B'fheàrr nach d'rinn mi saothair cho mòr, b'fheàrr nach robh mi ri urnuigh cho trie, b'f hearr nach robh mi cho teànn-phùngail, no b'fheàrr dhomh chisean a ghabhail cho socrach ri sluagh eile." Ut, ut ! cha n-abair, ach seallaidh a' mhuinntir naomh air an ais, le aoibhneas, air gach saothair 'us trioblaid, a' moladh àrd chumhachd Dhè a rinn iadsan a shaoradh o gach I trioblaid agus tèinn." Is maith a dh-fhaodas sinn uile a ràdh le Pòl, " Tha mi a' meas nach airidh fulangais" agus saothair "na h- aim sir a ta làthair a bhi air an coimhmeas ris a' ghlòir a dh'fhoillsichear annainn.*' Rom. 8. 18. Cha n-'eil 'n ar saothair an diugh ach mionaid, ach mairidh ar fois gu siorruidh. Co* anis nach dlu-chleachdadh a neart uile car aon uair a chum, le obair na h-aon uaire sin, a bhi 'n a phrionnsa fad a bheatha? "Cha n-'eil Dia mi-chothromach, gu'n dì-chuimhnicheach è obair agus saothair ar gràidh."^ Eabh. 6. 10. Nach bi ar " deòir uile air an tior- machadh air falbh," agus gach bròn, a bhuail sinn ann an cuairt ar dleasanais, air a dh\-chuimhneachadh air là na i| foise glòrmhoir' shuas ? Nis is maith na nithe priseil so a thoirt fainear, eadhon Ii gur è " spàirn chruaidh a dheanamh" an dòigh a dh'òr- 128 Ar Fèum air a bid gu dichiollach bheil, no gu'm bi an dòigh so air a h-aideachadh gu taitneach leis na h-uile dhaoinibh,— gu'm bheil na Criosduidhean a's feàrr ri caoidh aig uair a' bhkis air- son an dearmaid, — agus gu'm bheil mòran a' call an còir air nèamh, do bhrigh nach 'eil iad a' deanamh cruaidh spàirn, agus nach ruigear nèamh gu bràth air dòigh sam-bith eile a's socraiche na sin. Is è 'n Dia uile-ghlic fèin a ta nis ag innseadli dhuinn gu'm fe'umar " spkirn chruaidh a dheanamh" leis gach uile neach a chum ruigsinn air teàrnadh. Tha gliocas Dhe* a' faicinn so iomchuidh : agus cò aig a's fekrr a tha fios air an dichioll a dh'fheumar a dheanamh air an t-sligh gu nèamh, na aig Dia nèimh? ^Nuair a chluinnear daoine feòlmhor a' gearan an aghaidh so mar òrduigh ro theknn, cò a tha iad a' coireachadh, Dia no seirbhisich Dhè? Ma tha coire sam-bith ànn, fèumaidh ì bhi aig an Ti sin a tha 'toirt na h-kithne, agus cha n-ann againn-ne idir a tha nis a' toirt umhlachd dhi. Their na daoine sin ruinn, an sibhs' a's glice na daoine eile ? mar sin, a' gabhail gu dkna orra-fe'in a bhi na's glice na Dia fèin. Cionnus a chordas am beachd 's am briathran, ri lagh 'us briath- raibh Dhè ? Mar so deir an Tighearn : — " Tha rìoghachd nèimh a' fulang ainneirt agus luchd na h-ainneirt 'g a glacadh le làmhachas làidir." Mata 11. 12. " Deanaibh spàirn chruaidh gu dol a stigh air a' gheata chumhann : oir a ta mi ag radii ribh, gu'n iarr mòran dol a stigh, agus nach urrainn iad." Luc. 13. 24. " Ge b'e ni a gheibh do làmh r'a dheanamh, dean e le do dhichioll ; oir cha Veil obair, no innleachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, d'am bheil thu a' dol." Ecles. 9. 10. " Làn-obrichibh bhur slàinnte fèin le h-eagal agus ball-chrith." Philip. 2. 12. " Deanaibh tuilleadh dichill chum bhur gairm agus bhur taghadh a dheanamh cinnteach." 2 Pead. 1. 10. "Agus ma's ann air èigin a theàrnar am f ìrean, c'àit an taisbein an , - duine mi-dhiadhaidh agus am peacach e-fèin ?" 1 Pead. mr 4. 18. Labhradh na daoine sin gach sgleò a's kill leo j | an aghaidh " ainneirt" dhiadhaidh agus " cruaidh H1? spàirn" nan naomh ; is leòr leam-sa so a chum am breug- ]| nachadh, nach 'eil Dia idir ag ràdh mar tha iadsan ag 'IÌL ag larraidh Fois nan Naomh 129 rkdh, agus nach è am beachd-san, beachd Dhe* air an obair so. Dh'kithn Dia dhomh-sa mòran a dheanamhr agus ged nach. fhaicinn aobhar sam-bith eile airson a dheanamh, bu leòr an t-aobhar leam a thoil mhaith fein. Co bu choir lagh a dheanamh air ar son, agus àithneadh dhuinn a choimhead, ach an Ti a rinn sinn ? Agus cò bu choir an rathad gu nèamh a chomharrach- adh amacli dhuinn, ach an Ti a's urrainn ar toirt gu nèamh ? Agus cò bu choir cumha na slaint' a dhean amh ruinn, ach an Ti sin a ta nis a' tabhairt beann- achd na slkinte dhuinn ? Mar sin, labhradh an saoghal, an diabhul 's an f heòil an aghaidh cruaidh spàirn nan daoine dichiollach, naomh ; ach is è mo f hreagairt-sa, DKàithn Dia fèin è. Cha robh riamh, agus cha bhi duine idir ann nach aidich gu toileach, air aon là mor, gu'm bu ghlic, ceart saothair mhòr nan naomh. Agus cò nach deanadh saothair agus nach gabhadh an rathad a bhitheas fathast air an àrd-mholadh leis gach duine ? Is maith " tha f hios againn gu'n labhrar anns gach àit an aghaidh" na I cruaidh spàirn" so. Ach ceadaichibh dhomh innseadh dhuibh gu'm bheil a' chuid a's mò 'labhras 'n a h-agh- aidh ag aontachadh leatha 'n an inntinn, agus a' chuid nach 'eil an diugh ag aontachadh leis an obair mhaith so, is goirid gus an tig an là air an aidich iad ì ann an saoghal eile. Ma thèid ìad do nèamh, fèumaidh an inntinn a bhi air a h-atharrachadh mu'n ruig iad an t-àit sin. Ma thèid iad do ifrinn atharraichear am beachd, kill air n-kill an sin. Is toigh leat an diugh a bhi beò arèir barail 'us beachd a' mhòr shluaigh, carson matà, nach bitheadh tu nis de'n bharail sin a gheibhear fathast aig na h-uile ? Sibhse nis a bhios ag ràdh gur ' ro dhraghail, cruaidh leibh saothair nan daoine diadhaidh,' carson a bheireadh sibh breth 'n an aghaidh, agus sibh cinnteach gur goirid an ùin gus an atharraich gach aon dibh a' bhreth sin. Hò ! b'f heàrr gu'n robh sibh cho glic anns a' chùis so, ris a' mhuinntir a ta nis ann an ifrinn ! Gheibhear eadhon na Criosduidhean a's fekrr a tròm-chaoidh, air là mòr am bkis, cho dearmadach 's a5 bha iad. Their gach aon diubh, " 0 ! b'f hekrr gu'n robh 130 Ar Fèum air a bhigu dichiollach mise mile cuairt na's naomha, na's nèamhaidh, na's dichiollaiche, airson m'anama ! Geda bha 'n saoghal 'g a mo dhiteadh airson a bhi 'deanamh saothair rò mhor, tha mi nis air mo dhiteadh le mo choguis fèin airson cho beag saothair 's a rinn mi. B'f hasa leam gu mòr giùlain le beumaibh magaidh an t-saoghail, na le buillibh ditidh na coguis. B'f heàrr leam a bhi air mo chàineadh leis an diabhul airson a bhi gu trie ag ìarraidh slàinte do m' anam, na bhi air mo chronachadh le Dia airson a bhi 'g a dhearmad." Nach iad a bhitheas air an luasgadh 's air an leòn le cuimhneachadh air an iomadh f àiiinn f&n, ged bu ro naomh 'us ro dhiadhaidh leis an t-saoghal iad. Is ann le easbhuidh tuilleadh dichioll a tha sonas nèimh air a chall gu trie le mòran. Oir ' ged chual' iad am focal, ged ghabh iad ris air ball le gàird- eachas, ged rinn iad mòran do nithibh, ged dh'eisd iad teachdairean Chriosd gu toileach,' (Mata 13. 20. ;) gidheadh bàsaichidh iad, sgriosar iad ; do bhrigh nach d'rinn iad saothair agus spàirn leanmhuinneach. Hò ! dùisgeadh sin anis sluagh amach às am mi-chiiram I Nach iomadh fear 'us te* a chaidh iomadh ceum le Criosd 's a thrèig è an dèigh sin, 'nuair thàinig àm an dearbh- aidh — an t-àm gus an càil agus an dòchas saoghalta, feòlmhor àicheadh I Rùnaich Dia nach ruig neach sam-bith nèamh air rathad air-bith eile na's socraiche na'n rathad a dh'òrd- uich e-fein. G-heibhear fois an còmhnuidh an dèigh mòr shaothair a dheanamh. " As èugmhais naomhachd cha'n f haic neach air-bith an Tighearn." Cha deanar dichioll treibh-dhireach gu brkth, a dh-easbhuidh beò- dhùrachd. Mur 'eil thu beò-dhùrachdach, naomh cha Chriosduidh idir thu. Is è beò-dhùrachd naomh, cha n-è mhàin cèum àrd ann an creidimh a' Chriosduidh, ach a bhith 's a bheatha. Cha n-ionann idir basbairean, no bocsairean agìadhadh ri 'chèile air sgàlan-cleasachd agus saighdearan dileas a' cur cath' airson am beatha, mar sin matà, cha n-ionann cealgadairean as Criosduidhean beò- dhùrachdach. Na'm b'urrainn daoine 'bhi air an teàrnadh gun dichioll, dìan,beò-dhiirachdachmar so, chaghabhadh iad siiim idir dheth, bu bheag aca gach saothair. Cha deanadh gach òirdhearcas àrd a ta ann an slighibh Dhè loi ag ìarraidh Foìs nan Naomh. 131 fèin an tkladh gu bràth d'a ionnsuidh. Ach anis air dhuit-sa 'f haicinn gu'n d'òrduich Dia nach faigh neach air-bith fois an dèigh a bhàis, mur clean è dìchioll beò- dhùrachdach an dràst — anns a' bheatha so — nach è do ghliocas, raatà, dìan shaothair a dheanamh air a son le d'uile dhìchioll ? Ach, a lèughadair, ceadaich dhomh nithe prìseil eile, seadh, nithe iongantach, a chur romhad, a chum d'aomadh, ma's ùrrainnear, gu bhi dìan, dùrachdach ann an ìarraidh fois do d'anam. Cuimhnich so matà, — Tha Dia fèin làn-dhùrachdach anns gach uile ni mu do thimchioll-sa ; agtis carson anis nach bitheadh tusa làn-dhùrachdach anns gach ni do thaobh Dhè ? Anns gach àithn, anns gach bagairt, agus anns gach gealladh, a tha Dia a1 toirt dhuit, bha agus tha è, gu cinnteach, a' rùnachadh a' cheart ni sin a tha è nis a' labhairt. Nach robh è dùrachdach anns gach breitheanas a thug è riamh air sluagh anns an t-saoghal so ? — ann am bàthadh nan cùl-dìleach, — sluagh an t-seànn saoghail, — leis an tuil ? ann an sgrios Shodoim agus Grhomòrrah le teine? agus ann an sgapadh nan Iudhach ? Agus an àm so, matà, gu leisg-obair a dheanamh do Dhia? Bha Criosd lkn- dhiirachdach ann an ceannach saorsa dhuinn le 'f huil. B'fheàrr leis sluagh a theagasg na biadh, no deoch. Faic Criosd a' buanachadh ann an ùrnuigh rè na h-oidhche : a sior- dheanamh maith. Chuir a shaothair mhòr iongantas air a chàirdean ; b'amaideachd a bheò- dhùrachd le cuid diubh. Ach 0 ! faic fulangas mòr Chriosd ! Thraisg è dà f hichead là, bha è air a bhuair- eadh, air a bhrath, air a mhaslachadh le smugaidean, air a bhualadh, air a chrùnadh le droighionn, air a chur ann am fallas mòr fola, air a cheusadh, air a bhruanadh, air a chur gu bàs : cha b' obair bheag sin uile ! Agus nach tigeadh dhuinn-ne nis a bhi beò-dhùrachdach ann an oibreachadh amach ar slàinte fein ? Tha 'n Spiorad Naomh làn-dhùrachdach 'g ar gairm gu sonas. Nach trie, dian, toileach, iarrtasach a cheum a' s\or-stri ruinn, agus " doilgheas" air an uair a dhiùltas sinn a thairgse ghràsmhor ! Agus nach tigeadh dhuinn-ne nis a bhi dìan-dhùrachdadh ann an toirt timhlachd 'us èisdeachd do ghairmibh min, ciirin an Spioraid ? Tha Dia durachd- 132 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach ach ann an èisdeachd ar n-urnuighean, agus arm am buileachadh a thròcair òirnn. 'Nuair a thilgear sinn ann an anshocair, bithidh anshocair air-san. Eisdidh è gu grad ris gach acain, ochain 'us osnaich, agus gleidhidh è gach de*ur, a shileas a phobull, 'n a shearraig fèin. An ath uair a bhitheas tu fo thrioblaid, iarraidh tu eisdeachd dhùrachdach do d' iirnuigh, ach ciamar is urrainn sùil a bhi agad ri àrd thròcair, fhad 's a gheibh- ear thu blian, fann, fuar, mail ann an seirbhis Dhè ? Tha ministearan Chriosd dùrachdach ann an earail agus ann an teagasg. Tha iad ag iarraidh an Tighearna agus 'g ad' iarraidh-sa. Is mò leo gu mòr (le cuid mhòir co dhiubh.) slàint d' anama-sa na idir am maith aimsireil fèin. Ged mharbhadh s\ad iad-fèin le obair, ged chuirteadh gu bas mar mhartaraich iad, agus ged gheibheadh iad iomadh tàire airson searmonachadh an t-soisgeil, measaidh iad sin uile mar thròcair, ma gheibh- ear è 'n a mheadhon a1 cur glòir Dhe* agus teàrnadh d' anama-sa air aghaidh. Agus am b'àill leat-sa daoine eile a bhi cho cùramach, iomaganach mu thimchioll do shlàinte, agus thu-fèin cho dearmadach ? Nach diir- achdach, dichiollach uile chreutairean Dhia, a' deanamh seirbhis dhuit ! — a1 ghrian le cabhaig a' cuairteachadh an t-saoghail air do shon ! Uisg nan spèur a' sileadh anuas air do shon ! tobraichean a' sruthadh air do shon ; aimhnichean a' sior-ruith air do shon ; earrach agus foghar 'n an àm air do shon ; do dhamh 'us d' each a' cruaidh-oibreachadh air do shon gach là ! Faic anis cho fior dhtirachdach 's a tha iad sin a' deanamh seirbhis dhuit ! Agus am faighear thusa, — thu-fèin amhàin, — dearmadach, mi-chùramach, mi-dhùrachdach ann an seirbhis Dhè? Ma gheibhear, is truagh do chor. Tha seirbhisich an t-saoghail agus an diabhuil gle dhùrachdach, 'n an obair fern. Tha iad ag oibreachadh gu teànn, dìan, dichiollach, mar nach b'urrainn iad gu leòr a dheanamh. Is mòr an cabhag, mar gu'm b' f hada leo gus an ruig iad ifrinn. Bheir iad dubhlan do mhinistearan, do shearmoinibh agus do gach meadhon gràis eile, agus gabhaidh iad air an aghaidh gun stad. Agus am faighear iadsan na's dichiollaiche chum am mallachadh fdin, na gheibhear thusa chum do theàrnadh ag ìarraidh Fols nan Naomh. 133 fdin? Nach 'eil maighstear na's fekrr, obair na's taitniche, misneachd na's mò, agus duais na's feàrr agad-sa? Bha uair ann air an robh thusa diirachdach ann an deanamh seirbhis do Shàtan agus do'n fheòil, mur 'eil a' chilis mar sin fathast. Nach bu diirachdach thus' a' leantuinn cleasachd, droch cuideachd agus cè'um a' pheacaidh ! Agus nach bi thu nis, matk, cho dian, diirachdach sin air taobh Dhè ? Tha thu gus an là an diugh diirachdach mu nithibh na beatha so. 'Nuair a bhitheas tu tlnn, no ann am pian, nach diirachdach a ni thu do ghearan fèin? Ma tha thu bochd nach dichiollach, cruaidh a shaothraicheas tu airson do bheathachaidh ? Ach nachi obair do theàrnaidh gu mòr a's luachmhoire na sin ? Cha n-'eil fala-dhk ann an nèamh, no ann an ifrinn. Tha làn shonas aig na naoimh air nèamh, agus Ian truaighe aig an t-sluagh mhallaichte ann an ifrinn. Cha n-'eil moladh mall air nèamh, no caoidh mhàll 'an ifrinn. Tha gach neach fior dhùrachdach an sin. 'Nuair a ghairmear thus', a lèughadair. gu bks agus breitheanas, 0 ! sin an t-àm air an smuainich thu gu dian, domhain, fur air siorruidheachd ! Thar leam gu'm bheil mi cheana 'g ad' f haicinn air do bhualadh le uamhas, ag rkdh " 0 ciamar a bha mise cho fada coma do na nithibh sin I" Thar leam gu'n cluinn mi thu nis ag eigheachd amach an aghaidh do dhoille, do mhi-dùrachd agus do ghòraich. Agus anis, a lèughadair, air dhomh na h-argumaidean mora, fior sin, nàch gabh àicheadh, a chur romhad, tha mi, ann an ainm Dhè, nis ag \arraidh do riiin — An kill, no nach kill leat iimhlachd a thoirt ? Tha mi cinnteach gu'm bheil do choguis fèin anis fo mhothachadh air do dhleasanas. An dkna dhuit, matk, do chleachdadh mi- chiiramach, olc a leantuinn na's fhaide, a1 dol an aghaidh guth do rèusain, a' dol an aghaidh kithne Dhe", 's an aghaidh solus do choguis fèin ? An dkna dhuit a bhi beò cho mi-shiiimeil, a' peacachadh cho ladurna, agus ag urnuigh cho ainmig 's a b'kbhaist dhuit roimhe so ? An dàna dhuit a bhi* fathast a' mi-naomhachadh na Skbaid, a' deanamh dearmaid 'us tkir' air aoradh Dhè, 's a bhi leisg, mi-chiiramach mu do staid shiorruidh, mar bha thu roimhe so ? No am bheil thu nis a' cur romhad 134 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach " leasraidh" d' inntinn "a chrioslachadh suas," agus do chridhe a làn-shuidheachadh air obair do shlàinte, a' seasamh amach an aghaidh gach ana-cothroim agus gach fochaid 'us bèum o'n t-saoghal, agus a' cur dhiot ' gach lethtroim, agus a' pheacaidh sin a ta gu furas ag ìadhadh umad, agus a1 ruith le foighidin na rèis a chuireadh romhad?' Edbh. 12. 1. Tha mi an dòchas gur è sin do làn run. Ach o'n is maith is aithne dhomh-sa an ragaireachd a ta ann an cridhe an duine, agus o-na tha mi fìor dhùrachdach ag iarraidh gu'm maireadh d'anam-sa beò, guidheam ort, aon uair fathast, a' cheart aire 'thoirt do na ceistibh a chuirear riut an so, agus tha mi nis ag àithneadh dhuit o Dhia, Na much guth do choguis, agus na diult faireachadh, ach freagair iad gu firinneach, agus thoir ùmhlachd gu toileach. Nise, matà, na'm faigheadh tusa, bho bheatha dhiadhaidh, saoibhreas, onoir, no àrd inbhe 'san saoghal so, fuasgladh o easlaint, no bhi beò gu bràth ann an làn phailteas de gach ni taitneach air thalamh, nach atharraicheadh tu do chaithe-beatha agus nach deanadh tu saothair dhùrachdach ann an seirbhis Dhè ? Ach nach i Fois nan naomh sonas a's òirdheirce na sin uile ? Na'n cuirteadh gu bàs thu airson a bhi an diugh a' briseadh na Sàbaid, a' dearmad aoradh teaghlaich, ùrnuigh uaignich, no 'bhi mi-chùramach, olc 'n a do chaithe-beatha, ciamar a dheanadh tu an sin ? Ach nach è am bàs sìorruidh a's uamhasaiche na 'm bàs aimsireil ? Na'n deanadh Dia peanas foillaiseach an diugh air gach gniomh peacach, mar a rinn è air Ananias agus Saphira, (Gniomh. 5.) ciod an seòrsa caithe-beatha 'bhitheadh agad, a pheacaich ? Ach nach è corruich shiorruidh a's uamhas- aiche gu mòr na sin uile ? Na'n tigeadh aon de do sheànn luchd-eòlais anis o na mairbh, agus na'n ìnnseadh è dhuit gu'n robh è air a phianadh le cruaidh dhòruinn ann an ifrinn, o uair a bhàis , airson nam peacaidhean sin de'm bheil thusa nis ciontach, ciod an gnè chreutair a bhitheadh annad an dèigh sin ? Ach nach è rabhadh o Dhia cuis eagail a's mò dhuit na eadhon sin. Na'n robh thu air do dheanamh làn chinnteach gur è so an là mu-dheireadh dhuit 's an t-saoghal so, ciamar a chaithcadh tu è ? Agus cha n-'eil ag ìarraidh Fois nan Naomli. 135 fhios idir agad nach è so do là mu-dheireadh, agus tha thu cinnteach nach 'eil è fada uait. Na'm faiceadh tu an saoghal uile air a leaghadh às, agus a ghlòir \s a ghreadhnachas uile air an losgadh gu neo-ni, ciod a theireadh tu ris an t-sealladh uamhasach sin ? Matà, chì thus' an sealladh sin gun teagamh. Na'ra faiceadh tu caithir a' Bhreitheanais air a suidheachadh, agus na leabhraichean air am fosgladh, agus na h-aingidh a- seasamh fo chrith air làimh chlìth a' Bhreitheimh, agus na naoimh a' deanamh gàirdeachais air a làimh dheis, agus caochladh binn 'g a toirt amach air gach sluagh dhiubh sin, ciod an seòrsa duine 'bhitheadh annad an dèigh an t-seallaidh sin ? Bi cinnteach, matà, gu'm bheil là 'teachd air am faic thus' an sealladh sin. Na'm faiceadh tu ifrinn fosgailte, agus a' mhuinntir mhall- aichte gu le"ir ann an teth dhòruinn nach sguir ; agus na' m faiceadh tu nèamh fosgailte, mar chunnaic Stephen diadhaidh, agus na naoimh uile ri àrd chaithream ann an glòir, ciod an seòrsa caithe-beatha 'bhitheadh agad andeigh dhuit sin fhaicinn? Mata, cha n-fhadagus am faic thus' an dà shealladh mhòr sin. Na'n robh thu air do shineadh ann an ifrinn fad aon bhliadhna, aon là, no aon uair, a' fulang na dòruinn sin mu'm bheil thu nis a' cluinntinn, nach durachdach, curamach a labhradh tu, agus a dheanadh tu ùrnuigh chum an t-kit sin a sheachnadh ! Agus nach gabh thu focal firinn Dhia mar dhearbhadh air an ddruinn sin, mur fairich thu ì ? No na'n robh seilbh agad air glòir nèimh fad aon bhliadhna, nach deanadh tu saothair anabarrach mòr, a chum do sheilbh air a' ghlòir gun choimeas sin a chumail gu brkth ! Ach nach dubhairt mi gu leòr? Mur dean so am peacach a dhhsgadh suas gu obair dhurachdach a dhean- amh airson a shlàinte fèin, faodaidh è tosd a chur air, agus 'fhàgail gun leisgeul, 'nuair a ghairmear h gu breitheanas Dhia. 'Nuair a gheibh ar ckirdean bks, cha dean focal, no gnìomh uainn-ne fè'um idir dhoibh, ach a chum ar dàimh riutha agus ar bròn air an son a nochd- adh, ni sinn guil 'us caoidh air an son. Air an dòigh chèudna, matk, ni mise caoidh airson nan anamanan truagh sin a tha marbh anns a' pheacadh. Tha crith 136 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach air mo chridhe 'smuaineachadh orra 'n an seasamh nàraichte, tosdach an làthair an Tighearna ! 'Nuair a their è riutha, " An è an saoghal, no Satan caraid a b'fheàrr dhiubh na mise ? An iad sin a's mò a rinn air bhur son na mise ? Feuchaibk anis an urrainn iad sin bhur sàbhaladh, no bhur duaiseachadh airson call nèimh, no idir a bhi cho maith dhuibh 's a b'àill leams' a bhith." Ciod a their am peacach truagh ris na nithibh sin ? Ach ged nach èisd an duine sinn, faodhaidh sinn labhairt ri Dia, agus èisdidh è. "0 Tighearn' a ghuil agus a rinn osna 'n ad' spiorad os-cionn Lasurais mhairbh, gabh truas ris na h-anamaibh marbh gun chiall sin ; thoir iad gu guil 'us osnaich air an son fèin, gus an gabh iad truas dhiubh- fèin ! Mar thug thu comas labhairt do d' sheirbhiseach, labhair fèin anis ; èisdidh iadsan do ghuth-sa 'labhairt ri 'n cridheachan, nach e"isd rium-sa 'labhairt ri 'n cluasaibh. A Thigh- earna, is f hada bha thus' a' bualadh aig dorsaibh an cridheachan gu diomhain ; bris anis na dorsan agus rach astigh." Ach buinidh do'n t-sluagh dhiadhaidh, os-ceànn nan uile dhaoine, a bhi gu durachdach, dichiollach, surdail ag ìarraidh gu nèamh, agus a chum a nochdadh dhoibh carson is còir dhoibh saothair mhòr a dheanamh, bu mhiann leam 'fhaighneachd dhiubh, " ciod a' ghnè dhaoine 'bu choir a bhi ànnta-san" a thagh Dia gu bhi 'n an soithichean tròcair ? iadsan a f huairam bioradh le goimh an dearmaid fèin aig uair na h-ùr-bhreith, fo ghèur agartas coguis, fo theagamh agus eagal, no ann an àmhuinn na trioblaid ? a dh'aidich peacaidbean an dearmaid gu trie do Dhia 'n an ùrnuigh ; agus a cheangail iad-fein ri Dia le iomadh cùmhnant. Ciod a' ghnè dhaoine 'bu choir a bhi ànnta-san a tha cho fagus do Dhia ri cloinn a theaghlaich fèin ? a bhlais gur maith 's gur milis ùmhlachd dhichiollach a thoirt do Dhia? iad- san 'us mòran diubh cho neo-chinnteach ciod an staid anns am bi an anamanan tre àlaibh na bith-bhuantachd ? Ciod a' ghnè dhaoine 'bu choir a bhi ànnta-san ann an naomhachd, agus an naomhachadh fathast cho neo-iom- lan ? iadsan a dh-f haodas, le deadh chaithe-beatha agus le ceart aire d' an dleasanasaibh, miltean a theàrnadh, no ag ìarraidh Fois nan Naomh. 137 le caithe-beatha mi-clmramach. 'us dearmad dleasanai.s miltean a sgrios ; seadh, iadsan air am bheil Dia fèin ag iarraidh a ghlòir a chur air aghaidh ? — Do bhrigh gu'm bheil na nithe sin mar sin, tha mis' a' sparradh ort, a Chriosduidh, ann an ainm do Mhaighstir, thus1 a' cheist mhòr so a thoirt fainear agus 'f huasgladh, " Ciod a' ghnè dhaoine 'bu choir a bhi annainn, ann an caithe-beatha naomh, agus diadhachd?" Pead. 3. 11. Agus freagradh do chaithe-beatha nis a' cheist, cho maith ri do theangaidh. Caibdeil VIII. Cionnus a dh-aithnicheas sinn ar Coir, air Fois nan Naomh. Am bheil Fois cho glòrmhor sid cho faisg air làimh ? Agus nach ruig neach sam-bith air an fhois ud, ach sluagh Dhè? Ciamar, matà, a gheibhear a' chuid a's mò de shluagh an t-saoghail beò gu toilichte, gun chinnteas aca air còir anns an fhois so, agus gun saoth- air cheart air-bith a dheanamh a chum a dhearbhadh am bheil, no 'm faod còir a bhi aca-san innte? An dèigh do'n Tighearn sonas na rioghachd glòrmhoir 'fhosgladh suas cho làn shoilleir dhuinn — sonas air nach ruigear gu bràth ach amhàin leis na creidmhich ùmhal, dhìleas ; agus an dèlgh dhà ìnnseadh cho soilleir ciod iad na dòruinnean sin a bhithear a' fulang gu bràth ann an ifrinn leis a' chuid eile de'n t-saoghal, shaoilinn nach fhaigheadh a' mhuinntir, a tha 'creidsinn gu'm bheil sin uile f ior gun teagamh, sith no ^ocair ànnta-fèin gus am bi \ad làn chinnteach gur oighreachan iad air an rioghachd. A Thighearna, nach uamhasach*a' bhoile so ! daoine, aig am bheil fios gu'm fèum iad ann an ùin glè ghoirid a dhol astigh do aoibhneas, no do dhdruinn nach atharraichear gu bràth, a bhi fathast beò cho neo- shùimeil, neo-chìnnteach do thaobh na crannchuir a bhitheas aca, as ged bhitheadh iad uile air an deanamh làn chinnteach àisde, gun chunnart idir dhoibh! Ant m3 138 Cionnus a dh-aithnicheas sinn bheil iad 'n an dùisg, no 'n an cadal ? Cò air a tha lad a' smuaineachadh ? Càit am bheil an cridheachan? Ma bhitheas cùis àraid aca ann an cùirt-lagha, nach curamach a dh-iarras iad fios co dhiubh a thèid a' chùis leo, no 'n an aghaidh ? Na'n robh iad ann an cunnart am beath' a chàll fo bhìnn cuirte talmhaidh, nach cùramach a chiteadh iad ag iarraidh fios co dhiubh a bha iad ga bhi air an saor- adh, no air an diteadh, gu sònruichte ria'm faodadh curam mu'n cor a bhi 'n a mheadhon teàrnaidh dhoibh. 'Nuair a bhitheas iad ann an tinneas glè chunnartach, faigh- nichidh gach aon diubh gu cùramach de'n dochdadair, " Dè* bhur barail dhiom ? an saoil sibh an tig mi troimhe ? am fàs mi slàn arist ?" Ach cha chuir iad aon cheist rau shlàint an anamanan ; fanaidh iad neo- chinnteach do thaobh sin, toilichte gu leòr. Ma dh-iarras tu air a' mhòr chuid de dhaoine " rèusan an dòchais a ta ànnta," their iad riut, " Tha Dia tròcaireach, agus bhàsaich Criosd airson pheacach." Cha n-f haigh- ear aca ach "reusan" coitchionn mar sin, a dh-fhaodas neach sam-bith a thoirt. Ach cuir iad a dhearbhadh an còir ann an Criosd, agus ann an tròcair theàrnaidh Dhia, agus cha n-urrainn iad dearbhadh idir a thoirt air a' chilis. Na'n abradh Dia, no duine ri aon diubh, A dhuine, ciod an cor anns am bheil d' anam ? am bheil, no nach 'eil è air 'ath-ghineamhuinn, air a naomhachadh agus an d'f huair è maitheanas ? gheibhteadh è ullamh gu ràdh, mar thuirt Cain olc mu Abel a bhràthair ièin, " Cha n-'eil fhios agam, am mise fear-gleidhidh m'anama? tha deadh dhòchas agam ; tha mis' ag earbsa m' anam' ri Dia ; bithidh mi cho maith dheth ri muinntir eile ; taing do Dhia, cha robh teagamh sam-bith agam- fèin rìamh mu shlàinte m' anama." Ach, 0 dhuine, is ann agad-fèin a tha an t-aobhar teagaimh, a chionn nach robh teagamh riamh agad, agus a thuilleadh air sin, a chionn gu'n robh thu mi-churamach 'n ad' earbsa. Nach 'eil do bhriathran ag innseadh gu soilleir gu'n d'rinn thu diir dhearmad air sluinte d' anama? rlha thu direach mar sgiobair a leigeadh leis an luing a rathad fèin a ghabhail fo na sitiil sgaoilte, ag ràdh rithe, " gabh romhad ameasg nan creag, nan tònn 's nan gaoth ; tha mise 'g ad' earbsa ri Dia ; bithidh tu cho maith dheth ar Còir air Fois nan Naornh ? 13£ ri soithichean eile." Nach uamhasach an eas-onoir sin do Dhia ! neach a bhi mar sin a' gabhail air-fern a bhi 'g a earbsa fèin ri Dia, chum cleòc a chur air a dhear- mad fèin, no chum a mhi-chùram 'f holach ! Ma tha thu da rireadh a' cur d' earbsa ann an Dia, bithidh tu air do riaghladh agus air do threòrachadh le Dia, agus cuiridh tu d' earbs1 aim, mar tha e-fèin ag òrduchadh dhuit. Tha Dia ag iarraidh ort " tuilleadh dichill a dheanamh chum do ghairm agus do thaghadh a dhean- amh cinnteach." 2 Pead. 1. 10. Agus mar sin earbaidh tu às. Tha è nis ag innseadh dhu\t anns an Sgriobtuir ciamar is coir dhuit cor d' anam' a rknnsachadh agus a dhearbhadh, agus mar dh-f haodas tus' a bhi air do dheanamh cinnteach air a' chuis. Nach b' amaideach leat fear-astair a choisicheadh air aghaidh air rathad, gun f hios aige co dhiubh a bha è 'dol ceart no dochair, agUs a theireadh, " tha mi 'an dòchas gu'm bheil mi ceart, gabhaidh mi romham, ag earbsa ann an Dia ?" Agus nach 'eil thusa ciontach anns an amaideachd sin, air d' astar a dh-ionnsuidh na siorruidheachd ? Carson, matà, nach 'eil thu nis a' faotuinn amach am bheil, no nach 'eil thu air an t-sligh cheart ? am bheil do shaoth- air tarbhach r*o diomhain, am fèum thu saothair na's dichiollaich' a dheanamh, no mur dean thu sin, slàint d' anam' a chàll, agus a bhi air do sgrios? Cionnus is urrainn thu smuaineachadh, no labhairt air an Dia uile- chumhachdach, gun uamhas ort, fhad 's a gheibhear thu neo-chinnteach co aca is Athair no nàmhaid dhuit è, agus gun f hios agad nach bi a chumhachd mòr air 'oibreachadh 'n ad' aghaidh ? No cionnus a smuainicheas tu le aoibhneas air Criosd, gun f hios agad am bheil, no nach 'eil d' anam air a ghlan- adh le fuil Chriosd, am bi thu air do shaoradh, no air do dhiteadh ieis air " là mòr a' bhreitheanais ?" an è clach- stèidh do shonais, no an clach-thuislidh dhuit è leis am bi thu air do bhriseadh agus air do phronnadh gu mm dhus? Ciamar a dh-fhosglas tus' am Biòbull gun sgàth ort ? Nach bi gach duilleag dheth dhuit mar bha an sgrìobhadh ud air a' bhalla do Bhelsasar, ach amhkin cho fad 's a gheibhear ì 'g a do thoirt gu do dhleasanas a dheanamh. 'Nuair a lèughas tu mu na geallaidhean, cha J 40 Cionnus a dh-aithnicheas sinn n-f hios duit an ruig thu-fem air toradh aoin idir dhiubh. 'Nuair a le"ughas tu na bagairtean, cha n-fhios duit nach 2 do bhìnn fèin a tha thu nis a' lèughadh. Cha n-iongant- ach idir ged is dearg nàmhuid thu do shearraonachadh soilleir, dileas, dian ; cha n-iongantach ged labhras tu gu suarach an aghaidh a' mhinisteir, mar a labhair Ahab an aghaidh an fhàidh, ag ràdh, " Tha fuath agam dhà, oir cha n-'eil e 'deanamh fàistneachd mu m' thimchioll idir air nithibh maith, ach air olc." 2 Eachd. 18. 7. Cionnus a ni, no 'dh-èisdeas tu urnuigh gun sgkth ort ? 'Nuair a gabhas tu an t-sacramaid, cha n-'eil f hios agad co aca bhitheas, no nach bi sin 'n a bheannachd dhuit. Oiod an solas a bheir caraid, onoir, tigh, no fearann dhuit, gus am bi thu cinnteach gu'm bheil beannachd Dhia agad leo sin, agus gu'm faigh thu fois maille ri Dia 'nuair a thrèigeas iad sin thu ? Tairg ceòl, aodach grinn, onoir agus sùgradh do phriosanach ciontach, mu'n toirear amach a bhinn, ach is beag aige na nithe sin uile, gus am faigh è fios am bi a bheatha air a caomhnadh ; is beag solas a bheir saoibhreas agus onoir dhà, ma tha fios aige gu'm fèum è bàsachadh air an ath là. Shaoilinn, matà, gu'n tigeadh dhuits' a bhi anns an t-suidheachadh chèudna gus am faigh thu fios air do staid shiormidh. Shaoilinn nach f haigheadh tu sith no fois, a là, no dh'-oidhche, gus am bi làn f hios agad air so. Nach fhaic thu cho sòlasach 's a tha sluagh Dhe* a' gluasad air an t-sligh gu glòir, 'us tu-fein gun dòchas maith idir agad gu'n ruig thu air glòir a chaoidh ? Nach cuir sin doilgheas air do spiorad anis ? Cionnus a smuainicheas tu air uair do bhàis, 'us fios agad gu'm bheil è fagus duit, agus nach gabh è seach- nadh, no casgadh le innleachd air-bith? Ma gheibh thu bàs an diugh, (agus cò aig a tha fios ciod a bheir la uaith '?) cha n-'eil thu cinnteach co dhiubh a thèid thu do nèamh, no gu ifrinn. Agus cionnus is urrainn thus' a bhi subhach, gus am faigh thu mach às a' chunnart so ? Ciod an innleachd leis a cum thu do chridhe saor o eagal, 'nuair a smuainicheas tu air là mòr a' bhreitheanais, agus air lasraichean siorruidh? Nach gabh thu " eagal mòr" ri cluinntinn mu'n là sin, mar ghabh Felics ? Ma ' chriothnaich an luchd- ar Coir air Fois nan Naomh ? 141 coimhid' agus ma chaidh iad an riochd mairbh 'nuair a chunnaic iad aingeal a' carachadh na cloiche bho uaigh Chriosd,' ciamar is urrainn thusa smuaineachadh air a bhi beò maille ri deamlmaibh ann an ifrinn, gus am faigb thu cinnteas bunaichte gu'n tèid thu as ? Is ro sbocrach do leabaidh, no is ro chruaidh do chridhe? ma gheibh thu fois ann an staid cho neo-chmnteach. Mur gabhadh leigbeas idir air an neo-chinnteas chumanta so, a gheibhear aig mòran do thaobh an teàrnaidh, dh-fhèumteadh giùlain leis, mar ghiùlainear leis gach aimhleas eile nach gabh seachnadh. Ach mo chreach I is ann aig daoine feln — aig an droch dhearmad fèin — a gheibhear a' choire gu lèir. Cha n-kill leo an leigheas a ghnkthachadh. Is è fèin- cheasnachadh, rann- sachadh 'us dearbhadh staid a chridhe fèin arèir riaghailt an Sgriobtuir, an dòigh a's fekrr is urrainn duine sam- bith a ghabhail a chum fios cmnteach 'fhaotuinn air cor 'anama fèin. An dara cuid, cha n-aithne do dhaoine nkdur agus luach an dleasanais so, no cha n-kill leo dragh a chur orra-fèin a dhearbhadh na cuise. Feuch co-thional anns am bheil mile pearsa, agus is ro bheag a gheibhear ànn, a bhuilich riamh aon uair air faotuinn amach an còir air nèamh le fèin-cheasnachadh dileas, teànn. Feòraich anis de do choguis fèin, a lèughadair, cò an t-km, agus cò an t-kit anns an d'rinn thusa gu beò-dhùrachdach do chridhe fèin a ghairm gu cùnntas an lkthair Dhia, 'g a do cheasnachadh fèin arèir an Sgriobtuir, agus a' fiosrachadh amach am bheil, no nach 'eil do chridhe air 'ath-nuadhachadh agus air a shòc- rachadh na's mò air Dia no air a' chrèutair, air nèamh no air an talamh ? agus cuin a lean thusa air a cheas- nachadh so, gus an d'f huair thu mach do chor, a' toirt breith 'us bìnn ort-fèm arèir do chor ? Ach o'n is obair mhòr, luachmhor ì so, a ta gu ro thric air a mòr-dhearmad, feuchaidh mi dhuit anis — gu'm faod muinntir teachd le saothair gu lkn chinnteas air cor an anamanan, — Ciod a tha nis a' bacadh dhaoine bho 'n staid fèin a dhearbhadh agus aithneachadh ; — An. dèigh sin ainmichear caochladh aobhar a chum do ghluasad gu tòiseachadh air d' f hèin-cheasnachadh, — agus caochladh seòladh, — le comharraidhean o'n Sgriob- 142 Cionnus a dh-aithnicheas sinn tuir leis am faod thus' a dhearbhadh agus aithneachadh gu cinnteach, an ann, no nach arm de shluagh Dhè thu-fèin. 1. Tha Focal Dè ag innseadh dhuinn gu'm faod neach dearbhadh cinnteach 'f haotuinn air a theàrnadh fèin, agus gur còir dhà sin iarraidh le saothair. Tha 'n Sgriobtuir ag innseadh dhuinn gu trie gu'n d'f huair na naoirah, a bha romhainn, fios air am f ireanachadh agus air an teàrnadh sìorruidh fern : tha sin air 'f hoillseach- adh anns na briathraibh so : — " Ge b'e neach a chreideas ann an Criosd, cha sgriosar è, ach tha a1 bheatha mhaireannach aige." Ach bu diomhain sin a ràdh mur b' urrainn neach aithneachadh ànn-fèin am bheil, no nach 'eil è nis a' creidsinn ann an Criosd. Tha eadar-dhealachadh mòr air a chur, anns an Sgriobtuir, eadar cloinn Dè agus cloinn an diabhuil : agus tha è ag àithneadh dhuinn " tuilleadh dichill a dheanamh, chum ar gairm agus ar taghadh a dheanamh cinnteach.'''' Tha è a' dìan-sparradh òirnn ' sinn-fèin a cheasnachadh, agus a dhearbhadh, agus aithneachadh annainn-fèin, am bheil sinn 's a' chreidimh, agus am bheil Iosa Criosd annainn, mur daoine a chuireadh air cùl, no daoidh sinn.' 2 Cor. 13. 5. Tha fòs àithntean an Sgriobtuir ag iarraidh òirnn gàirdeachas a dheanamh do ghnàth, ar n-Athair a ghairm do Dhia, a bhi beò 'n a mholadh, gràdh a thoirt do theachd Chriosd, a bhi 'g iarraidh a theachd an aithghearr, agus solas a ghabhail dhuinn- fèin ri luaidh air sin. Ach cò is urrainn aon de na nithibh sin a dheanamh gu toileach, mur 'eil è cinnteach, ann an tomhas, gur leanabh do Dhia è ? 2. Cha n-'eil teagamh nach 'eil Satan a' deanamh a chuid fern ameasg nan iomadh bacadh a tha gu trie a' cumail dhaoine bho dhleasanas an f hèin-cheasnachaidh. Ciod-air-bith cumhachd a ta aig Satan, no meadhon, no inneal, no innleachd a's urrainn a' bhèist a ghnàthach- adh, bi cinnteach gu'n cuirear air obair iad uile, chum thus' a chumail air d' ais o'n dleasanas so, seach gach dleasanas eile. Is duilich leis truaillidheachd nan daoine diadhaidh a bhi nis a' leaghadh às io 'n aoibhneas, fo'n chinnteachd agus fo'n bhuannachd a gheibhear leo 'n an ceasnachadh fèin gu trie, toileach, dileas. Is maith a tha fhios aige, do thaobh nan daoine mi-dhiadhaidh, ar Còir air Fois nan Naomh ? 1 43< na'n ceasnaicheadh aon diubh e-fèin gu durachdach, eadhon aon uair, gu'm faigheadh iad amach a chuil- bheirtean, agus an cunnart fèin, agus mar sin gu'm faodadh iad a dhol as uaith. Ciamar a b'urrainn è cho liuthad mile crèutair a thoirt do ifrinn na'n robh fios aca, no na'n creideadh lad gu'n robh iad a' dol do'n àit sin ? Ach nach math a dh-f haodadh fios a bhi aca càit an robh iad a' dol, na'm feuchadh iad ri fios 'fhaotuinn, agus solus glan an Sgriobtuir aca chum an cèum air an robh iad a dheanamh soilleir dhoibh. Mur bi an ribe folaichte, thèid an t-eun as. Is seòlta, glic, tapaidh a ni Satan iasgach air anamaibh ; cha. leig è. dhoibh an dubhan no 'n driamlach 'fhaicinn idiiy cha dean è fuaim a chuireas eagal orra, agus cha n-fheuch è idir a chruth gràda fèin doibh. Ach sèididh è càil an uilc astigh orra gun f hios doibh. Mar sin, saothraichidh e gu dian a chum sluagh a chumail o èisdeachd shearmoin a rànnsaicheas an cridhe ; no chum am ministear a chumail o chobhair a thoirt doibh gu iad-fein a rànn- sachadh ; no chum am faobhar a thoirt de chlaidheamh an fhocail, ionnus nach eadar-sgair agus nach geàrr è ; no togaidh è air falbh an aire, no lìonaidh è iad le claon- bhreth. Is maith a tha fios aig Sàtan, cò an t-sàbaid air am bi searmoin rknnsachaidh air a h-ullachadh leis a' mhinistear, freagarrach ri cor 'us easbhuidh cuid de'n luchd-èisdeachd, agus uime sin, ma's urrainn e, cumaidh è aig an tighiad air an là sin, no bheir è cadal orra 's an tigh-aoraidh, no goididh è air falbh am focal le ro churam agus le briathrachas an t-saoghail ; no bacaidh e obair èifeachdach an fhocail air dòigh air-chor-eigin eile. Is luchd-bacaidh mòr eile air fèin-cheasnachadh, sluagh aingidh. Tha iad sin air iomadh dòigh a' tàladh muinntir gu mi-churam. Fuathaich thusa droch eisemp- leir nan aingidh ; an cuideachd 's an còmhradh gàireach, spòrsail ; an gnàth dhèigh air cuisibh saoghalta ; an sgallais 's am magadh air muinntir dhiadhaidh ; an aom- adh, ambreugadh, ambuaireadh's ambagradh — tha gach droch bhuaidh dhiubh sin glè ullamh gu daoine neo- chaithriseach a thilgeil ann an suain na foise feallsa. Is gann a dh-f hosglas Dia sùilean peacaich bhochd gu f heuchainn dà gu'm bheil è air an t-sligh dhochair, nacb 144 Cionnus a dh-aithnicheas sinn grad-lèum sgaoth de theachdairean Shàtain air, ag iarr- aidhamhealladh 's a thoirt airais gu socair a ghabhail fo riaghladh a sheànn mhaighstir. " Ciod è so, a dhuine !" their iad, " a bheireadh ort-sa teagamh air-bith a bhi agad mu do theàrnadh? thusa 'bha beò cho raaith agas nach d'rinn riamh. cron air neach eile ? Tha Dia tròcaireach ; agus mur bi do leithid-sa air a theàrnadh, gu'n sealladh Dia air mòran eile ! Ciod a their thu ri do shinnsearan ? Agus ciod a thig dhe do chàirdean 'us do choimhearsnaich a tha beò mar tha thusa? An ditear iad sin uile ? Uainn è, uainn è, mur leig thu dhìot èisdeachd ris an t-seòrsa luchd-searmonachaidh sin, a bhitheas a' cur eagail air sluagh, cuiridh iad às do chiall thu. Nach peacaich na h-uile dhaoine ? Agus nach do bhasaich Criosd chum peacaich a theàrnadh ? Na cuireadh na smuaintean sin cùram ort gu bràth, agus eiridh gu maith dhuit." Och ! och ! tha na miltean 's na deich m\ltean air an cumail 'n an cadal, le druidheachd mar sin, fo mhealladh 'us fo mhi-churam, gus an diiisg am bàs agus ifrinn iad. Tha Dia ag èigheachd ris a' pheacach agusagìnnseadh dhà, " Is cumhann an dorus, is aimhleathan an t-slighe, agus is tearc iad a ta 'g amas oirre : dearbh agus ceasnaich thu-fèin ; dean tuilleadh dlchill a chum a bhi cinnteach." Tha 'n saoghal ag ^igheachd, " Na bitheadh teagamh idir agad, na cuireadh na smuaintean sin dragh ort gu bràth." Ach cuimhnich thus', a pheacaich, anns a' chàs so, gur è Criosd, agus cha n-iad do shinnsearan, no do choimhearsnaich, no do chàirdean, a bhitheas 'n a bhreitheamh ort mu dheireadh, agus ma dhitear thu le Criosd, cha n-urrainn iadsan do theàrnadh. Uime sin, nach 'eil eadhon ciall nàdurrach fèin ag innseadh dhuit nach ann idir o bhriathraibh dhaoine talmhaidh, aineolach, ach o f hocal Dhe, is còir dhuit dòchas do theàrnaidh iarraidh. Bu bhàs do Ahab sin iarraidh ameasg nam fàidhean brosgulach. Is urrainn iad sin le brosgul muinntir a chur anns an ribe, ach cha n-urrainn iad innseadh ciamar a gheibhear às. " Na mealladh neach air bith sibh le briathi^aibh diomhain : oir air son nan nithe sin tha fearg Dhe a' teachd air cloinn na h-eas-ùmhlachd. Na bithibh-se uime sin 'n 'ur luchd-comh-pàirt riu." Epk. 5. 6,7. ar Còir air Fois nan Naomh ? 145 Ach is iad an luchd-bacaidh a's miosa, droch cridh- eachan dhaoine fèin. Tha cuid cho dall, aineolach as nach aithne dhoibh idir ciod è sin fèin-cheasnachadh, ni mò is aithne dhoibh ciod a tha ministear ag ciallachadh 'nuair a chomhairlicheas è dhoibh ìad-fèin a dhearbh- adh, no cha n-'eil iad a' tuigsinn am feum air sin. Is ann a their iad, gur còir do gach duine a chreidsinn gu'm bheil a pheacaidhean air am maitheadh cheana, co aca 'tha, no nach 'eil, agus gur mi-cheart teagamh sam-bith a bhi aig neach air a' chuis so. No their iad nach ruigear idir air dearbhachd, no nach 'eil mòr eadar-dhealachadh eadar aon duine seach duine eile, gurCriosduidhean sinnuileagus,airanaobhar sin, carson a chuireamaid tuilleadh dragh', no cùram òirnn-fèin mu thimchioll sin ; no cha n-aithne dhoibh brigh an eadar- dhealachaidh a tha eadar am f irean agus an t-aingidh. G-heibhear am beachd air an ath-ghineamhuinn, cho brucach, lapach ri beachd Nicodèmuis. Their cuid nach cuir Dia eadar-dhealachadh idir eadar daoine aims a' bheatha ri teachd. Cuid a dh-èisdeas ruinn, ach sin uile na ni iad : tha iad cho fuar, rag-chruaidh as nach gabh iad gu cridhe ni sam-bith a their sinn. Cuid air an lionadh suas cho mòr le fe'in-spè'is agus uabhar, as nach fhaodar a ràdh idir gu'm bheil iadsan ann an cunnart air-bith, cosmhuil ri ceannaiche mòr-chuiseach leis nach b'f hiach comhairle ghlic a ghabhail o neach a dh-iarradh air a leabhar-cùnntais fèin a chur ceart, no ri pàrantaibh ro bheadarrach nach creid 's nach èisd droch-sgeul an aghaidh aoin de n cloinnn fdin. Cuid cho ciontach as gu'm bheil eagal orra ìad-fèin a dhearbhadh, ach gidheadh cha n-'eil eagal orra às an dearbhadh uamhasach a ta gu cinnteach a' feitheamh orra, air là mòr a' chimntais. Cuid aig am bheil gràdh cho mòr do shlighibh a' pheacaidh, agus grain cho mòr do shlighibh Dhia, as nach dàna dhoibh an giùlain fèin a dhearbhadh, air eagal gu'n èignichear iad gus an ceum a's taitniche leo a thrèigsinn, agus an ceum is fuathach leo a leantuinn. Cuid a' rimachadh cho làidir nach atharraichear iad o'n staid anns am bheil iad gu bràth, as mar sin a' dearmad fèin-cheasnachaidh mar ni gun mhaith. O-na chaidh iad sin cho fad air 146 Cionnus a dh-aithnicheas sinn seachran cheana, is feàrr leo an cunnart a sheasamh — an anamanan 'f hàgail fo chunnart a bhi càillte — coma ciod a thig dhiubh, na pilleadh ri Dia. Tha mòran arìst air an cur ann an dìan chabliaig cho mòr leis an t-saoghal as nach gabh lad aon mhionaid a chum iad-fèin a cheasnachadh air an còir air fois nèimh. Cuid eile air an sacachadh cho mòr le limndaireachd spioraid, as nach f haighear iad a' ceasnachadh an cridhe tein uair sam-bith. Ach is è an creidimh feallsa agus an dòchas mealltach sin de'n goirear " danadas," no " dall-earbsa," an luchd-bacaidh a's cumanta agus a's cunnartaich' a ta ànn. Tha iad sin a' deanamh greim air cridheachan na cuid a's mò de'n t-saoghal, agus 'g an cumail gun amharus agus gun smuain idir air an cunnart. Ach abair gu'm bheil neach anis a' buadhachadh thairis air an luchd-bacaidh sin uile, agus a' tòiseachadh air e-fèin a cheasnachadh, fèumaidh è 'thoirt fainear nach ruigear air dearbh-bheachd a dh-aon bhèum, no air ball. Tha ro mhòran 'g am mealladh fèm anns a' chilis so, tre aon, no aon eile de na h-aimhreitibh a dh-ainmichear anis : — Gheibhear aimhreit 'us dorchadas cho mòr ann an anam an duine, gu h-àraid duine neo-iompaichte, as gur gànn is urrainn è ìnnseadh ciod a tha e-fein a' deanamh, no ciod a ta knn-f&n. Faic tigh anns nach f haighear Hi sam-bith 'n a kit fèin, ach na h-uile nithe thar a chèile, bun-os-ceànn, is duilich innseadh ciod a tha dh-eas- bhuidh air ; mar sin gheibhear an cridhe anns am bheil na h-uile nithe ann an droch òrdugh. Is coigrich a' chuid a's mò 'n an dachaidh f&n, is beag eòlas na muinntir sin air mèinn 'us gluasad an cridheachan fèin. Cha chleachd iad sin 'f haotuinn amach idir. larrraidh mòran breth a thoirt air an cor fèin, mu'm faigh iad dearbhadh air. Cosmhuil ri breitheamh cealgach fo bhrib, no bribichte, a rànnsaicheas a' chùis mar gu'm kill leis breth chothromach a thoirt amach, an dèigh dearbhadh na ciiis' a chluinntinn, geda rììnaich è roi lkimh gu'n te"id a' chilis leis an taobh a thug a' bhrib dhà. Bithidh daoine mar sin, bkigheil, leth-bhreitheach riutha-fèin ; ullamh gu smuaineachadh nach 'eil am peacaidhean mora ach beag, agus gur neo-ni am ar Còir air Fois nan Naomh t 147 peacaidhean beaga ; agus gur obair gràis toradh an nàduir fèin. Their iad mar thuirt an t-òganach ri Criosd, " Choimhid mi iad sin uile o m' òige." Their gach aon diubh " Tha mi beartach agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fhèum agam air ni sam-bith." Taisb. 3. 17. Cha dean a' chuid a's mò de dhaoine ach leth an dleasanais airson an anamanan, ma ni iad sin fèin. Mur gabh an dleasanas deanarah gu socrach, aithghearr, caillidh iad am misneachd, agus sguirear dheth. A dh-easbhuidh eòlais air fìor nàdur na diadhachd, gheibhear iad 'g an ceasnachadh fèin le caochladh dearbhadh 'us riaghailt nach 'eil idir arèir teagaisg an Sgriobtuir. Cuid a' gabhail seachad air riaghailt an Sgriobtuir, agus cuid eile a' gabhail pàirt dì. Gheibhear iad gu trie a' dol dochair anns an obair so, ag iarraidh a deanamh 'n an neart fèin. B'àill le cuid an Spiorad Naomh a deanamh air an son, gun saothair idir a chur orra-fèin. Feuchaidh cuid eile rithe, gun chuideachadh air-bith iarraidh o'n Spiorad agus gun sùil ris. Gu cinnteach cha n-urrainn iad sin ruigheachd air dearbh-bheachd. Air uairibh, gheibhear luchd-bacaidh àraid a' cumail Chriosduidhean firinneach fèin o Ian dearbh-bheachd sòlasach air an staid. Tha an dearbh-bheachd air a bhacadh gu trie le laigead an gràis. Is gann a dh-aith- nichear nithe beaga. Is leòr leis a' mhòr chuid do Chriosduidhean tomhas beag de ghràs, gun làn neart spioradail iarraidh idir. Is è an leigheas a's feàrr air an laigead so, buanachadh ann an deanamh an dleasanais gus am meudaichear an gràs. Feith air an Tighearn ann an gnàthachadh nam meadhon a dh'òrduich è, agus beannaichidh è thu, agus meudaichidh è gràs dhuit. Hò ! b'f hearr gu'm builicheadh Criosduidhean a' chuid a's mo de'n ùin sin air tuille gràis iarraidh, a tha iad a' buileachadh air smuaineachadh 'us faighneachd le teagamh iomaganach, co dhiubh a tha gràs aca, no nach 'eil ! B'f heàrr dhoibh gu mòr a bhi gu beò-dhùr- achdach ag ùrnuigh airson tuille gràis, na bhi cho trie a' gearan air lughad an gràis. Guidheam ort, a Chriosduidh, thu so a ghabhail mar chomhairle bho Dhia. Creid gu dian, dileas, agus gràdhaich gu beò, blàth, agus cha 148 Cionnus a dh-aithnicheas sinn n-urrainn teagamh na's mò 'bhi agad mu do chreidimh 'us do ghràdh, na tha aig duine blàth gu'm bheil h blàth, no aig duine làidir, sùnntach gu'm bheil è beò. Tha Criosduidhean a' beagachadh an sòlais fèin, le sealltuinn na's mò agus na's trice ris na comharraidhean a ta nis aginnseadh dhoibh ciod a tha ànnta-fèin, na ris na riagh- ailtibh a ta gu soilleir ag innseadh dhoibh ciod bu choir dhoibh a dheanamh : mar gu'm bi an staid anns am bheil iad, an dràst, an staid anns am biiad gu siorruidh : agus mux faigh iad maitheanas anis, nach 'eil leigheas air an son. Nach b' amadan fear a laidheadh a' guil 's a' caoidh nach 'eil è nis a' faotuinn maitheanais, agus a righ 'n a sheasamh fad na h-ùine làimh ris, agus a' tairgse maitheanais dhà, agus 'g a chomhairleachadh gu sin a ghabhail ? A Chriosduidh, cha chreidimh fireanachaidh do dhearbh-bheachd-sa air gràdh sònruichte Dhia dhuit, ach do ghabhail-sa ri Criosd — thusa Criosd a dhlù- ghabhail h-ugad, a chum do dheanamh ionmhuinn, gràdhach. Is feàrr dhuit gu mbr Criosd a ghabhail h-ugad, mar tha è air a thairgse dhuit, na bhi cho trie a' caitheamh iiine ri teagamh co dhiubh a tha Criosd agad, no nach 'eil. Is ctiis iomagain eile do Chriosduidhean, na teagamhan sin a bhitheas ag ìadhadh orra, 'nuair nach f haigh iad an gàirdeachas sin a thig air uairidh le dearbh-bheachd, no 'nuair a chuirear dearbh-bheachd fein an àit gàird- eachais. Ach c'uime 'chuireadh sin iomagain orra? Nach f haod leanabh a ràdh gur mac è, ach amhàin cho fad 's a bhitheas è 'faicinn fìamh-ghàire ann an gnuis 'Athar, no 'cluinntinn briathran sòlasach a bheòil ? no nach 'eil an t-athair a bha aige roimhe 'n a athair cho caoimhneil, dìleas dha fathast 's a bha è, ged nach f heaiet- eadh f ìamh-ghàire air, no ged sguireadh a bhriathran aoibhneach ? Ciod air-bith a their, no ni athair, cha sguir a dhàimh 's a ghràdh d'a leanabh fern. Agus mar sin, cha n-f hàilnich gràdh Dhia d'a chloinn fèin gu bràth. Gheibhear anamanan fo iomagain a ta gu trie ag èirigh o aineolas air a' mheadhon, no air an dòigh ghnàthaichte trid am bheilDia a' toirt sòlais. Saoilidh iad nach 'eil tuilleadh aca ri dheanamh ach 'iarraidh, agus gu'm builich Dia orra gach ni mar their ìad-fèin. ar Còir air Fois nan Naomh f 149 Ach fèumaidh iad sin aithneachadh gu'm bheil brigh an sòlais air a filleadh ann an geallaidhean Dhia, agus gur ann uatha sin a dh-fheumas iad solas a tharruing, cho trie 's a bhitheas su.il, no. toil aca solas 'f haotuinn, agus sin le meòrachadh gu dìchiollach gach là air na geallaidhean ; agus le sin a dheanamh, faodaidh iad diiil a bhi aca, gu'n compkirtich an Spiorad solas riutha. Is aon aoibhneas, aoibhneas nan geallaidhean, agus aoibhneas an Spioraid Naoimh. Aig cuid bithidh du.il ri dearbh-bheachd na's mò, na's soilleire na tha Dia gu trie a' buileachadh. Fhad 's a bhitheas iad ann an teagamh, saoilidh iad nach 'eil dearbh-bheachd idir aca. Mar sin, cha n-'eil iad a' toirt fainear guVn bheil iomadh cèum de dhearbh-bheachd ànn. Faodaidh tomhas na's mò dheth a bhi aig cuid na tha aig cuid eile. Ach cuimhnicheamaid, fhad 's a bhitheas sinn an so, nach 'eil " eòlas againn" ach " ann an cuid." 1 Cor. 13. 9. Agus gheibhear Criosduidhean, aig toiseach an turuis, a' gabhail sòlais dhoibh-fem air bònn mì-fhreagarrach. Is minig a rinn anam grksmhor sin — anam aig am bheil bònn maith gun f hios aig air. Tha beatha aig naoidhean gun f hios aige-fèin air ; agus tha iomadh ni mu 'thim- chioll nach 'eil e-fèin a' tuigsinn, ach cha dubhairt sin idir nach 'eil è beò. Agus mar sin an Criosduidh, ged gheibh- eadh è easbhuidh 'n a cheud shòlas, cha n-f haod è idir a cho-dhunadh o sin gu'm bheil easbhuidh 'n a theàrnadh. Tha mòran air an cumail fo theagamh le laigead an nkduir. Is iomadh cridhe simplidh aig am bheil ceànn lag, agus do nach aithne ciamar is còir dha e-fem a dhearbhadh. Aidichidh an seòrsa so luach nan geall- aidhean, ach cha dean iad làn ghreim orra. Mur dean Dia fèin an rèusan lag a chuideachadh air dòigh air- chor-eigin eile, is duilich 'fhaicinn ciamar is urraiim sìth shoilleir, chinnteach a bhi aca. Is aobhar iomagain mòr agus ro chumanta do mhòran, \ad a bhi fat hast ag altrum peacaidh aithnichte sam-bith. Tha sin a' lugh- dachadh an gràis, agus 'g a fhàgail na's duirche. A chuid nach mill am peacadh, f àgaidh è dorch i. Th? obair a' ghrkis air casgadh, far am bheil buaidh sam- bith aig peacadh air-bith : oir bithidh guth a' ghrkis air a bhathadh, ionnus gur gànn a chluinnear è, fhad 's a n3 150 Cìonnus a dh-aithnicheas sìnn leanas fuaira truaillidh a' pheacaidh so. Doilleirichidh dallaidh, no dùnaidh neul a' pheacaidh sùilean an anama, ionnus nach fhaic 'us nach mothaich è a chor fèin. Agus mu dheireadh gràinichidh è Dia air falbh o'n anam, agus mar sin f àgar è gun solas, gun chobhair an Spioraid. An dèigh sin cha n-urrainn neach sam-bith dearbh-bheachd a bhi aige gu bràth gus an trèig è am peacadh sin a ghràinich Dia agus a Spiorad air falbh às. Cha n-urrainn peacadh agus sith spioradail còmh- nuidh a ghabhail le chèile anns a' chridhe, oir chuir Dia dealachadh eatorra. Is dìomhain dhuit dùil a bhi agad ri solas, fhad 's a gheibhear àrdan, gràdh do'n t-saoghal, mìann na feòla, no cleachdadh mi-dhiadhaidh sam-bith air a chaidreachadh leat. ' Ma chuireas duine suas iodholan dhà-fèin 'n a chridhe, agus ma chuireas è suas ceap-tuislidh 'aingidheachd fa chomhair a ghnuis ; agus ma thig è gu ministear no gu Dia, ag iarraidh sòlais, an kit solas a thoirt dà, bheir Dia freagradh dhà- sana thig, arèir lìonmhoireachd 'iodholan.' Esec. 14. 3-9. So anis aobhar glè mhòr agus ro choitchionn eile, a ta gu trie a' fàgail muinntir gun solas, agus is è sin easbhuidh beo-oibre, easbhuidh a bhi gu beothail, dileas, seasmhach ag oibreachadh a' ghràis a ta aca, biodh a thomhas beag no mòr. Mar a?s mò do dhragh agus do dhichioll a' dol tre do dhleasanas gach la. is ànn a's cinntiche do chèum gu solas. Bheir Criosd gu pailt sith agus solas dhoibh-san a bheir gu dileas umhlachd dhà-fèin. Misnichidh è a phobull umhal, dileas le sith agus solas. Agus ged nach 'eil umhlachd air-bth, a's urrainn iad a thoirt, airidh air na beannachdan sin, gidheadh is ann arèir an dichill, a ghnàthaichear leinn ann an deanamh ar dleasanais, a bhuilichear iad mar is trice. Ma's beag do dhichioll, is beag do shith : ma's mòr do dhichioll, is mòr do shith. Fèumaidh d' ùrnuigh a bhi air a lionadh le creidimh agus beò-dhùrachd, cho maith ri làn earbsa ann am fuil agus ann an eadar- ghuidhe Chriosd, ma's maith leat soirbheachadh. Agus mar sin bitheadh gach pàirt eile de d' umhlachd beò, blàth, trie, dìchiollach. Ma dh-f hàsas tu foirmeil, fuar, gu h-àraid ann an ùrnuigh uaignich ri Dia, a' deanamh do dhleasanais amhàin arèir àbhaist, no cleachdhaidh, gun ar Coir air Fois nan Naomh f 151 lughdachadh idir air d' aoibhneas, is aobhar eagail gu'm bheil d' aoibhneas feòlmhor, no deamhnaidh. A bhàrr air sin, cha n-f haicear agus cha mhothaichear grks leis an anam, ach am feadh a bhithear 'g a oibreachadh : air an aobhar sin, cha n-urrainn dearbh-bheachd a bhi aig an anam anns nach 'eil obair grkis ; oir ginidh easbhuidh deanadais, easbhuidh dearbh-bheachd. Ach an uair a gheibhear an t-anam 'g a oibreachadh fèin air seirbhis ghlòrmhoir na diadhachd, thig mòr shòlas gu nàdurrach leis an obair sin. Nach milis, do-labhairt an gniomh a bhi gu trie a' gràdhachadh Dhia Tha 'n t-anam a's mò gràs,* 'nuair nach 'eilear ag oibreachadh a' ghràis leis, cosmhuil ri inneal-ciùil grinn air a dheadh- ghèusadh le tèudaibh, nach dean ceòl na's feàrr na maide sam-bith eile, f had 's a dh-f hkgar è gun a Ikimh- seachadh, ach an uair a làimhsichear 's a dh-oibrichear è le fear-ciùil sgilear, eòlach, ni è fuaim a's binne ceòl. Gheibh an t-anam tomhas sòlais o gach deadh ghniomh, mar gheibhear bias o theine, agus taitneas o sholus na grèine. Gach duine a ta fuar, is còir dhà oibreachadh gus am fàs è blàth ; agus mar sin, gach neach aig nach 'eil dearbh-bheachd, oibricheadh è leis gach grks, no fàth-chothrom a thug Dia dhk, gus an teich gach teag- amh a ta aige. Is trie a gheibhear cuid a dh-easbhuidh sòlais 'n an anam, 'nuair a tha fad a' fulang fo throm-inntinn, no fo dhubh-bhròn. Tha è cho dualach do dhuine treibh- dhireach ann an dubh-bhròn, a bhi fo theagamh, fo eagal agus eu-dòchas, 's a tha è do dhuine tinn a bhi ri * Gràs: fàbhar, sochair, tiodhlac aimsireil, no spioradail air a bhuil- eachadh gu saor le Dia air a' chinne-daoine. Anns an t-seadh sin, tha " gras" aig gach neach a tha nis a' sealbhachadh tròcair o Dhia : mar tha solus na grèine, biadh 'us aodach, &c. Ach ann an seadh Sgriob- tuireil agus spioradail an fhocail, " gràs," gheibhear uile bheannachdan àrd, saoibhir, luachmhor an t-soisgeil. Is iad cuid dhiubh sin eòlas slàinteil, ath-ghineamhuinn, f ireanachadh, solus an Spioraid, rèite tre Chriosd, dòchas na beatha maireannaich, maitheanas peacaidh agus teàrnadh sìorruidh, &c. Tha gach sochair dhiubh sin air a buileachadh, mar shaor ghràs, no a nasgaidh, le Dia tre Chriosd air na fior chreid- mhich, cha n-ànn air sgàth airidheachd air-bith a ta ànnta-fein, no fin lorg còir sam-bith a'ta aca-fèin air aon sochair, ach amhàin air sgàth tròcair, no saor ghràs Dhia ann an Criosd. " Oir is ann le gràs (fàbhar Dhia) a ta sibh air bhur teàruadh, tre chreidimh ; agus sin cha'n ann uaibh-fèin : oir is e tiodhlac Dhè e." Eph. 2. 8. — EapaR. 152 Cionnus a dh-aithnicheas sinn osnaich, no do leanabh sgread a dheanamh, 'nuair a bhuailear è. Gu trie is beag a ni saothair a' mhinisteir, a dh-easbhuidh an lèigh, ann an cuis mar sin. Faodaidh tu an trom-inntinneach a chur sàmhach, ach cha n-uarainn thu solas a thabhairt dà. Faodaidh tu a thoirt air aideachadh gu'm bheil tomhas 'gràis aige, ach cha n-urrainn thu a thoirt gu solas an sithe. Is ainmig a mhaireas gach misneachd 'us comhairle mhaith a bheirear dhk air a chor, seach là no dhà. Gheibhear an duine dubh-bhrònach à' sìor-smuaineachadh 's a' labhairt le grath air a' pheacadh, agus air corruich Dhia, ' gun tuigsinn idir gur è leann-dubh, no galar a chuirp fèin, is krd mhkthair-aobhair do'n eagal, do'n bhuaireadh 'us do'n smuairean so uile. 3. So dhuit anis caochladh aobhar maith a chum do ghluasad agus do bhrosnachadh gu tòiseachadh gun dàil air dleasanas an fhè"in-cheasnachaidh, no air thu- fèin a cheasnachadh ; agus guidheam ort aire cheart a thoirt do na nithibh a dh-ainmichear anis : — Tha è glè f hurasda dhuit a bhi air do mhealladh mu do choir air nèamh. Is mòr an kireamh a tha nis ann an ifrinn, nach do shaoil idir riamh gu'n rojbh an cridheachan air am mealladh, muinntir àig an robh mòr ghliocas timeil, agus a bha beò fo sholus glan an t-soisgeil, agus a bha gu trie a' searmonachadh an aghaidh mi-chùraim muinntir eile. Tha sluagh air am mealladh gu ro thric anns a' chùis so. Is è so cor na cuid a's mò de'n t-saoghal. Nach bu teare an kireamh air an robh eagal breith- eanais, anns an t-seànn saoghal agus ann an Sodom ! Iarraidh ach beag gach duine ann ar measg a. bhi air a thekrnadh. Ach tha Criosd ag innseadh dhuinn gur ' tearc iadsan a ta 'g aulas air an dorus chumhang, agus air an t-slighe aimhleathain a ta 'treòrachadh chum na beatha'. Matà. 7. 14. Agus ma tha kireamh cho anabarrach mòr air am mealladh, nach tigeadh dhuinn- ne sinn-fèin a rknnsachadh gu dichiollach, air eagal gu'm meallar sinn mar-an-cè'udna ? Cha n-'eil ni sam- bith ànn a's cunnartaiche na muinntir a bhi air am mealladh mar so. Ma mheasas sluagh diadhaidh an staid fern na's miosa na tha i, togaidh am mearachd sin bròn doibh : ach cha n>urrainnear ckinnt idir a chur ar Coir air Fois Naomh ? 1 53 air meud an aimhleis a thig air na h-aingidh thruagh. Bunaichidh e iad ann an obair Shàtain. Fàgaidh è gun èifeachd meadhonan nan gràs doibh. Cumaidh è duine gun iochd a dheanamh air 'anam fèin. Càit am bheil cùis air-bith eile cho àrd-luachmhor ri aire cheart a thoirt nach bi thu air do mhealladh, agus an lorg sin air do mhallachadh gu siorruidh ? Agus cuimhnich ma cheadaicheas tu dhuit-fèin a bhi air do mhealladb gus an tig uair do bhàis, tha thu càillte gu bràth. Faic mar sin matà, cia mòr do chunnart, agus ma's duine glic thu, rànnsaichidh tu do chridhe fèin a là -'s a dh'oidhche, gus am faigh thu dearbh-bheachd air teàrnadh. Tuig cho beag 's a tha saothair an dleasanais so, ann an coimeas ris an dòruinn a thig o dhearmad a dheanamh air. Ni thu saothair 'us obair chruaidh, ghoirt o bhliadhna gu bliadhna, chum bochduinn thimeil a sheachnadh, carson, matà, nach builicheadh tu beagan nine air, fein-eneasnachadh, a chum dol às o thruaighe shiorruidh ? Dearmaid an dleasanas so, agus is gànn is urrainn thu taitneas eile na's mò na sin a thoirt do Shàtan, no cron na's mò 'dheanamh ort-fèin. Is ì àrd chrìoch Shàtain, anns gach aomadh a bheir è dhuit, do mhealladh agus do chumail aineolach air do chunnart, gus an tilgear thu aim an lasraichean siorruidh ■ agus carson a bhitheadh tus' a' cuideachadh leis an diabhul a chum thu-fèin a mhealladh ? Fhad 's a ni thu sin, tha thu direach a' deanamh na cuid a's mò de'n obair air a shon. Agus am bheil è airidh air do chuideachadh fèin a chum d' anam a mhallachadh ? Is fagus an là air an ceasnaich Dia thu. Ged nach bitheadh agad ri sheachnadh ach àmhghar na beatha so fèin, b'f heàrr leat air an là 's an gairm Dia gu cùnntas thu, gu'n d'rinn thu do dhleasanas, a chum dol às o bhreitheanas an Uile-chumhachdaich. B'uamhasach a' ghairm do Adhamh, " C'àit am bheil thu ?" " an d'ith thu do'n chraoibh?" agus do Chain, " C'àit am bheil do bhràthair ?" " Cha 'n 'eil daoine a' toirt fainear 'n an cridhe (deir an Tighearn) gur cuimhne leam-sa an uile aingidheachd ; a nis chuairtich an gnìomhara fèin iad air gach taobh ; tha iad fa chomhair m' aghaidh-sa." Hos. 7. 2. Thoir f òs fainear cho milis 's a bhitheas toradh an 154 . Cionnus a dh-aithnicheas sinn fhem-cheasnachaidh so. Ma bhitheas tu cothromach agus diadhaidh, treòraichidh sin thu direach gu dearbh- bheachd air gràdh Bhia. Mur 'eil thu mar sin fathast, bheir è trioblaid dhuit an dràst, ach aoraaidh è do chridhe gu sonas, agus treòraichidh è thu mu-dheireadh gu dearbh-bheachd air do shonas. Nach taitneach an ni dhuit fios cinnteach a bhi agad ciod a tha gu tach- airt dhuit an dèigh so ? gu h-àraid ciod a tha gu tach- airt do d' anam ? ciod è an t-àit 's an staid amis am bi thu-fèm gu bràth ? Agus ma's taitneach eòlas fèin air a' chùis, nach mò gu mòr a's taitniche na sin an solas a gheibhear o chinnteas air teàrnadh ! Nach milis na smuaintean a bhitheas agad air Dia 1 Bithidh a' mhòr- achd 's an ceartas sin uile a tha 'n an ciiis eagail do mhuinntir eile, 'n an cms aoibhneis dhuit-sa. Nach milis smuaineachadh air Criosd, air an f huil a dhòirt è, agus air na beannachdan a cheannaich è dhuinn le 'f huil Ì Nach taitneach a gheibh thu focal Dè, agus nach ' mais- each leat cosan nan teachair a chluinneas tu 'g a shear- monachadh !' Nach milis dhuit na geallaidhean 'us tu cinnteach gu'm buin iad uile dhuit-fèin 1 Bheir eadhon na bagairtean solas dhuit a' cuimhneachadh nach 'eil iad anis 'n a d' aghaidh fern. Cia mòr an dànachdagus an solas a bhitheas agad, 'nuair a dh-f haodas tu " ar n-Athair" a ràdh, le làn chmnteas ! Bithidh suipeir an Tighearna 'n a cuilm urachaidh do d' anam 1 Fàsaidh gach tròcair eile, — na tròcairean a's lugha, — mòran na's milse dhuit. Cia .sòlasach a dh-f haodas tu nis a dhol tre gach amhghar. Bithidh tu socrach ann an smuain- eachadh air a' bhàs, air breitheanas, air nèamh 'us air ifrinn ! Fàgaidh so thu beothail ann an obair an Tighearna, agus tarbhach, fèumail do gach neach mu- n-cuairt duit ! Cuiridh so spionnadh ann do bhuaidhean gràsmhor agus d' aignidhean uile ! Beothaichidh so d'aithreachas, lasaidh è do ghràdh, geuraichidh è do dheadh mhiann, agus daingnichidh è do chreidimh ! bithidh è 'n a thobar aoibhneis a' sruthadh annad an còmhnuidh, sàr-lìonaidh è do chridhe le tàingealachd, togaidh è suas thu ann an obair bhinn, mhilis a' mhol- aidh, bheir è dhuit ìnntinn nèamhaidh, agus fàgaidh è thu buan-dhìchiollach anns na h-uile nithibh. Sin anis ar Còir air Fois nan Naomli. 155 cuid de na toraidhean milis a thig o dhearbh-bheachd, agusdheanadhìaddobheathamarnèamhdhuitairtalamh. Is cìnnteach mise gur mòr brìgh agus rdusan nan aobhar ceasnachaidh sin uile, gidheadh, a lèughadair, tha ro eagal òrm gu'rn faod thus' an leabhar so a chur seachad, mar nach biodh tuilleadh agad ri dheanamh ach so a lèughadh, agus nach buail thu idir air cleachdadh do dhleasanais. Ach smuainich thus' anis. Is ì so cùis a's mò luach dhuit-sà, — Co dhiubh a bhitheas tu gn sìorruidh beò air nèamh, no ann an ifrinn I An so guidheam ort, matà, air sgath d' anama fèin ; ni-h-eadh, ach tha mis a' sparradh ort ann an ainm mòr an Tighearna, na cuir dàil aon mhionaid na's f haide anns a' chuis. Buail air an obair air ball. Gairm do chridhe fein anis gu cimntas ; agus gu dian, durachdach smuainich agad-fèin, ceasnaich thu-fèin, agus feòraich dhìot-fèin mar so : — " Am bheil è cho furasda, cho cumanta, agus cho cunnartach do shluagh a bhi air am mealladh '? Am bheil cho liuthad rathad meallaidh ann ? Am bheil an cridhe cho cealgach 1 Carson, matà, nach 'eil mis' a' rànnsachadh gach oisinn de mo chridhe fèin, gus am faigh mi fios air mo staid ? An èudar dhomh a bhi gu h-aithghearr air mo dhearbh- adh an làthair caithir breitheanais Chriosd ? agus nach dearbh mi mi-fein anis ? Ciod a thig dhiom an sin, ma bhitheas mi air mo mhealladh ? Am faod fios a bhi agam air mo staid le beagan rànnsachaidh a dheanamh gu dichiollach anis ? agus nach dean mi saothair ?" Ach theagamh gu'n obair thu, " Cha n-aithne dhomh ciamar a nì mi è." Ach ni mise do sheòladh anis. Ach mo chreach I bithidh mo sheòladh dìomhain, mur 'eil thus' a1 cur romhad a chleachdadh. Am bheil thu, matà, mu'n tèid thu cèum na's f haide, anis a' gealltuinn an làthair an Tighearna, gu'm buail thu gun dàil idir air deanamh do dleasanais arèir gach seòlaidh a tha mis' a' dol a thoirt duit anis o f hocal Dè ? Cha n-'eil mi idir agiarraidh ni sam-bith do-dheante, no mi-reusan- ach ort. Cha n-'eilear ag iarraidh ort ach amhàin beagan uairean a bhuileachadh a chum fios 'f haotuinn ciod an staid anns am bith thu-fèin gu bràth. Na'n iarradh coimhearsnach, no caraid ort uair, no dà uair a chur 156 Cionnus a dh-aiihnicheas sinn seachad maille ris, a' labhairt air gnothach fèumail sam- bith, is cinnteach nach diùltadh tu sin; agus an diùlt thu uair do d' anam fèin air a1 ghnothach a's àirde luach ! Guidheam ort, matà, a' chombairle so a ghabhail uam, mar gu'm bithinn 'g a toirt dhuit, ann an ainm Chriosd, air mo ghluinibh ; agus thèid mi air mo ghliiinibh arist, ag urnuigh ri Criosd gu'n deanadli è do chridhe rag aomadh a dh-ionnsuidh an dleasanais so. 4. So anis seòladh dhuit, ciamar is còir dhuit thu-fèin a cheasnachadh : — Tilg amach o d' inntinn gach uile smuain agus gach uile chùram eile, chum nach bi d'inntinn air a h-ioma-luasgadh, no air a roinn leo. Is leòr an obair so fein dhuit aig aon km, gun smuain, gun obair sam-bith eile maille rithe. An dèigh sin crom thu-fèin sios air do ghluinibh an làthair Dhia, ann an urnuigh ris gu toileach, diirachdach ag iarraidh cobhair a spioraid, chum do chor a dheanamh làn shoilleir dhuit, agus a chum d' inntinn a shoillseaeh- adh anns gach ce'um de'n obair so. Rdghnaich an t-àm 's an t-àit a's freagarraiche. Gabh kit uaigneach, agus uair air nach cuirear dragh ort le ni sam-bith eile. Ma dh-fhaodar idir, gabh an uair so — " anis an t-àm." Biodh agad òx air d'chridhe, no ann an sgriobhadh, cuid de'n Sgriobtuir anns am bheil cunntas air na naoimh, agus geallaidhean an t-soisgeil air teàrnadh, agus dean thu-fem làn-dearbhte gur firinn neo-mhear- achdach iad. An dèigh sin, tòisich air a' cheist a chur riut-fem. Ach cha n-e idir am bheil ni maith annad- fèin ? no am bheil gràs beag, no mòr agad ? Ach co dhiubh a tha, no nach 'eil gràs slàinteil — gràs teàrnaidh •— annad, ann an treibh-dhireas ? Ma dhiultas do chridhe 'dhol air aghaidh leis an obair, na gabh idir diultadh dheth, ach èignich air aghaidh è. Leig d'òrdugh air gu teànn. Gnkthaicheadh do rdusan a chumhachd os a chionn. Seadh, thoir àithn Dhia dhà agus spàrr air iimhlachd a thoirt di, air eagal tuiteam fo fheirg Dhè. Deanadh do choguis a cuid Urn de'n dleasanas so cuideachd ; agus na stad idir gus am bi do chridhe air a ghlèusadh airson na h-oibre. Gabh an aire nach leig thu le do chridhe, uair sam-bith, a bhi gu diomhain a' caitheamh na h-ùine 'bu chòir dhà ar Coir air Fois nan Naomh ? 157 'bhuileachadh gu dichiollach air an obair so. Bitheadh agad-sa ri ràdh mar thuirt an Salmadair, " Rinn mi cainnt ri mo chridhe fèin, agus rànnsaich mo spiorad gu geur." An neach a bheir buaidh air a chridhe fèin, bheir è buaidh maille ri Dia. Ach mur faigh thu thu-fèin stèidhichte an de"igh do shaothair uile, iarr amach cuideachadh. Gairm air aon de shluagh Dhè", cha n-è aon a dh-fhaodas a bhi fathast gun " dearbh-bheachd," mar tha thu-fèin, ach duine diadhaidh, fiosrach, tuigseach, comasach, firinn- each, agus innis do chor dhà, agus iarr a dheadh chomhairle chum do chuideachadh. Gabh a chomhairle airson d'anama, mar ghabhar comhairle dochdadair airson a' chuirp. Agus ged nach urrainn an cèum so do dheanamh làn chinnteach air teàrnadh, faodaidh e do chuideachadh, do neartachadh agus do sheòladh gu mòr ann an deanamh tuille saothair. Gabh a' cheart aire gu'm buanaich thu ann an obair an fhem-cheas- nachaidh, a1 cuimhneachadh an còmhnuidh nach urrainn comhairle duine sam-bith, air a feothas, ach amhàin do chuideachadh a chum saothair na's feàrr a dheanamh. Faodaidh a1 chomhairle bhi gle" mhaith, ach cha leòr sin idir dhuit-sa ; oir fèumaidh tu-fein leantuinn gu seasmhach air an obair fo sheòladh na comhairle, agus gu h-araid arèir na f ìrinn, gu bràth gus am faigh thu fios cinnteach air an ni luachmhor a ta dh-easbhuidh ort. Nise, matà, cho luath 's a ch\ thu gu soilleir d'f hior staid fèin, thoir amach bìnn ort-fèin, arèir do staid. Faic am f lor Chriosduidh thu-fèin, no nach eadh ? Ach na bi idir grad, no cabhagach leis a' bhinn so. Na deàn sodal, no brosgul riut-fem, agus na bi air do ghluasad le dubh eagal, no trom uamhas, ach dearbh do staid le briathran an Sgriobtuir agus le do reusan, gu cùramach, stòlda, fìrinneach, arèir do choguis. Saoth- raich a chum do chridhe fern a thoirt gu làn mhothach- adh air a chor, arèir na breith a thug thu mach air. Ma gheibh thu è gun ghràs ànn, smuainich air do chor truagh. Ma tha è air 'ath-nuadhachadh agus air a naomhachadh, smuainich air an staid bheannaichte gus an tug an Tighearn thu-sa. Lean romhad ag altrum nan smuaintean sin gus an dean iad Ian ghreim agus 158 Cionnus a dh-aithnicheas sinn drùigheadh air do chridhe : agus sgriobh an cuimh- neachan so air clàr do chridhe. " Air leithid so a dh'àm, an dèigh dhomh mi-fern a làn-cheasnachadh, f huair mis' amach gu'm bheil mo staid mar so, no mar sid." Bithidh am focal-cuimhne sin f ìor f hèumail dhuit an dèigh so. Na abair idir gur leòr na f huair thu mach cheana. Na earb as idir mar nach biodh fèum agad air tuilleadh dearbhaidh, ach rànnsaich do chor 'us do shligh gach Ik. Ma's èudar dhuit thu-fein a cheasnach- adh gu trie, na biodh idir droch mhisneachd agad. Mur 'eil thu fathast air d'ath-ghineamhuinn, thoir a' cheart aire nach abair thu idir nach f haod thu 'bhi air d' ath-ghineainhuinn an dèigh so. Na abair idir gu'm bi do staid an dèigh so, mar tha ì an dràst. Na abair idir " Tha mise mi-dhiadhaidh agus mar sin gheibh mi bàs : Is eealgadair mise, agus mar sin bithidh mi." Na tuit idir ami an èu-dòchas. Cha n-urrainn ni sam-bith ach do mhì-thoil fèin do chumail o Chriosd. Gabhaidh è riut fathast, ma thig thu, ged bha thu roimhe so mi-chùramach, no ri cleasachd a' chealgadair. 5. Ceadaich dhomh anis beagan chomharraidhean a thoirt leis am faod thu do choir air Fois nan Naomh a dhearbhadh. Cha n-ainmich mi ach a dhà dhiubh sin — eadhon, Dia a ghabhail mar d' àrd mhaith, — agus Criosd 'n a aonar a ghabhail gu toileach mar do Shlàn- uighear agus do Thighearn. Is è Dia fèin àrd shonas gach anam1 aig am bheil còir air an f hois so. Is è làn mhealtuinn glòrmhor Dhia an f hois so. Is Pàganach, agus fear-iodhoil-aoraidh suarach gach neach nach gabh ri Dia, mar a mhaith àrd agus sìorruidh. Faighnicheam dhìot, matà, an è, no nach è an sonas a'a feàrr agus a's àirde leat an Tighearn a mhealtuinn ann an glòir ? An urrainn thu 'ràdh, " Is è Dia mo chuibhrionn? Co th'agam anns na nèamhaibh ach thusa, agus an coimeas riut cha n-'eil neach air thalamh air am bheil mo dhèigh." Ma's oighre thus' air an f hois so, their thu sid. Ged bhitheas an fheòil agìarraidh taitneis dhi-fèin, agus an saoghala' snàigeadh astigh air d'aignidhean, gidheadh ann am form ceart, gnkthaichte, suidhichte d' inntinn agus d' aignidhean, is è Dia a's ànnsa leat na gach uile ni 's an t-saoghal, Is ar Voir air Fois nan Naomh f 159 è crìoch do mhìann agus do shaothair uile. Is ann gu h-àraid a chum thu-iein a dheanamh cmnteach as an f hois so, a dh-èisdeas tu agus a ni thu urnuigh, agus a dh-iarras tu 'bhi beò air thalamh. Ged nach 'eil thu 'ga h-iarraidh cho trie, dichiollach, dian as bu choir dhuit, gidheadh is ì àrd chuspair do dhèigh agus d'oidhirpean uile, agus cha n-iarrar agus cha n-fhearr leat cuspair sam-bith eile air thoiseach oirre. Cha chruaidh, searbh leat saothair air-bith a's urrainn thu nis a dheanamh air a son. Agus geda dh-f haodas an fheòil crubadh, no sgàth a ghabhail air uairibh, fo'n t-saothair so, gidheadh fathast tha thusa gu toileach a' cur romhad seasamh an aghaidh gach dosguinn gus an toir thu buaidh. Bithidh meas cho àrd agad air an f hois so, agus gràdh dhì cho mòr, as nach tugadh tu do choir oirre agus do dhòchas ìnnte airson ni 's an t-saoghal, no airson an t-saoghail so uile. Ged theireadh Dia riut, So dhuit air aon làimh, toil-ìnntinn shiorruidh air thalamh, agus air an làimh eile, fois nan naomh air nèamh, agus gabh do roghainn dhiubh, dhiùltadh tu an toil-inntinn thalmhaidh, agus ròghnaicheadh tu an fhois nèamhaidh. Ach mur 'eil thu fathast air do naomhachadh, is fekrr leat ann do chridhe, sonas an t-saoghail so na Dia ; agus geda dh-f haodas do bhe"ul a ràdh gur è Dia an t-àrd mhaith, cha n-è sin idir barail do chridhe. Oir is ann an dèigh an t-saoghail a tha do mhiann 'us do shaothair uile. Tha do chridhe direach bunaichte air an t-saoghal. Tha do chùram agus do shaothair air am buileachadh air do chreideas agus air do thaitneas- aibh feòlmhor. Is beag a dhiarr thu riamh a thuigsinn de ghlòir neo-f haicsinnich sin an t-saoghail eile. Is bea,g a chunnaic thu de àileachd na glòire sin, agus mar sin, is beag saothair a rinn thu airson fois na glòire. Ma rinn thu saothair idir air a son, bu bhochd, mi-thoileach i. Bha thu dùrachdach, ciiramach, dichiollach ann an deanamh seirbhis do'n t-saoghal, ach bu leòr leat beagan smuaintean fuar, fann, mi-churamach a bhuil- eachadh air seirbhis Dhia, 'nuair nach robh an saoghal a' gairm ort. Leigeadh tu leis a' ghnothach aimsireil 'bu lugha seasamh eadar thu agus obair Dhia. Bu leòr 160 Cionnus a dh-aiihnicheas sinn leat fuighleach an t-saoghail a thoirt do Dhia, ma thug thu dad idir dhà. Cha d'rinn thu airson nèimh ach na f huair thu fèumail, taitneach a chum do chuid, do chliu agus do bhuannachd a chumail riut air thalamh. Faod- aidh tu beagan a dheanamh airson Dhia an dràst agus arist, 'nuair a cheadaicheas an saoghal dhuit, air eagal gu'n tilgear do ifrinn thu an dèigh do bhàis. Ach an urrainn thu-fèin a ràdh gur seirfyhis dhileas sin do Dhia ? Ach ma theirear an fhirinn, is ro theànn leat òrdugh Dhè, agus an lorg sin cha n-àill leat gnath-ghluasad agus saothair a dheanamh arèir riaghailt an t-soisgeil, agus an uair a dhearbhar thu gu cnkimh do dhroma 'dh-f heuchainn co aca is feàrr leat Criosd, no do shonas saoghalt' a thrèigsinn, gheibhear thus' a' dol leis an t-saoghal 's a' diùltadh ùmhlachd a thoirt do Dhia. Na'n ceadaicheadh Dia dhuit a bhi beò gu bràth ann an slàint 'us saoibhreas air thalamh, b'ànnsa leatsa sin na fois nan naomh. Iarradh iadsan leis an àill gu nèamh, ach is è sid sonas a b'fheàrr 's a b'àirde Ieat-sa. So anisdo chor, mur 'eil thu fathast air d' ath-ghineamhuinn, no air d' ath-breith, — mur 'eil do chridhe air 'athar- rachadh o staid nàduir gu staid naomhachd, — tha thu gun choir ann am fois nan naomh. Ach ma tha thu nis a' socrachadh do chridhe air Dia, . mar d' àrd mhaith, gabhaidh tu gu toileach, taitneach ri Criosd mar do Shlànuighear agus do Thighearn a chum do threòrachadh a dh-ionnsuidh na foise so. Anns a' cheud chomharradh bha sùim " na ceud àithne agus na h-àithne mòire," eadhon àithn an lagha, " Gràdhaich- idh tu an Tighearn do Dhia le d' uile chridhe." Agus anns an dara comharradh so, a bheir mi dhuit anis, tha sìiim àithn' an t-soisgeil, " Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus tèarnar thu." Agus is è an dà àithn sin a choimhlionadh, an diadhachd agus an creidimh Criosd- ail uile. Is mineachadh so air creidimh. Am bheil thus' a' tuigsinn gur peacach càillte thu do thaobh nàduir, agus air do dhiteadhan lorg do bhriseadh air a' cheud chùmhnant ? Am bheil thus' a' tuigsinn gur è Iosa Criosd an t-eadar-mheadhonair a thug làn rìarach- adh do'n lagh ? agus air dhuit a chluinntinn anns an t-soisgeil gu'm bheil è air a thairgse gu saor do na ar Còir air Fois nan Naomli f 161 h-uile dhaoine, am bheil thu gu toileach a' dlù-ghabhail ri Criosd 'n a aonar, mar do Shlànuighear, gun earbsa sam-bith a chur ann an obair, no ann an dleasanas air- bith a ni thu-fèin, ach amhàin mar mheadhonaibh air an òrduchadh fo làimh Chriosd. Am bheil thus' ag amharc air gach obair, dleasanas, no gniomh a ni thu- fèin, mar nithe nach 'eil comasach ann an tomhas air- bith air gairm an lagh' a riarachadh agus a mhallachd a thoirt air falbh, no mar nithe anns nach 'eil fireantachd laghail air-bith? Am bheil thu toilichte teàrnadh d'anam' earbsa ris an t-saorsa mhòir a choisinn Criosd ? Am bheil thu mar-an-cèudna toilichte Criosd a ghabb- ail mar do Thighearn agus do High, a chum a bhi air do riaghladh agus air do threòrachadh le lagh agus le spiorad Chriosd ? Am bheil thu toileach agus ullamh gu umhlachd a thoirt do àithn Chriosd, eadhon an uair a chuireas è na dleasanais a's truime agus a's cruaidhe mu do choinnimh, seadh, na dleasanais a's mi-thaitniche do chàil na feòla ? Am bi doilgheas ort, am brònach leat, ma thuiteas dhuit do run suidhichte mu aon de na nithibh sin a bhriseadh uair air-bith, agus an aoibhneas mòr dhuit an coimhead gu ceart, agus fìor ùmhlachd a thoirt do Chriosd? An neach thu nach trèigeadh do Thighearn agus do Mhaighstear airson an t-saoghail uile ? Ma's fior Chriosduidh thu, bheir do chridhg freagradh glan do na ceistibh sin uile. Ach ma's cealgadair thu, cha taitinn lad idir ri do chridhe truagh. Faodaidh tu " Mo Thighearn" 'us " mo Shlànuighear" a ghairm do Chriosd, ach cha n-fhaca tu riamh gu'm bheil thu càillte gun Chriosd, cha d'iarr thu è agus cha d'earb thu is mar do Shlànuighear, a' creidsinn nach urrainn thu idir a bhi air do theàrnadh ach trid-san amhàin. No cha d'aontaich thu leis gu toileach, a' tabhairt suas d' anam' agus do bheatha dhà gu bhi gu bràth air an ceànnsachadh agus air an riaghladh leis : ni mò 'ghabh thu focal agus lagh Chriosd, a chum do smuaintean agus do ghniomhran a riaghladh arèir a thoile. Faodaidh gu'm bu mhaith leat a bhi air do theàrnadh o ifrinn le Criosd, 'nuair a ghlacas am bàs thu, ach an dràst cha n-aill leat umhlachd a thabhairt dà, no e-fe"in aideachadh idir mar do Thighearn, ach J 62 Uionnus a an-aithnicfieas sinn amhàin cho fada 's a fhreagras sin do d' thaitneas agus do d' bhuannachd shaoghalta. Agus na'n ceadaicheadh è sin dhuit, b'fheàrr leat a bhi bed gu bràth arèir an t-saoghail agus arèir na feòla, na idir arèir an fhocail agus an spioraid. Faodaidh tu, air uairibh, a dhol ceum no dhà le Criosd, ach tha run 'us miann cumanta do cridhe suidhichte air nithibh aimsireil — cuspairean a's ànnsa leat na Criosd. Agus air an aobhar sin, cha n- fhior Chriosduidh thu. Cha n-'eil thu fathast a' fior- chreidsinn ann an Criosd. Ged tha thu 'g a aideachadh le do bhriathraibh, ' tha thu ann an oibribh 'g a àicheadh, air dhuit a bhi gràineil, agus eas-ùmhal, agus a thaobh gach deadh oibre às dugmhais tuigse.' Tit. 1. 16. Is è sin anis cor na muinntir a dhùinear amach o fhois nan naomh. Thoir fainear, is è aonta do chridhe, no do thoil a thathas ag iarraidh a rànnsachadh gu h-àraid. Cha n-'eilear a' faighneachd dhiot an so, am bheil dearbh- bheachd agad air teàrnadh, no an urrainn thu 'chreidsinn gu'm bheil do pheacaidhean air am maitheadh, agus gu'm bheil thu ionmhuinn le Dia agus le Criosd ? Cha phairtean na nithe sin idir de chreidimh fireanachaidh, ach toraidhean maiseach a' chreidimh sin. Iadsan a gheibh na nithe sin, bithidh iad air an deanamh sòlasach leo, ach theagamh nach f haigh thus' iad gu bràth anns a' bheatha so, agus gidheadh faodaidh gur oighre flor thu air an fhois so. Na abair idir matà, " Cha n-ur- rainn mis' a chreidsinn gu'm bheil mo pheacaidhean air am maitheadh, no gu'm bheil mi taitneach do Dhia, 's an lorg sin cha n-fhior chreidmheach mi." Na tilg thu-fèin idir anns a' mhearachd sin. Is ì so a' cheist, — Am bheil thusa gu toileach a' gabhail ri Criosd, a chum gu'm bi d' uile pheacaidhean air am maitheadh dhuit, gu'm bi thu air do dheanamh rèidh ri Dia, tre Chriosd, agus mar sin air do theàrnadh ? Am bheil thu làn toil- each Criosd a ghabhail, agus anis 'g a ghabhail mar do Thighearn, a cheannaich thu, agus a bheir do nèamh thu 'n a rathad fèin? Sin anis creidimh fireanachaidh agus creidimh teàrnaidh, agus an comharradh leis am fèum thusa thu- fèin a dhearbhadh. Ach thoir fainear fathast, fèumaidh an t-aontachadh so uile a bhi fior, ar (Jbir air Hois nan JSaomh f 163 toileach, deònach, slan ; cha n-ann cealgach, feallsa, faoin ann an tomhas air-bith. Cha n-f haodar a ràdh, mar thuirt am mac cealgach, " Thèid mi, a Mhaighstir." Agus an dèigh sin, cha deachaidh è. Ma tha do chridhe na's suidhichte air ni, no neach eile, na .tha è air Criosd, cha dheisciobul dà thu, cha n-ann de shluagh Chriosd thu. Is cinnteach mise gu'm faighear an dà chomharradh sin aig gach f ior Chriosduidh, agus nach f haighear iad aig neach air-bith ach fior Chriosduidh. 0 matà, gu'n deanadh an Tighearn thus1 aomadh anis gu thu-fèin a làn-dhearbhadh3 chum nach criothnaich d' anam le uamhas, 'nuair a dhearbhar thu le Breitheamh ■ an domhain uile, ach gu'n dean sùil ri teachd bàis agus breitheanais do spiorad a bheothachadh, agus do lionadh le aoibhneas I Agus anis, a Chriosduidh, leis an kill solas agus sonns 'f haotuinn nach meall ort agus nach trèig thu gu bràth, is è gnothach àraid do bheatha, saothair mhòr a dhean- amh chum fàs ann an gràs, cumhachd Chriosd a mheudachadh agus àrdachadh 'n a d' anam, agus cumh- achd na feòla a lagachadh agus a chlaoidh. Na leig dhuit-fèin a bhi air do mhealladh le smuaineachadh gu'n d'rinn Criosd na h-uile nithe air do shon, gun ni sam- bith fhàgail agad-fein ri dheanamh. Agad-sa tha ri buaidh a thoirt air an diabhul, air an t-saoghal agus air an fheòil, agus a chum sin a dheanamh, fèumaidh tu caithris a dheanamh agus seasamh fo d' armachd an còmhnuidh, a' sior-chogadh gu foighidneach, trèun, gus am faigh thu crun na beatha. Is ann le caithe-beatha mar sin a's feàrr agus a's luaithe a ruigear air dearbh- bheachd air ar slàint shiorruidh. Sibhse 'tha air bhur baisteadh, agus sibhse, a phàrantan, a thainig astigh fo bhòid a' bhaistidh do 13hia, ciamar a choimhlionas sibh bhur gealladh do Dhia, agus ciamar a sheasas sibh 'n a làthair le solas, an dèigh uair bhur bàis, agus air là mòr a' bhreitheanais, mur faighear sibh an diugh gu fritheil- teach, riaghailteach a' feitheamh air na meadhonaibh naomh sin a dh'orduich Dia chum bhur sonas siorruidh a chur air aghaidh ? Ge-b'-e neach nach 'eil gu seas- mhach, dichiollach ri saothair airson anama fèin, air gach là sàbaid 'us seachduin, cha Chriosduidh idir è. 164 '£ è Dleasanas Sluaiyh Dhè muinntir eile Cha n-'eil 'n a chreidimh, ma tha creidimh idir aige, ach sgleò. Cha n-ànn idir do gach neach a chreideas gu dìomhanach, dàna, ach " do 'n tì a bhuadhaicheas a bheir Criosd r' a itheadh do'n mhana fholuichte, agus bheir è dhà clach gheal, agus air a' chloich ainm nuadh sgrìobhta, nach aithne do neach air-bith ach do'n tì a gheibh ì ; ithidh e do chraoibh na beatha, a tha ann am raeadhon pàrrais Dhè, agus cha chiùrrar leis an dara bàs e. Aidichidh Criosd ainm-san am fianuis 'Athar, agus am fianuis aingle-san, agus nì se e 'n a phost ann an teampull Dhè, agus cha teid e ni 's mò amach às, agus sgrìobhaidh e ainm a Dhe- air, agus ainm caithreach a Dhè, a's ì Ierusalem nuadh, a thig a nuas o nèamh o a Dhia ; agus sgrìobhaidh e ainm nuadh fèin air. Seadh, " bheir e comas dhà suidhe maille ris air a rìgh-chaithir, amhuil f òs a bhuadhaich e-fèin, agus a shuidii e maille ri 'Athair air a rìgh-chaithir-san. An tì aig am bheil cluas, èisdeadh e ciod a ta an Spiorad ag ràdh ris na h-eaglaisibh." Taisb. 2. 7, 11, 17 : agus Caib. 3. Caibdeil IX. ^S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 'mJiisneachadh gus an Fhois so ìarraìdh. Am bheil duais cho ghlòrmhor ri Fois nan Naomh air a cur romhainn le Dia, agus an d'rinn è sinne comasach air sonas cho do-mheasraichte 'f haotuinn ? Carson, matà, nach 'eil clann na rìoghachd so a' saoth- rachadh na's mò, chum muinntir eile 'thoirt a dh-ionn- suidh na foise so? carson nach 'eil sinn 'gan cuideachadh na's mò, chum an treòrachadh gu sonas cho mòr a mhealtuinn ? Mo chreach ! nach beag sùim a gheibhear a' chuid a's mò dhinn a' gabhail do anamaibh bochda mu-n-cuairt duinn ! Tha sinne 'faicinn glòir' na rìogh- achd, ach cha n-'eil ìadsan: tha sinne 'faicinn truaighe na muinntir a tha mach àisde, ach cha n-'eil ìadsan . tha sinne 'g am faicinn a' dol fad air seachran o'n a mhisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 165 t-sligh, agus tha fios againn raur pillear air an ais iad, nach tig \ad a dh-ionnsuidh na slighe gu bràth, oir cha n-aithne dhoibh-fèin an t-sligh gu fois. Nach tigeadh dhuinn-ne, matà, am mearachd 's an cunnart 'f heuch- ainn doibh gu ciiramach, agus oidhirp a thoirt, leis gach cuideachadh ann ar comas, air an cur anns an t-sligh mhaith, chum gu'm mair ìad beò ? Och, is tearc a gheibhear Criosduidhean a tha trie a' saothrachadh, arèir an uile chomais, a chum anamanan a shàbhaladh I Neor-thàing dhuinn-ne, mur bi nèamh falamh, agus mur caillear anamanan ar bràithrean. A' faicinn, matà, eho àrd-fhèumail 's a tha 'n dleasanas so, chum glòir Dhè, agus sonas dhaoine peacach a chur air aghaidh, minich- idh mi — Ciamar is còir a dheanamh, — Carson a tha è air a dhearmad cho mòr; — agus an dèigh sin, bheir mi beagan carailean a chum sluagh aomadh gus a dheanamh. I. Is è dleasanas gach Oiosduidh a bhi gu trie a' cuideachadh 's a' misneachadh muinntir eile chum an toirt gus an còir air fois nan naomh aithneachadh, ach cha n-'eilear idir a' ciallachadh le sin gur còir do gach Criosduidh a bhi 'n a shearmonaiche follaiseach, no 'dhol aon chèum thairis air criochaibh na gairme son- ruichte a ta aige, no taobh-spiorad (party spirit) àrach, no aon fhocal a ràdh an aghaidh mearachdan dhaoine air ancùlaobh, gun labhairt idir riu-fèin anns an aoduinn. Cha n-è sin idir nàdur an dleasanais so. Is è nàdur àraid an dleasanais so — Truas ri anamaibh truagh ar co-chrèutairean, — Gach fàth-chothrom a ghlacadh a chum an teagasg ann an sligh na slàinte, — Am buann- achd a chur air aghaidh le meadhonaibh follaiseach nan gràs. Bitheadh, matà, truas ann ar cridhe ri anamaibh truagh ar co-chreutairean. Bitheamaid iochdmhor riutha, agus ìarramaid gu beò-dhùrachdach an aiseag gu slàinte. Ma bhitheas fadachd dhùrachdach òirnn airson an iompachaidh, agus ma bhitheas ar cridheach- an eudmhor gu maith a dheanamh dhoibh, tòisichidh sinn air an obair, agus beannaichidh Dia ar saothair. Feumaidh sinn gach f àth-chothrom ann ar comas a ghabhail, a chum a theagasg dhoibh cionnus a dh-f haodas iad ruigheachd air teàrnadh. 'Nuair a choinnicheas tu 166 '£ è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile neach aineolach dean saothair a chum a thoirt air a thuigsinn ciod è àrd shonas an duine. Ciamar a chaill è am f ior shonas a bha aige air tùs. Ciamar a bhris è an cùmhnant a rinn Dia ris. Ciod am peanas a tha h nis a' toilltinn an lorg a' bhrisidh sin, agus meud na truaighe sin a thug è air-fèin le tuiteam air falbh o Dhia. Teagaisg dhà a mhòr f he"um air Fear-saoraidh ; tròcair mhòr Chriosd ann an teachd a shaoradh dhaoine ; mar phàidh è am peanas a thoill iad ; ciod è brigh a' co- cheangail nuaidh ; ciamar tha daoine air an toirt a dh-ionnsuidh Chriosd ; na sochairean agus an saoibhreas a tha aig na creidmhich ann an Criosd. Mur dean na nithe sin druigheadh air an aineolach, feuch dha òir- dhearcas na glòire sin a tha e-fein a' dearmad. Feuch dhà uamhas agus teànntachd na dòruinn sìorruidh a tha aig a' mhuinntir mhallaichte ; gur ceart peanas na h-ifrinn a dheanamh air gach h-uile shluagh a tha nis a' rag-dhiultadh gràis : feuch dhà cho cinnteach 's cho fagus 's a tha uamhas a' bhàis agus a' bhreitheanais ; d\omhanas nan uile nithe air thalamh ; àrd luachmhor- achd Chriosd ; olcas a' pheacaidh ; feum gach duine air ath-ghineamhuinn, air creidimh, air naomhachd agus air fìor nàdur nan nithe sin a làn -thuigsinn. Ach ma gheibh thu do cho-chre'utair air a mhealladh le dòchas feallsa, aslaich air a staid a rknnsachadh, agus dearbh dhà a mhòr f heum air sin a dheanamh ; cuidich è, agus na dealaich idir ris, gus an dearbh thu air, càit am bheil a dhochann agus a leigheas. Feuch dhà cia diomhain, m\llteach an obair a bhi 'cur a dhleasanais an àit Chriosd, agus mar sin ag ìarraidh e-fèin 'f hireanachadh tre oibribh luideagach an duine. Ach air a h-uile cor, treòraich è gu gnàthachadh nan uile mheadhon, — lèugh- adh agus èisdeachd an f hocail ; gairm air Dia ann an urnuigh ; conaltradh ri pobull Dhia ; seachnadh a' pheacaidh; seachnadh gach cuideachd 'us cèum a bhrosnaicheas gu peacadh, gu h-àraid droch compan- aich. Comhairlich na nithe sin dhà, agus maille riutha sin, comhairlich dhà a bhi gu trie a' feitheamh gu foighidneach air Dia ann an gnàthachadh nam meadhon, ag ìnnseadh dhà gur ann amhàin tre na meadhonaibh, a gheibhear eòlas air Dia agus fagus dà. a mhisneachadh gus an Fhois so larraidh. 167 Ach o'n is obair f ìor luachmhor ì so, fèumar mòr aire 'thoirt do'n run cridhe leis an deanar i. Air an aobhar sin. bi air do stiuradh g' a h-ionnsuidh leis na riagh- ailtibh so : — Tòisich air an obair le deadh run. Iarr glòir Dhia a chur air aghaidh ann an teàrnadh do cho- chrèutair. Dean an obair, cha n-ann a chum ainm mòr 'us meas 'f haotuinn, no idir a chum muinntir a chur fo chomain dhuit, no chum an aomadh leat gu pàirtidh sam-bith a leantuinn, ach ann am fìor iimhlachd do Chriosd, agus arèir eisempleir Chriosd, gu tiorail ar gràdhachadh anamanan dhaoine. Na biodh d' obair idir cosmhuil ri obair na muinntir sin a cheartaicheas gu ciiramach an clànn 's an seirbhisich 'nuair a thuiteas iad ann am mearachd a chuireas call, no droch-gean orra, ach nach d'iarr riamh an anamanan a threòrach- adh gu sligh na slàinte, mar tha sin air 'òrduchadh le Dia. Dean an obair gu grad. Ma's maith leat do cho- chrèutair pilleadh gu sonas gun dàil, na cuir-sa da.il ann an iarraidh air pilleadh. Am feadh a gheibhear thus' a' runachadh, no 'smuaineachadh a theagasg 's a chuid- eachadh, gun tòiseachadh air an obair, tha esan a' dol na's doimhne ann an clàbar a' pheacaidh ; fearg a' càrnadh suas 'n a aghaidh ; am peacadh a' freumhachadh ànn na's mò ; a chleachdadh a' greimeachadh air ; a bhuaireadh a' dol a moid : a choguis a' seargadh ; ,n chridhe 'cruadhachadh ; an diabhul 'g a riaghladlf Criosd air a dhuineadh amach leis ; an Spiorad air a dhiultadh , eas-onoir air a cur air Dia gach là ; lagh Dhe* air a bhriseadh ; Dia gun seirbhis o'n neach so 'bu choir a bhi deanamh seirbhis dhà ; ùin a' ruith gu dluth ; bàs 'us breitheanas aig an dorus, agus dè ma bhàsaicheas è, agus ma thuiteas è ann an ifijinn am feadh a tha thus' a' cur romhad tòiseachadh air a chumail £s ! 'Nuair a bhitheas corp do cho-chrèutair tinn, cha n-abair thu ris " Bi falbh 'us thig arist, am màireach bheir mi leigheas dhuit, agus è agad anis aig do làimh. Ciamar a thig dhuit, matà, da.il a chur ann an leigheas, no cuideachadh a thoirt dà airson 'anama ? Cha n-f heàrr na mortair, an lèigh sin a chuireas da.il ann an ioc-shlaint, no comhairle sam-bith a thoirt do 168 'S è Dleasanas Sluaigh DM muinntir eile neach thinn gus am bàsaich è, no gus an tèid è thar leigheas. Uainn leisgeulan 'us nithe beaga, matà, agus " Earailichibh a cMle gach aon là, am feadh a ghoir- ear An là 'n diugh dheth ; air eagal gu'n cruaidhichear neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a' pheacaidh." Eabh. 3. 13. Bitheadh d'earail ann an iochd agus aim an gràdh. Cha n-ànn le fala-dhà, fanaid, trod, no càineadh, a cheartaichear daoine, no idir a dh-ìompaichear lad gu Dia. Ruig am peacach le deòir ann do shuilibh, a' feuchainn dà gu'm bheil thu 'creidsinn gu'm bheil è truagh, agus gu'm bheil gun teagamh truas agad ris. Bitheadh do chomhairle dhà, dùrachdach, iriosal. Tuig- eadh è gur è durachd do chridhe maith a dheanamh dhà, nach 'eil crioch sam-bith eile agad ann an labhairt ris, ach a shonas siorruidh a chur air aghaidh, agus gur è d'fhios air a chunnart agus gràdh d'a anam a dh'èignich thu gu labhairt ris. Seadh, gu'm bheil "fios agad air uamhas an Tighearna," agus eagal ort gu'm faodadh esan a bhi air a dhiteadh fo'n " uamhas" sin gu dòruinn shiorruidh. Abair ris a1 pheacach, " Mo charaid, cha n-'eil mis' ag iarraidh buannachd air-bith dhomh-fein. Ged bu toilichte leat an dràst mise do bhreugadh, agus d'f hag- ail mar tha thu, no leigeil dhuit a bhi beò gun Chriosd, gidheadh cha cheadaich mo ghràdh do d' auam dhomh a bhi tosdach, agus mi 'g ad' fhaicinn-sa nis a' dol bàs. Cha n-'eil mi idir ag iarraidh ni sam-bith uait, ach do thoirt gu sonas a ghabhail. Ma thig thus' a dh-ionn. suidh Chriosd, is ann dhuit -fern a bhitheas a' bhuannachd agus an solas sin uile." Na'n labhramaid air an dòigh so ris gach crèutair aineolach, no nàbuidh aingidh, cha b'f hada gus am faiceamaid toradh beannaichte an dèigh ar saothair ! Dean an obair gu soilleir, simplidh, dileas. Na dean idir peacadh an aineolaich na's lugha na tha è. Labhair ris an aghaidh an dòchais f heallsa. Ma gheibh thu è gun solus idir 'n a anam, ni a tha anabarrach cunnartach, abair ris gu soilleir, direach, " Mo nàbuidh, tha eagal òrm nach d'ath-nuadhaich Dia do chridhe fathast ; tha eagal òrm nach 'eil thu fathast air do thoirt o chumh- a mJdsneacliadh gus an Fhois so iarraidli. 169 achd Shàtain a dh-ionnsuidh Dhè. Tha eagal òrm nach do ròghnaich thu Criosd os-ceànn gach cuspair eile, agus nach. do ghabh thu ris gu toileach mar d'àrd Thighearn. Na'n gabhadh tu ri Criosd, is cirmteach nach bu dàna dhuit umhlachd a dhiùltadh dhà, no dearmad a dheanamh cho trie air aoradh Dhia ann do thigh fern, agus. gu follaiseach anns an tigh-aoraidh air an t-skbaid. Ma ghabh thu ri Criosd, ciamar a tha do chridhe 'us do mhiann gu l&r a' dol leis an t-saoghal, gun f hocal idir agad ach air nithibh airasireil nach fhad a mhaireas dhuit ? Na'n do ghabh thu ri Criosd, no na'n robh thu ' ann an Criosd, bu chrèutair nuadh thu ; rachadh na seknn nithe seach, agus bhitheadh na h-uile nithe nuadh.' Bhitheadh agad smuaintean nuadh, labhairt nuadh, cuideachd nuadh, oidhirpean nuadh, caithe- beatha nuadh, agus còmhradh nuadh. Bi cinnteach mur faighear na nithe sin agad, nach urrainn thu idir a bhi air do theàrnadh. Theagamh nach è sin do bharail fern. Ach ciod-air-bith do bharail 'us do dhòchas, chì thu gu'm bi thu air do mhealladh leò, agus gu'm bàsaich ìad uile maille riut." Air an dòigh so, fèumaidh tu labhairt gu dileas ri daoine, ma tha run ort maith a dheanamh dhoibh. Cha n-ionann leigheas a» anama agus leigheas a' chuirp. Ann an leigheas a' chuirp cha n-fhaodar gu trie a chunnart innseadh do'n neach thlnn, air eagal gu'm millear èifeachd an leigheis. Ach ann an leigheas an anama fèumar a chunnart uile agus a thruaighe innseadh gu soilleir do'n pheacach, agus feumaidh e-fem an leigheas a chleachdadh dha-fèin. Mur bi fios aige air a thruaighe fern, cha dean è caoidh air a son gu brkth, agus cha n-fhaic è idir a mhòr fhèum air Slknuighear. Dean an obair gu beò-dhùrachdach, èudmhor, èif- eachdach. Saothraich a chum peacaich a thoirt gu thuigsinn nach nithe beaga nèamh agus ifrinn idir, nach leòr idir labhairt, no smuaineachadh umpa gu cabhagach, mi-churamach an dràst 's arist. " Is cinnteach, a pheac- aich, nach f hada gus am bi thusa ann an aoibhneas, no ann an dòruinn shiorruidh ; agus nach diiisg sin thu ? Nach beag an kireamh a tha air sligh na beatha ? nach mòr an àireamh a ta air sligh a' bhkis ? Nach doirbh a r 170 8 è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile dhol ^s ? nach soirbh dhuit a bhi air do mhealladh ? agus thusa fathast leisg, lùnndach, dìomhanach gun chùram, gun saothair ? Ciod a tha thu 'cìallachadh ? An saoghal a' teicheadh uait : gach taitneas, gach onoir 'us buannachd a' seargadh às, agus 'g ad' f hàgail : sìorruidheachd dlùth dhuit ; Dia cothromach 'us èud- mhor ; a bhagairtean cìnnteach. Bithidh an là mòr uamhasach. Uin a' ruith 'n a deànn. Do bheatha neo-ch\nnteach. Thusa fad air dheireadh. Do chor cunnartach. Ma gheibh thu bàs am màireach, nach mì-ullamh thu ! Cia mòr an t-uamhas leis an dealaich d'anam ri do chorp ! Agus nach dean thusa cabhag anis ? Cuimhnich, tha Dia rè na h-ùine so uile a' feith- eamh riut. Foighidin Dhia nis a' gìùlain leat ! Fad fhulangas Dhia nis a' giùlain leat ! Tròcair a' guidhe ort ! Fuil agus toilltinneas Chriosd 'g an tairgse dhuit ! An Spiorad a' str\ riut ! Do choguis fem a' dìteadh ! Sàtan ag \arraidh do ghlacadh ! Anis, — anis — ards d'àm, no cha n-f haigh thu àm gu bràth. An f heàrr leat a bhi gu bràth a' losgadh ann an ifrinn na aithreachas a dheanamh air thalamh ? An f heàrr leat diabhulan a bhi 'n am pìanadairean dhuit na Criosd a bhi 'n a Uachd- aran ort ? An f heàrr leat cùl a chur ri Dia agus glòir, na cùl a chur ris a' pheacadh ? 0 ! mo charaid, ciod a tha thu-fem ag ràdh ris na nithibh sin ? Rinn Dia duine dh\ot. Thug Dia rèusan dhuit. 0 ! na tilg uait è matà, 'nuair is còir dhuit a ghnàthachadh gu ceart." Och ! Och ! cha dean focail mhaol, mhall, bhlian, throm am peacach cruaidh-chridheach a thaiseachadh. Cha dean fala-dhà, miodal, no magadh, no earail leth- dhiirachdach an cridhe marbh a dhusgadh. Cha ghlaodh fuar, farm, no òraid air nàdur 'us cunnart teine a bheirear 'nuair a bhitheas tigh a' losgadh, ach ruith- ear 'us dighear gu h-ard, Teine 1 teine ! Air uairibh, is beag maith a ni è, gu trie is mò an call na 'm maith, a pheacaidhean uamhasach innseadh do dhuine gu m\n, fuar, socrach, mar a labhair Eli ris na mic ole aige-fèin, no mar a chronaich Iehosophat Ahab, ag ràdh " Na ab- radh an rlgh mar sin." Thatar a' sgrios dhaoine le sgàth mì-thlachd a chur orra, ann an labhairt riutha gu dileas, an aghaidh a' pheacaidh a ta ànnta a mhisneachadh gus an Fhois so \arraidh. 171 Ach air eagal gu'n abair thu ro bheag, no ro mhòr, na's mò, no na's lugha na bu choir dhuit a ràdh ris a1 pheacach mhi-chùramach, is ì mo chomhairle dhuit labhairt ris le gliocas agus cìall. Ròghnaich an t-àm a's freagarraiche. Na labhair ri daoine air a' chilis so, 'nuair a bhitheas fearg, no " paisean" orra, no air dòigh a bheir masladh do dhuine sam-bith. Is arm an uair a bhitheas an talàmh bog, a thèid an crànn astigh ànn. Labhair ri duine 'nuair a bhitheas h fo àmhghar, no fo dhruigheadh an dèigh searmoin èisdeachd. Mar Chriosduidhean firinneach, is còir dhuinn, cha n-è mhàin maith a dheanamh air gach àm air an gairmear sinn, ach gach f ath-chothrom a ghlacadh a chum maith a dheanamh. Labhair arèir gnè agus mèinn an duine. Cleachd argumaid 'us rèuson na's mò na comhairle ann an labhairt ri duine tùrail, gèur-chuiseach. Cleachd araon argumaid agus comhairle ri neach aineolach. Is còir aignidhean neach, aig am bheil faireachadh air a chor, a bhlàthachadh. Is còir an duine rag-chrosd a chronachadh gu gèur. Labhair gu tìorail, blàth ris gach lag-chridheach. Freagraidh focail shimplidh, dhurachdach a' ghràidh do na h-uile, ach is gànn a dh-f huiligeas cuid focail atmhor an uamhais. Gnàth- aich briathran glàn, f ìor f hreagarrach : oir grainichidh càinnt mhì-thlachdmhor an luchd-èisdeachd air falbh o'n bhiadh air am bu choir dhoibh a bhi beò, gu h-àraid ma's sluagh iad aig am bheil cluasan foirmeil, no cridheachan feòlmhor. Is maiseach teagasg na f irinn, agus air an aobhar sin, is còir an teagasg sin a lirigeadh ann am briathraibh maiseach. Daingnich gach earail 'us aehmhasan le focal Dè. Dearbh air peacaich nach ann idir & do cheànn fèin a tha thus' a' labhairt riutha. Feuch dhoibh an caibdeil 's an rann anns am bheil am peacaidhean air an diteadh, agus an dleasanais air an àithneadh dhoibh. Is suarach guth duine, ach tha guth Dhè àrd-urramach, cumhachd- ach, uamhasach. Iadsan do nach dàna focail Dhè a dhiultadh, faodaidh \ad do theagasg-sa 'chur suarach. Bitheadh d' earail trie do dhaoine. " Is còir urnuigh a dheanamh do ghnàth, agus gun f hannachadh." Luc. 18. 1. Is toigh le Dia sinn a bhi 'sior-ìarraidh air-fèin ; 172 'S è Dleasanas Sluaigh D7ie muinntir eile agus mar sin, is ànn le sìor-ìarraidh air daoinibh am peacadh a thrèigsinn, is dòcha dhuinn buadhachadh orra. Is \ so àithn Dhè dhuinn, " Earailichibh a ch&le gach là." Eabh. 3. 13. Agus is còir sin a dheanamh "leis an uile fhad-fhulangas." 2 Tim. 4. 2. Cha trie a bheirear teine às an spor Ieis a' eheud bhuille : mar sin, cha n-'eil aignidhean dhaoine air an làn bhlàth- achadh leis a' cheud earail ; agus ged bhitheadh, is goirid gus am f às ìad fuar, mur leanar air earail a thoirt doibh arìst 's arìst. Lean am peacach, ag ìarraidh air gu caomh, dùrachdach gabhail ri Criosd, agus na leig fois leis anns a1 pheacadh. Is fìo-r ghràdh so. So an ceum gu anamanan a theàrnadh. agus bheir è mòr shòlas dhuits' a leanas è. Saothraich a chum d'earailean a thoirt gu buil mhaith. Ged labhradh tu na briathran a's druightiche fuaim, is ainmig a shoirbhicheas do shaothair, ma sguireas do chùram uile maille ri do bhriathraibh. Ach is trie Dia a' beannachadh saothair an luchd-teagaisg a tha gu dùrachdach ag iarraidh anamanan iompachadh, agus a' suidheachadh an cridheachan air an obair sin. 'Nuair a chronaicheas tu peacadh, na stad gus an geall am peacach dhuit am peacadh sin a thrèigsinn, agus gach brosnachadh d1 a ionnsuidh a sheachnadh. 'Nuair a chomhairlicheas tu do neach a dhleasanas a dheanamh, ma's urrainn thu idir, na leig às è gus an geall è tòiseach- adh air gun dàil. Ma's maith leat muinntir a threòraeh- adh a dh-ionnsuidh Chriosd, na dealaich riutha gus an aidich lad truaighe na staide neo-iompaichte anns am bheil iad, am fèum air Criosd, agus air " cridhe glan," agus gus an geall ìad tòiseachadh air gnàthachadh nam meadhon. 0 b'fheàrr gu'n labhradh, cha n-è amhàin ministearan, ach na h-uile Chriosduidhean air an dòigh so ri coimhearsnaich a ta 'n an tràillean aig a' pheacadh, agus aineolach air Criosd ! Aon uair fathast. Bi cinnteach gu'n teagaisg d' eis- empleir fèin vsluagh, cho maith ri do bhriathraibh. Faiceadh \ad thu-fèin seasmhach anns gach uile dhleas- anas a tha thu, uair sam-bith, a' comhairleachadh dhoibh-san. Faiceadh iad, ann do chaithe-beatha fèin, an deadh ghiulan barraichte sin a tha thu gu trie a' a mhisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 173 moladh dhoibh-san. Faiceadh iad do shaothair airson nèimh a' dearbhadh gu soilleir gu'm bheil thu-fèin a' làn-chreidsinn nan nithe sin a b'àill leat iadsan a' chreidsinn. 'Nuair a labhras tu ri muinntir eile air aoibbneas mòr nèimh, 'us tu fein cho tàrlaideach mu'n t-saoghal, cho d&gheil air saoibhreas, no cho frionasach ri do choimhearsnaich, no ri sluagh eile, cò a chreideas do bhriathran, no 'dh-ìarras sonas siorruidh an dèigh do chomhairle ? Na faiceadh daoine thu-fèin àrdanach 'us tu 'g an comhairleachadh gu bhi iriosal, no do chridhe fein cruaidh, an-iochdmhor ann an ni sam-bith, 'nuair a b' kill leat an cridheachan-san a bhi caoin, iochdmhor, tlath. Is plan gun sgur do pheacaich mu-n-cuairt duit, caithe-beatha nèamhaidh, naomh a' sìor-ìarraidh orra- fèin gach peacadh a threigsinn. A bhkrr air comhairlibh uaigneach, is còir dhuit mòr shaothair a dheanamh, chum sluagh mi-chùramach a thoirt amach gu meadhonaibh follaiseach nan gràs — searraonachadh an fhocail agus òrduighean eile an t-soisgeil : a' sior-chomhairleachadh dhoibh feum a dheanamh dhe na meadhonaibh sin a chum buannachd 'fhaotuinn uatha. Chum na criche so, is còir gach saothair a dheanamh chum ministearan dileas, diadhaidh ullachadh airson an t-sluaigh. " Cionnus a chluinneas iad gun searmonaiche ?" Ròm. 10. 14. Anns a' chilis so gnàthaich do dhichioll, do chumhachd, do chomas agus do chuid, agus na stad gus am buadhaich thu. Is mòr an àireamh anamanan a dh-f haodas a bhi air an teàrnadh leis a' mhinistearachdadh-uallaichear le do chuideachadh-sa ! Is e ullachadh airson anamanan, gràdh a's àirde agus a's òirdheirce gu mòr, na fuasgladh air cuirp dhaoine. Is mòr am maith a dh-fhaodadh daoine saoibhir a dheanamh na'm builicheadh iad beagan de'n cuid a chum òganaich dhìleas, ealamh, chomasach, dhiadhaidh* a theagasg airson dreuchd na ministearachd. Is mòr am maith a dheanadh uaislean na tire, na'n comhairlich- eadh 'us na'n cuidicheadh iad anamanan truagh, dearmadach gu tighinn amach a dh-eisdeachd an t-sois- geil air ash earmonachadh. Bi-samàta, 'gansìor-tharruing a dh-èisdeachd. Thoir trie gu'n cuimhne na nithe priseil a chual' iad, agus cho trie 's a ghabhas è deanamh, p3 174 '/S è Dleasanas Sluaigh Dhè muìnntir eile bitheadh na nithe sin air an aithris 'n an teaghlaichibh* A bhkrr air cruinneachadh gu follaiseach anns a' cho- thional air gach sàbaid, cuidich iad a chum cruinneach- adh gu lèughadh 'us urnuigh maille ri 'chdile air làithibh eile, cha n-ann mar cho-thional air-leth, ach mar mheur de cho-thional na h-eaglais, agìarraidh gu fìor dhichioll- ach, no na's dichiollaiche na each, a bhi nis " ag ath- cheannach na h-aimsir," agus a' cuideachadh a chèile air an turus gu nèamh. Teagaisg dhoibh mòr mheas a chur air òrduighean an t-soisgeil uile. Is beag a dh-oibrichear air duine sam-bith le ni air am bheil e-fein a' deanamh dlmeas. Mar so deir an t-Abstol, " guidheamaid oirbh, a bhràithre, aithne 'bhi agaibh air an dream a tha saoithreachadh 'n'ur measg, agus a tha os bhur ceann s' an Tighearn, agus a tha 'g'ur comhair- leachadh ; agus meas mòr a bhi agaibh dhiubh ann an gràdh air son an oibre. Bithibh s\ochail 'n'ur measg fèin." 1 Tes. 5. 12, 13. II. Rànnsaichidh sinn anis ciod is aobhar do 'n dearmad nàrach a thatar a' deanamh cho trie air an dleasanas so. Faiceamaid cò iad, agus càit am bheil an luchd-bacaidh, agus an dèigh sin is còir dhuinn ionn- sachadh ciod ì an dòigh a's feàrr a chum buaidh a thoirt orra, — chum an tilgeil às an rathad. Is iad cuid de'n luchd-bacaidh so, peacadh agus cionta dhaoine. Daoine aig nach 'eil annta-fèin tlachd, no aoibhneas ann an nithibh nèamhaidh, is beag an curam mu anamaibh muinntir eile : is beag saothair dhurachdach a ni lad a chum an co-chre'utairean a thoirt gu tlachd, no aiteas a ghabhail anns na nithibh sin nach f hiù leo-fèin. Cha do mhothaich iad fathast gu'm bheil iad-fèin ann an staid chàillte, gu'm bheil mòr fhèum aca air Criosd agus air solus an Spioraid. Ciamar a b' urrainn daoine anns a' chor thruagh sin saoibhreas Chriosd a dheanamh aithnichte do mhuinntir eile? Tha iad-fèin ciontach, agus an lorg sin, bithidh nàir orra daoine ciontach eile 'chronachadh airson a' pheacaidh a tha iad-fèin a' deanamh cho trie. Is aobhar bacaidh eile, an ain-diadhachd fholaichte sin a gheibhear a' buadhachadh ann an cridheachan dhaoine. Isa'n robh sinn a' làn-chreidsinn gu'm bi gach a mhisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 175 anam neo-iompaichte, m\-naomh air a phianadh gu siorruidh, ciamar a dh-f hanamaid 'n ar tosd ? ciamar nach briseadh ar deòir amach? 'nuair a shealladh sinn ri crèutairean neo-iompaichte amis an aoduinn, gu h-àraid ar luchd-dàimh agus ar càirdean gràdhach fèin. Ach tha sinn air ar bacadh, air ar casgadh agus air ar cumail air ais o'n dleasanas so le cumh- achd an as-creidimh fholaichte sin a gheibhear a' snàmh ann ar cridheachan. O Chriosduidh, na'n do chreid thu da rireadh gu'm bi do choimhearsnaich, do bhean, do chòmpanach, do mhac, do nighean, ain-diadh aidh gu cinnteach air am pianadh aim an ifrinn gu bràth, mur bi iad air an làn-ìompachadh — air an dean- amh 'n an crèutairean nuadh — mu'n spionar air falbh ìad leis a' bhàs, nach bu leòr sin gu do ghreasad gu labhairt riutha, gach là 'us oidhche, gus an faigheadh tu an toirt gu sligh na slàinte. Is mòr an call a tha 'n t-as- creidimh mallaichte so gu trie a' deanamh air ar n-an- amaibh fein, agus air anamaibh ar coimhearsnach. Tha 'n dleasanas so air a bhacadh gu mòr le easbhuidh gràidh agus iochd ri anamaibh dhaoine. 'Nuair a chi sinn anamanan bochda, truagh, gabhaidh sinn seachad orra, mar ghabh an sagart agus an Lèbhitheach seachad air an duine leòinte. Lùc. 10. 30-32. Nise ged nach iarradh am peacach fèin, a ta air a lot leis a' pheacadh agus air a ghlacadh le Satan, cuideachadh air-bith uait, tha cor truagh a' pheacaich sin ag èigheachd riut gu h-àrd. Mur cluinneadh Dia àrd ghlaodh ar truaighean mu'n cual' è glaodh ùrnuigh uainn, agus mur deanadh è iochd òirnn, gus an d'ràinig ar n-iarrtas è, no gus an d'iarr sinn tròcair, is f hada bhitheamaid 'n ar tràillean aig Satan. Ni thu ùrnuigh ri Dia airson do cho-chrèut- airean, a' guidhe air gu'm fosgladh è an suilean agus gu'm pilleadh è iad. Ach ma tha thus' a' miannachadh sin, carson nach 'eil thu idir a toirt oidhirp air an iompachadh ? Agus mur 'eil thu 'g a mhiannachadh, carson a tha thu 'g a iarraidh ? Carson nach 'eil thu idir ag iarraidh orra-fèin smuaineachadh air an cor, agus pilleadh ri Dia, cho maith 's a tha thu ag iarraidh air Dia an iompachadh 's am pilleadh- Na'm faiceadh tu do choimhearsnach a' tuiteam ann an toll dubh. 176 '£ è Dleasanas Slumgh Dhè muìnntir eile domhainn, am bu leòr leat ìarraidh air Dia a chuid- eachadh amach às an toll, gun thu-fèin do làmh a shìneadh idir g' a chuideachadh, no aon seòladh a thoirt dà chura e-fèin a chuideachadh ? Gu cìnnteach cha b' eadh : oir mur deanadh tu ach ùrnuigh ri Dia air a shon, rachadh do dhìteadh mar chealgadair an- iochdmhor. Is còir dhuit, matà, furtachd a dheanamh air anam do choimhearsnaich, cho maith 's a ni thu air a chorp. " Ge b'e neach a chì a bhràthair ann an uireasbhuidh agus a dhruideas a chridhe 'n a aghaidh, cionnus a tha gradh Dhè a' gabhail còmhnuidh ann- san?" 1 Eoin 3. 17. Am bheil gràdh idir aig an duine sin do anam a bhràthar ? Tha sinn gu ro thric air ar bacadh o'n dleasanas so le spèis dhiblidh do thoil dhaoine. Air eagal muinntir a mhi-thoileachadh, am fàbhar, an gean maith, an glòir, 's an deadh bharail umainn a chall, gheibhear sinn a' dearmad an dleasanais aithnichte so. Nach b' amaideach, mi-dhileas, olc, dochdadair a leigeadh le duine tìnn bàsachadh, air eagal dragh a chur air. 'Nuair a bhitheas caraid, no coimhearsnach às a chiall, cha toilich thu è le ni sam-bith a dh-f haodas cron a dheanamh air — cha leig thu a dhroch thoil fèin leis. Ach ged chithear do chàirdean 'us do choimhearsnaich às an ciall do thaobh slàint an anamanan, agus a' ruith gu gòrach a dh-ionnsuidh sgrios, cha chaisg thu iad, air eagal am m\-thoileachadh. Ciamar is Criosduidhean sinn ma's " ànnsa leinn glòir dhaoine na glòir Dhè ?" Oir ma ' dh-iarras sinn daoine a thoileachadh, cha sheirbhisich do Chriosd sinn.' Gal. 1. 10. Is trie a bhacar an dleasanas so le saidealtas, ciontach, no nàire labhairt ri neach an aghaidh a' pheacaidh. 'Nuair bu choir dhuinn a bhi gu dùrachdach a' nàireachadh muinntir eile air falbh o'n gniomhraibh peacach, is ann a gheibhear nàir òirnn-fèin an dleasanas sin a dheanamh. Ach nach 'eil sinn air ar diteadh leis na peacaich sin fern, oir cha bhi nàir orra-san a bhi ri buaireadh, ri mionnan, ri misg, 's a' dearmad aoradh Dhè mu-n-cuairt duinn, ach gheibhear nàir òirnn-ne ìarraidh orra, no 'chomhairleachadh dhoibh an t-olc sin a thrèigsinn ? Is peacach an ni saidealtas ann an cùis na h-èigin, no air uair do dhleasanais. Carson a a mhisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 177 bhitheadh saidealtas, no nàir air neach ùmhlachd a thoirt do Dhia le iarraidh air neach eile am peacadh a thr&gsinn agus pilleadh ri Criosd ? Gu cinnteach cha n-aobhar nàire sin. Anis, a lèughadair, nach trie a dh'innis do choguis so dhuit, ag iarraidh ort labhairt ri peacaich bhochda, ach bha nàir ort-sa do bheul 'f hosg- ladh, agus mar sin leig thu leo 'dhol fodha no snàmh. 0 lèugh focal Dè agus criothnaich, " Ge b'e neach a ghabhas nàire dhiom-sa, agus do m' f hoclaibh, anns a' ghinealach adhaltrannach agus ole so, dheth-san gabh- aidh Mac an duine nàire, 'nuair a thig e 'an glòir Athar, maille ris na h-ainglibh naomha." Marc. 8. 38. Is aobhar bacaidh eile dhuinn, spiorad diomhanach, mi-fhoighidneach. Gu trie is obair neo-thaitneach, obair gun tàing an dleasanas so, agus air uairibh togaidh ì naimhdean dhuinn ameasg dhaoine. A bhàrr air sin, is ainmig a shoirbhicheas a' cheud oidhirp, mur leanar oirre. Is f had a dh-f heumar a bhi 'teagasg nan aineolach 's a' coimhairleachadh chrè'utairean rag- mhuinealach, mu'm faighear an toirt gu fìor eòlos. Ach cuimhnich thusa cho mòr-f hoighidneach 's a bha Dia riut-sa, 'nuair a bha thu-fèin beò anns a' pheacadh. An-aoibhmn dhuinn-ne, na'n robh Dia cho mi- fhoighid- neach ruinn-fèin 's a gheibhear sinne ri muinntir eile. Is aobhar bacaidh eile, fèin -iarraidh, " Oir tha na h-uile ag iarraidh nan nithe a bhuineas doibh-fein, cha 'n iad na nithe a bhuineas do Iosa Criosd." Philip. 2. 21. Cha n-è maith an co-chreutairean a mheud- achadh. Is ceap-bacaidh mòr eile do mhòran, àrdan. Labh- radh cuid gu luath ri duine mòr, na'n saoileadh iad nach gabhadh è gu h-olc è. Ach \arr orra sin a dhol ameasg an t-sluaigh bhochd, agus saothair a dheanamh 'g an teagasg 'n an tighean-còmhnuidh, agus càit am faigh thu neach a nì è? Ni mòran uaill 'us gàirdeachas ma bha iad 'n am meadhon air duine- uasal iompachadh, (agus is mòr an t-aobhar gàirdeachais è,)ach dearmaididh iad an sluagh bochd, mar nach bitheadh a h-uile anam cho luachmhor le Dia. Mo chreach ! is beag a tha iad sin a' toirt fainear cho iosal 's a dh'ilsich Criosd e-fein a chum daoine bochda, peacach a thearnadh. ' Cha 178 '$ è Dleasanas Sluaigh Dliè muinntir eile n-iomadh iad a tha saoibhir, agus uasal agus glic, a ta air an gairm.' Is ìad na bochdan a gheibhear a' gabhail ri deadh sgèul raòr-aoibhneach an t-soisgeil. Tha cuid air an cumail o'n dleasanas so le aineolas. Ma's aithne dhoibh idir gur dleasanas Chriosduidhean so, cha n- aithne dhoibh gur è an dleasanas fem è. Ma's ànn dhiub'h sin thus', a lèughadair, is è mo dhòchas gur aithne dhuit do dleasanas anis, agus gu'n tòisich thu air. Na ditilt do làmh a chur ris an dleasanas so, ag ràdh nach 'eil thu comasach air earail a thoirt do neach eile. Mur urrainn thu-fèin a dheanamh, faigh neach eile na's comasaiche na thu-fèin gu làmh a thoirt air an obair gun da.il, no oibrich gu iriosal, dileas leis a' bheagan comais a ta agad, ag mnseadh do pheacaich, mar dh-fhaodas duine lag a dheanamh, ciod a tha Dia fèin ag ràdh 'n a f hocal. Na trèig do dhleasanas eadhon an uair is còir dhuit comhairle, no earail a thoirt do neach a's mò inbhe na thu-fèin. Is teànn, dìan a dh-f heu- mar labhairt air uair cunnairt. Ma's pàrant, cèile, no fear-teagaisg è, fèumar labhairt ris air a' chtùs so. 'Nuair a bhitheas pàrant ann an uireasbhuidh, fèumaidh a chlann a chuideachadh. 'Nuair a bhitheas duine- pòsda tinn, feumaidh a bhean cùram a ghabhail, 'n a kit, de'n teaghlach. 'Nuair a thig duine saoibhir gu bochdainn, fèumaidh è dèirc 'fhaotuinn. 'Nuair a bhitheas an lèigh tìnn, fèumaidh cuid-eigin frithealadh dhà. Mar sin, is còir do'n t-seirbhiseach a's ilse earail modhail, dileaas a thoirt d' a mhaighstear, an leanabh d' a phàrant, a' bhean d' a companach, am pobull d'am ministear, agus biodh sin air a dheanamh gu dileas, 'nuair a bhitheas aobhar ceart air a shon, ach an còmhnuidh le fior irioslachd, le fìor bhèusachd agus fior chiuineachd. Na abair idir, " nithear luchd-searmonachaidh dhinn uile leis an obair sin :" oir ged nach searmonaiche follaiseach gach deadh Chriosduidh, is fear-teagaisg è, agus is còir dha curam a bhi air mu anam a choimh- earsnaich. Is dochdadair gach duine, far nach ruigear air an dochdadair aidichte, agus far am faodar an easlaint a leigheas le duine tuigseach air-bith, agus air an dòigh a mhisneacJiadh gus an Fhois so larraidh. 179 cheudna, is fear-teagaisg d'a choimhearsnach gach Criosduidh. Na abair idir nach te"id an obair leat. Nach maith is uarrainn Dia a thoirt air do shaothair soirbheachadh ? Agus nach ann le meadhonaibh, agus air uairibh le meadhon beag, a bheirear ì gu buil ? Na tagair idir nach 'eil anns an obair so ach " tilgeadh nèamhnuidean am fianuis nam muc." 'Nuair a bhitheas tu ann an cunnart a bhi air do rèubadh as a chèile, is àill le Criosd thu seasamh dileas, ach ciod is fhiach do leisgeul-sa, nach 'eil idir ann an cunnart mar sin ? Fhad 's a dh-eisdeas neach riut, is misneachd sin dhuit- sa gu labhairt. Air an aobhar sin, na toir thairis idir è mar chrèutair suarach. Agus na abair, " So caraid do'm bheil mi fo mhòr chomain, agus ma thòisicheas mi ri innseadh a pheacaidh agus a thruaighe dhà, cha dean è fàbhar tuilleadh rium, 'us caillidh mi an taic a'& fekrr a th'agam." An luachmhoire leat fàbhar na tekmadh do charaid? An f heàrr leat sochair dhuit- fèin na slàint do anam do charaid? Am fuilig thu dhà gu tosdach ruith gu sgrios, o'n is è do charaid è ? An è sin comain a's feàrr a chuireas tu air airson a chair deis riut? An fheàrr leat è 'bhi gu bràth a'losgadh ann an ifrinn na 'n dion 's am fàbhar a nochd è dhuit a chàll ? III. Ach a chum na h-uile dhaoine, air am bheil eagal De", a ghluasad gu oibreachadh air gach dòigh 'n an comas — agus tha beagan comais aig gach Criosduidh — chum an obair bheannaichte so a chuideachadh air aghaidh, guideam òirbh na h-aobharan so a dh-ainmich- ear anis a thoirt fainear gu cùramach. Seadh matà — tha nadur fèin, ach gu h-àraid gràs, ag aomadh an anama gu maith a chompkirteachadh ri muinntir eile. Uime sin, is peacadh an aghaidh nàduir agus gràis, dearmad a dheanamh air an obair so. Nach bu mhi- nàdurrach leat duine sam-bith a leigeadh le 'leariabh fèin, no le coimhearsnach bàsachadh le acras air an rathad mhòr, agus biadh aige 'n a làimh a dh-f haodadh è 'thoirt doibh ? Agus nach mi-nkdurraiche na sin an neach a leigeas le cloinn, no coimhearsnaich bàsachadh agus a bhi ckillte gu siorruidh, gun a bbiul 'fhosgladh 180 'S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile riamh chum an teàrnadh ? Is uile-bheist an duine mì- thròcaireach, an-iochdmhov, a dh-f huathaichear leis na 'h-uile. Na'n ìarradh Dia ort dealachadh ri do chuid de'n t-saoghal, no ri do bheatha, chum do cho-chrèutair a theàrnadh, is cìnnteach nach b' kill leat sin a dhean- amh, 'nuair nach builich thu aon deò dhe d'anail, eadhon focal do bheòil, a chum a theàrnadh. Nach airidh anam companaich, no mnà, no leinibh, no nàbuidh air beagan bhriathran? Is fior mhallaichte am peacadh, an-iochdmhorachd ri cuirp dhaoine, acha's mallaichte na sin, an-iochdmhorachd ri anamaibh dhaoine ; oir is è an t-anam a's luachmhoire gu mòr na 'n corp, agus is ì sìorruidheachd a's luachmhoire na tim. Is beag d'f hios nach 'eil iomadh anam a' fulang, air a' mhionaid so, ann an ifrinn, a bhàsaich anns a' pheacadh, ach a dh-f haod- adh a bhi air an teàrnadh, na'n tug thusa earail dileas dhoibh. Smuainich ciod a rinn Criosd a chum anamanan a theàrnadh. Mheas è ìad airidh air 'fhuil fèin, agus nach meas sinne iad airidh air fuaim ar beòil. Nach dean thus' obair bheag, far an d'rinn Criosd obair cho mòr ? Smuainich cho fèumach 's a tha anamanan ml-dhiadh- aidh air truas. Tha iad " marbh ann an èuceartaibh, agus ann am peacaibh." Cha n-'eil cridheachan aca, a mhothaicheas an truaighean, no 'ghabhas truas dhiubh- fèin. Murgabh muinntir eile truas riutha, is beag truas a ghabhas iad riutha-fein ; oir is è droch nadur an galair a bhi 'g an deanamh an-iochdmhor riutha-fein, seadh 'n an sgriosadairean ro chruaidh-chridheach dhoibh-fèin. Smuainich gu'n robh thu-fein aon uair mar tha iad- san. B'è òrdugh Dhia do na h-Israelich a bhi caoimh- neil ri coigrich, do bhrigh gu'n robh ìad-fèin 'n an coigrich ann an tir na h-Eiphit. Mar sin, matà, is còir dhuit-sa truas a ghabhail ris na crèutairean sin a tha 'n an coigrich do Chriosd, agus do dhòchas 'us do shòlasaibh nan naomh, do bhrigh gu'm bu choigreach thu-f&n aon uair do na beannachdan sin. Smuainich air an dàimh anns am bheil thu-fèin agus do cho-chrdutair d'a chèile. Is è do choimhearsnach, do bhràthair a's còir dhuit a ghràdhachadh mar thu-fèin. " An ti nach gràdhaich a bhràthair," ars' an t-Abstol a mhisneachadh gus an Fhois so larraidh. 181 Eòin, " a tha e 'faicinn gach la, cionnus a dh'fheudas e Dia nach fac e a ghràdhachadh." Agus am bheil an duine sin a' gràdhachadh a bhràthar, a chì è nis a' greasad gu ifrinn, agus nach dean saothair a chum a chumail às ? Smuainich air a' chionta throm a tha dearmad an dleasanais so a' fàgail air d' anam fein. Tha thu ciont- ach ann am mort 's ann am mallachadh nan anamanan sin uile air an d'rinn thu dearmad ; tha thu ciontach anns gach peacadh a tha iad a' deanamh an diugh ; ciontach anns gach eas-onoir a tha iad a' toirt do Dhia, agus ciontach anns gach breitheanas a bheir am peac- aidhean air a1 bhaile, no air an dùthaich anns am bheil iad a' gabhail còmhnuidh. Smuainich ciod a their thu riut-fèin, ma chi thu an dèigh so do chàirdean bochd ann an lasraichean sior- ruidh, agus do choguis fèin ag innseadh dhuit, mur bitheadh do dhearmads' orra, gu'm faodadh \ad a bhi air an teàrnadh. Ma sgriosar thu-fèin maille riutha, gu'n dean an dearmad so do dhòruinn an-tromachadh. Ma gheibh thu gu nèamh, gu'm bi thu brònach (sin ri ràdh ma dh-f haodas bròn idir a bhi 's an àit naomh sin,) a' cluinntinn nan anamanan bochda sin, shios ann an ifrinn, ag èigheachd amach riut gu bràth, agus gach aon ag ràdh, " Och ! och ! na'n d'innis thusa mo pheacadh agus mo chunnart dhomh gu soilleir, dileas : na'n do labhair thusa gu dìreach, teànn ri mo chridhe, dh-fhaodainn a dhol as o'n dòruinn so, agus a bhi ann am fois I" Nach bu mhuladach leat an glaodh sin ! Smuainich cia àrd an t-aoibhneas dhuit air nèamh, coinneachadh an sin ri anamaibh a bha thu-fèin a1 cuideachadh 's a' treòrachadh a dh-ionnsuidh an àite sin, agus gur tu bu mheadhon air an toirt ann ! Thu nis a' faicinn an aghaidhean dealrach, 'us tu gu bràth a' moladh Dhia maille riutha-san do'n robh thu, gu trie air thalamh, a' teagasg eòlais air Criosd, 's ag aslachadh orra ùmhlachd a thabhairt dà ! Smuainich cia lian anam a riim thus' tharruing gu sligh nam mallachd, no 'bha air a chruadhachadh leat anns an t-sligh sin. Bha companaich againn-fein anns a' pheacadh, air làithibh ar n-aineolais agus av mi- 182 'S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinnhr eile chùraim, 'g am mealladh 'us 'g am misneachadh anns an droch shligh. Agus nach cubhaidh dhuinn uiread a dheanamh anis, chum anamanan a thekrnadh, 's a bha sinn a' deanamh roimhe so cbum an sgrios? Smuainich cho dìchiollach 's a tha naimhdean a chum na h-anamanan bochda sin a tharruing sìos do ifrinn. An diabhul 'g am buaireadh a là 's a dh'-oidhche. An ana-mìanna fèin 'g an sìor-mhilleadh. An fheòil a sìor-ìarraidh a càil fèin a rìarachadh. Seànn chòmpan- aich a' sìor-f huathachadh naomhachd, agus mur faighear neach idir a threòraicheas gu teàrnadh ìad, ciod a dh-èireas dhoibh ? Smuainich cho gè"ur, cho domhainn 's a lotas dearmad an dleasanais so, 'nuair a dhuisgear suas a' choguis : 'nuair a thig duine gu uair a bhàis, their a choguis fèin ris, " Ciod am maith a rinn thusa air Ikithean do bheatha ? Is è skbhaladh anamanan obair a's mò agus a's feàrr, ciod a rinn thusa dhe 'n obair mhaith sin ? Cia lian anam ris an robh thus1 a' labhairt gu trie, dìan, dileas ?" Is trie a chunnaic mi coguisean dhaoine, aig uair am bkis, air an trom-lot airson an dearmaid so. 'Nuair a bha mi-fèin dlùth do'n bhàs, rinn mo choguis mo dhit- eadh airson dearmaid an dleasanais so, na's mò na airson peacaidh sam-bith eile ; ì gu teànn a' labhairt rium air gach nkbuidh aineolach, mi-dhiadhaidh do nach d'innis mis' a chunnart riamh. Theireadh ì rium, " Bu choir dhuit a dhol agus labhairt riutha os-iosal, agus an cunnart uamhasach innseadh dhoibh gu h-onorach, geda b'ànn air uair do bhèidh, no uair do chadail, mur faigheadh tu fkth-chothrom eile." Chuimhnicheadh mo choguis dhomh mar bha mi air leithid so no sid a dh'àm ann an cuideachd nan aineolach, no ag imeachd air an t-sligh maille ri rag pheacach, agus cothrom agam labhairt ris air cor 'anama, gun f hocal a ràdh ris air a' chilis sin, no ma thubhairt, bu bheag a bhuil. Gu'n deònaicheadh Dia dhomh-sa mo dhleasanas a dheanamh fad Ikithean mo bheatha, chum nach bi aobhar mòr aig mo choguis mo dhiteadh aig uair a' bhkis. Smuainich cho deadh-thrkthail 's a tha do chothrom air an obair so a dheanamh anis. Faodaidh uairean a bhi ann air nach bi è skbhailt dhuit labhairt, no air a rrihisneachadh gus an FJiois so iarraidh. 18?> an cailleadh tu do shaorsa, no do bheatha. Air an aobhar sin, bi dìchiollach, èudmhor f had 's a mhaireas do chothrom. Cha n-fhad gus an gairm am bàs thu- fèin agus do choimhearsnaich amach às an t-saoghal so. G-reas ort, matk, a Chriosduidh co-air-bith thu, agus labhair riutha, cho fad 's a dh-fhagar an cothrora agad. Smuainich gur ì so obair a's mò gràdh, agus gu'm faod ì gu cinnteach a bhi air a deanamh leis na h-uile, — leis na h-uile aig am bheil gràdh do Dhia, agus gur còir dhì 'bhi air a deanamh leis gach Criosduidh, agus leis gach ban-Chriosduidh— leis gach aon de shluagh Dhè, bitheadh è bochd, no saoibhir. Tha teangaidh ann am bèul gach aoin gu focal caoimhneil, dileas a labhairt ann an deadh km ri peacach. Aon uair fathast, smuainich air toraidhean sona, saoibhir na h-oibre so, far an deanar ì gu dileas, ceart. Thkinig Criosd anuas o nèamh agus bhksaich è chum anamanan a theàrnadh, agus tha ainglean Dhe a' sior- dheanamh gkirdeachais airson an teàrnaidh, agus ma's instrumaid thusa air teàrnadh anamanan, beannaichidh iad sin thu tre thim agus tre shìorruidheachd. Glòraich- ear Dia le do shaothair. Meudaichear agus ùraichear an eaglais leis. Leasaichear agus neartaichear d'anam fèin le solas a' chreidimh, agus le spionnadh na beatha diadhaidh agus meudaichear sith do choguis, agus d'aoibhneas anns an Spiorad Naomh. Le labhairt ri muinntir eile air lànachd Chriosd, bithidh do chridhe f&n air a bheothachadh, agus do ghràdh air a bhlàth- achadh. Fosgail suas olcas agus cunnart a' pheacaidh do mhuinntir eile, agus bithidh d'fhuath fèin do'n pheacadh agus do bhuaidh 'n a aghaidh air am meud- achadh gu mòr. Bu lìonmhor tròcairean Dhia riamh do m' anam fèin. Gràdh Dhia ann an Criosd do m' anain, an tròcair a's kirde luach, agus, anns an ath chèum do, sin molaidh m\ Dia gu h-aoibhneach, a shoirbhich cho pailt le mo shaothair ameasg muinntir eile. 0 cia mòr an toradh a chithinn, na'n robh ml na b'f hirinniche ! Is maith a tha fios agam gu'm fèum sinn a bhi gl.e amharusach air ar cridheachan fèin anns a' chuis so, air eagal nach faighear ann ar gkirdeachas ach uaill, no 1 84 S e Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile f&n-ghlòir. Is nàdurrach dhuinn cliù iarraidh dhuinn- fèin airson gach deadh oibre. Ach is è dleasanas gach aoin de chloinn Dè, eisempleir 'Athar nèamhaidh a lean- tuinn aim an deanamh iochd 'us maith ; agus gàirdeachas a dheanamh arèir an tomhais anns an deanar maith. Dh'innis mi dhuit mar so, matà, fiosrachadh m' anama fèin air an dleasanas so. chum do mhisneachadh, agus na'm b'aithne dhuit a thoradh aoibhneach, is cinnteach ini nach b'urrainn cùis, no gnothach air-bith do sgàth- achadh o'n obair bheannaichte so air là, no oidhche. Togaibh oirbh, matà, gach aon aig am bheil teangaidh 'n a cheànn, agus a ta 'n a sheirbhiseach do Chriosd, deanadh è beagan ann an seirbhis a Mhaighsteir. Carson a thug è teangaidh dhuibh, ach gu labhairt 'n a sheirbhis ? Agus ciod an t-seirbhis a's urramaiche is urrainn sibh a dheanamh dhàna treòrachadh anamanan d'a ionnsuidh? An Ti a ghairmeas " beannaichte sibh" air an là dheireannach, agus a dh-fhàilticheas sibh a dh-ionnsuidh " na rioghachd a ta air a deasach- adh dhuibh," a chionn gu'n ' tug sibh biadh dhk, gu'n d'eudaich sibh è, agus gu'n tàinig sibh a dh-amharc air' ann an nochdadh caoimhneis' " do aon de na brkithribh a's lugha," gu cmnteach gairmidh è " beannaichte sibh" airson obair cho mòr ri treòrachadh anamanan a dh-ionnsuidh a rìoghachd. An T\ a thubhairt, " Tha na liochdan agaibh a ghnàth maille ribh," dh'fhàg è na daoine mi-dhiadhaidh " a ghnàth maille ribh" chum gu'm bitheadh agaibh fathast cuspairean air an tigeadh dhuibh bhur gràdh a thaomadh amach. Ma tha cridh- eachan Chriosduidhean, no dhaoine agaibh, tiomaicheadh iad anis ri bhur coimhearsnaich aineolach, mhi-dhiadh- aidh. Abraibh, mar thuirt lobhair Shamaria, " Cha 'n 'eil sinn a' deanamh gu ceart ; is là deadh sgeil an Ik so, agus tha sinne 'n ar tosd." 2 Ri. 7. 9. Nach mòr an tròcair a rinn Dia òirbh-fe'in, agus nach dean sibhse tròcair air bhur coimhearsnaich bhochd ? Buinidh an dleasanas so do gach uile Chriosduidh, eiod-air-bith inbhe, no suidheachadh anns am bheil è, ach gu h-àraid do chuid, arèir mar a ghairm Dia iad, no mar a dheasaich è iad air a shon. Dhoibh sin gu ebnruichte, matk, bheirear earail anis. a mhisneacliadh gus an Fhois so iarraidh. 185 Tha Dia ag \arraidh an dleasanais so uait-sa gu h-àraid a's mò ionnsachadh agus eòlas, agus a's feàrr comas labhairt na do choimhearsnaich. Cuimhnich, is è Dia a bhuilich na tàlantan sin ort, agus is àill leis thus' am buileachadh air a sheirbhis fèin. Is còir dhoibh-san a tha làidir a' mhuinntir lag a chuideachadh ; agus fèumaidh iadsan, a ta nis a' faicinn, na doill a threòrachadh. Is ì toil Dhè thusa gach cuid, gibht 'us gràs, a thug è dhuit, a ghnàthachadh ann an deanamh an dleasanais so gu firinneach, agus ma dhearmaideas tu sin a dheanamh, b'f heàrr dhuit nach d'fhuair thu riamh iad ; oir meudaichidh iad do dh\teadh, agus cha n-oibrich ìad teàrnadh dhuit-fèin, no do mhuinntir eile. Tha Dia ag iarraidh an dleasanais so air na h-uile a ta eòlach air muinntir mhi-dhiadhaidh. agus aig am bheil cùram àraid dhiubh. Dh'ith 'us dh'òl Criosd fèin maille ri cis-mhaoir agus ri peacaich, acb is ann a chum an teagasg, no chum a bhi 'n a Leigh dhoibh a rinn è sin, agus cha n-ànn idir a chum a bhi 'n a chompanach dhoibh ann an amaideas. Cò is urrainn a ràdh nach do chuir Dia do luchd-eòlais, no do chàirdean fo do churam-sa chum na cliche so ? Cha n- 'eil f hios nach tus' an instrumaid, no 'm meadhon leis am bheil iad gu bhi air an iompachadh. Iadsan nach èisd ri guth coigrich, faodaidh iad èisdeachd ri bràthair, no ri piuthair, no cèile, no mnaoi, no caraid, oir is mòr cumhachd càirdeis, seach dkimh air-bith eile, gu iochd agus caoimhneas a ghintinn eadar duine 'us duine. Is còir do lèighean, no do dhochdadairibh a tha trie mu thimchioll dhaoine tinn, no ri uchd a' bhàis, a cheart aire 'thoirt do 'n dleasanas so. Is mòr am f àth-chothrom àraid a ta aca-san air maith a dheanamh do anamaibh an co-chrèutairean. Gheibhear iad maille riutha air am na h-euslaint' agus a' chunnairt— àm air an èisd a' chluas, agus air an lùb an cridhe na's feàrr na air uair na slàinte. Amhaircidh daoine air an dochdadair mar dhuine aig am bheil am beatha 'n a làimh, no an car a's lugha, mar neach a dh-fhaodas mòr chobhair a thoirt a chum an slkint aiseag dhoibh, agus mar sin gabhaidh iad a chomhairle gu toileach. Sibhse aig am bheil dreuchd urramach na dochdadarachd, na abradh aon Q3 186 '# è Dleasanas Sluaigh Dìtè muinntir eile dibh gu bràth nach buin dhuibh-se comhairle dhiadhaidh a thoirt do dhuine tìnn, no slàn ; na abraibh nach buin do bhur gairm-sa saothair a dheanamh chum anamanan a theàrnadh ; na abraibh idir gur ànn amhàin do mhinistearan a bhuineas an obair so uile, mur kill leibh a ràdh nach Criosduidhean sibh-fè'in, no nach bu chòir dhuibh a bhi iochdmhor. 0 dhochdadair, matà, cuidich na h-euslaintich chum slàint 'fhaotuinn d'an anam- aibh ! Ma's beatha, no bks doibh, teagaisg dhoibh ciamar is còir dhoibh a bhi beò, agus ciamar is còir dhoibh bàsachadh. Thoir leigheas airson an anama, cho maith 's a bheir thu airson a' chuirp. Glòir do Dhia, is iomadh àrd dhochdadair diadhaidh a gheibhear a' deanamh an dleasanais so anns an linn so, agus mar sin a' glòrachadh i Dhè, agus ag àrdachadh an dreuchd fèin. Is mòr fath-chothrom dhaoine saoibhir, cumhachdach aig am bheil mòran luchd-eisimeil f òpa, air an dleasanas so a dheanamh, na'm b'àill leo an làmh a chur ris. Na'n gnathaicheadh uaislean an ughdarras agus an cumhachd a chum sonas islean a chur air aghaidh, is mòr, maireannach am maith, — maith nach gabhadh àireamh, no ainmeachadh, — a dheanadh iad ameasg dhaoine ! 0 dhaoine saoibhir, cumhachdach, nach è Dia fèin a thug dhuibh gach saoibhreas 'us onoir a ta agaibh ? Nach 'eil Criosd ag ràdh, " Gach neach d'an d' thugadh mòran, ìarrar mòran uaith ?" Na'n labhradh sibh ri bhur luchd-eisimeil — riutha-san a ta fo bhur cumhachd, air an dleasanas do Dhia, faodaidh gu'n gabhadh iad bhur comhairle, 'nuair a dheanadh iad dimeas air comhairle ministeir. Anis, Uachdarain, ma's luachmhor leat onoir Dhè, ma's luachmhor leat do shòlas fèin agus teàrnadh anamanan, deanadh do chumh- achd thairis air tuathanaich 'us coimhearsnaich an treòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd. Ruig an tighean- còmhnuidh. Faic am bheil iad ag aoradh do Dhia 'ii an teaghlaichibh. Glac gach fàth-chothrom chum an toirt gu'n dleasanas a dheanamh do Dhia. Na dean tàir idir orra. Cuimhnich, " Cha n-'eil Dia ag amharc air pearsaibh seach a chèile." Faiceadh daoine, mar tha toiseach agad air muinntir eile ann an saoibhreas agus onoir an t-saoghail, gu'm bi toiseach agad orra ann an a mhisneachadh gus an Fhois so ìarraìdh. 187 oibribh dichiollach, iochdmhor, diadhaidh. Fe'umar aideachadh gu'n dean an obair so duine sònruichte — air-leth dhiot, ach bithidh tusa " sònruichte" ma ruigeas tu air glòir nèimh ; oir v cha 'n iomadh iad a ta cumhachdach agus uasal a ta air an gairm." Ach glòir do Dhia, tha cuid de na daoine mora, cumhachdach air an gairm amis gach rioghachd, agus gheibhear iad sin a' saothrachadh guh-èifeachdach anns ' a' ghàradh-f hìona.' Agus, a Mhinistearan an t-soisgeil, is è anamanan a chuideachadh 'n an turus gu nèamh, obair mhòr, àraid bhur gairme-sa. Cuimhnichibh matk, amharc an còmh- nuidh air an obair so mar àrd chr\och bhur meòrachaidh agus bhur searmonachaidh. Is è am ministear sgileil, eòl- ach, comasach, am fear a's feàrr eòlas air teagasg, air soil- leireachadh, air comhairleachadh, agus an lorg sin, air buinnigeadh anamanan ; agus is ì an t-searmoin leis an deanar sin, searmoin a's feàrr. Ma's è bhur glòir fèin a's feàrr leibh na glòir Dhè, is sibh a's suaraiche de na h-uile dhaoine ann am fianuis Dhè. Is f ior do thaobh bhur cliù fèin an ni a ta Criosd ag ràdh do thaobh bhur beatha. " Esan a ghrkdhaicheas 'anam (a bheatha) caillidh se è." Dearbhadh spionnadh gach earail a bheir sibh. gu'm bheil sibh-fèin a' làn-mhothachadh mòr luach a1 ghnothaich air am bheil sibh a' labhairt. Searmonaich- ibh gu stòlda, dìan. dùrachdach mar dhaoine a tha da rireadh a' creidsinn an teagaisg fèin, agus aig am bheil fios, mur creid an luchd-èisdeachd, gu'm bi iad mallaichte. Ullaichibh gu ciiramach airson na cùbaid, oir is b am ministear a's fekrr a dh-ullaicheas a's feàrr a shearmon- aicheas. Ach cuimhnichibh nach 'eil bhur n-obair uile anns a' chùbaid. Is buachaillean sibh aig an còir fios a bhi air cor gach aoin de'n trèud ; gach aon a tha fathast fo ghalar a' pheacaidh a chuideachadh gu leigheas, agus gach aon a thèid air seachran a threòrachadh dhach- aidh. Fòghlumaibh o Phòl, cha n-è mhàin an sluagh " a theagasg am follais," ach " o thigh gu tigh." Fios- raichibh ciamar a tha iad a' fàs ann an eòlas, agus ann an naomhachd, agus ciod am bonn air am bheil iad a' stèidheachadh an dòchais airson slàinte, agus co dhiubh a thà iad 'g an giùlain fèin gu cothromach, agus a' deanamh an dleasanais, gach aon ':i a kit fèin. Biodh 188 '£ è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile fios agaibh am bheil ìad a' cumail aoradh Dhè 'n an teaghlaichibh, agus biodh eòlas agaibh orra, chum an treòrachadh a dh-ionnsuidh Dhè. Faicibh ciod am fèum a tha ìad a' deanamh de shearmonachadh an f hoc- ail. Mur 'eil aca ach beag tlachd ann an nithibh spioradail, gabhaibh truas dhiubh, ach na dearmaidibh ìad. Ma chithear aon air-bith a' gluasad gu mi-riaghailt- each, ìarraibh a chur ceart le dìchioll agus foighidin. Ma gheibhear cuid aineolach, faodaidh coire sin a bhi agaibh-se, cho mòr riutha-fèin. Feuchaibh nach caidil sibh 's am madadh-alluidh 'n a dhùisg. Buinibh gu dìleas ris gach neach. Cha n-àill le cuid am peac- aidhean ìnnseadh do'n t-sluagh, a chionn gur daoine mora, no daoine diadhaidh ìad, mar nach bu chòir labhairt gu soilleir, dìleas an aghaidh a' pheacaidh, acb amhàin ri crèutairean aingidh, bochd. Bithibh glic, seòlta, cìallach ann an labhairt ris gach neach, chum gu'm freagair an dòigh oibreachaidh do òirdhearcas na h-oibre. Gheibhear gràdh agus tuigse aig gach anam rèusonta, air an aobhar sin, bitheadh gach searmoin spioradail, rèusonta, tuigseach, caidreach. Meòraichibh agus aslaichibh, agus aslaichibh agus meòraichibh, a chum saothrachadh mar luchd-oibre " nach ruig a leas naire a ghabhail, a' roinn focail na firinn gu ceart," ionnus gu'm bi araon taitneas agus buannachd aig an t-sluagh ann an èisdeachd ruibh. Teagaisgeadh bhur caithe-beatha, cho maith ri bhur briathran. Bitheadh bhur caithe-beatha nèamhaidh, naomh, a' còrdadh ris an teagasg a tha sibh a' sparradh air muinntir eile. Bitheadh bhur searmoinean spiorad- ail 's a' togail suas inntinn an t-sluaigh ann an eòlas. Fuiligibh gach uile ni, mu'n leig sibh leis an t-soisgeul agus le anamaibh dhaoine fulang fo bhur làimh. Faiceadh muinntir nach ànn amhàin mar cheàird gu bhi beò oirre, a ghabh sibh dreuchd na ministearachd, ach gu'm bheil bhur cridheachan suidhichte air sonas anamanan a chur air aghaidh. Mar theagaisgeas sibh macantas, irioslachd, suairceas, no fèin-àicheadh o'n t-soisgeul, teagaisgibh sin mar-an- cèudna le bhur deadh eisempleir fèin. larraibh gu a mhisneachadh gus an Fhois so tarraidh. 189 cùramach aonachd agus sith a ghnà-chumail suas ameasg an t-sluaigh. Ma's maith leibh aobhar Chriosd agus slàint an t-sluaigh a chur air aghaidh, deanaibh gach nl ann an cèum na sith agus a' ghràidh. Bu cho furasda coinneal a chumail beò ann an stoirm, ri sluagh a chumail ann an deadh eagar coguis, no ann am fonn fallain, tuigseach, cìallach, gràsmhor, nèamhaidh, spior- adail, diadhaidh, agus ann an caithe-beatha riaghailt- each, ameasg aisith agus còmhstri. Uime sin, matk, àraichibh-se aonachd, sith agus grkdh ameasg an t-sluaigh. " Is beannaichte an seirbhiseach sin, a gheibh a Thighearn, an uair a thig e, a' deanamh mar sin." Luc. 12. 43. Agus deanadh am pobull an dleasanas fèin do'n luchd-teagaisg. Eisdeadh iad gu durachdach agus gabhadh iad gu toileach ri teagasg a' mhinisteir a tha gu dileas a' searmonachadh soisgeil Chriosd dhoibh. Cuidicheadh iad è ; neartaicheadh iad a làmhan, agus misnicheadh iad a chridhe, air gach dòigh 'n an comas, a chum obair an Tighearn' a chur air aghaidh. Cuimh- nichibh-se, a phobuill, gu'm fèum gach ministear firinn- each, dìchiollach, là no làithean de'n t-seachduin a chur air leth, a chum ullachadh a dheanamh gu h-uaigneach 'n a sheòmar-smuaineachaidh, airson gach sàbaid. Agus ma's maith leibh biadh spioradail a bhi air 'ullachadb air bhur son fèin, ma's maith leibh obair an Tighearn' a chuideachadh air a h-aghaidh ann bhur measg fèin, leigibh fois le bhur ministear air làithibh an ullachaidh. Gabhaibh a' cheart aire nach fhaighear sibh a' cur dragh air, no 'g a ghluasad, gun aobhar ro kraid, air na lkithibh sin. Chithear crèutairean cho feòlmhor, talmhaidh, no aineolach, ionnus gu'm bheil iad coma ciamar a thèid obair naomh an uliachaidh so air a h-aghaidh, ma gheibh iad an gnothach fèin, geda dh-f haodadh è 'bhi deante air Ik eile. ' Bitheadh aithne agaibh air seirbhisich an Tighearna, a tha os bhur ceànn, agus 'g a bhur comhairleachadh ; agus biodh meas mòr agaibh dhiubh ann an grkdh airson an oibre.' 1 Tes. 5. 12, 13. Anis sibhse uile ris an d'earb Dia clann agus seirbhisich, cuimhnichibh cùram a ghabhail de'n an 190 \S e Dleamnas Shtaigh Dhè muinntir eile amaibh. Bithidh gu trie 'g an cuideachadh agus 'g an treòrachadh a dh-ionnsuidh na foise nèamhaidh. Faic, a phàraint, cho soilleir 's a tha an dleasanas so air 'àithneadh dhuit le Dia 'n a f hocal, " Agus bithidh nabriathra so, a tha mi agàithneadh dhuit an diugh, ann ad' chridhe ; agus teagaisgidh tuiad do d' chloinn, agus labhraidh tu orra 'nuair a shuidheas tu a'd' thigh, agus an uair a dh'imicheas tu air an t-slighe, agus an uair a luidheas tu sios, agus an uair a dh'eireas tu suas." Deut. 6. 6-7. " Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an còir dha imeachd ; agus an uair a bhios e sean. cha trèig e i." Onàth. 22. 6. "Togaibh bhur clànn ann an oilean (eòlas) agus ann an teagasg an Tigh- earna." Eph. 6. 4. Abraibh agus deanaibh, mar a thuirt !s a rinn Iosua diadhaidh, " Ach air mo shon-sa agus airson mo thighe ni sinne seirbhis do'n Tighearn." los. 24. 15. Agus tha Dia fèin a' moladh cùrain> Abrahaim mu'n dleasanas so," Oir is aithne dhomh e, gu'n toir e àithne d'a chloinn, agus d'a theaghlach 'n a dhèigh agus gleidhidh iadsan slighe an Tigh- earna." Gen. 18. 19. Cuimhnich gur còir dhuit, arèir ceartais, an dleasanas so a dheanamh airson do chloinn fèin. Is ann uait-sa a thug iad truighe agus truaillidheachd an nàduir ; àgus air an aobhar sin, is è do dhleasanas gach saothair 'us dichioll ann do chomas, a dheanamh chum an aiseag gu slàint. Smuainich cho dlùth 's a tha do chlànn dhuit. Is pàirt dhìot-fèin iad. Ma shoirbhicheas iad an dèigh do bhàis, tha sin leat mar gu'm bitheadh tu-fèin beò agus a' soirbheachadh ànnta ; agus nach còir dhuit mar sin d'inntinn a shuidheachadh air am fois shiorruidh ? Ma dhearmaideas tu an dleasanas so, is fianuis thu an aghaidh d'anama f*4n. Is mòr do chùram, do shaothair agus do chosdas a chum an cuirp a bheath- achadh, ach ditidh sin thu, ma dhearmaideas tu an anamanan priseil. Seadh, ditear thu leis na bruidean fèin, oir gheibhear iad sin uile glè chiiramach mu thimchioll an òg shliochd fèin. Smuainich gur è Dia fèin a chuir clann agus seirbhisich air do churam. An abair thu gu'm bheil iad air curam a1 mhinisteir agus a' mhaighsteir-sgoile ? Cuimhnich a mliisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 191 thusa gur còir dhuit cùrara na's mò a ghabhail de gach anam aim do theaghlach, na ghabhas ministear, no duine sam-bith eile ; oir gu cinnteach gairmidh Dia gu cunntas thus', a phkraint, no thus' a mhaighsteir, airson do theaghlaich. Is è so cùram a's mò a dh'earbadh riamh riut, agus an-aoibhinn duit-sa, ma leigeas tu dhoibh a bhi aineolach, aingidh, an lorg do mhi-churaim de'n taobh. Smuainich air an obair a tha dhuit 'n an nàdur, 'n an togradh agus 'n an caithe- beatha. Cha n-aon pheacadh ach mile a gheibhear an sin : èucailean lìonmhor, dùchasach a1 pheacaidh air am measgachadh 'n an nàdur truaillidh. Agad-sa tha le teagasg fhallain ri buaidh a thoirt air na h-uilc sin uile. Na lagaicheadh do mhisneachd, ged gheibhteadh na leasanan, a's còir dhuit a theagasg, a' dol calg-dhir- each an aghaidh tlachd 'us toil na feòla. Gu'n deòn- aicheadh Dia dhuits' a thuigsinn cho mòr, luachmhor *s a tha do chùram agus d'obair ! Smuainich cia searbh am bròn a tha thus' ag ullach- adh dhuit-fèin, ma tha thu nis a' deanamh dearmaid air teagasg do theaghlaich. Ma bhitheas a chlànn sin fathast 'n an sguilb ghoirt dhuit, cuimhnich is ann de do shuidheachadh fèin iad. Ma bhitheas tu-fein air do theàrnadh, agus iadsan air am mallachadh, nach uamh- asach, goirt dhuit smuaineachadh gur è do mhi-churam fèin a b'aobhar d'an sgrios ? Ma bhàsaicheas tu-fèin agus iadsan anns a' pheacadh, mallaichidh iad thu, ag eigheachd amach gu garg 'n ad' aghaidh ann an ifrinn, " Is tus' a thug an truaighe so òirnn uile. Bu choir dhuit ar dleasanas a theagasg dhuinn, ach cha d'rinn thu è. Bu choir dhuit sinne 'chasgadh 's a chronachadh o'n olc, ach cha d'rinn thu sin." Nach teannaichear do thruaighe fein gu mòr leis gach glaodh ddruinneach dhiubh sin ! Smuainich, air an làimh eile, air an t-sòlas a bhitheas agad. ma gheibhear firinneach thu anns an dleasanas so. Mur tèid è leat, bithidh d'anam saor o chiont' a dhearmad, agus bithidh sith aig do choguis. Ma thèid è leat, bithidh do shòlas do-labhairt. CM tha do chlann gràdhach, ùmhal, taitneach, taiceil dhuit, anns a' chuid a tha romhad de do thurus gu glòir. Is mòr is fheàirrd 192 'S è Dleasanas Sluaigh DM muinntìr eile do theaghlach uile è, ma gheibhear eadhon aon leanabh, no aon seirbhiseach diadhaidh ànn. Ach is mòr d' aoibh- neas an là a their thu, " a Thighearna, Feu'ch mise, agus a' chlànn a thug thu dhomh." An dèigh sin bithidh tu beò gu h-aoibhneacb maille riutha gu bràth. Smuainich cho mòr 's a tha maith na h-eaglais agus na rìoghachd an eisimeil an dleasanais so. Cha n-ur- rainn riaghailtean maith an lagha sluagh glic, diadhaidh a dheanamh dhìnn, mur tòisich ar teagasg ann an uchd an teaghlaich. Agaibh-se, a phàranta, tha 'n obair so ri dheanamh, agus ma dh-fhàgar ì gun deanamh, gus an tig bhur clànn, aineolach agus cruadhaichte leis a' pheacadh, fo làimh mhinisteai*an, ciod is urrainn minis- tearan a dheanamh ? Ach na'n robh ìad air an teagasg leibh-se ann an eagal Dè air làithibh an òige, agus air an treòrachadh ann an eòlas, agus ann an cleachdadh na diadhachd, 0 bu mhòr a' mhisneachd sin do mhinis- tearan, agus shoirbhicheadh obair an Tighearna gu mòr 'n an làmhan ! Innseam dhuibh gu cùramach, gur è dearmad air teagasg na cloinne ann an eòlas air an dleasanas do Dhia, a's aobhar do uile thruaighean na h-eaglais agus na rioghachd. Guidheam f ps air pàrantaibh smuaineachadh air na cothroman lionmhor, luachmhor a tha aca, chum an clànn a theàrnadh. Tha iad fo bhur làimh, am feadh a ta \ad maoth, sùbailt, òg. Cha chrànn garbh daraich a ta agaibh ri lubadh, ach fiuran a dh-aomas leibh. Na'n spionadh pàrantan meacain a' pheacaidh amach à cridheachan an cloinne fèin, cha bhitheadh dubhailcean freumhaichte, cruaidh, garbh a' pheacaidh cho trie ri ghearradh àsda an dèigh dhoibh fàs suas. Cha n-'eil coguisean na cloinne air an cruadhachadh cho mòr le cleachdadh a' pheacaidh agus le diùltadh gràis, 's a tha coguisean muinntir eile. Tha cridheachan na cloinne mar an talamh bog, tais a ghabhas astigh an crann gu luath, ach tha cridheachan na h-aois mar thalamh cruaidh, clachaidh air a theannachadh fad iomadh bliadhna fo chèumaibh an uilc. Is obair dhùbailt ìad- san, nach d'f huair an ionnsachadh air làithibh an òige, a theagasg anis ; oir fe'umar air tus am pilleadh o'n ole, 's an dèigh sin maith a theagasg dhòibh. Ach na'n a mliisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 193 d'fhuair iad an teagasg òg, bu leòr leth na h-oibre sin. Is ann duibhs' a's mò an gràdh air thalamh. Is sibhse a's mò ughdarras os an ceànn. Is ann ruibh-se tha iad a' sealltuinn airson am beathachaidh uile. Is ann duibh-se a's feàrr is aithne am mèinn 's an togradh. Tha sibh maille riutha do ghnàth, agus fàth-chothrom agaibh an còmhnuidh gu bhi 'biadhadh an cridheachan le eòlas maith. Cuimhnichibh-se so gu h-àraid, a mhàthraichean, a tha na's trice na 'n aithrichean maille ri bhur cloiim, am feadh a tha ìad fathast òg. Is mòr bhur dichioll a chum an cuirp a bheathachadh. Is mòr bhur pian agus bhur saothair 'g an toirt astigh do'n t-saoghal. Agus nach dean sibh saothair a chum an anamanan a theàrnadh ? Tha dìan ghràdh blàth agaibh dhoibh, agus an leig sibh dhoibh a bhi càillte gu sior- ruidh ? G-uidheam òirbh, matk, air sgàth sliochd bhur cùim fèin, teagaisgibh iad, comhairlichibh iad, agus gabhaibh mòr churam dhiubh, agus na leigibh fois leo, gus am faigh sibh an treòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd. Guidheam òirbh, a phàranta Criosdail, a lèughas na briathran so, deanaibh iochd air anamaibh bochd bhur cloinne fèm. Bithibh fìrinneach, dileas do Dhia a dh'earb clànn ruibh. Mur urrainn sibh na b' kill leibh a dheanamh, deanaibh na 's urrainn sibh air an son. Tha 'n eaglais agus an stkit, gach baile agus duthaich Jig osnaich gu trom fo'n dearmad a thathas a' deanarnh air an dleasai.as so. Cha n-'eil eòlas aig bhur cloinn air Dia, no air a lagh, ach bheir iad " ainm Dhè an diomhanas ;" nì iad tàir air aoradh Dhè ; agus cha theagaisg 'us cha chronaich sibh iad. Air an aobhar sin, cronaichidh Dia iadsan agus sibhse. Cha lèir do bhur gràdh do bhur cloinn am peacaidhean. Na bith- eadh ioghnadh òirbh, matà, ged ghoirticheadh Dia sibh airson peacaidhean bhur cloinne, oir tha sibh ciontach anns gach peacadh a tha iad a' deanamh, a chionn gu'n d'rinn sibh dearmad air an teagasg agus air an cron- achadh. Tòisichibh anis, matà, air an dleasanas so, agus na deanaibh dearmad air na's f haide. Cuimh- nichibh air Eli. Tha bhur clànn mar bha Maois ameasg nan cuilc, ullamh gu bàsachadh mur faigh iad an cuideachadh. Ma's kill leibh nach ditear sibh mar 194 Dleasanas Sluaigh Dhè, dec mhortairean an anamanan, no ma's kill leibh nach cluinn sibh an glaodh 'g a bhur dìteadh fèin anns an teine shìorruidh, tòisichibh gu grad ri teagasg dhoibh ciamar a dh-fhaodas iad a dhol às o'n teine sin ; agus togaibh iad ann an naomhachd 'us ann an eagal Dè. Tha mi nis a' sparradh air gach aon dibh, arèir bhur bòidean-baistidh do Dhia, agus mar dh-fheumas sibh uile freagairt do Dhia 'an ùin glè aithghearr, na diùltaibh agus na dearmaidibh an dleasanas àrd-fheumail so air chor sam-bith. A phàraint, mur 'eil thu toileach a dheanamh, agus fios agad gur dleasanas mòr è, is ceannairceach thu, agus cha sheirbhiseach firinneach do Chriosd. Ma tha thu toileach, ach gun f hios agad ciamar is còir dhuit do dhleasanas a dheanamh ri do chloinn fèin, gabh anis beagan seòlaidh, chum do chuideachadh. Treòraich do chlànn, le do dheadh eisempleir fèin, gu ùrnuigh agus dleasanasaibh diadhaidh eile. Teagaisg an tuigse. Lion an cuimhne le eòlas maith. Ceartaich an toil. Beothaich an aignidhean. Cum an coguis beò, blàth. Caisg an teangaidh. Teag- aisg briathran glan dhoibh. Caithris 'us ceartaich an giùlain 's an caithe-beatha. Faigh Biobuill 'us leabh- raichean maith eile dhoibh, agus f'aic iad 'g an lèughadh. Ceasnaich iad gu trie air na nithibh a tha iad ag ionn- sachadh. Cuimhnich gu'm bi thu-fèin 'us iadsan ris an obair so air gach là sàbaid. Na ceadaich idir dhoibh a bhi ri amaideachd, cluith, no diomhanas sam-bith air an Ik naomh sin. Thoir maille riut gu " Tigh Dhè" iad. Cum anns an sgoil-shàbaid iad gu seasmhach, riaghailteach. Is mòr, luachmhor an cuideachadh do phàrantaibh an sgoil-shàbaid. Bi gu trie a' mineachadh dhoibh brigh nan nithe a tha iad a' lèughadh 's ag ionnsachadh. Na leig le leisgeulan beaga an cumail as an sgoil ; oir gach là a chailleas iad de'n sgoil, cha bheir iad gu brath air. Na dearmaid an Leabhar-ckeist a theagasg dhoibh. Cum amach & droch cuideachd iad. Treòraich iad gu eòlas air sluagh diadhaidh. Thairis air gach uile ni, teagaisg agus cuimhnich dhoibh gu trie cho fèumail, cho òirdheirc, cho taitneach, cho luach- mhor, glòrmhor 's a tha eòlas air Dia, agus air a sheirbhis ; agus saothraich a chum làn bheachd air sin a shuidh- eachadh gu teànn air an cridheachan. 195 Caibdeil X. Cha n-fhaighear Fois nan Naomh air ihalamh. Cha n-'eil sinn fathast air teachd a dh-ionnsuidh ar n-àite-tàimh. Ach tha àit-tàimh a' feithearah òirnn. 0 matà, nach peacach, amaideach a bhi 'g a iarraidh, no dùil a bhi againn ris an so ! Càit am faighear Criosduidh nach 'eil toilltinneach air achmhasan do thaobh na cuise so ? B'àill leinn gach cùis soirbheach- adh leinn an còmhnuidh. Dh-ìarramaid gach ni a tha socrach, taitneach do'n f heòil. Is beag a tha sinn a' tuigsinn cho mi-reusanach 's a tha ar miann. Ma gheibh sinn àitean-còmhnuidh goireasach, biadh 'us aodach, fearann 'us teachd-astigh, agus meadhonan nan gràs a dh'òrduich Dìa, chum ar maith spioradail, is leòr sin leinn, agus iarraidh sinn fois ànnta. Ma's fortanach, no mi-f hortanach ar staid, ma's tmn no slàn sinn, gheibhear sinn gu dian a' sìor-ìarraidh fois' ann am mealtuinn a' chrèutair, — ann an taitneasaibh faic- sinneach. 'Nuair a bhitheas taitneas aimsireil uainn, nach fhaighear sinn 'g a iarraidh na's durachdaiche na dh-iarras sinn Dia fèin ? Nach f heàrr leinn a mhealtuinn na mealtuinn Dhè? Agus ma chailleas sinn ar tait- neas aimsireil, nach truime leinn sin na làthaireachd Dhè fèin a chàll? Cha leòr leinn ar beannachdan aimsireil a ghnàthachadh a chum ar cuideachadh agus ar n-urachadh air an t-sligh gu nèamh, ach fèumar nèamh fèin a dheanamh dhuinn dhiubh sin. A Chriosduidh a leughas so, cha n-'eil peacadh sam-bith eile 's an t-saoghal a b'f heàrr learn thus' a thuigsinn 's a sheachnadh na 'm peacadh so, na'm b' urrainn mi innseadh ciamar a thuigear è ; oir is mòr cònsachadh an Tighearna ruinn anns a' chviis so. Anis a chum sin a thuigsinn guidheam ort gu durachdach smuaineachadh — cho rèusanta 's a tha trioblaidean na beatha so, — agus cho mi-rèusanta 's a tha fois iarraidh ann an toil-inntinn aimsireil ; — smuainich fbs cho mi-thoileach 's a tha sinn a dhol anull air a' bhàs a chum seilbh 'f haotuinn air fois shiorruidh. 196- Cha n-fhaighear Fois I. Chum reusantachd nan trioblaid a thuigsinn, smuainich — gur iad an t-sligh gu fois,— -Tha, iad a' teagasg dhuinn gu soilleir càit am Dheil ar fois, — Tha iad 'g ar treòrachadh air an t-sligh gu fois, — Tha iad a' greasad ar cèum d'a h-ionnsuidh, — Is ànn gu h-àr- aid do'n fheòil a tha iad draghail, — fo thrioblaidibh gheibh sluagh Dhe* gu trie an roimh-bhlas a's milse air am fois. 1. Thoir fainear, gur è saothair ' us trioblaid an rathad cumanta gu fois, araon ann an cùrsa nàduir agus gràis. An urrainn idir fois a bhi ànn gun sgios ? Coisichidh agus oibrichidh tu an toiseach, 's an deigh. sin, gabhaidh tu fois. Caithear an là ri saothair 's an dèigh sin, thig an oidhche le fois. Carson a dh-iarr- amaid cùrsa gràis atharrachadh na's mò na cùrsa nàduir ? Is òrdugh suidhichte " gur ann tre iomadh àmhghar is digin duinn dol a steach do rìoghachd DhèV' Gnìomh. ì 4. 22. Agus " ma dh'f huiligeas sinn, righichidh sinn mar an ceudna maille ri Criosd." 2 Tim. 2. 12. Agus ciod è sinne gu'm bitheadh reachdan Dhè air an atharrachadh a chum taitneas a thoirt duinn ? 2. Tha trioblaid, no àmhghar ro fhèumail a chum a dhearbhadh dhuinn càit am bheil ar fois. Is cèum toileach, agus cha cheum èignichte, cèum a' Chriosd- uidh gu nèamh. Air an aobhar sin. is fèumail gach ni cruaidh, no socrach a chuidicheas athoilagus a thuigse. Is è am mearachd a's cunnartaiche d'ar n-anamaibh, an crèutair a chur an àit Dhè, agus an talamh a chur an kit nèimh. Nach blkth, deothasach, dian ar cridheachan a' dol an dèigh an t-saoghail, gus am fuaraichear 's an ceànnsaichear iad le trioblaidibh. Labhraidh trioblaid gu h-èifeachdach, agus èisdear rithe le cuid nach d'èisd riamh gu ceart agus nach èisd ri searmonaiche. Is iomadh Criosduidh bochd a gheibhear air uairibh a' suidheachadh a smuaintean air saoibhreas, no air feòil-thaitneas, no air cliìi timeil, agus mar sin, a' call a thlachd ann an Criosd, agus ann an aoibhneas nèamh- aidh, gus am buailear a shaoibhreas, a chlànn, a choguis, no a shlàint le Dia, agus am brisear sios a neart a shaoil è cho mòr. Agus an uair a thilgear è, an dèigh sin, ann an geimhlibh Mhanasseh, no air leabaidh na h-easlaint, nan Naomh air thalamh. 197 is neo-ni leis an saoghal, ach is rud-eigin nèanah leis. Mur cuireadh ar Tighearn gràdhach na stuib sin ann ar cluasaig, chaidlearaaid amach ar beatha, agus chaill- eamaid ar glòir. 3. Tha Dia a' gnkthachadh trioblaid mar mheadhon fior eifeachdach a chum sinne 'threòrachadh agus a chumail air an t-sligh gu fois. A dh-easbhuidh na callaide drisich so air an làimh dheis 'us chlith, is gann a chumadh sinn an rathad gu nèamh. Ma chi sinn aon bheàrn, no cachlaidh fosgailt1 air, nach ullamh sinn gu lèum amach oirre ? 'Nuair a dh-fhàsas sinn mear, no saoghalta, no uaibhreach, faic mar dh-islichear sinn le tinneas, no trioblaid eile ! Faodaidh gach Criosduidh a ràdh, cho maith ri Luther, gur e trioblaid aon de na maighstearan-sgoil' a's feàrr a bha riamh àige ; agus a ràdh maille ri Daibhidh, " Mu'n robh mi ann an kmhghar chaidh mi air seacharan ; ach a nis tha mi a' gleidheadh t'fhocail." Salm. 119. 67. Is iomadh mile peacair iompaichte a dh-f haodas èigheachd amach, " 0 thinneis shlàinteil ! 0 bhròin shòlasaich ! 0 chall- daich tharbhaich I 0 bhochduinn shaoibhir ! O la bheannaichte air an robh mis' ann an trioblaid !" ' Bheir na cluaine glasa agus na uisgeachan ciuin, agus eadhon an t-slat agus an lorg comhf hurtachd dhuinn.' Is è am focal agus an Spiorad a ni an fhior obair eifeachdach air a' chridhe, ach bheir trioblaid 'us fulang an crann-dùnaidh dhe dorus a' chridhe, chum rathad rèidh a dheanamh do'n f hocal gu dhol astigh. 4. Tha trioblaid fèumail, mar-an-cèudna, chum ar cèum a ghreasad a dh-ionnsuidh na fois'. B'fheàrr gu'm fòghnadh gràdh gu sinne ' thàladh gu nèamh I ach am far nach gluaisear fo ghairm a' ghràidh, is trie a ghreasar fo bhuille na slaite. O-na tha ar cridheachan cho rag-olc as nach gabh iad tarruinn le caomh throe- air, is feàrr ar greasad leis an sgiùrsair a's geòire buille na maille chàillteach a dheanamh, cosmhuil ris " na h-òighean amaideach," gus am bi an dorus air a dhùnadh. 0 nach dìan, làn, dùrachdach an urnuigh a ni sinn ann am builsgean na h-easlainte, seach an ùrnuigh eutrom, fhuar, fhoirmeil a gheibhear againn air làithibh ar slàinte ! Co dhiubh a's doimhne an t-aithreachas a r3 .198 Cha n-fhaìghear Fois nithear air la na socair, no air là na h-anshocair ? Och ! Och ! mur cuirteadh an spur annainn air uairibh, bu mhàll cèum na cuid a's mò dhinn gu nèamh ! Carson, matk, nach gabhamaid gu toileach buillean-greasaidh ge'ur o Dhia, chum ar maith, 'us fèum cho mòr aig ar droch nàdur orra ? Smuainich fe*in, a Chriosduidh, nach curamach, caithriseach, luath a ghluaiseas do chèum gu nèamh fo bhuillibh na h-easlainte, seach do chèum fo thaitneas soirbheachaidh. 5. Thoir fainear arist — is ì gu h-kraid an f heòil a's mò a gheibhear air a buaireadh agus air a goirteachadh le trioblaidibh. Gheibhear an t-anam saor o'n chuid a's mò de na fulangasaibh do'm bheil sinn buailteach, mur dean sinn-fèin a phìanadh d'ar deòn. " Carson, matà, O m' anam, a tha thus' a' dol leis an f heòil sin, agus a' gearan mar tha ise ri gearan ? Nach bu choir dhuit a cumail fodha, agus a cur fo smachd; agus ma ni Dia sin air do shon, an tig dhuit a bhi mi-thoilichte ? Nach è thus' a bhi 'g a toileachadh a thug ach beag gach bròn spioradail ort? Carson, matà, nach deanadh a mi-thoileachadh d'aoibhneas a mheudachadh? l Nach seinn Pol agus Silas laoidh-mholaidh, ged tha 'n casan daingnichte anns a' cheap' ? Cha robh an spioradan ann am priosan. Ah, anam neo-airidh ! an è sin do thkingealachd do Dhia a dh'àrdaich thu cho mòr os-ceànn do chuirp ? 'Nuair a bhitheas do chorp a' grodadh anns an uaigh, is còmp- anach thusa do spioradaibh foirfichte nam firean. Nach 'eil solas agad an dràst, air nach 'eil fios aig an f heòil ? Na gearan idir, matà, air lkimh Dhè, 'nuair a bheanas ì ri do chorp. Is grkdh gach smachdachadh a bheir a làmh : agus carson nach buineadh è riut-sa mar bhuin è ris na naoimh uile ? Na creid gu brkth gu'm minich an fheòil dhuit gu ceart a' chuis a tha 'n t-slat a' ciall- achadh. Their d'f heòil gur fuath, grkdh ; agus gu'm bheil Dia a' sgrios, an uair a tha è 'tearnadh. Tha d'fheòil a' fulang, agus an lorg sin cha bhreitheamh freagarrach idir i." O ! na'n creideamaid Dia fèin, na'n gèilleamaid do'n t-slait-smachdachaidh, mar tha focal Dhè* ag kithneadh, na'n tuigeamaid cho tarbhach 's a tha ì do'n anam, na'm faiceamaid mar thai 'g ar greasad a dh-ionnsuidh ar fois', agus na'm b'urrainn sinn tosd a nan Naomh air ilialamli. 199 chur air craos collaideach na feòla, is ann an sin bu chothromaiche ar beachd agus ar breth air aobhar agus deadh thoradh ar trioblaidean uile. 6, Ach smuainich fathast — is ainmig a bheir Dia d'a shluagh roimh-bhlas air an fhois ri teachd, cho milis 's a bheir è dhoibh 'n an àmhghar trora. Gleidhidli è dhoibh an deoch-ùrachaidh a*s mo luach, gus an tig an uair a's mò am fannachadh agus an cunnart. Bheir è dhoibh ì 'nuair a chì è feum oirre, agus an uair a chi iadsan a luach, agus a bheir iad tàing dhà air a son, agus a bhitheas iad air an deanamh aoibhneach leatha. Gu h-àraid, ma gheibhear sinn a' fulang direach airson aobhair Dhè fèin, is trie leis, air an km sin, cupan searbh na trioblaid a dheanamh milis. Is ann an uair bu ghoirte agus bu doimhne fulangas nam martarach a b1 àirde agus bu mhilse an aoibhneas. Is ann an uair a bha cridheachan nan deisciobul brònach a1 dealachadh ri Criosd, bu mhò leo an solas a labhair è riutha. Is ànn an uair a ' bha iad cruinn agus na dorsa duinte orra, air eagal nan Iudhach, a thàinig Iosa agus a sheas è 's a' mheadhon, ag ràdh riu, Sìth dhuibh.' Is ann an uair a bha Stephen a' toirt suas a bheatha, mar fhianuis airson Chriosd, a chunnaic è nèamh fosgailte. Nach ì staid a's feàrr, an staid sin aims am mò a chi 's a gheibh sinn de Dhia? Carson eile tha sinn ag iarraidh gu nèamh. Ma dh-iarras sinn fois nèimh ann an taitneas- aibh feòlmhor, bithidh sinn air ar mealladh. Abair, matà, nach misd aon air-bith de na naoimh, trioblaid 'n a thurus air an t-sligh gu fois. Am bheil sinne na's glice na Dia ? Nach 'aithne dhà ciod a tha chum maith dhuinn, cho maith ruinn-fèin ? Nach 'eil è cho curamach umainn agus cho toileach maith a dheanamh dhuinn 's a thasinn-fèin ? An-aoibhinn dhuinn-ne, murbitheadh Dia mòran na's cùramaich' umainn na tha sinn-fèin ! agus mur tugadh è gràdh na's feàrr dhuinn na tha sinne 'toirt dhà-san, no dhuinn-fèin 1 Na abair idir, " b'fhekrr leam giulain le trioblaid air-bith eile na leis an trioblaid so." Na'n cronaicheadh Dia thu le trioblaid a b'urrainn thus' a ghiulain, cha n-f haiceadh agus cha trèigeadh tu d'iodhol. Agus na abair ni's mò, " Na'n saoradh Dia mi o'n trioblaid so, 200 Cha n-fhaighear Fois is aim bu toilichte leam a giùlain." Nach. mòr, maith leat gealladh Dhè, 'us e-fèin ag ràdh gu'n oibrich ì chum do mhaith? Nach leòr leat a bhi air do dheanamh cinnteach gu'n saorar thu bho gach " trioblaid agus tèinn" aig uair a' bhàis ? Na abair, " Na'n robh mi comasach air mo dhleasanas a dheanamh, is ànn a b'fhusa leam gitilain le mo thrioblaid." Tha thu comas- ach air an dleasanas sin a dheanamh a ta chum do mhaith fèin ; oir is arm a chum do dheanamh na's dhrachdaiche, do bheothachadh agus do chuideachadh na's mò ann an deanamh do dhleasanais dhuit-fèin, a thàinig an trioblaid so ort. Agus anis a thaobh do dhleasanais do mhuinntir eile. cha n-'eil sin air 'iarraidh uait le Dia, gus an toir e-fein comas dhuit a dheanamh. Theagamh gu'n abair thu, " Tha mis' air mo shkrachadh le sluagh diadhaidh : na'm b'è daoine mi-dhiadhaidh a thug an trioblaid so òrm, is ànn bu shocraiche leam i." Ciod-air-bith an instrumaid tre 'n tàinig do thrioblaid, is ann o Dhia a ta i, agus is tu-fein a thoill ì ; agus nach fheàrr dhuit anis sealltuinn na's mò ri Dia agus riut- fèin ? Nach 'eil f hios agad gu'm bheil na daoine sin a's feàrr, fathast peacach ann an cuid. Na abair idir, •' Na'n robh agam an solas sin a tha Dia, mar theirear, a' toirt air amaibh fulangais, is ànn bu toilichte leam fulang ; ach cha n-'eil mis' a' faicinnn dad de sin." Mar a's mò 'dh'f huiligeas tu air sgàth fireantachd, is ann a's mò 'dh-fhaodas do dhòchas a bhi ris a' bheann- achd sin ; agus mar is mò 'dh-f huiligeas tu airson do dhroch giùlain fèin, is ann a's f haide 'bhitheas milseachd a' bheannachd sin gun teachd. Nach 'eil an solas a tha thus' ag iarraidh air a dhearmad, no air a dhiùltadh leat V An d'oibrich do thrioblaid gu fàbharach ort, agus an d'ullaich ì thu airson sòlais ? Am bheil thu air d'irioslachadh ? Am bheil thu air do thoirt gu do chionta mòr aideachadh gu firinneach, agus gu do pheacadh sin a b'ànnsa leat, a thrèigsinn ; agus am 1'aighear thu nis gu dichiollach, dhrachdach a' dean- amh nan dleasanas a bha cho fad air an dearmad leat ? An d'rinn do thrioblaid do chridhe peacach a thearbadh o na h-jodholaibh a bh'agad roimhe, agus do thoirt gu Dia feiu a ghabhail gu simplidh, mar do chuibhrionn nan Naomh air thalamh. 201 agus mar d'f hois ? Mur d'rinn, cionnus is u rrainn dùil a bhi agad ri solas ? Am b'àill leat Dia do lot a cheangal suas, agus ì fathast ag iongrachadh 'n a taobh- stigh ? Cha n-è na tha thus' a' fulang a dh-ullaicheas tu airson sòlais, ach deadh bhuaidh agus deadh thoradh do thrioblaid air do chridhe, no fèum maith a dheanamh dhi. II. Chum 'fhaicinn cho mi-rèusanta 's a tha fois iarraidh arm an toil-inntinnibh aimsireil, no aims na nithibh a ta làthair, smuainich, — Sin a bhi nis a' dean- amh dia dhiubh, — Sin àicheadh na criche 'tha aig Dia 'n an tabhairt duinn, — Sin an ceum gus an dibltadh dhuinn, an toirt uainn, no an deanamh searbh dhuinn ; — Cha n-'eil mallachd ann cho mòr ri cheadachadh dhuinn ar fois a ghabhail 's an t-saoghal so, — sin fois iarraidh am far nach 'eil ì : mheudaicheadh na creutairean, no nithe an t-saoghail, gun Dia, ar truaighe gu mòr, — agus dearbhar sin uile, le beachdachadh air ar fiosrachadh fèin agus air fiosrachadh muinntir eile. 1. Is iodhol-aoradh graineil, no breug-aoradh, fois iarraidh do'n anam ann an crèutair, no ann am meadhon air-bith. Is i còir àraid Dhè fèin 'n a aonar, a bhi 'n a fhois do'n anam. Is iodhol-aoradh soilleir ar fois iarraidh ann an saoibhreas, no onoir, agus cha n-'eil ach iodhol-aoradh beagan na's grinne, no na's fasanta na sin ann am fois iarraidh ann am meadhonaibh maiseach nan gras. Faic cho mi-thaitneach 's a tha so do'n Tigh- earn bhèannaichte : èisd anis ri gearan an Tighearna òirnn-fèin agus air luchd-iodhol-aoraidh eile, " Bu chaoraich chàillte mo shluagh-sa, leig iad an àite-fois air dichuimhne." Ier. 50. 6. " Is feàrr le mo shluagh- sa fois ann an ni sam-bith eile na annam-fèin. Is feàrr leo taitneas a ghabhail ann an each a chèile, na annam- sa. Ni iad gàirdeachas ann an leantuinn mo chrèutair- ean agus m' òrduighean, ach cha dean iad gairdeachas annam-sa. Seadh, iarraidh iad fois ann an saothair 'us ann an dleasanas, ach cha n-iarr iad fois annam-sa. B'f heàrr leo 'bhi ann an àit air-bith eile na maille rium- sa. An iad sin an diathan ? An iad sin a shaor iad ? Am bi iad sin na's feàrr dhoibh na bha mise, no na b' àill learn a bhi dhoibh ?' Na'm biodh agad-fèin cèile 202 Cha n-fhaighear Fois no bean, mac no nighean leis am b'f hearr a bhi ann an kit air-bith. eile na maille riut-sa, agus a gheibhteadh toilichte, subhach 'nuair a b'fhaide uait lad, nach gabhadh tu gu h-olc h ? Mar sin gabhaidh Dia e matà. 2. Tha thus' ag àicheadh na criche sin a tha aig Dia ann am buileachadh nan toil-inntinn sin ort' Thug b dhuit iad a chum do chuideachadh gu teachd d'a ionnsuidh, agus an cuir thus' ìad 'n a kite fèin ? Thug è dhuit iad mar bhiadh-ùrachaidh dhuit air do thurus, agus am fan thu 's an tigh-òsda gun dol cèum na's fhaide ? Faodar a ràdh mu na sòlasaibh agus na h-òrduighean againn, mar chaidh a ràdh mu na h-Israelich o shean, " Chaidh aire coimhcheangail an Tighearna rompa astar thri làithean, a rannsachadh a mach àite-tàimh dhoibh." Air. 10. 33. Mar sin, tha tròcairean an Tighearna a1 sior-dhol romh- ainn an so, ach cha n-iad na tròcairean sin ar fois. Cha n-'eil ànnta, mar dh'aidich Eòin, am Baisteach, nach b'esan Criosd, ach iomadh guth a' glaodhaich anns an i hasach so, 's ag ìarraidh òirnn sinn-fein ullachadh air- son rìoghachd Dhè, 's ag \nnseadh dhuinn gu'm bheil ar fìor f hois am fagus. Air an aobhar sin, ma dh-iarrar fois an so, gheibhear sinn a' dol calg-dlnreach an aghaidh nan crioch airson an tug Dia na tròcairean sin duinn, 'g am mi-ghnathachadh gu cronail, agus 'g ar milleadh fèin leis na nithibh a dh'òrduich Dia chum ar cuideach- adh agus ar treòrachadh suas d'a ionnsuidh fern. 3. Ma dh-iarrar fois an so, is ì sin an dòigh gu thoirt air Dia na tròcairean a tha sinn ag iarraidh, a dhiultadh dhuinn, no na tròcairean a ta againn a ghearradh uainn, no an car a's lugha, an deanamh searbh dhuinn. Tha Dia èudmhor anns a' chùis so seach cms air-bith eile. Na'm bitheadh agad-sa seirbhiseach 'bu docha le do mhnaoi na thu-fèin, nach gabhadh tu sin gu h-olc dhi, agus nach cuireadh tu an seirbhiseach sin air falbh à do thigh ? Mar sin, matà, ma gheibh an Tighearn thus' a' socrachadh do chridhe air an t-saoghal, agus ag ràdh, " An so gabhaidh mi fois," na bitheadh iongantas idir ort geda dheanadh è gu h-èudmhor, luath an t-socair sin anshocrach dhuit. Ma tha grkdh aige dhuit, na gabh iongantas geda bheireadh è uait an ni sin leis am bheil è 'g ad' fhaicinn a' deanamh " croin ort-fein." Is nan Naomh air thalamh. 203 trie a chunnaic mise daoine 's an t-saoghal so a' toirt ionnsuidh air nithibh mora 's a' caitheamh mòr ùine ri oibribh ainmeil, cosgail ; agus a fhuair an toil a riarach- adh le fortan mòr an oidhirpean ; agus muinntir eile an dèigh dhoibh a bhi fada air an sàrachadh le trom thriob- laidibh, a fhuair buaidh orra, agus an sin, thòisich ìad ri toil-ìnntinn agus fois a ghabhail anns an staid gus an robh iad air an toirt leis an fhortan a dh'oibrich an oidhirpean fèin amach dhoibh. A dh' aon fhocal, shaoil leo gu'n robh iad anis socrach, sona, saoibhir. Ach mar bu trice, is gann a thòisich iad ri mealtuinn na toil-inntinn so, 'nuair a bhuail am bàs iad, no 'thàinig aimhleas air-chor-eigin eile orra leis an robh antaitneas so uile air a dheanamh neo-thaitneach, gruamach,. no searbh dhoibh. Cho luath 's a gheibhear a1 chainnt so aim an cridhe duine, " Anam gabh fois, ith, òl agus bi subhach," is ì gu trie an ath theachdaireachd a thig, " Amadain. air an oidhche so fèin," no air a' mhios so, no air a1 bhliadhna so, "iarrar d'anam uait : an sin cò dhà a bhuineas na nithe sin a dh'ulluich thu ?" Luc. 12. 19. Càit am bheil tigh anns nach faighear an " t-amadan" sin a gabhail còmhnuidh ? Feuchadh gach aon dhinn-ne nach è sin a cheart ainm fèin. Is iomadh aon de sheirbhisich Dhè, a fhuair a làithean a ghiorr- achadh air an talamh, an lorg a bhi air a mheas agus air a ghràdhachadh na's mò na b'fhìach è. Is dearbh leam nach 'eil gach smuain mi-thoilichte agus gach gearan eile a gheibhear againn, cho mi-thlachdmhor le Dia, ri fois iarraidh agus toil-inntinn ro mhilis a ghabhail ann an nithibh taitneach na beatha so. Ma bhuail Dia thusa le do bhean, do chlann, do chuid 'us do chàirdean, no do thaitneas ànnta sin, a thoirt uait, feuch thusa nach ànn an lorg do thoil-inntinn a bhi 'sìor-stad ànnta sin, agus thu-fèin ag ràdh, " Tha mi ceart anis," agus mar sin a' deanamh dia dhe do chor taitneach, a bhrosnaich thu an Dia èudmhor gus a làmh a shineadh amach a'd' aghaidh ? Co dhiubh is caraid no nàmhuid do Dhia thu, na biodh dùil agad gu bràth gu'n ceadaich è dhuit d' iodholan a mhealtuinn le socair. 4. Na'n ceadaicheadh Dia dhuit fois a ghabhail anns an t-saoghal so, is è sin mallachd a's mò 'b' urrainn 204 Cha n-fh aig hear Fois tuiteam ort. B'fheàrr dhuit a bhi gun aon là fois' riamh amis an t-saoghal so, oir mar sin dh-f haodadh sgios an t-saoghail a thoirt ort an f h\or fhois iarraidh. Ach ma cheadaichear dhuit suidhe sios socrach, -agus fois a ghabhail an so, is truaghan gun fhois thu tre àlaibh na bith-bhuantachd. Is è làn chuibhrionn a ghabhail anns a1 bheatha so, crannchur nam peacach ro thruagh a bhitheas càillte gu siorruidh. An tig è do Chriosduidhean, matà, dùil mhòr a bhi aca ri fois an so ? Is ì ar fois a's nèamh dhuinn ; agus far an gabh sinn fois, ni sinn nèamh dhuinn- fèin an sin. Agus nach ìarradh tu nèamh na's feàrr na'n saoghal so ? 5. Ma's ami an so a tha thus' ag iarraidh fois1, tha thu 'g a h-iarraidh am far nach 'eil ì — am far nach urrainnear a faotuinn. Agus ma leanas tu air a h-iarraidh an so, bithidh araon do shaothair agus fois shìorruidh d'anama càillte. Is ì ar fois, èirigh suas mu- . dheireadh gu làn mhealtuinn Dhè. Ach cha ruigear air sin anns a' bheatha so, ni mò 'dh-f haodas duil a bhi ri fois an so. Am faodar Dia a mhealtuinn anns an eaglais a's feàrr air thalamh, mar tha è air a mhealtuinn air nèamh ? Fada bho sin. Nach beag a tha na naoimh a' mealtuinn de Dhia fo na meadhonaibh a's feàrr? Innseadh an gearan 's an osnaich fèin. Is bochd na comhf hurtairean na h-òrduighean a's feàrr a dh-easbhuidh Dhè fern. An tigeadh do fhear-astair tàmh air an t-sligh ? Cha tigeadh idir, do bhrigh gu'm bheil a dhachaidh aig ceànn na slighe. 'Nuair a gheibh thu gach uile ni a's urrainnear a thoirt duit tre chrèut- airibh agus tre mheadhonaibh, an d'fhuair thu, am bheil agad na nithe sin uile anns an robh thu cho fad a' creidsinn, na nithe a bha thu cho trie ag iarraidh ann an iirnuigh, agus an duais krd sin air- son an robh thus' a' fulang ? Thar leam nach dàna dhuit a ràdh gu'n d'fhuair. Is cosmhuil sinn ri cloinn bhig, a chaidh air seachran o thigh an athar, agus tha Dia anis 'g ar treòrachadh dhachaidh, ach gheibhear sinne ullamh gu dhol asteach do thigh sam-bith eile, gu stad 'us cluith ris gach ni a choinnicheas sinn air an t-sligh, agus gu suidhe sios air gach tolman uaine ; agus gu dearbh chabheag an t-saolhair ar faighinn dachaidh. nan Naomh air thalamh. 205 An so tha sinn gach là araeasg shaothair 'us chunnart, agus am fois, no àite-fois sin ? Nach trom an obair a ta rorabainn ? Feuch, ar coimhearsnaich, ar n-anam- anan agus ar Dia, agus nach mòr an obair a tha againn ri dheanamh do thaobh gach aoin diubh sin ! Agus an urrainn sinn fois a ghabhail ameasg nan obair sin uile ? Is ionann ar fois air thalamh ri fois na h-àirc' ann am meadhon Iòrdain : fois bheag, ghoirid : no ri Abraham ag iarraidh air na h-ainglibh tionndadh asteach agus an anail a leigeil 'n a bhùth, far nach bu taitneach leo còmhnuidh a ghabhail. An tigeadh do na h-Israelich fois a ghabhail anns an f hàsach ameasg nathraichean, ameasg naimhdean 's ameasg sgios 'us gorta ? An tigeadh do Noah dachaidh bhuan a dheanamh de'n aire, agus a bhi duilich gluasad amach àisde, an dèigh " do na h-uisgeachan traoghadh?" An tigeadh do'n mharaiche a dhachaidh a thogail air druim a' chuain, agus fois a ghabhail ameasg nan creag, nan gaineamh agus nan stoirm feargach ? An tigeadh do'n t-saighdear fois a ghabhail ann an teas meadhon a naimhdean? Agus nach 'eil Criosduidhean mar luchd-turuis, mar mhar- aichean agus mar shaighdearan ? Nach 'eil eagalan againn astigh, agus cunnartan amuigh ? Nach 'eil sinn ann an cunnartaibh an còmhnuidh ? Cha n-urrainn sinn ith, no òl, no cadal, no obair, no ùrnuigh, no èisdeachd, no còmhradh a dheanamh, ach ameasg ribichean : agus an suidhear sios a ghabhail fois an so ? 0 nis, a Chriosduidh, lean air d'obair ; seall ri do chunnart ; cum romhad gu ruig a' chrioch, coisinn am blàr, agus fàg an talamh, mu'n smuainich thu air fois gun anshocair. Ge-b'-e uair a labhras tu air fois 'fhaotuinn air thal- amh, is cosmhuil thu ri Peadar air a' bhèinn ; i tha thu gun f hios agad ciod a tha thu ag ràdh.' Na'n dubhairt Criosd ris a' ghaduiche iompaichte, gabhaidh tu fois an so air a' chrann-chèusaidh, an kit a ràdh ris, " Bithidh tu maille rium-sa an diugh ann am pàrras," nach dona 'chòrdadh sin ris ? Thar learn gu'm bu bhochd an f hois do neach, fois a ghabhail ann an easlaint, ann an cràdh, ann an gèur-leanmhuinn 's ann an àmhghar. Ach raur dearbhar òirnn le hi sam-bith eile nach f haighear fois an so, is cinnteach bu choir do f huighleach a' pheac 206 Cha n-fhaighear Fois aidh, " a ta gu furas ag iadhadh umainn," a dhearbhadh gu luath air gach. creidmheach, nach ànn an so a gheibli è fois. Air an aobhar sin, deiream ris gach neach a ta nis ag\arraidh fois' air thalamh, " Eiribhagus imichibh, oir cha-n ì so bhur còmhnuidh, a chionn gu'm bheil e air a shalachadh." Mic. 2. 10. Ann an nadur nan nithe sin cha n-'eil fior fhois do'n f hior Chriosduidh. Tha iad ro bhochd gu sinne 'dheanamh saoibhir ; ro iosal gu sinne àrdachadh gu sonas ; ro f halamh gu anam a shksachadh ; ro dhiombuan gu sinne 'dheanamh toilichte gu siorruidh. Ma's ro shuarach fortan, no ni sam-bith a mhiannaichear leinn gu dia a dheanamh dheth, gu cinnteach, is ro shuarach è gu fois iarraidh ànn. Fèumaidh fois an anama 'bhi iomlan, a chum toil-inntinn mhaireannach a thabhairt dà. Ach f àsaidh gach toil-inntinn sean, a bheir crèutairean, agus siol- aidhidh ì às an dèigh a mealtuinn car ùine bige. G-ed f hrasadh Dia biadh ainglean anuas òirnn, is goirid gus an gabhamaid sgìos de'n mhana fèin. Is neo-bhlasda, trom a dh-fhksas gach taitneas air thalamh, mur ath- bheothaichear è le annas. Tha na h-uile chrèutairean dhuinn-ne, mar tha na fliùraichean do'n t-seillean ; is beag mil a gheibh è air aon diubh, air an aobhar sin, fèumar greasad a dh-ionnsuidh aoin eile. Mar a's mò 'chi sinn de 'n chrèutair, is ann a's lugha gu mòr a riaraichear sinn leis. Is ìadsan amhàin nach f haic na's mò na sgeimh a leth-muigh, a ta air an làn-toileachadh leis a' chrèutair, gun aithneachadh idir cia mòr an diomhanas a ta amis an leth-stigh dheth. 'Nuair a clh-aithnichear gu soilleir, lkn, cor dhaoine eile, agus a chithear an t-olc 's am maith, a' ghaoid cho maith ris an tomhas iomlanachd a ta ànnta, sgniridh ar meas orra, agus ar taitneas ànnta. 6. Ma ghabhas sinn tlachd ann an crèutairibh agus ann am meadhonaibh, a dh-easbhuidh Dhè leo, meud- aichidh sin ar truaighe. Na'n abradh Dia riut, " Gabh mo chrèutairean, m' fhocal, mo sheirbhisich agus m'òrduighean, ach, na gabh mi-fein ;" am bu shonas sin leat ? Na'n robh focal Dhè agad gun am Focal, a's è Dia fèin, a bhi agad ; no aran an Tighearna, 'dh-eas- bhuidh an Tiffhearna rein, neach a's è an t-aran fior : nan Naomh air thalamh. 207 no na'n abradh tu leis na h-ludhaich, " Teampull an Tighearna," agus tu gun Tighearn an teampuill agad. — nach bu bhochd an sonas dhuit sin ? An robh muirintir Chapernaum air an deanamh na bu shona, no na bu truaighe le faicinn nan oibre cumhachdach a chunnaic iad, agus le cluinntinn briathran Chriosd a chual' iad ? Is cinnteach cha n-f hois dhuinn an ni sin a mheud- aicheas ar peacadh agus ar truaighe. 7. Anis, matà, dearbhar na nithe sin uile le beachd achadh air ar fiosrachadh fèin agus air fiosrachadh rauinntir eile. Is iomadh ceud mile anam a dh'f heuch ri fois iomlan 'f haotuinn air thalamh, ach riamh cha d'f huair aon anam fois iomlan, no fois gu leòr an so. Cha n-'eilear ag ràdh nach d'f huair iad toil-inntinn, shiubhlach, ach fois agus riarachadh, sin nithe nach d'f huaradh riamh agus nach f haighear gu bràth anns a' bheatha so. Agus am faod diiil a bhi againn-ne ris an ni sin 'fhaotuinn an so, nach d'fhuair duine sam-bith eile riamh romhainn. Bu bheag aig Ahab a rioghachd, a dh-easbhuidh fion-lios Naboit, ach cha robh è air a riarachadh an dèigh dhà am fion-lios 'fhaotuinn. 1 Ri. 21. 2. Geda shealladh tu thairis air an talamh, mar a rinn columan Noah, ag ìarraidh àite-fois, philleadh tu air d'ais ag aideachadh nach robh è idir ami. Rach 'us faighnich ri onoir, Am bheil fois an so ? Eu cho math dhuit fois iarraidh air sgòrr àrd nam beànn a's gailbhiche stoirm. no arm an lasraichibh iEetna*. Faighnich ri saoibhreas, Am bheil fois an so ? Tha direach a leithid 's a gheibhear ann an leabaidh dhris. Iarr fois ann an taitneas saoghalta ; is cosmhuil an f hois sin ris an iasg a' slugadh a' mhaghair : 'nuair a's milse leis an greim, is ann a's f haisg' am has air. Iarr fois do d'anam ann an ionnsachadh, agus eadhon ann an òrduighean na diadhachd : faodaidh tu ola-ghèug an dòchais 'fhaotuinn ànnta sin, mar mheadhon a' foill- seachadh nithe na siorruidheachd, agus a' treòrachadh dhaoine 'dh-ionnsuidh am fois, ach cha n-urrainn iad sin idir, dhiubh-fèin, fois a thoirt dhuit gu bràth. Is maith a dh-f haodadh gach aon diubh sio uile freagairt ■■'■ Beinn tUeine ana an eilean Shicilia, air taobh deas na h-Eadaili. 208 Cha n-fhaìghear Fois a thoirt, mar thug Iacob do Rachel, " Am bheil mis' an kite Dhè," gu'n tigeadh tu do m' ionnsuidh a dh-iarr- aidh fois do d'anam ? Cha n-urrainn stàitean dhaoine, dùthaich no cùirt, bailtean no bùth-thighean, achaidh- ean no coilltean, airgiod no ionmhas, uaigneas no cuid- eachd, leabhradan, searmoin no searmonachadh, ni sam-bith cosmhuil ris an fhois bheannaichte so a thabhairt dhuinn. Na'm b-urrainn thu fhaighneachd de dhaoine marbh nan uile linn a bh'ànn, no de dhaoine beò air feadh uile rioghachdan a1 chruinne-chè', càit am faighear fois, theireadh iad uile riut, " Cha n-'eil fois an so." Ach mur leòr'leat fiosrachadh dhaoine eile, seall ri d'fhiosrachadh fèin. An cuimhne leat anis a bhi riamh ann an staid a rinn do làn-rìarachadh, no ma bhk, an urrainn thus' a ràdh gu'rn mair an staid sin dhuit gu bràth ? Faodar a ràdh leinn uile, do thaohh ar fois air thalamh, mar a thuirt Pòl do thaobh ar dòchais, " Ma's anns a' bheatha so a mhàin a tha i, is sinn a's truaighe do na h-uile dhaoinibh."- ICor. 15. 19. Anis, matà, ma chreidear an Sgriobtuir, no rèusan, no ar fiosrachadh fèin, agus fianuis an t-saoghail uile, faod- aidh sinn 'f haicinn gu soilleir, nach 'eil ionad-tàimh an so. Agus ged is fior sin, nach ciontach a gheibhear a1 chuid a's mò dhinn do thaobh a' pheacaidh so — iarraidh fois am far nach f haighear \. Nach iomadh cèum mì- thoileach, stad 'us seasamh a gheibhear sinne gu trie a' deanamh mu'n kill leinn an Tighearn fein a ròghnachadh mar ar fois ! Gu trie fèumaidh Dia ar cèum a ghreasad agus sinne iomain air falbh o gach cuspair eile, air eagal gu'n suidh sinn sios a' gabhail fois an so. Ma bheir è dhuinn fortan, saoibhreas, no onoir an so, tòisichidh sinn ann ar cridhe ri sùgradh agus dànnsa 'n an làthair, mar a rinn na h-Israelich an làthair an laoidh òir a rinn ìad dhoibh-fèin, ag ràdh, " Sin do dhe'e," agus their sinn "Is maith a bhi an so." Agus ma ni Dia na nithe sin searbh dhuinn, nach beagar fois gus an deanar ar staid milis, no taitneach dhuinn, chum gu'm faigh sinn suidhe sios arist a' gabhail fois ànnta ! Ma bheir Dia an crèui- air uainn gu lèir a chum ar leigheas, nach dìan, dùrachd- ach a gheibhear sinn ri saothair, ri e'igheachd 'us ùrnuigh ag iarraidh air an creutair aiseag dhuinn, a chum fois a. nam Naomh air thalamh. 209 ghabhail ami ar\st ! Agus am feadh a chumar uainn an t-iodhol anns an robh ar taitneas roimhe, is feàrr leinn a bhi beò aim an dòchas gu'm faigh sinn fathast è, agus fois a dheanamh dhuinn-fèin dhe 'n dòchas sin, na teachd a dh-ionnsuidh Dhe ; no thèid sinn o chreutair gu crèutair, ag ìarraidh cuspair èigin eile 'n a kit ; agus mur faighear ni sam-bith eile a lìonas suas àit na toil-inntinn a chàill sinn, is feàrr leinn 'fantuinn mi-thoilichte, agus fois a ghabhail ann am beatha na truaighe, na na h-uile nithe a thrèigsinn agus greasad a dh-ionnsuidh Dhè ! 0 nach mallaichte Mi-thoil ar n-anamanan an aghaidh teachd a' dh-ionnsuidh Dhe ! 0 thus' a mhi-thoil, is tu ban-mheirleach ar sithe ! Na'n robh kit so-iomchair, no car socrach air-bith ann an ifrinn, b'fheàrr leis an anam fois a ghabhail ànn, na teachd a dh-ionnsuidh Dhè. Seadh, an uair a tha Dia 'g ar treòrachadh d'a ionnsuidh fern, agus an dèigh dhà luachmhorachd a shlighean agus a sheirbhis fèin a dhearbhadh òirnn, gheibhear sinne fathast 'g ar meall- adh fèin eadhon anns a' che*um mhaith so, oir is feàrr leinn ar cridheachan a shocrachadh air na cèumaibh a tha 'g ar treòrachadh a dh-ionnsuidh Dhd, agus air na h-òrduighean a ta nis a' labhairt ruinn mu Dhia, agus air na gibhtibh 's air na beannachdan a thig o Dhia na teachd gu làn-toileach d'a ionnsuidh fèin. Anis, a Chriosduidh, na gabh iongantas mis' a bhi cho dian a' labhairt an aghaidh foiseachaidh anns na nithibh sin : ach gabh an aire nach 'eil thu- fèin a' gabhail fois' ànnta. Thar leam gu'm bheil fios agad gur diomhanas saoibh- reas. onoir agus toil-inntinn na beatha so ; agus gu'm bheil thu 'g an àicheadh mar nithe anns nach faighear fois ; agus is maith dhuit, ma's f hior sin. Acb is beag d'amharus air meadhonaibh nan gràs. Saoilidh tu nach urrainn thu toil-ìnntinn ro mhòr a ghabhail ànnta, 'nuair a chi thu a' chuid a's mò de'n t-saoghal 'g an cur suarach, no a' gabhail beag tlachd ànnta. Is maith is aithne dhomh-sa gur còir an gràdhachadh, agus mòr mheas a chur orra, agus cha Chriosduidh am fear leis nach taitniche iad na ni sam-bith eile 's an t-saoghal. Ach an uair a gheibhear sinne (ni a tha ro thric a' tach- airt,) toilichte le òrduighean a dh-easbhuidh Dhe' leo, s3 210 Cha n-fhaigliear Fois 'nuair is fekrr leinn searraoin mhaith na nèamh ; agus an uair is ànnsa leinn ball de'n eaglais a ta bhos na 'n eaglais iomlan a ta shuas ; is brònach am mearachd sin. Na gabhadh d'anam solas ann an òrduighean, ach amhàin cho fad 's a gheibhear Dia fe'in ànnta, a' cuimh- neachadh nach iad sin nèamh, ach an ceud thoradh. ' Am feadh a ta sinn aig an tigh 's a' choluinn, tha sinn air choigrich (air falbh) o'n Tighearn1. 2 Cor. 5. 6. Agus am feadh a ta sinn air falbh o'n Tighearn, tha sinri" air falbh o'n f hois. Na'n robh Dia cho toileach a blii air falbh uainn-ne 's a tha sinne 'bhi air falbh uaith-san, agus na'n robh è cho mi-thoilichte a bhi 'n a fhois duinn, 's a tha sinne fois a ghabhail ànn-san. bhitheamaid dealaichte uaith agus air ar fàgail gun fhois gu siorruidh. A dh' aon f hocal, faic cho peacach 's a tha è dhuit a bhi mi-thoilichte le do staid air thal- amh, agus cho neo-sheasmhach 's a tha do thoil-inntinn ann an Dia fe'in, agus bitheadh d'urnuigh gu trie ri Dia, ag iarraidh air an cionta sin a mhaitheadh dhuit. Os-ceànn gach plàigh eile a ta air an taobh so do ifrinn, feuch gu'n dean thu caithris agus iirnuigh nach faighear thu gu bràth a' socrachadh do chridhe air ni, no neach sam-bith ach nèamh, no idir a' gabhail fois' do d' anam ann an ni, no neach air bith eile, ach Dia fe'in. III. Is è nis an ath ni a bheirear fainear, an so, — an-toil neo-rèusanach an aghaidh bàs 'f haotuinn. Cha n-àill leinn idir dealachadh ris an fheòil bhochd so, chum seilbh 'f haotuinn air glòir agus fois nan naomh. Gheibhear sinn a' sior-stad agus a' deanamh maille, cosmhuil ri Lot ann an Sòdom, gus, " air dò'n Tighearn a bhi tròcaireach dhuinn," an spìon è air falbh sinn an aghaidh ar toile. Aidicheam nach 'eil am bàs idir taitneach ann-fe"in ; ach is taitneach fois an anama maille ri Dia, agus is è am bàs an rathad cumanta air an tèidear a dh-ionnsuidh na foise sin. Agus a chionn gu'm bheil a' chilis so air a cur suarach le mòran, agus grathail, no mi-thaitneach do na h-uile, feuchaidh mi dhuibh anis nkdur agus leigheas na h-an-toile so, le caochladh argumaid, mar a leanas : — Tha mòran as-creidimh mnte. Na'n creideamaid da rireadh anus a' ghealladh a tha Dia 'n a f hocal a' toirt nan Naomh air thalamfi. 211 air fois na glòire ; na'n creideamaid da rireadh gu'm bheil Dia gun teagamh a' ciallachadh mar tha e-fèin ag ràdh ; na'n creideamaid gu'm bheil Dia a' làn-rùnachadh gach gealladh a lkn-cho-lionadh, agus gu'm bheil sonas cho mòr, 's a chuala sinn, air 'ullachadh airson nan creidmheach, 'an àit dhuinn a bhi, mar gheibhear sinn anis, mi-thoileach, no fo eagal bàsachadh, gu cinnteach is ànn a b'f hada leinn ar beatha, bu bhliadhna leinn gach là, gus an tigeadh ar là mu-dheireadh. An urrainnear idir a rkdh gu'm bheil sinne da rireadh a' creidsinn gu'n togar suas leis a' bhàs sinn o thruaighean cho mòr, gu glòir cho mòr, agus sinne fathast an-toileach bàs 'fhaotuinn? Ma's è ar teagamh fèin air còir anns a' ghlòir sin. is aobhar eagail dhuinn, tuigeamaid gu'n deanadh f ior chreidimh ann an cinnteas agus ann an òirdhearcas na foise so, sinne mi-fhoisneach gus am faiceamaid ar còir oirre air a deanamh soilleir dhuinn. Geda gheibhear mòr chreidimh agus mòr dhiadhaehd ann ar bilibh, gidheadh tha fathast mòran mì-chreidimh agus mòran pàganachd anns na cridheachan againn, agus is è sin is àrd aobhar do'n an-toil, no do'n eagal a gheibhear annainn a dhol anull tre'n bhks. Gheibhear an an-toil so ag èirigh bho fhuarachd reòta ar gràidh. Ma's gràdhach leinn ar caraid, is toigh leinn a chuideachd, is toigh leinn a lkthaireachd, is duilich leinn uainn è. 'Nuair a thig è h-ugainn, cuiridh sinn f kilt air, agus gabhaidh sinn ris le gairdeachas 'Nuair a gheibh è bks, ni sinn caoidh air a shon, agus gu trie caoidh ro mhòr. 'Nuair a dhealaichear neach o charaid gràdhach, dìleas, tha sin dhk mar bhall air a ghearradh o 'chorp. Agus nach bitheadh ar dèigh air Dia cho làidir sin, na'n robh f ìor ghràdh againn dà ? Ni-h-eadh, ach nach bu choir dhuinn grkdh fada nan cìan na's mò na sin a thoirt do Dhia, oir is fìor àillidh esan seach gach uile charaid eile ? 0 gu'n teagaisgeadh an Tighearn sinn gu sealltuinn astigh gu dltith air ar cridheachan fèin, agus gus an aire cheart a thoirt, nach f haighear sinn 'g ar mealladh fèin anns a' chùis so ! Ciod-air-bith a dh-aidicheas sinn, ciod-air-bith a their, no 'chreideas sinn, ma ghràdhaicheas sinn athair, mkthair, fear-pòsda, bean, leanabh, caraid, saoibhreas, 212 Cha n-fhaighear Fois no ar beatha fèin, na's mò na Criosd, cha dheisciobuil dhk-san sinn idir fathast. 'Nuair a thig là niòr an dearbhaidh, cha n-i idir a' cheist, Co a's mò a shearmon- aich, no cò a's mò a labhair, ach, cò a's mò a ghrkdhaich ? Cha ghabh Criosd searmoinean, no ùrnuighean, no trasgadh, no idir ar maoin a thoirt do na bochdan, no ar cuirp a thoirt gu bhi air an losgadh, 'an kit grkidh. Agus an urrainn gràdh a bhi againn dha, agus sinn fathast coma cia fad a bhitheas sinn uaith-fèin ? Nach b1 aoibhneach Iacob a' dol a dh-f haicinn gnùis Iòseiph 's an Eiphit ? agus am bi sinne toilichte gun sealladh 'f haicinn do Chriosd ann an glòir, agus sinn ag ràdh gu'm bheil grkdh againn dà ? Cha dana dhomh a rkdh nach 'eil grkdh idir againn da, 'nuair a gheibhear sinn cho an-toileach a dhol dachaidh gu fois na glòire ; ach their mi, na'n robh tuilleadh grkidh againn, bhitheamaid na's toiliche falbh. Na'n robh lasair naomh a' ghrkidh air a lan-bheothachadh ann ar broilleach, is toileach a theireamaid le Daibhidh, " Mar a thogras am fiadh chum nan sruth uisge, mar sin tha m'anam a' togairt a' d' ionnsuidh-sa, a Dhe. Tha tart air m'anam chum Dhè, chum an De bheò : c'uin' a thig mi, agus a nochdar mi 'am fìanuis Dhè ?" Salm 42. 1, 2. Bho'n an-toil so a ta annainn a dhol tre chèum a' bhàis, tha è soilleir nach 'eil sinn ach beag-sgith de'n pheac- adh. Na'm b1 è am peacadh olc a's grkineile agus a's mò leinn, cha bhitheamaid toileach fuireach 'n a chuid- eachd cho fada. " 0 thus' a chridhe pheacaich, am- aidich 1 thusa-fèin a b'àit-còmhnuidh, cho fada, do gach ana-miann neo-ghlan ; thusa, tobar a' s\or-thaom- adh amach uisgeachan searbh, salach a' pheacaidh, nach 'eil thu fathast sgith dheth? Anam bhochd! thu fèin 'us d'uile bhuaidhean a' crìonadh sios, thu cho doilgheasach, truagh, mall anns gach gniomh, thu cho luchdaichte leis gach ducoir, agus nach 'eil thu fathast sgith dhe sin ? Am b'kill leat laidhe sios fathast fo d' è*igin, fo do laigse, agus fo d' uireasbhuidh? An d'fhuair thus' am peacadh 'n a bhuannachd cho tarbhach, 'n a chompanach cho fèumail, 'n a obair cho taitneach, 'nuair a tha eagal cho mòr ort roimh uair do dhealachaidh ris ? Nach ceart a dh-fhaodadh Dia do thoil a dheònachadh dhuit, a£;us4 arèir d' iarrtais, d'kit nan Naomli air thalamh. 213- a she'ulachadh dhuit, astar fada uaith-fèin, agus do ehluasan a thairgneachadh ri dorsaibh sin na truaighe, agus do ghlasadh amach gu siorruidh bho fhois na glòire ?" Chithear nach 'eil mothachadh againn air diomhanas a' chreutair, 'nuair is fuathach leinn cluinntinn, no smuaineachadb air an imrich. " Ah ! anam amaidich, mhi-shona ! Nach 'eil gach priosanach eile nis ag osnaich an dèigh fuasglaidh ? Nach miannach leis gacli tràill là saoraidh'? Nach miannach gach duine tinn air plaint ? Nach f hada leis gach acrach gus am faigh è biadh? agus, O m' anam, am fuathach leat-sa-fein fuasgladh ? Nach iarr an seòladair am fearann 'f haicinn ? Nach iarr an tuathanach am foghar, agus an cosnach a phàidheadh? Nach f hada leis an f hear-astair gus an ruig è a dhacbaidh ? Nach f hada leis an rèisear gus an coisinn è an duais, agus leis an t-saighdear gus an coisnear am blàr ? agus am faighear thus' amhàin mi- thoileacb toradh do shaothair a mhealtuinn, agus crioch do chreidimh agus d'fhulangais 'fhaicinn 'us 'fhaot- uinn ? Am bruadar do bhròn ? Ma's eadh, is dona 'thig dhuit eagal a bhi ort dùsgadh. Ach nach e'udar aideachadh gur bruadar agus sgleò uile thaitneas an t-saoghail, mur 'eil an saoghal anis air fàs tairis, — air fàs na's caoimhneile na b'àbhaist dà?" Faodaidh sinne, fo chunnart ar n-anamanan, sinn-fèin a dheanamh reidh ris an t-saoghal, ach gu bràth cha dean an saoghal e-fèin rèidh ruinn-ne." 0 thus7 anam neo-airidh .r leis am b'f heàrr còmhnuidh a ghabhail ann an tir an dorchadais agus a dhol air seachran anns an f hàsach thioram, chruaidh, neo-thorach so na bhi ann am fois maille ri Criosd ! thusa leis am b'f heàrr fantuinn ameasg nam madadh-alluidh, agus fulang gach là fo ghathaibh an scorpioin, na 'dhol a mholadh an Tighearna maille ri armailtibh nèimh !" Is ceannairc mhòr an droch an-toil so an aghaidh an Tighearna. Nach 'eil ì gu soilleir a' dearbhadh gur feàrr leinn an talamh so na Criosd, agus na nithe 'ta làthair na sonas buan, agus gu'm bheil sinn mar sin a' deanamh fior dhia dhiubh ? Na'n ròghnaicheamaid Dia fèin mar ar crioch, ar fois, ar cuibhrionn, ar n-ionmhas, ciamar a b'urr- 214 Cha n-fhaìghear Fois ainn sinn a bhi toilichte 'dh-easbhuidh a bhi gu durachd ach ag iarraidh a mhealtuinn ? Agus chithear cealgair- eachd anns an an-toil so. Am b'àill leat duine am-bith do chreidsinn, 'nuair a their thu gur è an Tighearn fèin d'aon dòchas, agus a labhras tu mu Chriosd mar " na h-uile anns na h-uile," agus air an " lànachd aoibhneis a ta 'n a làthair," agus an dèigh sin uile, is feàrr leat a bhi air do shàrachadh fo na buillibh a's goirte 's a' bheatha so, na dealachadh riutha agus a dhol astigh do lathair an Tighearna. Nach 'eil sinn ag àicheadh ar l)riathran fèin, 'nuair a labhras sinn cho garg an agh- aidh an t-saoghail agus na feòla, 's a gheibhear sinn ri osnaich 'us gearan air fulang fo thrioblaidibh goirt a' pheacaidh, agus gidheadh cha n-'eil cuis eagail ànn a's mò leinn na 'n uair sin a bheir fuasgladh dhuinn gu bràth o gach trioblaid ? Nach mòr a' chealgaireachd so ! sluagh ag aideach- adh a bhi ri spàirn chruaidh, agus a' cogadh airson nèimh, agus iad mi-thoileach a dhol do nèamh : ag ùrnuigh là an dèigh là, 's ag iarraidh beannachd nach àill leinn a ghabhail ! Is èucoir a' mhi-thoil so an agh- aidh an Tighearna agus a gheallaidhean, a' maslachadh a shlighean ann an suilibh an t-saoghail. 'Nuair a chi sluagh an t-saoghail sinne cho mi-thoileach a dhol gu fois na glòire, nach 'eil ar grnlain 'g am brosnachadh gu teagamh a chur ann am focal 's ann an gealladh Dhè ? Nach abair iad, Am bheil glòir ann cho mòr 's a tha anSgriobtuiragainmeachadh? 'Nuair a chi iad sinne cho mi-thoileach dealachadh ris na nithibh a ta làthair, — sinne a dh'aidich a bhi beò tre chreidimh, — sinne a bha gu trie a' deanamh uaill às ar dòchas ri fois ann an saoghal eile — sinne a bha cho trie ag innseadh do mhuinntir eile gur suarach na h-uile nithe a ta bhos ann an coimeas ris na nithibh maireannach a ta shuas, — fathast mi-thoileach a dhol suas a mhealtuinn nan nithe sin ; nach teannaich an droch eisempleir so gu mòr sluagh an t-saoghail 'n an as-creidimh agus 'n am feòl- mhorachd ! " Gu cinnteach," their iad, " na'n robh dùil aig an luchd-aideachaidh sin ri glòir cho mòr, na'n robh an saoghal cho suarach leo 's tha iad ag ràdh, cha bhitheadh ìad-fèin cho mi-thoileach a dhol imrich às." nan Naomh air thalamh. 215 0 cia mòr an èucoir so an aghaidh Dhè agus anamanan ! ciamar a f hreagras sinn air a son ? Nach bu mhòr an onoir do Dhia, nach bu mhòr an neart do na creidmhich, agus nach bu mhòr an dearbhadh 's an teagasg do as-creidmhich, na'n deanadh Criosduidhean arèir an aideachaidh anns a' chilis so : na'm f àilticheadh ìad an teachdair gu suilbhir, 'nuair a thigear 'g an gairm dhachaidh gu fois na glòire. Tha è soilleir o'n mhi-thoil so gur beag fèum a rinn sinn de'n ùin mhòir a chaith sinn air an talamh. Nach d'fhuair sinn uile làithean ar beatha chum sinn-fèin ullachadh gu bàsachadh ? cho liuthad bliadhna gu sinn- fein a dheanamh ullamh airson aon uair, agus am bheii sinn fathast cho mi-ullamh 'us cho mi-thoileach ? Ciod a bha sinn a' deanamh ? Carson a dh'f hàgadh cho fada beò sin ? An robh gnothach a b'f heàrr na so againn ri chuimhneachadh ? Am b' kill leinn i-abhadh 'fhaotuinn na bu trice ? Nach trie a chunnaic sinn am bàs a' gairm air ar coimhearsnaich ? Nach trie a bhuail è aig ar dorus fein ! Nach iomadh èucail a chiùrr ar cuirp. ionnus gu'm b'èigin duinn èisdeachd ri " bìnn a' bhàis !" Agus am bi sinn mi-ullamh agus mi-thoileach an dèigh sin uile ? 0 nach mi-churamach, marbh-chridheach na peacaich sinne, crdutairean mi-dhileas, neo-airidh a' dearmad nan iomadh rabhadh a thugadh dhuinn le Dia, agus a' brath ar n-anamanan fèin ! Cuimhnich, mur bàsaichear, cha ruigear air sonas gu bràth. B'è am bàs a sheachnadh, àrd shonas a chàll, mur togadh Dia suas sinn, mar thog è Enoch agus Eliah, ni nach d'rinn è riamh roimh sin, no 'n a dhèigh, ri neach air-bith eile. " Ma's anns a' bheatha so amhàin a tha dòchas againn, is sinn a's truaighe de na h-uile dhaoinibh." I Cor. 15. 19. Murb'àillleat bàsach- adh agusadhol do nèamh, ciod tuilleadha b'àillleat seach geòcair, no brùid ? Carson a gheibhear sinn ri urnuigh, agus ri trasgadh agus ri caoidh ? Carson a tha sinn a' fulang tkire bho'n t-saoghal? Carson is Criosduidhean. agus nach Pàganaich agus as- creidmhich sinn ; mur 'eil sinn ag iarraidh na beatha ri teachd ? Anis, a Chriosd- uidh, am b'àill leat do chreidimh agus do shaothair, tor adh do dhleasanais agus d'fhulangais, uile chrioch dc 216 Cha n-fhaighear Fois bheatha, agus slàint tre f huil Chriosd, a chàll, agus a bhi toilichte le cuibhrionn spiocaire, no bruid ? Gu-ma feàrr leat a ràdh, mar thuirt aon àraid air a leabaidh- bhàis, an dèigh do neachfhaighneach dheth, co dhiubh a bha, no nach robh è mì-thoileach bàsachadh, " An urrainn," ars' e-fèin, " neach a tha toileach a bhi maille ri Criosd, a bhi mì-thoileach bàsachadh !" Nach 'eil Dia toileach sinne 'ghlòrachadh leis a' bhàs, agus carson a gheibhear sinn cho mì-thoileach bàsach- adh, a chum a bhi air ar glòrachadh ? Shaoilinn, na'm bitheadh prionnsa toileach oighre 'dheanamh dhiot air-fèin, gur gànn a dhiultadh tus' an onoir sin. Bu mhi-thaingeil, neo-airidh neach a dhiultadh caoimhneas cho mòr. Is teànn a bhuineas Dia ris a' mhuinhtir a fohitheas a' gabhail leisgeulan, 'nuair bu choir dhoibh teachd a dh-ionnsuidh Chriosd : tha è nis a' labhairt 'n an aghaidh, mar so, " Cha bhlais aon de na daoinibh ud a fhuair cuireadh, de m' shuipeir-sa." Luc. 14. 24. Direach mar sin, matà, buinidh è ruinn-ne, ma gheibhear sinn a' deilbh leisgeulan, 'nuair bu choir dhuinn a •dhol gu toileach a chum fois na glòire. Bu toileach an Tighearn Iosa teachd anuas o nèamh a dh-ionnsuidh na talmhainn air ar son-ne, agus am bi sinne mi-thoileach a dhol imrich o'n talamh gu nèamh, air ar son-fèin agus air a shon-san ? Dh-f haodadh è "'ràdh, " Ciod è sin dhomh-sa, ma dh-fhuiligeas na peacaich sin ? Ma's luachmhoire leo am feòil na 'n iinamanan fein, agus an ana-m\annan fèin na gràdh m' Athar-sa ; ma reiceas iad an anamanan air neo-ni, cò is còir an call sin 'f hulang? An è Mise, air an d'rinn iad èucoir ? Am faod ìad d'an deòn mo lagh a bhriseadh, agus am fèum mis' am pian, a thoill iad, 'f hulang ? An ■eudar dhomh teachd anuas o nèamh a dh-ionnsuidh na talmhainn agus mi-fein èideadh le feòil an duine, gu bhi air mo chur fo smugaidean 'us fo mhagadh dhaoine, gu trasgadh agus guil a dheanamh, agus gu fallas tròm a shileadh, agus gu m' fhuil a dhòrtadh agus gu bàs mallaichte 'f hulang ; agus sin uile airson dhurragan truagh leis am b'fheàrr an anamanan fèin a chur fo cunnart, na aon ghreim toirmisgte àicheadh dhoibh-fèin? An tilg iadsan air falbh ìad-fèin cho suarach, 'us mise nan Naomh air ihalamh. 217 'g an saoradh le luach cho daor ?" Mar so chithear gu'n robh cion-fàth mòr aig Criosd a bhi mi-thoileach teachd 'g ar saoradh, ach gidheadh thàinig è gu toileach, deònach. Ach cha n-'eil reusan air-bith ann gu sinne 'chumail o theachd a dh-ionnsuidh Chriosd, mur labhair sinn an aghaidh ar dòchais, ag iarraidh fantuinn gu bràth ann ar dosgainnibh fèin. Thàinig Criosd anuas a chum sinne 'thogail suas. Agus am b'àill leinn Criosd 'f huil a dhòrtadh, saothair cho mòr a dheanamh air ar son, agus falbh arist, gun sinn-fein a dhol maille ris idir. An do cheannaich è fois dhuinn le èirig cho luachmhor ? Am bheil oighreachd ' air a ceannach dhuinn le fuil Chriosd?' Agus am bheil sinne, an dèigh. sin uile, mi-thoileach a dhol astigh do'n oigh- reachd againn-fèin ? Ah ! a dhaoine, is ann aig Criosd 'us cha n-ànn idir againn-ne, a bha cion-fàth a bhi mi-thoileach. O gu'n deanadh an Tigheam ar mi-thoil a mhaitheadh dhuinn, agus a' mhi-thàingealachd so a shlànachadh, a' gearradh uainn gach smuain nach 'eil areir a thoile fèin. Nach 'eil sinn a' cuideachadh le droch innleachdan nan naimhdean a's miosa agus a's an-iochdmhoire a ta againn, 'nuair a gheibhear sinn mi-thoileach siubhal, agus a dhol do nèamh ? Ciod ì obair an diabhuil gach là ? Direach ar n-anamanan a chumail o Dhia. Agus am bi sinne toilichte le sin ? Nach 'eil sinn ag iarraidh leth na h-ifrinn dhuinn-fèin, am feadh a gheibhear sinn ag iarraidh a bhi air falbh o nèamh ? Nach taitneach an spòrs so le Satan, a Chriosdnidh, do mhiann-sa agus a mhiann fein a bhi nis a' còrdadh anns a' chuis so ? 'Nuair a chì è nach urrainn è do mhealladh sios leis gu ifrinn, is maith leis gur urrainn è do chumail cho fad amach à nèamh, agus a thoirt ort-fèin a bhi gu dtuachd- ach ag iarraidh sin I Ho ! na toilich idir an diabhul, a' deanamh croin cho mòr ort-fèin ! Nach 'eil eagal a' bhàis gach là anshocrach dhuinn. 's a' sior-phianadh ar beatha, 'nuair bu choir dhuinn a bhi làn aoibhneis, 's a' meòrachadh air a' bheatha bheannaichte ri teachd ; gach là 'us uair air air beothachadh suas le smuaintibh milis, sòlasach air sonas sìorruidh na glòire?* Ach is ànn a gheibhear sinne gu ro thric air ar crathadh, air 218 Cha n-fhaighear Fois ar gluasad, no air ar buaireadh. le droch eagalaibh gun aobhar ! Mar sin, a' milleadh ar sòlais fèin, 's a' rèubadh as a chèile nan toil-ìnntinn a's àirde luach. 'Nuair a dh-fhaodamaid laidhe sios, eirigh suas agus gluasad mu-n-cuairt le cridheachan air an sàr-lìonadh le aoibh- neas ann an Dia, is ànn a gheibhear sinn an còmhnuidh air ar lionadh le grath 'us uamhas. An ti air am bheil eagal a' bhàis, bithidh eagal air a ghnàth ; a chionn gu'm bheil aobhar aige do ghnàth, dùil a bhi aige ris a' bhàs. Agus cionnus is urrainn beatha an duine sin a bhi sòlasaeh, a tha beò fo eagal gun sgur, gu'n càill è gach solas 'us taitneas ? Cò às a tha eagal a' bhàis ? nach sinn-fein a chruth- aich è ? nach è am fulangas so ar deanadas fèin ? Mar nach bu leòr leinn gach cronachadh a thug Dia dhuinn a chum ar maith. fèumaidh sinne sinn-fèin a shàrachadh a chum ar cron. Nach 'eil am bàs searbh gu leòr (•heth-fèin, ged nach deanadh sinne a shearbhachd dtibailt, no trì-fìllte ? Tha na trioblaidean a leigear òirnn le Dia, gu Mr a' treòrachadh gu buil mhaith. Tha ìad 'g ar toirt o thrioblaid gu foighidin, o sin gu dearbhadh, agus arist gu dòchas, agus fa dheòigh gu glòir. Ach tha na trioblaidean, a bheir sinn òirnn-fem, a' sìor-iadhadh umainn, 'g ar sior-chuairteachadh, agus sinn-fèin a' dol o pheacadh gu trioblaid, o thrioblaid gu peacadh, agus o . thruaighe gu truaighe gun stad. Cha n-è sin uile, ach. f àsaidh ìad mòr, lìonmhor 'n an cèum. Is mò gu trie gach peacadh ùr na 'm peacadh a linneadh roimhe, agus mar sin meudaichidh trioblaid òirnn : ionnus, mar abair sinn gu'n d'rinn Dia pianad- airean dhuinn-fèin dhinn, gur beag ar fèum air a bhi cho trie ag altrum eagal a1 bhàis. Ach nach beag is fhiach, agus nach neo-tharbhach an t-eagal so ? ' Cha n-urrainn ar curam uile aon Fhuiltein a dheanamh geal no dubh,' no "aon làmh- choille a chur ri ar n-hirde fèin." Agus cha mhò is urrainn eagal ar trioblaidean a bhacadh, no idir uair ar bàis a chur aon mhionaid na's fhaide uainn ; oil* toil- each, no mi-thoileach sinn, feumar falbh. Is trie a gheibhear eagal a' greasad muinntir a dh-ionnsuidh a' bhais. ach cha chualas riamh gu'n robh bàs duine sam- nan Naomh air thalamh. 2 1 9 bith air a chasgadh le eagal. Gu tìnnteach is maith dhuinn eagal giic, curamach a bhi òirnn às a' chunnart a ta an dèigh a' bhàis. Bu tarbhach an t-eagal so do mhò ran, agus tha è anabarrach fèumail a chum slnagh a chumail amach às. a' chunnart sin a tha air taobh thall a' bhàis ; ach is neo-tharbhach, peacach eagal a bhi air aon de oighreachan Chriosd a dhol astigh d'a oighreachd fein. Nach 'eil eagal a' bhàis a' ribeadh ar n-anamanan, 's ag àrach iomadh buairidh ? Ciod a thug air Peadar a Thighearn àicheadh ? Ciod a bheir air luchd-claonaidh an f hirinn a threigsinn air amaibh dearbhaidh, no f alangais ? Carson a sheargas duilleag ghorm agus bhog a' chreidimh neo-fhreumhaichte fo theas na gèur-leanmhuinn ? Is olc eagal priosain, is olc eagal bochduinn, ach is è eagal a' bhàis a's mìosa gu mòr. Mar is mò d'eagal as a' bhàs, is ànn-gu trie is mò do ghealtachd agus do neo-dhilseachd ann an seirbhis Dhè. Is è am peacadh so, anns am bheil sinn ciontach cho trie, an toll dorch, truaillidh sin anns am bheileas a' deilbh ìnnleachdan lionmhor an as-creidimh, gearan air riaghladh glic Dhe, agus droch smuaintean mu oibribh a f hreasdail. Smuainieh air an ùin fhada, chubhaidh, chuimsich a fhuair mòran dhinn air thalamh. Ma's àill le duine siubhal idir, carson a bhitheadh è mi-thoileach a dhol imrich gu fois na glòire, aig aois dheich bliadhna fichead, no aig dà f hichead, ma chi Dia iomchuidh a ghainn, cho deònach 's a rachadh è aig tri fichead 's a deich, no aig ceithir fichead ? Cha dean hin fhada truaillidheachd a cheannsachadh. Cha shearg agus cha chrìon ì gu bràth le aois. Mur faigh sinn tuille gràis maille ri làithean fada, is ann a bhitheas sinn, arèir nàduir, a' fàs na's miosa. " 0 m'anam siubhail 'an sith ! Mur b'àill leat saoibhreas 'us onoir gun tomhas, na iarr hin ro fhada air thalamh. O m'anam ! na'n tuigeadh tu cho neo- airidh 's a tha thu air aon uair de'n fhoighidin sin a ghiùlain leat cho fada, theireadh tu, Is mòr mo thim. Nach 'eil crioch do làithean air a suidheachadh le gliocas Dhè ? Cuiridh Dia onoir air-fèin le caochladh duine agus le iomadh linn, agus cha n-ann le aon duine 220 Cha n-fhaigliear Fois do aon linn. Air dhuit-sa d'obair fèin a dheanamh, agus do rèis òrduichte fèin a ruith, gluais dhachaidh gu toilichte, agus lionadh muinntir eile d'àit, gach aon diubh a' dol 's a' tighinn 'n a char fein, cho maith riut-sa. Is honmhor dleasanas a tha aig làithean fada. Iarr thusa, matà, gràs a chum fèum na's feàrr a dheanamh dhe d'aimsir, agus bi toilichte le àireamh do làithean. " 0 m'anam ! agad-sa bha tomhas freagarrach de shòlasaibh na beatha so, Dh-f haodadh Dia do bheatha 'dheanamh truagh, tròm dhuit ; dh-f haodadh a sgios agus a h-uallach a bhi air an deanamh cho mi-thaitneach dhuit 's a tha d' eagal anis dealachadh rithe. Dh-f haod- adh è 'cheadarhadh dhuit do làithean a chaitheamh ann an dorchadas an aineolais gun eòlas teàrnaidh air Criosd : ach faic mar dh'fhosgail è do shiiilean air maduinn do laithean, a' teagasg eòlais dhuit gu trie air obair do bheatha. An do thilg d'Athair nèamhaidh do chrannchur anns an Roinn-Eòrpa, agus cha n-ann 's an Asia, no ann an Africa ; ann an America, no ann an Sasunn, agus cha n-ann 's an Spàinn, no 's an Eudailt? Nach do lion è d'uile bheatha le tròcairibh prìseil, agus am beag leat anis do chuibhrionn ? Smuain- ich, nach iomadh uair shòlasach, nach ìomadh sàbaid thaitneach. lèughadh luachmhor, companach dileas, fnrtachd iongantach. fàth-chothrom òirdheirc, obair tharbhach, sgèul aoibhneach, fiosrachadh milis agus freasdal miorbhuileach a shealbhaich do bheatha ! An robh do bheatha cho milis dhuit as nach kill leat deal- achadh rithe ? An è sin do thàing do 'n Ti sin a tha, mar sin, ag iarraidh do thoirt a dh-ionnsuidh na mil- seachd a thaisg e-fein snas dhuit ? 0 thus' anam amaid- ich ! b'f heàrr gu'n robh thu cho sanntach an dèigh na siorruidheachd 's a tha thu an ddigh na beatha sin a tha gach uair a' seargadh agus a' cvìonadh às. B'f heàrr gu'n robh thu cho dèigheil air gnuis Dhia ann an glòir 's a tha thu air còmhnuidh air thalamh ! Na'n robh, ghlaodhadh tu, ' Carson a ta 'chavbad co fhad a' . teachd? c'arson a ta rothan a charbaid a' deanamh moille ?' Cia fhad, a Thighearna ! cia fhad ! " Ciod, na'n ceadaicheadh Dia dhuit a bhi beò mòran bhliadhnachan air talamh, ach na tròcairean, a bha ag- nan Naomh air thalamh. 221 ad roimhe, àicheadh dhuit ? Nach f haodadh è beatha 'thabhairt duit, mar thug è na gearra-goirt do na h-Israelich ghearanach ? Dh-f haodadh è beatha 'thabh- airt duit gus am bitheadh tu sgìth dhi, agus cho toilichte dealachadh rithe 's a bha Iùdas, no Ahitophel ; agus gus am fagaidh ì thu cosmhuil ri iomadh cre'utair truagh 's an t-saoghal, a's gann is urrainn iad-fein a chumail o làmh-mharbhaidh a chur 'n am beatha fèin Na bì-sa, matà, ag ìarraidh làithean cho fada, air eagal gu'm faod iad a bhi 'n am mallachd 'us cha n-ann idir 'n am beannachd dhuit. " 0 m'anam ! nach lionmhor seirbhiseach luachmhor le Dia, as gach linn agus àit, a chaidh dhachaidli romhad ! Cha n-ànn idir air rathad neo-choisichte 'tha thus' a' dol. Cha tus' idir an ceud neach a chaidh null air an t-sligh so. Co de na naoimh, ach Enoch agus Eliah, nach deachaidh tre cheuni a' bhàis ? Agus am feàrr thusa na iadsan ? Is iomadh ceud mile de na naoimh a fhuair bàs, seach na tha an diugh air an talamh dhiubh. Nach mòr an àireamh dhe do chair- dean gràdhach fèin. agus dhe do chòmpanaich ann an dleasanas, a dh'fhalbh, agus carson a bhitheadh tusa cho mi-thoileach an leantuinn ? Ni-h-eadh, ach nach deachaidh Criosd fèin air an t-sligh so ? Nach d'rinn è, le 'chorp fèin. an uaigh socrach, agus an dus cùbh- raidh dhuinn, agus am bheil thusa m-ithoileach Crio.-d a leantuinn cuideachd ? G-u-ma feàrr leat a ràdh le Tomas ' Eachamaid-ne mar an ceudna, chum gu'm faigh sinn bàs maille ris'." Mur leòr na chaidh a ràdh gu muinntir a dheanamt reidh ri imrich a' bhais, is beag a ni Sgriobtuir no rèusan. Labhair mi gu pailt air a' chuis so, a chionn gu'n d'fhuair mi sin fèumail dhomh-fèin agus do mhuinntir eile ; agus a chionn gu'm faca mi mòran Chriosduidhean a b' urrainn mòran a dheanamh, agus mòran 'f hulang airson Chriosd, ach is beag dhiubh sin a b'urrainn am bàs 'f hulang gu toileach ; agus àireamb lionmhor eile, geda thug iad, ann am pàirt, buaidh air truaillidheachd an nàduir, is ro bheag dhiubh a fhuair buaidh air an an-toil so. Cha n-'eil mi idir ag iarraidh air sluas:h mi-dhiadhaidh, no air na h-ains;idh 222 Caithe-beatha nèamhaìdh eagal a' bhàis a chur uatha : is ànn is iongantacb, gu dearbh, nach 'eil tuilleadh orra dheth. Is ionganla&h nach. 'eil iad an còmhnuidh fo chrith eagal às a' bhas. Tuilleadh teannachaidh dhoibh-san fo'n eagal so, gu* an tig iad a dh-ionnsuidh Chriosd a sgapas air falbli gach eagal, mar a sgapas a' ghaoth am moll. Caibdeil XI. Mor luach Caithe-beatha Nèamhaidli a choimhead, no àiteachadh air thalamh. Am bheil fois eho gldrmhor air a fàgail dhuinn? Carson, matà, nach 'eil sinn a' smuaineachadh oirre na's trice ? Carsuii nach 'eil ar cridheachan suidhicht' oirre an còmhnuidh ? Carson nach 'eil ar cridheachan a' tuineachadh air an f hois so, agus a' meòrachadh oirre gu seasmhach ? Ciod idir is aobhar do'n dearmad so ? Am bheil sinn rèusantach aims a' chùis so ? Freagair a' cheist. Dh'ullaich an Dia sìorruidh glòir cho mòr ' dhuinn, agus gheall è sinn-fèin a' thogail suas a chum còmhnuidh a ghabhail maille ris-fèin, agus nach fhiach sin smuaineachadh air ? Nach bu choir do mhiann ar cridheachan a bhi 'plosgartaich an dèigh na foise so ? Am bheil sinn a' creidsinn so, agus sinn fathast 'g a dhi-chuimhneachadh agus 'g a dhearmad ? Mur cead- aich Dia dhuinn teachd dlhth do'n t-solus so, ciod a thathas a' ciallachadh leis gach cuireadh durachdach a tha e-fein a' tabhairt dhuinn ? Carson a tha è cho trie a' diteadh talmhaidheachd ar n-inntinn, agus ag àith- neadh dhuinn ar cridheachan a shocrachadh air na nithibh a ta shuas ? Ah ! cridheachan truaillidh ! Na'n robh fois nèimh air a toirmeasg dhuinn le Dia, is ann bu dòchà sinn a h-iarraidh, ach cha ghluais ar cridheachan aon òirleach d'a h-ionnsuidh, 'nuair a tha Dia ag àithneadh dhoibh èirigh suas gu nèamh. Cos- mhuil ri ar sinnsearaibh peacach, na h-Israelich, nach gluaiseadh cèum, ach a dh'èirich ann an ceannairc, 'nuair a dh'òrduich Dia dhoibh gluasad a dh-ionnsuidh tir Chanàain ; ach cho luath 's a thoirmisg è dhoibh a a choimliead air thalamh. 223 dhol air an aghaidh, thog iad orra gu falbh gun dàil. Mar a's trice 'their Dia "Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithe a tha 's an t-saoghal," is ann a's teotha dh-fhàsas ar gràdh do'n t-saoghal. Nach saor, trie a gheibhear sinn a' smuaineachadh air ar taitneasaibh, air ar càirdean, air oibribh, air an fheòil 's a h-ana- miannaibh, seadh air èucoiribh 'us truaighean, air eagalan 'us trioblaidean ! Ach càit air thalamh am faighear Criosduidh aig am bheil a chridhe làn-shuidh- ichte air an f hois nèamhaidh ? Dè so ? Am bheil sinn cho làn aoibhneis, agus gun f hèum air tuilleadh ? Nach 'eil dad idir air nèamh gu sinne 'dheanamh aoibh- neach ? Ach nach ann againn a tha na cridheachan feòlmhor, tròm, dàll. Islicheamaid na cridheachan feòlmhor sin anns am bheil cho beag sùim mu Chriosd, agus mu ghlòir. Mur labhramaid air ni sam-bith eile, ach air nithibh an t-saoghal so, mheasadh na h-uile sinn mi-dhiadhaidh ; carson, matà, nach meas sinn ar cridh- eachan fèin mi-dhiadhaidh, 'us cho beag tlachd aca ann an Criosd agus ann an nèamh ? Ach is ann amhàin ìiutha-san aig am bheil an cuibhrionn air nèamh a thatar a' labhairt an so, — riutha-san aig am bheil an dòchas an sin, agus a thrèig na h-uile nithe airson na glòire so : agus am bi sgàth òrm a chomhairleachadh dhoibh-san ìnntinn nèamhaidh àiteachadh air thalamh? Mo chomh-Chriosduidhean, mur èisd, mur gèill, mur creid sibhse, cò eile a nì è ? Is maith a dh-f haodas sinn gearan a dheanamh nach èisd an saoghal ain-diadhaidh. dall ri earail dileis, agus a ràdh, mar thuirt Maois, " Feuch, cha d'eisd claim Israeil rium ; cionnus ma tà 'dh'èisdeas Pharaoh rium- sa?" Ach, a leughadair, comhairlicheam dhuit, ma tha dòchas agad ri cuid anns a' ghlòir so, do chridhe fe'in a ghairm anis gu cùnntas. Cronaich è gu sgaiteach airson a dhearmaid air Dia. Tog suas do smuamtean de gach dìomhanas. J^ubadh d'anam agus smuainicheadh è air -siorruidheachd. Dean saothair chabhagach airson na beatha ri teachd. Cleachd thu-fèin ri meòrachadh spioradail. Na biodh do smuaintean air na nithibh so, ainmig, no èutrom. Fairc d'anam ann an sòlasaibh nèimh. Ma gheibh thu d'anam mì-thoileach, ceànn- 224 Caithe-beatha nèamhaidh saich è. Ma thòisicheas è ri fannachadh, beothaich è. Ma thòisicheas do smuaintean nèamhaidh ri sgaoileadh. cruinnich astigh ìad ; cum air an obair ìad, agus na ceadaich dhoibh, air chor sam-bith, a bhi rag, leisg, no dearmadach. Agus an dèigh dhuit, ann an ùmh- lachd do Dhia, oidhirp a thoirt air an obair mbaith so, agus fàs eòlach oirre, dean faire air do smuaintibb, gus an ìonnsuich ìad geilleadh : an sin gheibh thu thu- fèin fagus do nèamh, agus blaisidh tu air a' mhìlseachd a ta ann an oibribh agus ann an slighibh Dbè, agus tuigidh tu gur beatba aoibhneach, beatha dhiadhaidh. Gheibh thu an solas pailt sin a bha d'ùrnuigh, do phlosgartaich agus d'osnaich ag ìarraidh — solas nach 'eil mòran Chriosduidhean a' faotuinn anns a' bheatha so, do bhrìgh nach aithne dhoibh an rathad ceart d'a ionnsuidh, no ma's aithne, cha n-f haighear ìad gu dìleas. dùrachdach a' gluasad ànn le'n uile chride. Na abair idir, " Cha n-urrainn sinne ar cridheachan a shocrach- adh air nèamh ; is è sin obair Dhè fèin." Gun teagamh, is è Dia àrd f hear-riaghlaidh a' chridhe, ach cuimhnich, is tu-fèin an ath f hear-riaghlaidh fo Dhia air do chridhe fèin. Ged ' nach urrainn sinne ni sam-bith a dheanamh às èugmhais Chriosd,' gidheadh fo làimh Chriosd, faod- aidh tu an obair mhòr so a dheanamh, agus fèumaidh tu a deanamh, mur dean, bithidh tu-fein agus do shaothair càillte, an lorg do dheavmaid. Anis, a Chriosduidhean, na'n robh bhur n-anamanan beò-dhùrachdach, slàinteach, neartmhor, gheibheadh iad taitneas agus milseachd ann an smuaintibh aoibhneach a' chridimh air an t-sonas ri teachd, mòran, mòran na's mò na gheibh an stamag a's fallaine càil anns a' bhiadh a's milse bias, no ann an cuspair timeil air-bith a's urrainnear a mhealtuinn : agus thùigeadh sibh cho sòlasach, socrach; prìseil 's a tha an obair bheannaichte so. Tha fios agam gur ro gh&nn ar togradh a dh-ionnsuidh an dleasanais so, fhad 's a bhitheas sinn air ar cuairt- eachadh leis an fheòil, agus le fuighleach na h-inntinne feòlmhoire sin a ta 'n a naimhdeas an aghaidh Dhè, agus an aghaidh na h-oibre so, agus air an aubhar sin, cuiridh mi sios an so cuisean smuaineachaidh a bhitheas gun teagamh fior luachmhor agus èifeachdach do a choimliead air thalamh. 225 Chriosduidhean, agus a ghluaiseas ìad gu tòiseachadh air an dleasanas òirdheirc so, ma dh-eisdeas agus ma ghabhas ìad riutba gu cùramach, 'g an tuigsinn arèir an luach. Smuainich gu h-àraid matà : — Dearbhaidh an obair so dilseachd do dbiadhachd, — Is ì òirdhearcas a's àirde ann an nàdur a' Chriosduidh, — Is ì an dòigh a's feàrr gu bhi beò gu toilichte, — Is ì dìon a's feàrr a ghleidheas tu bho bhuaireadh a' pheac- aidh, — Beothaichidh ì do ghràs agus do dhleasanas, — Is ì deoch-ùrachaidh a's fekrr anns gach trioblaid, — Fàgaidh ì thu tarbhach do mhuinntir eile, — Cuiridh ì onoir air Dia ;— A dh-easbhuidh na h-oibre so diultaidh tu ùmhlachd athoirt do àithntibh Dhè, agus caillidh tu solus fìor ghràsmhor agus fìor shòlasach an fhocail, — Is ì d' obair a's reusantaiche chum do 'chridhe 'shoc- rachadhair Dia, mar thaa chridhe-fèin cho mòr ort-sa, — agus air nèamh far am bheil còir 'us dàimh cho mòr agad ; A bhàrr air sin, cha n-'eil ni sam-bith eile ànn, ach nèamh, air an fhiach dhuit do chridhe bochd a shocrachadh. 1. Smuainich, ma tha do chridhe suidhichte air nèamh, cha n-urrainn thu dearbhadh na's feàrr na sin 'fhaotuinn air ionracas do chreidimh, no foillseachadh na's soilleire air fior obair nan gràs a bhi nis a' teàrnadh d'anama. Is trie a dh-f haighnicheas tu, " Cionnus a dh-aithnicheas mi, am bheil mi air mo naomhachadh gu fior '?" So dhuit coraharradh neo-mhearachdach o bhèul Chriosd fe'in : " Ge b'e àit am bheil bhur n-ion- mhas, is ann an sin a bhios bhur cridhe mar an ceudna " Mata 6. 21. Is è Dia ionmhas agus sonas nan naomh ; nèamh. an t-àit anns an dean iad a làn- mhealtuinn. Air an aobhar sin, is è 'n eridhe a ta suidhichte, air nèamh, an cridhe sin a ta suidhichte air Dia : agus ciod an dearbhadh a's cinntiche do'n chridhe air gràs teàrnaidh, na e-fein a bhi cheana suidhichte air Dia tre Chriosd ? 'Nuair nach. urrainn ionnsuchadh, no eòlas air do dhleasanas, no argumaid do theanga, no idir obair do làmh, a ehtiis so a dhearbh- adh dhuit, dearbhaidh staid do chridhe dhuit i. Gabh Criosduidh bochd aig am bheil tuigse lag, cuimhne lag agus teangaidh mhànntach, gidheadh ma tha a chridhe suidhichte air Dia, ghabh è ris mar a chuibhrionn, agus 226 Caithe-heaiha nèamJwidh bithidh a smuaintean air nèamh, agus ìarraidh è 'dh-ionnsuidh an àite sin, ag ràdh " 0 nach robh mis* an sin !" Is priosan leis gach là gus am faigh è seall- adh ùrachaidh de'n t-sìorruidheachd. B'fhearr learn Dàs 'fhaotuinn ann an cor an duine sin, na ann an cor duine a ta glè ainmeil, barraichte do thaobh ghibhtean 'us ghniomhran, mur robh a chridhe suidhichte air Dia. Is è an duine aig nach bi am form cridhe so, am fear a ghlacar 's a dhitear le Criosd air an là dheireannach. a chionn nach 'eil " trusgan na bàinnse uime." Cha n-i idir a' cheist air an là sin, Cia uiread 's a b'aithne dhuit, a dh'aidich, no labhair thu ? ach ciod an gràdh a thug thu, agus càit an robh do. chridhe? Anis. a Chriosduidh, ma's maith leat dearbhadh a bhi agad air do choir air glòir, saothraich a chum do chridhe ' chumail shuas. Mur cum am peacadh agus Satan d'aignidhean de na nithibh glòrmhor a ta shnas, cha n-urrainn iad gu bràth do phearsa 'chumail uatha. 2. Is è cridhe nèamhaidh, òirdhearcas a's àirde ann an nàdur a' Chriosduidh. Tha òirdhearcas cumanta ann an Criosduidhean a ta 'g an àrdachadh os-ceànn an t-saoghail, ach is onoir àraid so leis am bheil a' chuid a's òirdheirce dhiubh air an àrdachadh os-ceànn na cuid èile. Tha aghaidhean nan crèutairean a's inbheile ri nèamh, mar sin. tha cridheachan nan Criosduidhean a's inbheile spiorad air an sìneadh na's diriche suas ri nèamh. Faic an cridhe nèamhaidh, naomh an dèigh a thogail suas, le meòrachadh aoibhneach, a dh-ionnsuidh Dhè, thig è nuas arìst le làn shealladh de Chriosd, agus le àrd eòlas air àitibh na glòire ! Nach naomh, àrd a labhairt ! Is leòr è gu dhearbhadh air gach neach a dh-èisdeas 's a thuigeas, gu'm fac' è an Tighearn, agus nach b'urrainn duine sam-bith briathran cho nèamhaidh a labhairt, mur 'bitheadh è maille ri Dia. So, so an Criosduidh inbheil. Is ainmeil le daoinibh a1 bhèinn 's a' chraobh a's àirde ceànn agus a's faisg' air na spèuraibh, agus is è 'n Criosduidh a's roghnaiche le Dia, am fear sin aig am bheil a chridhe gu trie, taitneach a' dìreadh àid gu nèamh. Ma bha neach a' gabhail còmhnuidh fagus do'n righ, no ma chunnaic è Sultan Phersia, no righ nan Turcach, theirear gu'm bheil h a choimhead air tlakmih. 227 cèura na's àirde na sluagh eile nach d'fhuair an onoir sin. Ciod a theirear, matà, ris an fhear a choisicheas gach là gu nèamh, agus a chì Righ nan righ an sin, a' dol astigh gu trie an làthair Dhè, agus a' sàsachadh anam' air " craoibh na beatha?" Areir mo bheachd fèin, tha'n duine sin fad air thoiseach, ann an onoir, air na daoinibh a's mò saoibhreas, urram 'us ionnsuch- adh 's an t-saoghal. 3. Is ì ìnntinn nèamhaidh cèum a's cinntiche agus a's faisge 'bheir sinn air bsatha shòlasaich. thoilichte. Is fuar, reòta na duchan a's fhaide gu tuath, a chionn gu'm bheil iad astar fada bho theas na grèine. Carson a gheibhear Criosduidhean cho fuar, cho reòta, cho mi-shòlasach, ach iad a bhi beò astar cho. fada bho neamh ? Agus ciod a tha 'deanamh cuid diubh cho blàth, cho toilichte, cho sòlasach, ach iad a bhi na's àirde agus na's fhaisg' air Dia. 'Nuair a thig a' ghrian fagus duinn 's an earrach, faic mar dh-fhàilticli- eas gach ni a teachd ! Fàsaidh an talamh gorm, cuiridh na craobhan amach am blàth, ath-bheothaichidh na luibhean, seinnidh na h-eòin, agus bithidh f iamh ghkire air gach ni. Anis na'n caitheamaid ar beatha maille ri Dia, a' sior-chumail ar cridheachan air na nithibh a ta shuas, is ann againn a bhitheadh an t-earrach aoibhneis 's an taobh-stigh dhinn ! Cha ' b' fhada gas am falbhadh geamhradh searbh ar bròin ! Is moch a dh-èireamaid a mholadh a' Chruthaidheir ghlòrmhoir ! 0 Chriosduidh, faigh suas. Sin an t-àit anns am faighear co-chomunn blàth ri Dia. Is milis, blàth an co-chomunn so leis gach neach a bha shuas I Creideam gu'n do bhlais thu-fein air an t-sòlas so air uairibh. Cuin bu mò do shòlas ? Nach ann an uair a bha thu gu h-iriosal a' còmhradh ri Dia agus a' labhairt ri luchd- àiteachaidh an t-saoghail a's àirde, agus a' beachdach- adh air an àitibh-còmhnuidh, agus d'anam air a lion- adh le roimh-bhlas air glòir? Ma's aithne dhuit, o d'fhiosrachadh fèln, ciod è àrdluach a' chleachdaidh so, faodar a ràdh gur aithne dhuit ciod è sin aoibhneas spioradail. " 'Nuair a thogas/' mar tha Daibhidh ag ràdh, " an Tighearn solus a ghnùise, air a' chridhe, cuiridh è aaibhneas àna ni's mò na 'nuair a's pailte 228 Caithe-beaiha neamhaìdh arbhar agus fìon." Uime sin, iadsan a's faisge 'thig air Dia, agus a's mò 'chi dheth, is ìad a's raò aoibhneas. Co a choiricheas sinn, matà, 'nuair a gheibhear ar solas cho beag, ach dearmad ar cridheachan fein ? Dh'ullaich Dia crùn glòire air ar son, agus gheall h dhuinn a chur gu goirid air ar cinn, agus cha n-àill leinn uiread agus smuaineachadh air. Tha Dia ag iar- raidh òirnn beachdachadh le aoibhneas air ar crun, ach is gànn a bheir sinn suil air. Gidheadh gheibhear sinn a' gearan air lughad ar sòlais. Is* ànn le làn-chreidsinn ann an Dia fèin a lionar sinn le sith agus aoibhneas, ach cha mhair sin ach amhàin cho fad 's a bhitheas ar cridheachan a' beò-chreidsinn. Is ann 'an " dòchas" a tha na naoimh " a' deanamh gàirdeachais," ach cha mhair an gàirdeachas na's fhaide na gheibhear iadsan air an lionadh le dòchas. Tha Spiorad Dhè ag "oib- reachadh sòlais dhuinn le ar spioradan fèin a chur a smuaineachadh le taitneas air na geallaidhean, agus togaidh è suas ar smuaintean a dh-ionnsuidh ionaid ar sòlais. Thoilicheadh tu duine sanntach le meall òir 'f heuchainn dà ; mar sin, tha Dia gu trie a' toileachadh a phobuill fein le bhi, mar gu'm b'eadh, 'g an treòrach- adh suas gu nèamh, agus 'g a f heuchainn fein, agus am fois' dhoibh. Cha toir è aoibhneas duinn 'nuair a gheibh è dìomhain sinn, no air ar lionadh le tlachd ann an nithibh eile. Is ann amhàin an uair a threabhas, a dh-ullaicheas, a shiol-chuireas, a mhathaicheas, a dh-uisgicheas agus a ghlanas sinn an talamh, a' feith- eamh gu foighidneach ri beannachd Dhia air ar saoth- air, a gheibh sinn toradh na talmhainn : agus mar sin, is ann an dèigh saothair spioradail a dheanamh, a bheir Dia solas do'n anam. Guidheam ort, a leugh- adair, ann an ainm an Tighearna, ma's luachmhor leat beatha aoibhneach gun sgur, agus sith thaitneach na deadh choguis, ni a's cuilm thaitneach a ghnàth do gach neach aig am bi i, buail gun dàil air an obair so le beò dhiirachd, agus gabh eòlas air ìnntinn nèamhaidh, agus chì thu fàs ceud-f illte air d'anam, agus bithidh agad beannachd a's luachmhoire gu mòr na do shaothair. Ach so an truaighe mhòr a gheibhear ann an nàdur an duine : geda tha gu nàdtirrach fuath aig gach duine do a choimkead air thalamli. 229 bhròn, agus ged is toigh leis gach neach a' bheatha sin a's pailte snbhachas agus aoibhneas, gidheadh is beag an àirèamh leis an toigh sligh an aoibbneis fhior ; is beag saothair a ni-iad, agus is beag dragh a dh-fhuiligeas iad a chum solas 'fhaotuinn. Is feàrr leo ni sam-bith a tliig 's an rathad a ghabhail, agus a bhi toilichte le tait- neasaibh talmhaidh, na'n cridheachan a thogail suas gu nèamh a dh-ìarraidh sòlais. Agus an dèigh an saothair uile, ieumaidh iad solas 'fhaotuinn air nèamh, no 'bhi gu bràth gun sofas idir. 4. Is è cridhe nèamhaidh, dìon a's feàrr a chum do ghleidheadh o bhuaireadh a' pheacaidh. Cumaidh è thu ri deadh obair. 'Nuair a gheibhear diomhain sinn tha sinn a' brosnachadh an diabhuil gu sinn-fèin a bhrosnachadh, direach mar a bheir crèutairean mi-chùr- amach misneachd agus fath-chothrom do mheirlich lèum air an cuid. Faodaidh an cridhe nèamhaidh am buaireadair a fhreagairt, mar a rinn Nehemiah, ag ràdh " Tha mi a' deanamh oibre mòire, agus cha-nurrainn mi 'dhol." Cha n-'eil adhais aige gu bhi ana-miannach, no iollagach, àrd-ìnntinneach, no saoghalta. 'Nuair a bhitheas neach ag obair gu sùrdail, dichiollach, cha bhi hin aige, no cha bhi è cho ullamh gu èisdeachd ri sanas- aibh a' bhuairidh, gu h-àraid ma bhitheas neach a' smuaineachadh gu curamach air Dia. Co am breith- eamh a dh-eireadh o'n bhòrd, 'nuair a tha è 'toirt breith eadar beatha agus bàs, gu dhol amach a chluith maille ri cloinn air na sràidibh ? Agus cha mhò na sin a dh-eisd- eas an Criosduidh dileas, aig am bheil a chridhe air fois nèimh, ri geasaibh meallaidh Shàtain. Cha tig idir do chloinn na rìoghachd nèamhaidh mionaid a chaith- eamh air dìomhanas, gu h-àraid an uair a tha iad air gnothach na rioghachd sin, agus cha n-'eil didean eile aig na naoimh an aghaidh buairidh, na's feàrr na so- crachadh an cridheachan air a' ghnothach sin. Is è gach neach aig am bheil cridhe nèamhaidh a's saoire agus a's glaine bho'n pheacadh, a chionn gu'm bheil mothachadh na's cinntiche agus na's geòire aige air nithibh spioradail; agus gur aithne dhk olcas a' pheacaidh, diomhanas a' chre'utair agus gràinealachd nan taitneas feòlmhor, cha leig h leo sin a bhuaireadh, u 230 Caithe beatha nèamhaidh. cha n-'eil aeh beag cumhachd aca thairis air. "Is diomhain," arsa Solamh, " an lion a sgaoileadh ann an sealladh eòin air bith." Agus gu trie is diomhain do Shàtan a ribichean a shuidheachadh a chum an t-anam, a ta 'g am faicinn gu soilleir, a ghlacadh. Is ann air thal- amh a tha Satan a' brosnachadh agus a' buaireadh, agus gu cumanta, is ann de'n talamh an greim meallaidh leis am bheil è gu trie a' brosnachadh sluaigh, aeh ciamar a mheallar an Criosduidh sin a thrèig an talamh, agus a tha nis a' gluasad maille ri Dia? Nach è còmhradh ri daoinibh glice agus ionnsuichte an rathad gu fàs glic ? aeh is glice gu mòr na sin a dh-fhàsar le còmhradh ri Dia. Grheibhear gliocas 'us fiosrachadh aig daoinibh a shiubhail tre iomadh kit de'n t-saoghal, an dèigh dhoibh pilleadh dhachaidh, aeh nach mò gu mòr na sin a gheibhear aig an fhear-astair a shiubhlas gu nèamh? Tha cuirp dhaoine air an deanamh freagarrach ri àile agus nàdur na diicha anns am bheil iad fad a' gabhail còmhnuidh, aeh cia mòr a shoillsichear, le solus glan, tuigse gach duine diadhaidh a chòmhnaicheas maille ri " Athair na soillse !" Is dubh, dorch tuigse dhaoine saoghalta ; agus cha n-iongantach è, oir glacaidh Satan iad 'nuair is kill leis, do bhrìgh gu'm bheil an smuaintean uile air nithibh talmhaidh, agus nach 'eil iad idir ag èirigh aon òirleach na's àirde na 'n talamh fèin. Cionnus a chi na famhan agus na durragan aig am bheil an àit-còmhnuidh do ghnàth anns an talamh? Fhad 's a bhitheas dus na talmhainn ann an suilibh dhaoine, cha n-iongantach ged chuireas iad buannachd thimeil 'an kit na diadhachd, am peacadh 'an àit gràis, an saoghal an àit Dhè*, an toil fèin 'an àit lagh Chriosd agus mu-dheireadh, ifrinn 'an àit nèimh. Air do'n Chriosduidh a chridhe fèin a thogail de smuaintibh saoghalta, agus tòiseachadh air còmhradh ri Dia air nèamh, faodar a ràdh gu'm bheil è mar bha Nebuchadnesar an dèigh dhà 'bhi air a thoirt o mheasg bheathaichean na machrach a dh-ionnsuidh na caith- reach rioghail, agus a rèusan anis air pilleadh d'a ionn- suidh. Air do'n Chriosduidh boillsgeadh 'fhaotuinn de'n t-siorruidheachd agus sealltuinn sìos arist air an t-saoghal, their è air an uair sin, 0 nach bu dubh- a clioimhead air thalarnh. 231 amaideach mo dhearmad air Cnosd, nach bu truagh mo thaitneas feòlmhor agus mo churam talmhaidli ! " Mu ghàire," their è, " Is cuthach e ; agus mu shùgradh, Ciod a ni è?" Nach abair è, Cha n-'eil duine ann am " bedlam"* cho beag ciall ri peacaich reasgach, agus riutha-san a tha gu trie a1 deanamh tàir' air Criosd. agus glòir ! Ni so duine ri uchd a' bhàis gu trie na's glice na muinntir eile, a chionn gu'm bheil è nis a' faicinn na sìorruidheachd dlùth dhà, agus gu'm bheil a chridhe air a bhioradh le smuaintibh na's druightiche mu thimchioll na beatha ri teachd, na bha è riamh air làithibh a shlàinte agus a shoirbheachaidh. 'Nuair a thig uair am bàis, fosglar sùilean mhòran de naimhdibh guineach, garg nan naomh, agus èighidh iad amach, mar a rinn Balaam, ag ràdh, " Faigheam-sa bàs an ionracain, agus bitheadh mo chrioch dheireannach cosmhuil r'a chrich- san." Ach faigheadh na daoine sin an aiseag gK slàint agus tuilleadh làithean air an talamh, agus, mar tha trie a' tachairt, seargaidh an smuaintean 's an etiram mu nithibh na beatha ri teachd, agus is goirid an dèigh sin gus am fàs iad cho ml-thuigseach, cho mi-churamach, agus cho dearmadach mu nithibh spioradail, 's a bha iad mu'n do bhuail eagal a' bhàis iad ! Labbair eadhon ri peacair neo-iompaichte ri uchd a' bhàis, air saoibhreas, air onoir 'us taitneas an t-saoghail so, agus an sin their è riut, "Is beag agam iad uile ; ciod is fhiach na nithe sin dhomh-sa, a dh-fhèumas seasamh gun dàil an làthair Dhè, agus cùnntas a thabhairt dà air mo bheatha gu lèir ?" Anis, a Chriosduidh, ma dheargar cho mòr air daoine m\-dhiadhaidh, ma dh-atharraichear am beachd, agus ma nithear iad mòran na's glice na bha iad roimhe, an uair, fo eagal a bhàis, a chi iad an t-siorruidheachd gle" dhliith dhoibh ; 0 nach b'òirdheirc, luachmhor a' bhuil gus an tigeadh è dhuit-sa, na'n cumadh tu do shùil an còmhnuidh air Dia, agus do smuaintean gu làn, riochdail air do staid shiorruidh ! Is cinnteach, faodaidh an creidmheach, ma dh-oibricheas è a chreidimh gu dleasanach, a bhi air a mhisneachadh * Tigh-luchd-cuthaich ; tigh anns atn bheil cr6utairean gòrach,uo gun chiall, gun reusan, air an cumail. — EaDaR. 232 Caithe-beatha neamliaidh. le sealladh na's soilleire de'n bheatha ri teachd air làithibh a shlàinte, na bhitheas mi-chreidmheach aig uair a1 bbàis. Is dìdean fòs ìnntinn nèamhaidh an aghaidh gach buairidh, a chionn gu'm bbeil na h-aignidhean cheana làn-shuidhichte air àrd thoil-ìnntinnibb an t-saoghail eile. (Faic Caib. XIV. — Ear. II.) Is ann do'n neach a's mò gràdh, 'us cha n-ann do 'n neach a's mò eòlas, is fusa seasamh amach an aghaidh gairm a' pheacaidh. Tha maitheas cho taitneach leis an toil 's a tha 'n f hirinn leis an tuigse. Sin taitneas àrd anns am faigh an Criosduidh mòr neart. 'Nuair a bhlaiseas tu air solas ùr, milis o nèamh, is duilich a thoirt ort dealachadh ris. Cha n-àill le leanabh dealachadh ri 'chuid aran milis 's a bhlas fathast milis 'n a bhèul. 0 b'fheàrr gu'n robh thus' a' beathachadh na's mb air " a' mhana fholuichte," agus a' blasad gu trie air sòlasaibh nèimh ! An sin, bhitheadh do rim diadhaidh air a dhaingneach- adh, an sin, bu bheag agad amaideachd an t-saoghail, agns bu shuarach leat a bhi air do thàladh le faoineas. Na'n do bhuail an diabhul air Peadar a bhrosnachadh, 'nuair a bha è shuas air "beinn a' chruth-atharrachaidh" a' faicinn Mhaois agus Eliah a' labhairt ri Criosd, 'saoil thu-fem am bitheadh è cho furasd' a thoirt air a Thighearn àicheadh ? Ciod ! cha bhitheadh idir, 's an sealladh glòrmhor ud a' dealrachadh gu Ian air a shuil. Arèir sin, matà, na'n gabhadh an diabhul air-fèin tighinn a bhuaireadh a' chreidmhich, 'nuair a gheibhear 'anam shuas maille ri Criosd air a' bhèinn, nach abradh è ris air ball, " Imich air mo chul a Shàtain, am b'àill leat mis' a mhealladh s\os à so le taitneasaibh faoin, agus mo chridhe aoibhneach a ghoid air falbh o kit so m' f hois' ? Am b'àill leat mise m'aoibhneas a reic air neo-ni ? Am bheil onoir, no solas ànn cosmhuil ri so ? Càit am bheil a' bhuannachd a b'fbiach m'fhois, no sealladh de m'fhois a thoirt air a son ?" Ach cha n-abair Satan aon fhocal brosnachaidh ruinn, gus an tig sinn anuas o'n bh&nn, agus gus an tèid blSs nèimh amach as ar bèul, agus gus an di-chuimhnich sinn a' ghlòir a chun- naic sinn, agus an dèigh sin, is furasda dhà gu trie ar cridheachan a mhealladh. 'Nuair a bhana h-Israelich aig a choimhead air tlialamh. 233 iochdar an t-sleibh, ag ith 's ag òl, ag èirigh 's a' sug- radh, agus 'g an truailleadh fe"in an làthair an iodhoil, — an laogh òir a rinn ìad dhoibh-fèin, — cha bi sin idir an obair a bha aig Maois shuas air an t-sliabh. 0 na'n gleidheamaid an còmhnuidh bias milis, taitneach nan nithe a ta shuas, ùr agus beò ann ar n-anamaibh, is suarach a thilgeamaid uainn greimean meallaidh a' pheacaidh ! A bhàrr air sin, am feadh a bhitheas an cridhe suidhichte air nèamh, tha duine fo theàrmunn Dhe\ Ma bhuaileas Sàtan òirnn air an àm sin, tha Dia na's fhaisge dhuinn a chum ar dion, agus gu cinnteach seasaidh è dlùth dhuinn, ag ràdh ris gach aon dhinn, " Is leòir mo ghràs-sa dhuit." 'Nuair a tha neach ag iarraidh beannachd Dhè, is ann a's lugha 'chunnart a bhi air a mhealladh leis a' pheacadh. Anis, a Chriosd- uidh, so dhuit didean cumhachdach an aghaidh gach buairidh, — leigheas maith an aghaidh gach brosnachaidh, — cum dluth ri Dia le ìnntinn nèamhaidh. Bi maille ri Criosd, a' smuaineachadh air na nithibh a ta shuas. Sin cuideachadh is cinntiche dhuit a's urrainn thu 'fhaotuinn. " Tha slighe na beatha shuas do'n duine ghlic, chum dol £s o ifrinn shìos." Gnàth. 15. 24. Cuimhnich, " bu duine cothromach Nòah, agus iomlan 'n a linn," oir " ghluais è maille ri Dia." Agus thubh- airt Dia ri Abraham, " Gluais a'm' fhianuis, agus bi iomlan." 5. 'Nuair a chumas tu do chridhe gu seasmhach air nèamh, neartaichear do ghrksan uile, agus beothaichear do dhleasanais uile. Is è an Criosduidh nèamhaidh, Mn Criosduidh neartmhor, beothail. Is fuar, marbh ar cridheachan, 'nuair a gheibhear ìad fada bhò nèamh. Thèid an saighdear ann an cunnart a bheatha, agus seòlaidh am maraiche tre stoirmibh fiadhaich nan tonn ; is beag aca sin gach cuis eagail, 'nuair a shaoileas iad gu'm faighear eadhon ionmhas timeil nach mair ach goirid. 0 nach bu bheothail, tarbhach oidhirpean a' Chriosduidh, na'n smuainicheadh è gu trie air an ion- mhas mhaireannach a ta air a thasgadh dhà air nèamh ! Is mail a gheibhear sinn a' ruith, agus is leisg a gheibhear sinn aa' deanamh cruaidh spàirn';" agus carson? Direach u 3 234 Caithe-beatha nèamhaidh lughad ar sùim do'n duais. Beachdaich air a' Chriosduidh a bhitheas trie air nèamh, agus chi thu nach ionann idir dà as do Chriosduidhean eile ; chithear tomhas de na nithibh sin a chunnaic è shuas, ann an iomairt a dhleas- anais, agus a chaithe-beatha. Ma's fear-searmonach- aidh è, nach nèamhaidh a shearmoin ! Ma's Criosduidh uaigneach è, nach nèamhaidh a chonaltradh, 'ùrnuigh agus a ghiùlain ! Tòisich air an obair so, agus chithear " aghaidh" do chonaltraidh " a' dealrachadh," agus their muinntir eile, Gu cìnnteach bha è shuas " air an t-sliabh raaille ri Dia." Ach ma chromas tu sios, a' gearan air do mharbhachd 's air do chadalachd, air aon ni 'us ni eile, ag ràdh gur beag do ghradh do Chriosd, gur beag d'aoibhneas 'n a ghràdh, gur fann d'ùrnuigh, agus gur mail, fuar thu anns gach dleasanas eile, agus an obair bheothachaidh so fathast air a dearmad leat, cuimhnich, is tu-fein cion-fath do ghearain. Nach 'eil do " bheatha folaichte maille ri Criosd ann an Dia ?" Càit an tèid thu 'g a h-ìarraidh, matk, ach a dh-ionnsuidh Chriosd fèin, agus càit am bheil sin, ach air nèamh, far am bheil Criosd. " Cha n-kill leat teachd a dh-ionnsuidh Chriosd, chum gu'm faigheadh tu beatha." EÒ. 5. 40. Ma's àill leat solus agus teas, carson nach 'eil thu na's trice ann an dekrsadh na grèine. Ma's kill leat tuilleadh 'fhaotuinn de'n ghràs sin a tha nis a' sruthadh o Chriosd, carson nach 'eil thu na's trice maille ri Criosd 'g a iarraidh? Tha do neart ann an nèamh agus do bheatha ann an nèamh, agus o sin fèumaidh tu an tarruing gach Ik, ma's àill leat am faotuinn. Mur bi thu gu trie a' tarruing do bheatha bho nèamh, bithidh d'anam mar lòchran gun lasadh, agus do dhleasanais mar iobairt gun teine. Thoir aon " èibhleag" gach Ik bhkrr na h-altair so, agus chi thu mar loisgeas do thabh- artas. Las do lòchran aig an altair agus lion è gach Ik leis an ola sin a gheibhear an sin, agus chi thu cho glòrmhor 's a dhealraicheas è. Cum dliith ris an teine ath -bheothachaidh so, agus bithidh d'aignidhean air am blkthachadh. 'Nuair is beag leat do ghràdh do Dhia, tog suas siiil a' chreidimh ri nèamh agus faic maise Dhe' ; meòraich air òirdhearcas Dhè, agus chi a choirrihead air tlialamh. 235 thu mar bheothaichear do chridhe le smuaineachadh air àillteachd agus air maitheas iomlan Dhè. Bheir obair thimeil cail, neart 'us treòr do'n chorp, air an dòigh chèudna meudaichear gu luath gràs agus beatha spioraclail do'n anam, le oibribh nèamhaidh. Ach cha n-è " teine" feallsa, no " coimheach" a gheibh thu bho nèamh airson d'iobairtean a bhlkthachadh. Is dòcha gur èud nèamhaidh an t-èud a dhùisgear annad le meòrachadh nèamhaiclh. Tha cuid de dhaoine air an deanamh durachdach le lèughadh leabhraichean, cuid le àrahghar searbh, cuid le bèul dtisgaidh ministeir, agus cuid le amharc air luchd-èisdeachd cùramach : ach an t-anam do'n aithne an rathad dìreach gu nèamh, agus a bhitheas ag òl gach là a" " tobar na beatha," ath- bheothaichear è gach là le uisg na beatha, agus leis an t-sòlas sin a ta na naoimh a' raealtuinn ! ' Tre 'n chreidimh so bheir thu suas iobairt Abeil, — ìobairt na's òirdheirce na bheir daoine cumanta, leis am faigh thu teisteas gur f irean thu, air bhi do Dhia a' deanamh fianuis mu do thiodhlacaibh', gu'm bheil lad treibh-dhireach'. Eabh. 11. 4. 'Nuair a bhitheas muinntir eile, cosmhuil ri sagartaibh Bhàail, ullamh gu ìad-fèin a ghearradh, a chionn nach loisg an iobairtean, faodaidh do chridhe-sa 'bhi air a mhòr-mhisneachadh, agus èirigh suas gu h-àrd aim an carbad a' mheòrach- aidh, gus am bi d'anam agus d'iobairt a' lasadh gu glòrmhor, agus cha n-urrainn an saoghal agus an fheòil lasair d'aoibhneis a mhùchaclh le'n uisgeachan naimh- deil uile. Na abair idir, " Cionnus is urrainn daoine bàsmhor èirigh suas gu nèamh?" Tha sgkthan aig creidimh agus is è meòrachadh, no smuaineachadh a charbad. Nach fhaic thu so, 'nuair a chumas tu criomag ghloine, mu leud bònn sgillinn, direach ri aghaidh na grèine, glacaidh ì gathan teth, agus fadaidh ì teine ami am bòrd ris an cuimsich thu builsgean na gloine, ach bu bheag bias a' bhùird mur rachadh gathan na grèine 'chruinneachadh d'a ionnsuidh leis a' ghloine. Anis is è creidimh gloine-losgaidh d'iobairt-sa, agus is è meòrachadh an làmh a chumas ì ri aghaidh na gièine gus an glacar bias, ach gabh an aire nach toil* thu air falbh an làmh sin ro luath, ach cum sinte ris a' ghreni 236 Caithe-heatha neamhaidk ì fad tiine, 's an dèigh sin, bithidh d'anam a' lasadh le solas nèamhaidh. Nach abair thus', a lèughadair, 'nuair a chi thu Criosduidh beothail, agus a dh-eisdear leat a chòmhradh solusach, agus 'ùrnuighean blàth, dtirachdach, "0 cia sona an duine sin ! 0 nach robh m'anam fèin anns an staid bheannaichte sin !" Seadh, matà, is ì mo chomh- airle dhuit o Dhia, thusa d'anam a shuidheaehadh gu coguiseach air an obair so. Nigh thu-fèin gu trie anns an Iòrdan so, agus ath-bheothaichear d'anam lobhar- ach, marbh, agus " bithidh fios agad gu'm bheil Dia arm an Israel," agus faodaidh do bheatha 'bhi beoth- ail agus aoibhneach, mur dean thu-fem a milleadh le dearmad air do thròcairibh. 6. Is è sealladh trie air glòir, an deoch-urachaidh a's luachmhoire do'n chreidmheach anns gach trioblaid. Misnichidh an deoch so ar spioradan ; f àgaidh ì gach fulangas na's socraiche dhuinn; comasaichidh ì sinn air gach trioblaid a ghiulan le foighidin 'us aoibhneas ; neartaichidh ì ar rim, agus bheir ì òirnn nach trèig sinn Criosd le eagal trioblaid. Faodaidh an rathad a bhi garbh, ach cha n-fhada leinn è, ma tha è 'g ar treòr- achadh gu nèamh. 0 nach milis dhomh thus' a thinneis, thus' a mhaslaidh, thus' a phriosain, no thus' a bhàis, 'nuair a bheir thu òrm blasad air m' f hois ri teachd ! Cha leig so leis an anam fulang : cha n-fhuilig ach amhàin an fheòil — an corp truaillidh so. Mur bitheadh am blasad beag (Och ! cia beag !) a f huair mi de 'n f hois, bu doilgheasach, tròm mo thrioblaid dhomh, agus bhitheadh am bàs na b' uamhasaiche dhomh. Faodaidh mi 'ràdh, " dh-f hannaichinn, mur biodh gu'n do chreid mi gu'm faicinn maitheas an Tighearna ann an tir nam beò." Salm 27. 13. Mur biodh gu'm b'è an fhois so, a ta air a gealltuinn dhomh, " mo thlachd, an sin gheibhinn bàs a'm' àmhghar." Salm 119. 92. " Aon ni ghuidh mi air an Tighearn, sin iarraidh mi, a bhi 'm chòmhnuidh ann an tigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, chum gu faicinn maise an Tigh- earn', agus gu fiosraichinn 'n a theampull. Oir folaichidh emi'na sgàth-thigh ann an la an uile ; folaichidh e mi ann an diomhaireachd a phàilliuin : air carraig togaidh a ch.oimkead air thalamh. 237 e suas mi. Agus a nis togar suas mo cheann os ceann mo naimhdean mu'n cuairt orm ; agus iobraidh mi 'n a phàilliun ìobairtean aoibhneis ; seinnidh mi, agus can- aidh mi cliii do'n Tighearn.1' Salm 27. 4-6. Is neo-ni gach trioblaid leinn, f had 's a gheibh sinn ar neartachadh le aoibhneas mar sin. An dèigh do ghèur-leanmhuinn agus do eagal na dorsan a dhimadh, is urrainn Criosd tighinn astigh, agus seasamh anns a' mheadhon, agus a radh ri 'dheisciobuil, " Sith maille ribh." Is urrainn Pòl agus Silas a bhi ann an ne-amh, an uair a tha " iad air an tilgeil do'n phriosan a's fhaide astigh," an cuirp air an sgiursadh le " iomadh buille," agus " an casan air an daingneachadh anns a' cheap." Is mò fois nam martarach anns na lasraichean, na fois an luchd-sàrach- aidh 'n am mòr-chuis 'us 'n an aintighearnas ; a chionn gu'm bheil iad (na martaraich) a' roimh-fhaicinn nan lasair ifrinneil o'n tèid iad às, agus na foise gus am bheil an carbad teine 'g an giulain. Ma dh-imicheas Mac Dhè* maille ruinn, tha sinn sàbhailt " ann am meadhon" nan lasair sin a sgriosas iadsan a thilgeas ànnta sinn. Chaidh Abraham amach às a dhùthaich fèin, " gun f hios a bhi aige càit an robh e 'dol," a chionn " gu'n robh sMl aige ri baile aig am bheil bunaitean, air am bheil Dia 'n a fhear-dealbhaidh agus 'n a fhear-togail." " Bu mhò an saoibhreas masladh Chriosd le Maois, na ionmhais na h-Eiphit; oir bha stiil aige ris an luach- saoithreach." " Thrèig è 'n Eiphit gun eagal a bhi air roimh chorruich an righ : oir bha e làidir 'n a inntinn, mar neach a bha 'faicinn an ti a ta neo-fhaicsinneach." " Chràdh-ph\ariadh dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa ; chum gu'm faigheadh iad aiseirigh a b'fheàrr." Eadhon " Iosa, ceannard agus fear-criochnaich ar creid- imh, neach air son an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh'f trailing an crann-ceusaidh, a' cur na nàire an neo- shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chaithreach Dhè." Eal)h. 11. 8-35 : Caib. 12. 2. So anis buannachd urramach a' chreidimh, chì è am meadhon agus a' chrìoch le 'chèile. 'Nuair a sheallas sinn ris an olc fèin, gun idir ar smuaintean a shocrachadh air na cuspairibh glòrmhor a ta air an taobh thàll deth, fàsaidh sinn m\-fhoighid- 238 Caiihe-beatha neamhaidh neach, agus tòisichidh sinn ri coireachadh Dhè. Iadsan nach fhaic Criosd ach amhàin air a' chrànn, no anns an uaigh, crathaidh iad an cinn, a' saoiltinn gu'm bheil è càillte ; ach chunnaic Dia Criosd a' bàsachadh, air adhlaiceadh, ag èirigh, air a ghlòrachadh, agus sin uile ann an aon sealladh. An so leanaidh creidimh Dia fein, cho fad 's a chuidichear è le solus geallaidh. An diugh chi sinn Dia 'g ar càramh anns an iiir, ach cha lèir dhuinn roimh-làimh là mòr an earraich sin air an ath- bheothaichear sinn uile. Na'm faiceamaid gu soilleir gur è sinn-fèin àrdachadh gu nèamh, crìoch nan uile nithe socrach, no anshocrach a tha Dia a' deanamh ruinn, is cinnteach cha bu shearbh leinn aon air-bith de dheanadasaibh. Na'n togadh Dia suas sinn anis gu beatha na glòire, chitheamaid, ged is fhada nèamh agus am peacadh o chèile, nach f had idir o 'chèile nèarah agus prìosan, no fògradh, nèamh agus com na muice-mara, no " gàradh nan leòmhan," nèamh agus tinneas trom, no teachd a' bhàis. Ach mar a " chunnaic Abraham la Chriosd, agus a rinn è gàirdeachas" air a shon, dh-fhaodamaid-ne, eadhon air àm ar trioblaid, an là sin 'fhaicinn, air an toir Criosd fois dhuinn, agus gàird- eachas a dheanamh ànn. Guidheam ort, a Chriosduidh, air sgàth an t-soisgeil agus air' sgàth slàinte d'anama, na cuir dàil anns an eòlas neamhaidh so ionnsuchadh, gus an tig an uair a's mò d'eiginn, agus a's mò d'f hèum air a ghnàthachadh. Gach neach a chi, mar chunnaic Stephen, i( glòir Dhd, agus losa 'n a sheasamh air deas làimh Dhè," giùlainidh è gu toilichte le buillibh nan clach. " Is e gàirdeachas an Tighearna ar neart." Agus fèumaidh sinne an gàirdeachas sin a tharruing o'n àit anns am bheil ar gairdeachas. Ma ghluaiseas sinn a dh-easbhuidh ar neirt, cha n-urrainn dòchas a bhi againn ri seasamh fada, foighidneach fo thrioblaid. 7. Is tarbhach dhoibh-san uile, a ta mu-n-cuairt dà, an Chriosduidh aig am bheil a " chaithe-beatha air nèamh." 'Nuair a bhitheas duine ann an tìr chèin, no ann am measg choigreach, cia taitneach leis cuideachd neach a bhuineas d'a dhuthaich fèin ! Nach sòlasach leo labhairt air an dùthaich fèin, air an luchd-eòlais. agus air na nithibh a dh'f hàg iad aig an dachaidh ! a choimliead air thalamh. 239 Nach bu taitneach le Iòseph labhairt ann an tir na h-Eiphit ri 'bhràithribh agus feòrachadh dhiubh mu thimchioll 'athar, agus a bhràthar, Beniamin ! Agus nach taitneach fòs leis a' Chriosduidh labhairt ri ,'bhràithribh a bha shuas, agus feòrachadh dhiubh mu thimchioll 'Athar, agus Chriosd, a Thighearn ! Cha labhair an duine talmhaidh air ni sam-bith ach an saoghal, cha labhair am " bailtear" (politician) air ni sam-bith ach gnothaichean na stàite, cha labhair an 15m sgoileir air ni sam-bith ach foghlum aimsireil, agus cha labhair am fear-aideachaidh cumanta, no foirmeil ach air a dhleasanasaibh eile ; ach gheibhear an duine nèamhaidh a' labhairt mu nèamh, agus mu'n ghlòir iongantaich a chunnaic è le sùil a' chreidimh, agus mu'n choinnimh bheannaichte sin a bhitheas gu goirid aig pobull Dhè air nèamh. 0 nach ùrail, fèumail, tarbhach, taitneach briathran an duine sin ! Bioraidh agus leagh- aidh a bhriathran an cridhe, agus cruth-atharraichear iadsan, a dh-eisdeas ris, gu sluagh eile ! " Silidh a theagasg mar an t-uisge, tuitidh mar an drùchd a chàinnt ; mar mhin uisg air an lus mhaoth agus mar f hrasan air an f hèur, 'nuair a bhitheas a bhilean a' foill- seachadh ainm an Tighearna, agus a' toirt mòrachd d' a Dhia I" Nach faighear-a chòmhradh milis mu nèamh, cosmhuil ris a' bhocs' olaidh luachmhoir a " lion an tigh le fàile cùbhraidh," an dèigh dhà " bhi air a dhòrtadh air ceànn Chriosd ?" Faodaidh gach neach, a ta fagus do'n duine bheannaichte sin, a bhi air a làn-ùrachadh le sileadh taitneach a bhriathran. Is sona an sluagh aig am bheil ministear nèamhnidh! Is sona a' chlann agus na sèirbhisich aig am bheil pàrant, no maighstear nèamhaidh ! Is sona an duine aig am bheil companach nèamhaidh a ni caithris thairis air a shlighibh, a neart- aicheas è air uair a lag-chuis, a mhisnicheas è 'nuair a bhitheas è fànn, no foeagal, agus a shòlasaicheas è leis an t-sòlas sin leis an robh e-fein gu trie air a dheanamh sòlasach ann an co-chomunn ri Dia ! Sin an duine còir a bhitheas an còmhnuidh a' sèideadh sradaig' na beatha spioradail, agus a' tarruing d'anam' a dh-ionn- suidh Chriosd, agus a their riut, mar thuirt bean Shamaria, " Thigibh, faicibh aon a dh'innis dhomh-sa 240 Caithe-beatlia nèamhaidh na h-uile nithe a rinn mi riamh !" Aon a ghràdhaich ar n-anamanan eadhon gu bàs I " Nach è so Criosd !" Nach è eòlas air Dia agus air-san, a' bheatha mhaireann- ach ! Nach è glòir nan naomh, a ghlòir-san 'f haicinn ? Thig do thigh an duine so, agus suidh sios aig a bhòrd, agus sàsaichidh è d'anam le biadh blasda nèimh. Coisich maille ris air an t-sligh, agus seòlaidh agus beothaichidh è thu air do thurus gu nèamh. Dean reic 'us ceannachd ris anns an t-saoghal, agus comhair- lichidh è dhuit " an nèamhnuid ro luachmhor" a cheannach. Ma ni thu èucoir air, is aithne dhà maith- eanas a thoirt duit, a' cuimhneachadh gu'n do mhaith Criosd a chuid èucoirean mora dhà-fein. Ma bhitheas fearg ort, gheibh thu ciìiin è, a chiùineachd arèir an eisempleir nèamhaidh a ta e-fein a' leantuinn ; no ma thèid sibh amaeh air a chelle, is goirid gus am bi è rèidh riut, air dhà cuimhneachadh gur eudar dhuibh a bhi rèidh, càirdeil, gràdhach gu sìorruidh air nèamh. So an Criosduidh air am bheil an comharradh glan, ceart. Is mòr is fheàirrd a choimhearsnaich è. Nach neo-tharbhach cuideachd gach uile sheòrsa Chriosd- uidhean eile, ann an coimeas ris an duine so I Na'n tigeadh duine 'nuas o nèamh, nach b'fhada le sluagh gus an cluinneadh iad uaith an sgèul a thug è leis air an t-saoghal eile, ciod a chunnaic è, agus ciod a tha aig an t-sluagh bheannaichte 's an àit sin ! Nach è 'n duine sin companach a b'fhearr agus nach è còmhradh an duine sin 'bu tarbhaiche leo ? '8 è gun teagamh. Cuime, matà, nach 'eil cuideachd nan naomh na's luachmhoire leat an diugh ? Carson nach 'eil thus' a' farraid tuille dhiubh ? Carson nach 'eil an còmhradh na's blasda leat ? Oir thèid gach naomh do nèamh ann am pearsa, agus is trie an sin a spiorad. Is trie gach naomh a' faicinn nèimh tre ghloine mhòir an t-soisgeil. B'fheàrr learn -fèin cuideachd a' Chriosduidh nèamh- inntinnich, na cuideachd an deasbair a's mò ionnsach- adh, agus na cuideachd nam prionnsachan a's àirde cumhachd. 8. Cha n-urrainn duine sam-bith onoir cho àrd a chur air Dia, ris an duine sin aig am bheil a " chaithe- beatha air nèamh." Nach maslaichear pàrant an uair « a clioimliead air thalamh. 241 a gheibhear a chlann ag itheadh nam plaosg, air an e'ideadh le luideagan. agus iad gun chuideachd idir aca ach slaightearan 'us baigearan ? Agus nach maslaichear ar n-Athair nèamhaidli mar-an-cèudna, 'nuair a gheibh- ear sinne, d'an ainm a chlann, 'g ar beathachadh fèin air nithibh talmhaidh ; agus trusgan ar n-anamanan cosmhuil ri sgleò an t-saoghail rùisgte, agus an uair is feàrr le ar cridheachan saor chonaltradh agus dlu-lean- tuinn ris an duslach, na seasamh an còmhnuidh an ìàthair ar n- Athar nèamhaidh ? Is cìnnteach, tha sinn beò ann an staid na's ilse na thig do chloinn righ, 'us cha n-ànn arèir kirde ar dòchais, no lòin tigh ar n-Athar, agus an ullachaidh mhòir a ririn è airson nan naomh. Is maith gu'm bheil againn Athair aig am bheil cridhe iochdmhor, truasail a dh-aidicheas a chlann fèin 'n an luideagaibh. Is maith gu'm " bheil bunait DW a' seas- amh daingean," agus gar " aithne do'n Tighearn an dream sin a's leis," no mur b'aithne, is gànn a ghabh- adh è sinne mar a chuid fèin, oir tha sinn beò cho fada bho 'n onoir a bhuineas do na naoimh. Mur tagradh an Tighearn air tus a chòir fèin òirnn, cha n-aithnich- eadh sinn-fèin, no muinntir eile gur sinn a shluagh. Ach an uair a bhitheas cridhe, no caithe-beatha Criosd- uidh air nèamh, gabhaidh 'anam aoibhneas anns na nithibh sin a ta neo-fhaicsinneach, agus cuiridh è onoir •arcl air Dia. Togaidh an Tighearn fianuis air taobh a' Chriosduidh sin, ag ràdh, " Tha 'n duine so a' creidsinn annam-sa, agus a' gabhail rium air m' fhocal : tha è 'deanamh gàirdeachais ann mo ghealladh ; tha è ràingeil airson nan nithe nach fhaca suil a chuirp riamh; tha è ri gàirdeachas, ach cha n-ann 's an f heòil ; gheibh- ear a chridhe maille rium-sa ; is toigh leis mo chomunn ; agus gu cìnnteach mealaidh è mo làthaireachd gu bràth ann mo rioghachd." " Is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid." Eo. 20. 29. " Dhoibh-san a bheir urram dhomh-sa. bheir mise urram." Nach do mheas Dia mar onoir dhà-fèin giùlain dìleas Chàleb agus Iosua, 'nuair a chaidh iad suas a rànnsachadh " tir a' gheall- aidh," agus a phill iad arist, a' toirt leo blasad de " thor- adh na fire," ag ìnnseadh d'am bràithribh gu'n robh "am fearann ro mhaith," agus a1 misneachadh an 242 Caithe-beaiha nèamhaidh t-sluaigh gu dhol suas ! Feuch, an gealladh agus an duais a f huair iad ! 9. An t-anam sin nach socraich 'aignidhean air na nithibh a ta shuas, diùltaidh è umhlachd a thoirt do àithntibh Dhè, agus caillidh è solus gràsmhor, taitneach an fhocail — focal Dhè. Is h an Dia sin fein a dh'àithn dhuit creidsinn, agus abhibeò mar dheadh Chriosduidh, a tha nis ag àithneadh dhuit "na nithe a ta shuas iarraidh, far am bheil Criosd 'n a shuidhe air deas làimh Dhè," agus " d'aigne a shuidheachadh air na nithibh a ta shuas, agus cha-n ann air na nithibh a ta air an tal- amh." Col. 3. 1, 2. Is è an Dia sin f&n a thoirmisg dhuit mortadh, gadachd, no adhaltrannas a dheanamh, a tha nis a' toirmeasg dhuit dearmad a dheanamh air an dleasanas mhòr so; agus an dàna dhuit a dhiultadh? Carson nach 'eil do choguis a' toirt ort an dleasanas so a dheanamh, cho maith ris an dleasanas ud eile ? Nach d'òrduich Dia an dleasanas so dhuit cho maith ri instrumaid do shòlais, chum do neartachadh gu làn ghreim a dheanamh air do thròcairean fèin ? A bhàrr air sin, dearmaid an dleasanas so, agus ciod is fheàirrd thu gach cunntas f ìor ghlòrmhor mu nèamh, gach iom- radh fior air an t-sonas ri teachd, agus gach gealladh priseil air ar fois ? Nach iad sin na rèultan a chithear a' dealrachadh ann an iarmailt an Sgriobtuir, agus na còrdan òir a chithear ann an leabhar Dhè ? Shaoilinn nach dealaicheadh tu ri aon idir de na geallaidhean sin airson an t-saoghail uile. Is è nèamh iomlanachd ar tròcairean uile, mar sin is iad geallaidhean nèimh anns an t-soisgeul, fior anam an t-soisgeil fèin. Nach neo-ni uile shòlas an t-saoghail ann an coimeas ri aon fhocal sòlais o bhèul Dhè ? Is eadh. Carson, matà, tha thus1 a' deanamh dearmaid agus dimeas air cho liuthad focal sòlais ? Carson a dh'fhoillsich Dia a chomhairle fèin duinn ann an tomhas cho mòr, agus carson a labhair è ruinn roi- làimh air an lànachd aoibhneis a tha sinn gu shealbh- achadh, ach a chum ar deanamh aoibhneach le fios 'f haotuinn air ? Mur b'àill leis sinne 'dheanamh aoibhneach le fios a thoirt duinn air ar sonas roi-làimh, dh-fhaodadh è a rim a chumail aige-fein; gun aon a choimhead air thalamh. 243 fhocal ìnnseadh dhuinn mu 'thimchioll, gus an tig an uair air an togar suas gu glòir sinn. Seadh, a chionn gu'ra bheil ar fois arm an laimh Dhe fèin, dh-fhaodadh è a buan rahaireannachd a cheiltinn òirnn, ni a dhean- adh ar gàirdeachas milis a lughdachadh gu mòr fo eagal a chall. Ach b'i toil ar n-Athar nèamhaidh a chomhairle fèin 'f hosgladh suas, agus fios a thoirt duinn air làn run a chridhe, ' chum gu'm bitheadh ar gàird- eachas coimhlionta', agus gu'm bitheamaid beò mar oighreachan air a riogbachd. Agus an dean sinne nis dimeas air sin uile ? Am bi sinn beò ann an iomadh curam agus bròn, gun ghàirdeachas na's mò 'dheanamh amis na nithibh foillsichte sin, na ged nach sgriobhadh làmh an Tighearna riamh iad ? Na'n sèulaicheadh right na tire so dhuit còir-sgrìobhte air moraireachd, no gealltuinn morair a dheanamh dhiot, nach trie a bheir- eadh tu suil air do chòir-sgrìobhte, a' smuaineachadh oirre le taitneas gus am faigheadh tu an onoir sin ? Ach nach do shèulaich Dia còir-sgrìobhte dhuit air onoir nèimh, agus am fàg thu ì 'n a laidhe dùinte ri do thaobh, gun smuain, gun siiil a thoirt oirre, mar nach bitheadh cuimhne agad gu'm bheil a leithid ànn ? Ho ! b'fheàrr gu'n robh ar cridheachan cho àrd ri ar dòchas, agus ar dòchas cho àrd ris na geallaidhean neo-mhear- achdach sin ! 10. Is còir d'ar cridheachan a bhi suidhichte air Dia, oir tha cridhe Dhè làn-shuidhichte òirnn-ne. Nach iosal a dhislich Tighearn na glòire e-fèin air ar son-ne ann an suidheachadh a chridhe òirnn-ne, crèutairean peacach an duslaich ! Nach bu choir dhuinn -ne, matà, ar cridheachan a shocrachadh gu toileach, taitneach air Criosd agus air glòir, a' togail suas ar n-aignidhean gach là 'dh-ionnsuidh an Ti sin a dhìlsich e-fèin cho mòr a chum sinne àrdachadh ! Anis, a Chriosduidh, nach 'eil thus' a' tuigsinn gu'm bheil cridhe Dhè air a shuidheachadh ort, agus gu'm bheil h fathast a1 cuimh- neachadh ort le gràdh tìorail, eadhon an uair a gheibh- ear thus' a' deanamh dì-chuimhne ort-fèin agus air-san ? Nach 'eil a thròcairean air an ath-nuadhachadh dhuit gach la ? Nach 'eil è a' sior-labhairt ri d'anam leo ? Nach 'eil è ag ullachadh airson do chuirp, agus a' gleidh- 244 Caithe-beatha neamhaidh eadh araon do chuirp agus d'anaraa ? Nach 'eil è 'g a do ghiùlain an còmhnuidh ann an gàirdeanaibh a ghràidh, agus a' gealltuinn " gu'n comh-oibrich na h-uile nithe chum maith" dhuit, agus gu'm bi gach ni a nì è riut a chum d'àrd bhuannachd, agus gu'n toir h " aithn d'a ainglibh mu d'thimchioll ?" Agus am bi thusa toilichte le aoibhneas iosal na talmhainn, agus an di-chuimhnich thu do Thighearn a tha cho cuimhneach ort-sa? Ah! a mhi-thàingealachd neo-chaoimhneil ! Eisd ris a' labhairt air a chaoimhneas fèin ruinn-ne, " Ach thnbhairt Sion, Thrèig an Tighearn mi, agus rinn mo Thighearn mo dhi-chuimhneachadh. An dl-chuimh- nich màthair a leanabh ciche, gun iochd a dheanamh air mac a cuim ? Feudaidh eadhon iadsan di-chuimh- neachadh, ach cha di-chuimhnich mise thusa. Feuch air dearnaibh mo làmh ghearr mi thu ; tha do bhallachan a'm' fhianuis an còmhnuidh." Isà. 49. 14-16. Ach èisd ris anis a1 labhairt air ar cùram-ne d'a thaobh fèin 'us cluinnidh tu è ri gearan òirnn, " Am feud òg-bhean a h-usgi-aichean a dhearmad? no bean-bainnse a h-eid- eadh ? Gidheadh dhearmaid mo shluagh mise làithean gun àireamh. lev. 2. 32. Mar gu'n abradh è, " Air gach maduinn a dh-eireas sibh, is taitniche libh diomhanas 'us èideadh grinn a chuimhneachadh na mise. An iad sin a's luachmhoire dhuibh na bhur Dia ? An f heàrr dhuibh na nithe sin na bhur beatha mhaireannach ? Nach 'eil sibh a' dearmad na nithe sin a's feàrr là an dèigh là?" Na tugamaid aobhar do Dhia a bhi ri cònsachadh ruinn. Gu-ma feàrr leinn ar n-anamanan a thogail suas a dh-ionnsuidh Dhe, taoghal aige gach maduinn, agus ar cridheachan bochd a shineadh d'a ionnsuidh gach mionaid. 11. Nach 'eil ar còir ann an nèamh, agus ar dàimh ris an àit sin, ag ìarraidh òirnn ar cridheachan a chumail an còmhnuidh air nèamh ? An sin, tha cuirt ar n-Athar. Gairmidh sinn dheth "Ar n-Athair a ta air nèamh. Clann neo-airidh sinne 1 a bhitheas toilichte le cluith 'us faoineas, gun chuimhne air Athair cho maith. An sin, tha Criosd ar Ceànn, ar Cèile, ar Beatha ; agus nach seall sinn suas ris, agus nach iarr sinn è cho trie 's is urrainn sinn, gus an tig an là air am faic sinn è aghaidh ri a choimliead air thalamh. 245 aghaidh ? A chionn gur " eigin do nèamh a ghabhail gu aimsiribh aisig nan uile nithe ;" gabhadh nèamh raar-an-cèudna na cridheachan againn-ne maille ris. An sin fòs "a ta an Ierusalem nuadh a's màthair dhuinn uile." Gal. 4. 26. An sin tha mòr àireamh ar brkith- rean a's sine. An sin tha ar càirdean, ar seànn luchd- eòlais, ìadsan 'bu chuideachd thaitneach leinn anns a' bheatha so, agus bu bhrònach sinn a' dealachadh riutha aig uair am bàis ! agus nach tog sin suas ar smuaintean gu nèamh ? Na'n robh iad sin fathast air thalamh, nach rachamaid astarfada gf am faicinn. Agus carson, màta, nach 'eil ar spioradan a' direadh suas na's trice d'an ionnsuidh air nèamh, agus le aoibhneas a' smuaineach- adh roi-làimh air an kit agus air an là ghlòrmhor sin 's an coinnich iadsan agus shine fathast ? B'aoibhneach le Socrates bksachadh, a chionn gu'n robh è 'creidsinn gu'm faiceadh è Hòmer, Hesiod * agus daoine comhar- raichte eile air taobh thall a' bhàis. " Nach mò gu mòr na sin m' aobhneas-sa," arsa ministear diadhaidh, aosda, " agus mi cinnteach gu'm faic mi Criosd mo Shlàn- uighear, Mac sìorruidh Dhè, a ghabh air-fein nàdur an duine, maille ri mòran aithrichean, fhaidhean 'us abstol glic, naomh, ainmeil," &c. Is còir do gach cridmheach sealltuinn suas gu nèamh, a' meòrachadh air staid bheannaichte nan naomh, agus a' labhairt ri 'chridhe fèin, mar so, " Ged nach 'eil mise fathast cho sona 's a tha sibhse, gidheadh is solas dhomh gach là, gur sibhse mo bhràithrean agus mo chomh-bhuill ann an Criosd, agus air an aobhar sin, is h bhur gàirdeachas-sa mo ghàirdeachas-sa, agus bhur glòir-sa, an lorg mo dhluth dhàimh so ruibh, mo ghlòir-sa ! Headh gu h-àraid 'us mis' a' creidsinn ann an Criosd fèin, agus a' deanamh teànn ghreim air a' cheart chreidimh agus air a' cheart timhlachd sin leis an robh sibhse mar so air bhur. n-àrd- achadh, agus a' deanamh gàirdeachais ann mo spiorad maille ribh-se, 's a' meòrachadh le tàingealachd 'us taitneas air bhur snnas gach là." A bharr air sin, is ànn sliuas a tha ar tigh 's ar dach- * Socrates, Homer, Hesiod, sin ainmean thriùir dhaoine tìosrach, ainmeil de mhuinutir na Grèige. Bha iad ann roimh theachd arSlàn- uigheir.— Eadae. x 3 246 Caìthe-beaiha nèamhaidh aidh. " Oir a ta fios againn, na'n sgaoilteadh o chèile ar tigh talmhaidh a' phàilliuin so, gu bheil again n aitreabh o Dhia, tigh. nach do thogadh le làmhaibb, siorruidh anns na nèamhaibh." Carson, matà, nach 'eil sinn a' sealltuinn suas ris na's trice, agus " ag osnaicb 's a' mìannachadh a bhi air ar n-èideadh le ar tigh o nèamh?" 2 Cor. 5. 1, 2. Na'n robh ar dachaidh mòran na's fhaisge, is cìnnteach chuimhnicheamaid oirre, do bhrìgh gur ì ar dacbaidh. Na'n robh thu air d'fhògradh air falbh gu tìr fad-às, nach trie a smuain- icheadh tu air do dhachaidh. Carson, matà, nach f haighear thu gu trie a' smuaineacbadh air nèamh ? Nach è sin gu ceart, cìnnteach ar dachaidh bhuan, far am bi ar còmhnuidh shìorruidh, agus cha n-ànn 's an t-saoghal so ris am bheil sail againn dealachadh air gach uair? Is coigrich sinn, agus is è nèamh ar dùthaich. Is oighreachan sinn agus is è nèamh ar n-oighreachd ; eadhon " oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-sbalach, agus nach searg as, a ta air a coimhead anns na nèamh- aibh dhuinn." Pead. 1. 4. An so, tha sinn fo àmhghar agus fo uireasbhuidh an còmhnuidh, ach a ta ar " maoin" air nèamh ; eadhon " maoin a's feàrr a ta maireannach." Eabh. 10. 34. Seadh, tha ar fìor dhòchas air nèamh ; ar n-uile dhòchas ri fuasgladh o gach trioblaid, ar n-uile dhòchas ri sonas, 'nuair is truagh sinn an so : agus ' tha an dòchas so uile air athasgadh suas dhuinn air nèamh.' Col. 1. 5. Carson, a Chriosduidhean ionmhuinn, a tha còir cho mòr againn air nèamh agus cho beag smuaint- ean againn an sin ? dàimh cho dliith, agus gràdh cho beag ? An tig dhuinn tlachd cho mòr a ghabhail ann an cuideachd choigreach ; agus ar n-Athair 's ar Tighearn a dhi-chuimhneachadh ? no 'bhi cho toilichte leo-san a ta 'g ar fuathachadh agus 'g ar sàrachadh, agus ar càirdean a's feàrr agus a's dilse a dbi-chuimhneachadh? no 'bhi cho dèigheil air iasad faoin, agus dearmad a dheanamh air ar seilbh agus air ar n-ionmhas fèin ? no 'bhi cho mòr air ar cìùrradh le deòir 'us uireasbhuidh, agus ar gàirdeachas agus ar fois a dhi-chuimhneachadh ? 1 s trie Dia a' tagair a choir annainn ; agus mar sin a' deavbhadh dhuinn gu'n oibrich è maith dhuinn, a chionn gur sinn a shluagh fèin, a roghnaich è dhà-fdin amach a clioimhead air ilialamli. 247 £s an t-saoghal. Carson, matà, nach fhaighear sinne gu trie a' tagair ar còir ànn-san, agus mar sin a' togail suas ar cridheachan a dh-ionnsuidh ar Dè, agus a dh-ionnsuidh nèimh, ar seilbh fein. Gu trie is ro thait- neach agus is ro luachmhor le daoine na nithe timeil a bhuineas doibh-fein, 'gan cuimhneachadh ro mhòr. Ho ! b'fheàrr gu'n robh ar n-oighreachd nèamhaidh leth cho taitneach agus leth cho luachmhor leinn 's is fhìach ì ! 12. Aon uair fathast smuainich, cha n-'eil ni sam- bith aim, ach nèamh air an f hiach dhuinn ar cridheachan a shuidheachadh. Mur suidhich sinn iad air Dia, cò air a shuidhicheas sinn iad, no cò dhà 'bheir sinn ìad ? Mur cuimhnich thu air d'fhois, cò air a chuimhnicheas tu ? An d'f huair thu mach dia eile, no ni sam-bith eile a sheasas dhuit 'an àit fois' ? An d'f huair thu mach sonas siorruidh air thalamh ? Càit am bheil è ? Ciod de 'm bheil è air a dheanamh ? Cò an duine fortanach a fhuair amach è ? Cò am fear mu-dheireadh aig an robh è ? Càit an robh a chòmhnuidh ? C'ainm a bh' air ? No, an tu-fein an cheud neach a fhuair nèamh air thal- amh ? Ah ! a thruaghain, na earb à d'f hortan, na dean uaill ann do bhuannachd, gus an ìarr làithean fada, fios- rachaidh ort uaill a dheanamh. Na sàraich thu-fein le iarraidh ni air thalamh nach 'eil idir ànn, air eagal gu'n càill thu d' anam, agus gu'n ionnsuich thu le fiosrachadh goirt, ni a dh-fhaodadh tu, na'm b' àill leat, ionnsach- adh gu toinisgeil a chum do bhuannachd a's feàrr, le èisdeachd ri iomadh rabhadh o Dhia 'n a f hocal, agus le smuaineachadh air sgrios nam miltean a mheall 's a mhìll iad-fein romhad. Geda choinnicheadh tu Satan air ' bèinn a' bhuairidh,' agus geda ' nochdadh è dhuit an sin uile rioghachdan an domhain agus an glòir,' cha b' urrainn è ni sam-bith a nochdadh dhuit air am b'f hiach dhuit do smuaintean a shocrachadh, no idir ni a b'f hiach dhuit a ròghna chadh air thoiseach air d'fhois. Gun teagamh, fèumaidh sinn, ann an cèumaibh ar dleas- anais, suim a ghabhail de na nithibh a ta bhos, ach càit am faighear duine nach iarr tuilleadh? no cò an t-anam a's urrainn fior f hois 'f haotuinn ànnta ? Am fear a's lugha ciiram mu nithibh timeil, gheibh è cuid diubh draghail, no searbh. 248 Caithe-heatha neamhaidh Ariis, a Chriosduidh, faic falamhachd 'us bochduinn nan uile nithe a ta bhos, agus lànachd phrìseil nan nithe a ta shuas. Geda ruitheadh do smuaintean, cosmhuil ris an t-seillean dhichiollach, thairis air gach ni 's an t-saoghal, a' dol o luibh gu luibh, o chrèutair gu crèut- air, agus o shaoibhreas gu onoir, is beag mil, no milseachd a bheireadh iad dachaidh, ach na chruinnicheadh iad o'n dàimh ris an t-siorruidheachd. Ged is fior luach- mhor gach focal de f hìrinn Dhe-, agus ged is coir a dion gu curamach, gidheadh is ànn a chum ar treòrachadh a dh-ionnsuidh ar fois', a bhuineas duinn smuaineachadh air teagasg na firinn. Gu dearbh is fior cheart a theirear, "Nach robh cridheachan luchd-deasboireachd air diadhachd riamh air am blàthachadh ann an deasbud, le aon sradaig de ghràdh Dhè." Is còir aire cheart a thoirt do " ghnothaichean na h-eaglais agus na stàite," f had 's a tha iad a chum freasdal Dè a shoilleireachadh, chum an soisgeul a chsaobh-sgaoileadh, a chum onoir a chur air uachdaranachd Chriosd, agus mar sin, a chum ar n-anamanan fern agus anamanan nan ginealachd a thig 'n ar dèigh a theàrnadh ; ach is iad sin nithe a bhuineas do'n t-saoghal shiorruidh. Cha n-airidh na gnothaichean a's feàrr agus a's àirde 's an t-saoghal so, eadhon reic 'us ceannach, ith 'us òl, togail thighean 'us pòsadh, cogadh agus sith, air làn smuaintean trie a1 Chriosduidh, ach amhàin cho fad 's a bhuineas iad do'n bheatha ri teachd, 'us cha n-ann do thoileachadh na feòla. Agus anis nach 'eil do choguis fèin ag ràdh nach 'eil ni sam- bith ann air an fhiach dhuit d'anam a shocrachadh, ach amhàin nèamh agus an t-sligh d'a ionnsuidh ? Anis, a lèughadair, am bheil, no nach 'eil na smuaint- ean sin luachmhor, cudthromach ? An do dhearbh mi dhuit gur è do dhleasanas do chridhe bochd a shuidh- eachadh air na nithibh saoibhir a ta shuas ? Freagair a' cheist. Ma their thu, Cha do dhearbh, is cinnteach mise gu'm bheil thus' ag àicheadh guth do choguis fèin. Ma dh-aidicheas tu thu-fèin dearbhte, gur è so do dhleasanas, ditidh do theangaidh sin fèin thu, agus labhraidh d'aideachadh sin gu gèur a'd' aghaidh, ma ni thu dearmad air do dhleasanas aidichte. Bi lan-toil- each, matà, agus tha 'n obair tuilleadh 'us leth deante. a choimhead air thalamh. 249 So dhuit anis beagan sheòlaidhean soilleir, anns an ath Chaibdeil, a chum do chuideachadh ris an obair mhòir so. Aeh, mo chreach ! is diomhain an ainmeach- adh, mur 'eil thusa toileach an cleachdadh. Gidheadh, bheirear dhuit iad, agus gu'n deanadh an Tighearn do chridhè aomadh a dh-ionnsuidh na h-oibre so ! Caibdeil XII. Caochladh Seòladh a chum Caithe-beatha NèamJiaidh a choimhead air Thalamh. Ma's luachrnhor leat an solas a thig o chaitlie-beatha nèamhaidh, guidheam ort o Dhia, seachainn gu cùram- ach luchd-bacaidh àraid ; agus an dèigh sin, dean gu trie, dìchiollach, firinneach na dleasanais sin a chuid- icheas tu gu mòr a chum ruigheachd air caithe-beatha nèamhaidh. I. So anis an luchd-bacaidh a's còir dhuit a sheachnadh gu cùramach, air gach dòigh ann do chomas ; eadhon, — A bhi beò ann am peacadh aithnichte sam-bith, — Inntinn thalmhaidh, — Cuideachd dhaoine mi-dhiadh» aidh, — Creidimji nam barail, — Spiorad uaibhreacb, mòr-chuiseach, — Spiorad limndach, — Earbsadh ann an ullachadh lom airson na beatha nèamhaidh, gun eòla& idir air a' bheatha sin fèin. 1. Is bacadh mòr air caithe-beatha nèamhaidh, a bhi beò ann am peacadh aithnichte sam-bith. Fàsaichidh sin d'anam gu trom. Mo thruaighe ! millidh è d'aoibh- neas ! Is goirt am milleadh a rinn è air gràsaibh mhòran ! a' sìor-lagachadh neart an anama ann an coimhlionadh a dhleasanais ! Anis, a leughadair, an neach thus' a rinn ainneart air do choguis fèin ? Am fear-dearmaid thu air do dhlasanasaibh aithnichte, follaiseach no uaigneach, conaltrach no diomhair ? An tràill thu do ana-m\ann, no do dhroch càil air-bith ? Am bheil thu krdanach, agus dèigheil, mìannach air moladh ? An duine drànn- danach, frionasach thu, ullamh gu fearg a ghabhail ris gach focal, 'nuair a shaoileas tu gu'n d'rinneadh tàire, 250 Seòladli gu Caithe-heatha neamhaidh no dìmeas ort? Am fear-meallaidh thu ann. an dean- amh ghnothaichean ri muinntir eile, no am bheil thu 'g ìarraidh a bhi saoibhir, iochd, achd, àraidh ? Ma's duine mar sin thu, faodar a ràdh gu'm bheil nèamh agus d'anam-sa glè aineolach air a chèile. Cha leig na sailean sin ann do shùilibh dhuit amharc suas ri nèamh. Is neòil ìad a' seasamh eadar thu-fèin agus Dia. 'Nuair a dh-fheuchas tu ri smuaineachadh air an t-sìorruidheachd, agus ri solas a tharruing o'n bheatha ri teachd, seallaidh do pheacadh riut arms an aoduinn, air a' cheart uair sin, ag ràdh riut, " Cha bhuin na nithe sin dhuit-sa. Cionnus a gheibheadh tusa solas o nèamh, agus tlachd cho mòr agad ann an ana-miannaibh salach na feòla?" Faic, O faic mar bhàthas sin d'aoibhneas! Ginidh è smuaintean searbh, agus cha n-è toil-ìnntinn mhilis dhuit ! fàgaidh è thu gun tlachd ann an staid na fois' ! Bàthaidh gach peacadh, a ni thu, do shòlas mar bhàthas uisg an teine. 'Nuair a shaoileas tu gu'm beothaichear do shòlas, is ann a bhàthas do pheacadh às è gu lèir. Chàill thu nise do thoil, chàill thu do chomas air èirigh suas gu nèamh le meòrachadh diadh- aidh ; oir chàill thu do sgìath, — eadhon sgìath làidir a' chreidimh, — gheàrr do pheacadh dhìot i. Cha n-urrainn thu èirigh suas na's mò na b'urrainn eun eirigh air iteig, an dèigh d'a sgiathan a bhi air an gearradh dheth. Gearraidh am peacadh fèithean na beatha neamhaidh so. O dhuine ! Is mòr a' bheatha sin a tha thus' a' call ! Is mòr an solas làitheil a tha thus' a' reic air ana-miann truaillidh ! Coinnichidh nèamh agus ifrinn a chèile, agus gràdhaichidh Dia am peacadh, air an là sin air an urrainn do chaithe-beatha-sa 'bhi air nèamh le blasad air glòir, 'us tu fathast beò ann am peacadh air-bith, 's ag òì truaillidheachd. Gabh an aire nach fbgair am peacadh do phearsa bho nèamh, mar tha è nis a' fògradh do chridhe bho smuaintibh neamhaidh. Agus mur 'eil thu ciontach ann am peacadh, mur 'eil peacadh aithnichte sam-bith a'righeachadh annad, smuainich, cia muladach do chor, ma gheibhear thu uair air-bith fo bhuaidh peacaidh. Dean caithris, matà ; rùnaich gu làidir gach coslas peacaidh a sheach- nadh. agus cam amach às gach ceum buairidh. Is mòr a choimhead air thalamh. 251 ar fe"um air an ùrnuigh so a chur suas gach uair, " Na leig sinn ann am buaireadh, ach saor sinn o 'n olc !" 2. Is bacadh eile, inntinn thalmhaidh ; agus feumar a seachnadh gu curamach. Cha n-urrainn tlachd do chridhe 'bhi araon ann an Dia agus ann am mammon, ann an nèamh agus anns an talamh. 'Nuair a gheibh- ear an creidmheach nèamhaidh 'g a thoileachadh fèin le beannachd Dhia, agus " a deanamh gàirdeachais 'an dòchas" na glòire ri teachd ; theagamh gu'm faighear tbusa 'g a d'thoileachadh fèin le do shoirbheachadh saoghalta, agus a' deanamh gàirdeachais ann an dòchas do chinneachaidh 's an t-saoghal so. 'Nuair a bhitheas an Criosduidh nèamhaidh a' gabhail toil- inntinn dhà- fem ann an sealltuinn suas ri Criosd, ris na h-ainglibh agus ris na naoimh, a' chuideachd a bhitheas aige gu sìorruidh, bithidh tus' a' gabhail toil-ìnntinn dhuit-fèin ann an sealltuinn ri do shaoibhreas, ri do chuid pàipeir- ean, ri do chunntais, ri do bhannaibh-sgriobhte, ri do bhathar, do sprèidh, no d'aitreabh ; agus a' smuain- eachadh air deadh-ghean dhaoine mora, air oighreachd mhòir, thaitnich, air ullachadh mòr airson do chloinne an dèigh do bhàis, air onoir do theaghlaich, no air meudachadh do luchd-eisimeil. Ma thuirt Criosd " amadan" ris an f hear a labhair ris-fèin, ag ràdh, " Anam, gabh fois, a ta agad mòran do nithibh maithe air an tasgaidh fa chomhair mòrain bhliadhnachan," nach tus' " amadan" a's mò gu mòr a' labhairt nam briathran cèudna ann do chridhe le fios duit ? Innis dhomh anis, ma's urrainn thu, ciod an t-eadar-dheal- achadh a tha eadar briathran an "amadain" so agus smuaintean do chridhe-sa ? Cuimhnich, is ann ri ' Fear-rànnsachaidh nan cridh eachan' a tha do ghnothach. Bi cmnteach à" so, mar a's mò do thaitneas agus d'fhois ann an nithibh tal- mhaidh, is ànn a's lugha do thaitneas ann an Dia. Faod- aidh dìnntinn thalmaidh còrdadh ri d'aideachadh agus do dhleasanas o'n leth-muigh, ach cha n-urrainn ì còrd- adh ris an dleasanas nèamhaidh so. Is maith is aithne dhuit-fèin cho ainmig, fuar, cho cabhagach, gruamach 's a bha do smuaintean air an aoibhneas a ta shuas, riamh o'n thòisichthu cho dianair marsantachd an t-saoghail 252 Sèòladh gu Caìtlie-hdatha nèamkaidh 0 nach mallaichte boile sin mhòran a ta nis a1 gabhail orra-fem a bhi diadhaidh ! Lèumaidh ìad air oibribh lìonmhor, tròm gus am bi ìad luchdaichte le saothair, agus air am bacadh le cùram, ionnus gu'm bheil è cho mì-chomasach d'an anamaibh conaltradh a chumail fi Dia 's a bhitheadh è do dhuine coiseachd le bèinn air a dhruim ; agus ìad cho neo-dheas gu èirigh suas air sgìath a' mheòrachaidh nèamhaidh, 's a tha 'n cuirp air cruinn lèum a thoirt suas gu uchd na grèine ! Agus an u.air a chailleas ìad a' bheatha nèamhaidh sin a dh-f haod- adh \ad a choimhead air thalamh, gheibhear ìad 'g an dìon fèin, ni nach gabh idir deanamh, le argumaidibh faoin, grod, ag ìarraidh a dhearbhadh gu'm bheil an cleachdadh fèin laghail gu leòr. Comhairlicheam dhuit, a Chriosduidh, a bblais air taitneasaibh na beatha nèamhaidh, ma's maith leat blasad orra fathast, seachainn pòll-slugaidh na h-ìnntinn talmhaidh. Ma's " kill leat a bhi beartach, tuitidh tu ann am buaireadh, agus aim an ribe, agus ann an iomadh ana-mìann amaideach agus cìùrrail." 1 Tim. 6. 9. Cum na nithe sin air an taobh muigh dhiot, chum gu'm bi è soirbh dhuit an tilgeil uait air gach àm, mar thilgeadh tu d'f halluinn uachdair ; ach cum Dia agus glòir an còmhnuidh astigh ann do chridhe. Cuimhnich gu bràth " gur nkimhdeas an aghaidh Dhe, ckirdeas an t-saoghail ; ge b'e air bith neach uime sin leis an àill a bhi 'n a charaid do'n t-saoghal, tha è 'n a nàmhaid do Dhia." Sèum. 4. 4. " Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithe a ta 'san t-saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, cha-n 'eil grkdh an Athar ann." 1 Eh. 2. 15. Is soilleir, dileas an teagasg sin, agus is sona do gach neach a ghabhas ris gu cùramach, ceart ! 3. Bi faicilleach an aghaidh cuideachd dhaoine mi- dhiadhaidh. Ach cuimhnich, cha n-eilear idir ag iarraidh ort tkir a dheanamh orra, no idir am fuathach- adh. Na fuathaich ach amhàin an droch gnè, an droch ckinnt 's an droch cleachdadh. Grkdhaich an anam- anan, agus fhad 's a bhitheas dòchas de'n taobh, gnkthaich gach fkth-chothrom ann do chomas, a chum an toirt gu ath-leasachadh beatha. Na abair idir nach fheàrr ìad na madraidh no mucan, agus mar sin, nach a choimliead air thalamh. 253 fhìach ìad seasamh 'n an cuideachd, no i'dir labhairt riutha mu chor an anamanan. Is ì an dòigh a's feàrr an comhairleachadh gu ciùin, dìleas, gràdhach, agus leantuinn air an comhairleachadh mar sin, fhad 's a bhitheas dòchas de'n taobh. Ach gabh an aire nach cum thu dlùth chòmpanas gun fhèum, gun mhaith ri daoine mi-dhiadhaidh. Gheibhear cronail, cha n-è mhàin cuideachd dhaoine mi-naomh, am mionnadair, am misgeadair agus nàimh- dean na diadhachd, ach gu ro thric còmpanas dhaoine modhail, siobhalta aig am bi cbmhradh faoin, falamh gun teagasg nèamhaidh. Tha iad sin glè ullamh gus ar smuaintean a tharruing air falbh o nèamh. An àit sin, is anil a chuireadh ar cridheachan rag, fèum an còmh- nuidh air cuideachadh làidir, a chum an tarruing suas gu nèamh ; oir do thaobh nàduir, cha ghluais aon diubh a dh-ionnsuidh nèimh, na's mò na ghluaiseas clach, no clod o'n talamh a dh-ionnsuidh nan spèur. Cha ruig- ear a leas na creagan a bhacadh o èirigh suas anns na spèuraibh, is leòr gun an cuideachadh. Agus gu cinnt- each, mur faigh na spioradan againn-ne an cuideachadh gu mòr, is furas an cumail o èirigh suas, ged nach coinnicheadh iad cnap-bacaidh sam-bith. 0 smuainich air so 'nuair is kill leat companaich a dheanamh dhuit- fèin ! Ach an uair a bhitheas do spiorad cho d&gheil air nèamh, ionnus nach bi fèum aige air cuideachadh a chum a thogail suas, ach è, mar lasair, a'sior-eirigh suas, agus a' trusadh leis gach neach a choinnicheas è air an t-sligh, an sin, ach ni h-ann idir gu sin, faodaidh tus1 a bhi car coma cò a' chuideachd anns an tuit thu. Ciod is fheàirrd do bheatha nèamhaidh a chluinntinn ciamar a tha 'dol do'n f hèill, agus do'n aimsir, no dè an naigh- eachd ur a tha 'measg sluaigh? Is è sin còmhradh dhaoine talmhaidh. An cuidichear do chridhe gu èirigh suas a dh-ionn- suidh Dhè le neach a chluinntinn ag ràdh ' B'è sid am ministear comasach, no b'è sid an searmonaiche trèun, no b'è sid an Criosduidh mòr, no b'è sid an t-searmoin kluinn, no b'e sid an leabhar maith,' no le èisdeachd ri cònsachadh teànn gun stà mu chreidimh ? Gu ro thric is è sin còmhradh a's feàrr a's dòcha dhuit 'f haotuinn 254 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh aig fear-aideachaidh foirmeil, bruidhneach, marbh- chiidheach. Anis ma bha thus' o chionn ghoirid a' blàthachadh do chridhe le meòrachadh air na h-aoibh- neasaibh beannaicht' a ta shuas, nach meilicheadh an còmhradh sin d'aignidhean, agus nach grad a bheireadh è air do chridhe reothadh arìst ? Tha rrrì nis a' faigh- neachd so dhe tuigse gach neach a dh'fheuch ris an obair so, agus aig am bheil beachd idir air fònn a spior- aid fèin. Cha mhaith is urrainn daoine labhairt air aon ni, agus aire cheart a thoirt do ni eile, gu h-àraid dà ni cho eadar-dhealaichte 'n an nàdur ri nèamh 'us talamh. Sibhse, a mhuinntir òg, a ta ro bhuailteach do'n bhuaireadh ud, smuainichibh air an teagasg so. An urrainn bhur cridheachan a bhi air nèamh, agus sibh maille ri companaich stoirmeil ag èigheachd 's a' gleadh- raich os-ceànn na dibhe-teinntich anns an tigh-òsda? no 'nuair a bhitheas sibh ag obair maille ri crèutairean d'an càinnt chumanta " draosdachd, no còmhradh amaideach, no bao-shùgradh, nithe nach 'eil iomchuidh?" Eph. 5. 4. Ni-h-eadh, ach leigibh dhomh innseadh dhuibh, ma's è sluagh mar sin is companaich dhuibh, 'nuair a dh-f haodadh sibh, na'm b'àill leibh, còmpanaicli na b'fheàrr 'fhaotuinn, agus ma's è an cuideachd toil- inntinn a's taitniche leibh, is fhada sibhse bho chaithe- beatha nèamhaidh ; cha n-'eil còir agaibh fathast air nèamh ; agus raur atharraich bhur cridheachan, bithidh sibh fada, fada bho nèamh gu siorruidh. Na'n robh bhur n-ionmhas shuas, cha b'urrainn bhur eridhe 'bhi air nithibh a ta cho fada bho nèamh. A dh'aon fhocal, is ì ar cuideachd pàirt de'n t-sonas a bhitheas againn air nèamh. agus is ann arèir na cuideachd a ròghnaichear leinn air thalamh, a luathaichear no 'cbaisgcar ar cèum gu nèamh. 4. Seachainn dmsboireachd mu nithibh na diadhachd, agus creidimh aig nach 'eil steidh sam-bith ach barail tihaoine. Is iadsan a's lugha eòlas air a' bheatha nèamh- aidh. deasboirean a's braise agus a's teotha air na nithibh a bhuineas do thaobh-muigh na diadhachd. Am fear aig nach 'eil creidimh sam-bith eile, ach amhàin fuaim nam barail, is è a's trice agus a's e"udmhoire 'gheibhear a' labhairt 's a' dion a bharailean bochd i'e'in a clwimhead car tkalamh. 255 Ach am fear aig am bheil a chreidirah a' sruthadh bho eòlas air Dia, agus o ghiàdh do Dhia agus do Chriosd, is è a's dichiollaich' a labhras air an là shona sin air am faigli è an ]àn-mhealtuinn. Is tearc, luachmhor an Criosduidh nn d'an aithne f ior fheum a dheanamh de 'n f lùrinn shoilleir. Air an aobhar sin, comhairlicheam dhuit-sa, ma's àill leat beatha neamhaidh, ma caith ach beag de do smuaintibh, de d'ùin, de d'èud, agus de do bhriathraibh air deasboireachd nach urrainn sith, no solas a thoirt do d'anam. 'Nuair a bhitheas cealgad- airean beò air rùisg 'us plaoisg. bì-sa beò air na h-aoibh- neasaibli a ta shuas. Is maith a bhi comasach air firinn Dhè a dhion ameasg dhaoine, agus is còir dhuinn lèugh- adh agus ionnsuchadh a chum na criche sin ; ach thugamaid a' cheart aire nach ceadaich sinn do dheasb- oireachd mu'n fhìrinn fèin ar cridheachan a ghluasad de na nitbibh a ta shuas. Is trie a chualas muinntir a' consachadh. ri 'chèile mu chreidimh. ach is ainmig a chunnacas iad a' fàgail na cuise na's soilleire, an dèigh dhoibh sgur, na bha ì 'nuair a thòisich iad. Tha na nithe sin ro dhomhain airson sealladh goirid dhaoine. Is beag is fheàirrd anam air-bith consachadh mu 'n fhirinn, agus is maith nach 'eil mòr chonsachadh mu na firinnibh a's priseile luach. Ach eisdeamaid anis ciod a tha focal Dhè fèin ag ràdh air a' chùis so : — " Gabhaibh ris an neach a ta anmhunn 's a' chreidimh, ach cha-n ann chum deasboireachd amharusach." Born. 14. 1. " Ach seachainn ceisdean arnaideach agus neo- f hòghluimte, air dhuit fios a bhi agad gu'n tog iad conn- saichidhean. Agus cha-n fheud òglach an Tighearna 'bhi conspoideach. 2 Tim. 2. 23. "Ach seachainn ceisd- ean arnaideach, agus sloinnteireachd. agus conspoidean, agus consachadh mu'n lagh: oir tha iad gun tairbhe agus diomhain." Tit. 3. 9. " Ma bheir aon neach at harrach- adh teagaisg uaith, agus nach aontaich e do bhriathraibh fallain, eadhon do bhriathraibh ar Tighearna loea Criosd, agus do'n teagasg, a ta rèir na diadhachd : Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air ni sam-bith, ach e às a chèill mu thimchioll cheisdean, agus bhriarhar- connsachaidh, o'n tig farmad, comhstri, anacainnt droch amharusan, fiar-dheasboireachd dhaoine aig am 256 Sebladh gu Caithe-heatha nèamhaidh bheil inntinn thruaillidh. agus as eugmhais na firinn, a' meas gur buannachd an diadhachd : dealaich ri an leithidibh sin." 1 Tim. 6. 3-5. 5. Gabh an aire nach bi do spiorad uaibhreach, mòr- chuiseach. Tha fuath anabarrach laidir eadar Dia agus am peacadh so. Fhad 's a bhitheas am peacadh, so a' righeaehadh arm do chridhe, cha tig Dia agus do chridhe gu bràth fagus d'a chèile. So am peacadh. a thilg Satan, agus na h-ainglean a thuit. amach à nèamh, agus ma gheibhear annads' è, cumaidh è do chridhe mach à nèamh. So am peacadh a thilg ar ceud sinn- searan amach à pàrras, agus a dhealaich sinne bho 'n Tighearn. agus a thug a mhallachd air na h-uile chrèutairibh an so fo nèamh ; agus gu cinnteach cum- aidh è ar cridheachan o phàrras, agus meudaichidh è ar dealachadh mallaichte bho Dhia. Ach cumaidh co- chomunn ri Dia sinn iriosal, agus meudaichidh an irioslachd sin co-chomunn dhaoine ri Dia. 'Nuair a chleachdas duine 'bhi trie maille ri Dia, agus a bhi 'smuaineachadh air a bhuaidhean glòrmhor, ' gabhaidh è grain dheth-fèin ann an duslach agus ann an luaith', agus is è am fein-irioslachd sin deasachadh a's feàrr a chum a thoirt astigh an làthair Dhè, arist. Uime sin, matà. an deigh là irioslachaidh an anama, no air amaibh trioblaid 'nuair a's iilse an t-anam, is trie leis rathad reidh 'fhaotuinn a dh-ionnsuidh Dhè, agus blasad gu pailt air a' bheatha sin a tu shuas. Tha tlachd Dhè anns an duine sin " a ta bochd agus leònta 'n a spiorad, agus a chriothnaicheas roimh 'fhocal." Isà. 56. 2. Agus tha tlachd an anama sin ann an Dia ; agus an uair a bhitheas an tlachd mar sin taobh air thaobh, bithidh aca coinneachadh rèidh, failt thaitneach agus conaltradh trie. Ach is fhada Dia bho chòmhnuidh an anama sin a ta uaibhreach, àrdanach. agus cha chead- aich Dia dhà teachd fagus dà. " An ti aig am bheil seall- adh àrd, agus cridhe uaibhreach, esan cha-n fhuiling mi." Salm 101. 5. "Tha Dia a' cur an aghaidh nan uaibhreach, aeh a' toirt gràis dhoibh-san a tha iriosal." 1 Pead. 5. 5. Gheibhear inntinn uaibhreach 'g a h-àrdachadh fe'in, le fèin-mheas, fèin-spèis, ag;us le eèur-thoeradh feòl- a choimhead air ihalamh. . 257 mhor. Ach gheibhear inntinn iriosal air a h-àrdachadh gu ceart 'an sealladh Dhè le gèur-thogradh naomh. Sin anis dà inntinn àrd a tha, seach gach seòrsa inntinn eile, a' dol calg-dhireach an aghaidh a chèile, mar chithear cogadh, mar a's trice, eadar righ agus righ, 'us cha n-ànn eadar righ agus treabhaiche. Seadh, matà, an duine thus' a tha luachmhor ann do shealladh fèin ? An taitneach leat daoine eile mòr mheas a chur ort, agus an cuirear mòr sprochd ort, an uair a ni iad dimeas ort ? An docha leat muinntir a chuireas onoir ort : agus nn suarach leat iadsan nach cuir. ged bu daoine còire, diadhaidh iad ? Am feumar do chàil a riarachadh ? an àill leat do bharail fèin a bhi 'n a riaghailt, agus d'f hocal, olc, maith è, a bhi 'n a lagh do na h-uile a ta mu-n-cuairt duit? An las d'fhearg, ma dhiùltar do thoil, no d'f hocal? An ni suarach. tàireil leat spiorad iriosal ? An aithne dhuit aideachadh agus ge'illeadh iriosal a dheanamh an dèigh dhuit peacachadh an aghaidh Dhe, no cron a dheanamh air do cho-chre'utair ? An duine thus' a tha coma do na bochdan, agus am bi nàir ort a bhi air d'fhaicinn 'n an cuideachd ? An urrainn thu seirbhis a dheanamh do Dhia ann an àit air-bith, àrd, no iosal? Am bheil d'uaillair a casgadh •le crionnachd, no seòltachd, agus cha n-ann le irios- lachd ? Am miannach leat suilean nan uile dhaoine 'bhi ort, agus an cluinntinn ag ràdh, " So an duine ?" Am bheil thu aineolach air mealltaireachd 'us aingidh- eaclid do chridhe fèin ? An fheàrr leat a ràdh gu'm bheil thu neo-chiontach, na thu-fèin a choireachadh, no do chionta fèin aideachadh? An gànn a dh-fhuiligeas tu achmhasan, no teagasg teànn, dìleas a rùisgeas droch nàdur do chridhe dhuit ? Ma's iad na nithe sin dealbh do chridhe, is crèutair uaibhreach thu. Tha ro mhò ran de nàdur na h-ifrinn a' gabhail còmhnuidh annad. Tha d'anam cosmhuil ris an diabhul, 's an lorg -in tha thu aineolach air nèamh, agus air dlùth chon- altradh ri Dia. Is è 'n duine uaibhreach a dhia fein. Cuiridh è suas e-fein mar iodhol dhà-fèin. Ciamar, matà, is urrainn aignidhean an duine sin a bhi suidh- ichte air Dia ? Ciamar idir is urrainn a chridhe 'bhi air nèamh? Faodaidh mnleachd agus cuimhne làidir 258 Sebladh gu Caithe-beatha nèamhaidh a theangaidh a lionadh le briathraibh iriosal agus nèamfaaidh, ach cha n-'eil dad de nèamh, no idir irios- lachd 'n a spiorad. Is ceart labhairt gu farsuing air a' cheànn so, a chionn gur è so am peacadh cumanta agus eunnartach a's mò 'tha gach uair a' greasad dhaoine gu peacadh mòr na h-ain-diadhaehd. O nis, a Chriosduidh ! ma's àill leat a bhi beò an còmhnuidh an làthair do Thighearna, luidh sios anns an duslach, agus togaidh e-fèin suas à sin thu. " Fògh- lumaibh uam," arsa Criosd, " oir a ta mise macanta agus iriosal an eiidhe : agus gheibh sibh fois do bhur n-anamaibh." Mata 11. 29. Mur gabh thu tairgse Chriosd, bithidh d'anam " cosmhuil ris a' mhuir bhuairte, oir cha-n urrainn ì bhi aig fois ; ach tha a h-uisgeachan a' dusgadh a nios salchair agus làthaich." Isd. 57. 20. Agus an àit dhuit a bhi air do lionadh le tlachd milis ann an Dia, lionaidh d'uabhar thu le baaireas nach sguir. " Ge b'e dh'islicheas e-fein mar leanaban, is e sin a's mò" abhitheas an dèigh so "ann an rìoghachd nèimh." Mata 18. 4. Agus mar sin, is è neach a's mò roimh-bhlii.s an diugh air an rioghachd sin. '• Gabhaidh Dia còmhnuidh maille ris-san fòs a ta leònta agus iriosal 'n a spiorad ; a bheothachadh spioraid nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònta." Isà. 57. 15. Air an aobhar sin, " irioslaichibh sibh-fein am nanuis an Tighearna, agus àrdaichidh è sibh." Sèum. 4. 10. Agus "an uair a dh'islichcar daoine, an sin their thu, Bithidh àrdachadh ann ; agus saoraidh è an t-iriosal." lob 22. 29. 6. Is fear-bacaidh trom eile air a' chaithe-beatha nèamhaidh so, spiorad lunndach, leisg. Gu dearbh is è mo bheachd feln nach 'eil ni sam-bith eile 'g a bhacadh na's mòna sin ann an daoine aig am bheil deadhthuigse. Mur bitheadh ri dheanamh ach amhàin gnìomh pearsa, gluasad nam bilean, agu slùbadh na gliiine, rachadh daoine 'n an lèum do nèamh. cho trie 's a thèid iad a dh-fhaicinn caraid ; ach is leisg, duilich leinn ar smuaintean agus ar n-aignidhean a tharruing o'n t saoghal, gach giàs a ta againn a chur air obair, agus a chumail air obair, 'g a shior-mheudachadh gus an poirbhich an obair ann ar làrnhaibh. a choimhead air thalamh. 259 A leughadair, tha nèamh os do chionn, agus an saoil thu-fèin gu'n dirioh thu an àirde mhòr sin gun run, gun saothair? An tèid agad air do chridhe talrahaidh a thogail gu nèamh, agus d'inntinn leisg a thoirt a dh-ionnsuidh Dhè, 'us tu-fein sìnte sìos ris an talamh, agus a' gabhail fois', gun aon smuain agad air nèamh ? Na'm bu leòr dhuinn fantuinn shìos aig iochdar na beinne, agus sealltuinn suas le seòrsa tograidh a mullach a ruigheachd, gun saothair idir ach sin, dh-f haodamaid coiseachd gach là gu nèamh. Ach "a ta rioghachd nèimh a' fulang ainneirt agus luchd na h-ainneirt 'g a glacadh le làmhachas làidir." Mata 11. 12. Fèumar "ainneart," no obair dhian a ghnàthachadh a chum an ceud thoradh 'fhaotuinn, cho maith ri Ian sheilbh. Nach 'eil thu-fèin a' tuigsinn gur fior sin, ged riach rachadh innseadh idir dhuit an so ? An tèid do chridhe suas, mur greas thu suas è ? Tha fios agad gur è nèamh d'uile dhòchas ; tha fios agad nach urrainn ni sam-bith air thalamh fois a thabhairt duit, agus gur beag solas a gheibh cridhe bho nèamh, nach 'eil ach ainmig a' srauaineachadh air nèamh, agus gidheadh nach 'eil thus' a' fantuinn shios sinte ris an talamh, ged tha iom- adh fàth-chothrom agad air èirigh suas, agus a bhi beò maille ri Dia ? Nach trie a mholas tu milseachd na beatha nèamhaidh, agus nach abair thu gur iad na Criosduidhean a's feàrr aig am bheil i, agus an dèigh sin uile. cha bhlais thu-fèin oirre ? Mar a shineas an lunndair e-fein air a leabaidh, ag èigheachd, " O b'f heàrr gu'm b'obair so !" mar sin gheibhear thusa ri bruidhinn, ri diomhanas, agus tu beò ami am fois do lùnndaireachd, ag ràdh, " 0 b'fheàrr gu'm faighinn mo chridhe suas gu nèamh !" Nach iomadh neach a leughas leabhraichean agus a dh-èisdeas searmoinean le duil gu'n cluinn iad mu rathad na's socraiche, no gu'm faic iad rathad na's giorra gu solas, na gheibhear anns na Sgriobtuiribh ? No ìarraidh iad seòladh airson beatha nèamhaidh, agus na'm bu leòr èisdeachd ri seòladh, càit am faighear Criosduidhean a's neamhaidh na iadsan ! ach an uair a chomharraicheas sinn amach an obair a tha dleasanach dhoibh, agus a dh-innseas sinn dhoibh nach urrainn iad an solas neamhaidh so 'fhaot 260 Seoladh gu Caitlie-beatha nèaniliaidh uinn air dòigh na's socraiche, no gun saothair cheart a dheanamh air a shon, an sin, fàgaidh iad sinn mar " dh'f halbh an t-òganach" o Chriosd " gu brònach ;'.? oir b'ànnsa leis a " shaoibhreas" timeil na " ionmha > airnèamh," Mata. 19.22, Anis, a leughadair, ma tha thu dearbhta gn'm bheit an obair so fèumail a chum do shòlas a chur air aghaidli, tòisich oirre gun dàil le d'uile chridhe. Ma dhiùltas do chridhe, ceànnsaich è le do rèusan. Ma chuireas do reusan 'n a h-aghaidh, leig àithn Dhia air gu dìan, teànn, agus èignicheadh d'fhèum è. Lèugh arìst na smuaint- ean a ta air an cur sios anns an aon Chaibdeil devg de'n Leabhar so. Na leig le ionmhas cho òirdheirc laidhe romhad, agus do làmh glaiste 'n a d'uehd gun a sineadh d'a ionnsuidh. Na biodh do bheatha fo shlor aineadas 'nuair a dh-fhaodadh ì 'bhi taitnesch, sòlasach dhuit, na'n robh thus' a' deanamh spàirn a chum ruigheachd air solus neamhaidh. Na suidh sios diomhain, dubhach fo spiorad ltmndach gun ghluasad a dh-ionnsuidh nan solas priseil a ta nis a' fàs roimh do shùilibh. Na bi cosmhuil ri duine 'n a shineadh ann an lios fhliiiraichean, leis nach àill èiriffh suas 'gam faicinn, no idir a bhla?ad air an ciabhraidheachd mhilis. Is è Criosd tobar na beatha. Ach gu cinnteach is domhain an tobar, agus fèumaidh, tusa dichioll a dhean- amh air uisg a tharruing ^s an tobar so, mu'n uriainn thu 'bhi air d'urachadh leis. Cho fad 's a tha do chridhe spioradail, cha n-'eil fèum agad air a' " chruaidh spàirn" agus air an " ainneavt" so uile ; ach tha thu fathast feòlmhor ann an cuid, agus f had \s a bhitheas tu feòlmhor anns an tomhas a's lugha. bithidh mòr fhèum agad air saothair a dheanamh gach là. B'ò cleachdadh nam Partach, gnn bhiadh sam-bith a thoirt d'an cloinn anns a' mhaduinn, no air toiseach an la, gus am faiceadh iad fallas air an grnaidhean, an dèigh dhoibh obair, no saothair a dheanamh ; agus mar sin tha Dia gu trie a' deanamh ri 'chloinn fein : cha toir è dhoibh blasad air na sòlasaibh milis a ta aige dhoibh, gus an tòisich iad ri fallas a chur dhiubh le saothrach- adh air an son. Thoir breth, matà, co aca nis a's feàrr dhuit beatha neamhaidh, no d'fhois fheòlmhor, a choimhead air thalomh. 261 agus mar dhuine glic, 1 òghnaich arèir do bhreith : ròghnaich " a' chuid mhaith " Seadh anis, thoir leat so chum do mhisneachadli : Cha ruig thu leas tuille smuaintean a ghnàthachadh seach na tha nis agad. Ach so ni a dh-fhèumas tu 'dheanamh, socraich do smuaintean air nithibh na's feàrr, na's luachmhoire, na's taitniche. Builich air gach là clio liuthad smuain curamach, dùrachdach air glòir òirdheirc na beatha ri teachd, 's a b'àbhaist duit a bhi 'caitheamh gach là roimhe so, air nithibh saoghalta, seadh, air diomhanas 'us amaideas, agus cha n-fhada gus am bi do chridhe air nèamh. A dh'aon f hocal, is è ' fearann an duine leisg, a ta uile air fàs suas le cluaranaibh, agus còmhdaichte le eanntagach. Marbhaidh miann an leisgein a ghàird- eachas ; oir diùltaidh a làmhan obair a dheanamh. Is è 'n leisgein a their, tha leòmhan 's an t-slighe, leòmhan anns na sràidibh. Mar a thionndaidheas an dorus air a ludanaibh, mar sin an leisgein air a leabaidh. Folaich- idh an leisgein a làmh 'n a bhroilleach, is doilich leis a roirt a chum a bheòil, geda b'ann a chum e-fein a shàsachadh le biadh na beatha.' Gnàth. 24. 30, 31. Caib. 21. 25. Caib. 26. 13-15. Cioda gheibhear anns an leisg so uile. ach milleadh ar sòlais, agus mar sin a' tilgeil uainn luach na fola priseil a cheannaich dhuinn è ? oir " an ti sin a ta leisg 'n a obair, is bràthair è do'n mhìllteir mhòr." Gnath. 18. 9. Cleachd an teagasg so aig d' obair spioradail, agus smuainich air a bhrigh gu ceart. 7. So anis cùis-bhacaidh fholaichte, chunnartach eile, agus is è sin, sinn a bhi toilichte le ullachadh amhàin airson na beatha nèamhaidh so, agus sinn fathast tur aineolach air a' bheatha sin fèin. Nach trie a gheibhear sinn làn-toilichte le nithibh nèamhaidh ìonnsuchadh amhàin, le briathraibh nèamhaidh 'us barailibh umpa, no le labhairt ri each a cheile mu 'n timchioll. mar gu'm bu leòr sin gus ar cridheachan a dheanamh nèamhaidh. Tha luchd-teagaisg na firinn, luchd-leughaidh agus gu h-àraid luchd-searmonachaidh an t-soisgeil fo chunnart glè* mhor tuiteam anns an ribe so. 0 cia furasda dhoibh sin a bhi air am mealladh. 262 Seòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh mur dean ìad faire ! Nach 'eil ìad sin a sìor-le'ughadh agus a' sìor-ioDnsuchadh mu nèamh, a' searmonachadh 's ag ùrnuigh, 's a' labhairt gu trie mu nèamh ; nach ì sin an gnàth obair, agus nach beatba nèamhaidh, nach caithe-beatha nèamhaidh sin ! Ocb ! cha n-'eil anns na nithibb sin nile ach amhàin ullacbadh air a son ! Cha n-'eil ànnta sin ach tional an stuth', no nan cùngaicìhean airson na h-aitreibh, agus cha n-è idir suas-thogail na h-aitreibh feln. Cha n-'eil ànnta sin ach tional a' mhana airson muinntir eile, agus sinn-fèin gun dad itheadh. no 'mhearbhadh dheth. Mar dh-fhaodas duine sgileil, 'us è 'n a shuidhe stigh 'na thigh fèin, f ior dhealbh dticha nach do choisich 'us nach fhac' è riarnh, a tharruing gu snasmhor, mar sin faodaidh tusa taitneas agus aoibhneas nèimh a mhin- eachadh do mbuinntir eile, agus gidheadh gun do chridhe fèin a tbeachd riamh fathast dluth do nèamh. Faodaidh duine dall, ma dh-ionnsuicheas è eòlas orra, labbairt gu pungail, soilleir air solus agus dathan : mar sin faodaidh tusa labhairt gu briathrach ri muinntir eile air an t-solus nèambaidh sin leis nach robh d'anam fèin air a shoillseachadh riamh, agus an teine sin a thoirt gu cridheachan do luchd-èisdeachd, leis nach robh do chridhe fèin riamh air a bhlàthachadh. Bha mòran lihriathran nèambaidh ann an teagasg Bhalàaim, ach is beag a bha 'n a spiorad dhiubh ! O mhinistearan an t-soisgeil, agus uile luchd-teagaisg na firinn, tbugamaid a' cheart aire nach bi sinn air ar mealladh. Tha è na's buailtiche dhuinn-ne na tha è do Chriosduidhean eile, a bhi air ar tàladh air falbh o'n bheatha nèambaidh so. Is è ìonnsuchadh 'us searmonachadh mu nèamh a's mò coslas ri beatha nèamhaidh, na smuaineacbadh 'us labh- airt mu nithibh saoghalta, agus tha sinn fo chunnart a bhi air ar mealladh leis a' choslas sin. Sin anis bas ro thruagh 'fhaotuinn, eadhon sinn-fèin a reangadh, agus aran romhaihn air ar bòrd ; agus bàs 'fhaotuinn le tart, agus sinn a' tamiing uisge airson muinntir eile, a' smuaineachadh gur leor a bhi 'n a mheasg gach là, ged nach òlamaid fèin dheth idir, a chum ar n-anamanan iirachadh. II. Air dhomh innseadh dhuit anis cò iad an luchd- a choimhead air thalamh. 263 bacaidh a bhitheas ag iarraidh do ehumail o'n obair so is è mo dhòchas gu'm bheil thus1 a' làn-rùnachadh seas- amh amach 'n an aghaidh, agus gu dùrachdach. cur- amach a' cur romhad an seaclmadh ; oir raur dean thusa sin, bithidh do shaorhair dìomhain. Fòs innseam dhuit an so, gur maifh learn thus' a ghealltuinn, ma's luachmhor leat an roimh-bhlas taitneach so air nèamh. gu'n c.iimhlion thu na dlea^anais a leanas, le làn run do chridhe : agus tuig nach dean idir lèughadh nan dleasanas sin, gun an cleachdadh, nèamh a thoirt a dh-ionnsuidh do chridhe. Gu h-àraid, màta ; — Bi dearbhtanach 'eil ionmhas agus sonas ann ach nèamli "a a aonar, — ^aothraich a chum rios 'fhaotuinn gur è so do shonas fe'in — Cia fagus a tha d't'hois ; — Labhair gu durachdach, trie air d'fhois, — Feuch ri d'aignidh- ean a thogail nas fhaisge air àit d-'f hois' arms gacli dleasanas, — Gnàthaich gach cuspair, gach cuis 'us uair ti chum na criche sin, — Bi trie ri obair dhiadhaidh a' mholaidh, — Sealbhaich d'anam le smuaintibh creid- mheach air gràdti neo-chrìochnach Dhè, — Faic, fàiltich agus caidrich togradh agus aomadh an Spioraid Naoimh ; — Agus na dearmaid eadhon curani dieasanach a ghabh- ail mu shlaint do chuirp. 1. Bi dearbhta nach 'eil ionmhas agus sonas ann ach nèamh, agus saothraich a chum flos 'fhaotuinn cia mòr. cia maith an t-ionmhas agus an sonas sin Mur creid thu gur è sin an t-àrd mhaith, cha shocraich thu do chridhe gu brath air : agus feumaidh an dearbhadh so greim domhain a dheanamh air d'aignidhean ; (Faic Caib. XIV — Ear. 1!.) oir mur bi agad ach a mhàin barail air a' chuis, is beag èifeachd a gheibh d' anam ànn. 'Nuair a shaoil Je Eubha gur è am meas toirmisgte 'bu luachmhoire dhi na gràdh agus mealtuinn Dhè, cha b'iongantach geda thug sin a cridhe air falbh o Dhia. 'Xuair a's fekrr le do bheachd-sa taitneas na feòla na solas ann an làthair Dhè, cha n-urrainn do chridhe 'bhi air nèamh. Gu trie is ro luachmhor le daoine nithe talmhaidh, 'nuair nach aithne dhoibh cho bochd, falamh 's a tha iad ; mar sin, is beag is fhiach le daoine solas àrd nèimh, 'nuair a gheibhear iad aineolach air a mhòr luach. Ma chi thu sporan òir, agus fios agad nach 'eil 264 Seòladh gu Caithe-heatha nèamhaidh ànn ach droch airgiod, no cùineadh feallsa, is beag do mhìann 'n a dhèigh. Cha n-è fìor òirdhearcas ni fèin, ach fios air an òirdhearcas a ta ànn, a dhùisgea^ mìann neach 'n a dhèigh. Thoir do dhuine neo- ionnsuichte leabhar anns am bheil dìorahaireachd eòlais 'us ealantais air am mìneachadh gu soilleir, agus is beag a's fhìach leis an leabhar, cha n-fheàrr leis è na pàipeir eile, agus sin do bhrìgh gu'm bhèil è aineolach air a luach, ach thoir an leabhar do dhuine aig am bheil fios air a luach, agus cuiridh è mòr mheas air : is feàrr leis leughadh dheth na biadh, deoch 'us cadal. Chuir na h-Iudhaich am Mesiah gu bàs air a' cheait àm 's an robh iad a' feitheamh ris, no anns an robh dùil aca ri 'theachd, a chionn nach b'aithne dhoibh è, agus mar sin tha sluagh an t-saoghail an diugh, a' sior- èigheachd airson fois', agus le mòr shaothair ag iarraidh taitneis agus sonais, a chionn nach aithne dhoibh an fhior fhois : oir na'n robh fìor eòlas aca air mòr luacli na foise nèamhaidh, ciamar a b'urrainn ìad dìmea^ cho mòr a dheanamh air an ionmhas shiorruidh sin ? 2. Saothraich f òs a chum fios 'f haotuinn gur è nèamh do shonas fèin. Faodaidh sinn aideachadh gur è nèamb an t-àit, 's an staid a's feàrr, gun làn dòchas a bhi againn idir ri nèamh a mhealtuinn ; faodaidh sinn nèamh iarraidh gu durachdach, 'nuair a shaoileas sinn gu'n tèid againn air a ruigheachd, ach cha n-urrainn sinn gu bràth gàirdeachas fìor thaitneach a dheanamh ann an smuaineachadh air sonas nèimh, gus an tig sinn gus ar còir fèin air an t-sonas sin 'fhaicinn ann an cuid. Nach beag an solas do dhuine rùisgte, aodach blàth, grìnn 'fhaicinn air muinntir eile ? Nach beag an solas do dhuine aig nach 'eil kit anns an cuir è a cheànn fo fhasgadh, aitreabh mhòr, chosgail, ghoireasach 'fhaic- inn aig muinntir eile ? Nach bu dòcha sin a dheanamh na's mi-thoilichte, na's anshocraiche, no na's truaighe ? Agus mar sin, gach neach a chluinneas mu òirdhearca^ nèimh, gun fhios aige co dhiubh a tha, no nach 'eil còir aige-fèin ànn, faodaidh an t-iomradh sin a thoirt air an t-òirdhearcas sin a mhiannachadh agus iarraidh. ach gidheadh is beag aoibhneas a gheibh è ànn. Ciod is fheairrd duine sam-bith a chridhe fèin a shocrachadh a clioimhead air ihalarrih. 265 air cuid duine eile? Mur bu leat-fèin do thigh, do mhaoin, do spreidh 'us do clilann, is ann bu lugha do chin-am iimpa, agus do thaitneas ànnta. Anis, 0 Chriosduidli ! na stad thusa, uime sin, gus am faigh thu fios air do choir ann am fois nan naomh, — gus an ur- rainn thus' a ràdh, '• Is ì an fhois sin m' fhois-sa." Ceasnaich, rànnsaich do chridhe tein. Beachdaich air ullachadh mòr nan naomh, 's an dèigh sin, air ullachadh d'anama fèin. Faic areir na fìrinn gur è ullachadh nan naomh an t-ullachadh air am bheil feum agad-sa. Thoir breth ort-fein an diugh le focal na firinn a ta agad, — a' cheart fhocal sin leis an toirear breth ort air " là mòr a' bhreithanais." Fench nach mi-thuig thu an t-iomradh, no 'n cunntas a gheibh thu air na naoimh anns an Sgriobtuir. Na ceadaich dhuit-fèin a bhi air do mhealladh le mearachd. Oir is olc dòchas feallsa ; meallaidh agus millidh è d'anam. Is ann le dòchas gun stèidh cheart a bha 's a bhitheas a' chuid a's mò de na daoine truagh, mallaichte air am mealladh. Seachainn droch theagamhan, — teagamhan gun stèidh, — oir lagaichidh agus millidh hd do sh\th. Is mòr an t-aobhar s-àrachaidh agus an imcheist iad do na naoimh. Air an aobhar sin. ceasnaich thusa thu-fèm gu sàbhailt. Steidhich do dhòchas air a' bhonn cheart. Lean air d'obair rànnsachaidh gu ciallach, glic,foighidneach le làn rim da chridhe, agus na sguir dhi gu brath gus am faigh thu nos cinnteach am bheil, no nach 'eil còir agad fath- ast anns an fhois so. Hò ! na'm b'aithne do dhaoine gu ceart gur è Dia an Athair, agus Criosd am Fear- saoraidh agus an Ceànn, agus gur iad sin an "aitean- còmhnuidh sìorruidh," agus gu'm faod iad còmhnuidh a ghabbail ànnta sin, agus a bhi sona gu bràth. ciamar nach ròghnaicheadh iad le aiteas àrd roimh-bhlas air an t-sonas sin ? Na'n sealladh Criosdnidh suas ris a' ghrèin, ris a' ghealaich agus ris na rèultaibh, mar gu'm bu leis fèin iad sin idle ann an Criosd, ag ràdh, " Sin beann- achdan a dh'ullaich mo Thighearn air mo shon-sa maille ri nithibh eile a ta fada nan cìan na's mb na iad sin," cia mòr an t-ard aoibhneas naomh leis am bitheadh a spiorad air a bheothachadh ! Nach 'eil muinntir a' tròm-pheacachadh an aghaidh 266 Seòladhgu Caiihe-beatha nèamhaidh an sòlais fein, agus an aghaidh gràis an t-soisgeil, 'nuair a tha ìad a1 gèilleadh do chumhachd a' mhì-chreidimh, agus ag àrach srauaintean an-earbsach mu thimchioll Dhè, agus smuaintean cronail mu thimchioll Chriosd, am Fear-saoraidh. a'-Iabhairt air a' cho-cheangal, cha n-ann mar cho-cheangal gràis, ach mar cho-cheangal gnìomha, a' cur dòchais ann an oibribh a' chrèutair, agus ag ambarc air Criosd mar nàmhaid 'us cha n-ann mar Shlànuighear, mar gu'm b'àill leis iad a bhàsachadh 'n am mi-chreidimh, an dèigh dhà an cuireadh 's an gairm d' a ionnsuidh fèin cho tlàth, cho caoimhneil agus cho trie, agus na piantan sin 'fhulang air an son, 'bu chòir dhoibh-fèin 'fhulang ? 0 nach bu sinn na h-eucor- aich ! ag àrach amharuis mu Chriosd, ar Tighearn, 'nuair bu choir dhuinn a bhi ri gàirdeachas ?n a ghràdh. Càit am faighear neach a b' unainn Criosd a ròghnach- adh, mu'n do roghnaich Criosd esan, no càit am bheil neach a bha ria's toiliche 'bhi sona, na tha Criosd air a dheanamh sona. Uainn. uainn, matà, na smuaintean amharusach sin, mur abair sinn toibheumach riutha. Ma leig thu riamh amharus astigh air dorus do chridhe. tilg uait è gu grad, agus gabh a' cheart aire nach faighear amharus agad ni's mò. Sgriobh Dia ainmean a phobuill fein air nèamh, mar a sgriobbas sinne ar n-ainmean, no ar eomharradh air bathar, no nithibh a bhuinneas dhuinn, agus am faighear sinne nis ag iarr- aidh ar n-ainmean a dhubhadh amach à nèamh, agus an sgriobhadh air dorsaibh na h-ifrinn ? Ach gu ma beannaichte Dia, oir ' sea?aidh a bhunait daingean.' (2 Tim. 2. 19.^) Agus ' cumaidh cumhachd Dhè sinne tre chreidimh chum slkinte.' 1 Pead 1. 5. 3. Saothraich a chum fios 'fhaotuinn cho fagus 's a tha d'fhois. Ciod-air-bith a chreidear a bhi faisg òirnn, is è sin a's aithnichte leinn na ni a chithear astar fada uainn. Is beag ar ciiram mu bhreitheanas- aibh agus mu thròcairibh, fhad 's a sheasas iad sin fada uainn, ach an uair a thig iad faisg òirnn, criothnaichidh sinn fòpa, no ni sinn gàirdeachas ànnta. 'Nuair a smuainicheas daoine air nèamh, mar kit fad às, — kit a tha astar fichead, deich thar fhichead, no dà fhichead Miadhna uatha, seasaidh an cridheachan fad as — fad air a choimhead air thalamh. 2G7 falbh o nèamh. Cia mòr a b'f heàrr dhuinn " blnn a' bhàis" a ghabhail " annainn-fèin," ar siiilean a thogail a dh-ionnsuidh na sìorruidheachd, agus 'f haicinn cho faisg 's a tha ì air làimh ! 2 Cor. 1. 9. Am feadh tha mis' a1 smuaineachadh 's a' sgriobhadh, tha ì 'teannadh òrm, agus bithidh mi stigh air a dorus mu'n saoil mi. Am feadh tha thus' a' lèughadh nam briathran so, co« air-bith thu, tha tim a' taomadh seachad ort, agus falbh aidh do bheatha "mar sgèul a dhinnseadh." Na'ii creideadh tu gu'n robh thu gu bàs 'fhaotuinn am màir- each, nach cùramach a smuainicheadh tu air nèamh a nochd 1 'Nuair a thuirt Samuel ri Saul, " Am màireach bithidh tu maille rium-sa," bhuail sid a chridhe gu teànn. Agus na'n abradh Chriosd an dràst ri anam a' chreid- mhich, Am màireach bithidh tu maille rium-sa, bheir- eadh sin gu nèamh è roimh-làimh. Amhairc ort-fein, matà, mar aon a' dol astigh do nèamh, agus cuidichidh sin do chridhe gu mòr a chum smuaineachadh na's dùrachdaiche air sonas nèimh. No bheir gnàth mheòr achadh air an fhois nèamhaidh anam a' chreidmhich na's fhaisg' air an fhois sin. 4. Bì-sa 'labhairt gu durachdach, trie air d'fhois shiorruidh ; gu h-àraid ri muinntir anns am bheil nàdur nèamhaidh, agus mar sin a's urrainn labhairt riut-sa do rèir fios 'us faireachadh an cridheachan fèin. Is bochd Criosduidhean 'f haicinn a' coinneachadh a chèile air thalamh, gun aon f hocal a ràdh mu'n dealaich iad, mu thimchioll an coinnimh air nèamh, no mu thimchioll na slighe d'a ionnsuidh. Is bochd dhoibh a bhi 'caith- eamh ùine cho mòr air cdmhradh d\omhain, agus air deasboireachd gun mhaith, gun fhoeal dùrachdach idir mu nèamh 'n am measg. Arèir mo bharail fèin, bu choir dhuinn coinneachadh a dh'aon obair, a chum ar spioradan 'fhaotuinn air am blàthachadh le labhairt ri 'chèile air ar fois. 'Nuair a chluinnear Criosduidh a' labhairt gu beò, soilleir, comasach o ghealladh an t-sois- geil air an staid ghlòrmhoir, bheannaichte sin, bu choir do sin a thoirt òirnn a rkdh, mar thuirt Criosduidhean eile, " Nach robh ar cridhe a' lasadh annainn, am feadh a bha e a' labhairt, agus a dh'fhosgail e dhuinn na Sgriobtuirean ?" Luc. 24. 32. Ma chriothnaicheas 268 Seòladh gu Caàhe-beatha nèamhaidh Felics 'nuair a chluinneas è breitheanas air a nochdadh dhà le fear-searmonachaidh comasach, carson nach biodh an creidmheach air a bheothachadh .às-ùr, a h-uile uair a chluinneas è an f hois shìorruidh air a searmon- achadh, no air a h-ainmeachadh ? Is taitneach le daoine aingidh labhairt ri 'chèile air an droch gnìomhraibh fèin, agus carson, matà, nach bu taitneach le Criosduidhean labhairt ri chèile gu trie mu Chriosd ? carson nach labbradh oighreachan nèimh air an oighreachd fèin ? Faodaidh sin ar cridheachan iirachadh, mar bha cridhe lacoib air a mhòr-ùrachadh, 'nuair a chual' è an teachdaireachd leis an robh è air a ghairm gu tir Ghòshein, agus a chunnaic è na carbadan leis an robh è gu bin air a ghiùlain a dh-ionnsuidh Iòseiph. O b'fheàrr gu'n robh againn sgil na's mò agus run na's suidhichte chum còmhradh cumanta dhaoine a tharruing gu nithibh àrd agus luachmhor nèimh I Nuair a chluinn- ear muinntir a' labhairt air diomhanas, no air nithibh gun f hèum, b'fheàrr gu'm b'aithne dhuinn focal a chur astigh airson nèimh, agus airson nan nithe priseil a bhuineas do fhois an anama, ag ràdh, mar thuirt Peadar mu Ion a chuirp, •* Ni h-eadh, oir cha deachaidh riamh aon ni coitchionn, no neo-ghlan a steach do m' bheul." Nach mòr am maith a dh-fhaodamaid a dheanamh dhuinn-fèin agus do mhuinntir eile leis a' chèum so. Nach ann a chum ar casgadh o chòmhradh mì-tharbh- ach, a tha Criosd ag innseadh dhuinn, " Gu'n toir daoine cimntas ann an la a' bhreitheanais airson ^ach focail dhiomhain a labhrasiad." Mata 12. 36. Abair, matà, leis an t-Salmadair, " Leanadh mo theangadh ri m\ ghial, mur feàrr learn Ierusalem na m' aobhneas a's àirde." Salra 137. 6. An sin chì thu gur fior ra bi-iathran eile so, "Is craobh beatha teangadh fballain.'' Gnàth. 15. 4. 5. Oidhirpich anns gach dleasanas air d'aignidhean a thogail suas na's faisge air nèamh. (Fai-c Caib. XIY. — Ear. II.) B'è rim Dliè ann an suidheachadh 'òrd- uighean uile, gu'm bitheadh iad 'n an cèuman treòrach- aidh dhuinn a dh-ionnsuidli ar foise; agus gu'm bitheadh ar n-aignidhean, ann an ùrnhlacbd do Chrio.'d, a' direadh 8uas gach là gu nèamh, air na cèumaibh sin. Gnàth- a choimhead air thalamh. 269 aich thusa òrduighean De" chum na criche so, agus gu cinnteach soirbhichidh leat. Nach b'aoibhneach leat sgriobag litir 'f haotuinn o charaid, 'nuair nach b'urrainn thu 'f haicinn aghaidh ri aghaidh ! Agus mar sin, nach fhaod ar cridheachan co-chomunn a bhi aca ri Dia 'n a òrduighean fèin, ged robh ar cuirp fathast fada uaith ? Nach fhaod ar spioradan gàirdeaehas a dheanamh ann an lèughadh nan litrichean sin air feadh an Sgriobtuir, anns am bheil ar dileab agus ar còir air nèamh air an sgriobhadh dhuinn ? Le aiteas agus krd aoibhneas faodaidh sinn leughadh mu ghràdh Dhè dhuinn, agus cluinntinn mu thimchioll ar dùcha nèamhaidh fèin, ged nach tàinig fathast an là sona sin air an tèid sinn astigh a ghabhail seilbh oirre ! Is maith is urrainn daoine, a tha air an dealachadh o 'chèile le muir 'us fònn, labh- airt ri 'chèile, agus am buannachd a chur air aghaidh le litrichean a sgriobhadh a dh-ionnsuidh each a chèile, agus nach fhaod an Criosduidh a dhleasanais fèin a dheanamh gu glic, tarbhach, agus a bhuannachd shona sin a ghreasad air aghaidh, a bheir gu fois è ! Thig anis, matà, tilg uait foirmealachd agus gach cleachdadh 'us moladh faoin, agus lùb thu-fein sios gu h-uaigneach, no gu follaiseach ann an ùrnuigh, agus biodh làn dòchas agad gu'm faigh thu do chridhe 'thoirt na's fhaisge air Dia, mu'n èirich thu suas. 'Nuair a dh-fhosglas tu do Bhiobull, no leabhar maith eile, bitheadh dòchas agad gu'n coinnich thu earrann de'n fhirinn, maille ri beannachd an Spioraid, a bheir dhuit blSs na's mò air nèamh. 'Nuair a thèid thu do thigh Dhè a dheanamh aoraidh do Dhia, abair, " Tha mi 'an dòchas gu'm faigh mi neart o Dhia a thogas m' aignidh- ean suas, mu'm pill mi dhachaidh arist ; tha mi 'an dòchas gu'n coinnich an Spiorad rium agus gu'm milsich è mo chridhe le sòlasaibh nèamhaidh ; tha mi 'an dòchas gu'm 'foillsich Criosd e-fem dhomh air an t-sligh sin, agus gu'n dealraich solus o nèamh mu-n-cuairt dhomh', agus gu'n cluinn mi a ghuth a' teagasg agus ag ath- bheothachadh m' anama, agus gu'n toir è air na ' lannan tuiteam o mo shùilibh', chum gu'nffaic mi na's mò de'n ghlòir sin na chunnaic mi riamh roimhe. Tha mi 'an dòehas, mu'm pill mi, gu'n toir an Tighearn Iosa seall- z3 270 Seòladh gu Caithe-beatha nèamkaidh adh do mo chridhe air an fhois, agus gu'n suidhich è mo chridhe an làthair 'Athar, chum gu'm pill mi, mar phìll na buachaillean o'n t-sealladh nèamhaidh, ' a' glòrachadh 's a1 moladh Dhè, airson nan uile nithe a chuala 's a chunnaic mì'." A' cheud uair a chunnaic na h-Innseanaich gu'm b'urrainn na Sasunnaich labh- airt ri 'chèile, agus an gnothaichean a chur air aghaidh cho maith, le litrichean, shaoil leo gu'n robh spiorad air a dhùnadh astigh anns gach litir. Chuir tìos a ghiùlain o àit gu àit le litrichean mòr iongantas air na h-Innseanaich bhochd, aineolach. Mar sin, matà, gabh- aidh muinntir eile iongantas 'nuair a clrì ìad co-chomunn aig Criosduidhean ri Dia 'n an dleasanasaibh ; agus theirear, " Ciod a tha na Criosduidhean sin a' faotuinn anns na Sgriobtuiribh sin, anns na searmoinibh sin agus anns na h-iirnuighean sin a tha nis a' lionadh an cridheachan le aoibhneas cho mòr, agus 'g an togail cho àrd os-ceànn muinntir eile ?" Gu cinnteach, cuidichidh Dia sinn gu pailt ann an coimhlionadh ar dleasanais, ma bhitheas sinn an còmhnuidh dìchiollach, seasmhach. Mur trèig thusa do shonas fèin, cha trèig Dia a chaoidh thu. Cuimhnich, uime sin, a bhi gu durachd- ach a' sìor-ùrnuigh airson do mhinisteir, gu'n cuireadh Dia teachdaireachd spioradail 'n a bhèul. a bheathaich- eas agus a dh-uraicheas do spiorad le bias nèamhaidh. Ach gu-ma feàrr leat focal Dhè fèin a thoirt leat na briathran a' mhinisteir. 6. Gnàthaich gach cuspair, gach cùis 'us uair, a chum d'anam a chumail ann am beò chuimhne air dluth theachd na foise so. Is meadhon gach freasdal 'us crèutair a chum ar treòrachadh a dh-ionnsuidh ar fuis' ; oir is ì crioch nan uile nithe anns a' bheatha so fein sinne 'chuideachadh ann an ullachadh airson nèimh. Cha bhitheadh na beannachdan a's taitniche, a tha Dia a' buileachadh òirnn an diugh, leth cho taitneach 's a tha iad, mur bitheadh iad a' comharrachadh amach taitneis na's mò dhuinn. Cha n-'eil agad ach an lorn eàrlas, gun ghuth air d'àrd thuarasdal, 'nuair a ghabha* tu do thròcairean eile, gun chuimhne agad idir air do chrun. 0 b'fhekrr gu'n robh Criosduidhean na's eòlaiche air an ealantas so ! Faodaidh tu do Bhiobull a choimliead air thalamh. 271 'f hosgladh,agus sealltuinn fòs ann an leabhar in Or nàduir agus an fhreasdail mu-n-ouairt duit, agus lèughadh ànnta sin mu Dhia agus mu ghlòir. Na'n cleachdamaid sinn-fèin mar so ri cuimhneachadh air ar fois, dh-f haod- amaid blasad air Criosd agus air nèamh, aig gach trà cumanta, aim an tomhas na's mò na bhlaiseas ar mhòr chuid de dhaoinibh aig bòrd na sàcramaid. Ma shoirbhicheas tu ann do ghnothaichean aimsireil, dean- adh sin do chridhe na's cuimhniche air do shoirbheach- adh siorruidh. Ma tha thu sgith le obair, deanadh sin do smuaintean air d'fhois shiorruidh na's milse dhuit Ma bhitheas cùisean a' dol 'n a d' aghaidh, 'us tu air do shàrachadh leo, deanadh sin do mhiann na's diirachaiche chum crìoch, 'f haicinn gu bràth air gach trioblaid agus bròn. Am bheil do chorp air 'ùrachadh le biadh agus cadal ? cuimhnich air an urachadh do-mheasraichte sin a gheibhear maille ri Criosd. 'Nuair a chluinneas tu deadh sgèul, cuimhnich cia aoibhneach, ait an sgèul, trompaid Dhè, agusfàilt mholaidh Chriosd a chluinntinn. 'Nuair a gheibh thu mòr tliaitneas ann an cuideachd neo-iomlain nan naomh air thalamh, cuimhnich air a' chuideachd iomlain a bhitheas air nèamh. 'Nuair a gheibh thu do spiorad air a bheothachadh le Dia, cuimhnich air am do mhòr àrdachaidh, 'nuair a bhitheas do cho-chomnnn ri Dia agus d'aoibhneas sàr làn. 'Nuair a chluinneas tu buaireas garg nan aingidh, agus aimhreit an t-saoghail, cuimhnich air a' chòrdadh mhilis, bheannaichte sin a ta air nèamh. 'Nuair a chluinneas tu stoirm atmhor, gharg a' chogaidh, cuimhnich air an là sin air am bi thu-fèin ann an làn shìth gu bràth fo sgiathaibh " Prionnsa na sithe." Mar sin bheir gach uair, cor 'us crèutair comas dhuinn cuimhneachadh air a' bheatha nèamhaidh, ma's kill leinn ar cridheachan a' shocrachadh air fèum a dheanamh dhiubh. 7. Bi trie ri obair nèamhaidh a' mholaidh. Mar a's nèamhaidh d'obair, is ann a's nèamhaidh a bhitheas do spiorad. Is è moladh Dhè, obair nan aingeal agus nan naomh air nèamh, agus is ì sin an obair a bhitheas againn-ne gu siorruidh, agus na'n robh sinn na's trice ris an obair so an diugh, is aim bu choltaiche 'bhith- eamaid ris an staid anns am bi sinn air neamh. Is è- 272 Seoladh gu Caithe-beatha neamhaidh ìarrtas, creidimh agus clòchas a's giorra 'mhaireas na grkdh agus gkirdeachas ; agus mar sin sguiridh sear- monachadh, ùrnuigh agus na Sàcramaidean, maille ris gach meadhon eile 'tha nis a' nochdadh 's a' daing- neaohadh ar creidimh agus ar dòchais, 'nuair a thòisich- eas guth àrd-aoibhneach a1 ghràidh agus a' ghàirdeachais sin a mhaireas gu sìorruidh. Faic pobull Dhè cruinn maille ri 'cheile fo àrd mhothachadh air a chumhachd, air 'òirdhearcas agus air a mhaitheas, an cridheachan air an l\onadh le aoibhneas agus grkdh, araon an cridhe 's an guth a1 co-aonadh le 'chèile, 'us iad gu suilbhir, ceòlmhor, bìnn a' sèinn àrd mholaidh do Dhia. Sin agad, Tnatà, cho fad agus is aithne dhomh-sa, an sàmhladh air nèamh, a's soilleire a's urrainnear 'fhaicinn air thalamh. Sin taitneas a dhearbhas, cosmhuil ri obair an Spioraid, gur ànn o Dhia a ta è, agus is fianuis ànn- fèin gach taitneas mar sin, gur neamhaidh an cumhachd leis an do ghineadh è. Is beag is aithne dhuinn am milleadh mòr a tha sinn a' deanamh òirnn-fèin, 'nuair nach cluinnear moladh Dhè againn maille ri urnuigh, no le uin 'us aire cho beag a bhuileachadh air obair a' mholaidh 's a gheibh- ear mòran a' toirt di, am feadh a gheibhear iad gu trie 'us pailt ri aideachadh 'us aslachadh. Cuimhnich, a leughadar, guidheam ort, tuilleadh iiine agus mòr chùram a bhuileachadh air moladh Dh^, anns gach dleasanas. Deasaich do chridhe airson molaidh, cho maith 's a dheasaicheas tu è airson aideachaidh 'us aslachaidh. Chum na criche sin, smuainich air òir- dhearcas agus air maitheas an Tighearna, cho trie 's a smuainicheas tu air d' uireasbhuidh agus air do neo-air- idheachd fèin ; smuainich air na tròcairean a f huair thu, agus air na tròcairean a tha air an gealltuinn dhuit, cho trie 's a smuainicheas tu air na peacaidhean a rinn thu. Bi trie a' moladh Dhè airson na thug agus na gheall ò dhuit. " Do na h-ionraic tha cliu ciatach." " Esan a dh'iobras moladh, bheir è glòir do Dhia," " Molaibh an Tighearn, oir tha an Tighearn maith ■ seinnibh cliti d'a ainm, oir tha e taitneach." Salm 33. 1 ; S. 50. 23 ; S. 135. 3. " Thugamaid suas iobairt buidheachais do Dhia a ghnàth, 's e sin, toradh ar a choimliead car thalamh. 273 bilean, a toirt molaidh d'a ainm." Eabh. 13. 15 Nach b'f mor nèamhaidh spiorad Dhaibhidh, a bha cho dùrachdach, trie ris an obair nèamhaidh so ? Nach togar suas ar cridheachan, 'nuair nach dean sinn ach amhàin òran Mhaois, agus sailm Dhaibhidh a leiigh- adh? Nach mò na sin gu mòr a gheibheadh ar spioradan an togail agus an ùrachadh, na'n robh sinn-fèin gu h-eòlach, trie ris an obair so. 0 nach eagalach boile na h-òigridh a chaitheas neart an cuirp agus an \nntinn air taitneasaibh diomh- ain agus air ana-mìannaibh feòlmhor a ta cho mi-chubh- aidh do'n obair àrd-òirdheirc a dh'òrduicheadh airson an duine ! Agus 0 ! nach peacach amaideas mhòran de na naoimh, a gheibhear a' sìor-bhàthadh an spioradan fein ann an dubhachas, agus a' caitheamh an làithean ri gearan 'us osnaich, agus mar sin 'g an deanamh fèin eadar chorp 'us inntinn, neo-fhreagarrach gu dhol air aghaidh gu suilbhir, rèidh leis an obair mhilis, nèamh- aidh so ! 'An àit a dhol le sluagh Dhè 'g a mholadh gu subhach, is ànn a gheibhear na crèutairean dorch, gear- anach, gruamach sin a' seasamh ann an teagamh mu'n airidheachd agus mu'n iomchuidheachd fèin, agus a' dubh-smuaineachadh air an truaighean fèin, agus leis an droch dhòigh sin a' spùinneadh a ghlòire fein o Dhia, agus a' gearradh air falbh an sòlais fèin. Ach is beag solas fallain a gheibhear ann an obair a' mholaidh, 'nuair nach 'eil innte ach amhàin fònn 'us ceòl b\nn a' bheòil a' toileachadh na cluaise, agus ar cricleaohan diomhanach, gun dad idir a dheanamh dhi, ged is ann doibh bu choir a bhi làn dhi, no mar tha 'n t-Abstol ag ràdh, ' deanamaid ceòl do'n Tighearn ann ar cridhe.' Is mìllteir mòr air obair an fhior mholaidh cridhe diomhanach. — cridhe gun cheòl 's an taobh-stigh dheth. 8. Cum d'anam làn de smuaintibh creidmheach air gràdh neo-chriochnach Dhè. Is è gvkdh a ghineas gràdh. Is tearc iadsan a tha cho fior thruailKdh as nach grhdhaich' iad a' mhuinntir a bheir gràdh dhoibh. Gun teagamh is è bàs ar beatha nèamhaidh, smuaintean cruaidh, no fuathach athogail, no altrum mu thimchioll Dhè, no 'smuaineachadh air mar aon leis am b'fhekrr sinne 'mhallachadh na sinne 'theàrnadh. B'è sin an 274 Seòladh gu Caithe-heathd nèamhaidh Dia beannaichte a chur ann an coltas Shàtain. 'Nuair a ghabhas neach tre aineolas agus às-creidimh, droch bheachd, no barail chlaon. chain mu thimchioll Dhe\ 'n a ìnntinn, an sin tòisichidh è air gearan nach urrainn è Dia a ghràdhachadh. Agus gheibhear a' chùis mar sin do thaobh iomadh mììe Criosduidh. Och ! Ocli ! sinne mar sin a' toirt toibheim do Dhia na glòire, a ghradhaioh sinn cho mòr, agus a' sgealbadh ar gàird- eachais fèin às a chèile ! Nach 'eil an Sgriobtuir 'g ar deanamh cinnteacb. gur " gràdh Dia." 1 Eò. 4. 16. Agus nach 'eil idir " dìan chorruich ànn-san." Isà. 27. 4. Agus nach " 'eil tlachd air bith aige ann am bàs an aingidh ; acb gu'm pilleadh an t-aingidh, agus gu'm biodh èbeò." Esec. 33. 11. A bhàrr air sin, dhearbh Dia a gbràdh d'a phobull taghta fèin, agus a làn rùn an teàrnadh gu h-èifeachdach. 0 b'f heàrr gu'n smuain- icheamaid a ghnàth air Dia, mar a smuainicheas sinn air caraid, mar aon aig am bheil gràdh buan, glan dhuinn, seadh, gràdh na's mò na gheibhear againn-ne dhuinn-fèin, mar aon a shocraich a chridhe fèin òirnn-ne, cbnm maith a dheanamh dbuinn, agus a db'ullaich ionad-còmhnuidh sìorruidh dhuinn maille ris-fèin ; na'n smuainicheamaid air Dia mar sin, is ann bu taitniche leinn ar cridheachan a ghnà-chumail maille ris ! Is ànn air a' chuspair a's ànnsa leis a1 chridhe, a smuainicheas è gu trie, taitneach, suilbbir. Tha eagal òrm gur mò leis a' mhòr chuid de Chriosduidhean gràdh caraid aoidheil na gràdh Dh^. Cha n-ìongantach, matà, ma ghrkdhaicheas ìad an càirdean na's mò na Dia, geda b'fhekrr leo còmhnuidh a ghabiiail maille riutha, na maille ri Dia. 9. Thoir fainear gu chramach agus caidrich gach aomadh a tbig o spiorad Dbia. Ma dh-èireas d'anam gu bràth na's àirde na 'n talamh so, agus ma dh-fksas tu eòlach air a' bheatha nèambaidh so, cuimhnich, fèum- aidh d'anam a bhi air a thogail suas le Spiorad Dhia, mar bha Eliah air a thogail suas leis a' charbad — is è 'n Spiorad do charbad-togail, — seadh, direach am beò chumhachd leis an èudar dhuit a bhi air do ghluasad agus air do thogail. Hò ! matà, na cuir-sa doilgheas HÌr d'fbear-treòrachaidh naomh, na much do bheatha, a choimhead air thalamk. lib na tilg uait cuibhleachan do charbaid ! Is beag d'fhios' gus an tuig thu è, cia mòr a mheudaichear gràs duib agus a dh-àraichear sonas d' anama, le gabhail ris an Spiorad gu h-umhal, gu toileach agus gu h-ealamh. Ma dhiultas thus1 an Spiorad, 'nuair a dh-aomas è do chridhe gu dleasanas na h-ùrnuigh, uaigneach no follaiseach, no 'nuair a bhacas è do pheacadh aithnichte dhuit, no 'nuair a chomharraicheas è mach dhuit an t-sligh air an còir dhuit gluasad, cha n-iòngantach ged bhitheadh nèamh agus d'anara aineolach air a chèile. Mur àill leat an spiorad a leantuinn, 'nuair a tha è ag iarraidh do tharruing leis a dh-ionnsuidh Chriosd agns do dhleasanais ; ciamar a threòraicheadh è gu nèamh thu, agus a bheireadh è do chridhe stigh an làthair Dhè. Is spioradail a' chobhair agus is rèidh an rathad a gheibh d' anam gu teachd dltith do'n Uile-chumhachd- ach, 'nuair a bheir è làn ùmhlachd sheasmhach do ghairmibh an Spioraid ! Ach nach rag, leisg, marbh^ nàireach a gheibhear an duine sin ann an labhairt ri Dia, a bhris gu trie air falbh o'n Spiorad a bha gu min, chain, caomh ag iarraidh a threòrachadh ! A leughadair, ma's ( nosduidh thu, nach fhaigh thu air uairibh aomadh, no ìarrtas làidir annad-fèin gu dhol gu taobh o'n t-saoghal, agus gu teachd dluth do Dhia ? Na diùlt, matà, ach lean an t-aomadh maith so, gabh an tairgse, agus tog suas na siuil agad, f had 's a mhaireas an oiteag bheannaichte so a' sèideadh air d'anara. Mar a's mò 'dhiùltas sinn an Spiorad, is ànn a's doimhne 'thèid ar lot ; agus mar a's mò ghabhas sinn ri sanasaibh an Spioraid, is ann a's luaithe 'thig ar s\th. Is ann o'n Spiorad Naomh a tha gach deadh smnain, gach deadh run, gach deadh thoil, agus gach deadh iarrtas a ghluaiseas do cridhe. Am bheil eagal glan ort nach 'eil an Spiorad agad ? Ma tha, sin dhuit -sa deadh chomharradh — obair an Spioraid fèin. 10. Is ì mo chomhairle dhuit, a chum do chuideach- adh anns an obair nèamhaidh so, na dearmaid curam dligheach a ghabhail mu shlàinte do chuirp. Is fèumail an seirbhiseach do chorp, ma bheirear a dhlighe fe'in. dhà, agus gun tuilleadh ach a dhlighe fèin. Ach is ain-tighearn cruaidh, glutach, bdisteil, mìllteach è, ma riaraichear a chàil mhi-reusantach : agus cha n-fheàrr 276 iSeòladh gu Caithe-beatha nèamhaidh è na sgìan mhaol, ma chumar uaith gu mì-cheart na tha fèuraail a chum a chumail suas. 'Nuair a bheirear fainear cho trie 's a tha daoine a' dol dochair anns an dà chùis so, — ann an toileachadh a' chuirp gu ro phailt, no gu ro ghann — agus cho tearc 's a tha ìadsan a gheibhear a'gnàthachadh nan corp aca-fèin gu ceart, cha n-iongantach ged bhitheadh an conaltradh ri nèamh air a bhacadh gu mòr, no geda thaìarì aineolach air a1 bheatha nèamhaidh. Gheibhear a' mhòr chuid de dhaoine 'n an tràillean d'an càil fèin ; is gànn a dhiùltas ìad ni sam- bith do'n f heòil, agus an lorg sin leanaidh \ad taitneas na feòla gu toileach, agus ribear ìad le arnaideas, le ana-mìann no còmpanaich dhìomhain, 'nuair bu chòir dhoibh an inntinn a thogail snas a dh-ionnsuidh Dbe* agus nèimh. Ma's ionmhuinn leibh bhur n-anamanan " na deanaibh ullnchadh airson na feòla, chum a h-ana- mìanna a choimhlionadh." Ròm. 13. 14. Àgus togaibh leibh na briathran so eile, 'us bithibh air bhur teagasg leo gu slàinteil : — " Oir an inntinn fheòlmhor is bàs i ; ach an inntinn spioradail is beatha agus sìth i : do bhrìgh gur nairahdeas an inntinn fheòlmhor an aghaidh Dhè ; oir cha-n 'eil i ùmhal do lagh Dhè, agus cha mhò a tha'n comas di 'blii. Uime sin cha-ri urrainn iadsan a tha 'san fheòil Dia a thoileaehadh. Uiine sin, a bhràithre, tha sinn fo fhiachaibh, cha-n ann do'n fheòil, chum ar beatha a chaitheadh a rèir na feòla. Oir ma chaitheas sibh bhur beatha a rtìr na feòla, gheibh sibh bàs : ach ma mharbhas sibh tre'n Spiorad gnìomhara na colla, bithidh sibh beò." Ròm. 8. 6-8, 12, 13. Tha cuid a' milleadh an gàirdeachais nèamhaidh fein gu mòr, le àicheadh a nithe fèumail do'n chorp, agus mar sin 'g a dheanamh neo-chomasach air a sheirbhis a dheanamh dhoibh. Mur bitheadh ìad sin ach a' ciùrr- adh na feòla 'n a h-aonar, clia bu mhòr an càll è, ach tha ìad fòs a' ciùrradh an anamanan fdin, dìreach mar chiurrar an luchd-còmhnuidh, no teaghlach 'nuair a bhrisear an tigh os an ceànn. 'Nuair a bliitheas an corp tmn, lagaichear ar misneachd, agus is tròm, mail, fann a ghluaiseas ar s-miaintean air aoibhneasaibh nèimh. 277 Caibdeil XIII. Nàdur d Mheorachaidh Nèamhaidh, agus an t-Am, an t-Ait, agus an t- Ullachadh inntinn, a ta freag- arrach air a shon. — (Faic Caib. xvi) Guidheam ort aon uair fathast, a yughadair, mar dhuine glic do'n aithne do dhleasanas foillsichte. agus do riach dàna gairm an Spioraid a dhiùltadh le do dheòn, agus leis au luachmhor solas àrd nan naomh, agus obair aoibhneach a' mheorachaidh unèamhaidh a thogas suas an t-anam, — tòisich gu luath, gu dìchiollach, firinneach, ri cleachdadh nan seòladh a bheirear dhuit anis. Mar faic thu gu'm meudaichear d'uile ghràs leis an obair mheorachaidh so, agus gu'm fas thu suas gu àirde na's mò na Criosduidhean cumanta. agus gu'm bi thu air do dheanamh na's fèumaile 'n a d'àit fèin, agus na's luach- mhoire ami an sùilibh nan uile dhaoine glice, tuigseach ; mur faigh d'anam co-chomunn na's mò ri Dia, agus mur faigh thu solas beatha na's pailte agus dòchas tre 'n obair so a bheir dhuit neart 'us socair aig uair a' bhàis — an sin, tilg uait gach seòladh a thug mise, agus dìt mi gu bràth mar mhealltair. So dhuit, matà, an dleasanas a ta mis' a' sparradh ort cho durachdach, agus a' seòladh dhuit anis ciamar is còir dhuit a dheanamh. Gu h-àraid, — " Oibrich gu suidhichte. cùramach uile bhuaidhean d'anama le meòrachadh, no beachd-smuaineachadh air d'fhois ehiorruidh." A chum nàdur an dleasanais so a dhean- amh soilleir, ni mi, anns a cheud kit, beagan mineach- aidh air, agus an dèigh sin comharraichear amach an t-Am, ail t-Ait agus, a' mhèinn, no am fonn inntinn a?s freagarraiche air a shon. 1. Is è Meòrachadh nèamhaidh, matà, beachd-smuain- eachadh air nithibh spioradail. Aidichear an dleasanas so leis na h-uile dhaoine, ach gheibhear a' mhòr chuid \ diubh 'g a àicheadh 'n an cleachdadh. Dearmaididh mòran an dleasanas so, do nach ceadaich an coguis 278 Nàdur a1 Mheorachaidh Neamhaidh dleasanais eile 'dhearmad. Is duilich leo ma chailleas ìad searmoin, no là trasgaidh, no uair na h-ùrnuigh, no àm aoraidh sam-bith eile, uaigneach no follaiseach, ach cha duilich leo idir uair a' mheorachaidh a chàll, no 'dhearmad ; ma dhaoite, fad uile làithean am beatha, gus an là an diugh, ged is ànn leis an dleasanas so a's feàrr a bheothaichear agus a leasaichear gach dleasanas eile, agus a bheirear comas do'n anam air an fhirinn a mhearbhadh a chum a bheathachadh agus a lionadh le solas. B' ì àithn Dhe- do Iosua, " Cha tèid leabhar an lagha so as do bheul ; ach beachd-smuainichidh tu air a là agus a dh'oidhche, chum gu'n toir thu 'n aire gu'n dean thu a rèir gach ni a ta sgriobhta ann : oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin ni thu gu glic." Ios. 1. 8. Mar thionndaidheas am biadh anns an stamaig gu leann-goile {chyle) agus fuil a chum neart agus slàint a thoirt do'n chorp, mar sin tionndaidhidh meòrachadh na firinnean, a ghabhar agus a chuimhnichear leis an anam, gu aignidhean blàth, run làidir agus còmhradh naomh. Anns a? mheòrachadh so oibrichear uile bhuaidhean an anama. Is ì so obair nam beò agus cha n-i obair nam marbh. Is obair fìor spioradail agus fìor àrd ì so seach gach obair air-bith eile ; agus air an aobhar sin, cha ghabh ì deanamh gu maith le cridhe nach 'eil ach feòlmhor, talmhaidh. Fèumaidh an cridhe beagan dàimh a bhi aige ri nèamh, mu'n urrainn è èirigh gu h-eòlach, saor a dh-ionnsuidh nèimh. Is iadsan aig am bheil còir air fois, a thatar a' tìallachadh, 'nuair a thathas a' comhairleaehadh dhoibh gàirdeachas a dhean- amh ann am meòrachadh air fois. Agus ma's Criosd- uidh thus,' a lèughadair, tha mis' anis a' comhairleaeh- adh dhuit a bhi gniomhach, dichiolla'ch. Is ì obair d'anam' a thathas a'cur romhad, ' oir is beag tairbh a' chleachdaidh chorporra an so.' Fèumar uile bhuaidhean d'anama oibreachadh air a' mheòrachadh so, chum 'eadar-dhealachadh o mheòrachadh cumanta luchd- ionnsuchaidh eile. Cuimhnich, cha n-i do thuigse, d'anam uile ; agus cha n-urrainn do thuigse an obair so a dheanamh uile. Ann am beathachadh do chuirp, f<5umaidh do stamag am biadh a thionndadh gu leann- agua Ullachadh air a slion. 279 #oile (màthair na fola,) agus a dheasachadh airson an sgamhain, agus fèumaidh an sgamhan 's an dubh-liath a thinnndadh gu fuil, agus a dheasachadh airson a' chridhe agus na h-eanchainn ; mar sin, raatà, ann am beathachadh d'anama, 'fèumaidh do thuigse an fhirinn a ghabhail astigh agus a deasachadh airson do thoile, agus do thoil a deasachadh airson d'aignidhean. Tha caochladh òirdhearcas mòr ann an Criosd agus nèamh, agus arèir sin thug Dia caochladh comas do'n anam a chum gach òirdhearcas a tha ànnta sin a thuigsinn. Ciod a b'f hekirrd sinn luibhean ciibhraidh, mur b'ur- rainn sinn an cùbhraidheachd 'f haireachadh ? Ciod a b'f heàirrd sinn càinnt, no ceòl, mur bitheadh clàisteachd againn ? Ciod an taitneas a ghabhamaid ann am biadh 'us deoch, mur faigheamaid b as orra? Mar sin, matk, ciod am maith a dheanadh uile ghlòir nèimh dhuinn, no eiod an tlachd a ghabhamaid ann an àrd iomlanachd Dhè fèin, na'm bitheamaid a dh-easbhuidh aignidhean a' ghrkidh agus a' ghàirdeachais ? Agus ciod an neart, no idir a' mhilseachd a's urrainn thusa 'f baotuinn ami am meòrachadh air an t-s\orruidheachd, 'nuair nach 'eil thu idir ag oibreachadh aignidhean sin d'anama, leis am fèumar a' mhilseachd agus an neart a ta ann an nithibh siorruidh aithneachadh leat ? Is è mearachd mòr Chriosduidhean iad a bhi 'smuaineachadh nach 'eil ni sam-bith anns a' mheòrachadh so ach obair na tuigse agus na cuimhne, — obair a dh-f haodas gach balachan- sgoil' a dheanamh, no iadsan leis am fuathach na nithe air am bheil iad a' smuaineachadh Mar sin chithear gu'm bheil na's mò ri dheanamh na lom chuimhneach- adh agus lom smuaineachadh air nèamh. Tha iomadh obair ann air am fèumar, cha n-è mhàin làmh no cas, ach a' choluinn uile a làn-oibreachadh ; agus direach mar sin, feumar an t-anam uile a chleachdadh ris a' mheòrachadh nèamhaidh. Tha aignidhean a' pheacaich cho maith ri 'thuigse suidhichte air an t-saoghal, agus fuaighte ri iodholaibh, agus air tuiteam air falbh o Dhia ; ach ann an ce"um a theàrnaidh, fèumaidh aignidhean a' pheacaich cho maith ri 'thuigse a bhi air an làn-philleadh a dh-ionnsuidh Dhe\ Agus mar bha'n t-anam uile air a lionadh roimhe 280 Nàdur a' MTieòrachaidh Neamliaidh ieis a' pheacadh. fèumaidh an t-anam uile 'bhi air a lìonadh anis le Dia. Faic iomradh Dhaibhidh air an duine bheannaiehte, " Tha tlachd" an duine sin "ann an lagh an Tighearna, agus smuainicbidh (no meòraich- idh) e air a lagh-san a là agus a dh'oidhche." Salm 1. 2. Is meòrachadh suidhicbte agus cùramach è so. Is ùrnuigh stòlda, no shocrach a nithear, an uair ashuidh- icheas neach e-fèin gu lèir air an dleasanas so ; agus is ùmuigh ghoirid, no chabhagach a nithear, an uair a chuireas neach achanaich ghoirid, ghrad suas ann am mionaid a dh-ionnsuidh Dhè, air an àm a's mò a enabling le gnothaichean eile. Mar-an-ceudna, is meòr- achadh socrach a ni sinn, an uair a bheir sinn sinn-fèin gu h-iomlan do'n obair mhaith so, agus is meòrachadh caochlaideach a ni sinn an uair a ghleidbeas sinn smuaintean maith mu Dhia ann ar cridheachan, ameasg ghnothaichean eile. Agus mar nithear ùrnuigh air amaibh suidhichte, gu cunbhalach mar dhleasanas, no air uairibh. no air àm sònruichte, mar sin fòs nithear meòrachadh. Anis is maith meòrachadh a dh-fhaodas a bhi air a mheasgachadh le gnothaichean cumanta, no air a dheanamh mar gbairmeas làithean àraid ort, ach is feàrr gu mòr a dheanamh gach là gu seasmhach, mar dhleasanas cunbhalach, mar nithear ùrnuigh, èisdeachd, agus lèughadh nan Sgriobtuir air gach là ; agus na measgaich ciiisean eile maille ris an obair so, na's mò na mheasgaicheas tu iad maille ri ùrnuigh, no dleasanas naomh eile. Bithidb am meòrachadh so air d'fhois shiorruidh. Cha n-'eilear idir ag iarraidh ort gach meòrachadh ceart eile a leigèil dbiot. Ach a chionn gur è nèamh a's àrd-inbhiche luach, gu cinnteach is è kit a's feàrr is fhìach dhuinn meòrachadh air. Is è 'n ni sin a's sona a ni sinn an uair a gheibhear è, a's aoibhnich' a ni sinn an uair a mheòraichear air. Is iomadh meòrachadh eile a ta fmn. Tha iad cho lionmhor ri ruinn nan Sgriobtuir. no ri crèutairibh an doml ain, no ri freasdal- aibh àraid ann an riaghladh an t-saoghail. Ach is i-e'um am meòrachadh so gu " sliabh Shioin," — gluasad o rioghachdan an t-saoghail so gu rìoghachd nan naomh ; agus Ullachadh air a shon. 281 o'n thalamh gu nèamh ; o thira gu s\orruidheachd. Is è so sràid-imeachd a' chridhe air a' ghrein, air a' gheal- aich, agus air na rèultaibh ann an gkradh 's am pàrras l)hè. Faodar nèamh a shaoiltinn fad-às, ach is Iuath- chasach spioradan ; " ma's ann 's a' choluinn, no as a' choluinn," is luath, grad an cèum gu nèamh. Na bith- eadh eagal ort, cosmhuil ri slnagh an t-saoghail, gu'n cuir na smuaintean sin & do chiall thu. Thoir an aire, is ànn gu nèamh, 'us cha n-ann gu ifrinn, a thktar a' eomhairleachadh dhuit gluasad. Is è gàirdeachas, 'us cha n-è bròn, a thàtar a' eomhairleachadh dhuit a chleachdadh .Cha n-'eilear a' sparradh idir ort amharc air cuspairibh suarach, taireil ach amhàin air glòir àrd- aoibhnich nan naomh, agus air òirdhearcas do-labhairt Dhè na glòire, agus air na gathaibh soluis a tha nis a' sruthadh amach o ghnuis a Mhic. Am buairear duine le smuaineachadh gu ceart air a shonas fèin ? Am buair- ear crèutairean truagh le smuaineachadh air tròcair? Am buairear am priosanach le sb.il a thoirt roi-làimli air a shaorsa fèin ? Am buairear daoine bochda le smuain- eachadh air teachd dliith air saoibhreas agus onoir dhoibh-fèin ? Is ann a shaoileamaid gur ann bu dòcha duine ciallach a bhi air a bhuaireadh le smuaineachadh air a bhith beò anns an t-saoghal thruagh so, agus air fantuinn ann am bochduinn 's 'an easlaint, ameasg nan aingidh gun chiall, na le smuaineachadh air a bhith beò gu bràth maille ri Criosd ann an sonas na glòire. " Ach a ta gliocas air a fireanachadh le a cloinn uile." Luc. 7. 35. Cha n-'eil nàmhaid aig eòlas ach na h-aineolaich. Cha n-abair neach aon f hocal an aghaidh an rathaid nèamhaidh so, ach iadsan do nach b'aithne riamh è. no iadsan nach do choisich riamh air. Is mò m' eagal do thaobh na muinntir a gheibhear ag aontach- adh leis, na do thaobh nan innleachd agus nan argumaid a thogar 'n a aghaidh. I. Theirear focal anis air an àm a's freagarraiche airson a' mheòrachaidh nèamhaidh so. Matà, bitheadh an t-dm so — suidhichte, bidheanta, deadh-thràthail. 1 Thoir dm suidhichte do'n mheòrachadh so. Seall ri buannachd na h-oibre, agus air eagal tuiteam ann am Aa3 282 Nddur a? Mheorachaidh Nèamhaidh baoth-chreidimh,* feuch nach saoil thu gu'm bheil diadhachd air-bith anns an àm fèin. Is callaid, no balla-dion do dhleasanas, àm suidhichte. Is tekrmunn è fòs an aghaidh iomadh buairidh agus dearmaid. Is lionmhor iadsan aig nach 'eil an ùin 'n an làimh fein, agus an lorg sin cha n-urrainn iad uair a shuidheach- adh, a°ps tha mòran eile clio bochd as nach ceadaich easbhnidhean an crannchuir dlioibh an t-saorsa so a ghabhail. Ach bitheadh muinntir mar sin gu caith- riseach ag ath-cheannach na h-aimsir, agus a' glacadh gach mionaid a's urrainn iad, agus a' deanamh greim air gach fath-chothrom a thuiteas amach, gu h-àraid, cuimhnicheadh iad meòrachadh goirid a dheanamh maille ri ùrnuigh, 'nuair a bhitheas iad air ceànn an gairmean laghail, no ri obair. Ach cuimhnicheadh iadsan uile aig am bheil an tim 'n an làimh fèin, agus iadsan a dh-fhaodas, ma's àill leo, uair a' mheòrachaidh a ghlacadh gach là, an dleasanas so a dheanamh air dm suidhichte. Ma nithear obair gach Ik gu riaghailt- each air a h-km fein, is arm a's feàrr a gheibh sinn comas agus eòlas air iiin a dheadh-ghnàthachadh, agus air ar dleasanas a choimhlionadh gu ceart. 2. Bitheadh am meòrachadh so bidheanta cho maith ri suidhichte. Ach cia trie is còir dhk 'bhith, sin ni nach urrainnear a ràdh, a chionn nach ionann cor, no crannchur do na h-uile dhaoinibh. Ach tha è soilleir o theagasg an Sgriobtuir gur còir a dheanamh trie. Tha'n Sgriobtuir a' labhairt air " smuaineachadh (no meòrachadh) a là agus a dh' oidhche." Air an aobh;tr sin, is còir do gach cridhe meòrachadh air Dia gach là, do re"ir an tomhais anns an ceadaich ìùn dhà. Faod- aidh cuid, iadsan a' smò cothrom, a bhi na's bidheanta ris an dleasanas so, na cuid eile, ach cha n-'eil neach sam-bith ami nach f haod beagan iiine, — beagan mhionaidean, — a bhuileachadh air gach là, geda b'ann aig obair an ach- * Is è Baoth-chreidimh no saobh-chreidimh {superstition,) a bhi Yreidsinn ann an ni nach 'eil idir ann, mar tha buitseuchd. taibhsean'us giseagan eile gun bhrlgh, gun chomas, anns am bi creutaireau aineol- ach a' creidsinn. Is è aineolas 'us eagal a bhitheas a' toirt air muinnur creidsinn aim an nitliibh faoin mar sin, cumhaehd nach 'eil idir ann, no aig nach 'eilbonn air-bith, ach iiamh nah-inntinn aineolaich. — Easta.r. ctfjrcs Ullachadh air a shon. 283 aidh, no 'nuair a dh-imichear air an t-sliabh, no 'nuair a sheòlar air a' chuan. Tha meòrachadh bidheanta àir-leth fèumail. Fàgaidh è an t-anam eòlach air Dia, agus bheir è misneachd dhà gu labhairt ris. Faic dithis dhaoine tuigseach a bhitheas gu bidheanta ann an cuideachd a chèile, fàsaidh ìad fìor eòlach air a cheile; meudaichidh an gràdh d' a chèile; bithidh tait- neas aca ann an comunn a chèile, agus Ian mhisneachd gu labhairt ri 'cheile. Arèir sin, raàtà, is è crìocli àraid an dleasanais so ar n-eòlas air Dia, agus ar co-chomunn ris a mheudachadh. Ach ma's ainmig a mheòraicheas tu air Dia, is beag eòlas a gheibh thu air. Is coigreach dhà thn fathast. 'Nuair a mhothaicheas neach a mhòr fheum air Dia, agus a dh-ìarras è cobhair o Dhia air uaira th&nn, is mòr a mhisneachd air an là sin gu dhol a dh-ionnsuidh an Dè sin air am bheil è eòlach, agus a's aithne dhà gu maith. " 0 moladh do Dhia !" arsa Criosduidh a' chridhe nèamhaidh, " is aithne dhomh-sa càit, agus cò dh-ionnsuidh a theid mi. Is iomadh uair a chaidh mis' air an t-sligh sin roimhe so. Is è so mo Dhia ris an robh mo chonaltradh gach là, agus so an t-sligh air am b'àbhaist dhomh gluasad gach la. Is maith is aithne do Dhia mise, agus tha mis' eòlach air-san. Air an làimh eile, cia mòr an t-uamhas, am bnair- eas agus a' mhi-mhisneachd a ghlacas an t-anam, 'nuair a dh-èignichear è air uair a thèinn gu lèxim a dh-ionn- suidh Dhè, ag ràdh le caoidh, " Och mise ! cha n-f hios domh càit an tèid mi ! Cha deachadh ml riamh a dh-ionnsuidh Dhe. Cha n-aithne dhomh an t-sligh sin. Cha n-'eil eòlas agam air cùirt nèimh. Cha n-aithne do m' anam an Dia sin ris am fèum mi labhairt, agus tha eagal òrm nach gabh è rium." Ach an uair a thigear gu uchd a' bhàis, agus a dh-fhèumar seasamh gun dàil an làthair Dhè, agus dùil aig neach ri dhol astigh do 'n f hois shiorruidh, sin an uair air am faicear agus air am fairichear gu soilleir, taitneach mòr thor- adh agus mòr aoibhneas a' mheòrachaidh nèamhaidh, agus a their gach fear-raeòrachaidh dìleas, " Tha mis' anis a' dol a dh-ionnsuidh an àite sin ann3 an robh cèum 'us miann mo chridhe gach là roimhe so. Tha 284 Nàdur a' Mheorachaidh Nèamhaidh mis' a' dol a dh-ionnsuidh an àite sin o'n d'f huair mi gu trie blasad air taitneas mòr. Tha m' anam a' dol a dh-ionnsuidh Dhè a's trie a choinnich è air uair a' mheorachaidh. Is trie a bha mo chridhe air nèamh roimhe so, agas a bhlais è air a' mhilseachd ath-bheoth- achaidh sin a gheibhear ann am mebrachadh air Dia ; agus ma bha mo shiiilean air an soillseachadh cho mòr, agus mo spiorad air 'ùrachadh cho mòr, 'nuair nach d'f huair mi ach blasad air a' mhilseachd sin, cia mòr m'aoibhneas agus mo shonas, 'nuair a bhitheas mis' a' beathachadh air gu saor gun sgur !" Air an làimh eile cia grathail do neach a smuaineachadh agus a ràdh, " Fèumaidh mi bàsachadh agus mi gun f hios agam càit am bheil mi 'dol, a dhol o kit air am bheil mi eòl- ach gu àit nach aithne dhomh, agus air nach 'eil eòlas idir agam !" Is uamhasach, ann an tomhas nach gabh innseadh, smuaintean an duine sin a gheibhear aineol- ach air Dia agus air nèamh, aig uair a bhàis. Cha n-'eil teagamh nach 'eil eagal a' bhàis air a dheanamh searbh do dhaoine diadhaidh fern, le dearmad air an dleasanas so. Uime sin, bitheadh gaeh Criosduidh a' mebrachadh gu bidheanta air Dia. Mar mheudaicheas an obair so d'eòlas air Dia, meudaichidh ì fòs do sgil air an dleasanas fein. Nach slaodach, cearbach a chuireas daoine an làmhan ri obair nach 'eil \ad a' cleachdadh ach ainmig ! Ach an obair ris am bheil daoine air an cleachdadh gu bidheanta, fàsaidh an cridheachan eòlach oirre, agus bithidh i socrach, taitneach dhoibh. A' bhèinn a bha duilich dhuit a dhireadh, agus a thug air d'anail bualadh luath air d'uchd, a' cheud uair a choisich thu suas gu 'mull- ach, fàsaidh ì na's fhasa dhuit a dhireadh, mar a's eòlaich' a dh-fhàsas tu air an rathad a threòraicheas suas thu. Agus an dleasanas a gheibhear duilich a' cheud uair a dh-fheuchar ris, fàsaidh è socrach, tait- neach an ddigh dhuit thu-fèin a chleachdadh ris gu trie. Gleidhidh tu mar-an-ceudna am bias cridhe agus a' bheatha nèamhaidh a fhuair thu cheana. Mur ith thu biaclh ach amhàin aon uair fad dhà, no trì lkithean, falbhaidh do neart cho luath 's a thig h. Ma gheibh thu fagus do Chriosd tre mheòrachadh naomh, agus ma igus UllacJiadh air a slion. 28 f* bhlàthaichear do chridhe le èibhleig a' ghràidh, gun teachd d'a ionnsuidh ach ainmig an deigh sin, is goirid gus am fàs thu cho fuar 's a bha thu roimhe. Oir cuimhnich, is obair spioradail, — obair nach fàiltich nàdur truaillidh, a ta agad ri dheanamh. Is cinnteach gu'm faod cleachdadh dhleasanas, gu h-àraid ùrnuigh uaigneach, mòran a dheanamh chum d'anam a chumail shuas ; ach 's a' chuid a's mò, is è meòrachadh beatha nan dleasanas eile, agus is è sealladh de nèamh beatha do mheòvachaidh. Roghnaieh fòs ran t-àm a's deadh-thràthaile. Is maiseach, maith na h-uile nithe 'n an àm fèin. Mur bi d'àm deadh-thràthail, faodaidh tu toradh do shaothair a chàll, d'obair a dheanamh an-shocrach agus do dhleasanas a thionndadh gu peacadh dhuit-fem. Faod- aidh nach bi an uair a bhitheas deadh-thràthail do aon neach, deadh-thràthail do neach eile. Feumaidh seirbhisich 'us cosnaich an t-am sin a ghabhail a's feàrr a cheadaicheas an gnothaichean eile dhoibh. Ach faodaidh tu, ma's àill leat, an dleasanas so a dheanamh ann an tomhas maith air ceànn d'oibre aimsireil, air turus, no 'nuair a tha thu sinte air do leabaidh mu'n caidil thu 's an oidhche. Iad.-an a dh-f haodas uair sam- bith de 'n là 'ghabhail, deanadh iad am suidhichte de 'n uair sin air am mò 'gheibh iad an spioradan air am beoth- achadh, agus air an deanamh freagarrach airson meòr- achaidh. Is è 'm feasgar, o dhol fodha na grèine, anus a' ghlomanaich, an t-am a's freagarraich' afhuair mi-fein riamh. Dh'ainmich mi so do bhrigh gu'm b'è sin àm meòrachaidh duine 'bu ghlice agus a b'fhearr na mise ; oir tha è sgrìobhta, " Chaidh Isaac amach a bheachd- smuaineachadh 's an fhaiche air feasgar.'1'' Gen. 24. 63. Tha là an Tighearna anabarrach freagarrach airson an dleasanais so. Ciod an t-àm a's freagarraiche gu meòrachadh air fois, na là sin na fois' a tha cho soilleir a' sàmhlachadh amach ar foise siorruidh ? Gu cinnteach is airidh an dleasanas àrd-spioradail so air cuid de'n là sin a's còir a chaitheamh uile ri dleasanas spioradail. Nach \ so àrd obair na sàbaid Criosdail, agus an obair a's feàrr a fhreagras do'n la sin a shuidhich Dia le òrdugh cho soilleir, teànn a chum fois a ghabhail air o 286 Nàdur a* MTiebracliaidh Nèamhaidh •oibribh aimsireil? Ciod an t-km a's freagarraiche gu labhairt ris an Tighearn na là an Tighearna ? Ciod an là a's freagarraiche do 'nchridhe gu eirigh suas gu nèamh, na 'n là sin air an d'èirich an Tighearn suas o'n talamh, an dèigh dhà buaidh-chaithream a dheanamh gu lkn thairis air a' bhks agus ifrinn ? Is h 'm fonn inntinn a's freagarraiche airson fior Chriosduidh, a bhi, mar bha Eòin, " anns an Spiorad air la an Tighearna." Taisb. 1. 10. Agus ciod a's fekrr a threòraicheas sinn a dh-ionnsuidh an aoibhneis so anns an Spiorad, na fhaicinn gu spioradail gu'm bheil ar glòir a' teachd fagus '? Smuainichibh air so, sibhse do'n kbhaist là an Tighearn' a chaitheamh amhain ri aoradh follaiseach, gun mhionaid idir dheth a bhuileach- adh air dleasanas uaigneach ; tha sibh a1 deanamh mbr chroin air bhur n-anamaibh fèin, le bhi air an la naomh sin a' deanamh dearmaid air dleasanas spioradail a' mhebrachaidh. Agus sibhse fòs a bhitheas a' caitheamh na h-ùine ri diomhanas agus ri còmhradh amaideach air là an Tighearna, na'm b'aithne dhuibh cho luachmhor 's a tha dleasanas a' mheòrachadh so, cha n-iarradh sibh fearas-chuideachd eile ach è ; bu ghoirid leibh an là sin a's f haide 'chaitheamh ris, agus bu duilich leibh 'nuair a ghiorraichteadh bhur toil-inntinn le ni sam-bith eile. Anis, a Chriosduidhean, faigheadh nèamh àit na's mò ann bhur lkithibh-sàbaid ; seadh, nèamh anns am faigh sibh-fèin gu goirid bhur skbaid shiorruidh. Gnkth- aichibh bhur skbaidean mar chèuman soilleir a tha nis a' treòrachadh gu glòir, gus an coisich sibh seachad orra gu lèir, agus an ruig sibh bhur ceknn-uidhe. Gu h-kraid sibhse, a tha bochd ann 'ur crannchur, agus an lorg sin, riach urrainn uairean meòrachaidh 'fhaotuinn, ach gann air lkithibh eile na seachduin, cuimhnichibh fèum maith a dheanamh de Ik na skbaid. 'Nuair a gheibh bhur coluinnean fois o oibribh aimsireil, iarradh bhur spioradan an dèigh na fois' a ta o Dhia. A bhkrr air uairean freagarrach, cunbhalach air gach Ik, agus gu h-kraid air là an Tighearna, gheibhear fòs uairean comharraichte eile airson meòrachaidh nèamh- aidh. Is iad na h-uairean sin an leithid so : — 'Nuair a bhlàthaicheas Dia do spiorad gu pailt lo agus Ullacliadh air a shon. 287 &bhleig bheò bho shuas, sin uair àraidh air am faod thusa direadh suas le mòr shaorsa, — saorsa na's mò na gheibhear air amaibh eile. Is beag an t-saothair a chuireas do chridhe air obair air uair mar sin, geda dh-fhaodadh tu air uairibh eile saothair air bheag feum a dheanamh. Thoir fainear oiteagan blàth an Spioraid, agus ciamar a tha Spiorad Chriosd a' gluasad do spioraid fèin. " As e'ugmhais Chriosd cha'n urrainn sinn aon ni a dheanamh." Air an aobhar sin, bith- eamaid a' deanamh na h-oibre maith am feadh a tha Criosd a' cuideachadh leinn. Thugamaid an aire nach faighear sinn amach a* sligh ar dleasanais, no 'n ar cadai, 'nuair a thig è. 'Nuair a gheibh an Spiorad do chridhe, mar fhuair è Peadar, ann am priosan, agus ann an iarunn, agus a bhuaileas è thu, ag ràdh, " Eirich gn grad, agus lean mise ;" bi cìnnteach gu'n èirich thu air an uair sin, agus gu'n lean thu è, agus chi thu do " cheanglaichean a' tuiteam" dhiot, agus " fosglaidh na dorsan" uile dhuit, agus bithidh tu aig nèamh mu'n f hios duit. So dhuit àm comharraichte eile airson a' mheòr- achaidh nèamhaidh, agus is è sin an uair a bhitheas tu fo thrioblaid, a' fulang, air do shàrachadh, no air do bhuaireadh. Cuin a dh-òlamaid ar deoch-ùrachaidh ach air uairibh ar fannachaidh ? Ciod an t-àm a's freagarraiche gu gluasad gu nèamh, na 'n uair sin air nach f haighear aon oisinn de'n talamh anus am faod sinn a bhi beò le solas idir? no cuin bu choir dhuinn ar smuaintean a thogail suas, ach air an uair sin air nach faighear ni sam-bith a bhos, ach pian 'us bròn ? Càit an tigeadh do choluman Noah a bhi, ach anns an aire, 'nuair a bha 'n talamh uile còmhdaichte leis na garbh uisgeachan, agus nach b'urrainn è fois 'fhaotuinn do bhònn a choise ? Co air bu choir dhuinn smuaineachadh, ach air tigh ar n-Athar, 'nuair nach faighear eadhon plaoisg an t-saoghail a chum ar beathachadh? Gu cmnteach is ann a chum do thoirt d'a ionnsuidh fein a tha Dia a' ceadachadh do thrioblaid thus' a bhualadh. Is sona dhuit-sa, matà, a dhuine bhochd, ma's è so fèum ani thu dhe do bhochduinn, agus is sona dhuits' a dhuine thinn, ma dh-oibricheas tu do thinneas a chum na criche 1288 Nàdur a' Mheòrachaidh Neamluiidh cèudna ! Is è 'n t-km deadh-thràthail gu teicheadh gu " tìr a' gheallaidh," an uair sin air am meudaichear ar n-uallaichean trorn anns an Eiphit, agus air am faigh sinn ar fàsgadh gu goirt anns an fhasach chruaidh. Anis, a lèughadair, na'm b'aithne dhuit mar dh-ùr- aicheas sealladh dùrachdach air glòir thu ann am builsgean do thrioblaid agus do bhròin, is ànn gu mòr bu lugha d'eagal às na trioblaidibh neo-lochdach sin, agus is ànn bu mhò do dhèigh air an ìocshlaint sin a dh-ath-bheothaicheas agus a chumas suas thu. " Ann an lionmhoireachd mo smuaintean an taobh a stigh dhiom," arsa Daibhidh, " thug do chomhfhurtachd-sa solas do m' anam." Salm 94. 19. " Tha mi a' meas- adh," arsa Pòl, " nach airidh fulangais na h-aimsir a ta lkthair a bhi air an coimhmeas ris a' ghlòir a dh-f hoill- sichear annainn." Rom. 8. 18. " Uime sin cha-n 'eil sinn a' fannachadh, ach ged thruaillear ar duine o'n leth muigh, gidheadh tha an duine o'n leth stigh air atb- nuadhachadh o là gu là. Oir a ta ar n-kmhghar eutrom, nach 'eil ach rè sealain, ag oibreachadh dhuinne trom- chudthrom glòire a ta ni's ro anabharraich agus sior- mhaireannach ; air dhuinn bhi ag amharc cba-n ann air na nithibh a tha r'am faicinn, ach air na nithibh nach 'eil r'am faicinn : oir tha na nithe a chithear, aimsireil ; ach tha na nithe nach faicear, siorruidh." 2 Cor. 4. 16-18. Agus is km eile a ta gu h-àraid freagarrach air- son an dleasanais nèamhaidh so, an uair a thig teachd- airean Dhè h-ugainn le gairm a' bhàis. Cuin bu choir dhuinn a bhi glè thric a' lionadh ar n-anamanan le smuaintibh taitneach, creidmheach mu'n bheatha ri teachd, ach an uair a ch\ sinn a' bheatha so gu ire bhig air falbh ? Càit am faighear muinntir a's mò feum air aoibhneas neartachaidh na daoine ri uchd a' bhàis, agus càit an tèidear a dh-ìarraidh sblais aig uair a' bhkis, ach a dh-ionnsuidh ar n-aoibhneis shiorruidh ? Gheibhear taitneas nèamhaidh na's milse, 'nuair nach 'eil è air a mheasgachadh le ni talmhaidh sam-bith, mar sin gheibh an Criosduidh gu trie taitneas na's milse aig uair a' blihis na fhuair è riamh roimhe sin. Nach bu mhòr, taitneach na bsannachdan f kistinneach a bha aig Isaac agus Iacob d'am mic, aig uair am bàis ! Cia nèamhaidh agus Ullacliadh air a shon. 289 an t-òran, agus cia naomh am beaunachadh leis an do chriochnaich Maois cuairt a bheatha air an talamh ! Nach bu nèamhaidh a' chomhairle agus an ùrnuigh a fliuair na deisciobuil o'n Tighearn, 'nuair a bha è 'dol a dhealachadh riutha ! Kuair a 'bha Pòl anis gu bhi air 'iobradh,' nach bu nèamhaicìh a' chomhairle agus an earail a thug è do na Philipianaich, do Thimoteus, agus do sheanairibh Ephesuis ! Nach b'fhagus air nèamh Eòin ann an eilean Phatmois, goirid mu'n robh è air a thogail suas ! Is è fònn coitchionn nan naomh a bhi na's nèamhaidh, air an uair sin a's fhaisge iad air nèamh. Ma chi thus', a lèughadair, uair do bhàis a' teachd dliith dhuit, 0 càit an tigeadh dhuit do chridhe 'shuidheachadh 's an uair sin, ach air Criosd ? Nach bu choir dhuit 'fhaicinn 'n a sheasamh ri d'thaobh agus labhairt ris, 'g a fhàilteachadh mar d'Athair, do Chompanach, do Leigh, do Charaid ? Nach bu choir dhuit, mar gu'm b'eadh, na h-ainglean 'fhaicinn 'g ad' chuairteachadh, agus a' feitheamh chum an t-seirbhis mu-dheireadh a dheanamh airson d'anama, eadhon na h-ainglean sin a ghitilain le taitneas anam Lasuruis ft gu uchd Abrahaim," is taitneach an obair leo thus' a thoirt a dh-ionnsuidh na h-onoire sin. Amhairc air do thinneas agus air do phian mar dh'amhairc Iacob air carbadaibh Iòseiph. agus ath-bheothaicheadh do spiorad 's an taobh-stigh dhiot, agus abair " Is leòr e, tha" Criosd " fathast beò ;" agus " do bhrigh gu'm bheil esan beò bithidh mise beò mar an ceudna !" Eò. 14. 19. Am bheil feum agad air an deoch-ùrachaidh a's feàrr ? An sin gheibh thu deoch shòlais a's feàrr na's urrainn an saoghal a thabhairt ; an sin gheibh thu Ian aoibhneas nèimh, chi thu Dia agus Criosd, agus gheibh thu uile shonas nan daoine beannaichte. Tha na beannachdan milis sin air an tairgse dhuit le làimh Chriosd, dh'ullaich è air nèamh ìad, sgrìobh h coir dhuit orra ann an gcallaidhean an t-soisgeil ; amhàin sin am ach làmh a'chreidimh, agus glac iad, agus beathaich d'anam orra ; dean gàirdeachas agus mair beò. Tha'n Tighearn ag ràdh riùt, mar thuirt è ri Eliah, " Eirich, ith ; oir tha 'n turus mòr air do shon." Kb 290 Nàdur a1 Mheòrachaidh Nèamhaìdh 1 Rì. 19. 7. Agus ged nach 'eil do thurus fada, thà làthach aims an t-sligh : air an aobhar sin, geill do ghuth an Tighearna, èirich àgus ith, " agus aim an neart a' bhìdh sin" faodaidh tu 'dhol gu "sliabh Dhe," agus, cosmhuil ri Maois, bàs 'fhaotuinn 's an t-sliabh d'an teid thu suàs' ; agus a ràdh le Simeon diadhaidh, "A nis, a Thighearna, a ta thu 'leigeadh do d'sheirbhiseach siubhal an sìth ; oir chnnnaic mo shùilean (sùilcan mo chreidimh) do shlàinte." Lùc. 2. 29, 30. II. Do thaobh an kite sin a's freagarraiche airson meòrachaidh nèamhaidh, is' leòr a ràdh gur è àit uaig- neach a's iomchuidh air a shon. 'Nuair a bhitheas sinn ris an obair so, is mòr feum ar spioradan air gach cobhair, agus air a bhi dealaichte bbo gach ni a dh-f haodadh ar meòrachadh a bhacadb. Tha Criosd a' teagasg dbuinn, 'nuair a ni sinn .ùrnuigli uaigneach, imeachd a steach d'ar seòmar, agus an dorns a dhùn- adh, chum gu'm faic ar n-Athair nèamhaidh sinn an uaignidheas'. Mata 6. 6. Mar sin, raatà, is còir dhuinn meòrachadh air sonas nèamhaiclh. Nach trie a chaidh Criosd fèin a thaobh gu bèinn, no gu fàsach, no gu àit uaigneach eile, a mheòrachadh agus a dhean- amh urnuigh ; mar sin a1 fàgail eisimpleir againn-ne, chum gu'n leanamaid è anns a' chùis so, mar ann an cuisibh maith eile ! Sin anis mar thig dhuit meòrachadh socrach, chramaoh a dheanamh air d'am suidhichte. Ach na di-chuimhnich am meòrachadh goirid a dh-fhaodar a dheanamh air uairibh eile ga trie ameasg do ghnothaichean aimsireil. Anis air uair shuidhichte do mheòrachaidh, matà, fàg cuideachd gach uile neach, eadhon cuideachd dhaoine diadhaidh, chum gu'm faigh thu car ùine cuideachd chiuin do Thighearna. Mur urrainn sgoilear, aig nach 'eil ach amhàin ri innleachd a chinn agus a chuimlme oibreachadh air nithibb timeil, a leasan ionnsuchadh le sith ameasg cuideachd, ciamar a b'urrainn thusa, ann an cuideachd, uile bhuaidhean d'anama oibreachadh le meòrachadh air Dia a tha cho àrd seach an aaoghal so agus gach ni a gheibhear ànn. Na leanamaid idir uaigneas nam baoth-chreidmheach ; ach bitheamaid gu trie ann ah uaigneas ris a1 mheòracbadh sin a dh-àraicheas fior i agus Ullachadli air a shon. 291 dhiadhachd arms an anam. Is ainmig a gheibhear, anns an Sgriobtuir, i >ia a' labhairt e-fèin. no le 'ainglibh ri aon air-bith de na fàiclhean, no de na naoimh ameasg cuideachd eile, ach is trie a gbeibhear Dia agus 'ainglean 'g am foillseachadh fèin dhoibh sin 'us ìad leo-fèin. 2. Ach rògbnaich thnsa dhuit-fèin àit air-bith a's feàrr a chòrdas ri do spiorad ; ma's arm astigh, no 'muigh. " Chaidh Isaac amach a bheachd-smuaineachadli, (no a mheòrachadh) 's anfhaiche :" agus creideam gu'n lean mòran eisimpleir Isaaic, 'nuair a cb.eadaich.eas an aimsir dhoibh. Bu trie ar Tighearn ri nrnuigh ami an lios uaigneach, " agus b'aithne do Iudas," 'nuair a thàinig è chum a bhrath, " an t-àit" 's am faighteadh è ; agus geda thug Criosd a dheisciobuil leis a dh-ionnsuidh an àite sin, chaidh è astar beag uatha, chum hrnuigh uaig- neach a dlieanamh : agus ged nach 'eil meòrachadh air a làn ainmeachadh, cha n-'eil teagamh nach robh è ri meÒ! achadh maille ri ùrnuigh ; oir is ann fo mheòr- achadh gèur air an fhulangas agus air a' bhàs a bha nis a' dlùthachadh air. a thubhairt è, " Tha m'anam ro bhrònach, eadhon gu bàs." Marc. 14. 34. Agus mar a roghnaich Criosd àit uaigneach, air-leth anns am b'àbhaist dà 'bhi ris an dleasanas so, is còir dhuinn-ne sin a dheanamh mar-an-cèudna. Roghnaich è àit uaig- neach gus an deachaidh è gu taobh air falbh o chuid- eachd nan deisciobul aige-fèin, agus fèumaidh sinne an t-eisimpleir sin a dh'fhàg h againn a leantuinn. Bu domhain, trom meòrachadh Chriosd seach a bhriathran ; a chridhe agus 'anam anis air am bua^dh le smuaintibh drùighteach, gèur, agus mar sin fèumar meòrachadh a dheanamh leinn-ne. Ach cha b'ionann idir cuspair meòrachaidh do Chriosd agus dhuinn-ne. Mheòraich Criosd air na fulangasaibh tròm sin a thoill peacaidhean dhaoine, 'us corruich 'Athar a' bualadh tre 'anam uile, ach is è 'tha againn -ne ri meòrachadh air a' ghlòir a cheannaich Criosd dhuinn, chum gu'm bi ar smuaintean air an togail, ar n-aignidhean air an ath-bheothachadh agus ar n-anamanan air an sàr-lìonadh le gràdh an Athar agus le aoibhneas an Spioraid. III. Bheirear an ath chomhairle mu ullachadh do chridhe airson a' mheòrachaidh so. Tha moran aig 2»J2 Nàdur a' Mlteòrachaìdh Nèamhaidh ionn, no meinn do chridhe ri dheanamh anns an obair so, ma's maith leat ì soirbheaehadh leat. 'Nuair nach robh. ni sam-bith ann an cridhe an duine a chuireadh doilgheas air an Spiorad. bu taitneach air an là sin an t ionad-còmhnuidh leis a' Chruth.aidhear è. Cha d'fhàg L)ia an t-àit-còmhnuidh a bha aige-fèin ànn air tùs, gus an d'fhuadaich an duine air falbh às è le brosnachadh nJc. Cha robh sgàth, no saidealtas anns a' chridhe gus an d'fhàs e peacach, agus 'n a thòll ro ghràineil le l)ia gu taitneas a ghabhail ànn. Agus na'n robh an cridhe so air 'aiseag anis a dh-ionnsuidh na staide neo-chiont- aich anns an robh è roimhe, philleadh Dia air ball d'a ionnsuidh a ghabhail cornhnuidh ànn arìst. Seadh, geda chaidli cridhe an duine cho fad air seachran o Dhia, gidheadh. tha Dia ag iarraidh seilbh air fathast, agus arèir an tomhais anns am faighear è air a ghlanadh o 'ana-miannaibh. air a chàramh agus air 'ath-nuadh- acliadh leis an Spiorad, agus air a dheanamh maiseach. urist le iomhiigh Dhe. aidichidh Dia fathast è mar a chuid fèin. Foillsichidh Criosd e-fèin dà, agus gabh- aidh an Spiorad è mar theampull agus mar chòmlmuidh dhà-fein. Is ann arèir an tomhais anns deasaichear an cridhe chum conaltradh ri Dia, a gheibh è, mara's trice, Dia a mhealtuinn, no co-chomunn ris ann an dleasanas a' mheòrachaidh. Air an aobhar sin matà, "leis gach uile dhichioll gleidh do chridhe ; oir às a sin tha sruthan na beatha." Gnàth. 4. 23. Thoir fainear gu h-àraid gach seòladh a leanas : — 1. Faigh do chridhe a dhealachadh o'n t-saoghal air uair do mheòrachaidh, cho maith. 's a ghabhas deanamh. Tilg amach. as gach. uile smuain mu do ghnothaichean, do thrioblaidean, do thoil-inntinn eile, seadh, gach smuain a dh-fhaodas àit a thogail air taobh-stigh d'anama. Bitheadh do chridhe cho falamh de gach ni eile 's a ghabhas deanamh, a chum a bhi air a dhean- amh na's comasaiche gu bhi air a lionadh le smuaintibh glan mu thimchioll Dhè. Geda rachadh agad air dleasanas o'n leth-muigli a dheanamh le cuid de do chridhe 'shocrachadh air, bi làn chinnteach nach ur- rainnear an dleasanas naomh so a dheanamh le solas, a dh-easbhuidh d'uile chridhe ; oir seasaidh smuaintean agus Ullachadh air a sJwn. 293 eile eadar d'anam agus Dia, agus bithiclh do shealladh dheth air a dheanamh dorch leo, amhuil mar dhorch- aicheas neòil dhubh gnuis na greine. 'Nuair a thdid thu suas gu bèinn a' mheòrachaidh, is cosmbuil thu ri cluine sànntach 'us earn òir air a chur 'n a làthair, maille ri cead na's àill leis a ghabhail dheth, agus a dh-fhalbhas a' caoidh nach b'urrainn è tuilleadh a thoirt leis de'n mhiotailt luachmhor a ghabhadh faotuinn a nasgaidh : mar sin matà, gheibh thusa uiread de Dhia 'us de ghlòir agus a's urrainn do chridhe cumhang a chumail, gun ni sam-bith ach gann gu seilbh a bhac- adh dhuit air tuilleadh 'us tuilleadh, ach mi-chomas agus cuingead do spioraid fèin. An sin their do chridhe, " 0 b'fheàrr gu'm b'urrainn mo thuigse agus m' aig- nidhean tuilleadh a chumail ! 0 na'n robh mise na's freagarraiche, na'n robh mo chridhe na's ullaichte nr tha è, bu nèamh dhomh an t-àit so ! ' Gu cinnteach tha an Tighearn 's an àit so, agus cha robh fios agam air. ' Tha'n sliabh so làn do charbadaibh teine' ach tha mft shuilean-sa cho duinte as nach n-urrainn mi am faicinn. 0 na focail ghràidh a tha aig Ciiosd ri labhairt ! 0 iongantas a' ghràidh sin a tha aige ri fhoillseachadh, ach air mo shonsa-sa, cha n-urrrainn mi an giùlain fathast ! Tha nèamh ullamh air mo sh.on-sa. ach cha n-'eil mo chridhe-sa ullamh airson nèimh !" 2. Uime sin, a lèughadair, air dhuit 'fhaicinn gur ann an uair a chuireas tu do chridhe ann am fonn maith airson do dieasanais, a gheibh thu Dia a mheal- tuinn aims a1 mheòrachadh so, ìarr anis è le d'anam uile, — ìarr è anns a' mbeòrachadh so, ma dh-iarras tu gu bràth è. Na tilg Criosd ' anns a' phrasaich 's an stàpull,' mar gu'm bitheadh aoidhean na's feàrr agad airson nan seòmar sgìamhach. Abair i-i d' uile ghnoth- aichean agus ri d'uile smuaintean saoghalta, mar thubhairt Criosd ri 'dheisciobluibh, w' Suidhibh-se an so, gus an tèid mise a dheanamh hrnuigh an sud," no mar thubhairt Abraham ri 'sheirbhisich. 'nuair a bha è 'dol a dh-iobradh a mhic, Isaac, " Fanaibh-se an so, agus thèid mise gu ruige sud, agus ni mi aoradh, agus thig mi a ris d'ur n-ionnsuidh." Mar thilg na sagartan righ Usiah amach as an teampull, 'nuair a ghabh è air-fèin b b 3 294 Naclur cC Mheòracliaiclh Nèamhaiclh this a losgadh, air dhoibh a' mhùir 'fhaicinn air; mar i-in. tilg-sa mach a teampull do chridhe gach smuain nach 'eil taitneach do Dhia. 3. Bi cìnnteach gu'n tòisich thu air an obair so le Ian chùram agus niòr stòldachd cridhe agus inntinn. Cha n-'eil faoin obair idir ann an nithibh naomh ' Naoraihaichear Dia annta-san a thig am fagus dha.' Lebh. 10. 3. Is fior tharbhach an dleasanas spioradail, òirdheirc so, ag àrdachadh an anama, 'nuair a chuairt- ichear è gu chramach, ceart ; ach is fior chunnartach a dheanamh gu mi-chùramach, no le leth-taobh do chridhe. Saothraich thusa, uime sin, a chum làn mhothachadh 'fhaotuinn air làthaireachd Dhè, agus air a mhòrachd do-mheasraichte. Mur faodadh a'bhan-righ Ester teachd am fagus do'n righ, gus ' an sìneadh è mach an t-slatòir rìoghail ;' smuainich thusa, matà, cia mòr an t-urram leis an còir dhuit-sa teachd am fagus Dhk-san a, rinn na saoghail le focal a bheòil, a ta nis a' cumail suas na talmhainn mar le bois a làimh', a ta 'cumail na grèine, na gealaiche agus nan rèult 'n an kit agus 'n an fistar àillidh fèin, agus a' suidheachadh chrìochan na mara mòire, feargaich'. Cuimhnich, is ànn ri Dia a tha thus' a' dol a labhairt; roimh-san crithidh an talamh, agus criothnaicliidh deamhnan ; agus is goirid gus am fèum thusa agus uile luchd-àiteachaidh an t-saoghail seasamh an làthair caithir a bhreitheanais, far an toirear breth air na h-uile dhaoine mu dheireadh. Hò smuainich ! agus abair, " an sin, gheibh mise lkn mhothachadh bed air a mhòrachd. An sin, duisgear suas mo spiorad tromsanach, agus tilgear air falbh m' eas-urram. Carson nach bitheadh m' anam air a ghluasad agus air a lionadh an diugh le beò bheachd air a mhòrachd, agus le eagal urramach roimh 'ainm ?" 4. Saothraich fòs a chum meud, luachmhorachd agus òirdhearcas na h-oibre so, ris am bheil thu nis, a làn- thuigsinn. Na'n robh thu nis a' tagair airson do bheatha 'an làthair breitheimh aimsireil, is dhrachdach a smuainicheadh tu air a' chilis, ged is neo-ni sin ann an coimeas ris an dleasanas so. Ged robh thu ri obair cho mòr 's a hha aig Daibhidh 'nuair a chaidh b mach a, chogadh ri Goliah, a chum sonas noghachd a dhion agus Ullachadh air a shon. 295 le 'làimh, bu neo-ni an obair sin ìnnte-fèin ann an coimeas ris an dleasanas so. Abair gu'n robh thu nis a' dol a ghleacadh mar a rinn Iacob, no 'dh-faicinn an t-seallaidh a chunnaic an triùir dheisciobnl air " bèinn a' chruth-atharrachaidh," nach stòlda, durachdach, ur- ramach a ghluaiseadh agus a shealladh tu ! Na'n robh eadhon aingeal o nèamh gu do choinneachadh ann an kit agus air uair do mbeòrachaidh, cia mòr am fiamh leis am bitheadh tu air do lionadh ! Smuainich, matà. cia stòlda. dùrachdach am fònn cridhe leis an tig dhuit an Tighearn fèin a choinneachadh, agus cia mòr an stòldachd, an durachd agus am fiamh leis an tig dhuit labbairt ris gach là ! Smuainich f òs air deadh thoradh na h-oibre so. Ma shoirbhicheas i leat, agus carson nach soirbhicheadh ì leat-sa cho maith ri neach eile ? bheir ì 'stigh 'an làthair Dhe thu, tòisicbidh ì do ghlòir sìorruidh air tbalamh, bheir ì dhuit a bhi beò arm an staid na's àirde agus na's taitnicbe na muinntir eile, àrdaichidh ì thu gus an ath chèum do onoir nan aingeal fèin, agus bithidh tu beò 'us gheibh tliu bàs le aoibhneas. Is mòr do dhuais, uime sin bitheadh d'ullachadh arèir do dhuais. Cha n-'eil idir beatha cho beannaichte agus cho aoibhneach aig neach air thalamh 's a gheibh- ear aca-san a ta eòlach air a' chonaltradh nèamhaidh so. Cha n-'eil aoibhneas nan uile dhaoin' eile, ach mar chluith na cloinne bige, mar ghàire nan amadan, no mar bhruadar an duine thìnn mu shlàint. Ge-b'-e neach a dh-oibricheas airson nèimh, sin amhàin an neach a bhuannaicheas. Agus ge-b'-e neach a dhear- madas nèamh, sin amhàin an neach a chailleas. Cia trie, dìan, dùrachdach, matà, is còir do'n obair nèamh- aidh sin a bhi air a deanamh leis gach Criosduidh ! Caibdeil XIV. Mar niihear Meorachadh Nèamhaidh le Smuaineachadh, leis na h-Aignidhean, le Fèin-labhairt, agus Ur- nuigh. — (Faio Caib. XVI.) Air dhuit do chridhe 'fhaotuinn air a ghleusadh, tòisicheamaid anis air a' cheòl. Air dhuit càil 'fhaot- uinn thig anis a dh-ionnsuidh na cuilm', agus ' sàsaich 296 Meòrachadh Nèamhaiclh d' anam le smior agus saill'. ' Thig, oir a ta na h-uile nitlie ullamh." Mata 22. 4. Tha nèamh, agus Criosd, agus glòir anabarrach mòr romhad. Na diùlt an euir- eadh so. Na tòisich idir ri leisgeulan a ghabhail. Co-air-bith thu, bi saoibhir no bochd, biodh do chòmh- nuidh aim an tigh-dèirce, anri an ospadal, anns na rathadaibh mora, no anns na gàraidhean, is è mo chomisean-sa, ma's urrainnear idir, do " cho-èigneachadh gu teachd a steach ;" agns " is beannaichte esan a dh'itheas aran ann an rioghachd Dhe !" Tha 'm mana sgaoilte mn thimchioll do bhutha, gluais amach, tionail leat è, thoir dhachaidh è, agus beathaich air. Ach seòlam dhuit anis ciamar a ghnàthaicheas tu do Smuain- eachadh agus d'Aignidhean, d'Fhein-labhairt agus d'Urnuigh chum na Cliche so. I. Is è Smuaineachadh an instrumaid mhòr leis am bheil an obair nèamhaidh so air a cur air aghaidh. Ach fèumaidh an smuaineachadh so a bhi air a dheanamh gu toileach agus cha n-anu idir èignichte. Smuainichidh cuid gu mi-thoileach, mar ni na h-aingidh, 'nuair a dh-eignicheas Dia iad ' gu smuaineachadh air am peacaidhean fèin, agus a chuireas è an òrdugh iad fa chomhair an suilean.' Salm 50. 21, 22. Mar sin, smuainichidh an sluagh mallaichte, gun èifeachd dhoibh anis, air òirdhearcas Chriosd air an d'rinn iad dimeas roimhe so ; agus air an aoibhneas shiorruidh a chàill iad le'n amaideachd. Is mòr cumhachd an smuain- eachaidh a chum na h-aignidhean a ghluasad, agus a chum nithe maith a theannachadh air a' chridhe ; mar chithear o'n teagasg àraid a leanas. 1. Foslgaidh Smuaineachadh, mar gu'm b'eauh, an dorus eadar an ceànn agus an cridhe. 'Nuair a ghabbhas an tuigs' astigh an fhìrinn, taisgidh ì suas ì anns a' chuimhne, agus giulainidh smuaineachadh an fhirinn as a' chuimhne, 'dh-ionnsuidh nan aignidhean. Cia mòr an t-òirdhearcas a gheibhteadh ann am mòr ionnsuchadh agus ann am mòr eòlas, na'n robh rathad rèidh air 'fhosgladh dhoibh eadar an ceànn agus an cridhe, agus na h-aignidhean 's an tuigs' a' co-fhreag- airt d'a chèile ! 'Am bidheantas, is è 'n sgoilear a's feàrr, esan aig am bheil tuigse ghlan, ealamh, shoilleir, le Aignidhean Diadhaidh. 297 dhionach. Ach gu trie is è 'n Criosduidh a's feàrr, esan aig am bheil tuigse fior dhomhain agus fior chàidreach, agus anns am faigh an fhìrinn rathad rèidh, cba n-ànn amhàin o'n chluais a dh-ionnsuidh na h-ean- chainn, ach o'n chluais a dh-ionnsuidh a' chridhe. Agus ged is è an Spiorad Naomh a ni an obair shlàinteil air a' chridhe, is b do chuid-sa dhi an dorus 'fhosgladh dhà le smuaineachadh air a chumhachd. 2. Feuchaidh Smuaineachadh do na h-aignidhean na nithe sin a's mò luach. Cha toir an cuspair a's tait- niche toil-inntinn air-bith, am far nach f haicear è, agus cha dean an sgèul a's aoibhniche deargadh sam-bith air an fhear nach cluinn è. Ach bheir smuaineachadh sealladh dhuinn air na nithibh sin a bha is ar sealladh roimhe, agus giùlainidh è ìad gu sùil agus cluais an anama. Nach druighteach na cuspairean Criosd agus glòir ? Nach oibricheadh iad gu h-iongantach air an anam na'n robh iad air am faicinn gu soilleir, agus ar tuigse 'g an gabhail astigh ann an tomhas car-freagar- rach ri'n luach ? Is è smuaineachadh orra sin a nochdas dhuinn viad. Is è smuaineachadh suil-ghloine, no gloine- bheachdachaidh a' Chriosduidh, leis am faic a chridhe an rathad uile bho'n talamh gu nèamh. 3. Fòs nochdaidh Smuaineachadh na nithe sin a's mò luach dhuinn air an dòigh a's dmightiche. Rèusan- aichidh è gach chis gu direach ris a' chridhe fèin. 'Nuair a bheir an creidmheach a chridhe gu smuaineach- adh nèamhaidh, nach honmhor argumaid a bhuaileas air a chridhe 's an uair sin mu Dhia agus mu Chriosd, mu gach aon de bhuaidhean iomlan Dhè, mu'n staid anns an robh agus anns am bheil sinn, mu na geallaidh- ean, mu f hulangais agus mu thoil-inntinnibh na h-aimsir a ta làthair, mu nèamh agus ifrinn ! Nochdaidh na h-uile nithe maith iad-fein dhuinn a chum ar gàird- eachas a mheudachadh, agus is è smuaineachadh an làmh leis an deanar greim orra. Bheir e" dearbhadh an deigh dearbhaidh dhuit, dùisgidh è suas do ghaird- eachas, agus nì è aubhar do ghàirdeachais làn shoilleir dhuit, a' fosgladh suas agus a' socrachadh gach ceiste, gus an tosdaichear gach eagal, teagamh agus gearan. Ma dh-eisdeas sinn ri reusanachadh duine eile, gun 298 Meòrachadh Nèamhaìdh fhios cìnnteach againn ciod an rùn leis am bheil e 'labhairt, no co dhiubh a b'àill leis ar cur ceart, no dochair, nach mò na sin bu chòir dhuinn èisdeachd ri guth ar rèusanachaidh fèin, 'us làn fhios againn air run ar cridhe fèin ! Ni-h-eadh, ach fad air thoiseach air sin uile, nach bu chòir dhuinn gèilleadh gu toileach do rèusanachadh Dhia, agus sinn cinnteach nach dean è ar mealladh agus nach urrainnear e-fein a mhealladh f Anis is è srauaineachadh an dòigh air an leughar agus air an aithrisear arìst 's arìst rèusanachadh Dhè, leis a' chridhe. Is iomadh aobhar teànn a bha aig "a' rnhac struidheil" gu rèusanachadh ri 'chridhe fèin mu philleadh dhachaidh gu " tigh 'atbar ;" mar sin fèumaidh sinne r^usanachadh ris na h-aignidhean againn a chum an greasad dhachaidh gu àit-còmhnuidh sìorruidh ar n-Athar nèamhaidh. 4. Ardaichidh Smuaineachadh rèusan an duine 'dh-ionnsuidh a làn ùghdarrais fèin. Cuidichidh è chum a shaoradh o dhaorsa nan ceud-fàdh, no nan ana-miann, agus suidhichìdh è rèusan arìst mar rìgh air an anam. Fhad 's a bhitheas rèusan 'n a thosd, gn trie is iochd- aran gun sgoinn è, agus riaghlaidh na càilean feòlmhor arèir an toil fèin, 'nuair a gheibh ìad esan 'n a chadal. Ach dùisgidh smuaineachadh ar rèusan, agus an sin mosglaidh è suas gu grad, cosmhuil ri Samson, a! briseadh dheth 's a1 bualadh sios uile cheanglaichean agus uile mhealltaireachd na feòla. Nach beag neart a chuireas an leòmhan dheth 'fhad 's a bhitheas è'na chadaì ? Ciod è rìgh seach duine eile, 'nuair a thilgear sios a bhàrr na caithreach è'? 'Nuair a thogar suas rèusan spioradal an duine ; chan-ann le gairm, no càil na feòla, ach le meòrachadh nèamhaidh, tuigidh è ciod è sin aoibhneas nèamhaidh. Ardaichidh smuaineach- adh cuspairean ar creidimh ann ar suilibh, a 'comhar- rachaclh amach dhuinn cho suarach 's a tha cuspairean nan jcail feòlmhor, ann an coimeas ri nithibh nèamhaidh. Is iad na daoine sin a's lugha smuaineachadh a's mò feòlmhorachd. Is furasda agus is ro thric le daoine peacachadh an aghaidh eòlais, ach is ainmig a gheibh- ear neach a ni dimeas air smuaineachadh diirachdach, stòlda, dian, leanmhuinneach a chridhe fèin. le Aignidhean Nèamhaidh. 299 5. Bheir Smuaineachadh air rèusan fàs làidir, gniomh- ach, cumhachdach. Bha è roimhe mar uisge-tàmh, ach anis mar shr-uth làidir, bras a sgnabas sios gacli ni leis 'n a cheum grad. Bha e roimhe mar chloich sinte 's an t-sruth, ach is clach è nis air a tilgeil le " crann- tabhuill" Dhaibhaidh, leis am buailear Goliah an as- creidimli ann an " clàr 'èudain." Mairidh daoine aingidh cho aingidh 's a bha iad riamh, gus an tòisich ìad air an rèusan oibreachadh gu gniomhaeh, glic : agns mar sin is gànn solas dhaoine diadhaidli, fhad 's a bhitheas an rèusan agus an creidimh 'n an cadal, gus an dùisgear suas iad agus an gairmear ìad gu fèum le obair a1 mheòrachaidh so. Nach lìonmhor eagal, bròn 'us aoibhneas a thogar annainn le bruadaraibh na h-oidhche ! Ach cia mòr a's feàrr na sin a dhruighear òirnn le meòrachadh glan, curamach. 6. Mairidh agus leanaidh Smuaineachadh, ma's àill leat, air an obair rèusantaich so. Cumaidh meòrachadh rèusan agus creidimh aig an obaii fein, agus sèididh h an teine, gus an las è gu soilleir, Ian. Is beag teas a chuirear air duine le beagan chèuman a dheanamh, ach ma choisicheas è gu luath fad uair no dim, faodaidh è fàs blàth ; agus mar sin cha n-f haigh ar n-aignidhean an togail suas, no teas spioradail air-bith ann an smuaintibh goirid, cabhagach an dràst 's arìst mu nèamh, ach bheir meòrachadh air ar smuaintean leantuinn gun stad, gus am fàs ar cridheachan blàth. Mar sin chi thu gu'm bheil làmh chomasach aig smuaineachadh a chum an t-anam a thogail suas gu mòr, àrd ann an obair a' mheòrachaidh nèamhaidh. II. Faiceamaid anis ciamar a dh-oibricheas gach aon fa-leth de na h-aignidhean ann an cur air aghaidh na h-oibre nèamhaidh so. Is ann le smuaineachadh a ghairmeas sinn an toiseach air a' chuimhne, agus a bheirear àisde na fìrinnean nèamhaidh sin air am bheil sinn a' dol a mheorichadh 's an km, mar tha gràdh neo-chrìochnach Dhè ann an Criosd, geallaidhean na beatha maireannaich, iomradh air glòir nan naomh, agus an aiseirigh, &c. Bheir sinn iad an deigh sin a dh-ionn- suidh ar tuigse, ag iarraidh oirre beachdachadh orra gu socrach, sealladh soilleir, Ian a ghabhail dhiubh agus 300 Meòrachadh NSamhaidh 'fhaicinn gu cothromach cho iomlan 's a tha ar sonas nèamhaidh, gun èisdeachd air-bith a thoirt do chàil, no do ghuth na feòla ; mar sin a' moladh an Tighearn' ann ar cridhe, gus an lìonar sinn le iongantas agus aoibhneas naorah. Ach cha n-è mhàin ar tuigse, no ar comas breith- neachaidh an nì àraid a dh-fheumas sinn oibreachadh, ach ar creidimh anns an fhìrinn leis am bheil ar fois shìorruidb air a deanamb cìnnteach dhuinn ; seadh araon ann am fìrinn nan geallaidhean, ann ar comh- roinn fein hnnta. agus ann ar còir orra. Na'n creid- eamaid da rìreadh, agus gu daingean gu'm bbeil glòir cho mòr ann, agus gu'm faiceadh ar sùilean è ann am beagan làithean, 0 cia làidir, dìan am miann a thogadh ò armainn ! Cia iongantach am mothachadh a bheir- eadh è dhuinn air a bheatha ghlòrmhoir fi teachd ! Cia mòr an gràdh 's an fhadacbd a dhùisgeadh è suas 's an taobb-stigb dhinn ! O mar bheothaicheadh è gach aigneadb ! 0 mar mbeudaicheadh aoiblmeas annainn fo dhearbh-bheachd air ar còir air fois ! Acb cba dean gràdh 'us aoibhneas aon cheum annainn, 'nuair a stadas creidimh. Is ànn le creidimh a dh-fhèumar an dùsgadh, agus an treòrachadh air aghaidh. Air an aobhar sin, oibrich do chreidimh gach là, faiceadh è cho làn, cho saor 's a tha'n gealladh ; faiceadh è Dia a' sior-chuir- eadh nan uile gus an gealladh a ghabhail : faiceadh è run gràsmhor Chriosd, dearbhadh air gràdh agus air dilseachd Chriosd ; faiceadh è Chriosd a' coimhlionadh a gheallaidh anns gach ni, agus faiceadh è dearbhadh air gràdh Chriosd annainn-fein. Càraich na nithe sin uile fo shuil do chreidimh, agus smuainich cia mòr an dearbhadh iad air deadh thoil Dhè do thaobh ar slàinte ; agus mar dh-f haodar, an uair a thuigear iad gu ceart, beul an as-creidimh a dhùnadh leo. Mar sin, matà, 'nuair a bhreithnicheas do thuigse, agus a chi do chreidimh an f hirinn leis am bheil sonas a' Chriosduidh air a dheanamh làn-chìnnteach dhà, faodaidh d' aignidh- ean a bhi air am beothachadh suas le obair a' mheòr- achaidh nèamhaidh: Gu h-àraid na h-aignidhean so, eadhon, — Grddh — Miann — Dachas — Misneachd no Ddnachd — agus Gairdeachas. le Aignidhean Diadhaidh. 301 1. Is è Gradh a' cheud aigneadh a dhhisgear ami an ohair a' mheòrachaidh nèamhaidh. Is è maitheas cuspair an aignidh so. So aniis, a Chriosduidh, a' chuids n de d'obair a dh.-atb.-bn.eothaicb.eas d'anam. Each a dh-ionnsuidh do chuimhne, do thuigse. agus do chreid- imh. agus faigh ànnta sin òirdhearcas d' f hois'. Nochd an t-òirdhearcas sin do aigneadh do ghràidh, agus an dèigb sin, gheibh thu thu-fèin, mar gu'm b'eadh, ann an saoghal eile. Labhair amach, agus èisdidh gràdh. Amhàin foillsich an ni so dhà, agus chì gràdh è. Is dàll gràdh bruideil an t-saoghail, ach is ro ghèur-shuil- each an gràdh diadhaidh. Deanadh do chreidimh greim air do chridhe, agus feucb dhà an aitreabh ghreadhnach, àluinn amis am bi d'àit-còmhnuidh sìorruidh, agus na neamhnuidean glòrmhor a tha ann an tigh d'Athar, eadhon na h-àitean-còmhnuidh a dh'ullaich Criosd, agus iomadh onoir a rioghachd. Treòraicheadh do chreidimh do chridhe gu lathair Dhè, agus air dhuit a thoirt cho faisg air agus is urraitm thu, abair ris " Feuch Aosda nan làithean, an Tighearn ìehòbhah, d'an ainm is mi. Is è so an Ti a rinn na saogliail le focal a bheòil, a tha nis a' cumail suas na talmhainn, a' riaghladh nan cinneach, ag òrduchadh gach cuise, a' ceànnsachadh a naimhdean, a' casgadh thonn atmhor, beucacb a' chuain, a' stiiuadh nan gaoth 's nan stoirm, agus a' toirt air a' ghrèin a rèis a ruith, agus air na rèultaibh an cùrsan fèin aithneachadh ; — So an Ti a ghràdhaich thus' o shiorruidheachd, a dheilbh thu anns a1 bhroinn, a thug dhuit an t-anam so, a thug amach à broinn do mhathar thu, a dh'f heuch an solus dhuit, agus a shuidhich thu mar aon de na crèutairean a's àirde gliocas air thalamh ; — So an Ti a thug tuigse dhuit, a sgeadaich thu le tiodhlacaibh a ghrkidh, a tha nis a' gleidheadh do bheatha agus do shòlais uile dhuit, agus 'ga d' eadar-dhealachadh uatha- 'san a's suaraiche agus a's truaighe ameasg dhaoine. An so tha cuspair airidh air do ghràdh ! An so thigeadh dhuit do chridhe 'dhòitadh amach ann an gràdh ! An so cha n-urrainn thu gràdhachadh ro mhòr ! So an Tighearn a bheannaich thu le 'thiodhlacaibh, a ' dkeas- G c 302 Meòrachadh Nèamhaidh aich bòrd dhuit am f ìanuis do nàimhdean, agus a thug air do chupan cur thairis' I So an Tia tha na h-ainglean agus na naoimh a' sior-mholadh, agus a dh-àrd-mholar gu brath le feachd glòrmhor nèimh !" Mar sin meòr- aicheadh do chridhe air. cumhachd, air maitheas agus air cliù Dhè. Fosgail do chridhe agus feuch dhà iom- adh òirdhearcas an Tighearna, gus an tòisich teine naomh a' ghràidh ri lasadh 's an taobh-stigh dhiot. Mur faigh thu do ghràdh a' lasadh fathast, treòraich do chridhe ce"um na's f haide, agus feuch tuilleadh dbà, feuch dhà Mac an Dè bheò, d'ari ainm " Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t-Athair sior- ruidh, Prionnsa na sithe." Feuch dhà " Righ nan naomh" air caithir rioghail a ghlòire, " an Ceucl neach agus an neach Deireannach ; an Ti a ta, agus a bha, agus a ta ri teachd ; an Ti a ta beò, agus a bha marbh, agus feuch, tha è beò gu bràth ;" an Ti a rinn do shith le fuil a chruinn-chè'usaidh, agus a dh'ullaich àit na sithe dhuit maille ris-fèin. So am Fear-sitheachaidh mòr, — sin a dhreuchd. Is i a rioghachd-san, rioghachd na sithe, — a shoisgeul, deadh sgèul na sithe, — a ghuth riut-sa nis, guth na sithe. Thig am fagus dà, matà, agus amhairc air. Nach cluinn thu nis a ghuth ? An Ti a thuirt ri Tòmas, Thig am fagus, agus faic " aileadh nan tairngean, agus cuir do mheur" anns na lotaibh air mo thaobh; sin an Ti a ta nis a' gairm ort-sa, agus ag ràdh ; Thig am fagus, agus faic an Tighearn do Shlàn- uighear, agus na bi mi-chreideach, ach creideach : Sith dhuit ; na biodh eagal ort, is è mi-fèm a ta ànn'. ' Amhairc air gu maith. Nach aithne dhuit è ? 'So an caraid a's dilse na bràthair.' Sin an Ti a thog suas thu à slochd na h-ifrinn. a dh'atharraich binn do dhitidh, a ghihlain am mallachd 'bu choir djiuit-fein a ghihlain, a dh'aisig dhuit na beannachdan a chàill thu, a cheannaich dhuit an crim glòire sin a shealbhaicheas tu gu siorruidh. Agus nach aithne dhuit è fathast ? Chaidh a làmhan a tholladh, chaidh a cheànn, a chridhe 's a thaobh a tholladh, a chum gu'n aithnicheadh tus' è do ghnàth leis na lotaibh sin. Nach cuimhne leat an uair a fhuair è thu sinte 'n a d' fhuil, agus a ghabh è truas dhiot, le Aìgnidheon Diadhaidh. 303 agus a cheangail è suas do chreuchdan. agus a thog è dhachaidh thu, ag ràdh riut, Mail* beò? An do dhi-chuimhnich thu gu'n do lot sè e-fein, a chum do lotan-sa 'shlànachadh, agus gu'n do dhòirt è 'fhuil fèin a chum casgadh a chur air dòrtadh d'f hola-sa ? Mur aithnich thu è air a ghnùis, air a ghuth, air a làimh, faodaidh tu 'aithneachadh air a chridhe, — an cridhe sin aige-san cho iochdmhor ri anamaibh, — sin a chridhe- saa. Is è gràdh 'us ìochd dà shèula chomhar- raichte a chridhe. So an Tì a roghnaich do bheatha-sa air thoiseach air a bheatha fèin ; a tha nis a' tagair air do shon le luach 'fhola fèin an làthair 'Athar, agus a'- deanamh gnàth eadar-ghuidhe air do shon an sin. Mur fuiligeadh an Ti so, nach mòr a dh-fhèumadh tus' ?t hulang ? Cha robh ach cèum beag eaclar thusa agus ifrinn, 'nuair a lèum è stigh 'n a d'ait agus a ghiùlain è na buillean trom, goirt ud a bha 'dol a thuiteam ort- sa. Nach leòr an connadh sin, mat à, chum do ghràdh a bheothachadh agus a chumail leò ? Nach 'eil do chridhe plosgach a' stad an so a chum e-fèin èutromach- adh agus thusa, cosmhuil ri Iòseph, ag ìarraidh àite aims an guil thu? No nach 'eil deòir do ghràidh anis a' sileadh sios air an duilleig so? Gabh air d'aghaidh, mat à, oir is farsuing acliadh a' ghràidh. Is è faicinn agus gràdhachadh an obair shiorruidh a bhitheas agad, agus is geal is i'hiach dhuit meòrachadh air an obair sin an diugh. Nach trie a f huair an Tighearn thusa, mar fhuair è Hàgar, a' suidhe. agus a' guil, agus thu fo eagal gu'n robh d'anam càillte, agus a dh'fhosgail h tobar sòlais dhuit, agus do shùilean a chum an tobar sin 'fhaicinn ! Nach trie a fhuair è thu, 'us tu cosmhuil ri Eliah, jig ìarraidh bàsachadh amach à do thruaighe, agus a dheasaich è bòrd air do shon, agus a thug è fuasgladli dhuit, 'nuair nach robh ach beag diiil agad ris, agus a chuir è thu gu 'obair fèin leis an robh thu air d'urach- adh agus air do mhisneachadh ! Nach trie, 'us tu mar bha seirbhiseach an f hàidh ag èigheachd amach, ' Mo thruaigh ! cionnus a ni sinn, tha armailt 'g ar cuairt- eachadh ;' a dh'fosgail è do shùilean a dh-fhaicinn gur lionmhoire iadsan a tha leat na iadsan a tha 'n a d' 304 Meòrachadh Nèamhaidh aghaidh !' Nach trie, 'us tu coltach ri Iòna, frionasach, crosd' agus sgìth dhe do bheatha, a thuirt è riut gu mìn, blàth, " Am maith a thig dhirit fearg a bhi ort," no gearan a dheanamh a'm' aghaidh-sa ? Nach trie a clmir è thus1 a dheanamh faire, ùrnuigh, aithreachais, agus a dh-oibhreachadh do chreidimh, agus an dèigh dhà pilleadh do d'ionnsuidh a fhuair è thu a'd' chadal, agus gidheadh chcmhdaich è do lag-chuis le falluinn gràidh, gu caomh a1 togair air do shon gu'm " bheil an spiorad togarach ach a ta'n f heòil anmhuinn ! An urrainn do chridhe 'bhi fnar, 'nuair a smuainicheas tu air sin ? An urrainn è 'bhi 'n a thosd, 'nuair a chuimh- nicheas è air an iochd neo-chriochnach sin ? Mar so, a lèughadair, labhair thus' air maitheas mòr Chriosd ri do chridhe fèin. Mar so tagair ri d'anam fuar, gus am faod thu 'ràdh le Daibhidh, " Dh'f has mo chridhe teth 'an taobh a stigh dhiom ; 'nuair a bha m\ a' beachd-smuaineachadh, las an teine." Mur mosgail sin do ghràdh. tha uile òirdhearcas eile Chriosd agad gu meòrachadh air maille ri sid, — a thròcairean àraid dhuit-fèin, a dhàimh mhilis, dhlùth riut, agus sonas do chòmhnuidh sìorruidh maille ris-fein. Ach air a h-uile cor, cum ìad sin teànn, dlùth ri do chridhe. Buin ris mar bhuin Criosd ri Peadar, 'nuair a dh'fharraid è dheth tri chuairt, " An toigh leat mise?" gus an robh Peadar " doilich," agus a' freagairt, " A Thighearna tha fhios agad gur toigh leam thu !" Mar sin, matà, dean-sa do chridhe duilich, agus nàirich amach as a chadal fuar è, gus am faod thu 'ràdh gu fior, taitneach, " Tha fios agam, agus tha flos aig mo Thighearn, gur toigh leam è." 2. Is è Mìann an ath aigneadh a ta ri ghluasad ann am meòrachadh nèamhaidh. Is cuspair dhà inaitheas a chithear fad no goirid uainn, no air nach d'rainig neach fathast. Ma's teth do ghrkdh, cha bhi do mhiann fnar. Smuainich agad-fèin " Ciod a chunnaic mi? 0 glbir do-mheasraichte ! 0 maise bharraichte 1 0 cia sona sibhse, anamana, a ta nis a' mealtuinn an t-sonais ghlòrmhoir air nèamh I a ta nis a' faicinn mise agus glòir nèimh, mile caairt na"s soilleire na chunn- acas riamh iad leinn-ne, a ta fathast astar uatha le Aignidhean Dladhaidh. 305 Cia taitneach bliur staid-se seach mo staid-sa ! Mis* ag 'g am faicinn tre neulaibh dorch ! 0 cia àrd, cia sona sibhse seach mise : mis' ag osnaich, agus sibhse nis a' sèinn, gu h-aoibhneach, àit. Mis' a' peacachadh, agus sibhse a' toileachadh Dhè. Is cuis truais mise, coltach ri lob, no ri Lasarus, ach tha sibhse foirfe, gun gbaoid air-bith ! Mise air mo ribeadh ann an gràdh an t-saoghail. agus sibhse air bhur slugadh suas ann an gràdh Dhi ! Agaibh-se cha n-'eil, mar gheibhear agam-sa, eagal no Guram. Cha ghuil sibh 'an uaigneas, cha n-f hannaich sibh le caoidh, no bròn gu bràth ; tha bhur ' deòir uile air an tiormachadh air falbh o bhur sùilibh.' 0 nach sona, nach anabarrach sona na h-anamanan sibhse !" " Och mise ! an f heòil pheacach so m'àit-còmhnuidh fathast, 'us mo bhràithrean agus mo chòmpanaich a' gabhail còmhnuidh shuas maille ri Dia ! Is fhada mis' an so bho 'n cuideachd agus o'n àrd thoil-ìnntinn ! Is bochd, lag mo smuaintean mu Dhia ! Is fuar m' aig- nidhean dhà ! Nach beag a gheibhear agam-sa de'n bheatha, de'n ghràdh agus de'n ghàirdeachas làn sin leis am bheil na naoimh gach mionaid air an deanamh aoibhneach, ait air nèamh ! Nach goirid a mhaireas mo sholus beag air an t-sonas mhòr sin, oir gu trie teichidh è uam, 'ga m' fhàgail ann an tiugh dhorchadas ! An dràst 's àrìst tuitidh sradag shoilleir, bheò air mo chridhe, amhaircidh mi oirre, agus dubhar às i, no bàthaidh mo chridhe fuar ì ! Ach tha solus aig na naoimh air nèamh ann an solus an Tighearna, agus òlaidh ìad à tobar an aoibhneis an còmhnuidh ! Anns a' bheatha bhochd so gheibhear shin a' buaireadh a chèile, gach aon ri carraid, cònsachadh 'us aimhreit ri aon eile, ach shuas air nèamh cha n-'eil ach aon chridhe, aon ghuth 'us aon ghràdh aig na h-uile 'us iad gu lèir aon-inntinneach, agus Alelùia nèamhaidh anns gach beul 'g a shèinn gu ceòlmhor, rèidh gach uair. O cia mòr a' chuilm a fhuair mo chreidimh, ach cia mòr a' ghort a ta air mo spiorad I 0 anamana beannaichte ! cha n-f haod mi, cha dàna dhomh farmad a ghabbail ruibh, 0 cha ghabh idir ; is feàrr learn mòr gbàirdeachas a dheanamh ann bliur sonas, agus a bhi toilicbte le smuaineachadh gu taitneach air an làshona sin air an gabharastigh mise do bhurcuid- c o 3 306 Meòrachadh Nèamhaidh eachd! Cha n-è mo mhìann àit aoin dibh a ghabhail, ach is è mo mhìann a bhi cho sona 's a tha sibh, — rno mhìann a bhi maille ribh. Cuime 'dh-fhanas, a ghuileas, a dh-fheitheas mi an so? Dh'fhalbh mo Thighearn. Dh'f hàg è an talamh so, agus chaidh è stigh d'a ghlòir. Dh'fhalbh mo bhràithrean ; tha mo chàirdean air nèamh, mo thigh, mo dhòchas agus m' uile chuid an sin. Am feadh a bhitheas mise astar cho fada bho mo Dhia, na gabh iongantas ciod a bhitheas a' tighinn rium, ma chluinnear mi ri gearan anis. Ma dh'ìarr Micah aineol- ach an deigh 'iodhoil, nach ìarr m'anam-sa gu dian a dh-ionnsuidh an Dè bheò ? Mur bitheadh dòchas agam ri aid thoil-ìrmtinn, rachainn g' am fholach fèin anns an fhàsach, agus ]aidhinn sios ag ulartaich ann an àit fàsail, dorch air-chor-eigin, a' caitheamh mo làithean ri miannachadh gun fhèum. Ach romham-sa tha tir na fois', agus dhomh-sa tha tir 'us fois shona air an gealltuinn, agus maille riutha sin àrd ghlòir gus an àrdaichear suas mi. Tha m' anam anis a' teannadh dluth air m' f hois ; is beag nach 'eil è aice cheana. Air an aobhar sin, gràdhaichidh agus miannaichidh mi, amhaircidh agus iarraidh mi, agus bithidh mis' ag ùrnuigh. Cia f had a Thighearna ? cia f had a dh-fhàg- as tu an t-anam so ri plosgartaich 'us osnaich, gus am fosgail thu an dorus gu glòir dhà-san a tha nis a' feitheamh 's a' miannachadh a bhi maille riut ?" Mar sin, a Chriosduidh, iarradh do smuaintean suas, gus am bi miann air d' anam, mar bha air Daibhidh ag ràdh, " 0 gu'n tugadh fear-eigin dhomh deoch uisge o thobar Bhet-lehem 1" 2 Sam. 23. 15. Agus gus am faod thu 'ràdh, mar thuirt è uair eile, " Bha mi'n geall air do shlàinte, a Thighearna." Agus mar chuir màthair agus bràithrean Chriosd fios d'a ionnsuidh, 'nuair nach b'urrainn iad teachd am fagus dà le dòmhlachd an t-sluaigh, ag rkdh, " Tha do mhàthair agus do bhrkithre 'n an seasamh a muigh ag iarraidh d'fhaicinn ;" mar sin ruigeadh do mhiann-sa Criosd, agus aidichidh è thu, oir thubhairt è, " Is iad mo mhàthair agus mo bhràithrean ìadsan a dh'èisdeas ri focal Dhè, agus a ni e." Luc. 8. 20, 21. 3. Is è Dòchas aigneadh eile a ta ri oibreachadh ann le Aigniclhean Diadhadh. 307 am meòrachadh nèamhaidh. Cuidichidh è gu mòr a chum an t-anam a chumail suas fo thrioblaid ; misnichidh è sinn anns gach èiginn, no cruaidh chàs ; neartaichidh è agus ni è seasmhach sinn fo na deuchainnibh a's geòire bèum ; beothaichidh è sinn anns gach dleasanas. Is è dòchas am fìor ìnneal leis am bheil uile chuibh- leachan na h-inntinn air an gluasad. Co a chreideadh, cò a dheanadh cruaidh spairn airson nèimh mur bith- eadh dòchas aige ri dhol do nèamh? Cò a dheanadh ìirnuigh, 'mur bitheadh dòchas aige gu'h èisd Dia ris ? Ma bhàsaicheas do dhòchas, bàsaichidh do dhleasanas, bàsaichidh d'oidhirp, bàsaichidh do ghàirdeachas agus bàsaichidh d'anam. Agus mur bi do dhòchas ag obair, ach 'n a chadal, is beag nach 'eil è marbh cheana, no tha h anns an ath cheum do bhasachadh. Hò! cum beò è. Air an aobhar sin, a Chriosduidh, 'nuair a bhitheas tus' a' togail suas d'aignidhean eile gu nèamh, tog àrd do dhòchas. Smuainich mar so, agus rèusanaich mar so ri do chridhe fèin, " Carson nach bitheadh dòchas earbsach, sòlasach, làidir agam-sa, agus m'anam ann an làmhan Slànuigheir cho iochdmhor? agus Dia cho fialaidh a' riaghladh 's a' buileachadh na rioghachd? Am facas riamh è air dòigh sam-bith mi-thoileach maith a dheanamh dhomh, no toileach mo sgrios ? Nach do mhionnaich è ' nach 'eil tlachd air-bith aige ann am bàs an ti a bhàsaicheas, ach gu'm fheàrr leis è aithreachas a dheanamh agus a bhi beò ?' Nach 'eil gach ni a rinn è rium a' dearbhadh sin dhomh ? Nach d'innis è mo chunnart dhomh, 'nuair nach robh eagal cunnairt òrm, a chionn gu'm àill leis mo theàrnadh ? Nach d'innis è dhomh càit am bheil mo shonas, 'nuair nach robh sùim idir agam-fèin dhà, a chionn gu'm b'àill leis mo dhean- amh sona ? Nach trie a tharruing è mi d'a ionnsuidh fèin agus a dh-ionnsuidh Chriosd, 'nuair a bha mis' a' seasamh air m'ais ? Nach robh a Spioraid a' sior-iarr- aidh mo chridhe ? Agus an deanadh è sin uile air mo shon, na'm b'àill leis mis' a bhi càillte? Na'n robh m'anam ann an làmhan mo nàimhdean fuilteach, an sin bu bheag m' aobhar dòchais ri teàrnadh ; seadh, na'n robh è gu leir 'an earbsa rium-fèin, dheanadh m'fheòil agus m'amaideas a sgrios. Ach an tig dhomh-sa 'bhi 308 Meòracliadh Nèamhaidh an-earbsach mu Dhia, mar bhithinn mu naimhdibh agus umam-fèin ? Gu cmnteach cha tig. " Nach tigeadh dhomh dòchas a bhi agam, na'n gealladh duine còir dhomh ni àraid a bha 'n a chomas a dheanamh air mo shon ? Agus nach còir dhomh dòchas* a bhi agam 'us co-cheangal agus focal Dhè agam ? Is f ior, nach d'f huair sinn làn shealladh air glòir fathast ; cha n-fhaca sinn ionad-còmhnuidh sìor- ruidh nan naomh fathast, ach nach cmntiche gealladh Dhè na ar sealladh-ne ? Is* ann le dòchas 'us cha n-ann le sealladh a dh-fheumas sinn a bhi air ar teàrnadh, agus ' dòchas a chithear cha dòchas è : oir an ni a ta duine 'faicinn, c'arson a bhios dòchas aige ris ? Ach ma tha dòchas againn ris an ni nach 'eil sinn a' faicinn, feithidh sinn gu foighidneach ris.' Ròm. 8. 24, 25. Bha nàir òrm airson mo dhòchas a chur ann an gàirdean feòla, no ann an duine, ach cha ' nàraich an dòehas' a chuirear ann an gealladh Dhè. Ròm, 5. 5. An uair a's truime mo shàrachadh agus a's mò m,o thèinn their mi, " Is e an Tighearn mo chuibhrionn, tha m'anam ag ràdh ; uime sin cuiridh mi mo dhòchas ann. Is maith an Tighearn dhoibh-sa an dh'fheitheas air, do'n anam a dh'iarras e. Is maith bhi ann an dòchas, agus feitheamh gu foil ri slàinte an Tighearna. Oir cha tilg an Tighearn uaith gu bràth ; ach ged bheir e aobhar bròin, gidheadh ni e iochd a rèir lionmhoireachd a thròcairean." Tuir. 3. 24-32. Ged dh-fhannaichinn, ged bhàsaichinn, fathast bithidh dòchas agam ; oir ' bithidh dòchas aig an fhirean 'n a bhàs.' Gnàth. 14. 32. Ged laidhinn sios ann an duslach dorchadais, eadhon an sin ' gabh- aidh m'fheòil fois ann an dòchas.' Salm 16. 9. Agus an uair nach bi aobhar gàirdeachais air-bith eile aig m'f heoil, fathast ni mi greim teànn air ' gàirdeachas an dòchais gu daingean gus a' chrioch.' Eabh. 3. 6. Oir ' bithidh duil (no dòchas) nam firean 'n a aobhar aoibhneis.' Gnàth. 10. 28. " Gu dearbh na'n robh agam-fèin ri ceartas Dhè a riarachadh, cha bhitheadh dòchas idir agam. Ach Dochas: duil, no fiugliair ri ni a tanuauh a'iuiannachadh ; muinigliia ann am maith ri teucbd — Elijah le Aignidhean Diadhaidh. 309 1 thug Criosd a steach dòchas a's feàrr, tre 'm bheii sinn a' teachd am fagus do Dhia.' Eabh. 7. 19. No. na'm b'ànn ri crèutair lag — creutair air-bith — a bha mo ghnothach, bu bheag an dòchas dhomh sin ; oir cionnus a b'urrainn è mo chorp a thogail suas o'n duslach, agus m'àrdachadh os-ceànn na grèine ? Ach ciod è sin ami an coimeas ris a' Ghairdean uile-chumhachdach a rinn nèamh agus talamh amach a* neo-ni ? Nach urrainn an Gàirdean sin a thog Criosd o na mairbb, mis' a thogail ; agus nach urrainn an Ti a ghlòraich an Ceànn, na buill a ghlòrachadh mar-an-ceudna ? Gun teagamh, 'lefuil a' choimhcheangail, cuiridh Dia amach a phriosanaich às an t-slochd amis nach 'eil uisge sam-bith ;' air an aobhar sin, ' pillidh mise chum an daingnich, mar phriosanach an dòchais.' " Secli. 9. 11, 12. 4. Is è Misneachd no Ddnachd aigneadh eile, a dh-fhèumar oibreachadh ann ammeòrachadhnèamhaidh. Treòraichidh an t-aigneadh so an cridhe gu deadh run, agus criochnaichidh è ann an gniomh. An dèigh dhuit do ghràdh, do mhiann agus do dhòchas a dhùsgadh suas, gabh air d'aghaidh, a' smuaineachadh agad-fèin mar so, " An gabh Dia da rìreadh còmhnuidh maille ri daoine ? An ruig dòchas air glòir cho mòr ? Carson, matà, nach 'eil mise nis a' deanamh greim air a' ghlòir sin ? Càit am bheil spionnadh mo chridhe ? càit am bheil neart suilbhir, dòchasach mo spioraid ? Carson nach 'eil mis' a' ' crioslachadh leasraidh m' inntinn?' 1 Pead. 1. 13. Carson nach 'eil mis' a' casgadh mo naimhdean, — an- fheòil 's a feachd, — air gach taobh dhiom, agus gu fearail a' briseadh tre gach ciiis-bhacaidh ? Ciod a chuireadh stad, sgath, no eagal òrm ? Nach 'eil Dia learn? nach 'eil Criosd leam aims an obairso? Agus ma tha ' Dia agus Criosd leam cò 'dh'fheudas a bhi a'm' aghaidh?' Rom. 8. 31. Ann an obair a' pheacaidh is beag nach cuidich na h-uile nithe leinn, cha n-'eil ach amhàin Dia agus a sheirbhisich 'n ar n-aghaidh anns an obair sin. Ach ann mo che'um-sa gu nèamh, is beag nach 'eil na h-uile nithe ag oibreachadh a'm' aghaidh, gidheadh tha Dia leam ; agus an lorg sin theid an obair leam gu comasach, taitneach ! " Am buail mi airman obair so ann mo neart fèin ? 310 Meoracliadh Nèamhaidh Nach arm le neart Chriosd, mo Thighearn, a ghabhas ì deanamh dhomh ? Agus nach ' urrainn mi na h-uile nithe a dheanamh tre Chriosd a neartaicheas mi.' Philip. 4. 13. An d'fhairtlich namhuid riamh air Criosd ? Gu dearbh is iomadh namhuid a thug ionn- suidh gharbh air, ach cò a thug buaidh air ? Carson, matà, a gheibhear m'f heòil a'sior-ghearan gu'm bheil an obair duilich, cruaidh? Am bheil ni sam-bitìi ro chruaidh air an Uile-chumhachdach ? Nach f haod Peadar imeachcl gu dàna air an fhairge, 'nuair a bheir Criosd comas dhà ? Ma thòisicheas è air dol fodha, an ann o easbhuidh neirt ann an Criosd, no bho lughad a chreidimh fèin ? Nach maith is airidh mis' air mo thilgeil do ifrinn, ma leigeas mi le bagairtean bàsmhor m' iomain do'n kit sin? Nach airidh mi air mo dhunadh amach à nèamh, ma leigeas mi le eagal na droch theanga mo chumail anis o obair an kite sin ? Ciod ! geda b'athair, no màthair, fear-pòsda, no bean, no abair, mo charaid a's feàrr 's an t-saoghal, ma's fhiach an leithid càirdean a ghairm dhiubh, a mhealladh m' anam gu àit nam mallachd, nach bu choir dhomh iad sin agus gach uile chrèutair, a chumadh mi bho Criosd, a threig- sinn ? Ma thuiteas mi fo chorruich Dhè, an urrainn <3àirdeas dhaoine mo thogail, no solas a thoirt do m'anam mallaichte? Am bi mis' a' geilleadh do thoil dhaoine agus le sin a' cruadhachadh mo chridhe fèin an aghaidhan Tighearna? larradhìad òrm air an glùinibh, ach so am fear leis nach fhiti iad, nach trèig gu bràth a chèum nèamhaidh fèin air an son, agus nach èisd idir ri'n guth meallaidh. Bitheadh iad sodalach, no gruamach ; geuvaicheadh iad an teangaidh 's an claidh- eamh a'm' aghaidh, beumadh iad mi mar is kill leo, ach ann an neart Chriosd, seasaidh mise mach 'n an agliaidh, dfilanaichidh mi iad agus amhaircidh mi orra mar dhuslach : geda thairgeadh iad onoir, eadhon lioghachd- an dhomh, chum mo mhealladh, cha b' fhearr leam iad na inneir na talmhainn. 0 thusa m' fhois bheann- aichte ! 0 thus' a staid ghlòrmhor! cò a reiceadh tu air faoin dhòchas, faileas(agus sgleò ? cò a threigeadh do chèum le guth meallaidh, no eagail ? Co nach dean- adh cruaidh spàirn, agus cogadh, agus faire, agus ruith le Aignidhean Diadhaidh. 311 'us l&im, agus sin le ' ainneart,' eaclhon gu bks, a chum d'fhaotuinn ? Co ach amhàin ìadsan aig nach 'eil eòlas ort, agus nach 'eil a' creidsinn ann do ghlòir." 5. Is è Gàirdeachas an t-aigneadh mu-dheireadh a ta ri oibreachadh ann am meòrachadh nèamhaidh. Tha gràdh, mìann, dòchas agus misneachd a' co- oibreachadh uile chum ar gàirdeachas a thogail. Gu nàdurrach is mìannach, taitneach leis gach duine gàirdeachas a dheanamh, agus tha fios aig na h-uile nach urrainn neach a bhi sona gun ghàirdeachas. Is è mo dhòchas, uime sin, a lèughadair, nach ruigear a leas mòran a ràdh riut a chum d'aomadh an dèigh ni sam- bith a ni do bheatha taitneach dhuit. Anis, matà, ma's duine thu aig am bheil làn dearbhadh annad-fèin gur brùideil, diombuan taitneas na feòla, agus gur ann o nèainh a gheìbhear gàirdeachas làn, làidir, maireann- ach, cha n-'eil fèum cho mòr agad air do chomhairleach- adh an so, agus air an aobhar sin, tòisichear anis air do sheòladh. Ma rinn thu d'obair eile gu maith roimhe so, fhuair thu sealladh air d'f hois, tha thu nis a' creid- sinn innte ; tha dearbhadh agad air a h-òirdhearcas ; tha thu air tuiteam ann an gaol oirre ; tha fadachd ort 'n a dèigh : tha dòchas agad rithe ; agus tha thu le Ian mhisneachd a' cur romhad a dhol tre gach cunnart a chum a faotuinn. Ach am bheil obair idir aig gaird- eachas an so ? Is taitneach leinn am maith a ta againn. Is è am maith a ta lathair cuspair a' ghàirdeachais ; agus their thusa, '' Mo thruaigh mise ! tha mi gun ghàirdeachas òrm." Ach smuainich car beag agad- fèin, " Nach dad idir còir sgriobhte bho Dhia ? Nach aobhar gkirdeachais a gheallaidheanneo-mhearachdach? Nach dad idir a bhi beò gach là ann an dòchas ri dhol asteach do'n rioghachd ? Nach làn aobhar gàirdeachais do-labbairt dhomh mo dhearbh-bheachd gu'm hi mi air mo ghlòrachadh an deigh so ? Nach taitneach do oighre rioghachd smuaineachadh air an onoir sin a gheibh è 'an ùin ghoirid, ged nach 'eil è an diugh na's àirde na seirbhiseach ? Nach 'eil araon àithn 'us eisimpleir againn gu gairdeachas a dheanamh 'an dòchas glòire Dhè." Ròm. 5. 2 : Caib. 12. 12. An so anis, a lèughadair, gairm air do chridhe aon 312 Meòrachadh Nèamhaidh uair fathast, agus tog suas è gu mullach na beinne sm a's àìrde. l Nochd dhà rìoghachd Chriosd agus a glòir,' agus abair ris, ' So uile bheir do Thighearn dhuits' a chreid ànn, agus a blia 'deanamh aoraidh dhà.' ' Is è deadh thoil an Athar an rìoghachd so a thoirt dhuit.' Lùc. 12. 32. Nach fhaic thu nis a' ghlòir ìongantach a ta os do chionn ? So uile d'oighreachd fèin. Is leats' an crùn sin. Is leat-sa na taitneasa sin, a' chuideachd sin, an t-àit maiseach sin ; is leat-sa ìad sin uile ; a chionn gur le Criosd thusa, agus gur leat-sa Criosd. 'Nuair a bha thu air d'aonadh ris, bu leat na nithe sin uile maille ris." Mar sin, treòraich do chridhe 'dh-ionnsuidh " fir a1 gheallaidh." Feuch dhà nis na beànntan taitneach, na glinn thorach. Feuch dhà na " bagaidean dhearcan" a chruinnich thu, chum a dhearbhadh air gur tir bheann- aichte sin " a' sruthadh le" nithibh a's feàrr na " bainne agus mil." Rach astigh air geataibh a' " bhaile naoimh," imich tre shràidibh na h-lerusaleim Nuaidh. ' Cuairtich Sion, agus rach m'a timchioll, àireamh a tùir ; thoir an aire d'a balla làidir, comharraich a luchairtean, chum gu'n cuir thu an cèill e do d'anam.' Salm 48. 12, 13. ' Nach 'eil glòir Dhè aig a' bhaile sin, agus nach 'eil a shoillse cosmhuil ri cloich ro luach- mhoir, mar chloich iaspis, soilleir mar chriostal ? Faic dà bhunait dheug a bhalla, agus annta-san ainmean dà abstol deug an Uain. Agus tha a bhalla air a thogail do chloich iaspis ; is or fior ghlan am baile, cosmhuil ri gloine shoilleir ; agus tha bunaitean balla a1 bhaile air an deanamh sgiamhach leis gach uile ghnè chlocha luachmhor. Agus an dà gheata dheug, is dà neamhnuid dheug iad, agus is neamhnuid gach aon gheata fa leth, agus is òr fior ghlan sràid a' bhaile, mar ghloine shoil- leir. Cha n-'eii teampull ann, oir is e 'n Tighearn Dia uile-chumhachdach, agus an t-Uan a's teampull dà. Agus cha n-'eil feum aig a' bhaile air a' ghrein, no air a' ghealaich a dhealrachadh aim : oir shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t-Uan a's solus dà ; agus gluaisidh cinnich na muinntir sin a shaorar 'n a sholus. Tha na briathran so dileas agus firinneach. Agus chuir an? Tighearn, Dia nam f àidhean naomha, 'aingeal fèin, ag- ' le Aignidhean Diadhaidh. 313 us a Mhac fèin a nochdadh d'a sheirbhisich na nithe sin a's eigin tachairt gu h-aithghearr.' Taisb. 21. 11-24: Caib. 22. 6. Abair anis ri sin uile, " Sin d'fhois 0 m'anam ! Agus is è 'n t-àit sin do chòmhnuidh shìorruidh. ' Deanadh raic Shioin aoibhneas, deanadh nigheana Ierusaleim gàirdeachas ; oir is mòr an Tigheam, agus is ro airidh air cliù è ann am baile ar Dè, ann an sliabh a naomhachd ; sgìamhach 'n a shuidheachadh, aoibhneas na talmhainn uile, is e sliabh Shioin. Aithnichear Dia 'n a luchairtibh mar thekrmunn.' " Salm 48. 11, 1-3. Fathast gabh air d'aghaidh. An t-anam a ghràdh- aicheas, dìridh è suas gu bidheanta, agus ruithìdh è gn h-eòlach tre shràidibh na h-Ierusaleim nèamhaidh, a' faicinn nan aithrichean agus nam fàidhean. a' fàilteach- adh nan abstol, ag amharc le iongantas air armailtibh nam martarach ; mar sin, treòraich thusa do chridhe bho shràid gu sràid ; thoir astigh è do lùchairt an " high inhòir ;" treòraich è, mar gu'm b'eadh, bho sheòìnar gu seòmar. Abair ris, " An so gabhaiclh mise còmhnuidh. An so bithidh mise beò. An so molaidh mise. An so gràdhaichidh mise agus gràdhaichear mi. Gu goirid, is mise aon de'n luchd-ciùil nèamhaidh ; an sin bithidh mi na's eòlaiche air a' cheòl, eadhon ceòl a' mholaidh nèamhaidh. Gabhaidh mi m'àit ameasg na cuideachda beannaichte so, agus togaidh mo ghuth an t-òran ceòlmhor, binn maille riutha. An sin tiormaichear air falbh mo dheòir uile. Tionndaidhear m'osnaich gu fonn eile. Atharraichear mo bhothan creadha gu bhi mar an luchairt so. Nithear luideagan mo phriosain cosmhuil ris na trusganaibh aluinn sin. Cuiridh mi dhiom an fheòil shalach so, agus cuirear umam corp spioradail, glan, sgiamhach mar a' ghrian : oir an sin • chaidh na ceud nithe thairis.' Toisb. 21. 24~ ' Innsear nithe glòrmhor ort-sa, a chaithir Dhè.' Salm 87. 3. " 'Nuair a sheallas mi suas ris an àit ghlòrmhor so, is otrach agus toll dubh an talamh ann mo shuilibh. 0 ciod h duine lag air a phiauadh, ri osnaich, a1 bàs- achadh 's a' grodadh sios do'n uaigh, ann an coimeas ri aon de na naoimh àrd-aoibhneach, dhealrach sin ! An Dd 314 Meorachadh Nèamhaìdh. sin ' òlaidh mi à" amhainn nan solas, 's a sruthain a' deanamh caithir Dhè ait.' Salm 36. 8. : agus 46. 4. " ' Bhuineadh do Israel, 'us iad fo dhaorsainn an lagha, seirbhis a dheanamh do'n Tighearn le gairdeachas, agus subhachas cridhe, air-son pailteis nan uile nithe.' Dent. 28. 47. Agus nach dean mise seirbhis dhà le gkird- eachas agus subhachas cridhe, airson pailteis na gìòire? ' Ma ghabh naoimh 'us iad fo ghèur-leanmhuinn, le luath-ghàir ri creachadh am maoin,' (Eabh. 10. 34,) nach gabh mise le gairdeachas làn aiseag nan uile nithe dhomh ? Nach bu là iomraideach ' an là air an d'f huair na h-Iudhaich fois o'n naimhdibh,' a chionn gu'n ' d'iompaicheadh è dhoibh o thuirse gu aoibhneas agus o bhròn gu àm maith?' Est. 9. 22. Ach 0 ! cia mòr an là sin do m'anam-sa, 'nuair a dh-atharraichear è gu fois fada nan cìan na's mò na sin ! ' 'Nuair a chunuaic na druidhean (daoine glice) an reult,' a threòraich iad a dh-ionnsuidh Chriosd, 'rinn iad gairdeachas le h-aoibh- neas ro mhòr.' Mata 2. 10. Acb nach mis' a ni an gairdeachas gu h-aithghearr, 'us mi 'faicinn Chriosd, ' rèult dhealrach na maidne !' Taisb. 22. 16. " ' Dh'imich na deisciobuil o'n uaigh le mòr ghàird- eachas', 'nuair a chual' iad gu'n robh an Tighearn ' air èirigh o na mairbh.' Mata 28. 7, 8. Ach cia mòr mo ghàirdeachas-sa, 'nuair a chi mi mo Thighearn a' righeachadh ann an glòir, agus mi-fein air m'àrdachadh gu co-chomunn beannaichte maille ris gu bràth ? An sin gheibh mi ' maise 'an kit luaithre, oladh aoibhneis 'an àit bròin, èididh mholaidh an kit spioraid airsneil ;' agus ' nithear' Sion ' 'n a h-òirdhearcas siorruidh, 'n a h-aobhar gàirdeachais feadh linn nan linn.' Isà. 61. 3 : Caib. 60. 15. Carson, matà, nach 'eil mis' ag èirigh suas o'n duslach, agus a' sgur de gach gearan ? Carson nach 'eil mi nis a' pronnadh smuaintean diomhain fo mo chosaibh, agus a' beathachadh air sòlasaibh na glòire, a chithear mar so roi-làimh ? Carson nach gairdeachas gun sgur mo bheatha, agus carson nach 'eil Slànuighear nèimh an còmhnuidh air mo spiorad '?" Anis, a lèughadair, ceadaich dhomh ainmeachadh dhuit, nach ruigear a leas na h-aignidhean sin oibreach- adh anns a' cheart òrdugh 's am bheil iad air an le Aignidhean Diadhaidh. 315 sgriobhadh sios an so, ni mò a ruigear a leis an oibreachadh uile còmhla. Air uairibh faodaidh fèum a bhi agacl air aon de d'aignidhean a dhùsgadh gu obair, na's mò na aon eile, no faodaidh aon a bhi na's beothaile na 'chuid eile dbiubh ; mur bi do chothrom ach goirid, faodar aon aigneadh oibreachadh an diugh, agus fear eile am màireach, a' dol thairis orra mar sin, a lion fear 'us fear, mar che-adaicheas do chrannchur, agus mar sheòlas do ghlioeas dhnit. Faodaidh tu. ma's kill leat, aignidhean eile, a bhàrr orra sid oibreachadh, — aignidhean car-measgaichte do nach ionann idir 'us dhoibh-san a chaidh ainmeachadh roimhe so. Is iad sin Fuath do'n pheacadh a dh-iarradh an. t-aoibhneas neo-bhàsmhor ud a ghearradh amach a d'anam. Eagal diadhaidh gu'm mi-ghnàthaich thu do thròcairean uair air-bith. Nàire dhiadhaidh agus iron airson gu'n d'rinn thu am mi-ghnàthachadh cho trie. Flor aithreachas glan. Fein-dlnombadh. Amharus air do' chridhe fein. Truas ris a' mhuinntir sin a tha ann an cunnart an t-aoibhneas siorruidh ud a chall. (Faic Caib. IX.) III. Bheirear anis fainear mar chuirear meòrachadh nèamhaidh air aghaidh le Fein- labhairt agus Urnuigh. Ged is ànn le smuaineachadh a nithear a' chuid a's mò de'n obair so, cha n-'eil è cho dualach dhà deargadh air a' chridhe leis-fèin 'n a aonar. Anns a' chùis so tha meòrachadh coltach ri searmonachadh leis am minichear an f hirinn, agus leis an teagaisgear do dleasanais dhuit, ach is ain miga dheargas sin air a' chridhe, gus an cluinn- ear co-chur beò, drùighteach na searmoin, a' labhairt gu direach, dileas, dian, dmighteach ris a' choguis ; agus sin gu h-àraid "nuair a d£-ìarrar gu durachdach bean- nachd Dhe air co-chur na searmoin. 1. Is è Fèiìi-labhairt, labhairt ri do chridhe fèin — tagair na cuise gu direach, dileas, teànn ri do chridhe ; oir fènmaidh tu air am do mheòrachaidh do chridhe fein a làn-bheothachadh. Feumaidh tu 'dhol ann an deasbud chùramach, dhhrachdach ris. Labhair agus tagair ris gu drìiighteach, dlùth, agus gluais è leis gach argumaid làidir a's cumhachdaiche buaidh. Mar sin chleachd " daoine naomha Dhè" labhairt ri'n cridhe fein amis 31 6 Meorachadh Nèamhaidh. gach linn de'n t-saoghal. Mar so gheibhear Daibhidh a' labhairt ris-fèin : — " 0 m'anam, c'uim' a leagadh thu, Le diobhail misnich sios ? Is c'uim' am bheil thu'n taobh stigh dhiom Fo aimheal is fo sgios ? Cuir dòchas daingean ann an Dia : Oir molam e a ghnàth, O'se a's slàinte do mo ghnùis, Is e mo Dhia gu bràth." — Salm 42. 11. Faic arìst cho maiseach, drùighteach 's a gheibhear an Righ diadhaidh sin a' tagair ri 'anam fèin leis na briathraibh milis so : — " 0 m'anam, beannaich thusa nis An Dia Iehobhah mòr : Moladh gach ni an taobh stigh dhiom 'Ainm naomha mar is còir. 0 m'anam, beannaich fein a nis Iehobhah mòr do Dhia .Na di-chuimhnich na tiodhlacan A dheònuich dhuit an Triath." — Salm 103. 1-5. Is còir an fhèin-labhairt so a dheanamh arèir gach aoin fath-leth de aignidhean an anama, agus arèir gach suidheachaidh anns am bi neacb. Le fèin-labhairt tha neach a' searmonachadh dhà-fèin : Is searmonaiche màith gach maighstear maith. no deadh athair teagh- laich d'a theaghlach fèin ; mar sin is searmonaiche maith gach deadh Chriosduidh d'a anam fèin. Uime sin, ceart mar labhras gach ministear dileas ris an t-sluagh, buinidh do gach Criosduidh oidhirp a thoirt air labhairt ri 'chridhe fèin. Thoir fainear na briathràn, agus an dòigh theagaisg leis an fheàrr a rànnsaichear an cridhe, agus a dheargar air fo shearmonachadh druighteach, no direach mar a làimhsicheas ministear firinneach cridheachan an t-sluaigh, a' riisgadh am peacaidhean doibh, a' feuchainn an cunnairt doibh 'gan soillseachadhagus'g ancronachadh,'gammisneach- adh agus 'g an treòrachadh a dh-ionnsuidh Chriosd le teagasg na fìrinn ; làimhsich agus treòraich thusa do chridhe mar-an-ceudna. Dean sin air uair do mheòr- achaidh nèamhaidh. Mìnich dhuit-fèin na cùisean air le Aignidhean Diadhaidh. 317 am bheil thu nis a' meòrachadh. Daingnich do chreid- imh ànnta leis an Sgriobtuir. Co-chuir riut-fèin iad arèir na firinn agus mar tha d' f he'um fèin ag iarraidh. Cha leisgeul idir dlmit a ràdh nach 'eil thu comasach air an dleasanas so a dheanamh. An d'fheuch thu ris, arist 's arist ? Na abair gu bràth nach 'eil thu comasach air a dheanamh, gus am feuch thu ris gu trie, dùrachd- ach ; agus ma dh-fheuchas tu ris gu cleònach, ann an ainm Dhè, agus ann an neart a Spioraid, bi cinnteach gu'n tèid agad air. Nach 'eil Dia fe'in ag àithneadh dhuit na Sgriobtuirean a " theagasg do d'chloinn, agus labhairt orra 'nuair a shuidheas tu ann do thigh, agus an uair a dh'imicheas tu air an t-slighe, agus an uair a luidheas tu sios, agus an uair a dh'èireas tu suas ?" Dent. 6. 7. Agus ma dh-fheumas tu beagan comais a bin agad a chum do chlann a theagasg, cia mòr na's mò na sin a chum thu-fèin a theagasg :_ agus ma's ur- rainn thu labhairt air nithibh na diadhachd ri muinntir eile, carson nach labhradh tu orra ri do chridhe fèin mar-an-ceudna ? 2. Fòs neartaichear meòrachadh nèamhaidh gu mòr le labhairt ri Dia aim an urnuigh, mar nithear le tagair ruinn-fein ann am fèin-labhairt. Faoclar ùrnuigh ghoirid, luath a dheanamh gu. maith maille ri meòrachadh, no meòrachadh a mheasgachadh le urnuighean goirid, beo- thail. Is ì ùrnuigh cuid mhaith de dhleasanas a' mheòrachaidh. Nach trie a gheibhear Daibhidh anns an aon Salm, air aon uair a' tagair ri 'anam fèin, agus air uair eile ri Dia. Tha 'n t-Abstol ag iarraidh òirnn " labhairt ruinn-fèin ann an salmaibh, ann an laoidhibh agus ann an dànaibh spioraclail."jC^?À. 5. 19. Agus gu cinnteach is còir dhuinn labhairt ri Dia ànnta sin. Cumaidh sin làthaireachd Dhè ann an suil an anama, agus treòraichidh è gu mòr a chum a bheothachadh agus a thogail suas. Is è Dia fèin cuspair a's àirde air an urrainnear smuaineachadh, agus le beachdachadh air le labhairt agus tagair ris, àrdaichear an t-anam agus miynichear na h-aignidhean na's mò na nithear le meòrachadh air dòigh sam-bith eile. Geda dh-fhaodas nach deanar ach beag driiigheadh air ar cridheachan fhad 's a bhitheas sinn a' tagair na chise ruinn-fèin, Dd3 318 Meòrachadh Neamliaidk gidheadh cho luath 's thòisicheas sinn air labliairt ri Dia fèin faodar ar bualadh le fìamh agus cùram naomh, ag- us faodaidh naomhachd agus mòrachd an Tì ris am bheil sinn a' labhairt, a thoirt araon air an fhocal agus air a bhrìgh deargadh gu domhain, tarbhach air a1 chrid.be. Tha sinn a' leughadh gu'n " deachaidh Isaac amach a bheachd-smuaineachadh 's an fhaiche." Anns a' Bhìobull Fabhrach tba 'm focal sin. a chaidh eadar- theangachadh gu "beachd-smuaineachadh," a' ciallach- adh ùrnuigh a dheanamh, cho maith ri meòrachadh. Is è meòraehadh mar sin le cuideachadh fèin-labhairt agus iirnuigh, — aon uair a1 tagair ri ar cridheachan fèin, agus uair eile a' tagair ri Dia, — an cèum a's àirde, do rèir mo bheachd fèin, a's urrainn sinn a ghabhail anns an obair neamhaidh so. Na abair idir gur leòr iirnuigh a dhean- amh a dh-easbhuidh meòrachaidh, oir cuimhnich, is dà dhleasanas àraid ìad, agus fèumar an deanamh le 'cheile. Tha mòr f hèum againn orra le 'chèile, agus ma dhear- madas sinn aon diubh, ni sinn cron òirnn-fèin. A bhàrr air sin, le 'm measgachadh gheibhear iad, coltach ri ceòl, na's taitniche leinn, oir cuiridh aon diubh beatha, treòir agus fonn milis anns an aon eile. Agus is coir dhuinn labhairt ruinn-fe'in ann am meòrachadh, mu 'n labhair sinn ri Dia ann an iirnuigh. Mur toirear a' cheart aire do'n òrdugh so 'n a àm fein, labhraidh daoine ri Dia le urram 'us togradh na's lugha, na labhradh iad ri aingeal, na'm faicteadh aingeal leo, no ri breithreamh, na'n robh lad a' tagair ris airson am beatha. Is àrd- luachmhor agus cudthromach labhairt ri Dia nèimh ann an iirnuigh, seach na tha mòran a' saoiltinn. Caibdeil XV. Meòrachadh Neamhaidh air a chuideachadh le Nithibh faicsinneach, agus air a dhlon an aghaidh a' Chridhe sheachranaich. Is i nis a' chuid a's dorra de mheòrachadh neamhaidh, beachd beò, ceart mu nithibh neamhaidh a làn-chumail air a' chridhe. Is fihusa smuaineachadh air nèamh le Nithibh Faicsinneach. 319 fein fad là, na 'bhi beothail agus togaracli ann ar smuaintibh rau nèamh, aon chairteal na h-uaire. I? neo-iomlan ar creidimh, oir cha n-'eil sinn air ar n-ath- nuadhachadh fathast ach ann an cuid, agus tha aige ri cogadh an aghaidh an t-saoghail cheannaircich, ach air dhà 'bhi spioradail tha è ullamh gu fannachadh agus crionadh, mur beothaichear agus mur misnichear è an còmhnuidh. Is làidir cumhachd nan càil talmhaidh air an neartachadh leis an fheòil. Is nàdurrach an cumh- achd sin, agus mairidh h cho fad 's a mhaireas nàdur fèin. Is f hada uainn cuspairean a' chreidimh, ach is fagus cuspairean nan càil. Feumaidh sinn a dhol cho fad às ri nèamh a dh-iarraidh aoibhneis. Cha n-'eil è idir cho furasda dhuinn aoibhneas a dheanamh ann an ni nach fhaca sinn riamh, no duine sam-bith a chunnaic è, gun sealladh againn air ach amhàin geall- adh anns a' Bhiobull, ri aoibhneas a dheanamh ann an ni a ta sinn a' faicinn agus a ta againn. Anis, matà, is è cuid de ghliocas spioradail nithe faicsinneach, no cuspairean nan càil a ghairm astigh a chum ar cuid- eachadh ann ar turns a dh-ionnsuidh Dhè ; agus is maith an gnothach, ma gheibhear càirdean a dheanamh de na naimhdibh cumanta sin, agus instrumaidean a dheanamh dhiubh-san a chum ar togail a dh-ionnsuidh Dhè, a tha cho trie 'g ar tarruing air falbh uaith. Carson a thug Dia dhuinn ar càilean (senses) nàdurrach agus an cuspairean nàdurrach, ach a chum e-fein a mholadh leo? Carson a tha 'n Spiorad Naomh ag ìnnseadh glòir na h-Ierusaleim Nuaidh ann am briath- raibh a tha taitneach eadhon do'n fheòil fèin? An ànn a chum gu'n saoileamaid gur ànn de neamhnuid- ean 'us or a tha nèamh air a dheanamh ? no gu'm bheil naoimh 'us ainglean ag itheadh agus og òl ? Cha n-ànn idir, ach a chum ar cuideachadh gu nithe nèamh- aidh a thuigsinn 's a bhreithneachadh, are'ir ar comais, le nithibh talmhaidh a ta dhuinn mar ghloine leis am faicear \ad an diugh ann an tomhas beag, gus an tig an là aoibhneach sin air an ruigear iad, agus air am faicear iad gu h-iomlan 'g an làn-mhealtuinn. Agus a bhàrr air sin, faodar meòrachadh nèamhaidh a chuideachadh le nithibh faicsinneach. 320 Meòrachadh Neamhaidh I. A chum meòrachadh. nèamhaidh. a chuideachadh le nithibh faicsinneach, comhairlicheam, — Iomadh Sàmh- ladh làidir a thogail o nithibh a chithear, agus Cuspair- ean nan càil a choimeas ri cuspairibh a' chreidimh. 1. Smuainich air an aoibhneas a ta shuas, mar gheibh thu è air 'ainrneachadh gu Ian dhuit anns an Sgriobtuir ; 's an de'igh sin, islich do smuaintean gu criochaibh nan càil nàdurrach. Meudaichear gràdh agus aoibhneas le companas 'us eòlas càirdeil. 'Nuair a dh-oidhirpich- eas sinn air smuaineachadh air Dia agus glòir, gun bheachdachadh orra, mar tha na Sgriobtuirean 'g am foillseachadh dhuinn, caillidh sinn ar sealladh orra, agus fàgar sinn gun ni sam-bith againn air an socraich sinn ar smuaintean. Cuiridh sinn fada uainn iad, agus bithidh ar smuaintean gun ghreim ac' orra, agus sinn- fein ullamh gu radh, " Is neo-ni dhuinn-ne na nithe àrd a ta shuas^' Is beag gràdh a ghinear ann an neach le smuaineacnadh amhàin air Dia agus glòir, mar chuspairean a ta ro àrd os-ceànn na's urraiun sinn a bhreithneachadh, agus is beag aoibhneas a ghinear le smuaineachadh nach ruig ar gràdh idir orra. Air an aobhar sin, na cuir Criosd na's fhaide uait na chuir se e-fein uait, air eagal gu'n càill thu do shealladh air nithibh diadhaidh. Ach smuainich air Criosd mar tha è air a ghlòrachadh ann ar nàdur-ne ; oir ghabh è nàdur an duinè air-fèin. Smuainich air na naoimh ghlòraichte, mar dhaoine air an deanamh foirfe. Abair gur còmp- anach thu-fèin do Eòin, an diadhair, a' beachdachadh air an, " lerusalem Nuadh," no air a' bhaile neamhaidh, ag amharc air na righ-chaithrichibh, air a' mhòrachd ghlòrmhoir, air an armailt neamhaidh, air a1 ghreadh- nachas dhealrach a chunnaic è. Abair gur còmpanach- turuis dhà thu-fèin a' dol leis gus an rloghachd neamh- aidh, agus gu'm faca tu na naoimh uile'n an " trusgana,ibh geala, agus pailm aca 'n an làmhaibh," agus gu'n cuala tu " òrain Mhaois agus an Uain." Na'm faca agus na'n cuala tu na nithe sin da rireadh, nach bu mhòr d'àrd aoibhneas ! Matà, mar a's mò agus mar a's dtir- achdaich' a shaoileas tu annad-fein gu'm faca tu iad, is ann a's àirde'thogar suas do chridhe le meòrachadh orra. Na dean, coltach ris na Pàpanaich, na nithe glòrmhor le Nithibh Faicsinneach. 321 sin a riochdachadh dhuit-fein arm an dealbhan, no iomhaighean, ach faigh an dealbh a tharruing cho làn, cho beò, cho soilleir agus is urrainn thu, air clàr do chridhe le meòrachadh air an Sgriobtuir aims am bheil iad air an sgriobhadh, gus am faod thu 'ràdh, " Thar leam gu'm bheil agam boillsgeadh de ghlòir ! Thar leam gu'n cluinn ml iolach an aoibhneis agus a' mhol- aidh, gu'm bheil mi nis a' faicinn Abrahairn agus Dbaibhidh, Pheadair agus Phòil maille ris na naoimh àrd-aoibhneach eile arm an glòir ! Thar leam gu'm faicear leam Mac Dhe anis a' dealradh anns na ' neul- aibh,' agus an saoghal a' seasamh an làthair caithir a bhreitheanais, a chum am bum 'f haotuinn ; agus gu'n cluinn mi an Tighearn ag ràdh ris na naoimh, ' Thigibh, a dhaoine beannaichte m'Athar-sa ;' agus 'g am faicinn a' dol astigh le gàirdeachas ' do aoibhneas an Tighearna !' Air uairibh, ni eadhon mo bhruadar air na nithibh sin mòr dhrùigheadh òrm, ach cia mòr na's mò na sin bu chòir dhoibh drùigheadh òrm, 'nuair a smuainicheas mi orra do rèir na firinn I Ciod a theirinn na'm faca mi na nithe do-labhairt ud a chunnaic Pòl ! No, an sealladh ud a f huair Stephen, 'nuair a chunnaic è ' nèamh fosgailte, agus Criosd 'n a shuidhe air deas làimh Dhè !' Is cinnteach bu bheag aige an f hras chlach leis an robh è air a ghoirt-bhualadh, an dèigh an t-seal- laidh ud ! Gniornh. 7. 55-59. Ciod a theirinn na'm faca mi, mar chunnaic Micaiah, ' an Tighearn 'n a shuidhe air a righ-chaithir, agus uile shlòigh nan nèamh. 'n an seasamh air a làimh dheis, agus air a làimh chli !' (1 Ri. 22. 19.) Sin nithe àrd, glòrmhor a chunnaic sluagh sin Dhè, agus is goirid gus am faic mise mòran na's mò na chunnaic na daoine maith sin, mu'n robh iad air am fuasgladh o phrìosan na feòla, o'n èigin dhomh-sa 'bhi air m' fhuasgladh mar iadsan." Air an dòigh so, chithear mar dhùisgear agus mar thogar suas ar n-aignidheah anns an obair nèamhaidh so, 'nuair a ghabhar sàmhladh soilleir, làidir air an staid bhean- naichte ri teachd, o nithibh faicsinneach, no bho chàilibh a' chuirp, oir tha 'n Spiorad Naomh a' labhairt ruinn, air an dòigh sin, gu trie anns na Sgriobtuiribh. 2. Is \ nis an ath dhòigh air am faodar an obair 322 Mebracliadh Nèamhaidh nèamhaidh so a chuideachadh le nithibli faicsinneach, sàmhladh, no coimeas a tharruing eadar cuspairean nan càil agus cuspairean a' chreidimh. Mar so, faodaidh tu reusanachadh. ri do chridhe fèin eadar taitneas truaillidh dhaoine feòlmhor air thalamh, agus an tait- neas glan, aoibhneach a ta air nèamh. Abair annad- fèin, " An taitneach leis a' pheacach a bhi beò ann an aingidheachd ? Agus nach taitneach leam-sa 'bhi beò maille ri Dia ? Am bheil tlachd cho mòr aig a' mhisg- eadair ann an cupan salach na dibhe làidir, ionnus nach toir eagal a bhi mallaichte gu bràth air a thrèigsinn ? An f heàrr leis an druisear, no le striopadair dealachadh ri cuid, cliù, creideas agus slàint, na ri 'thaitneas bruideil ? Ma gheibh droch dhaoine taitneas cho mòr air an t-sligh gu ifrinn, cia mòr seach sin taitneas nan naomh air nèamh? Ma tha tlachd cho raòr aig an duine shanntach ann an saoibhreas, aig an duine 'mhìannaicheas glòir tìmeil, ann an àit àrd, cumhachd 'us onoir, cia mòr seach sin tlaclid nan naomh ann an ionmhas siorruidh, agus ann an onoir nèamhaidh, agus dims an ionad ghlòrmhor sin far an àrdaichear sinn os-ceànn gach uachdaranachd agus cumhachd, agus an deanar sinn 'n ar companaich ghlòrmhor do Chriosd ? Xach. taitneach le daoine soghmhor an cleasachd fèin a leantuinn o mhaduinn gu feasgar, no an là 's an oidhche 'chaitheamh ri cluith air chairtean 'us disnean 1 Ach 0 ! cia taitneach seach sin an toil-inntinn a gheibhear againn-ne, 'nuair a ruigeas sinn ar fois, a' faicinn gnuis an Dè" bheò, 's a' moladh Dhè, agus an Uain I" Sàmhlaich f òs an taitneas a ta shuas, ri taitneasaibh laghail, ceart, measarra nan càil. Abair riut-fein, " Nach milis dhomh blasad air biadh, 'nuair a bhitheas mi acrach ; gu h-àraid, mar a thuirt Isaac, ' Biadh blasda, mar is ionmhuinn leam,' 'us mi 'g a ghabhail ann am measarrachd a chum mo chorp a bheathachadh ! Ach cia mòr seach sin an taitneas a gheibh m'anam ann am beathachadh air ' Criosd, an t-aran beò/ agus ann an ' itheadh maille ris aig a bhòrd 'n a rioghachd !' Bu mhilis le Esau ' a' mhias bhrochain ud, agus is daor a cheannaich è ì, 'nuair a reic h a chòir-bhreithe air a son ;' ach 0 ! cia milis, luachmhor dhomh -sa am biadh le Nitliibh Faicsinneach. 323 nach teirig gu bràth ! Cia taitneach deoch 51 an uair bhitheas neach tioram, tartmhor, seadh a' bàsachadh le tart ; bu leòr è gu ' neart Shamsoin fe'in ath-bheoth- achadh !' 0 cia taitneach do m'anam-sà ' òl à tobar nan uisgeachan beò ; oir ge b'e neach a dh'òlas às an tobar sin, cha bhi tart gu bràth air!1 Cia taitneach, cubhraidh- eachd ghlan do'n t-sròin ! ceòl bìnn do'n chluais I seal- ladh bòidheach do'n t-suil ! Ach cia taitneach seach sin, cùbhraidheachd mhilis na h-olaidh luachmhoir a ta air a dòrtadh air ceànn ar tìlànuigheir ghlòraichte, agus a dhòirtear air cinn nan naomh uile, agus a lionas nèamh uile le f àile ctibhraidh ! Cia taitneach ceòl nan ' armailt nèamhaidh !' Cia taitneach a gheibhear na nithe sàr-mhaiseach a ta shuas ! Cia glòrmhor an ' aitreabh nach do thogadh le làmhaibh dhaoine,' an tigh anns am bheil Dia fèin a' gabhail còmhnuidh, gach sràid 'us sealladh àluinn ann am baile Dhia, agus am pàrras nèamhaidh !" Sàmhlaich f òs an taitneas a ta shuas, ris gach taitneas a gheibhear ann an eòlas nàdurrach. Is àrd taitneas an eòlais nàdurraich seach taitneas nan càil, ach cia àrd seach sin taitneas nèimh ! Abair, matà, " Nach bu mhòr an t-aoibhneas agus an taitneas leis an robh an sgoilear mòr, ainmeil, Archimedes,* air a lionadh 'nuair a fhuair è mach meur eòlais, — eòlas air tomhas cian astar nan r^ult, — air nach robh fios aig daoine riamh roimh linn a' chàileadair mhòir sin ! Geda bha a luchd- ducha aineolach gu trie a1 bagairt a chur gu bàs 'nuair a thòisich è air teagasg an eòlais ùir so mu nach cual' iad riamh, b'f heàrr leis am bàs 'f hulang na dealachadh ri solus an eòlais, no sgur de mheòrachadh air I Agus nach còir dhomh-sa 'bhi air mo lionadh le taitneas na glòire, agus a bhi toileach caochladh às an t-saoghal so, le ùr mheòrachadh mu nèamh air m'anam, agus fios agam gu'm bi mo thaitneas air a dheanamh iomlan an dèigh mo bhàis ; ach bhàsaich taitneas Archimèdeis maille ris-fèin. Is mòr an taitneas a bhi 'rànnsachadh nithe folaichte nàcluir, agus diomhaireachd an ealantais * Archimedes : Ard sgoilear, agus sp&uradair ionnsuichte, barraichte de mliuinntir Shiracuis ann an Sicilia. Bha è ann mu dhà cheud bliadhna roirr.h theachd ar Slànuieheir. — EaPAR. 324 Meòrachadh Nèamkaidh agus an eòlais 'f haotuinn amach ; gu h-àraid an uair a gheibhear amach nì nuadh mu nach cualas riamh ! Ach cia luachmhor, àrd seach sin eòlas air Dia agus air Criosd ! Is suaràch, brùideil taitneas dhaoine feòlmhor ann an coiraeas ris a' mhaise sin a chithear ann an ionnsuchadh glan dhaoine ; ach 0 ! cia maiseacli gnùis Dhè ! 'Nuair a gheibh sinn leabhar ùr, fiumail, leanaidh sinn air a lèughadh le taitneas a là 's a dh'oidhche 'g a roghnachadh, ach beag, air thoiseach air biadh, deoch 'us cadal ! Ach 0 ! cia mòr an taitneas a gheibhear air deas làimh Dhè, far am faigh sinn fios air na h-uile nithibh ann am mionaid !" Sàmhlaich f òs an taitneas a ta shuas, ri taitneasaibh na bèusachd agus nan aignidhean nàdurrail. Bu mhòr taitneas iomadh aoin de na Pàganaich mheasarra ann an riaghailtibh 'us ann an cleachdadh dleasanach nan deadh-bhèus. Cha bu duine ceart, onorach leo, ach amhàin am fear a bha air a riaghladh le subhailc nam bèus, cha n-ànn o eagal peanais, ach a chionn gur ionmhuinn, maith an t-subhailc sin ìnnte-fèin. B'àrd- luachmhor leo subhailc na bèusachd. Arèir am beachd- san is ann amhain o leantuinn na subhailce sin a b'urrainn duine ruigheachd air àrd shonas. Abair, matà, " Cia mòr an t-òirdhearcas a gheibhear ann an iomlanachd nèamhaidh a' Chriosduidh, agus ann an iomlanachd neo-chruthaichte sin Dhè a bhitheas sinn a' faicinn ! Nach mòr an taitneas a gheibhear ann an oibreachadh a' ghràidh nàdurraich fèin, ma's gràdh cloinne, gràdh phàrantan, gràdh chompanach, no chàirdean eòlach, dìleas b ! Nach dubhairt Daibhidh ri lonatan, ' B'iongantach do ghràdh dhomh-sa, a' toirt barrachd air gràdh nam ban ?' Nach robh l anam lonatain ceangailte ri anam Dhaibhidh, 'g a ghràdhach- adh mar 'anam fèin '?' Nach ' b'ionmhuinn, air dòigh àraidh, le Criosd aon deisciobul do'm b'àbhaist luidhe air 'uchd ?' Amis, matà, ma gheibhear taitneas cho mòr ann an càirdeas dlùth, dìleas ameasg dhaoine, cia mòr seach sin an taitneas a gheibhear ann an càirdeas an Ti a's Airde, agus ann an làn eòlas air cuideachd Chriosd, agus ann an gràdh fìor bhlàth nan naomh air nèamh ! Gu cinnteach, gheibhear an càirdeas sin na's treise agus le Aignidhean Diadhaidh. 325 na's dilse, agus na cuspairean sin na's gràdhaiche agus na's taitniche, na chunnacas riarnh fo'n ghrèin ; agus bheir araon sinne do'n Athair agus do'n Mhac, ar l)ia agus ar Slànuighear, agus gu h-àraid ìàdsan dhuinn-ne, gràcìh fada nan cian na's mò na b'aithne dhuinn riamh anns a' bheatha so. Ma bha neart aon aingil cho mòr as gii'm b'urrainn è feachd a sgrios, bithidh, do rèir sin, gràdh nan spiorad laidir mar-an-cèudna, ionnus gu'n gràclhaich. sinne mile cuairt na's teotha agus na's càirdeile an dèigh so, na's urrainn sinn a dheanamh an diugh. Is do-mheasraicht' uile bhuaidhean agus oibre Dhè, mar sin tha'n gràdh so ; gràdhaichidh è sinne ann an tomhas neo-chrìochnach os-ceànn a' ghràidh a's coimhlionta 'bheirear dhà leinn-ne. Cia mòr, iongan- tach, matà, an gràdh sin a bheirear raobh air thaobh ! Sàmhlaich fòs òirdhearcas nèimh ri oibribh glòrmhor sin a' chruthachaidh a ta ar sùilean a' faicinn anis. Ciod an gliocas, ciod an cumhachd, ciod am maitheas a la foillsichte ànnta ! Ciamar a chithear mòrachd a' ChruthaidJieir a' dealrachadh ann an aitreibh mhòir an t-saoghail so ! " Tha gnìomharan an Tighearna mòr ; rànnsaichear ìad leo-san uile aig am bheil tlachd ànnta." Cia mòr an sgil dhiadhaidh a chithear ann an cumadh chorp dhaoine agus ainmhidhean ! Cia mòr an t-òirdhearcas a ch.ith.ear anns gach luibh ! Faic àilleachd nam fliuraichean ! Iomadh fèum nan luibhean, nam measan, agus nam mèinn 1 Na h-iongantais lion- mhor sin a gheibhear anns an talamh agus ameasg a luchd-àiteachaidh ; cuan mòr nan uisgeachan, a' lion- adh 's a' traoghadh ; an t-earrach 's am foghar, an sàmhradh 's an geamhradh. a' teachd gu riaghailt- each, gach aon diubh 'n a àm fèin ! Abair anis, " Nach Ian na nithe sin uile de luachmhorachd dhiomhair, — nithe air an òrduchadh gu bhi 'n an seirbhisich do dhaoine peacach. Ach 0 I cia maiseach an t-àit sin anns am bheil Dia fèin a' gabhail còmhnuidh., — an t-àit a dh'ullaich è airson nam firean air an deanamh foirfe maille ri Criosd ! Cia iongantach glòir gach rèult a's lugha ! Nach. mòr, dealrach am ball a' ghealach ud ; agus nach àillidh gach. rèult ! Cia do-mheasraichte glòir na grèine 1 Ach ànnta sin uile cha n-'eil ach neo- Ee 326 Meòrachadh Nèamhaidk ni ann an coimeas ri glòir nèimh. Dubhar £s a' ghrìan ud, cha n-'eil ìnnte ach dorchadas ann an coimeas ri tigh m'Athar-sa. Bithidh mi-fèin cho glòrmhor ris a' ghreln ud. Cha n-'eil anns an talamh so uile ach stòl-coise m'Athar. Is neo-ni an tàirneanach ann an coimeas ri guth uamhasach Dhè. Cha n-'eil ann an sèideadh garbh nan gaoth sin ach anail a bheòil. Ma's iongantach a bhi nis ' a' cur uisge, agus a' tabhairt air a' ghrèin èirigh air na fìreanaibh, agus air na neo- fhìreanaibh,' cia iongantach, cia glòrmhor seach sin a' ghrian sin nach dealraich air aon sam-bith ach air naoimh 'us ainglibh !" Sàmhlaich fòs an toil-ìnntinn a ta shuas ri iongantas- aibh an fhreasdail ann an gleidheadh na h-Eaglais, agus ann an riaghladh an t-saoghail. Nachb1 fhior iongantach an sealladhleinn na'mfaiceamaid ' an fhairge 'seasamh mar bhalla air an làimh dheis agus air an làimh chlì, agus an talamh tioram, soilleir anns a' mheadhon, agus sluagh Israeil a' dol anùll tioram, sàbhailt, agus Phàraoh agus 'armailt air am bàthadh ? no na'm faiceamaid deich plàighean na h-Eiphit ? no a' charraig a' spùtadh amach uisge mar amhuinn ? no am mana agus na gearra-goirt air am frasadh anuas o nèamh ? no an talamh a' fosgladh agus a' slugadh sios nan aingidh' ? Ach chì sinne nithe gu mòr a's mò na iad sin ; chi sinn iomadh sealladh a's iongantaiche agus a's taitniche na sin, anns nach bi fuil, no fearg air a measgadh, agus cha ghlaodh sinn amach, mar a rinn '' daoine Bhet-semeis," ag ràdh "Cò is urrainn seas- amh an làthair an Tighearna Dè naoimh so ?" 1 Sam. 6. 20. Nach b'iongantach a' ghrian 'fhaicinn a' seasamh anns an iarmailt,' no ' an dubhar air uairead- air grèine Ahais a' dol air ais deich cèumanna !' Ach chi sinne là air nach bi grìan ànn ni's mò ; no bithidh sinn gu bràth a' faicinn na grèine sin anns am bheil dealradh buan, neo-chriochnach. Nach bu chumh- achdach sinn, nach b'iongantach ar beatha, na'm faigh- eadh ar n-iirnuighean tiormachd, no uisg, no teine bho ne'amh a chum ar naimhdean a mhilleadh, 'nuair a b' kill leinn, mar fhuair Eliah ; no na'm b'urrainn sinn niarbh a thoirt beò arìst, mar a rinn Eliah ; no èucail- le Aigniclhean Diaclhaidh. 327 ean a leigheas le mìorbhuil, agus gach seòrsa cànain a labhairt, mar a rinn na h-Abstoil ! Och ! is neo-ni na nithe iongantach sin uile aim an coimeas ris na h-iong- antasaibh aid a chi 's a gheibh sinne maille ri Dia: agus is maitheas agus gràdh ìad uile. Mthear sinn- fèm 'n ar culaidh-iongantais na's miorbhuiliche na aon diubh sin. Thogadh suas Iònah an dèigh dhà 'bhi tri làithean air 'adhlacadh ann am broinn an èisg mhòir ; ach togar suas sinne an dèigh dhuinn a bhi iomadh bliadhna 'grodadh anns an duslach, agus àrdaichear ria cuirp dhuslaich so againn gu glòir na grèine, glòir a mhaireas tre 'n t-siorruidheachd. Ma bheir sinn fain- ear freasdail chumanta ; mar tha gluasad na greine ; an làn-mara ; seasamh na talmhainn ; an talamh air 'uisgeachadh mar lios ; riaghladh an t-saoghail aingidh, aimlisgich. agus iomadh freasdal eile, gu cinnteach, is maith a dh-fhaodar a ràdh, " Is iongantach iad sin uile." Ach ciod iad sin do Shion Dhè, do shealladh air Mòrachd Dhè, agus do'n òrdugh àrd anns am bheil na slòigh ne'amhaidh. Cuir riutha sin anis na freasdail àraid sin a thachair dhuit-fein ann an cuairt do bheatha, agus sàmhlaich iad ris na tròcairibh a bhitheas agad shuas. Cuimhnich air do thròcairean ann an làithibh d'òige, d'aois agus do neirt, air do shocair agus d'an-shocair. air d'fhortan agus do mhi-fhortan, air gach àit agus dàimh fa-leth, agus an uair a ni thu sin gu ceart, nach maith a thig dhuit a ràdh, Is òirdheirc, do-àireamh, saoibhir, mòr, taitneach ìad ? Nach bu taitneach dhuit, 'nuair a dh'fhuasgail Dia do theagamhan, a dh'fhuadaich è air falbh d'eagal, a chaisg è an an-shocair anns an tilgeadh do chomhairle fdin thu, a dh'èutromaich è do phìan, a shlànaich è d'easlaint, agus a thog è suas arìst thu, mar gu'm b'ann, o'n bhàs agus o'n uaigh ! Abair, matà, '' Cia taitneach, luachmhor na nithe sin uile ! bu truagh dhomh mo bheatha gach là 'us uair a dh-easbhuidh orra. Kach àrd a thog freasdal Dhè air thalamh mi, nach ' d'rinn a chaoimhneas mòr mi ?' Ach 0 ! cia milis a gheibh mis' a làthaireachd ghlòrmhor ! Cia àrd a dh-àrdaicheas a ghràdh sìorruidh mi ! Cia mòr mo staid ann an co-chomunn ri mòrachd Dhe" 1 Is lionmhos:, 328 Meòrachadh Nèamhaidh prìseil mo thròcairean ann an cuairt mo thuruis, agus mo chogaidh air thalamh ; ach 0 ! faic mo ghlòir, 'nuair i thig mo chaithream, agus a ruigeas mì mo dhachaidh òhuan ! Is iomadh tròcair a tha Dia a' buileachadh òrm, ged is peacach mì, ach fèuch I ciod a bhuilicheas è orm fathast, 'nuair a làn-ghlanar mi o gach peacadh, agus a bhitheas m'àit agam ameasg nan naomh foirfichte ! Is mòr a th'agam an diugh, geda tha mì astar cho fada bho Dhia, ach cia mòr mo chuid 's mo ghlòir, 'nuair a sheasas mì dlùth dhà gu bràth an làthair a rìgh- ohaithreach air nèamli !" Sàmhlaich fòs an t-aoibhneas a ta shuas, ris na sòlasaibh a gheibhear a bhos ann an òrduighean an t-soisgeil. Nach tobar fosgailte dhuit am Bìobull a' sìor-sruthadh le sòlasaibh, gach là 'us oidhche ? Nach freagarrach, sòlasach na geallaidhean a thàinig gu d'ìnntinn, a' toirt dhuit a ràdh le Daibhidh, " Mur biodh gu'm b'e do lagh mo thlachd, an sin gheibhinn bàs a'm' àmhghar." Salm 119. 92. Smnainich, matà, " Ma tha focal Dhd cho làn sòlais, nach tobar a' cur thairis le solas Dia fèin I Ma tha litrichean Dhè cho sòlasach, cia mòr an solas glòir a làthaireachd ! Ma tha an gealladh cho milis cia milis a choimhlionadh ! Nach sòlasach dhuinn tiomnadh ar Tighearna agus ar còir- sgrìobht' air an oighreach, ach 0 ! cia sòlasach ar seilbh air an oighreachd fèin 1" A bhàrr air sin, abair, " Nach bu taitneach dhomh-sa fòs am focal air a shearmonachadh ! 'Nuair a shuidh mi fo shearmonaiche nèamhaidh 'us è 'rànnsachadh, a' gluasad 's a' sitheachadh a' chridhe, nach trie a bha mo chridhe fern air bhlàthachadh leis an teagasg ! Thar leam gur beag nach d'f huair mi mi-fern ann an nèamh ! Nach trie a chaìdh mi 'dh-ionn- suidh na h-eisdeachd agus mo spiorad trioblaideach, brònach, agus a phill mi dhachaidh aoibhneach I Nach trie a chaidh ml fo theagamh a dh-ionnsuidh na h-tìsd- cachd, agus a chuir Dia dhachaidh mi le dearbh-bheachd agam air a ghràdh ann an Criosd I Nach iomadh deoch-urachaidh a fhuair mi chum mo mhisneachadh anns gach ' còmhrag !' Ma dhealraich aghaidh Mhaois air dòigh cho glòrmhor, 0 ! cia glòrmhor gnùis Dhè ! • Is maiseach cosan an teachdair a ta 'g eigheachd slthe, le Aignidhean Diadhaidh. 329 teachdair an deadh sgèil a ta 'g eigheachd slàinte ;' ach 01 cia maiseach gnuis ' Prionnsa na Sithe I' M& gheibhear an ' t-ionmhas' so cho luachmhor ' ann an soithichibh creadha ;' cia luachmhor an t-ionmhas sin a ta taisgte suas dhomh air nèamh ! Is beannaichte na sùilean a chi na nithe glòrmhor a chithear an sin, agus na cluasan a chluinneas na nithe a chluinnear an sin An sin cluinnidh mi Eliah, Iskiab, Ieremiah, Eòin, Peadar, Pòl, cha n-ann a' searmonachadh do eascairdean, ann an prìosan, fo ghèur-leanmhuinn agus fo thàir, ach le àrd aoibhneas a' moladh an Ti a thog suas iad gu onoir agus glòir." Abair fòs " Cia mòr an t-aobhar aoibhneis dhomh an diugh, gu'n èisdear ri m'ùrnuigh, gu'm faod mi 'dhol uair sam-bith a dh-ionnsuidh Dhè, mo chùis 'fhosgladh dhà, agus m' an am a thaomadh amach 'n a làthair, mar dheanainn do mo charaid a's dilse ! Ach 0 ! m' aoibh- neas do-labhairt, 'nuair a gheibh mi gach beannachd gun 'iarraidh, , agus a dh-fhuadaichear fada uam gach uireasbhuidh agus truaighe, agus a bhitheas Dia fèin agam, mar chuibhrionn agus mar oighreachd m' anama." Agus do thaobh suipeir an Tighearna, " Cia mòr an t-sochair 's an onoir dhomh comas suidhe slos aig a bhòrd, a chum a chùmhnant a shèulachadh dhomh an sin ! Ach cha n-'eil anns gach beothachadh agus solas dhiubh sin ach eàrlas cìnnteach air na h-àrd shòlasaibh ri teachd. 0 ! cia mòr an t-eadar-dhealachadh a bhith- eas eadar suipeir dheireannach Chriosd air thalamh, agus suipeir-bàinnse an Uain air an là mhòr I Is iad na nèamhan glòrmhor is seòmar dhà air an la sin, armail- tean nan aingeal agns nan naomh, a luchd-frithealaidh àiuinn. Cha bhi ludas, no aoidh neo-ullaichte an sin. Cha bhi ann ach na creidmhich iriosal a' suidhe sios maille ri Criosd, agus is h làn ghràdhachadh agus làn ghàirdeachas taobh air thaobh a's cuilm dhoibh." Abair riut-fèin mu cho-chomunn nan naomh, " Cia taitneach a bhi beò maille ri Criosduidhean tuigseach, nèamhaidh ! Gheibhear Daibhidh ag ràdh mu 'n timchiollr ' Tha mo thlachd uile annta1 sin. 0 nach taitneach, aoibh- neach a' chuideachd a gheibh mise shuas ! Na'm faca mi lob, geda b'ann 'n a shineadh air an òtrach, bu * Ee3 330 Meòracliadh Nèamhàìdh ghlan an sgàthan foighidin è ! ach nach maiseach 'fhaicinn ann an glòir ! Nach bu taitneach Pòl agus Silas a chluinntinn a' sèinn 's an casan teànn-cheang- ailte anns na cip I Nach taitniche na sin an cluirmtinn a' sfinn molaidh air nèamh 1 Naeh bu bhìnn an ceòl a rinn Daibhidh air a chlàrsaich f 'èin ! ach nach ceòlmhoire gu mòr, am fear-ciùil bìnn sin a chluinntinn ameasg an luchd-ciùil nèamhaidh ! Ciod nach tugainn airson saor chòmhradh fad aon uair' ri Pòl, cho luath 's a thàinig è nuas o'n ' treas nèamh V Ach is goirid gus am faic agus an sealbhaich mi-fein na nithe sin uile." Aon uair fathast, smuainich air moladh Dlie* maille ris na naoimh, " Ciod a theirinn na'n robh mì maille ris r.a buachaillean ud, a chunnaic agus a chuala ' cuid- eachd mhòr do armailtibh nèimh a' moladh Dhè, agus ag ràdh, ' Glòir do Dhia anns na h-àrdaibh agus air talamh sìth, deadh ghean do dhaoinibh I1 Ach chì agus cluinnidh mì nithe na's glòrmhoire. Bu shona leam mì-fèin, na'n cuala mì Criosd a' tabhairt buidheachais d'a Athair ! Ach cia sona mì, 'nuair a chluinneas mì Criosd 'g a m' èigheachd beannaichte I Bu mhòr an t-aoibhneas a bha ann an Ierusalem aig ' toirt na h-àirce air a h-ais,' agus aig ' ath-thogail an teampuill ;' ach cia mòr an t-aoibhrieas a bhitheas anns an ' lerusalem Nuadh !' Rèubadh an talamh le fuaim an t-sluaigh a' deanamh mòr ghàirdeachais, an uair a bhatbas a' crùnadh Sholaimh I Ach cia aoibhneach, àrd an iolach a bheirear, an uair a chithear Righ na h-Eaglais a' teachd I Ma " shèinn rèulta na inaidne cuideachd, agus ma rinn uile mhic Dhè gàirdeachas, 'nuair a leigeadh bunaitean na talmhainn ;' cia aoibhneach an t-òran a sheinnear, 'nuair a steidhichear agus a chriochnaichear saoghal na glòire, 'iiuair a shuidhichear a' chlach- mhullaich, agus a bhitheas ' am baile naomh air a sgead- achadh mar bhean-bàinnse, eadhon bean an Uain' !" iSàmhlaich an t-aoibhneas a bhitheas agad air nèamh, ris an aoibhneas a fhuair na naoimh gu trie 'n an sligh gu nèamh, agus 'n an roimh-bhlas air. An d'fhoillsich Dia e:fein riamh, air àm air-bith, ann an tomhas beag. no mòr, do aon air-bith de na naoimh, ach àm air an robh aoibhneas an ciidheachan arèir an taisbeanaidh a le Aignidhean Diadhaidh. 331 thugadh dhoibh ? Faic mòr aoibhneas Pheadair shuas air k' beinn a' chruth-atharrachaidh!" " A Thighearn," ars' e-fein, u is maith dhuinne 'bhi an so ; deanamaid trì pàilliunna an so : aon dhuit-se ; agus aon do Mhaois. agus aon do Elias." Mata 17. 4. Mar gu'n abradh è, " Ho ! na rachamaid sìos arìst ameasg na gràisge gèur- leanmhuinnich ud. Na pilleamaid tuilleadh gu staid cho suarach, trioblaideach. Nach fheàrr dhuinn fan- tuinn shuas an so fein, far am bheil sinn anis ? Nach ì so cuideachd a's fekrr, agus toil-inntinn a's milse?" Ciamar a bha Pol air a thogail suas leis an t-sealladh a fhuair è? Ciamar a dhealraich aghaidh Mhaois an dèigh dhk labhairt ri Dia air sliabh Shinai 1 Bu roimh- bhlas sònruichte gach sealladh dhiubh sin, ach is beag iad ann an coimeas ris an t-sealladh uile-bheannaichte. Nach trie a le*ugh 's a chuala sinn mu naoimh a bha, aig uair am bàis, cho làn aoibhneis 's a b'urrainn an cridheachan a chumail ; agus air a' cheart uair air an robh an cuirp air an fàsgadh le tinneas 'us pian ro chruaidh, bha sealladh cho mòr de nèamh aig an spiorad- aibh, ionnus gu'm bu mhò gu mòr an gàirdeachas na 'm bròn ! Cia glòrmhor aon sradag de'n t- solus so do'n anam fo amhghar trom, ach cia mòr, làn ghlòir fèin ! O ! nach bu làidir aoibhneas nam martarach aims na lasraichean li'f huil 'us feòil na cuirp aca-san cho maith ris na cuirp againn-fein. Ciod, matk, ach cumhachd òirdheirc, ion- gantach a rinn an spioradan a lionadh le aoibhneas cho mòr, 's an uair air an robh an cuirp a' losgadh ! Abair annad-fèin, a lèughadair, " Gu cinnteach, is è roimh-bhlas iongantach air glòir a rinn lasraichean an teine cho socrach, agus ' righ dabh nan uamhas1 cho taitneach do na martaraich dhiadhaidh ud. Ciod b, matà, glòir fein ! Cia beannaichte fois nan naomh ! An dèigh do Phòl smuaineachadh air an f'hois so, bha è ' togarach air siubhal, agus a bhi maille ri Criosd/ ag ràdh, ' is e so a's ro fheàrr.' Agus mar-an-ceudna their na naoimh uile nach bi iad ceart gu bràth, gus am faigh iad bàs agus an ruig iad am fois ! Am f àiltich am martarach, Saunders, an crann-losgaidh, ag èigheachd amach, ' Fàilt air mo bhàs ! agus nach fàiltich mise na's tàitniche mo shonas, ag èigheachd, ' Fàilt air mo 332 Meòracliaclh Nèamhaidli chrùn ?' Am pòg am martarach, Bradford, an connadh leis an robh e-fein gu bhi nis air a losgadh ? agus nach pòg mise mo Shlànuighear ? Am bi aoibhneas air ban- mhartaraich bhochd eile, a cas a chur ann an toll nan ceap anns an robh casan a1 mhartaraich, Mr. Philpot. air an teannachadh gu oruaidh roimpe ; agus nach bi aoibhneas òrm-sa gu'm bi m'anam beò gu bràth ann an kit na glòire sin gus an deachaidh Criosd agus na h-Abstoil romham ? Am fàiltich muinntir eile teine agus connadh, priosan 'us f ògradh, i'anaid agus sgiùrsadh searbh, an-iochdmhor, na's mò na dh-fhàilticheas mise Criosd agus glòir ! Nar leigeadh Dia." Sàmhlaich glòir na rìoghachd nèamhaidh, ri glòir na h-eaglais air an talamh, agus ri glòir Chriosd ann an staid irioslachaidh. Nach mòr an t-òirdhearcas a ta ann am fulangas Chriosd airson pheacach ; ach cia mòr òirdhearcas Chriosd air 'àrdachadh air deas làimh 'Athar ! Is mòr àilleachd na h-eaglais an so, eadhon fo bhnaireadh a peacaidh agus fo shkrachadh a naimhdean ; ach cia mòr a h-àilleachd 'nuair a thig " Pòsadh an Uain !" Nach b'iongantach Mac Dhè ann an " cruth seirbhisich" air thalamh ! Faic è air a bhreith ann an stàpull, 'us rèult a' dealradh os a cheànn, 's a' treòrach- adh choigreach a dheanamh aoraidh dhà, 'us è sìnte ann am prasaich fhuair an eich ; armailtean nèimh le 'n òranaibh ceòlmhor, bìnn a' moladh uair a bhreith ! Faic è, 'us è fathast 'n a leanabh, a' deasboireachd ris an àrd luchd-teagaisg anns an teampull ! Faic arìst è, an dèigh dhà tòiseachadh air a dhreuchd, a' tionndadh uisge gu fion, a' beathachadh mhiitean le beagan bhuilinnean agus dà iasg bheag, a' glanadh nan lobhar, a' slànachadh an t-sluaigh thinn, a' neartachadh nam bacach, a' toirt lèirsinn do na doill agus a' toirt beò nam marbh ! Cia iongantach è, matk, 'n a ghlòir nèamhaidh ! Ma bha 'leithid 'a ghearradh air gèupaibh, a leithid a sgaoileadh air faluinnibh a sgeadachadh na slighe, agus gach bèul ag èigheachd Hosanna/ 'nùair a bha Criosd a' marcachd air asal astigh do Jerusalem, ciod a their 's a ni sluagh 'nuair a thig è 'n a ghlòir air a chuairt- eachadh le 'ainglibh ! Is è thubhairt an sluagh a chuala Criosd a' searmon le Aignidhean Diadhaidh. 333 achadh, soisgeil na rioghachd, " Cha do labhair duine riamh mar an duine so ;" ach is è their iadsan a chi a mhòrachd 'n a rioghachd, " Cha n-fhacas riamh glòir cosmhuil ris a' ghloir so." Ma " thuit" a naimhdean " air an làr" 'nuair a thàinig iad g'a glilacadh ; ma ' " chriothnaich an talamh," ma " rèubadh brat-roinn an teampuill," ma " dhorchaicheadh a' ghrian," ma " sgoilteadh na creagan," ma " dh'èirieh cuirp nan naomh as na h-uaighibh," agus ma dh'aidich an luchd- coimhid air dhoibh na nithe uamhasach sin 'f haicinn air uair a bhàis, " Gu fmnneach b'e so Mac Dhè ;" 0 ! cia mòr an là sin air an èirich na mairbh uile gu seasamh 'n a làthair : air an là sin, " Aon uair eile fathast, crathaidh e cha-n e an talamh amhàin, ach nèamh mar an ceudna ;" air an là sin, spionar a' ghrian ud as na spèuraibh, agus fàgar i-fèin 's a glòir dorch gu bràth ; air an là sin, aidichidh gach teangaidh esan mar Thighearn agus mar Eigh I Ma chàill am bàs agus an uaigh an cumhachd, an dèigh dhà èiiigh arist, ma " charuich aingeal a' chlach" air falbh " o dhorus" na h-uaighe, a' cur " eagail air an luchd-coimhid" gus an deachaidh " iad 'an riochd mairbh," agus ag iarraidh orra 'dhol agus " innseadh d'a dheisciobluibh gu'n ■d'èirich losa o na mairbh," agus ma chaidh è suas air nèamh fo'n sùil, cia mòr an cumhachd, an neart agus a ghlòir a ta aige nis, agus a bhitheas againn-ne gu bràth maille ris ! 'Nuair dh'eirich Criosd suas gu glòir, thug è cumh- achd do àireamh bheag, do iasgairean agus do phàill- iunnaich {tent-makers) bhochd, na bacaich, na doill agus na h-easlaintich a leigheas, prìosain 'fhosgladh, na h-aingidh a sgrios,na mairbh a dhusgadh, agus iongantas a chur air an naimhdean. Ach 0 ! cia iongantach an saoghal sin anns an dean gach aon oibrean a's mò na iad sin ! Nach cumhachdach searmonachadh an t-soisgeil a' rànnsachadh amach diomhaireachd a'chridhe, ag irioslachadh nam peacach uaibhreach, a' taiseachadh a' chridhe chruaidh, 's a' toirt air na h-aingidli criothnach- adb : Seadh, a1 toirt air ' daoine an droch leabhraichean a losgadh, am fearann a reic agus teachd leis an luach ''g a leigeil sios aig cosaibh an t-searmonaiche ;' seadh, 334 Meorachadh Nèarrihaidh ag ìompachadh mhìltean, agus " a' cur an t-saoghail bun os ceànn ;" seadh, ma bheir teagasg an t-soisgeil air gach seòrsa sluaigh o'n phriosanach gu-ruig am breitheamh air a' chaithir-cheartais, o'n bhaigear gu- ruig am prionnsa, criothnachadh ; ma tha an cumhachd agus an onoir so aig Criosd agus aig na naoimh air là an irioslachaidh, agus air àm òrduichte am fulangais agus am maslaidh air thalamh, cia mòr, matà, an làn chumhachd, an làn onoir, agus an Ian àrdachadh ann an rìoghacbd na glòire ! Sàmhlaich an t-atharrachadh glòrmhor a thig ort mu-dheireadh, ris an atharrachadh ghràsmhor sin a dh'oibrich an Spiorad air do chridhe anns a1 bheatha so. Is luachmhoire am fìor ghràine gràis a's lùgha 'ta annad na saoibhreas nan Innseachan. Cha n-'eil tog- radh, no osnadh a bheir do chridhe an deign Chriosd, nach luachmhoire dhuit na uile rioghachdan an t-saogh- ail so. Is è nàdur ath-nnadhaichte, fìor 'ìomhaigh Dhè ; Criosd a' gabhail còmhnuidh annainn ; agus Spiorad Dhè a' fantuinn annainn.' Is gath soluis h bho ghnuis Dhia ; s\ol Dhe" a1 fantuinn annainn, aon mhaise chòir, cheart, rèusantach an anama : ag àrdachadh an duine os-ceànn gach uaisleachd, 'g a ullachadh a chum tlachd a Chruthaidheir a thuigsinn, chum a thoil a dheanamh, agus a dhol astigh d'a ghlòir. Ma tha an " gràine" so " de shiol mustaird" cho luachmhor, cia luachmhor " craobh na beatha, a tha ann am meadhon pàrrais Dhè I" Ma's luachmhor sradag de'n bheatha spioradail nach dean .ach cogadh an aghaidh truaillidh- eachd, agus beagan miann 'us osnaich a lasadh anns an anam, cia glòrmhor tobar na beatha sin ! Ma theirear gu'm bheil sinn cosmhuil ri Dia, 'nuair a dh-islichear sios sinn, agus a leònar, agus dh-atharraichear ar cridheachan le fior aithreachas agus tròm bhròn airson peacaidh, is cinnteach gu'm bi sinn fada nan cian na's coltaiche ri Dia, 'nuair nach bi peacadh idir annainn. Nach maiseach gràdh 'us dèigh air nèamh ; ach 0 I cia maiseach nèamh fèin ! Nach milis an t-aoibhneas a gheibhear an diugh anns na chi, na chluinneas agus na chreideas sinn mu ghlòir nèimh ; ach cia mòr, milis an t-aoibhneas, Ian sheilbh air a' ghloir sin ! Cia aoibh- le Aignidhean Diadhaidh. 335 neacli an Oiosduidh 'nuair a gheibh è a chridhe 'blàth- acbadh, a' taiseachadh 's a' leaghadh sìos le bròn fo smuaineachadh air a pheacadh agus air a mhi-thàingeal achd. Bheir eadhon am bròn sin fèin gàirdeachas dhà 0, matà, ciod an gàirdeachas a gheibhear, an uair a chi, agus a ghràdhaicheas, agus a ni sinn aoibhneas, agus a mholas sinn anns an tomhas as àirde foirfeachd ! Smuainich annad-fein, " Cia priseil an t-atharrachadh dhomh-sa 'bhi air mo thoirt o'n staid thruaillidh anns an d'rugadh mi, agus ris an robh mi fuaighte le cleachd adh, 'us mile peacadh air mo cheànn ; agus na'n do bhksaich mi anns an staid sin, bha mi mallaichte gu siorruidh ! 0 nach iongantach m'atharrachadh grks- mhor, mi nis air m'fhireanachadh o na ciontaibh uamhasach sin uile, agus air mo shaoradh o na plkigh- ean oillteil sin uile, agus air mo dheanamh 'n a m' oighre air nèamh ! Nach trie a ghlaodh mis' amach 'us mi gu tkingeil a' smuaineachadh air là m'ath-ghin- eamhuinn, O mo mhile beannachd air an là sin ! gu-ma beannaichte mo Thighearn, gu'm faca mis' an là sin ! Agus nach èigh mi mach air nèamh, 0 nis a shiorruidh- eachd bheannaichte ! agus gu-ma beannaichte mo Tighearn a thug mise gu ruige so ! Nach d'rinn na h-ainglean gkirdeachas airson m'iompachaidh ! Is cinnteach gu'n dean ìad comh-ghàirdeachas maille rium airson mo shonais agus mo shlàinte. Cha n-'eil ann an gràs ach sradag bheag a thionailear suas às an luath, sradag a ta còmhdaichte le feòil o shiiil an t-saoghail, agus air uairibh folaichte le truaillidheachd o mo shuil fein, ach cha bhi mo ghlòir siorruidh neulach, no còmh- daichte le ni sam-bith. Cha chuirear mo ' sholus fo shoitheach, ach air sliabh, eadhon sliabh Shioin, sliabh DheV " Aon uair fathast, sàmhlaich an t-aoibhneas a gheibh thu shuas, ris gach roimh-bhlas a thug an Spiorad dhuit air, anns a' bheatha so. Nach d'f hoillsich Dia e-fein gu comharraichte air uairibh do d'anam, a' dòrtadh sileig' ghlòir air ? Nach robh thu ullamh gu ràdh, " O b'f heàrr gu'm faigheadh m'anam sin an còmhnuidh !" Nach do ghlaodh thu riamh amach leis a' mhartarach an dèigh dhà feitheamh fada le caoidh, " Thàinig è, Thàinig è !" 336 Meòrachadh Nèamhaidh . Nach do mhothaich thu fo shearmoin shoilleir, bheo mu nèamh, no fo mheòrachadh uaigneach mu 'n staid nèamhaidh, do spiorad trom, fànn ag ath-bheothachadh, do chridhe, cròm fo sprochd a' suas-thogail a chìnn, agus solus nèimh a' dealradh air d'anam? Abair anis annad-fèin, " Nach beag an t-eàrlas sin ann an coimeas ris an.làn oighreachd I Och ! cha n-'eil anns an t-solus iongantach, aoibhneach so uile ach coinneal a' lasadh o nèamh, a chum mis' a threòrachadh tre'n t-saoghal dhorch so suas gu àit na glòire nèamhaidh. Maghlaodh daoine diadhaidh, 'nuair a bha iad air an sàr-lìonadh le aoibhneas nèamhaidh, ' Stad a Thighearna, gu leòr, gu leòr ; cha n-urrainn mi tuilleadh a ghiulain !' cia làn. matà, an t-aoibhneas a gheibh mis' air nèamh, 'nuair a bhitheas m' anam cho comasach air Dia 'fhaicinn agus a mhealtuinn ; agus geda bhitheas an solus an sin mile cuairt na's mò na solus na grèine, is urrainn mo shùilean amharc air le àrd aoibhneas gu bràth." No, mur d'fhuair thusa fathast roimh-bhlas dhiubh sin air nèamh, (oir cha d'fhuair a h-uile creidmheach è,) oib- rich gu maith gach taitneas agus gealladh nèamhaidh a tha nis agad, a chum gu'n tuig thu na's feàrr na gheibh agus na mhothaicheas tu an dèigh so. II. Comharraichear amach anis ciamar dh-fhaodar meòrachadh nèamhaidh a dhìon o chridhe seachranach. Is l nis d'obair àraid an so, do chunnart 'fhaicinn gu soilleir, agus treòraichidh sin thu gu leigheas freagar- rach air do chunnart. Is è do cridhe fein an cnap-bacaidh a's miosa 'gheibhear ag oibreachadh an aghaidh do mheòrachaidh nèamhaidh. Anns a' chridhe gheibhear — Mi-thoil do'n dleasanas so, — no Faoin obair, — no Ruith air falbh gu trie a dh-ionnsuidh nithe eile, — no Grad sgur de'n dleasanas mu'n ceart a thòisichear air. Ma's luachmhor leat idir solas a' mheòrachaidh so, fèumaidh tu na h-uile chunnartach sin a sheachnadh gu ciiramach, agus èirigh suas 'n an aghaidh gu duineil, fìrinneach, dùrachdach, dian. 1. Gheibh thu do chridhe mì-thoileach tòiseachadh air an obair so ; cha n-'eil obair eile 's an t-saoghal air am mi-thoiliche leis a' chridhe tòiseachadh na ì so. 0 aach iomadh leisgeul a ghabhas ò 1 Nach iomadh rathad le Aignidhean Diadhaidh. 337 seachnaidh a gheibh è mach ! Nach iomadh dàil 'us teagamh 'us màirneal a nì è, eadhon an uair a tha è dearbhte gur ceart an obair ì so ! Their è riut " Co aig tha fhios an dleasanas so idir? no ma bhuineas an dleasanas so do mhuinntir eile, cò is urrainn a ràdh gu'm buin è dhuit-se ?" Their è riut, " So obair mhinistearan aig nach 'eil tuilleadh ri dheanamh, no obair do mhuinntir aig am bheil pailteas ùine 'n an làimh fèin, ni nach 'eil agad-sa." Ma's ministear thu their è riut, " Is è 'm meòrachadh nèamhaidh so dleas- anas a' phobuill. Is leòr dhuit-sa meòrachadh amhàin a chum iadsan a theagasg, agus meòraicheadh ìadsan air na chluinneas iad." Mar gu'm b'è do dhleasanas amhàin am biadh a dheasachadh dhoibh, a roinn orra, agus ìad-fèin amhàin 'itheadh, a mhearbhadh agus a bhi beò air gun thu-fèin blasad air aon chriomaig dheth. Mur bac sin thu, gheibh do chridhe leisgeul làidir eile. Labhraidh è riut air obair eile, no cuiridh è thu air dleasanas àraid eile, oir is feàrr leis dleasanas air-bith eile na'n dleasanas so. Theagamh gu'n abair è riut, Tha dleasanais eile na's mò na so agad ri dheanamh ; air an aobhar sin, fèumar am meòrachadh so 'fhàgail gun deanamh gus am faighear ùin dhà. Is iad dleas- anais fhollaiseach a's fèumaile, is è searmoinean ullach- adh agus an searmonachadh a chum anamanan a theàrnadh, a's àirde gairm dhuit na'm meòrachadh uaigneach so." Mar gu'n abradh è nach 'eil ùin agad gu cùram a ghabhail mu shlàint d'anama fèin, 'nuair a bhitheas tu nis ag ullachadh airson anamanan muinntir eile, no gu'm bheil do ghràdh do mhuinntir eile cho mòr as gu'm faod, no gu'm feum thu do shonas siorruidh fèin a dhearmad air an son ; no gu'm faod do theagasg a bhi freagarrach, fèumail, tarbhach do shluagh eile, ged nach dearbhadh tu thu-fèin idir leis an teagasg a bheir thu dhoibh. Gun teagamh is è nèamh solus a's feàrr a chum ar coinneal a lasadh leis, agus leabhar a's feàrr is f hiach do gach seai'monaiche ionnsuchadh, agus na'n ionnsuicheadh ministearan an leabhar sin gu pailt, gheibhteadh tuilleadh choinnlean nèamhaidh, — tuilleadh shearmoinean nèamhaidh, — anns an eaglais. An uair a gheibhear ar n-ionnsuchadh diadhaidh, agus ar Ff 338 Meorachadh Neamhaidh spioradan diadhaidh, bithidh ar searmonachadh diadh- aidh mar-an-cèudna, agus an sin ach ni h-ann gu sin, faodar a ràdh gur diadhairean sinn da rireadh. Ach theagamh nach abair do chridhe, an dràst, aon fhocal ball-direach an aghaidh an dleasanais so, gidheadh cuiridh è dàil anns an obair là an dèigh là, a' 6Ìor-ghealltuinn tòiseachadh oirre, an diugh 's am màireach, ach fathast a' seasamh air ais uaipe ; no mu- dheireadh, diùltaidh è thu ball-direach, agus labhraidh a mhi-thoil an aghaidh do reusain. Is ànn mu thimchioll a' chridhe 'thatar ag rkdh so uile, cho fad 's a gheibhear feòlmhor è ; oir tha fios againn, cho fad 's a gheibhear spioradail è, gu'n abair e-fein gur ì so obair a's milse leis 's an t-saoghal. Ciod a nithear ris anis, matà ? An dean thu è nis, ma dh-innsear dhuit ? Ciod a dheanadh tu ri cùis eile de'n t-seòrsa so ? " Ciod a dheanainn ri seirbhiseach nach dean obair ? no ri each nach coisich leam ? An cum mi snas ìad amhkin gu amharc orra ?" JMatk, buin gu fìrinneach, teànn, dileas ri do chridhe fein. Na leig leis a thoil fein a ghabhail, ach gairm gu 'obair è. Na gabh diiiltadh idir dheth. Cronaich è. Smachdaich è airson a mhi-thoil. Dean ainneart air. Nach 'eil 'cumhachd agad thairis air do smuaintibh fèin ? Nach 'eil comas meòrachaiclh air 'fhkgail dhuit gu saor fo do thoil fein an so ? Is cinnteach, ma fhuair thu nkdur nuadh, gu'n tug Dia dhuit, maille ri sin, tomhas comais air do smuaintean fèin a cheknnsachadh. An tràill thu list do d' nkdur truaillidh ? Cleachd d'ùghdarras gun dkil. Gairm astigh Spiorad Chriosd chum do chuid- eachadh. Cha robh esan riamh agus cha n-'eil è mì- thoileach a làmh a chur ri obair cho maith. • Cha dib.lt è idir a chobhair dhuit ann an aobhar cho cliuiteach. ceart. Abair ris, ua Thighearna, thug thu dhomh rèusan a chum mo smuaintean agus m'aignidhean a a stiùradh 's a riaghladh. Is ann uait-fèin a fhuair mise m' ùghdarras thairis orra, agus feuch, tha iad anis a' diultadh iimhlachd a thabhairt do d'iighdarras fein. Dh'àithn thu dhomh an gairm gu obair a' mheòrachaidh nèamhaidh, ach bhreab ìad a'm' aghaidh, rag-dhiiilt iad an dleasanas. Cuidich mis', a Thighearna, chum ai. le Aignidhean Diadhaidh. 339 t-hghdarras a thug thu dhomh a gnàthachadh gu glic. Ho ! cuir anuas do Spiorad chum gun deanar leis gu h-eifeachdach an cridhe so èlgneachadh gu làn umh- lachd a thoirt do d'àithn, agus gu'm bi do thoil-sa air a deanamh leis." An dèigh sin chi thu gu'n gèill do chridhe gu taitneach, gu'm fuadaichear air falbh a mhi-thoil, agus ga'n dean è obair a' mheòrachaidh nèamhaidh gu h-timhal, toileach, suilbhir. 2. Gabh an aire nach leig thu le do chridhe do mheall- adh lefaoin obair, no d'uin luachmhor a chaitheamh ri dìomhanas, 'nuair bu chòir dhà 'bhi ri meòrachadh glan, taitneach, èifeachdach. Theagamh, 'nuair a gheibh thu uair gu meòrachadh, gu'n leig dc chridhè seachad i, mu'n tòisich è le durachd shuidhichte air an obair. Tha dleasanas a dheanamh, mar sin gu mi-chùramach, leisg, mar nach deanamaid idir è ; agus millidh è air mòran, cho maith ri dearmad dleasanais. An so, matà, bitheadh do shùil a ghnàth air do chridhe, dean faire thairis air. Is feàrr dhuit sealltuinn air meud 'us buaidh, 'us luach an dleasanais a nithear na ris an iiin a chaithear ris. 'Nuair a chi thu obair air a deanamh le do sheirbhiseach, faodaidh tu innseadh co dhiubh a bha, no nach è dìchiollach ris an obair a thug thu dhà. Feòraich dhìot-fèin, " Cia lian de m'aignidhean a ta nis air an làn-oibreachadh ? (Faic Caib. XIV. — Ear II.) Am bheil mi nis na's fhaisg' air nèamh ?" Na abair idir, " Tha mo chridhe-sa cho faoin, diomhain, is feàrr dhomh leigeil leis." Ma ni thu sin, fuadaichidh tu gach hmhlachd spioradail air falbh uait-fèm. Cuimhnich. cha n-'eil na cridheachan a's fekrr air an naomhachadh ach amhàin ann an caid, agus an lorg sin, diùltaidh iad cho fad 's a gheibhear feòlmhor iad. Ach gu-ma feàrr leat-sa ceart-smuaineachadh air do nàdur truaillidh fèin; agus a' cheart aire 'thoirt nach fhaod togradh peacach air-bith àithn Dhè a thilgeil seachad, agus nach leisgeul aon pheacadh airson peacaidh eile ; agus gu'n d'òrduich Dia meadhonan a chum ar n-aignidhean a dhhsgadh gu smuaineachadh air-fèin ; agus is meadhon fìor shònruichte, fìor èifeachdach rèusanachadh ruinn- fèin, agus smuaineachadh annaiun-fèin air dleasanas a' mheòrachaidh nèamhaidh, a chum ar gràdh a bheoth- 340 Mebrachadh Neamhaidh achadh agus a mheudachadh. Air an aobhar sin, lean thusa air an dleasanas so gus am blàthaichear do ehridhe le gràdh do Dhia, ceart mar a leanadh tu air thu-fèin a gharadh aig an teine 'us tu fuar, gus am f àsadh tu blàth. Oibrich gu dlùth, dìleas, dichiollach, gus am beothaichear do ghràdh 's an dèigh sin, co-èignichidh gràdh thu gu do dhleasanas a dheanamh gu taitneach, suilbhir, pailt. 3. Gheibh thu do ehridhe air uairibh a' lèum air falbh o do mheòrachadh nèamhaidh, gu nithibh eile. Seallaidh è null 's anall ri iomadh ni eile, coltach ri seirbhiseach mi-churamach, sgaomach a thogas a cheànn de 'obair gu labhairt ris gach neach a ghabhas seachad. 'Nuair nach bu choir ni sam-bith eile 'bhi agad air d'ìnntinn ach nèamh fèin, bithidh do ehridhe nis a' smuaineachadh air do ghairm, no air do thriob- laidibh, no air d'uireasbhuidh, no air gach eun, no craoibh, no kit a chithear leat. Cha n-'eil leigheas air an t-seachran so ach an leigheas a chaidh ainmeachadh cheana, eadhon /aire agus ainneart, no cednnsachadh. Abair ri do ehridhe, " Dè so ! an tàinig mis' an so leat a smuaineachadh air mo ghnothach saoghalta, air muinntir, air àitean, air naigheachdan, no air diomhanas, no air ni sam-bith ach nèamh, air am feothas ? ' Nach urrainn thu faire a dheanamh aon uair ? Am b'àill leat an saoghal so 'f hagail agus còmhnuidh a ghabhail maille ri Criosd gu bràth air nèamh, agus nach builich thu ' aon uair' air còmhnuidh maille ri Criosd ann am meòrachadh ? An è sin do ghràdh do d'eharaid ? Nach mò na sin, do ghràdh do Chriosd agus do d'ionad- còmhnuìdh sìorruidh, beannaichte?" Is fuilteach, lon- ach eunlaith do smuaintean seachranach ; ma leigeas tu leo uair do mheòrachaidh nèamhaidh a shlugadh suas, sluigidh iad suas beatha agus aoibhneas do smuaintean. Air an aobhar sin, ruaig air falbh o d'iob- airt iad, agus cum do ehridhe gu teànn air an obair. 4. Is dòigh eile air an dean do ehridhe do mhealladh, an obair mheòrachaidh a ghrad-chriochnachadh rau'n ceart a thòisicheas ì annad. Faodaidh tu sin aithneach- adh gu soilleir aig dleasanais eile. Nach trie, aig d'urnuigh uaignich, a gheibh thu do ehridhe a' cur le Aignidhean Dìadhaidh. 341 cabhaig' ort, a dìan-ìarraidh ort a gearradh goirid agus sgur dhi ? Mar sin, matà, aig do mheòvachadh nèamh- aidh, bithidh do chridke sg\th de'n obair, agus caisgidh è do chèum nèambaidh, mu'n ceart a bhlàthaichear thu. Ach smachdaich thusa do chridhe ami an ainm Dhè, thoir gu làn ùmhlachd è, agus na fag obair cho mòr leth- dheante. Abair ris, " A chridhe amaidich ! agiarraidh deirce car ùine, agus falbh rau'm faigh thu i, nach obair chàillte dhuit sin ? Ma stadas tu mu'n ruig thu do cheann-uidhe, nach bi do thurus dìomhain ? Thàinig thu an so fo dhòchas sealladh 'f haotuinn de 'n ghlòir a shealbhaicheas tu mar oighreachd, agus an stad thu faisg air mullach an t-sleibh, agus an tionndaidh thu air d'ais mu'n gabh thu sealladh air ? Thàinig thu an so 'an dòchas labhairt ri Dia, agus am falbh thu rau'm faic thu è ? Thàinig thu chum thu-fèin ionnlad aim an sruthaibh an t-sòlais, 8,gus a chum na criche sin, chuir thu dhìot rùsg do smuaintean talmhaidh, agus am pill thu air falbh anis gun bheantuinn ach amhàin ri bruaich na h-aimhne beò ? Thàinig thus' an so ' a ghabhail beachd' air ' tir a'gheallaidh,' na falbh, matà, gus am faigh thu ' aon bhagaid f hion-dhearcan' a dh-f heuchas tu do d'bhraithribh, chum am misneachadh Faiceadh iad, le aoibhneas do chridhe, gu'n do bhlais thu air an fhion ; faiceadh iad o shuilbhireachd do ghnùis' gu'n robh thu air d'tingadh leis an ola ; faiceadh iad o chiuineachd do nàduir agus o mhilseachd do bhriathran, gu'n robh thu air do bheathachadh leis a' 'bhainne1 agus leis a' ' mhil.' Is teine nèamhaidh so a leaghas do chridhe reòta, a ghlanas è, agus a ni spioradail è, ma gheibh è ùin gu oibreachadh air d'aignidliean." Mar sin, lean air an obair, gus am faighear rud-eigin a dhean- amh, gus am bi do ghràsan air an oibreachadh, d'aig- nidhean air an dusgadh, agus d'anam air a bheò-ùrach- adh leis na taitneasaibh a ta shuas ; no, mur ruig thu air na nithibh sin uile, aig aon km, thoireadh sin ort an ìarraidh na's dùrachdaiche air àm eile. " Is beannaichte an t-òglach sin, a gheibh a Tighearn, ri àm dha teachd, a' deanamh mar sin." Mata 24. 46. Ff'3 342 Còmhradh Diadhaidh Caibdeil XYI. Comhradh Diadhaidh a? Mheòrachaidh Nèamhaidh, no Meòrachadh nèamhaidh air a dheanamh, no air a chleachdadh ; agus an obair air a comh-dhunadh. Agus anis, a lèughadair, bi gach là ag oibreachadh do ghràis air a lughad, araon air meòrachadh agus ùrnuigh arèir nan seòladh a thugadh dhuit anns na Caibdeilibh roimhe so. Teich air falbh gu àit uaig- neach air-chor-eigin, air an. àm a's feàrr a fhreagras dhuit, a' tilgeil uait d'uile smuaintean talmhaidh, cho stòlda, cho beò-dhùrachdach, iriosal 's a ghabhas dean- amh, agus seall suas gu nèamh, a' cuimhneachadh an sin air d'fhois shiorruidh. Ionnsuich cho cinnteach 'us cho òirdheirc 's a tha d'fhois. Eireadh d'anam suas o nithibh faicsinneach gu nithibh brighmhor a' chreidimh, a' sàmhlachadh nan aoibhneas nèamhaidh ris na h-aoibh- neasaibh aimsireil ,uair mu seach ri grad ùrnuigh agus fèin-labhairt, no 'g an deanamh ameasg a chèile, a' tag- air do chilis gu h-iriosal ri Dia, agus gu lkn-dhtirachdach ri do chridhe fèin, — a' s\or-thagair mar sin, gus an lionar do chridhe le sealladh beò, blàth, aoibhneach air nithibh nèamhaidh, gus nach clodan talmhaidh thu, na's fhaide, ach deàrsadh nèamhaidh, gus am faighear thus' am peacach dearmadach, a ghràdhaich an saoghal, anis a' gràdhachadh Dhè gu beò, blàth, gus am bi an gealtair air a thionndadh gu Crtosduidh trèun, dìleas, rùnach gun eagal ; gus an atharraichear do bhròn agus do mhulad gun fhèum, gu làn aoibhneas. A dh'aon fhocal, gus an tagair thu do chridhe bho thalamh gu nèamh ; o chuideachd thalmhaidh gu gluasad maille ri Dia, agus gus am faod thu do chridhe, 'us è aoibhneach, a ghineadh anis air d'fhois, mar ann an uchd Chriosd, agus do mheòrachadh a' labhairt air d'fhois shiorruidh, arèir an t-seòlaidh a bheirear dhuit anis, a chum do chuideachadh. Meòraich agus labhair riut-fèin mar so : — " 0 m'f hois ! Cia milis d'f huaim 'us d'ainm ! Is ceòl bìnn thu do mo chluais ! Deoch-urachaidh mo a' Mheòracliaidh Nèamhaidh. 343 chridhe, a' taomadh air mo spiorad, agus a' ruith tre uile chuislibh m'anaraa ! M'f hois ! cha n-è fois cloiche air an talamh, no fois a'chuirp so anns an uaigh, no idir an fhois a dh-ìarras an saoghal feòlmhor. 0 m' f hois bheannaichte ! 'nuair nach ' sguir sinn a là no dh'oidhche, a ràdh, is Naomh, Naomh, Naomh an Tighearn Dia Uile-chumhachdach. 'Nuair a gheibh sinn fois o'n pheacadh, ach cha n-ann o aoradh ; o f hulangas agus o bhròn, ach cha n-ànn o aoibhneas ! O mo là beannaichte ! 'nuair a gheibh raise fois maille ri Dia ! 'nuair a ghabhas mi tàmh ann an uchd mo Thigh - earna ! 'nuair a gheibh mi fois ann an aithneachadh, ann an gradhachadh, ann an deanamh gàirdeachais, ann am moladh , 'nuair a bhitheas m'anam agus mo chorp iomlan a'làn-mhealtuinn Dhè uile choimhlionta I 'nuair a làn-ghràdhaichear mise le Dia, neach a's gràdh fèin, agus a ghabhas è fois 'n a ghràdh dhomh-sa, mar ghabhas mise fois ann mo ghradh dhà-san, agus a ni è gàirdeachas thairis òrm le aoibhneas, agus gàirdeachas thairis òrm le ceòl, agus a ni mise gàirdeachas ànn-san ! " Cia fagus an là fior bheannaichte, fior aoibhneach sin 1 Tha è 'teachd gu grad. 'An ti a ta ri teachd, thig è, agus cha dean è moille'. Ged shaoilear gu'm bheil mo Thighearn a'cur dàil 'n a theachd, fathast tamull beag, agus bithidh b an so. Nach goirid beagan cheudan bhliadhnachan an dèigh dhoibh a dhol seachad? Cia cinnteach a chithear a chomharradh 1 Cia grad a ghlacas b an saoghal mi-chùramach, eadhon ' mar thig an dealanach o'n àird an ear, agus a dhealraicheas e gus an àird an iar,' bithidh teachd mo Thighearna'' Thar leamn gu'n cluinn mi nis fead a thrompaid ! Thar learn gu'm faic mi nis 'e 'teachd le neulaibh,' air a chuairteachadhle 'ainglibh, ann am mòrachd agus ann an glòir ! O pheacacha gun chiiram ! Ciod a ni sibh anis ? Càit am folaich sibh sibh-fèin ? Ciod a dh-fholaicheas sibh? Dh'fhalbh na beànntan. Chaidh na nèamhan agus an talamh, a bh'ànn. seachd. Sgrios an teine millteach na h-uile nithe ach sibh-fèin, a dh-fhèumas a bhi mar chonnadh gu bràth. 0 na'n gabhadh sibh losgadh às cho luath ris an talamh ; agus leaghadh as 344 Còmhradh Dladhaidh mar rinn na nèamhan ! Ah ! . is dìomhain an ìarrtas sin anis! B'è an t-Uan fèin bhur Caraid ; ghràdhaicheadh è sibh ; threòraicheadh ò sibh, agus anis shaoradh è sibh ; ach cha b'àill leibhs' è roimhe so, agus anis tha è ro anmoch. Tha è ro anmoch èigheachd, * a Thigh- earn,' a Thighearna' ; ro anmoch, ro anmoch, a dhuine ! Cuime 'sheallas tu mu-n-cuairt? Co is urrainn do theàrnadh ? Càit an ruith thu ? Cò is urrainn do dhion ? 0 thruaghain, sgrios thu thu-fein ! " Anis, à dhaoine naomh, beannaichte, a chreid 's a ghèill ! So crioch bhur creidimh agus bhur foighidin. So an t-àit a dh'iarr sibh, so an onoir ris an dh'fheith sibh. An aithreachas dhuibh anis gach sàrachadh, gach bròn, gach trioblaid a dh'f huilig sibh, agus gach fèin-àicheadh 'us cèum naomh a rinn sibh ? Am bheil deòir bhur n-aithreachais anis searbh no milis ? Faicibh ma Breitheamh 'us fìamh-ghàir' air ruibh ! gràdh 'n a ghniiis I na tiodalan, Fear-saoraidh. Companach, Ceànn, sgrìobhte air 'aoduinn a's gràdhaich' agus a's dealraiche snuadh. Eisd ! ghairm è sibh, ag iarraidh oirbh seas- amh an so ' air a làimh dheis.' Na bitheadh eagal òirbh, oir sin an t-àit aid amis an - cuirear a chaoraich fèin'. O cia aoibhneach an fhàilt ! ' Thighibh, a dhaoine beannaichte m'Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd «n rioghachd a ta air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaite an domhain.' Gabliaidh è air làimh sibh, tha 'n dorus fosgailte, is leis-fèin an rioghachd, agus uime sin, is ì bhur cuid-sa : sin bhur n àit an lathair a righ- chaithreach I Gabhaidh an t-Athair ruibh mar chèile sgìamhach a Mhic, agus f àiltichidh è sibh gu criin na glòire. Ciod-air-bith cho neo-airidh sibh, fèumar bhur crunadh. So an ni a chnuasaich saor ghràs teàrnaidh, so run a' ghràidh shiorruidh. 0 ghràis bheannaichte ! 0 ghràidh bheannaichte 1 0 mar dh-èireas gràdh 'us gàirdeachas 1 Ach cha n-urrainn mise càinnt a chur air, cha n-urrainn mis' a mheasrachadh. ' Is ro iongantach an t-eòlas so air mo shon : tha e aid ; cha ruig mi air.' " So an t-aoibhneas sin a chaidh cheannach le bròn, so an criin a chaidh cheannach leis a1 chi ànn-chèusaidh. Ghuil mo Thighearn, chum gu'n tiormaichteadh mo dheòir-sa nis air falbh. Dh'fhuilich è, chum gu'n a' Meorachadh Nèamliaidh. 345 deaanainn-sa gàirdeachas anis. Chaidh a thrèigfeinn, chum nach trèigteadh mis' anis. Bhàsàich è roimhe so, chum gu'm mairinn-sa beò anis. 0 thus' a shaor throe- air, a's urrainn truaghan cho suarach àrdachadh ! A nasgaidh thu dhomh-sa, ged bu daor thu do Chriosd ! Is è saor ghràs a ròghnaich mise, 'nuair a dh'f hàgadh mìltean. Mo chòmpanaich 's a' pheacadh a' losgadh ann an ifrinn 'us mise ri gairdeachas an so arm am ibis ! Mise beò an so maille ris na naoimh sin uile ! O cia sòlasach mo choinneamh ri mo sheànn luchd-eòlais, — ìadsan a bha trie ag ùrnuigh learn, a' guil leam agus a' fulang maille rium, agus a labhair rium gu trie air an là 's air an àit so 1 Chi mi cha b'urrainn an uaigh bhur cumail innte. An gràdh sin a shaor mise, shaor è sibhse mar-an-cèudna. " Cha chosmhuil so ris na bothanaibh creadha, na prìosanaibh, na tighean-còmhnuidh truagh anns an robh sinn air thalamh. Cha chosmhuil an guth aoibhneis so ris na seànn ghearanaibh, na cneadaibh 's an osnaich a bh'againn. Cha chosmhuil am moladh binn so ris an fhanaid agus ris a' chàineadh, no ris na mionnan agus na mallachdan a chuala sinn air thalamh. Cha chos- mhuil na cuirp so ris na cuirp a bh'againn, no na h-anam- anan so ris na h-anamaibh a bh'againn, no a' bheatha so ris a' bheatha bh'againn. Chuir sinn dhinn an t-àit, an staid, an t-aodach, na smuaintean, a' chàinnt agus a' chuideachd sin a bh'againn. Roimhe, bu lag, suarach iomadh aon de na naoimh, cho uaibhreach, frionasach, as gu trie gur gànn a dh-aithnicheadh neach ciod an gràs a bha aige : ach cia glòrmhor anis gach aon de na naoimh, — gach aon bu shuaraiche dhiubh roimhe ! Càit anis am bheil an corp peacaidh leis an robh ìad-fèin 'us muinntir eile mu-n-cuairt doibh gu trie air an sgitheach- adh ? Càit anis am bheil na barailean caochlaideach sin, na h-ainmean tàireil sin, na roinnean feargach sin, na h-inntinnean brosnaichte, gach sealladh coimheach 'us diteadh neo-charranntach leis an robh sinn air ar buaireadh roimhe? Cha n-'eil againn anis ach aon bharail, aon ainm, aon chridhe, aon tigh agus aon ghlòir. 0 cia milis an rèite ! 'Aonaidh bheannaichte I Cha n-'eil anis amaideachd annainn ni's mò, no aineolas a chuireas 346 Còmhradh Diadhaidh eas-onoir air an t-soisgeul. Cha deanar ni1s mò tuir- eadb airson fulang nan naomh, no airson sàrachadh na h-eaglais. Cha deanar caoidh thairis air fulang chàird- ean, cha deanar guil aig leabaidh am bàis, agus cha silear deòir aig an uaigh. Cha n-fhaigh. thu gu bràth do bhuaireadh aon uair eile le Sàtan, leis an t-saoghal, no le d'fheòil fèin. Tha do thinneas, do phìan 'us do bhròn air an leigheas gu lèir. Cha luchdaich do chorp thu ni's mò le anmhuinneachd agus sg\os. Cha bhi agad ni's mò ceànn, no cridhe goirt, acras no tart, cadal no saothair. Dh'f halbh iad sin uile uait gu bràth ! " O nach cumhachdach an t-atharrachadh so ! M nis air m' àrdachadh o'n òtrach gu caithir rioghail ; o chuideachd nam peacach geur-leanmhuinneach gu comunn molaidh nan naomh ! Bho chorp truaillidh gu corp a ' dhealraicheas mar shoilleireachd nan spèur !' Bho mhothachadh air feirg Dhè', gu Dia a làn-mhealtuinn ann an gràdh ! Bho m' uile theagamhan agus m' eagalan, a dh-ionnsuidh na h-oighreachd a dh-f huadaicheas gach teagamh fada uam ! Bho m' uile smuaintean uamhasach air a' bhàs. a dh-ionnsuidh na beatha aoibhnich so I 0 m' atharrachadh beannaichte ! Soraidh leat anis a pheac- aidh, agus a bhròin, agus a bhàis gu bràth I Soraidh le mo chridhe creagach, uaibhreach, mi-chreideach 1 Sor- aidh le mo chridhe collaidh, talmhaidh, feòlmhor, agus fàilt anis air mo nàdur fìor naomh, fìor nèamhaidh ! Soraidh leat 'aithreachais, a chreidimh, agus a dh.och.ais ; agus fàilt ort-fem a ghràidh, a ghàirdeachais agus a mholaidh ! Bithidh agam anis foghar torach gun treabh- adh, gun chur, gun chliathadh ! Bithidh m' aoibhneas gun searmonachadh, gun ghealladh I na h-uile nithe agam bàll-dìreach o ghnùis Dhè" fèin I Is iomadh measg- adh a gheibhear anns an t-sruth, ach is aoibhneas glan a gheibhear anns an tobar fèin. An so cuairtichear mi leis an t-siorruidheachd, agus bithidh mi beò gu bràth, ag àrd-mholadh an Tighearna ! Cha n-fhàs m'aoduinn preasach, cha n-fhàs m'fhalt Hath; oir cuiridh 'an corp truaillidh so neo-thruaillidheachd uime,' agus cuir- idh ' an corp bksmhor so neo-bhàsmhorachd uime,' agus ' sluigear suas am bàs le buaidh i 0 bhàis, c'àit am bheil' anis ' do ghàth ! 0 uaigh, c'àit am bheil' anis ' do a' Mhèorachadh Neamhaidh. 347 bhuaidh !' Cha ruith là m' aonta de'n bheatha so gu brkth ! Cha chuirear dragh òrm ni's mò le smuaintibh air uamhas a' bbàis ! Cha n-f huaraichear ra' aoibhneas le eagal a chàll ! An dèigh do iomadh, iomadh, iomadh mile linn a dhol seachad, cha bhi mo ghlòir ach a tòis- eachadh ; agus an, dèigh do iomadh ceud mile linn tuilleadh gabhail seachad, cha n-fhaisge crioch mo ghlòire. Is àrd ghrian gach là, is foghar gach mios, is gàirdeachas gach bliadhna, is làn-aois neartmhor, aoibh- neach gach linn, agus is aon siorruidheachd so uile ! 0 shiorruidheachd bheannaichte ! glòir mo glòir' ! iomlan- achd m'iomlanachd ! " Ah ! nis, a chriclhe lùnndaich, thromsanaich, nach mail, fuar a gheibhear thus' a1 smuaineachadh air là d'ath-bheothachaidh so ! An fheàrr leat suidhe sios anns a' phòll, na gluasad ann an lùchairt Dhè ? Am bheil thu nis a' cuirahneachadh air do ghnothach aimsireil, no 'smuaineachadh . air d' ana-miann, air do thait- neas talmhaidh, no air do chòmpanaich aighearach ? An f heàvr a bhi bhos an so, na shuas maille ri Dia ? Cò cuideachd a's feàrr ? Cò taitneas a's mò ? Tiugainn, tiugainn ; uam do leisgeul, uam do dhàil. Tha Dia anis ag àithneadh dhomh-sa, agus tha mis' anis ag àith- neadh dhuit-sa. Tog ort, matà, crioslaich suas do leasrach. Dirich an sliabh. Seàll mu-n-cuairt duit le creidimh agus cùram. Na seall air d'ais air sligh an fhksaich, mur ann gu smuaineachadh cho glòrmhor, maireannach 's a tha an rioghachd a ta shuas, agus gu thuigsinn na's feàrr cho taitneach 's a tha ì seach fasach sin na h-ulartaich. Sid shuas glòir d'Athar I Sid, O m'anam ! an t-àit gus an giùlainear thusa, 'nuair a dhealaicheas tu ris a'chorp so ; agus an deign do chumhachd do Thighearna an corp so a thogail suas o'n uaigh, agus thu-fèin 'us esan aonadh arìst ri 'chèiìe, bithidh sibh, — m' anam agus mo chorp, — beò gu bràth maille ri Dia. An sid chithear an ' Ierusalem Nuadh' ghlòrmhor, na geatachan neamhnuideach, na bunaitean neamhnuideach, na sràidean òir, agus an t-ùrlar òir a7s goilleire dreach. Cha bhi feum an sid air a' ghrèin ud a tha nis a' soillseachadh an t-saoghail so ; dealraichidh tu-fein cho soilleir ris a ghrèm ud. Is è Dia fèin a* 348 Càmhradh Diadhaidh ghrìan, agus is è Criosd fèin an solus an sid, agus 'n a sholus gheibh thusa solus. O m'anam ! am bheil thus' ' a' cur 'an amharus gealladh Dhè le mi-chreidimh ?' Is mòr m'amharus ort. Na'n do chreid thu gu lkn anns a' ghealladh, bhiodh tu air do lionadh leis na's mò na tha thu. Nach 'eil è agad fo làimh-sgriobhaidh, fo shèula agus fo f hocal Dè ? An urrainn Dia bre'ug a dheanamh? An urrainn an Tì, a's è an fhìrinn fèiii, a bhi brèugach? Carson a ghealladh è dhuit na's mò na 's àill leis a choimhlionadh ? An f heàirrd Dia thus' a mhealladh le brosgul ? Na bu dàna dhuit an Dia glic, cumhachdach, firinneach a choireachadh. Nach iomadh gealladh a bha air a choimhlionadh dhuit ann an gnìomh d'iompachaidh ! An abair thu gu'n tig local meallaidh o Dhia? 0 thus', a chridhe thruaigh an as-creidimh ! Nach tug Dia dhuit gealladh air fois, agus an diu.lt thu è? Faod- aidh do shtiilean, do chluasan, agus do chàilean uile do mhealladh, ach cha dean gealladh Dhè* do mhealladh. Is cinntiche dhuit gealladh Dhè, sgriobhte 'n a fhocal, na ged chitheadh tu è le do shuilibh, no ged làimhsich- eadh tu è le do làmhan. An cinnteach thu gur beò thu, no gur h so an talamh air am bheil thu a'd' sheasamh, no gu'm bheil do shuilean a' faicinn na greme ? Cho cinnteach sin tha uile ghlòir so nan naomh; cho cinnteach sin bithidh mise na's àirde na rèultan nan spèur ud, agus beò gu bràth anns a' bhaile naomh, agus seinnidh mi cliii m'Fhear-saoraidh gu h-aoibhneach, ait ; mur bi mi air mo dhunadh amach le mo ' dhroch cridhe mi-cre o n Dia bheò. " Agus am bheil an f hois so cho milis 'us cho cinnteach sid ? Ciod, matà, is ciall do mhi-churam an t-saoghail? An aithne dhoibh ciod a tha iad a' dearmad? An cual' ìad riamh mu 'timchioll, no 'm bheil iad 'n an cadal, no marbh ? An aithne dhoibh gu'm bheil an crim rompa, 'us ìad-fèin gun aon chèum 'n a dhèigh, no fathast a' ruith air diomhanas ? Nach tròrach iad a' stad 's a' tional cho dian air an t-sligh, 'us iad a' greasad gu luath gu saoghal eile, agus an sonas RÌorruidh wn am mòr chnnnart. Na'n robh aon a' MJieoracliaidh Nèamhaìdh. 349 srad rèusain aca, cha reiceadh ìad am fois air faoin obair, cha reiceadh ìad an glòir air dìomhanasaibh saoghalta, no idir nèamh air taitneasaibh peacach. A dhaoine truagh ! 0 na'n tugadh sibh fainear bhur cunnart, an sin bu shuarach leibh gach greìm meallaidh dhiubh sin ? Gu-ma beannaichte gu bràth an gràdh siu a shaor mise o'n dorchadas mhealltach so ? " Thig na's faisge fathast, 0 m'anam I le do ghràdh a's dùrachdaiche cèum. So dhuit gnothach air an oibrich è, rud-eigin a's fhìach dhuit a ghràdhachadh. 0 faic an àilleachd a chithear an so ! Nach 'eil gach maise 's an t-saoghal cruinn an so ! Nach mì-dhreach gach killeachd eile I Am fèumar do ghairm anis gu sin a ghràdhachadh. So dhuit anis cuilm mhilis air a sgaoileadh fo do shùilibh do uile chumhachdan d'anama ; agus am fèumar iarraidh ort beathachadh oirre ? Agus nach urrainn thu an Dia sin, an Criosd sin, a' ghlòir sin a ghràdhachadh, a ta cho fior airidh air grkdh ann an tomhas gun tomhas, — gu neo-chrìochnach ? G-ràdh- aichidh tu do charaid, a chionn gu'm bheil grkdh aige dhuit, agus nach 'eil grkdh do charaid cosmhuil ri grkdh Chriosd ? Cha n-urrainn guil, fuil, no fulang do caraid, socair a thabhairt duit, no do dheòir 'us do bhks fèin a chasgadh, ach tha krd chumhachd slànachaidh nach diobair a chaoidh, anns na deòir agus anns an fhuil a thuit o phearsa do Thighearna. " 0 m'anam ! ma's airidh grkdh, agus ma ghinear grkdh le grkdh, cia do-mheasraichte an grkdh a ta romhad an so ! Taom amach uile stòras d'aignidhean an so, ach is ro bheag iad uile. Hò ! nach robh tuil- leadh ann ! Hò ! nach robh è mile cuairt na's mò ! Fritheil Dhk-san an toiseach, a fhritheil dhuits' an toiseach. Faigheadh E ceud-ghin agus neart d'anama, a thug a neart agus a bheatha fèin ann an grkdh air do shon-sa. O m'anam, an grkdhaich thu òirdhearcas ? Sid agad tir an t-soluis ! So tir an dorchadais. Sid agad na reultan a' boillsgeadh, a1 ghealach a' dealradh, agus a' ghrian a' deàrsadh ; ach is beag iad sin uile, cha n-'eil iad ach mar lòchrain an crochadh air taobh- muigh tigh d'Athar, a chum do shligh a shoillseachadh dhuit, fhad 's a bhitheas tu ag imeachd tre 'n t-saoghal GS 350 Còmhradh Diadhaidh dhorch so : ach is beag is aithne dhuit an sonas agus a' ghlòir a ta air a thaobh-stigh ! An gràdhaich thu freagarrachd ? Cò is freagarraiche na Criosd ? A dhiadhachd agus a dhaonnachd, a lànachd agus a nasgaidheachd, a dheònachd agus a sheasmhachd, ìad sin uile a' sìor-èlgheachd gur è caraid a's freagarraiche. Ciod is freagarraiche airson do thruaighe na tròcair ? Ciod is freagarraiche airson do pheacaidh agus do thruaillidheachd na onoir 'us iomlanachd na naomh- achd ? Ciod an t-àit a's freagarraiche air do shon na nèamh? Am bheil an saoghal so ag còrdadh ri do mhiann ? Nach 'eil gu leòr agad deth ? No, an gràdh- aich thu buannachd agus dlùth dhaimh ? Càit am faigh thu buannachd a's feàrr na gheibhear air nèamh, no dàimh a's dlùithe na gheibhear an sin. " An gràdhaich thu fear-eòlais ? Ged nach f haca do shùil do Thighearn riamh, chuala tu a ghuth, fhuair thu gu trie a bheannachd, agus bha thu beò 'n a uchd. Theagaisg è dhuit eòlas ort-fèin agus air-fèin ; dh'f hosg- ail è dhuit a' cheud uinneag sin tre 'm faca tu an rathad glan astigh do nèamh. An di-chuimhnich thu 'nuair a bha do chridhe mi-chùramach, agus a dhùisg è dhuit e ; cruaidh agus a thaisich è dhuit e ; fuar, agus a bhlàth- aich è dhuit è ; rag, agus a thug è air gèilleadh ; ann an sith ris a' pheacadh, agus a ghluais è gu cogadh ; slàn, agus a bhris è dhuit è, 'g a shlànachadh arìst? An di-chuimhnich thu na h-uairean air an d'fhuair è fo dheòir thu, ag èisdeachd ri d'osnaich agus ri d'acain uaignich, a' fàgail nan uile nithe, 's a' teachd a thoirt sòlais dhuit ; 'g a do ghlacadh, mar gu'm b'ànn, 'n a ghàirdeanaibh agus ag ràdh, ' Anam bhochd, ciod a tha 'cur ort ? Am bheil thu ri guil, an dèigh dhomh-sa guil cho mòr air do shon ? Biodh deadh mhisneachd- agad ; is slàint agus cha bhàs do lotan ; is mise-fèin, leis nach kill do chron, a rinn iad ; geda leigeas mi ruith le d'fhuil, cha leig m\ idir ruith le do bheatha.' Is cuimhne leam a ghuth. Cia min, ciiiin, socrach a thog è suas mi ! Cia ciiramach a cheangail è mo lotan ! " Thar leam gu'n cluinn mi è fathast ag ràdh, ' A pheacaich bhochd, ged is mi-chaoimhneil a bhuin thusa rium-sa, agus geda thilg thu air falbh uait mi, fathast I a' Mhebracliaidh Nèamhaidh. 351 cha bhuin mise mar sin riut-sa. Geda clmir thusa suarach mi-fèin agus rao thròcairean, fathast is leat-sa mise agus mo thròcairean uile. Ciod a b'àill leat mis' a thoirt duit ? Agus ciod a tha dh-easbhuidh ort, nach urrainn mis' a thoirt duit ? Ma's taitneach leat ni sam-bith a ta agam, gheibh thu è. An gabhadh tu maitheanas ? Matà. maithidh mi dhuit gu saor d'f hiach- an uile. An gabhadh tu gràs agus sìth ? Matà, gheibh thu iad sin le chèile. An gabhadh tu mi-fein ? Fèuch, is leat-sa mise — do Charaid, do Thighearn, do Bhràthair, do Chompanach, agus do Cbeann. An gabhadh tu an t-Athair ? Bheir mise d'a ionnsuidh thu, agus bithidh è agad, armam-sa agus tromham-sa.' " Bìad sin focail ath-bheothachaidh mo Thighearna. Ach an dèigh sin, an uair a chuir mise teagamh 'n a ghràdh, is cuimhne leam fathast na h-argumaidean làidir a labhair è rium agus a bhuadhaich air gach teagamh, ag ràdh, ' 0 pheacaich, am bheil thu fathast ann an teagamh an d&gh dhomh-sa uiread a dheanamh chum mo ghràdh a dhearbhadh dhuit ? Nach robh mi fada, fada 'g am' thairgse fein 's a' tairgse mo ghràidh dhuit, agus am bheil thu fathast fo theagamh nach 'eil mi toileach a bhi leat ? Nach daor a dhearbh mi dhuit gu'm bheil gràdh agam dhuit? Nach creid thu am fulangas searbh sin a thug mo ghràdh dhuit òrm. Nach 'eil mi aims an t-soisgeul mar leòmhan an aghaidh do naimhdean, agus mar uan dhuit- sa, agus nach fhiach leat mo chaoimhneas blath agus mo nàdur mìn ? Na'm àill leam do bhàs, carson a dh-fhuiliginn 's a dheanainn uiread a chum thus' a chumail beò ? An robh fèum agam air d'iarraidh cho liosda ; agus air do leantuinn cho foighidneach ? Carson a tha thu nis ag innseadh d'uireasbhuidh dhomh ? Nach 'eil gu leòr agam air mo shon fèin agus air do shon-sa ? Cuime 'dh-innseas tu do neo-airidheachd dhomh? oir na'n robh thu-fèin airidh, càit an robh d'f hèum air m'airidheachd-sa ? An tug mi riamh cuireadh, no teàrnadh do mhuinntir airidh agus f hireanta, no am bheil an leithid sin air thalamh ? Am bheil thu gun ni sam-bith agad ? am bheil thu càillte agus truagh, gun chuideachadh agus tu uirbheas- ach? Am bheil thu nis a' creidsinn gur Slànuighear 352 CbmJiradh Dìadhaidh uile-f hoghainteach mise, agus an àill leat mo ghabhail ? Feuch ! is leat-sa mi, gabh mi ; ma tha thusa toileach, tha mise toileach ; agus cha n-urrainn peacadh, no Sàtan ar pòsadh a bhriseadh.' " Sin, 0 sin na focail bheannaichte a labhair Spiorad an Tighearna rium anns an t-soisgeul, gus an tug è òrm mi-fèin a thilgeil sios aig a chosaibh, agus èigheachd amach, ' Mo IShlànuighear, agus mo Thighearna, bhris thu, dh ath-bheothaich thu mo chridhe; thug thu buaidh air, choisinn thu è ; gabh è ; is leat è ; ma thoilicheas a leithid de chridhe thu, gabh è; mur toilich, dean è mar a b'àill leat è 'bhith.' Mar sin, 0 m'anam ! faodaidh tu cuimhneachadh air a' chòmhradh mhilis, eòlach, shaor a bha agad ri Criosd ; uime sin, ma ghinear grkdh le eòlas taitneach air neach, dòirt amach do chridhe do Chriosd. Is e-fèin a sheas aig leabaidh do ' thinneis iarganaich ;' is e-fein a lughdaich do phian ; is e-fein a dh'ùraich thu 'us tu sgith ; is e-fèin a dh'fhuadaich air falbh d'eagal. B'ullamh riamh è gu do fhreagairt, 'nuair a ghairm thu air gu dùrachdach ; choinnich è riut ann an àitibh follaiseach agus uaigneach ; f huaradh leat è anns a' choimhthional, ann do thigh, ann do sheòmar, anns an achadh. ann m faire na h-oidhche, agus ann an iomadh cunnart mhòr. " Ma tharruingear gràdh le fialachd agus iochd, is mòr, ann an tomhas gun tomhas, m'fhiachan-sa do ghràdh Chriosd ! Gach tròcair ann an cuairt mo bheatha, gach ait anns an robh mo chòmhnuidh, gach cuideachd 'us neach air an robh mi eòlach, gach seirbhis, obair agus dàimh, gach cor anns an robh mi agus gach atharrachadh tre 'n deachaidh mi riamh — tha iad sin uile nis ag innseadh dhomh, gur maitheas a' sior-sruth- adh an tobar. 0 Thighearna, is mòr an gràdh a ta agam ri phàidheadh dhuit I Agus tha m'fhiachan a' sior-mheudachadh gach là ! Ciamar a bheirinn-sa gràdh arìst airson gràidh cho mòr ! Ach an dàna dhomh smuaineachadh air thus a phàidheadh, no air do ghràdh-sa ath-dhioladh le moghradh fèin? Am pàidh mo sgillinn bhochd-sa thusa airson nam mèinn òir a thug thu dhomh ? Am pàidh miarrtas ainmig d'f hialachd nach sguir ? Mo chuid-sa, neo-ni, ma tha cuid agam, a' Mheòrachaidh Nèamhaidh. 353 airson do chuid-sa a ta neo-ch'rìochnach ? An dàna dhomh-sa strì riut-sa ann an obair gràidh ; no mo shradag fhànn a chin* a strì ri Grèin a' ghràidh. An urrainn mise gràdhachadh cho àrd, cho domhain, cho leathann, cho fada, ri Gràdh fèin ; cho mòr ris an Tì a rinn mì, agus a rinn mo ghràdh, agus a thug dhomh am beagan gràidh a ta agam ? Cha mhac-samhuil mise dhuit ann an oibribh cumhachdach, no ann an cruth- achadh, no ann an gleidheadh, no ann an riaghladh an t-saoghail, ni mò is mac-samhuil m\ dhuit ann an gràdh. Cha n-eadh, cha n-eadh, a Thighearna, ach gèilleam dhuit-sa, oir thug thu buaidh òrm. O bhuaidh bheannaichte ! Gabh air d'aghairt gu buadhmhor, agus buadhaich fathast, a' deanamh buaidh-chaithream ann an gràdh. Eighidh priosanach a' ghràidh do bhuaidh, 'nuair a threòraicheas tu mi le àrd chaithream o'n talamh gu nèamh, o bhàs gu beatha, o bhreitheanas gu do righ-chaithir. An sin, aidichidh mi-fèin, agus gach uile neach a chi h, gu'n tug thu buaidh, agus their na h-uile, ' Feuch cionnus a ghràdhaich se è !' " Ach bitheadh mo ghràdh-sa sìnte fo do ghràdh-sa ; oir ged nach mi do choimeas, is mi do phriosanach air mo shaoradh leat. Nach toir mi gràdh idir, a chionn nach urrainn mo ghràdh èirigh gu meud do ghràidh-sa? Hò ! nach mise b'urrainn a ràdh gu beò-chridheach, 'Is toigh learn thu,' eadhon mar is toigh leam mi-fern, ?us mo charaid ! Ged nach urrainn mi ràdh, mar thuirt an t-Abstol, ' Tha fios agad gur toigh leam thu ;' gi- dheadh is urrainn mil 'radh, a Thighearna, tha fios agad gur è mo mhiann do ghràdhachadh. Tha fearg òrm ri mo chridhe, nach 'eil gràdh na's mò aige dhuit ; cron- aichidh mi è, ach cha tèid è am feothas ; reusanaichidh mi ris, agus bu bhuidhe leam 'aomadh leam, ach cha n-fhaigh mi gluasad ànn ; buailidh agus suathaidh mi è le òrduighean an t-soisgeil, ach fathast, cha n-fhaigh mi blàth è 's an taobh-stigh dhiom. Anam neo-airidh I nach 'eil do shiiil anis air an aon chuspair a's àillidh a ta ann ? Nach f haic thu nis glòir anabarrach aoibh- neach nan naomh ? Agus nach gràdhaich thu ? Nach anam rèusanta thu, agus nach tigeadh do d' rèusan inn- seadh dhuit gur toll dubh an talamh so, ann an coimeas Gg3 354 Còmhradh Diadliaidh ri glòir nèimh ? Nach spiorad thu-fèin, agus nach bu chòir dhuit Dia a ghràdhachadh, oir is Spiorad Dia, agus is e-fèin Athair nan Spiorad ? Cuime 'ghradhaich- eas tu do chrìadh bhàsmhor cho mòr, agus nach gràdh- aich thu glòir nèamhaidh na's mò ? An gràdhaich thu 'nuair a ruigeas tu shuas ? 'nuair a thogas an Tighearn do chorp às an uaigh, agus a bheir è ort dealradh mar a' ghrìan ann an glòir fad saoghal nan saoghal ; an gràdh- aich thu air an là sin ? Nach coinneamh luchd-gràidh an t-àit sin gus an togar suas thu ? Nach staid gràidh a' bheatha an sin ? Nach ì sin là-bainnse mòr an Uain ? Nach obair gràidh, an obair an sin, far am faigh anam- unan an lìonadh le gràdh maille ri Criosd ? Mara, 0 m'anam, tòisich air an obair an so ! Bi tinn le grkdh anis a chum a bhi slàn le gràdh an sid. Cum thu-fem anis ann an gràdh Dhè, agus na leig le beatha, no bàs, no ni sam-bith do sgaradh uaith, agus gleidhear thu ann an lànachd a' ghràidh gu bràth ; agus cha lughdaichear. cha searbhaichear do thoil-inntinn le ni sam-bith ; oir dh'ullaich an Tighearn baile gràidh agus àit chum a ghràdh a thaomadh air a shluagh taghte, agus iadsan a bheir gràdh d'a ainm, còmhnaichidh ìad ànn. " Dùisg, dùisg, matà, 0 m'anam chadalaich ! Is mi- rè'usanach cadal fo sholus a'ghràis, agus is miosa na sin cadal fo dhrùth-theachd soluis na glòire. Thig a- mach anis, mo spiorad trom, reòta agus do Thighearn ag ìarraidh ort gàirdeachas a dheanamh arìst 's arìst. Laidh tbu fada gu leòr ann am prìosan na feòla, far an robh Sàtan 'n a dhorsair dhuit, cùraman 'n an ìarunn ort, eagalan 'n an sgìùrsaran dhuit, aran agus uisg àmh- ghair 'n am biadh dhuit, far am b'è bròn do thigh- còmhnuidh, do pheacaidhean agus do naimhdean a' deanamh do leapa dhuit, agus do chridhe mì-chreideach na dorsan agus na cruinn-dùnaidh a bha 'g ad' cumail astigh. Tha Aingeal a' cho-cheangail a' gairm ort anis, a' bualadh aig do dhorus anis, agus agìarraidh ort èirigh anis agus a leantuinn. Eirich, 0 m' anam ! agus freagair agus lean è gu suilbhir, agus teichidh do cheanglaichean agus do ghlasan air falbh gu lèir. Lean an t-Uan ge-b'-e taobh a thèid è. An tigeadh dhuit eagal a bhi ort Fear-treòrachaidh a leantuinn? An a1 Mheòrachaidh Neamìiaìdh. 355 urrainn a' Ghrìan do threòrachadh gu àit dorchadais ? An treòraich an Ti sin gu bàs thu, a bhàsaìch, agus a tha beò, chum thus1 a shaoradh o'n bhàs ? Lean è gu luath agus nochdaidh è pàrras Dhe dhuit. Bheir è dhuit sealladh de'n ' Ierusalem Nuadh,' agus blasad air ' craoibh na beatha.' Thig amach, mo spiorad fuar, fann, agus cuir dhìot d'èideadh geamhraidh ; feuchadh d'èideadh aoibhneis agus molaidh gu'm bheil d'earrach air teachd, agus mar tha do shòlas anis tirail, gòrm, nach f hada gus am bi thu-fein geal, abuich airson an f hoghair ; agus an sin gairmear thu gu buain, gu tional, agus gu seilbh a ghabhail. Ach an tig dhomh dàil a chur 'n am aoibhneas, agus a shineadh uam gus an là sin ? Nach còir do aoibhneas an earraich a dhol roimh aoibh- neas an fhoghair? Nach f hiach tiodal mu'm faighear làn sheilbh air ? Nach àirde staid an oighre na staid tàrlaid ? "Theagaisg mo Thighearn dhomh gàirdeachas a dheanamh ann an dòchas a ghlòire fèin ; agus ciamar a chi mi a ghlòir tre bhallachan priosain ; oir an uair a nithear ' geur-leanmhuinn òrm airson na còrach,' thu e-fein ag àithneadh dhomh ' gàirdeachas a dheanamh agus a bhi ro shubhach, a chionn gur mòr mo dhuais air nèamh.' Tha fios agam gu'm b'àill leis mo ghàird- eachas a bhi na's mò na mo bhròn, agus tha fios agam, ged is mòr a thlachd anns an anam a ta ' iriosal, briste, brùite,' gur mo na sin a thlachd anns an anam aig am bheil tlachd ànn-fèm. Nach do dheasaich mo Thigh- earn bòrd dhomh anns an fhksach, agus nach do chòmhdaich è dhomh è le geallaidhean air glòir sìorruidh, 'us biadh ainglean romham air ? Nach trie, diirachd- ach, fial a chuireadh dhomh gu suidhe sios aig a bhòrd, agus itheadh gun sòradh ? Nach do bhuilich h òrm, chum na criche sin, rèusan, ciall, creidimh agus nàdur aoibhneach, agus am faod è 'bhith nach b'àill leis mis' a bhi aoibhneach ? Nach 'eil h nis ag àithneadh dhuit 'tlachd a ghabhail anns an Tighearn' agus a' gealltuinn ' iarrtais do chridhe thabhairt duit ?' Nach 'eil è nis ag rkdh riut, ' Dean gàirdeachas a ghnàth ;' seadh. sèinn gu h-ait, agus dean iolach ait ? Carson, matà, a bhithinn-sa fo lag mhisneachd ? Tha mo Dhia toileach, na'n robh mise toileach. Tha tlachd aige ann mo 356 Comhradh Diadhaidh thlachd-sa. Is kill leis mis' a bhi fagus dà gach là 'us uair, agus a bhi do ghnath anns gach gnothach a' creidsinn knn, a' meòrachadh air, agus air mo lionadh le smuaintibh milis, beò air a mhaitheas. 0 m' obair bheannaichte, freagarrach do mhic Dhè ! Ach, 0 Thigearna, ged is mòr a' chuilm ud a chuir thu romham, is beag ì dhomh-sa gus au cuirear acras òrm. Chuir thusa biadh milis, blasda nèimh romham, ach mo chreach ! tha mise cho dall as nach f haic mi è, cho tinn, fann as nach fhaigh mi bias milis air, cho meil- ichte, fuar, rag as nach sin mi mach lamh d'a ionnsuidh. Air an aobhar sin, a Thighearna, iarram gu h-iriosal an gràs àraid so uait, mar dh'f hosgail thu nèamh dhomh le d'f hocal, fosgail mo shiiilean, chum gu'm faic mi è, agus mo chridhe gu tlachd a ghabhail ànn ; air-neo cha bhi nèamh 'n a nèamh dhomh-sa. 0 thus', a Spioraid na beatha, sèid air do ghràsaibh fèin annam-sa. Gabh air làimh mi. Tog suas o?n talamh mi, chum gu'm faic mi a' ghlòir sin a dh'ullaich thu airson na muinntir aig am bheil gràdh dhuit ! " Teichibh uam anis, sibhs' a chùraman agus eagalan a bha 'buaireadh m'anama, agus teich thus', a bhròin, a bha gu trie a' ciurradh mo chridhe. Hò ! Teichibh uam car nine ; leigibh dhomh car tamuill ; seasaibh air ais ; fknaibh shios an so, gus an tèid mise suas agus am faic mi m'f hois. Ged nach 'eil mise fìor eòlach air an rathad, is eòlach Criosd air. Sin an t-àit-còmhnuidh siorruidh a bha riamh aige mar Dhia glòrmhor. Sin an t-àit gus an tug è a chorp glòraichte fèin. Bì obair Chriosd an t-kit sin a cheannach. Is i obair Chriosd an t-kit sin ullachadh, agus mise ullachadh air a shon, agus mo thoirt d'a ionnsuidh. Thug Dia siorruidh na firinn gealladh dhomh, — gealladh sèulaichte le sèula agus le focal Dhè, — ma chreideas mi, agus is mi a chreideas. ' ann an Criosd, nach sgriosar mi, ach gu'm bi a' bheatha shiorruidh ngam.' Is goirid an iiin gus an togar m'anam a dh-ionnsuidh an kite naoimh sin, agus cha n-fhada gus an lean mo chorp h. Agus am faod mo theangaidh a ràdh, Is cinnteach, cha n-fhada gus am bi mise beò maille ri Dia, agus nach lèum mo chridhe nis le aoibhneas 's an taobh-stigh dhiom ? Am ! a' Mheòrachaidh Nèamhaidh. 357 faod mi sin a ràdh tre chreidimh, agus nach fhaod mì a ràdh le aoibhneas ? Ah ! thus' a chreidimh, is soilleir dhomh anis do laigse ! Ach geda dheanadh mi-chreidimh mo sholus dorch, agus mo bheatha trora, agus m' aoibhneas a mhùchadh, cha n-urrainn è buaidh a thoirt òrm, no idir mo sgrios. Geda ghabhadh è farmad ri mo shòlasaibh uile, fathast, ge b'oil leis, gheibh mise criomag 'us criomag shòlais an so : ach nach bu mhòr, làn, pailt mo shòlas, mur beanadh làmh a1 mhi-chreidimh rium idir ! an sin dhealraicheadh solus aoibhneach nèimh air mo chridhe, agus is beag nach bithinn cho eòlach air nèamh 's a tha m\ air an talamh. Tiugainn, matk, 0 m'anam, dim do chluasan, 'nuair a chluinneas tu càinnt 'us fuaim aineolach an as-creidimh. Faodaidh tu gach argumaid, a chluinn- ear 'n a bhe'ul, a f hreagairt agus a chur 'n a tosd, no mur tèid agad air sin a dheanamh, dean a saltairt fo do chasan gun da.il. Tiugainn, tiugainn, 0 m'anam ! na seas idir ag amharc air an uaigh sin, a' tionndadh nan cnàmhan tioram sin, no idir a' lèughadh do leasain anis anns an duslach ; oir is goirid gus an dubhar amach na litrichean sin. Ach tog suas do cheànn gu h-àrd, amh- airc anis gu nèamh, agus faic d'ainm ann an litrichibh òir, ' sgriobhta o thoiseach an t-saoghail ann an leabhar beatha an Uain a chaidh 'mharbhadh.' " Ciod a theireadh tu na'n tigeadh aingeal a dh-inn- seadh dhuitanis, gu'm bheilàit-còmhnuidh air'ullachadh dhuit air nèamh, agus gur leats' è gu bràth gun teagamh air-bith, nach b'aoibhneach leat an teachdaireachd sin ? Agus an cuir thu suarach focal a' gheallaidh a thugadh dhuit leis an Spiorad, agus eadhon le Mac Dhè fèin ? Abair anis gu'm faca tu carbad teine a' teachd anuas o nèamh a chum thus' a thogail suas ànn, mar thogadh suas Eliah, nach b'aoibhneach leat sin ? Ach nach 'eil thu air do dheanamh làn-chìnnteach le do Thighearn, gu'n robh anam Lasuruis air a ghitxlain le cuideachd ainglean gu uchd Abrahaim, is è sin ri radh, gu onoir 'us glòir nèimh? Nach aighreach a chithear am misgeadair ameasg nan cuach rapach, agns nach simntach a shluig- eas an geòcair a ghreim reamhar, Ian, agus carson nach bithinn-sa aighreach, sunntach aoibhneach, ait 'us mi 358 Còmhradh Diadhaidh air mo rathad dìreach gu nèamh ? An taitneach leam biadh 'u.s deoch, 'nuair a bhitheas acras agus tart òrm ? an taitneach leam imeachd air sràidibh breagha, ann an liosaibh òrdail, grìnn, agus còmhnuidh a ghabhail ann an tigh goireasach ? An taitneach nithe bòidheach do mo shuilean, an taitneach ceòl bìnn do mo chluasan, agus am mol mì fàile cùbhraidh ? agus nach gabh mì tlachd 'us taitneas ann an smuaineachadh roimh-làimh air sonas nèamhaidh? " Faigheam mo làithean a chaitheamh, a' cruinneach- adh eòlais gu milis, toilichte ameasg mo chuid leabh- raichean, an sin, theirinn soraidh leat a shaoghail, agus ghabhainn truas ris na daoine mora, saoibhir sin do nach aithne an sonas so. Ach cia mòr mo shonas air nèamh, far am bi m'eòlas iomlan ! Thàinig bàn-rìgh Shèba bho àitibh iomallach na talmhainn a dh-eisdeachd ri gliocas Sholaimh, agus a dh-f haicinn a ghlòire, ach cia suilbhir bu choir dhomh-sa nis a dhol o'n talamh gu nèamh a dh-fhaicinn glòir an Righ shiorruidh, agus a mhealtuinn a' ghliocais a's àirde ; oir ann an coimeas ri sin, is amadain 'us amhlairean na fir a's ionnsuichte air thalamh ? Ciod na'n deanadh Dia àrd ìompair dhìom thairis air an talamh uile ; ciod na'm b'urrainn mi beànntan atharrachadh, èucailean a shlànachadh le m'fhocal, no le bàrr mo mheòir, no deamhain a thilg- eil amach, nach tigeadh dhomh aoibhneas a dheanamh ann an cumhachd 's ann an onoir cho mòr sin ? agus nach dean m\ aoibhneas gu'm bheil m'ainm sgriobhta ann an nèamh ? " An so gabhaidh m\ taitneas ann mo phàrantaibh agus ann mo chàirdean dileas, gaolach uile : nach bu taitneach leam iomairt mo ghràidh, 'nuair a leig mi ris è do mo charaid ! Ach O ! cia taitneach a bhi beò gu bràth ann an gràdh maireannach Dhè ! ' Feuch, cia maith agus cia taitneach an ni do bhràithribh còmhnuidh a gabhail cuideachd ann an aonachd !' Cia taitneach teaghlaoh, fear-pòsda agus a bhean, pàrantan 'us clann, maighstearan 'us seirbhisich 'fhaic- inn beò agus a' deanamh gach ni d'a ch^ile ann an gràdh ! cia taitneach baile 'fhaicinn beò ann an grkdh, gun fharmad, gun trod, gun chònsachadh, gun a' MheòracTimdh Neamhaidh. 'àh'ò chòmhstri, gun aimhreit, eas-aontachd, no roinn, ach gach neach a'gràdhachadh a choimhearsnaich mar e-fèin, gach aon ag ìarraidh tuilleadh 'us tuilleadh a dheanamh airson aoin eile, agus a'strì cò a's mo gràdh do mhuinntir eile ; cia sona, cia taitneach an sealladb sin ! 0, matà, cia sona seach sin an teaghlach a bhitheas air nèamh, agus luchd-àiteachaidh sìtheil na h-Ieru- saleim Nuaidh, far nach 'eil roinn, no eas-aonachd, no mì-run, no fuath, no càirdeas cealgach, no aon fhocal mì-chaoimhneil, no sealladh, no smuaìn feargach, ach na h-uile 'n an aon ann an Criosd, neach a's aon maille ris an Athair, agus na h-uile beò ann an gràdh an Ti a's gràdh fèin ! An sin, cha mhò beatha na gràdh an anama. Cia fagus an sin a bhitheas m' anam do Dhia, 'nuair a ghràdhaicheas mi è cho toileach, cho taitneach, cho làidir gun sgur ! Ah ! thus' a chridhe thruaigh, as-creidmhich, a smuainicheas air là, air obair agus air beatha cho mòr so, le aoibhneas cho beag, ìosal, fànn ! Ach bithidh mo thoil-inntinn na's aoibhniche an dèigh so ! " Cia taitneach dhomh-sa nis oibre mora ach iosal sin a' chruthachaidh 'f haicinn agus ionnsuchadh ! Nach maiseach an aitreabh an tal'amh so air am bheil mo chòmhnuidh an dràst ; an t-urlar air a sgeadachadh le luibhean, niuraichean agus craobhan, agus air 'uisgeach- adh le tobraichean agus aimhnichean, an ìarmaìlt àrd os mo cheann, air a sgaoileadh amach cho farsuing, iongantach, àillidh ! Nach lionmhor iongantas a chith- ear anns a' ghrèin, anns a' ghealaich agus anns na rèult- aibh, anns na cuantaibh agus anns na gaothaibh ! Nach mòr, iongantach an tigh sin a dh'ullaich Dia airson chrèutairean truaillidh, airson anamanan ceangailte ann am priosan ; iomadh mile iongantas air am buileachadh air a naimhdean ! Ach 0 I cia mòr an tigh-còmhnuidh àrd sin a dheasaich è airson a shluaigh fein, — a chlànn ionmhuinn, ghràdhach fèin ! Cia mòr glòir na h-Ieru- saleim Nuaidh seach glòir nan uile chreutairean a chithear an diugh ! Eirich, rnatà, O m' anam, tog suas do smuaintean. bitheadh do smuaintean air a'ghlòir sin ! smuainich cia mòr, cia àrd, cia taitneach glòir nèimh seach òirdhearcas na talmhainn ! Na bitheadh eagal ort 360 Comhradh Diadhaidh a dhol amach as a1 chorp so, agus amach as an t-saoghal so ; oir is beannaichte d'imrich, is beannaichte d'ath- arrachadh ; ach abair mar thuirt aon roimhe aig uair a bhàis, ' Tha mi nis aoibhneach, lèumaidh mi le aoibh- neas ; oir thàinig m'uair, an uair air am faic mi Iehobhah uile-chumhachdach aghaidh ri aghaidh; roimhe so chunnaic mi le tlachd a mhòrachd ann an obair a làmhan, mhol mi a mhaitheas, dh'iarr 'us mhiann- aich mi è gu dian tre chreidimh, agus anis bithidh mi maille ris ann an glòir !' " Nach iongantach fòs iomadh obair an fhreasdail ! Cia taitneach an Dia mòr 'fhaicinn a' gabhail cùraim de na naoimh — beagan chrèutairean iriosal — luchd- hrnuigh air an cur suarach leis an t-saoghal, ach air an teàrnadh agus air an àrdachadh le Dia ! Nach taitneach dhomh cuimhneachadh air na tròcairean milis, mais- each, kraid a nochd è dhomh-fèin ann an cuairt mo bheatha ! Nach trie a dh'èisd è ri m'urnuigh, a chruinn- ich è mo dheòir, agus a dh'fhuasgail è m'anam o thrioblaid ! Nach trie a thubhairt mo Thighearn rium, ' Biodh deadh mhisneachd agad !' Nach mòr an neart dhomh gach fiosrachadh dhiubh sin, nach soilleir gach dearbhadh dhiubh sin air gràdh m'Athar, do mo chridhe fiamhaidh, mi-chreideach ! Ach 0 ! cia beannaichte an la sin air am faigh mi gach uile thròcair, tròcair ìomlan agus làn mhealtuinn Uhè na tròcair ! Air an là sin seasaidh mi air an tràigh mhòir, a' sealltuinn air m'ais air na fairgibh iiadhaich, atmhor, buaireasach tre 'n tàinig mi gu sàbhailt ; air an là sin seallaidh mi air m'ais air gach pian 'us bròn, air gach eagal 'us dèur, 'us mi nis a' mealtuinn na gloire sin 'bu chrioch dhoibh sid uile ! 0 na'n robh aon bhoinne de chreidimh beò agam maille ris na smuaintibh sin, cia nèamhaidh an cridhe 'bbith- eadh agam 's an taobh-stigh dhiom ! Ach is miannach learn a ràdh, ' A ta mi 'creidsinn, a Thighearna ; cuidich thusa le mo mhi-chreidimh.' " Cia mihs, 0 m'anam, òrduighean an t-soisgeil dhuit ! Nach bu taitneach ùrnuigh, moladh agus searmonach- adh nèamhaidh, agus cuideachd nan naomh dhuit, a' faicinn an ' Tighearn' a' cur ris an eaglais an dream a thèaruinear !' Ach cha n-urrainn mo chridhe nis 1'* «' Mhebrachaidh Nèamhaidh. 361 ruigheachd air an aoibhneas sin a bhitheas agam, 'nuair a chi m\ an eaglais fhoirfichte air nèamh, agus a ghabhar astigh mi do'n teampull nèamhaidh, a mholadh an Tighearna gu bràth maille ri armailtibh nèimh. Bu mliilse le lob focal an Tighearna na biadh a bheòil ; bu mhilse le Daibhidh è na eadhon a' mhil agus a' chir- mheala ; b'àrd aoibhneas agus gàirdeachas è do chridhe ieremiah ; ach cia beannaichte an là sin air an dean sinn Ian aoibhneas ann an Tighearn an t-saoghail so, gun f hèum tuilleadh air àithn, no air gealladh sgriobhte, no idir air leabhar a lèughadh ; oir chi sinn na h-uile nithe ann an gnùis ghlòrmhoir Dhè ! ' Ghabh' an sluagh, a chuala Criosd a' labhairt air an talamh, ' iongantas ri 'ghliocas agus ri 'f hreagraibh, agus ris na briathraibh gràsmhor a thàinig amach à*s a bhe'ul ;' ach cia mòr an t-iongantas a bhuaileas mise, 'nuair a chi mi a mhòrachd gu Ian shoilleir ! " An toir siii] ris a' ghloir so air muinntir eile fàilt a chur air anshocair a' chruinn-chèusaidh agus fuasgladh a dhiiiltadh, agus nach toir dòchas na glòire òrm-sa giùlain car tamùill gu suilbhir le trioblaidibh beaga ? An dean sùil ri glòir na lasraichean milis do na martar- ach dhiadhaidh, agus nach dean an dòchas cèudna mo bheatha, no mo thinneas, no mo bhàs nàdurrach, milis dhòmh-sa? Nach ann 's an aon bhaile nèamhaidh. a bhitheas iadsan agus mise beò ? Nach ionann Dia agus Criosd agus criin 'us glòir dhòmh-sa agus dhoibh-san ? Carson, matk, a gheibhear mo shùil cho dorch, mo chridhe cho marbh, mo ghnuis fo sprochd? Nach d'fhuair mi cheana roimh-bhlas beag air a' ghlòir ud, agus cia taitneach è seach na h-uile nithe talmhaidh, ach 0 1 cia taitneach a gheibh mi mo shonas iomlan air nèamh ! " Cia maiseach gràsan an Spioraid, ged nach ruigear orra an so ach ann an. tomhas neo-iomlan I Ach is beag iad sin ann an coimeas ris an staid iomlain gus an krdaichear m'anam an dèigh mo bhàis ! Nach bu shona mo bheatha air thalamh na'm urrainn mi Dia a ghrkdhachadh cho mòr 's a b'àill learn ; na'm bu ghrkdh mi uile, a' gràdhachadh do ghnàth ! 0 m'anam I ciod nach tugadh tu airson a leithid de bheatha ? 0 nach Hh 362 Còmhradh Diaclhaidh robh agam eòlas air Dia agus air 'fhocal, cho mòr 's a tha mì nis a' mìannachadh ! 0 nach mis' a b'urrainn earbsa làn a chur ann an Dia air uair gach tèinn, 'g a leantuinn cho beò-dhùrachdach 's a cimireas mì mo làmh ri dleasanas air-bith, 'g a mliìannachadh an còmhnuidh, mar thaitneas milis m'anama ; an sin cha ghabhainn farmad ri toil-ìnntinn, onoir, no glòir an t-saoghail. Ach, 0 m'anam ! is goirid gus am bi thusa ann an staid uile bheannaichte anns am faigh thu sòlas fada nan cìan na's mò na 's urrainn thu ìarraidh anis, ag oibreachadh d'uile bhuaidhean naomh le àrd aoibh- neas 'an dlùth làthair Dhè fèin, 'g a f haicinn gu soilleir, agus cha n-ann gu dorch, fada uaith, mar tha thu an dràst ! " Nach òirdheirc Eaglais Chriosd an diugh seach aon anam gràsmhor air-bith, ged is iomadh peacadh, àmh- ghar, 'us gdur-leanmhuinn fo 'm bheil ì nis a' fulang ? Ach cia glan an Eaglais, 'nuair a làn-chruirmichear agus a làn-ghlòraicbear ì ; 'nuair a dh-èireas ì suas o ' ghleànn nan dear' gu ' Sliabh Shioin ;' 'nuair nach peacaich agus nach fuilig ì ni's mò ! Is dorchadas agus mi-dhreach glòir na seànn Ierusaleim ann an coimeas ri glòir na h-Ierusaleim Nuaidh. An sin togaidh sinn iolach àrd, aoibhneach, ait a' faicinn cho glòrmhor 's a tha ar teampull nèamhaidh, 's a' cuimh- neachadh cho bochd, suarach 's a bha 'n eaglais air thalamh ! " Ach, mo chreach ! cia mor mo sheachran 'us mo chall ameasg mo smuaineachaidh. Shaoil leam fad na h-uine so gu'n robh mo chridhe bochd a' dol leam, ach tha mi 'faicinn nach robh e\ Is beag beatha 'gheibhear ann an smuaintibh 's ann am briathraibh falamh a dh-easbhuidh aignidhean. (Faic Caib. XIV. — Ear. II.) Cha n-fhaigh Dia, no mi-fein taitneas ànnta. Càit an robh thus', a chridhe neo-airidh, fhad 's a bha mis' a' fosgladh nan ionmhas siorruidh ud dhuit ? Nach 'eil nàir ort anis à do ghearan air easbhuidh sòlais, agus à do thalach air Dia airson do lìonadh le bròn, an deigh dhà gu diomhain taitneas ainglean a thairgse dhuit ? Carson nach do lean thu mis' anis gu curamach, dliith, agus gheibheadh tu dath-bheothachadh, lèumadh tu le a' Mheorachaidh Nèamhaìdh. 363 aoihhneas, agus dhì-chuimhnicheadh tu do phìan 'us do bhròn. Nach beag a shaoil leam gu'n robh mo chridhe oho leisg air gàirdeachas a dheanamh ? " Ach, a Thighearna, dh'ullaich thusa làn aoibhneas dhomh air nèamh. Air an aobhar sin, cuidich leam gu bhi gach uair 'g a ìarraiclh gus ara faigh m\ è : agus meudaich mo mhìann 'us m'fhadachd 'n a dhèigh, 'nuair nach urrainn mì gàirdeachas a dheanamh, mar a b'àill leam. 0 m'anam ! is aithne dhuit, tre bhuillibh do bhrdin, nach d'ràinig thu d'fhois fathast. Cuin a ruigeas mi an caladh ciùin, sàbhailt sin anns nach 'eil stoirm, no gaoth, no tonn, no cunnart ? an t-àit anns nach bi mi sgith gu bràth, agus anns nach bi agam la no oidhche gun fhois ! An sin, cha bhi mo bheatha air a measgachadh le dòchas agus eagal, le aoibhneas agus bròn, agus cha bhi m'f heòil agus mo spiorad a' cogadh ri'cheile 's an taobh-stigh dhiom; cha bhi còmhrag gun sgur eadar creidimh agus mi-chreidimh, eadar irioslachd agus uabhar. Hò I cuin a gheibh mi thairis air gach eagal, gach cùram 'us doilgheas a tha nis ciùrradh m'anama ? Cuin a gheibh mi mach às an fheòil so, a tha nis a'milleadh, a'mealladh agus a' ribeadh m'anama ? Cuin a thr&geas m\ an corp truaill- idh so, an saoghal diomhain, draghail, buaireasach so ? Och 'us Och ! leumar fantuinn agus eaglais 'us aobhar Chriosd 'fhaicinn air an luasgadh le cònspoid dhaoine, air an deanamh 'n an seirbhisich mharsantachd le daoine chum am buannachd thìmeil fèin a mheudachadh, no air am maslachadh le barailibh mealltach, faoin ! Ach cha n-'eil aon srad de'n aimhreit sin anns an ' Ierusalem nèamhaidh.' An sin gheibh mi spioradan foirfichte nan naomh a'còrdadh gu h-aon-ìnntinneach, dileas, i èidh, agus le làn timhlachd a' moladh an Eigh shior- ruidh. O cia mòr a b'f heàrr dhomh a bhi a'm' ' dhorsair' an sin, seach a bhi a'm' àrd uachdaran air an t-saoghal bhuaireasach so uile ! Cuime nach 'eil mi na's sgithe de'n sgios so ? Carson a tha mi cho ro thric a' di- chuimhneachadh. m'àite-tàimh ? " Suas, matà, O m'anam, tog suas do mhiann gu beò-dhùrachdach I Ka fuirich idir gus am miannaich an fheòil so 'dhol suas leat. Na bitheadh idir du.il agad 364 Còmhradh Diadhaidh gu'n tuig càil na feòla cò è sin do chuspair beannaichte, no gu'n innis ì dhuit ciod a's feàrr dhuit a mhìannach- adh. Nach marbh do mhìann an dèigh fois' ? Nach 'eil thu air do choireachadh le mi-thaingealachd 'us amaideachd ghràineil do nàduir ? Nach daor an luach a phàidh Criosd airson d'f hois', agus nach cuir . thusa tuilleadh meas oirre ? Nach deachaidh è suas romhad a dh-ul!achadh aite-còmhnuidh gblòrmhoir air do sbon, a thruaghain ! agus an leisg leats' a dbol a ghabbail còmhnuidh ànn ? Nacb 'eil Tighearn na glòire nis ag ìarraidh do chuideachd-sa, agus nacb ìarr thus' a chuideachd-san ? Am fèumar an talamh a dheanamh mar ifrinn fèin dhuit, mu'm f às thu toileach dealachadh ris, agus còmbnuidh a ghabbail maille ri Dia ? " 0 m'anam ! amhairc air a' chrèutair a's àillidh, no air an staid a's taitniche, agus innis dhomh càit am b'aill leat a bhitb, ach maille ri Dia? Is èire throm bochduinn ; is ribe saoibhreas ; is mi-thaitneach eas- laint ; is neo-chìnnteach slàint ; ' brutbaidh' an saoghal coimheach ' do shall ;' gonaidh an saoghal micdalach, fìamh-ghàireach thu gu do chridhe. Mar a's mo dh-iarrar 's a ghràdhaichear an saoghal leat, is ami a's mò dh-fhàsas do chron agus do cbunnart ; agus mur faodar an saoghal a ghràdhachadh, carson a dh-ìarramaid è ? Ma mholar thu, gu trie is plàigh dhuit oiteag a' mhol- aidh. Ma chùl-chàinear thu, no ira bhuinear riut gu mi-chaoimhneil, an airidh grèidheadh mar sin air do ghràdh? Ma tha gach gnothach ft' soirbheachadh leat gu pailt, agus ma's fheàrr leat do chàirdean diadhaidh na 'bhi beò maille ri Dia, is mithich do Dhia an toirt uait. Ma fhnair thu d'obair-ionnsuchaidh milis, nach d'f huair thu searbh ì mar-an-cèudna? Ciod is fhiach na nithe sin a's feàrr a cliithear no 'gheibhear ann an cuairt ghoirid na beatha so ann an coimeas ri co-chom- unn siorruidh ri Dianafirinn ? Bu taitneas do chàirdean dhuit ; ach nach bu dragh 'us bròn dhuit iad cuideachd ? Tha ìad bàigheil, ach nach 'eil iad peacach cuideachd? Tha iad caoimhneil, ach nach aithghearr a ghabhas iad fearg ? Tha iad iriosal, ach mo chreach ! cia krdanach iad cuideachd ! Is milis an deadh-ghean agus is fdumal an tabhartas ; ach nach searbh an truaillidheachd, naoh a? Mlieòrachaiclh Nèamhaidh. 365 cronail an gaoidean ? Agus an duilich leat am fàgail agus a dhol a dh-ionnsuidh do Dhia ? " 0 m' anam ! seall suas os-ceànn an t-saoghail so — saoghal nan iomadh bròn ! Thus' a bha cho fada air do bhualadh le slait ghoirt na trioblaid, nach clo thuig thu fathast na's feàrr ciod a tha na buillean sin a' cìallach- adh ? Nach b'ì crìocli gach buille do ghreasad air falbh à so ? Nach 'eil a guth, mar an guth a thubhairt ri Eliah, ' Ciod è do ghnothuch an so ?' Nach 'eil do Thighearn ag innseadh dhuit ' Anns an t-saoghal bith- idh àmhghar agaibh,' ach ' annam-sa bithidh sith ag- aibh ?' Ah ! mo Thighearn gràdhach, is mis' a tha nis a' mothachadh brigh d'fhocail ; tha e sgriobhte 'n am' fheòil agus geàrrte air mo chnàmhan. Tha thus' ag iarraidh mo chridhe ; do shlat a' greasad ; còrd min, blàth do ghrkidh a' tarruing ; agus sin uile chum mis' a thoirt h-ugad-fein. Ach, a Thighearna, an fhiach dhuit cridhe cho neo-airidh a ghabhail ? Dean airidh è, agus is leat è. Gabh h-ugad-fèin è, agus gabh mise leis. Gluaisidh an clodan so, ach cha n-eirich b suas, gus am beothaichear è. Mar naoidhean lag aim an uchd a mhkthar, seallaidh è suas riut, a' sineadh amach a làmhan agus a' miannachadh gu'n togadh tusa suas è. Ged nach urrainn mis' a rkdh, ' Tha m'anam a' miannachadh le dèigh ort ;' gidheadh is urrainn mi ràdh, Is è mo mhiann cridhe glan air a lìonadh le dèigh ort. ' Is togarach an spiorad, ach is anmhuinn an fheòil.' Eighidh mo spiorad, ' Thigeadh do rioghachd/ no thigeam-sa gu do rioghachd, ach tha eagal air an f heòil gu'n èisd thu ri m'ùrnuigh agus gu'n gabh thu mi air m'fhocal. O gu-ma beannaichte do ghràs a bheir air mo thruaillidheachd ì-fèin a mharbhadh, oir is eagal dhomh m'eagalan, agus is bròn dhomh mo bhròn, agus is fhada leam gus am meudaichear mo mhiann, agus mar sin tha mi air mo shàrachadh le lughad mo mhiann, agus tha sin a' meudachadh mo sgios, agus a' toirt òrm a ràdh le osnaich, Hò ! b'f heàrr gu'n robh mi aig m'fhois. " Gu dearbh, a Thighearna, tha m'anam ann an cruaidh chàs, air a ' theannachadh,' agus cha n-aithne dhomh ciod a's feàrr dhomh iarraidh ; ach is aithne Hh3 366 Còmhradh Diadhaidh dhuit-sa ciod a's feàrr a thabhairt dhomh. Is è ' siubhal agus a bhi maille ri Criosd a's ro fheàrr.' Ach chithear '• fèumail fantuinn 's an fheòil.' Tha fios agad nach 'eil mì idir sgìth dhe d'obair, ach tha mì sgìth peacaidh agus bi'òin. Tha mi toileach fantuinn fhad 's a bheir thus' obair dhomh an so, agus gach obair a thug thu dhomh a dheanamh gun dàil ; ach, guidheam ort, na fàg an so mi na's f haide, an dèigh do'n obair sin a bhi seachad ; agus fhad 's a dh-f hèumas mi fantuinn an so, bitheam a' dol am feothas, agus a' direadh suas. Dean mise na's lean* agus tog leat mi, 'nuair is feàrr mi. Cha dàna dhomh a bhi mi-fhoighidneach agus iarraidh ort mo làithean a ghearradh as ; agus mo thrusadh air falbh 'us mi neo-ullamh ; ni mò a b'àill learn fantuinn an dèigh do m'obair a bhi deante, a' peacachadh an so, 'nuair a tha mo bhràithrean a' deanamh àrd ghàirdeach- ais air nèamh. An durrag bhochd so air a bruthadh, 'nuair a tha na rèultan ud a' dealradh ann an iarmailt na glòire. Ach fathast is mise do leanabh-sa cho maith riutha-san : is è Criosd mo Cheànn-sa cho maith ri 'n Ceànn-san ; carson, matà, ' tha astar cho mòr eadar- ainn ?' Ach. is cothromach do shlighean-sa : is clànn sinne gu leir, ach is mis' an struidhear airidh air m'àit anns an tir a ta fada uait gu bhi beò air ' na plaoisg,1 'nuair tha iadsan ' a ghnàth maille riut,' agus a' meal- tuinn do ghlòire. Bha iadsan aon uair mar tha mis' anis agus is goirid gus am bi mise mar tha iad-fèin anis. "Biosal an staid mu'n d'ràinig iad an staid a's àirde. Is goirt a dh'f huilig iad mu'n robh iad air an deanamh 'n an rìghrean. ' Thàinig iad à h-àmhghar mòr' ach tha iad anis 'an làthair ììgh-chaithreach Dhe';' agus nach bi mise toilichte teachcl a dh-ionnsuidh do ehrùin-sa mar thàinig iadsan, agus ' òl de 'n cupan-san' mu'n ' suidh mi sios maille riutha anns an rioghachd ?' " Anis, a Thighearna, tha mise toileach feitheamh ri d'uair, agus falbh air do shligh, mar sin àrdaichidh tu mise fòs air d'àm maith fe'in ; agus bheir thu mi a dh-ionnsuidh do shabhail, 'nuair a chi thu abuich mi. An diugh miannaichidh mi, ach cha gheavain mi ; creididh agus iarraidh mi, ach cha dean mi cabhag pheacach. Is àill leam feitheamh riut, ach cha n-àill a' Mheorachaidh Nèamhaidh. 367 leam idir thus' a chall ; agus an uair a chì thusa mì ro thoilichte 'dh-easbhuidh do làthaireachd, an sin beoth- aich mo mhìann fànn, agus sèid suas sradag fhuar mo ghràidh ; agus na fag mi, gus an urrainn mì èigheachd amach le fìrinn, ' Mar thogras am fìadh chum nan sruth uisge, mar sin tha m'anam a' togairt a'd' ionn- suidh-sa, a Dhè. Tha tart air m'anam chum Dhè, chum an Dè bheò : c'uin a thig mi agus a nochdar mi am fìanuis Dhe? Tha mo chaithe-beatha air nèamh, an t-ionad às am bheil dùilagam ris an t-Shlànuighear. Tha m' aignidhean suidhichte air na nithibh a ta shuas, far am bheil Criosd 'n a shuidhe, agus arms am bheil mo bheatha folaichte. Gluaisidh mi arèir creidimh, agus cha-n ann arèir seallaidh ; a' ròghnachadh a bhi air choigrich (air falbh) às a' choluinn, agus a bhi lath- air maille ris an Tighearn.' " Ciod an tlachd a tha aig an t-saoghal bhochd so annam-sa ? agus ciod an ni àillidh a gheibhear ànn gu mo ghràdh a mhealladh air falbh o mo Dhia, no gu mi fèin a dheanamh mi-thoileach falbh as ? Thar leam, an uair a smuainicheas mi air an t-saoghal so gu ctiramach, gur ' fàsach ulartaich' è, agus gur uile- bheistean fiadhaich mòran de 'luchd-àiteachaidb. Is duaichuidh leam a mhaise gu ldir, agus bàthaidh mi gach sogh a gheibhear ànn le deòirbheag an aithreachais, no sgiotaidh mi air falbh è le anail m'osnaich. Hò ! na ceadaich do'n f heòil so m'anam a mhealladh gus a' bheatha bhochd, sgith so a ròghnachadh air thoiseach air an àrd aoibhneas a ta timchioll do righ-chaithreach ! Agus ged nach 'eil am bàs fèin taitneach do chàil mo nàduir, gidheadh deanadh do ghràs fèin do ghiòir cho soilleir, taitneach dhomh, ionnus gu'm bi eadhon ' righ nan uamhas' 'n a theachdair aoibhneis dhomh. ISa bitheadh m'anam air a thilgeil amach le ainneart, na cailleadh è idir a thigh- còmhnuidh buan an aghaidh a thoiie ; ach tarruing è h-ugad-fcin le cumhachd diomh- air do ghràidh, mar tharruingeas grian-theas an earr- aich crèutairean snàigeach amach à cuiltibh fuar, dorch a' gheamhraidh : coinnich è air leth na slighe, agus tàlaidh h-ugad-fèin è, mar tharruingeas a1 chlach- iu.il an t-iarunn, agus mar tharruingeas an lasair mhòr 368 Còmhradh Diadhaidh an lasair bheag ! Sgiot, matà, na neòil sin a ta nis a folach do ghràidh nam ; no tog air falbh na ' lannan' nach leig le mo stmil do ghnùis 'fhaicinn ; oir cha n-ur- rainn ni sam-bith eile, ach na gathan soluis a thig o do ghnùis fèm, agus roimh-bhlas air do shlàint mhòir, a thoirt air m'anam a ràdh le firihn, ' Anis leig do d'sheirbhiseach siubhal 'an sith.' " Ach, a Thighearna, cha leòr idir do thròcairean cnmanta an so. Is obair mhòr ì so, agus an lorg sin fèumaidh ì cuideachadh mòr 'f haotuinn. 0 tionndaidh gach eagal dhiubh sin gu mìann làidir, agus eagal basachadh gu làn mhiann an dèigh ort-fèin ! Fhad 's a bhitheas mi air falbh uait, bitheadh m'anam ag osnaich cho dian, 's a bhitheas mo chorp ann an easlaint ! Ma tha tuilleadh ùine agam ri chaitheamh air thalamh, ceadaich dhomh a bhi beò annad-fèin, mar aon amach às an t-saoghal, mar bha mi air uairibh beò is d'eas- bhuidh anns an t-saoghal ! Fhad 's a bhitheas smuain agam gu smuain eachadh, na di-chuimhnicheam thusa ; no teangaidh a ghluaiseas, labhradh ì ort-sa le taitneas, no deò-anail a shèideas, plosgadh ì an deigh ort-sa ; no gliiin a lùbas, lùbadh ì gach là dhuit-sa ; agus an uair a ghlaisear mi air leabaidh na h-easlainte, ' ni thusa mo leabaidh dhomh, cùnntaidh tu àireamh mo phlantan, agus cuiridh tu mo dheòir ami do shearraig fèin.' " Mliìannaich m'f heòil nithe a bha fuathach, gràin- eil le m'anam, ach anis miannaicheadh m'anam an la sin is fuathach le m'fheòil. Bitheadh aoibhneas air m'anam a' feitheamh gu falbh, na's mò na bròn mo chàirdean, 'nuair a thig uair an dealachaidh I An sin ' faigheam-sa bàs an f hirein, agus bitheadh mo chrioch dheireannach cosmhuil r'a chrich-san,' eadhon mo thog- ail a dh-ionnsuidh na glòire sin air nach tig crioch gu bràth 1 An sin giulaineadh cuideachd ainglean m'anam gu spioradaibh nam firean foirfichte agus leanam mo chàirdean a thuair bàs romham ' ann an Criosd,' agus an uair a bhitheas mo chàirdean, a dh-fhàgas mi a'm' dheigh, brònach agus a' guil os-ceànn m'uaighe. gabhadh mo spiorad tàmh ann am fois maille riuts', a Thighearna! agus an uair a bhitheas mo chorp a' grodadh anns an dorch, bitheadh m' anam ann an ' oighreachd nan naomh a1 Mheorachaidh Nèamhaidh. 3G9 's an t-solus !' 0 Thus a ta nis ag àireamh fhuiltein mo chìnn, gabli àireamh nan uile làithean a laidheas mo chorp anus an duslach ; agns Thus' a 'sgrìobhas sios mo bhuill ann do leabhar,' cum cùnntas air mo chnàmh- an sgiotach ! "0 mo Shlànuigheir, greas air là do theachd arist : cuir amach d'ainglean, agus seideadh. an trompaid uamhasach, aoibhneach sin ! Na cuir dàil ann do theachd, air eagal gu'n càill na daoine beò an dòchas : na cuir dàil, air eagal gu'm fàs an talamh mar ifiinn, agus gu'm brisear d'eaglais gu duslach le roinnibh truagh : na cuir dàil, air eagal gu'm faigh do naimhdean fàth an aghaidh do thrèud, agus air eagal gu'm buadh- aich uabhar, cealgaireachd, feòlmhorachd agus mi- chreidimh an aghaidh d'iarmaid bhig, agus gu'n roinn iad d'oighreachd uile 'n am measg fèin, agus an uair a thig thusa, nach f haigh thu creidimh air an taiamh ; na cuir dail, air eagal gu'n dean an uaigh uaill às a buaidh, agus air dhì ceannairc ionnsuchadh o làimh a h-aoidh, gu'n diìilt ì do chuid dhligheach fein a thabh- airt suas dhuit ! 0 greas air là mòr sin na h-aiseirigh, 'nuair a bheir Thu-fèin àithn a dhol amach, agus nach fhaighear aon air-bith a' diùltadh d'òrduigh ! 'nuair a ' bheir an fhairge agus an talamh suas am priosanaich, agus a dhùisgeas na h-uile a ta 'n an cadal anns an uaigh, agus a dh-eireas na maiibh ann an Criosd air ttis ;' 'nuair a thig an siol, a chuirear anis truaillidh, amach neothruaillidh ! 'nuair a bheir na h-naighean, anns nach robh ach grodadh 'us duslach, suas rèultan 'us grìana glòrmhor ! Is dàna dhòmh-sa matà, mo chairbh a shineadh sios anns an duslach 'g a h-earbsa, cha n-ann ris an uaigh, ach riuts', a Thighearna ; agus uime sin gabhaidh m't heòil fois ann an dòchas, gus an tog thus' l suas a mhealtuinn na foise siorruidh. Pill, O Thighearna, cia fhad? 0 thigeadh do rìogh:ìchd! Tha do bhean-nuadh-phòsda chìanail ag ràdh, Thig 1 oir tha do spiorad fèin 's an thaobh-stigh dhì ag ràdh, Thig ; agus 'g a teagasg mar so gu urnuigh a dhean- amh ' le osnaibh do-labhairt !' Seadh, tha 'n cruthach- adh. uile ag ràdh, Thig ; ' a' feitheamh gu bhi air a shaoradh o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorsa 370 An Corrih-dhùnadh. ghlòrmhoir cloinne Dhè.' Thubhairt Thu-fèin, 'Gu deimhin a ta mi a' teachd 'an aithghearr. Amen. Seadh, thig, a Thighearn' Iosa!' " AN COMH-DHUNADH. Mar sin, a lèughadair, thug mise dhuit rao chomhairle — a' chomhairle 'b'fheàrr a bha agam — a chum do threòrachadh gu caithe-beatha nèamnaidh a dhlù-lean- tuinn. Mur urrainn tliu meòrachadh mar sid, gu dòigheil, làn air aon àm, dean è mar is urrainn thu ; ach bi cìnnteach gu'n dean thu è gu stòlda, dùrachdach, bidheanta. Fàs eòlach air an obair nèamhaidh so, agus, arèir do thomhas eòlais air an obair so, bithidh d'eòlas air Dia. Bithidh do ghairdeachas spioradail, comasach, maireannach, ma's è Dia cuspair do ghàird- eachais, no ma's beannaichte cuspair do ghairdeachas, bi cinnteach gur beannaichte fòs do ghàirdeachas ; agus bithidh solas agad rè do bheatha, agus air uair do bhàis 'nnair nach bi agad saoibhreas, no slàint, no taitneas air-bith 's an t-saoghal so, no cuideachadh air- bith o charaid, o mhinistear, no bho leabhar ; seadh, an uair a bhitheas na h-uile nithe air an àicheadh dhuit, no air an gearradh uait, faodaidh tu solas làidir, làn, cinnteach a bhi agad. Bithidh do ghràsan cumhachd- ach, beothail, buadhach ; agus is neart dhuit gach aon là an t-aoibhneas a tharruingear o nèamh le meòrach- adh. Bithidh tu mar neach a' seasamh air mullach beinne 'taglè àrd, agus a' sealltuinn sios air an t-saoghal, mar gu'm bitheadh è uile fodha ; chithear leis achaidh- ean 'us coilltean 'us bailtean mora amhain mar chaim- einibh. Is suavach leat na h-uile nithe thneil a chithear shios an so. Cha mhò leat na prionnsachan a's kirde staid na fionnain-fheòir. Chi thu an saoghal cabhagach- buaireasach, conasach, sanntach, cho beag. suarach ri tbrr sheangan. Cha n-eagal leat maoidheadh dhaoine ; cha bhi thu air do mhealladh, no air do bhuaireadh le onoir an t-saoghail ; cha bhi cumhachd cronail, no neart aig mealltaireachd a' pheacaidh thairis ort ; agus chabbi àmhghar anis cho goirt duit, oir chàill àmhghar 'us bròn an gath de do thaobh-sa. Is i'nn anis a chi 's An Corah- dliùnadh. 371 a dh-aithnicheas tu gach tròcair na's feàrr na rinn thu riamh. Is arm anis a ' chi 's a bhlaiseas tu gur maith 's gur milis Dia.' Is ann anis a chi thu fo làimh Dhè, co dhiubh a tha no nach 'eil thu gu glic a' ròghnachadh na beatha beannaichte so, agus co dhiubh a bhitheas, no nach bi mo shaothair-sa air do shon, tarbhach no càillte dhuit. Ma bhitheas ì càillte tre do leisg-sa, is tus'.a chailleas, agus a's mò gu mor do chall-sa na mo chàll-sa anns a' chnis so. 0 dhuine ! cò air is còir dhuit smuaineachadh ach air Dia agus nèamh ? Nach 'eil thu cheana gu ire bhig amach às an t-saoghal so. Nach f haic thu gach la anam an so 's an sid air a ghairm amach £s a' chorp, le aon ghalar no le galar eile, agus nach fhaod do ghairm-sa 'bhi nis faisg ort? Nach 'eil an uaigh 's a beul fosgailt' a' feitheamh gu do shlugadh sios ? Nach dean durragan bre'un na h-ùire cuilm dhoibh-fèin air do cheànn 's air do chridhe ? Ma bhuaileas do chuisle beagan uairean fathast, ma tharruingeas tu d'anail beagan ùine na's fhaide mu'n tarruing thu an deò mu-dheireadh; ma gheibh thu beagan cadail fathast ann an tir nam beò, mu'n caidil thu anns an duslach ! Och, nach goirid an dail sin an uair a thèid ì seachad ! Nach beag nach 'eil do mhionaidean seachad cheana ! Nach goirid gus am faic thu do ghloine air ruith amach, — do mhionaid dheireannach air ruith, — agus gus an abair thu riut-fein, " Och dh'f halbh mo bheatha ! Dh'f halbh mo là ! Cha till è tuilleadh I Cha n-'eil romham anis ach nèamh no ifrinn !" Càit, matà, an tigeadh do d' chridhe 'bhith anis, ach air nèamh. Na'm b'aithne dhuit cia uamhas- ach an ni teagamh a bhi aig neach mu nèamh aig uair a bhàis, dhùisgeadh sin suas thu. Agus ciod eile ach clubh theagamh a gheibhear aig an duine sin nach do smuainich riamh roimhe gu cùramach, cinnteach, trie mu nèamh ? Faodaidh cuid a ràdh, " Cha n-f hìach dhuinn ùin 'us dragh cho mòr a ghabhail ri smuaineachadh air mend an aoibhneis a ta shuas, a chum sinn-fèin a dheanamh cinnteach às, tha fios againn gu'm bheil è mòr, agus faodaidh sinn 'fhaotuinn cho maith ri feadhain eile." Ach tha na daoine sin, a their sin, a' diùltadh ùmhlachd 372 An Comh-dliUnadk. a thabbairt do àithn shoilleir Dhè*, a ta nis ag ràdh bitheadh " bhur caithe-beatha air nèamh," agus " suidh- ichibh bhur n-aigne air na nithibh a ta shuas ;" agus tha iad a' deanamh am beatha fdin truagh le bin 'diùltadh nan taitneas a dh'òrduich Dia dhoibh. Ach bu bheag sin mur bitheadh tuilleadh uilc 'n a lorg : ach faic gach cron 'us aimhleas lionmhor, trom eile a thig le dearmad air taitneasaibh a' mheòrachaidh nèamha:dh ! Fuaraich- idh, no bàthaidh an dearmad so gràdh Dhè ann an anam an duine, bheir è air nach gabh è taitneas ann an smuaineachadh. no ann an labhairt mu Dhia, no ann an deanamh seirbhis dhà ; àraichidh è droch bheachd mu shlighibh agus mu òrduighean Dè ; ginidh è cridhe feòlmhor, sòghmhor, a' lagail an duine gun neart, gun solas fo chumhachd gach àmhghair 'us buairidh, 'g a ullachadh gu tuiteam air falbh gu lèir gu cèum dorch na h-ain-diadhachd, agus fòs 'g a lionadh le uamhas am bàs a choinneachadh, agus le mi-thoil dealachadh ris an t-saoghal so. Oir cò a rachadh gu IJia, no gu kit anns nach 'eil tlachd aige ? Cò 'dh-fhàgadh taitneas na beatha so gu toileach mur bitheadh taitneas na's feàrr aige ann an àit air-bith eile ? Na'm b'è mulad, eagal 'us bròn na ceuman a bha air an cur romhad an so, bu rèusanach dhuit an diultadh. Ach fèumaidh tu taitneas nèamhiidh 'fhaotuinn, no 'bhi gun taitneas maireannach idir. Is àill le Dia thus' a bhi 'gluasad gach là maille ris-fèin, agus thu 'bhi gun sgur ag òl sòlais às an tobar shiorruidh ; ach mur kill leat-sa, fuilig do chall ; agus an uair a clrì thu am bks a' bual- adh ort, iarr solas, ma gheibhear è bho ni sam bith eile ; agus faic an seas do shòlas feòlmhor dhuit air an là bhrònich sin. An sin cuimhnichidh do choguis, ge b'oil leat, gu'n deachaidh do chomhairleachadh gu trie gu solas fìor òirdheirc ìarraidh, — solas a neartaicheadh tu gu làn air nan- do bhàis, agus a mhaireadh dhuit tre àlaihh na bith-bhuantachd. Sibhse nis aig am bheil bhur cridheachan air an togail suas de na nithibh a ta bhos an so, is è mo dhò- chas gu'n cuir sibh mòr mheas air a' bheatha nèamhaidh so, agus gu'n coisich sibh, aon uairair gach là, 'dh-ionn- suidh na h-Ierusaleim Nuaidh. Is è Dia bhur gràdh An Comh-dhùnadh. 373 agus bhur mìann ; bu bhuidhe leibh tuilleadh eòlais a bhi agaibh air bhur Slànuighear. Tha iios agam gur duilich leibh nach 'eil bhur cridheachan na's fhaisg' air; tha rios agam gur duilich leibh nach 'eil bhur gràdh dhà na's blàithe, agus bhur tlachd ànn na's mò. Hò 1 matà, cleachdaibh beatha mhilis a' mheòrachaidh so air bhur fois nèamhaidh. So anis a' bhèinn air am faod aire thpnn-luaisgte bhur n-anamanan fois a ghabhail. Faiceadh an saoghal o bhur caithe-beatha nèamhaidh gii'm bheil rud-eigin na's mò na barailean 'us deasboir- eachd, no labhairt mu dhleasanasaibh an leth-muigh, ann bhur creidimh-se. Ma chithear an Crioscluidh gu bràth 'n a choltas ceart fèin, a' gluasad areir nam firinnean a tha è 'creidsinn 's ag aideachadh, is aim an uair a gheibhear è gu beothail, dìchiollach, durachdach ri dleasanas a' mheòrachaidh nèamhaidh. Mar chaidh Maois suas, mu'n d'f huair è bàs, gu sliabh Nèbo, a ghabhail seallaidh air tìr Chanàain ; mar sin thèid an Criosduidh suas gu sliabh a' mheòrachaidh, agus tre chreidimh, gabhaidh è sealladh air 't'hois. Beachdaichidh è air na h-àitibh-còmhnuidh glòrmhor, ag ràdh, ',' Innsear gu maith nithe glòrmhor ort-sa, a chaithir Dhè." Cluinnidh è, mar gu'm b'eadh, ceòl bìnn an luchd-ciùil nèamhaidh, agus their è, " Is sona an sluagh a tha 's an staid so : is sona an sluagh d'an Dia an Tighearnl" Amhaircidh è air an luchd-còmh- nuidh ghlòraichte, a ta shuas, agus their è, " Is sona thu, 0 Israeil : cò 'tha cosmhuil riut, 0 shluagh a shaoradh leis an Tighearn, sgiath do chòmhnaidh, agus neach a's è claidheamh do mhòrachd 1" 'Nuair a dh-amhairceas è air an Tighearn fèin, glòir an t-sluaigh naoimh, cromaidh è sìos, maille ri each, a dheanamh aoraidh dhà-san a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus their è, " Is naomh, naomh, naomh an Tighearn Dia Uile-chumhachdach, a bha, agus a ta, agus a ta ri teachd 1 Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd 'fhaotuinn!" 'Nuair a dh-amh- airceas è air an t-Slànuighear ghlòraichte, ■ cuiridh è Amen ris an òran nuadh sin, ag ràdh, " Moladh, agus uvram, agus glòir, agus cumhachd gu'n robh dbk-san a ta 'n a shuidhe air an righ-chaithir, agus do'n Uan jju ii 374 An Comh-dhùnadh. saoghal nan saoghal : do bhrìgh gu'n do mharbhadh thu, agus gu'n do shaor thu sinne do Dhia le d'fhuil fèin, às gach uile threlbh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach ; agus gu'n d'rinn thu rìghrean dhinn agus sagairt do ar Dia 1" 'Nuair a sheallas è air ais air fàsach an t-saoghail so, moladh è na naoimh dhileas, chreideach, fhoighidneach air an trie a rinneadh diraeas ; gabhaidh è truas ri sluagh aineolach, gòrach, reasgach, truagh an t-saoghail ; agus their è uirae-fein, mar thuirt Peadar, " Is rnaith a bhi an so ;" no mar thuirt Asaph, " Is maith dhomh-sa teachd dlùth do Dhia ; oir feuch, sgriosar iadsan a thèid fad uait." Mar dh'fhosgail Daniel, ann an tir a bhraighdeanais, uinneag a sheòmair gach là ri Ierusalem, geda b'fhada uaith am baile mbr sin, 'nuair a chaidh è 'dheanamh ùrnuigh ri Dia, " tri uairean anns an là," mar sin faodaidh anam a' chreidmhich a ta nis ann am priosan na feòla, amharc ris an " Ierusalem a ta shuas." Agus mar bha Pòl maille ris na Colosianaich, faodaidh an creidmheach a bhi maille ris na spioradaibh glòraichte, ' Geda tha è uatha 's an f heòil, gidheadh maille riutha 's an spiorad, a' deanamh gàirdeachais agus a' faicinn an òrduigh nèamhaidh.' Agus mar sheinneas an uiseag gu milis, ceòlmhor, bìnn, 'nuair a's àird' a &h-èireas ì suas anns an spèur, agus a thig grad thosd oirre, cho luath 's a laidheas ì sios air an talamh ; mar sin bithidh fonn an anama taitneach, nèamhaidh, fhad 's a chumas è a sliuil air Dia le meòrachadh. Mo chreach! is ro ghoirid a dh-fhanas sinn shuas, ach a' laidhe sìos arìst, 's a' di- chuimhneachadh a' chiuil ! Ach, " 0 thusa, a Dhia na tròcair agus Athair nan Spiorad, is tu-fèin tobar a' ghràidh agus tha cuan sòlais annad, tarruing suas h-ugad-fèin na cridheachan trom, cadalach sin, agus cum fo do làimh fèin ìad, gus an deanar glan, spioradail iad. Soirbhich gu pailt le oidhirp lag do sheirbhisich. Treòraich iadsan, a lèughas teagasg an leabhair so, gu tlachd a ghabhail ann an cleachdadh a' mheòrachaidh ncamhaidh, an obair a's fearr de gach obair I Hò ! na leig do anam do sheir- bhisich a bhi aineolach air an aoibhneas mhòr a tha è 'mìneachadhdo mhuinntireile,aoh cum mi, gachlà'bhith- An Comh-dhùnadh. 375 eas mi air thalamh, a' sìor iarraidh h-ugad-fein, a' sior- cbreidsinn annad, agus a' sior-ghluasad maille riut ann an gràdh ! Agus an uair a thig thu, faightear mis' a' deanamh mar sin ; cha n-ànn a' rìarachadh na feòla, no ri cadal le mo lòchran neo-dheasaichte, ach a' feitheamh le beò mliiann ri teachd mo Thighearna ! Thoir orra- san, a leughas briathran nèamhaidh an leabhair so, an gabhail, cha n-ann mar thoradh mo smuaineachaidh-sa. ach mar phlosgartaich mo bheò dhòchais agus mo ghràidh, ionnus, na'n robh mo chridhe fosgailte fo'n sùilibh, gu'm faiceadh iad an sin gach focal a labhair mi, air a làn-sgrìobha&h, air clàr mo cridhe le gath- soluis o ghrmis Chriosd ; gun diomhanas, gun ana-miann, gun àrdan ànn, 'nuair a sheargas focail ua beatha so. Agus mar sin nach èirich an teagasg so mar fhianuis a'm' aghaidh, ach a' teachd o chridhe an sgrìobhadair, gu'm bi è, le do ghràs, air a dheanamh èifeachdach do chridhe an leughadair, agus mar sin air a dheanamh 'n a shlànuighear beatha dhuinn le 'chèile I" Amen. GlOIR DO DHIA ANNS NA H-ARDAIBH, AGUS AIR THALAMH SITH, DEADH-GHEAN DO DHAOINIBH. A' CHRIOCE. LIST OF GAELIC BOOKS PUBLISHED AND SOLD BY MACLACHLAN & STEWART, 64 South Bridge, EDINBURGH. A liberal discount allowed on orders for exportation or for private distribution. Alleine's Alarm, 18mo, cloth, Alleine's Saint's Pocket-Book, cloth, An Lochran : Dialogues regarding the Church, 12mo, ... Andrew Dunn, an Irish Catholic, 12mo, sewed, Assurance of Salvation, 18mo, sewed, Baxter's Call to the Unconverted, 18mo, cloth, Baxter's Saint's Everlasting Rest, cloth, Beith's Catechism on Baptism, 18mo, sewed, Bible in Gaelic, 8vo, strongly bound in calf, . . . Do. 4to edition of 1816, calf, Bible Stories, with 24 Wood-Cuts, Blair's Elegy on Mr Kennedy of Redcastle, sewed, Boston's Fourfold State, 12mo, cloth, s. d. 1 6 1 0 0 6 0 3 0 6 1 6 3 6 0 3 7 6 36 0 0 4 0 4 4 0 64 South Bridge, Edinburgh. Gaelic Books Sold by Maclachlan & Stewart. SI s. & 1 6 1 6 0 3 2 0 0 3 0 6 2 0 1 6 2 0 2 6 1 0 2 0 1 0 2 6 1 6 Boston's Crook in the Lot, Brooks' Apples of Gold, 18mo, cloth, Bonar's Christ is All, 18mo, sewed, Buchannan (Dugald) of Bannoch's Life and Conversion, with his Hymns, cloth, ... Hymns, separately, sewed, .... ... Do. translated by a Missionary, sewed, Bunyan's Come and Welcome, cloth, ... World to Come, or Visions from Hell, cloth, . . . Grace Abounding, cloth, ... Pilgrim's Progress (three parts), cloth, ... Water of Life, cloth, ... Sighs from Hell, cloth, ... Heavenly Footman, 18mo, cloth, ... Holy War, 18mo, cloth, ... Burder's Village Sermons, 18mo, cloth, Campbell's (J. F.) Popular Tales of the West Highlands, plates, 4 vols. . 32 0 Campbell (Donald) on the Language, Poetry, and Music of the Highland Clans, royal 8vo, cloth, with Music, ... Caraid a' Pheacaich : The Sinner's Friend, sewed, „., Catechism, Shorter, Id. Gaelic and English, Mother's, Id. Gaelic and English, Shorter, with Proofs, Brown's Shorter, for Young Children, Confession of Faith, fcap. 8vo, cloth, Doddridge's Bise and Progress, 12mo, cloth, Dyer's Christ's Famous Titles, cloth, Earles Sacramental Exercises, 18mo, cloth, ... Edwards' (Rev. Jonathan) Sermon, sewed, ... English Poems, with Gaelic Translations, ar- ranged on opposite pages, 12mo, sewed, Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth, ... 7 6 0 3 0 2 0 2 0 It 0 1 2 6 3 0 2 6 1 6 0 2 1 6 1 0 G4 South Bridge. Edinburgh. Gaelic Boohs Sold by Maclachlan & Stewart. s. d. Fletcher's New Birth, and Cobbin's Call, 18mo, 0 3 Forbes' Gaelic and English Grammar, 12 mo, 4 0 Baptism and the Lord's Supper, ... 0 4 Gaelic Tracts, 58 different kinds, sorted, for ... 2 6 Do. bound in 2 vols., cloth, each ... 2 0 Gaelic Dictionary, by the Highland Society, 2 vols., 4to, cloth, £12, 12s. for 70 0 Grant's (Rev. D.) Duty of Children to Love and Seek Christ, 18mo, cloth, ... 1 6 Grant's (Rev. Peter) Hymns, 18mo, cloth, ... 1 6 Guthrie's The Christian's Saving Interest, cloth, 2 0 History of Animals named in the Bible, ... 0 9 History of Joseph, sewed, 0 4 Innes's Instruction to Young Enquirers, 18mo, 0 6 James' Anxious Inquirer, 12mo, 1 0 Long Geal : The White Ship ; a Spiritual Poem, 12mo, 0 4 M 'Alpine's Gaelic and English Dictionary, 12mo, cloth, 9 0 English and Gaelic, separately, 5 0 Gaelic and English, separately, 5 0 Gaelic Grammar, 12mo, cloth, 1 6 M'Callum's History of the Church of Christ, 8vo, ... ... ... 4 0 The Catholic or Universal Church, 0 6 Poems and Songs, 12mo, sewed, 0 6 M'Farlane's Manual of Devotion, 12mo, cloth, 3s. 6d., for ... 2 0 Life of Joseph, 18mo, cloth, ... 1 6' M'Intyre's Poems and Songs, -18mo, cloth, ... 2 0 M'Leod and Dewar's Gaelic Dictionary, 8vo, cl. 10 6 M'Lauchlan's (Rev. Thos.) Celtic Gleanings, or Notices of the History and Literature of the Scottish Gael, fcap. 8vo, cloth, ... 2 6 M'Gregor's (Rev. Dr) Hymns, 18mo, cloth, ... 0 8 Macdonald's (Dr) Gaelic Poems, 18mo, cloth, 2 6 64 South Bridge, Edinburgh. Gaelic Books Sold by Maclachlan & Stewart. Macdonald's Hymns, I8mo, sewed, ..." ... Mackenzie's (John) Gaelic Melodist, 32mo, ... Macleod's (Dr Norman) Sermon, Spiritual War- fare, 18mo, MacEachen's Gaelic Vocabulary, 32mo, sheep, Matheson's Gaelic Psalmody, cloth, Muir's (Dr) Sabbath Lessons, by Forbes, sewed, Munro's Treòiriche, or First Book for Schools, Gaelic Grammar, 18mo, bound, Gaelic Primer, and Vocabulary, 12rao, Peden's Two Sermons and Letters, 18mo, sewed, Prayers and Admonitions (series of six, large type) in packets of 2 dozen, sorted, Psalm Book, ] 8mo, bound, Do. Gaelic and English, Sixteen Short Sermons, 12mo, sewed, ... Sum of Saving Knowledge, 1 2mo, sewed, The Doctrine and Manner of the Church of Borne, The Dairyman's Daughter, 12mo, sewed, Thomson's (Dr) Sacramental Catechism, 18mo s. d. 0 2 0 4 0 2 4 0 1 0 0 4è 0 6 4 0 2 0 0 6 0 6 1 0 1 6 0 2 0 4 Tosd ! biSamhach: Peace! be still. ByBev J. C. Kyle, Watts' Divine Songs, with Cuts, Whitfield's Sermons, 18mo, sewed, Willison's Sacramental Catechism, 12mo, sewed, BIBLES, TESTAMENTS, AND PSALM BOOKS VARIOUS BINDINGS AND SIZES. 0 3 0 4 0 4 0 4 0 2 1 0 0 8 G4 South Bridge, Edinburgh.